Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Student introduction to Clilstore in Scottish Gaelic

Air an làraich-lìn multidict.net, gheibhear trì goireasan a bheir taic do luchd-ionnsachaidh: Clilstore, Wordlink agus Multidict.

Tha Multidict ga dhèanamh furasta faclan a lorg ann an diofar fhaclairean air-loidhne - faclairean aon-chànanach, agus faclairean -chànanach. Gu tric, ’s e Multidict an dòigh as fhasa faclair a lorg a fhrithealas air paidhir air choireigin de chànanan.

Tha Wordlink aleigeil leibh duilleag Eadarlìn a thionndadh gus am bi gach facal ceangailte ri faclairean air-loidhne. Tha Wordlink acur feum air Multidict.

Tha Clilstore na stòras de dhaonadan airson cànan ionnsachadh. Tha iomadh cànan ann. Tha e atoirt taic do luchd-ionnsachaidh teacsa a leughadh le bhith aceangal gach facal ri Multidict.

Gus abhuannachd as fheàrr fhaighinn bho Chlilstore, tha e cudromach Multidict a thuigsinn. Air sgàth sin, tòisichidh sinn le Multidict.

Nuair a bheir sibh sùil an toiseach air Multidict, tha e gu math sìmplidh. Sgrìobhaidh sinn facal air choireigin - “transducer” - agus cleachdaidh sinn an clàr-taice teàrnach gus innse do Mhultidict an cànan a thann.

Chithear gu bheil tòrr chànanan aig Multidict. Tha mi ataghadhEnglishagus tha mi abriogadhGo”.

Chithear gu bheil roghainnean eile a-nis air nochdadh. Nam be mìneachadh sa Bheurla airtransducera bha a dhìth orm, bhithinn ataghadhEnglishsa chlàr-taiceTo”. Ach an-dràstas e eadar-theangachadh Spàintis a tha mi ag iarraidh agus leis an sin, ’s eEspañola tha mi ataghadh.

Feuchaidh Multidict ri facal a lorg an toiseach anns an fhaclair Beurla-Spàintis as trice a bhios daoine acleachdadh. Gu ruige seo, tha Multidict eòlach air 24 de dhfhaclairean Beurla-Spàintis.

Ach ma tha sibh eòlach air faclair math nach eil sa liosta fhathast, briogaibhAboutaig mullach na duilleig agus gheibh sibh a-mach ciamar is urrainn dhuibh fios a leigeil dhuinn ma dheidhinn.

Tha e cudromach gun tagh sibh am faclair is fheàrr dhuibh fhèin. Oir tha neartan agus laigsean aig gach faclair. Agus mura bheil an dàrna faclair eòlach air an fhacal, feuchaibh fear eile.

Gheibhear faclairean eile leis achlàr-taice theàrnach. Air neo le bhith abriogadh na h-ìomhaigheagan aig na faclairean fa leth, aon uairs gum fàs sibh eòlach orra.

Am facaltransducer”, ’s e facal teicnigeach a thann nach eil aig a h-uile faclair. Feuchaidh mi faclair eile le bhith abriogadh na h-ìomhaigheagan.

Fear de na faclairean is fheàrr leamsa, ’s e am faclair IATE. ’S e seo am faclair as fheàrr airson faclan a bhuineas ri riaghailtean agus lagh, ach tha e cuideachd math airson faclan teicnigeach.

Tha IATE adèanamh sgaradh eadar diofar co-theacsan, agus bidh sin gur cuideachadh ann a bhith ataghadh an t-eadar-theangachadh as fhreagarraiche.

Faodaidh sibh feuchainn ri sreathan de dhfhaclan leithidlook fornolook aftera lorg le Multidict cuideachd.

Bheir sinn sùil a-nis air mar a thèid Multidict a chleachdadh le Wordlink. Tha mi adol air ais dhan chlàr-taice Multidict.net, agus tha mi a-nis ataghadhWordlink”.

Ann an Wordlink, is urrainn dhomh duilleag WWW a thionndadh gus am bi a h-uile facal san teacsa ceangailte ri faclairean air-loidhne.

