Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Alasdair MacDhòmhnaill (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:05: Fàilte, Alasdair, agus mòran taing son bruidhinn rinn an-diugh. Am burrainn dhuibh tòiseachadh le beagan innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith ann a sheo ann an Crois Mòraig?

 

A[lasdair] M[acDhòmhnaill]―00:21: Is mise Alasdair MacDhòmhnaill, is mi, is mi an dàrna duine bu, bu shine as an teaghlach aig mo phàrantan, is bha sianar againn ann is bha, bha còi...còigear aca nan tidsear bha mi fhèin nam chruitear agus

 

EC―00:38: Seadh. Agus cha robh ùidh agaibh fhèin a-riamh ann an teagasg?

 

AM―00:42: Tha mi asmaointinn gun e an roghainn agam fhèin a bfheàrr. Ach co-dhiù, bhabha na daoine againn ann a sheo bho chionnann an 19…18,1830 tha mi asmaointinn, chaidh momo shinn-sheanairchaidh a chlìoradh a-mach à Baile MhicPhàil, chaidh an talamh an sin a chlìoradh a-mach airson tuathanas mòr a dhèanamh dheth so thàinig na daoine againn a-null gu Cladach Iolaraigh an uair sin agus tha sinn air a bhith  ann a sheo-ach on uair sin.

 

EC―01:13: Agus tha sibh ag obrachadh cruite.

 

AM―01:14: Tha mi ag obair ann an cruit ann a sheo, bha misin a rinn mi a-riamh, ag obair ann an cruit, so

 

EC―01:20: Agus bha sibh adèanamh beò-shlainte air achruit a dhaona-ghnothach, mar gum biodh.

 

AM―01:23: Bha. Uill, bhabha, bha na trì cruitean  againn aig an àm is mar a bha an ùine adol seachad bha sinn afaighinn  barrachd is barrachd so

 

EC―01:32: So dhfhàs an gnothach mar gum biodh is bha ebha e cothromach dhuibh beò...beò-shlaint

 

AM―01:36: Rud, rud a bha iongantach, bha daoine  uaireigin adèanamh beò-shlaint air achruit as na bailtean a tha seothach agus cha ghabhadh sin dèanamh no dad coltach ris an-diugh, cha mhòr nach b’…dhfheumadh tu cha mhòr leth, leth abhaile mun dèanadh tu beò-shlaint air.

 

EC―01:49: A bheil adhbhar airson sineach, , as coireach? A bheil adhbhar airson sineach, mar gum biodh? as coireach nach urrainn, nach urrainn dhaibh beò-shlaint a dhèanamh bho aon chruit?

 

AM―01:57: Och, tha e doirbh a ràdh.

 

EC―02:00: Agus a bheil sibh acumailacumail chrodh is cao...caoraich is…?

 

AM―02:03: Tha crodh is caoraich agam, uills e an gille agam a-niss e a tha car aruith an àite, Sam, so

 

EC―02:09: Seadh dìreach, agus a bheil esan, a bheil e ag obair a dhaona ghnothaich air achruit no a bheil obraichean eile aige?

 

AM―02:13: Chan eil, tha e ag obair fad an t-siubhail air achruit.

 

EC―02:17: chòrd ribh mu dheidhinn a bhith ag obair air achruit, na rudan a thug tog...togail dhuibh mar gum biodh, an robh…?

 

AM―02:19: Chan e ach dìreach gun robh do thoil fhèin agad, seach a bhith adèanamh rud a bha cuideigin ag iarraidh ort a bhith adèanamh.

 

EC―02:28: So bha thu ag obair air do cheann fhèin fad…?

 

AM―02:31: Dhfhaodadh tu a dhol far an togradh tu a h-uile latha a thogradh tu so

 

EC―02:34: Agus an robh, an robh e doirbh faighinn air falbh bhuaithe, can gun robh thu ag iarraidh a dhol air làithean-saora no rudeigin, an robh feum agad air, air cuideigin eile a thoirt a-staigh airson a bhith acumail sùil air, air na beothaichean?

