Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Ailig Mac a' Phì (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:04: Ailig, mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh aig ur dachaigh fhèin is, is latha brèagha.

A[ilig] M[ac aPhì] ―00:11: O, ’s e do bheatha.

EC―00:12: Am burrainn dhut tòiseachadh le dìreach rud beag innse dhuinn mur deidhinn fhèin is ur teaghlach, ciamar a tha iad gur sloinneadh agus rud sam bith eile?

AM―00:23: Uilltha thu aminigeadh dìreach aon a bha mi òg?

EC―00:29: Seadh dìreach, aidh, , ... an teaghlach agus ’, an do thogadh sibh?

AM―00:35: Uill, thogadh mise….’s eSunndachana chanadh iad le mathair.

EC―00:40: Sin mar gum biodhagusagus ciamar a fhuair e an t-ainm a tha sinSunndachan’? An e, an e duine gu math sona a bhann, no?

AM―00:46: ? Bha iad ag ràdhchan eil fhios ams euills eMac Shunndachaina bhann, ’s e mo sheanair air an robhSunndachan’, achs eSunndachana bhacair mathair cuideachd. Chan eil fhios am fhuairgun robh e toilichte air dòigh air choireigineach.

EC―00:59: Gun robh e sunndach na dhòigh isagus innse dhomh beagan mun an teaghlach, cia...cia mheud a bha as an teaghlach?

AM―01:01: Bha naoinear againn as an teaghlach, bha iadaguss ann à Lìonacleit a bha iad an toiseach, thàinig iad an uair sin a Bhaile nan Cailleach nuair a chaidhnuair a chaidh Baileàs dèidhs aChiad Chogaidh, chaidh Baile nan Cailleach a splitteadh suas na h-ochd cruitean is fhuair mathair aca, ex-army agus fhuairbha a h-ochdar ann, bha Wilson is MacLean is MacPhee is MacDonaldRed Tiea chanadh iad leis, is MacCormick is Johnstone is MacRury agus MacAulay, sin agad an t-ochdar, agus Ruairidh Dòmhnall Sheòrais.

EC―01:56: Agus mus robh cruitean ann am Baile nan Cailleach bhann, an robh, an robh baile fearainn ann no…?

AM―02:02: Uill, ’eil fhios agad, ’s e, ’s e àite mòr a bhann an toiseach, bha e aig a, aig aChollach mu dheireadhs ann aige a bha e, agus bha e adèanamh càise, aguss e fear de na h-àiteachans eDairya thair, sin far an robh iad adèanamh na càis’, agus bha na beothaichean shuas ann an sheothach as abhàthaich, beothaichean agus bha a h-ochd eich aca, ’s e siud tac mòr a bhann eadar a h-uile rud a bhann. Bha pìos mòr aca taobhearrann a-muigh an siud, man a tuirt iadbha iad a-muigh ann an Roisinis no faisg air Roisinis co-dhiù tha àite an sin ac’, ’s ann air cur a-mach na beothaichean as t-samhradh, ’eil fhios agad, cha robh feansaichean an uair sin adol is cha ruigear a-machis dhfheumadh iad a dhol a-mach gam bleoghann a-muigh an sin, ’s e obair sgrathail a bhann.

EC―03:08: A bheil cuimhnagaibh, agaibh fhèin air…?

AM―03:10: Och, chan eil, chan eil, fhiosad, ’s ann am Baile nan Cailleach a rugadh mis’.

EC―03:18: Ceart, so, so bha e ron aChiad Chogadh nuair a bha, bha An Collach ann, ann a sheo?

AM―03:21: Bha.

EC―03:23: O, tha mi atuigsinn. Agus tha mi, tha mi cinnteach gum biodh tòrr ag obair aige, am biodh, am biodh…?

AM―03:26: O, bha ghràidh, bha achrìostachd ag obair aige achs ann aig Clannic Ailein a bha e an toiseach. ’Eil fhios agad, MacDonalds of Clanranald a chanadh iad leotha, ’s ann aca a bha na tacaichean air feadh Uibhist is tuath, an taobh tuath.

EC―03:42: Is cuin a dhfhàg iadsan Baile nan Cailleach, an robh, an robh…?

AM―03:48: Tha mi asmaointinn am baile againne 1776 san àm a bha sineach, ’s e is cinntiche cuin a tha baile againn air, Ranald MacDonald of Clanranald 1776, tha coltach gur h-e sin an t-àm a bhàsaich e, fear a bha ann am Baile nan Cailleach.

EC―04:08: So co-dhiù, fhuair sibhfhuair, fhuair an teaghlach cruit ann am, ann am Baile nan Cailleach.