An toiseach tha mi ag innse do Wordlink an cànan anns a bheil an duilleag. Tha mi ataghadhEnglish”.

An uair sin tha mi asgrìobhadh seòladh na duilleige, “cnn.com”, agus tha mi abriogadhGo”.

Faodaidh mi a-nis facal a bhriogadh gus a lorg le Multidict.

Chan urrainn dhomh ach aon fhacal aig an àm a lorg san dòigh sin. Mas miann leam sreath de dhfhaclan a lorg, feumaidh mi fhìn na faclan a bharrachd a sgrìobhadh a-steach gu Multidict.

Chithear gu bheil Multidict acumail cuimhne air an fhaclair mu dheireadh a chleachd sibh, agus air achànan anns an robh sibh ag iarraidh eadar-theangachadh.

Ach gabhaidh iad atharrachadh mar a thogras sibh.

Ma bhriogas mi ceangail air an duilleig WWW, théid an ath dhuilleag a thionndadh le Wordlink cuideachd.

Ma tha mi ag iarraidh facal eadar-theangachadh a tha na cheangal, feumaidh miRemove existing linksa thaghadh, agusGoa bhriogadh a-rithist.

Chì sinn a-nis ciamar a thèid Multidict a chleachdadh le Clilstore. Tha mi adol air ais dhan chlàr-taice Multidict.net.

Tha shaighead an sin a tha adol gu Clilstore. Briogaibh an airsonStudents”.

Achiad cheum, ’s e an cànan a thaghadh a tha sibh ag ionnsachadh.

Tha mi ataghadhEnglish”. Agus is dòcha gu feum sibhChoosea bhriogadh.

A-nis chan eil romham ach liosta de dhaonadan airson Beurla ionnsachadh.

Air an taobh chlì de thiotal an aonaid, chì mi ìre an aonaid, ’s i air raon a tha adol bho A1 gu C2. ’S e A1 an ìre is fhasa.

Faodaidh mi a-nis an ìre agam fhèin a thaghadh gus aonadan a lorg a tha freagarrach dhomhsa. Nuair a bhriogas mi na putain, tha mi afaicinn a tha ri fhaighinn aig an ìre ud.

Tha an ath cholbh asealltainn a bheil an t-aonad acleachdadh bhideo no fuaim.

Gabhaidh aonadan a shireadh; gabhaidh na h-aonadan a chur ann an diofar òrduighean.

Ma bhriogas miMedia”, théid na h-aonadan a rangachadh a-rèir bhideo no fuaim.

Ma tha mi afeuchainn ri aonad air choireigin a lorg a-rithist, no afeuchainn ri aonadan a lorg air cuspair fa leth, faodaidh mi am facal a tha mi a lorg a sgrìobhadh san fhaicheTitleno san fhaicheText and summary”, agusFinda bhriogadh.

Tha barrachd cholbhan rim faighinn - ma tha mi ag iarraidh faighinn a-mach a rinn an t-aonad, mar eisimpleir, no co mheud facal a thann.

Faodaidh mi colbh a sguabadh às le bhith abriogadh an X dheirg.

No gnothaichean a chur air ais mar a bha, le bhith abriogadhClear allnoRestore”.

Lorgaidh sinn an t-aonadWiring a Typical British Plug (Intermediate level)”.

Is urrainn dhomh a-nis am bhideo a chluich.

Agus faclan a bhriogadh gus an lorg san fhaclair. Anns an teacsa tha tar-sgrìobhadh facal air an fhacal den bhideo.

Anns an uinneagMultidictair an taobh dheas, chì mi na toraidhean bhon fhaclair.

Cha ghabh ach aon fhacal a lorg le bhith abriogadh anns an dòigh sin. Ma tha mi ag iarraidh sreath de dhfhaclan leithidlook fornolook after”, feumaidh mi fhìn na faclan a bharrachd a sgrìobhadh a-steach ann am Multidict.

Aig cuid de na h-aonadan tha ceanglaichean ann gu duilleagan eile no gu eacarsaichean. ThaExercisesaig an aonad seo, agus is urrainn dhomh cuideachdhandoutfhaighinn.

Clilstore

Short url:   https://clilstore.eu/cs/1188