 

AM―02:44: Bha, bha. Uill, bha e, bha e na bfhasa sineach fhaighinn bliadhnaichean air ais, bha barrachd dhaoine ann, ach

 

EC―02:51: Agus am biodh daoine ag obrachadh còmhla tòrr, cuideachadh a chèile aig an àm sin, an robh iadan tacsa a chèiles dòcha?

 

AM―02:58: Tha, tha, as abhaile seo tha iad car sin fhathast, tha, tha.

 

EC―03:03: Sgoinneil. Agus innis dhuinn beagan mu dheidhinn làithean na sgoile agaibh, achuimhne a thagaibh air a bhith as an sgoil?

 

AM―03:10: ’S ann a Sgoil, Sgoil Chàirinis a bha sinn adol às an seo, thathaà Crois Mòraig is bha clann na Càirnich next door dhuinn shìos ann a sheo, shìos sa bhaile an taobhs’. Is bhitheamaidabhliadhna a thòisich mise ri dhol dhan sgoil bha sinn afaighinn conveyance on Chlachan shuas sa mhadainn a-null gu Sgoil Chàirinis, ach feasgar bha sinn acoiseachd, dhfheumamaid coiseachd dhachaigh às an sgoil. Agus bha e, bha e glè laghach as t-samhradh is falbh cas-rùisgte fad an t-samhraidh isach sa, sa gheamhradh cha robh e, cha robh e cho laghach is tu a-muigh is uisge is...

 

EC―03:47: Cha robh, cha robh guth air bus no…?

 

AM―03:49: Uill, bha bus sa mhadainn ach dhfheumamaiddhfheumainn still  coiseachd suas ri mìle, suas chun an rathaid mus fhaigheamaid e, so

 

EC―03:58: Agus a bheil cuimhnagaibh air achiad tidsear a bhagaibh as an sgoil, an tidsear a bhann?

 

AM―04:05: Bhauill, ’s e am prìomh thidsear a bhann, ’s e Ceit Bhaile  Loch a chanadh iad leatha.

 

EC―04:12: Is bha Gàidhlig gu leòr as an sgoil, bha, bhaseadh bha e làidir.

 

AM―04:16: Bha, bha.

 

EC―04:17: Agus cia mheud, cia mheud a bhaa bha as an sgoil aig an àm sin? cia mheud sgoilear a bhagaibh?

 

AM―04:23: O, tha e doirbh dhomh a ràdh. Bhiodh e tha mi acreidsinn, deich air fhichead tha mi acreidsinn.

 

EC―04:26: Seadh, agus am biodh iad car an sgìre a bhaig an sgoil mar gum biodh, an ean robh sgìrean e Càirinis…?

 

AM―04:33: Cha robh sgath... ach sgìre Chàirinis fhèin an toiseach, is thàinig an uair sinthàinig an uair sin sgoilearan àcha chreid mi nach e sgoilearan Cladach Càirinis a-staigh ann, is thaan uair sin sgoilearan Loch Èuphoirt, is an uair sin, tha, ,  bliadhnaichean às a dheaghaidh sin thàinig sgoilearan Bhaile Shear a-staigh is an uair sin sgoilearan nan Ceallan is Ghriomasaigh a-staigh.

 

EC―05:01: So dhfhàs an sgoil na bu mhotha mar gum biodh.

 

AM―05:06: Bha còir aig an sgoil fàs na bu mhotha, ach nuair a dhùin an sgoil o chionn dhà no thrì bhliadhnaichean is thabha mar gum biodh six catchments area aig an sgoil is cha robh ann ach trì deug de phupils.

 

EC―05:19: Tha mi atuigsinn, bha, bha sgìre gu math farsaing aig Sgoil Chàirinis.

 

AM―05:22: Bha, is cha robh ann ach trì deug de phupils, phupils uile gu lèir.