AM―04:13: Fhuair, tha, thàinigbha Eairdsidh is Mòrag, Eachann is Dòmhnall, uill iss ann am Baile, Baile nan Cailleach a rugadh Ciorstag mo phiuthar is mi fhìn is Màiri is Calum Eòsaph, is fear air an robh Ronnie gun e a bòige den teaghlach againn, bhàsaich am fear sin òg, òg. Ach bha leth-bhràthair againn cuideachd, Calum a bhair. Sin am fear bu shine den teaghlach uileadh, bha mathair pòsta thriop. Ach bhàsaich a mhàthair nuair a rugadh e. Thogadh an Cillèarabhagh e gun tàinig e gu aois, thàinig e an uair sin còmhla rinneo ghràidh bha e làidir Calum, duine mòr sgoinneil agus bha e math air an raidhfil. Bha, a ghràidhein, ’s e crackshot eagalach a bhann, fhuair e na Cross Guns as an arm siud.

EC―05:11: Agus nist an robh, an robh ur bràithrean as achogadh? Bha sibhse, bha sibhse rud, rud beag òg an robh son, son a bhith as achogadh na...ach bha ur bràithrean

AM―05:19: Bha, bha Eairdsidh is Dòmhnall, bha Eairdsidhs e Wireless Operator a bhann agus bha Dòmhnall, bha e sna Paratroopers. Agus uill, cha robh Eachann, cha robh Eachann, cha robh e fut airson an rud, ghoirtich e a chas òg agus cha do phass e am medical idir airson an airm no bhiodh e fhèin air a bhith ann, on a bha mise ro òg. Ach bha mi, thàinig aois an uair sin airsoneil fhios agad National Service ach bha mathair, is gun sian a dhfhios agamsair, bha e air exemption fhaighinn dhomh. Cha robh sian a dhfhios am, is thuirt mo mhàthair leis an latha a bha seothabidh Ailig afalbh gu medical uair sam bith tuilleadh’…‘O fhuair mise exemption dhais mar sin, cha do dhfhaighnich e an robh mi ga iarraidh no sian!

EC―06:06: An robh sibh diombach mu dheidhinn sineach?

AM―06:08: Bha, bha mi airson falbh. ’Eil fhios agad, cha robh mi eagalach toilichte idir ach burrainn dhomh a dhèanamh?

EC―06:13: Agus ciamar a fhuair e sin mar gum biodh, an e, an e…?

AM―06:15: O, air sàilleibh gun robh aon duine air fhàgail airson coimhead às dèidh na cruite, rudeigin den t-seòrsa isach co-dhiù sin mar nach robh misenach robh mi idir san arm. An uair sin, bha miair achruit bha aon deich mart againn is each, cha bu thoil leam na h-eich, cha robh mi eagalach keen air na h-eich.

EC―06:43: Agus am biodh daoine ag obair le h-eich aig an àm sin, bha a h-uileatreabhadh le eich?

AM―06:45: Bha, atreabhadh seadh bhiodh. Bhiodh Dòmhnall mo bhràthair nuair a thogadh an arbhairs e bhiodh atreabhadh leotha.

EC―06:52: Dìreach adol air ais rud beag a thaobh sgoileadh agus sin, càite an deach sibh dhan sgoil?

AM―06:68: Baile aMhanaich a bha mise an toiseach, ach cha robh sinn fadinnte, theann an cogadh agus dhùnadh sgoil Bhaile aMhanaich, bha sinn an uair sin bliadhna gun a dhol idir innte.

EC―07:08: Cha robh sgoil sam bith ann?

AM―07:09: Bha an LìonaCnoc na Mònadh. Ach bha e ro fhada dhuinn is tòrr coiseachd is sin, bha iad garchuireadh lorry le Ruairidh Iain an uair sin air an rud agus tha cuimhn’ ’am bha canabhas mar seo seòrsa de fasgadh is bhabhitheamaid asreap suas air àradh fiodh na broinn. Cha do mhair i sin ach trì mìosan. Bhitheamaid an uair sin

EC―07:37: ’S e bus na sgoileadh agaibh mar gum biodh?

AM―07:38: Bha sinn treis eile, fhuair an uair sin bus Aonghais Beag Aonghais Chailein à Deas, Aisgearnais. ’S e esan a bhais bha a nighean aige na tidsear, Valerie MacKinnon. O, bha i math.

EC―07:54: Chuala mi mu deidhinn. Agus an robh, an robh ise ag obair ann am Beinn na Faoghla, Valerie?

AM―08:00: Bha, bha i atidseadhbha i atidseadh Cnoc nam Mònadh agus bha i afuireach ann an taigh còmhla ri Sheumais, ’eil fhios agad Dòmhnall Seumas is Ciorstaidh is an set a tha sin, bha i aca sineach, bha ioh Dhia boireannach gasta. Achs e Miss Kerr a bhair achiad tidsear a bhagam. Cha robh mi fada air sàilleibh dhùin i, nuair a dhùin an sgoil dhfhalbh ise. Thàinig Valeriebha cuimhnam bha i treiseag bheag am Baile aMhanaich Valerie, bha i an uair sinchaidh a toirt a Chnoc nam Mònadh is bha i sin treis. Sin far an robh sinne adol an uair sin.

EC―08:40: Is ciamar a bha an sgoil? An robh e acòrdadh leibh, còrdadh leibh?

AM―08:44: Och bha e math gu leòr bha, dhfheumadh tucha robh an còrr agad air. Dhfheumadh tu… [unclear] … cha robh ann achoch bha e math gu leòr ach bha e neònach sioftadh sìos bho sgoil air Cnoc nam Mònadh o, ghràidh ort, Sgoil Bhaile aMhanaich is sgoil aMhonaidh chaidh iad air a chèile!

EC―09:02: chaidh…? am fear?

AM―09:04: Sgoil ann am Baile aMhanaich is sgoilbha feadhainn mhòra ann am Baile aMhanaicheil fhios agad, Mac Suain à Dùn Ghainmheachadh ach is..an set a bha sins e clann Calum Chaluim Iain, chan e ach Dòmhnall Iain Chaluim Iain is an fheadhainn sin a bhachuireadh a-mach sgoilearan Chnoc na Mònadh, chuireadh a-mach air a’…mach às aphlayground iad.

EC―09:27: Bha, bha rud beag aimhreit eadar na

AM―09:29: Bha, oh bha, ach och shettlig, shettlig e an uair sin agus bha sinn an lùib a chèile math is...

EC―09:36: Agus a bha os cionn na sgoileadh aig an àm sin? , amhaighstir-sgoile a bhagaibh?

AM―09:41: Bha fear Gallta, MacDonald a bhaige. Cha robh sinn ga fhaicinn ach corra uair. Bha e asgrìobhadh leabhar. Thigeadh e a-staigh an-dràsta is a-rithist dhan sgoil is sinn ri -mhodh as achlassroom a ghràidh. Bhauaireannans e pinn a bhagainneil fhios agad is ink is

EC―10:01: An robh sibh ag obair le ink?

AM―10:03: Bha, bha is sglèat, cuideachd bhaagus thao ghràidh ort, bha rulers agus bhiodte atoireadh nib às an rud is suas bha iad adol a-staigh dhan t-ceiling na nibs.

EC―10:16: So bha beagan -mhodh adol.

AM―10:17: Bha, thàinigthàinig iadthàinig peantairean agus chlisg iad le na bha de nibs anns an t-ceiling agus bha am maighster-sgoile atrod rinn le cho troms a bha sinn air na nibs, cha robh e, cha robh e gam faicinn idir san t-ceiling. Thighearna, thàinig na peantairean chlisg iad, thug iad ùine mhòr atoirt na nibs às an t-ceiling. Ach bha e math, bha.

EC―10:38: Agus a bharrachd air na leasain, an robh rud saman robh obair agaibh ri dhèanamh ann an gàrradh maighstir-sgoile no rud sam bith?

AM―10:45: Bha, bha sinn, mi fhìn is Iain Iainic Seònaid a chanadh iad ris bha pìos aige fhèinbha sinn aig an aon rud is bhiodhbha, bha àite aig, aig a h-uile duine dhaibh fhèin, ’eil fhios agad. Nuair a bha sinn acur buntàta, tha cuimhnagam bha…’s e Golden Wonders a bhann, is bha mise adèanamh tuill, ’eil fhios agads ebha rud againn seòrsa de phleadhag a bhann, agus thabha Iain acur abhuntàta air, ach bha e acur trì no ceithir as an aon toll, airson theagamh a dhfhàs am buntàta, a ghràidh, shaoileadh tu gur e coille a bhann leis na bhann de bhuntàta. Cha robh am maighstir-sgoile atuigsinn idir, , thachair dhan bhuntàta. Ach bha càl math againn ann is och bha currain is a h-uile seòrsa, bha.

EC―11:33: Is bheil cuimhnagaibh air làithean àraid sam bith sa bhliadhna far am biodh sibh afaighinn a-machs dòcha gu games no rudeigin, an robh rudan robh no cattle show no rudanno rudan, an robh beagan trèat air choreigin mar…?

AM―11:45: Cha robh mar a tha an-diugh. Cha robh, o cha robh. ’Eil fhios agad, bha an cogadh adol is cha robh e furasta. Bha daoinethigeadh tu dhachaigh co-dhiù bha agad ri abhàthaich a chartadh a-mach, dhfheumadh tu sin a dhèanamh co-dhiù o chionn bha an còrr air falbh. Agus bhithinn acartadh na bàthach, dol a dhiarraidh na beothaichean is dhfheumadh tu bleoghann, is bhithinn gam bleoghann mar a chaidh mi dhan sgoil cuideachd, còmhla, còmhla le mo mhàthair, agus bhiodh iad an uair sinbhiodhAn t-Àird Fhadachanadh iad leiss ann a bha iad, dhfheumadh tu a dhol a-mach gan iarraidh an sin, feasgar airson am bleoghann.

EC―12:24: So cha robh cus ùine ann airson rud sam bith mar gum biodh, a bharrachd air…?