 

EC―05:26: So àireamh beag achachcar

 

AM―05:28: Sgìre mhòr. Bha, bha.

 

EC―05:30: Achs e call a thann tha mi asmaointinn nuair a tha sgoil bheag adùnadh co-dhiù, is a bheil cuimhnagaibh a bhithan robhan robh sibhan robh sibh math air cuspair sam bith as an sgoil, an robh rudeigin acòrdadh leibh mu dheidhinn cuspair sam bith a bha sibh adèanamh as an sgoil? An robhan robh Beurla no Maths…?

 

AM―05:45: Cha robh ach nuair a dhgheibheamaid a dhol a-mach a ghàirnealaireachd, gheibheadh tu a-mach às an sgoil! Bha sin againn ri dhèanamh uile a h-uile, a h-uile seachdain.

 

EC―05:54: Bhabhaagaibh ri bhith ag obair

 

AM―05:55: Gàrradh an tidsear a chumail, bha.

 

EC―05:58: Seadh agus an robh sin acòrdadh ribh?

 

AM―06:00: O, bhabha, bha.

 

EC―06:01: ’S e cothrom faighinn a-mach às

 

AM―06:02: ’S e, ’s e.

 

EC―06:03: A-mach àsmach às an leasan. Agus na geamaichean a bhiodh sibh acluiche nuair a bha beagan ùine agaibh? An robh, an robh geamaichean àraid agaibh as a’…as a’…as aphlayground mar gum biodh?

 

AM―06:14: O, tha e doirbh dhomhsa a ràdhchan ethatha fhios gun robh ach…?

 

EC―06:19: Am biodh sibh, am biodh sibh acluiche ball-coises dòcha, an robh ball agaibh no…?

 

AM―06:24: O, bhitheamaid a-muigh, tha fhios gum biodh, bhitheamaid acluiche sin tarsainn a ghàrradh.

 

EC―06:29: Aruith às dèidh a chèile.

 

AM―06:30: Aruith às dèidh a chèile, ’s e.

 

EC―06:31: Math gu leòr, chan fheum thu tòrr dìreach a bhith, dìreach...dìreach a bhith còmhla. Agus mu dheidhinn àrd-sgoil an uair sin, ’…caan deach sibh dhan àrd-sgoil?

 

AM―06:38: Chaidh sinn a Cheann a Bhàigh as a’…à Càirinis. Bha sinn mutrì bliadhna thall an sin.

 

EC―06:47: Seadh, agus an robh e caran neònach adol gu sgoil nas motha an dèidhs a bhith ann an sgoil bheag mar Chàirinis? Ciamarciamar a bha sin, an robh…?

 

AM―06:55: O, uill, cha robh Càirinis buileach cho beag nuair a bha mise ann ann, cha robhcha robh, cha robh.

 

EC―07:00: Achs e, ’s e latha diofraichtechaidhan àite a bhith ann an aon rùm tha thu adol eadar na rùmannan, nach eil, is diofar thidsearan agad is a h-uile dad rud beag neònach mar gum biodh.

 

AM―07:10: Ach bha edìreach aan toiseach bha cothrom puile math mu faithneachadh tu na sgoilearan uile   ‘s mun tigeadh tu eòlach orra uileadh, so

 

EC―07:18: Agus sin sgoil nas motha cuideachd, le clann às gachàs gach ceàrnaidh mar gum biodh. Agus an robh beachd agaibh an uair sin bu toil leibh a dhèanamh mar gum biodh? An robhan robh rudeian robh miann agaibh air rud sam bith mar gum biodh?

 

AM―07:32: No, chan aithchan aith...chan aithne dhomh gun robh, cha robh.

 

EC―07:36: Agus bha sibh trì bliadhna ann an Ceann aBhàigh no Pabail mar a chanas cuid, ’s e, ’s e Cea...Ceann aBhàigh a chanas mise, achagus an uair sin, thachair an uair sin, an robh agaibh ri dhol gu tìr-mòr no…?