AM―12:27: Och bha ùine gu leòr, ’eil fhios agad, ach àm fhoghair cha robh, glè bheag a bhann, ’eil fhios agad an uair uds e speal a bha adol, cha robh binders no sian den t-seòrsa sin mar a tha an-diugh ann, ’s e combines an-diugh iad isach co-dhiù, bhathar afaighinn air adhart, bha a h-uile duine air an aon dòigh, is bhathar ga dhèanamh.

EC―12:48: An robh daoine acuideachadh a chèile tòrr?

AM―12:50: O bha, bha iad eagalach math gu a chèile a chuideachadh as abhaile. Bhiodhcan, can nam bithinnsa atoiteadh an-diugh, is dòcha mo nàbaidh air an taobh eile is gun e ach aspealadh, leumadh e tarsainn am feansa a thoirt dhomh, theàrnamaid mus tigeadh an t-uisge airson an toiteadh a dhèanamh, is bha mise adèanamh an aon rud, ’eil fhios agad, dhasan. Sin mar a bhathar ag obair.

EC―13:16: Agus mu dheidhinn mòine, am biodh sibh abuain mhòine?

AM―13:18: Bha a ghràidh, bhitheamaid abuain achrìostachd de mhòine.

EC―13:21: Càil na puill a bhagaibh ann am Baile nan Cailleach?

AM―13:22: Bha iad a-muigh an Griomasaigh faisg air Port Pheadair. Bha cruit aig mathair a-muigh an sin. ’S ann le gille aig Dòmhnall Eachann, Dòmhnall, tha, tha e a-muigh an sin, taigh aige ann a shineach, fhuair e achruit a bha sin.

EC―13:41: Agus bhaige air achruit a-muigh an taobh sin, airson chan eil an talamh cho beartach a-muigh an sineach, a bheil?

AM―13:46: Chan eil, ach bha, bha cruitean ann, o bha, ’eil fhios agad, bhiodh iad ag iasgach, bàtaichean acas ebràthair seanair dhomhsas e thug achruit dha mathair, agus o bhiodh iad abuain mhòine an sin, agus bhitheamaid abuain amhòine dhan Chrìostachd, mi fhìn is RoddyRed Tie’.

EC―14:07: Bha sibh adol timcheall a bhith abuain aig daoine eile mar gum biodh.

AM―14:09: Bha daoine eile, bha, a ghràidhein. Bhuain sinn deich air fhichead aon bhliadhna de dhiarainn.

EC―14:16: Leis an treisgeir?

AM―14:17: Leis an treisgeir. Bha sinn a-mach cha mhòr a h-uile latha fad May, is April is May. Baidhseagal againn adol a-mach taobh Ruabhail is bha mise adol a Staingeabhal agus dol ade na h-àiteachan mar An Gàrradh Beag is Grìminis is buain do dhaoine eile, Lìonacleit.

EC―14:39: Agus an robh, an robh sin acòrdadh ribh no dìreach obair a bhann no…?

AM―14:43: O, bu thoil leam fhìn e. Bha thu afàs cho eòlach air mu dheireadh bha e dìreachcha robh for agad gun robh thu ga dhèanamh.

EC―14:51: ’S e obair chruaidh a thann, nach e?

AM―14:52: ?

EC―14:52: ’S e, ’s e obair chruaidh...

AM―14:53: ’S e, ’s e ach obairma tha duine math air gearradh is an uair sin ga chaitheamh a-mach chan eil strì ann, ach mura h-eil, ma gheibh thusa fàd trom is fàd aotrom tha iad gad chur far an

EC―15:07: Far an ruitheam mar gum biodh. Agus aig an àm sin, am bio...am biodh sibh agabhail bracaist sa mhadainn, bracaist mòr aig an taigh, dol a-mach an uair sin, tilleadh airson is…?

AM―15:19: Cha robh sinn atilleadh idir, bha sinn, bha sinn atoirt leinn abhiadh, bha sinn atogail teine a-muigh. Sin agad cho maths a gheibheadh tu, o bha i na mòinteach bha i sgoinneil, seadh ?

EC―15:29: Canaidh daoine sin fhathast.

AM―15:32: Canaidh, o chan iarradh tu an còrr.

EC―15:34: Tha mi asmaoineachadh gu bheil sannt agad oirre.

AM:―15:37: Aidh, o bha, a ghràidh, acras ort, a ghràidhein, ach bha thu òg an uair sin bha an t-acras ort co-dhiù. Agus bhitheamaid, bhiodhoch bhiodh, bhiodh ceathrar againn ann uaireannans dòcha sianar.

EC―15:51: Iarainn

AM―15:02: Iarainn. Mar as trice bha mi fhìn agus Roddy bhitheamaid leinn fhìn.

EC―16:00: Sin a-nis. Agus dhfhàg sibh an sgoil agus an aois a bha sibh nuair a dhfhàg sibh an sgoil?

AM―16:04: Ceithir bliadhna deug.

EC―16:06: So sin an aois

AM―16:07: Sin an aois bha thu afàgail an sgoil, nas lugha na bha thu adol dhan sgoil mhòr.

EC―16:14: Agus am biodh, ’…can gun robh, gun robh clann ag iarraidh barrachd foghlaim fhaighinn, an robh iad aca ri, ri dhol a Dhalabrog no gu tìr-mòr?

AM―16:22: Bha, dol a Dhalabrog, dhfheumadh iad a dhol gu Fort William cuideachd, a Phort Rìgh, bhiodh feadhainn dol ann às na h-eileanan.

EC―16:31: Ach dhfhàg sibh fhèin nuair a bha sibh ceithir, ceithirDhfhàg sibh fhèin aig a ceithir deug.

AM―16:36: O, cha robh mise ach ag obair air achruit.

EC―16:39: So sin asin a chuirsin a rinn sibh?

AM―16:42: ’S e. Cha robh nòisean agam a dhol a sgoil mhòr sam bith.

EC―16:50: Agus an robh sibh ag obair ann an àite sam bith a bharrachd air achruit? An do thòisich sibh air obair sam bith?

AM―16:55: Uill, nuair a bha mi sia bliadhna deug thòisich mi achiad obair a bhagam shìoss ann aig Wimpey.

EC―17:02: Agus bha iadsan adèanamh?

AM―17:05: Atogail canteens Cnoc nam Mònadh is bha iad an Gèirinis, ’eil fhios agad, bha iad thalls a-bhos.

EC―17:10: O, canteens na sgoileadh?

AM―17:12: Uh-huh, ’s iad a thog iad, is bhithinn adol ann air baidhseagal agus bha thu ag obair guochd uairean gu sia uairean feasgar agus ceithir uairean Disathairne. Bha mi fhìn is Cailean Ailig Alasdair a chante ris a-muigh air Lìonacleit. Bha sinn an aon aois, cha robh ach dìreach cola-deug eadar sinn agus bha sinn, ’s ann ag obair, ag obair còmhla ri na bricklayers a bha an sin, atarraing bhricichean, acur cement isobair mhath a bhann.

EC―17:57: Agus cho fad’ ’s a thug sineach?

AM―18:00: Bha sinn och macòig mìosan tha mi asmaointinn, an uair sin chaidh ar pàigheadh dheth.

EC―18:10: Agus an robh tòrr obair a bharrachd ann an Beinn na Faoghla is Uibhist aig an àm sin, an robh rudan eile atachairt, an robh iad atogail…?

AM―18:17: Och bha, bha smodlaich ann de dhobair achuill bha e an dèidh, ’eil fhios agad, thòisichbha an airport ann, bha gu...gu leòr ag obair aig an airport, aig aMhinaig an Air Ministry.

EC―18:32: Tòrrtòrr

AM―18:33: Bha, tòrr ag obair, bha, bha, a ghràidhein.

EC―18:36: Agus an robh tòrr dhaoine às diofar àiteachan atighinn an seo, an robh, an robh daoine às a h-uile…?

AM―18:40: Bha a h-uile seòrsa an seo nuair a bha iad atogail an airport, ud bha, a ghràidhein. Agus an uair sin thàinig an RAF, bha, bha na Flying Fortresses aca.

EC―18:53: Seo aig àm aChogaidh?

AM―18:54: Àm achogaidh. Agus bha, bha Poles bha iad ann.

EC―19:03: A bheil cuimhnagaibh fhèin air na Poles?

AM―19:05: O, , a ghràidhean, bha mi còmhla riutha, tha stòiridhean an sineach. Bha na Poles ann is bha an Australian Air Force bha iadsan ann, uill tha feadhainn aca air an tìodhlacadh shuas an seo, na h-Australians, chrash am plèana aca, bha i ag èirigh far an runway is cha robhbha eile atighinn a-mach tha e coltach na coinneimh, agus bfheudar dhi fheuchainn èirigh is fhuair i seachad oirre sin agus thuit i sa mhuir, chaidh i fodha chaidh am bàthadh, deagh chuid a bhaice.

EC―19:36: Agus an robh duine sam bith eile an seo aig an àm, an robh prìosanaich ann?

AM―19:42: Bha, Eadailtich, bha na h-Eadailtich ann.

EC―19:46: Agus saoil an saoghal a bhacasan?

AM―19:47: Agus Gearmailtich cuideachd.

EC―19:48: Gearmailtich cuideachd?

AM―19:49: Bha, bha.

EC―19:50: Agus a bheil cuimhnagaibh oirre, na Gear...Gearmailtich is na…?

AM―19:52: Tha, a ghràidh, bha iadbha Gearmailteach thòisich e… ’s e bùidsear a bhann, bha e math gu slaughters e bha. Bha mucan againne, ’s e mathair bha gan reic ris an RAF agus bhiodh esan gam marbhadh as an jetty shìos ann a sheothach. Gearmailteach, o ghràidhein bha e math air, air an obair, bha.

EC―20:14: Agus seòrsa beatha a bhaca ann an sheo, an robh iadan robh iad, an robh beagan saorsa aca son a bhith acoiseachd mun cuairt?