 

AM―07:47: An fheadhainnan fheadhainn a bha airson falbh, bha acumail romhpa, dhfheumadh iad a dhol gu tìr-mòr.

 

EC―07:53: Agus an robh sibh fhèin ann anair tìr-mòr cuideachd.

 

AM―07:55: Chaidh mi aona bhliadhna ann, is cha do chòrd an gnothach leam idir.

 

EC―07:59: Cha do chòrd. An robh sibh afuireach ann an ostail?

 

AM―08:01: Bha, sin a chuir dheth mi, ’eil fiosad. O, bha e mar gum biodh tu ann am prìosan is, às dèidhs a bhith, às dèidhs a bhith eòlach a bhith feadh na sgìre fad an latha...fad do shaoghal

 

EC―08:12: Bhiodh agad ri bhith a-staigh mar gum biodh aig àm study.

 

AM―08:16: Study uair a h-uile h-oidhche so

 

EC―08:18: Agus ciamar aan robh am biadh reusanta, an robh…?

 

AM―08:21: O, bha biadh math ann, bha, bhabha, bha.

 

EC―08:25: Agus an robh ùinean robh ùine sam bith agaibh a bhithan robh ùine sam bith agaibh dhuibh fhèin mar gum biodh, an robh cothrom agaibh faighinn a-mach, ’s dòcha?

 

AM―08:33: Gheibhea...gheibheamaid sìosgheibheamaid sìos am baile às dèidh na sgoileadh, is dhfheumamaid a bhith a-staigh an uair sin aig an, aig an tha mi acreidsinn muchan eil fhios am bhiodh e mu, mu shia uairean no rudeigin...

 

EC―08:44: Agus am biodh sibh a-staigh an uair sin? Sin agad e, cha robhcha robh cothrom eile faighinn a-mach às, mar gum biodh. Agus tha mi cinnteachagus an robh seo ann anann an Inbhir Nis?

 

AM―08:54: Inbhir Nis, aidh, bha, bhabha, bha.

 

EC―08:56: Agus bhiodh clann às a h-uile

 

AM―08:59: Bha, às a h-uile sgìre ann.

 

EC―09:00: Bhiodhbhiodh clann atighinn à Barraigh, ’s dòcha is àite…?

 

AM―09:02: Bha is às na Hearadh.

 

EC―09:03: Na Hearadh, bho na Hearadh cuideachd, sineach. Agus an robhan robh beagan spòrs agaibh as an ostail air an oidhche? Am biodh marbalaich còmhla?

 

AM―09:10: Och tha fhios gun robh, bha, bhiodh, bhiodh.

 

EC―09:13: Goid bhon achidsin is rudan mar sin. Sin, uill sin mar, mar a bha sinne co-dhiù ann an Steòrnabhagh, bhiodhbhiodh rudan mar, mar sin atachairt!

 

AM―09:21: Och cha robh  reusan sam bith againn goid as achidsin ,  bha iad glè mhath duinn.

 

EC―09:24: Bha iadcha robh, cha robh adhbhar ann.

 

AM―09:26: Huh?

 

EC―09:28: Bhabha lòn gu leòr ann co-dhiù. Agus a bheil sibh acumail suas ri, ri duine sam bith fhathast bhon ostail, am biam bi sibh gam, gam faicinn nono acluinntinn bhuapa?

 

AM―09:37: Uair no dhà is sna grounds, that was all...sin uileadh.

 

EC―09:40: Cha bhi duine atighinn còmhla mar gum biodh. So bha sibh bliadhna ann an Inbhir Nis asas an sgoil, agus agus an uair sin mar gum biodh, , , an ath-cheum a ghabh sibh an uair sin?

 

AM―09:53: Thàinig mi, thàinig mi dhachaigh chun na cruite.

 

EC―09:55: Agus sin mar aagus tha sibh air a bhith ann

 

AM―09:59: Tha, a-riamh on uair sin, tha treiseag bheag on uair sin!