AM―20:18: Bha! Bha na h-Italians air achladach mar a thogradh iad. Tha cuimhnam, bha Eairdsidh thàinig e às an Nèibhidh, dhionnsaich eHow are youna rud den t-seòrsa sin, chan eWhat is your name’ ’s e bhann agus thog mise e isCome vi chiamate?’ a chanadh iad, ‘What is your name?’. Co-dhiù, bha iad seo air achladach agus thuirt mise nam ghlònaidh is mi ògCome vi chiamate?’ thàinig iad uile timcheall ormHello’, bha iad asmaoineachadh gun robhgun robh mi fluent ann an Italian, cha robh agamsach an aon fhacal a bha sin. Thionndaidh mi chun na Gàidhlig leotha an uair sin, cha robh iad atuigsinn bho Dhia bha mi ag ràdh!

EC―21:03: Seo nist. Ach tha e coltach gun robh beatha reusanta, reusanta math aca.

AM―21:06: Bha, bhauill chan fhaigheadh iad teicheadh co-dhiù far an eilein, chan iarradh iad teicheadh, bha iad cho math dheth ann a sheo, a ghràidhein, bha.

EC―21:16: Agus am biodh iad ag obair aig duine sama bharrachd air aGhearmailteach, am biodh iad ag obair aig daoine air, air na cruitean agus…?

AM―21:22: O, bhiodh feadhainn aca, bhitheadh. Muinntir an RAF fhèin, is och bha iad eagalach laghach. Ach co-dhiù bhafhuair mi eòlas air na Poles. Bha, bha mi ag obair airbha ferret agam is sinn ag obair air coineanaich. An uair sin bha an coineanach math, cha robh myxomatosis na sian ann, aguss e polecat ferret a bhann agus dhfheumainn musal a bhith agam oirre, agus bha mi ga cur a-staigh airson bha lìon agam fhios agad, is thigeadh, thigeadh coineanach a-mach is bha e adol dhan lìon is bha mi ga fhaighinn is fear eile an uair sin. Ach co-dhiù, thog mi mo cheann is bha an ceathrar a bha seo shuas gu h-àrd no còigear. Thàinig iad a-nall far an robh mi is iad afaighneachd dhomh ciamar a bha mi afaighinn na coineanaich. Cha robh iad atuigsinn bho Dhia. Agus thuirt mi leothaO fanaidh sibhse, seallaidh mi dhuibh an ceartuair’. Rinn mi fead is thàinig an fherret a-mach agussiud am beothach’. O ghràidhein, cha robh ann an uair sin ach saoil am falbhadh i còmhla riutha, leis an fherret latha air choreigin. Och thuirt mise gum falbhadh. Dhfhalbh mi Disathairne a bha seo còmhla riutha sìos cruit Iain Anndra is thàinig iad is gunnaichean a bhaca, cha robh iad ag iarraidh na lìn idir ach gunnaichean, bha iad alosgabha seòrsa revolver aig fear aca. Co-dhiù, bha iad alosgadh air na coineanaich, o bha iad amisseadh barrachd is bha iad afaighinn. Ach thàinig aon fhear dubh a-mach ach ma thàinig, a ghràidhein, theann iad ri cabadaich ann am Polish cha robh fhios aig duine bha iad abruidhinn air, agus mharbh iad am fear sin, bha iad titheach gum faigheadh iad am fear sin. Às bith carson am fear dubh, an diofar a bha e adol a dhèanamh? Chaidh mi an uair sin suas leotha chun na h-airport, och a-mach airfaisg air Sùnamul agus bhaoch cha robh, cha robh an t-àite acòrdadh leam idir, ’s e gàrraidh mhòr sgràthail a bhanneil fhios agad, tuilleadhs a chòrr de thuill, cha fhreagair sin math air an fherret ann agus o cha robh ichaidh a-staigh is cha robh i atighinn a-mach is chaill mi an fherret is co-dhiù, dhfhàs iad cho tàmailteach iad fhèin ach nach do chladhaich iad a-mach i an oidhche sin is thàinig iad thugam leatha an làrna-mhàireach!

EC―23:46: So sin agad, so àite gu math trang a bhann.

AM―23:49: ’S e, o àite cianail trang a bhann, a ghràidh, bha, bha campaichean aca aig tuath is campaichean air, air feadh Bheinn na Faoghla, bha fear san Àird, is Baile aMhanaich is Creag Ghoraidh is aig aBorve Castle shìos.

EC―24:07: So campaichean aig na saighdearan agus, agus an Air Force is

AM―24:13: Grodhaigearraidh, Loch Baghasdail, bha. Bha iad thalls a-bhos.

EC―24:19: A bheil cuimhnagaibh air rud sam bith aignuair a thàinig an cogadh gu crìoch, an robhan robh, an robh...an robh rudan mòra atachairt ann a sheo?