 

EC―10:02: Agus cha robhan robhcha robh sibh a-riamh ag obair ann an rud sam bith eile ach dìreach air achruit.

 

AM―10:06: Cha robh, cha robh.

 

EC―10:07: Cha robh duicha robh obair phàirt-ùine agaibh.

 

AM―10:09: Cha robh.

 

EC―10:11: An robhan robh tòrr air an aon dòigh, ag obair air achruit a-mhàin no an ean ean robh sin rud beagrud beag -àbhaisteach daoine a bhith ag obair air achruit gunuillgun obair sam bith eile? Am biodham biodhan robh…?

 

AM―10:24: Chachacha robh aig an àm a bha siud idir.

 

EC―10:26: Cha robhbha deannan dhaoine

 

AM―10:28: Bha, bha, ris an obair. Uill bha na cruitean a bha seo agus sa Bhaile Shear bha iad na bu mhothas dòcha na na cruitean àbhaisteach.

 

EC―10:37: Tha mi asmaoineachadh. Aguss dòcha nas motha cuideachd aig na feadhainn aigann amann am Beinn na Faoghla agus deas cuideachd an robh? ’S dòcha talamh beagan nasuill beagan nas farsainge is….

 

AM―10:47: Na bfharsainge, uh-huh. Seach na cruitean air an taobh an ear, cha dèanadh tu dad ann a shineach.

 

EC―10:51: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn, aidh, so... agus a bharrachd air a bhith ag obair air achruit, tha mi cinnteach gun robh uairean gu math fada agaibh air achruit is weekend a h-uile rud, an robhan robh cothroman ann, cothroman sòisealta agaibh airson faighinn a-mach le daoine òga eile is gu dannsaichean is cèilidhean is clubaichean is…?

 

AM―11:10: Och bhitheamaidbhiodhte acluiche, ’eil fhios agad, le clann mun cuairt, clann na Càirnich bhiodh iadsanbhitheamaid acluiche còmhla an-còmhnaidh so, tha.

 

EC―11:17: Agus nuair a bha sibh beagan na bu shine mar gum biodh, airsonairson, airson dol a-mach air an oidhche, an robh rudan…?

 

AM―11:22: Och cha robh, cha robh an t-uabhas dhe sin idir ann, cha robh.

 

EC―11:25: Agus am biodh daoine adèanamh rudan dhaibh fhèin mar gum biodh? An robh daoine adol a chèilidh air a chèile, an robh, an robh…?

 

AM―11:31: O, bha, bha sin adol fad an t-siubhail. Chluinneadh tu an doras afosgladh is bhiodh tu ga choimhead gach bha atighinn a-staigh. fear de, fear de na nàbannan a bha atighinn a-staigh isis bhiodh iad a

 

EC―11:43: So bha, bha coimhearsnachd làidir ann.

 

AM―11:45: Is bhiodh iad ag innse stòiridhean èibhinn is stòiridheanseann stòiridhean.

 

EC―11:48: A bheil cuimhnagaibh air gin a stòiridhean mhatha? Feadhainns dòcha…’s dòchaan robh, an robh rudan anns dòcha mu dheidhinnrudan marno bòcain is taibhsean no manaidhean is rudan mar sin?

 

AM―11:59: Och, bhabha an neach a bha seo Seonaidh Iain Bhàin a chanadh iad leis, bhiodh e an-còmhnaidh shuasthogadh e san Uachdar shuass ann ann a thogadh e, taigh MhicÌosaig san Uachdar.

 

EC―12:12: Uachdar Beinn na Faoghla?

 

AM―12:14: Aguss e, bha iad càirdeach às uh huh, agus stòiridhean aigesan tighinn a-nuas às an sineach, ach cha chan mibhiodh estòiridh Mhic aPhì, dubh Mhic aPhì aige an-còmhnaidh is

 

EC―12:25: dubh Mhic aPhì? Tha mi asmaointinn gun e sinan e sin mu dheidhinn àirigh a h-aon h-oidhche?

 

AM―12:28: Sin agad thu, shin agad thu!

 

EC―12:30: Tha, tha mise gu mathgu math eòlach air an stòiridh sineach co-dhìu. Tha sin air a chlàradh ann an...air, air bhideo le Tormod MacIlleathain cuideachd, yeah, yeahs e…’s e deagh…’s e deagh stòiridh a thann.

 

AM―12:44: Bha cus den t-seòrsa sin an uair ud ann, ’eil fhios agad, feumaidh

 

EC―21:47: An robh sibh a-riamh shuas aig anaig an àirigh fhèin far anfar anbha mise shuas turas no dhà agus tha, tha rudeigin mu dheidhinn gun teagamh, chan eil fhios am thann.

 

AM―21:55: An fhacthu achearc le na h-iseannan? Am facthu achearc le na h-iseannan?

 

EC―12:59: Chan fhaca, chan fhaca. tha seo? An e seo pàirt den stòiridh?

 

AM―13:05: Chan e ach nagu bheil iad atighinn air ais ann an cruth eile, ’eil fhios agad, an fheadhainn sin!

 

EC―13:10: So, so bidh ur stòiridhean adol, adol, adol mun cuairt co-dhiù. Agus a bheil cuimhnagaibh airs dòcha làithean mòra sam bith mar gum biodh, ’s dòcha games no cattle show is na rudan, an robhan robhan robh beagan ùine dheth agaibh airson

 

AM―13:25:  O bhitheadh airson leithid sin-ach airson sports, na sports airson bhiodh e...cuimhnam air latha aChoronation, is bha latha mòr againn an latha sin so...

 

EC―13:32: Saoil ...agus thachair air, air an latha sin, mar gum biodh?

 

AM―13:35: Tha mi asmaointinn gur annan e sports no rudeigin a bhagainn mun sgoil no rudeigin mar sin.

 

EC―13:38: So bha latha, bha latha spòrs aig, aig a h-uile sgoil?

 

AM―13:41: Feumaidh gun robh, feumaidh gun robh.

 

EC―13:43: Agus trèata, an robh biadh ann is…?

 

AM―13:46: O, chan eil beachd agam air sin.

 

EC―13:48: Agus bha atachairt air latha na games? Am biodham biodh sibh fhèin an-sàs ann anann an rud sam bith mar ruith no carachd no…? 

 

AM―13:54: Cha robh!

 

EC―13:58: Obair gu leòr aruith cruit gun a bhith acarachd cuideachd!

 

AM―14:02: Ach bhabha achlann next door, bha clann na Càirnich bhabha iad sin math air an sport.

 

EC―14:07: O, seadh, seadh. An e sinan e sin Aonghas agus…?

 

AM―14:09: Aonghas agus na peathraicheanCeiteag shuas agaibh fhèin is Màiri is bhabha iad uile gu math, bha iad math airbha iad math air sport iad sin.

 

EC―14:18: Bha e, bha e car aruith as an teaghlach.

 

AM―14:19: Bha. Bha e uabhasach iongantach, bha cuid de theaghlaichean bha e aruith annta.

 

EC―14:23: Agus am biodh, am biodh dannsaichean ann agus…?

 

AM―14:26: Bhiodh, bhiodh, ach cha, cha robh iad uabhasach bitheanta ann, so...

 

EC―14:31: Agus ciamar a choinnich thu fhèin is Annie, an robhan tàinig i a dhobair an seo no ciaan robhan robh, an robh i ateagasg?

 

AM―14:38: O, bha i ateagasg.

 

EC―14:42: Agus às a às tha i fhèin bho thùs mar gum biodh?

 

AM―14:45: ’S ann ann am meadhan Broughty Ferry shìos taobh a…’s ann ann a shin a tho...a thog...a rugadh i, ach chaidh atogail shìos an Sasainn ach thill iad a-nuas a-rithist, an teaghlach a-nuas a-rithistthaa dhAlba a-rithist so

 

EC―15:01: Agus an robh miann agaibh fhèian robh miann agaibh fhèin a-riamh a bhith afuireach ann an àite eile seach Uibhist? Am burrainn dhuibh fuireach ann an àite sam bith eile ach seo, no…?