AM―24:26: Bha ghràidh, bha bonfire againn a-muigh ann a sheo, bha sinn fad seachdain atarraing far achladaich, fhuair sinn tocasaid-teàrra cuideachd agus chosgadh sinne i co-dhiù is thafhuair sinn an teàrr dhòirt sinn air na maidean ud, hud bha i àrd, dol suas ri àradh ga dhòirteadh sìos air an fhiodh a bha sin agus bha hutaichean anns an Àird agus bha aona hut ann is bha i làn de toilet rolls agus chan fhacas sian na bfheàrr adolbha bocsaichean mòr toilet rolls fhuair sinn iad, is bha sinn ri na streamers is acur teine leotha, is o thiarockets thàinig air achladach, bha iad sin againn.

EC―25:12: An robh tòrr stuth atighinnatighinn air tìr mar…?

AM―25:15: ?

EC―25:16: An robh tòrr rudan atighinn air tìr?

AM―25:17: Bha ghràidh a h-uile seòrsa, condensed milk, a ghràidhein ort, anns agheamhradh fhuair Dòmhnall mo bhràthair e na làmhan, fhuair e bocsa mòr bha dhusan ann dìreach anns aChulaidh shìos, fear fiodha is cha robh fios aige bhann gus an do dhfhosgail sinn e, bha e làn condensed milk.

EC―25:38: A bheil cuimhnagaibh air rud sam bith atachairt ann an sheo aig àm aPholitician anna bheil, a bheil cuimhnagaibh air daoine afaighinn botal, no an robh…?

AM―25:47: Tha cuimhnagamsair lorry Canadian Ford staigh as achlobhsa ann a shin is an uisge-beatha atighinn a-mach air an, air an deireadh aice. Bha mathair an dèidhs caseichean fhaighinn agus och bha grunn timcheall an uair sin, muinntir an RAF ach dìreach bha an rathad dona an uair sin is bha iad ateicheadh air a’…’eil fhios agad a’…

EC―26:08: An Excise.

AM―26:09: An Excise, police, a h-uile gin a bhann, bhristeadh feadhainn de na cistean, bha e bacadh a-staigh gus am fairicheadh tu fhàileadh an uisge-bheatha air mhiltean, sruthadh a-mach às achlobhs’. O ghràidh, den h-uile seòrsa, Haigs Dimple is you nameShow me the World, tha cuimhnam air na dhà sin. Och, ghràidhein, ort bha deoch adol, cha robh iadcha robh iad abuain mhòine na sian shuas aig deas sa bhliadhna a bha sineach. Tha gu leòr dheth tìodhlaichte machraichean Dhalabroig tha iad ag ràdh fhathast, bha iad cho dona leis na deoch nuair a bha iad gan tìodhlaiceadh is cha robh fhios acacha do dhamais iad tuilleadh orra.

EC―26:54: Agus aig deireadh achogaidh thàinig an fheadhainn a bha air falbh air ais, is bha feitheamh orra, an robh obraichean ann dhaibh iscan do bhràthair Dòmhnall is sineach is do bhràthair eile, an robh rinn iad an uair sin nuair a thill iad?

AM―27:07: Bha Eairdsidh, bha e shìos ann an Sasainn, acheil fhios agad nuair a chunnaic e an job a bha seothach ann an Leòdhas, a-muigh ann am Mangarstaigh, radio station fhuair e, fhuair e job ann a shin, agus bha e sin gu retire e, phòs e ban-Leòdhasach, agus o tha i, tha ise beò fhathast, bidh misebidh sinn adol suas uaireannan a choimhead oirre.

EC―27:38: Am bi gu dearbh?

AM―27:39: Bidh, bha, o thia bidh, tha achlanntha sinn eòlach air achlann is tha iad eagalach laghach, Màiri Belle a thoirre, boireannach gast’.

EC―27:51: Agus a thaobh Dòmhnall cuideachd, fhuairur bràthair Dòmhnall thàinig esan air ais cuideachd an dèidhs e bhith sa chogadh, agusagus rinn Dòmhnall an dèidh dha tilleadh?

AM―28:00: Bha, bha e sa Fire Service air an airport, bha esan ann an Lìonacleit, taigh Iain an Tàilleir, phòs e nighean aig Iain an Tàilleir is chaidh e sìos a-staigh ann a shin còmhla riutha, cha robh ann ach e fhèin is bha e ann a shin.

EC―28:14: Is bha sin fad, bha sin fad, fad na h-ùine, fad, fad a bheatha-obrach?

AM―28:18: Bha, bha e aig an airport.

EC―28:23: An dfhuair, an dfhuair e medal air choreigin? Bha..innis, innis dhuinn beagan mu dheidhinn sineach.

AM―28:27: Och, chan eil mòran fios agamsa …’s e rudeigin bha iad adol a-machbàta a chaidh air tìr tha mi asmaointinn a-muigh air Heisgeir, Spanish boat air choreigin tha mi asmaointinn a bhann, is bha iad a-mach gaafeuchainn an cuideachadh.

EC―28:46: So, a bharrachd air a bhith acumail sùil air aphlèana atighinn a-nuas, bha iad cuideachd acumail sùil airair achuan cuideachd mar gum biodh? Duine sam bith a bha ann an èiginn air achuan bhiodh iad adol a-mach cuideachd?