 

AM―15:11: Tha mi creidsnam feumadh tu a dhèanamh, ach tha mi asmaointha mi asmaointinn gun e dad, daddad bu mhotha a dhionndrainninns e, ’s e an cuan. ’S e do thogail ri taobh achuain.

 

EC―15:20: A bhith ri taobh na mara agus sineach. Tha, tha mi atuigsinn, tha mise car an aon dòigh nuair a tha mi ann an àite far nach fhaic mi achuan. Tha, tha mi ag aonttha mi ag aontachadh leat co-dhiù. A bheil sibh afaicinn atharrachadh mòr as achoimhearsnachd bhon a bha sibh na bòige mar gum biodh? A bheila bheils dòcha barrachd dhaoinebarrachd daoine atighinn a-staigh a dhfhuireach is a bheil cothroman-obrach nas fheàrr ann is a bheila bheil na cleachdaidhean mar gum biodh ann, mar a bha uaireigin?

 

AM―15:49: O, chan eil, chan eil. Nuair a bha, nuair a bha sinne òg cha robh dad ach na h-eich a bhagainn, cha robh inneal sam bith agad ach na h-eich is an speal.

 

EC―15:59: Bha eich agaibh agus

 

AM―16:00: ’S ann le na h-eich a bha sinn a-riamh ag obair.

 

EC―16:04: Agusagus an robh sibhan robh duine sam bith mar gum biodham biodh duine sam bith gan cleachdadh mar gum biodh, ’s dòcha duine a bha adol tarsainn na fadhlainn, am biodh iadam biodh iad afaighinn cothrom air each, no am biodh iadam biodh iad gam, gamam biodh sibh gan toirt a-mach gu daoine eile cuideachd, mar gum biodh?

 