AM―28:57: Bàta acair a shon.

EC―29:00: Agus bha ann còmhla ris, bha còmhla ri..ri…?

AM―29:02: Bha Eachann Nicolson ann is bha Dòmhnall Choinnichic Uilleim ann, o bha grunn ann, bha.

EC―29:08: O, seo niste. Agus sibh fhèin, rinn sibh fhèin an dèidh a bhith ag obair aig Wimpey? An tug sibh a-mach ciùird no an do rinn sibh…?

AM―29:16: Uill, dhfhalbh mi, dhfhalbh mi a Ghlaschu, ’s e saordachd a bha fainear dhomh, ach cha dfhuair michuir iad …’s ann a shipyard a chaidh mi agus thaos e obair…’eil fhiosad, obair chruaidhnoio noise as an yard, nuair a chaidh mise a-mach a ghràidh ort dol sìos dhan antha cuimhnam achiad latha job thug iad dhomh dol sìos hold, agus air, air àradh is e air crane mòr is bha agam ri dhol sìos air is bha cuimhnam bha belt ann an sheo agus an t-àradh is belt is boltaichean agus bha agam ris an t-àradh a bha sin a cheangal, a cheangal gu h-ìosal, agus o Dhia bha e acur sgreamh orm coimhead sìos, 60 feet sìos agus, agus bha grèim mhath agam ris an àradh gus an do ràinig mi am bonn. Cheangail mi gu h-ìosal e leis na locks a bha sineach, ’eil fhios agad, is an uair sin suas agus bha agam ri cheangal as amheadhan, bha platform ann an shin mar seo an uair sin àradh eile adol suas, chuireadh iad a-nuas fear eile is bha agam ri sin a bholtadh. Fhuair mi an uair sin suas air an fhear sin, sin agad achiad job a fhuair mise as an yard.

EC―30:33: Agus an robh trèanadh ann cuideachd, man...an robh, an robh thu ag amas air ciùird ann, no an robh thu dìreach adèanamh…?

AM―30:39: Bha, ’eil fhios agad dhfhaodadh tu a bhith nad phlater no nadach cha robh mise idir airson a dhol gu muir co-dhiù, thill mi dhachaigh thuirt mo mhàthair gun robh, gun robh mo bhràthair afalbh nach robh interest aige sa chruit ann, isTha mi asmaointinn nach eil thusa ro thoilichte ann an Glaschu’, o bha mi toilichte gu leòr.

EC―30:58: An robh, an robh rud sam bith atachairt anns na feasgar agaibh, an robh daoine atighinn còmhla, na Gàidheil?

AM―31:03: Aidh, bhith...bhitheamaid acluiche football, Kelvingrove.

EC―31:09: Agus an robh sibh ann an loidseadh no afuireach còmhla ri teaghlach no…?

AM―31:11: Ann an loidseadh a bha sinn. ’S e Lansdowne Crescent a chanadh iad ris an àite aguss e Iùdhach a bhann, fear mòr reamhar tha cuimhnam air, agus bha Gearmailteach na houseman aige agus bhiodh e a h-uile madainn thigeadh e chun an doraisHalf past six Bob, boys!’ a chanadh e, Bob am fear a bhiodh acadal còmhla rinn, mi fhìn is Calum Dhòmhnaillic Uilleim, bha esan còmhla rium.

EC―31:42: Ach cha robh sibh fada an Glaschu ma-, cha do, cha do mhair sin cho fada. Och uill, bha, bha rudan math ann mar a bha sibh

AM―31:47: Och bha, o bha e acòrdadh leam math bha gu leòr dhiubh shuas an sin.

EC―31:52: Am biodh sibh adol gu geamaichean football am, am Parkhead no dad sam bith mar sin?

AM―31:56: Cha robh, cha robh for againn air an sin uair isach bhitheamaid acluich football leinn fhìn. An àm sin an toiseach, fhuair mi football agus as aChrescent a bha sin, far an robh sinn aloidseadh fhuair sinn air staladh ann a shineach, cha robh math dhuinn a bhith acluiche football ann a shin, chairt iad, chairt iad a-mach

EC―32:18: An robh sin anns an West End mar a chanas iad?

AM―32:22: Eh, bha, far Great Western Road. Shin agad e. Bhiodhte afaighinn underground dol a dhobair, bha againn ri changeadh thriop an uair sin bha thu afaighinn tram sìos chun an obair. Bha e dìreach far an robh shipyard mu choinneimh Renfrew Airport, bha i dìreach air an taobh eile den abhainn bha Renfrew Airport ann, bhiodhte afaicinn an Dakota a bha ann an uair ud tighinn a Bheinn na Faoghla, choimheadadh tu suas isBochd nach robh mi oirre!’

EC―32:56: An robh sibh ag ionndrainn a bhith aig an taigh?

AM―32:59: Bha, cia..nuair a chitheadh tu am plèanis fhios agad gun robh i adol a Bheinn na Faoghla.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8243