AM―16:23: Bha, nam biodhnan tadhaladh  duine, ’eil fhios agad, nam biodhnam biodh an fhadhail domhainn agusis an uair sin gheibheadh tu lioft, ’eil fhios agad, tarsainn air fadhlach leis, ach nuair a bha sinn fhèin òg, bhitheamaid dìreach ag obrachadh nan each adol sìos a dhIolaraigh à seo, is sinne adol a Chladach Iolaraigh à seo, is bha an fhadhail, Fadhail na Caorach tha i shìos dìreach ri taobh  na Càirnich ann a shin, is dhfheumte fuireach gus am fosgladh an fhadhail son faighinn sìos dhan Bhaile Shear, is ceann a tuath aBhaile Sheair shìos, ’s e Iolaraigh a chanas iad ris agus…’s ethatha roinntha machair aig na cruitean an seo shìos ann a shin, is bhitheamaid adol sìos an sineach dha fheamnadh nuair a bha sinn òg. Dhfheumadh tu fuireach gus am fosgladh an fhadhail is thaco-dhiù is an uair sin nuair a bhiodh tu atighinn dhachaigh a-rithist chan fhaiceadh tu an fhadhail far am biodhte ag obair taobh an iar aBhaile Sheair ann isach bha sgeir a-muigh an CaolasCaolas Hèisgeir agus  Sgeir Altair agus an sgeir sin dìreachdìreach adol fodha, bha an t-àm agad falbh an uair sin ach a faigheadhghlacadh tu an fhadhail air ais dhachaigh. Is bhitheamaid afeamnadh shìos an sin fad an latha, fad na tràghad, sois ga, ga chur ann an tòrr, acur feamainn ann an tòrr. Is an uair sin nuair a ghrodadh an fheamainn bha agad ri dhol sìos, bha agad ri a sgaoileadh a-mach air an talamh airson a’…airson abhuntàta. Is an uair sin nuair a bhiodh i air grodadh gu math is feur, feur math afàs roimhpe, bha an t-àm ann dhut a dhol a chur abhuntàta is bha agad ris abhuntàta an uair sin bha agad ri lathaichean mur an robh iad gan cur bha agad rin gearradh mar an tuirt iad  ’eil fhios agad, sùilean a bheir às, agus an uair sin bha thu acur sineach ann am poca agus leigeil leis tiormachadh beagan làthaichean, far an do gheàrr thu efeuch an tiormaicheadh e beagan làithean mun cuireadh tu dhan talamh e, so an uair sin pìos as a’…pìos as nach robh sùilean idir, ’s eglaodhana chanadh tu leis, an cuala tu siud a-riamh? ‘Glaodhan’, ‘glaodhanagus bhiodh sinn abruich sin dha na  cearc an uair sin acuir min na lùib is ga bhruich dha na cearc an uairsinbhiodh iad an uair sin ri chur abhuntàta, bha agad ribhiodh iaddeannan agad de dhaoine airson na sùilean a chur dhan an talamh agus bha  agad ri feadhainn eile... dhfheumadh iad mar an tuirt iad, bhiodh iada ràcadh na feamad biathachadh a chanadh iad ris, ràcadh na feamad le gràp a-staigh dhan chlaisidh agus cur na sùilean gu h-àrd air an talamh an uairsin a h-uile sgrìob bhiodh iadbiathadh a chanadh iad leis a’…bha aca na feamainn le gràp a chur a-staigh dhan chlaisidh, agus bhaacur na sùilean gu h-àrd air an talamh ann a shin is a h-uile sgrìob dhfheumadh tugach dàrnacha sgrìob bha sinn acur buntàta ann, ach dhfheumadh tu a h-uile sgrìob, dhfheumadh tu a biathadh airson an fheamainn a tharraing a-staigh dhan chlaisidh, no bhiodh e acur stad air a...air achrann agusan uair sin bhiodh agad...fhios agad nuair a bhiodh  am bùntata dìreach gus tighinn troimhe an uair sin, bha thu ga chliathadh, bhitheamaid ga chliathadh le na h-eich, gus ammarbhadh e cus de na lusan nach robh thu ag iarraidh a bhith afàs gu h-àrd. Is an uair sin bha thu ga thodhaigeadh le crann-thodhaigidh agad is bha thu adol sìos eadar na sgrìoban le beathach eich is bha e gaga, ga dèanamh mar an tuirt iad drills is acur suas aatogail abhuntàta suas ri na barran airson tachdsa a chur ann. Is an uair sin nuair a, nuair a bha thu adol ga thogail as t-fhoghar bhabha, bhiodhtecha robh cus mar an tuirt iad storage aig daoine aig na taighean an uair ud ann agus bhiodh cus buntàta an uair ud shìos air amhachair is bha thu adèanamh mar an tuirt iad sloc-buntàta, an cuala thu guth riamh air sloc-buntàta?

 

EC―20:06: Cha chuala.

 

AM―20:07: Bhiodh iad adèanamh cladhadh mar gum biodh dìreach mar gum biodh, mar gum biodh tu acladhach uaghach, bha thu adèanamh toll square fada mar sineach is bha thu atìodhlacadh abhuntàta ann a shin, ga lìonadh le buntàta is bha thu acur na sgrath thabun os cionn air, air muin abhuntàta an uair sin, is bha thu acur na gainmheach suas air ais tòrr mòr mòr gainmheach suas air a mhuin an uair sin gus an cumadh e an reothadh dheth.

 

EC―20:32: Agus bhiodh e ga chumail?

 

AM―20:34: Is bhiodh e ann a shineach gugu earrach. Agus an t-àm a bhiodh…’s dòcha nam biodh am buntàta aig an taigh afàs gann no atighinn faisg air àm cur abhuntàta, bhathar atogail sin a-rithist agus thabhiodh e cho maths a bha e a-riamh ann a shin agad.

 

EC―20:51: Seo a-nist.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8245