Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Catrìona Nic an t-Saoir (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:05: Catrìona, fàilte an-diugh agus mòran taing airson bruidhinn rinn aig do thaigh fhèin ann an Loch aChàrnain. Am burrainn dhuibh tòiseachadh le dìreach rud beag innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus an teaghlach agus an t-àite far an do rugadh sibh is thogadh sibh?

C[atrìona] N[ic an t-Saoir]―00:05: ’S ann à Baile aGharbhaidh as an Ìochdar a tha mi, ’s ann a rugadh mi aguss ann a chaidh mo thogail, agus bhais mi as sine dhen teaghlach, bhatha còignear san teaghlach againn, aguss e mise as sine. Tha bràthairtriùir bhràithrean agam agus piuthar aguss e…’s e àite math a bhann a bhitha bhith afuireach ann

EC―00:51: ris a bha e coltach a bhith afàs suas ann am Baile aGharbhaidh, an robh tòrran robh tòrr charactaran timcheall ann an…?

CN―00:55: Uill bha, ach bha e car iomallach, cha robh rathad math adol a Bhaile aGharbhaidh an uair ud idir, agus mar sin cha bhiodh mòran atadhal oirnn, ach bha coimhearsnachd math sa bhaile fhèin. Cha robh mòran ann, ach sin mar a bha e, ’s e sin a bha sinn eòlach air, is bha e math.

EC―01:14: Agus am biodh sibh a-muigh air an tràigh tòrr nuair a…?

CN―01:17: Bha sinn acur seachad mòran ùine as achladach, bha cladach cho faisg oirnn, agus bhitheamaid acluich, bhitheamaid acluiche sa chladach, adèanamh baile air an tràigh agus an uair sin afeitheamh gus an tigeadh an làn gus an rachadh am baile againn fodha isbha, bha sinn adèanamh mòran cluich, ach bha sinn trang cuideachd. Bha sinn adèanamh mòran mun cuairt air an taigh is air achruit is

EC―01:41: Bha sibh acumail cruit?

CN―01:42: Bha, bha cruitbha cruit againn.

EC―01:44: An robh crodh agaibh?

CN―01:45: Bha. Bha crodhcrodh agus caoraich againn agus bha sinne acuideachadh, bha a h-uile duine a bha a-staigh acuideachadh. Bha mhart…’s dòcha trì againn uaireannan agus caoraich. Cha robhcha robh na cruitean uabhasach mòr ann am Baile aGharbhaich, cruitean beaga. Agus as t-samhradh, bhiodh na beathaichean adol dhan mhachaire agus bhitheamaid afalbh leotha gach madainn sìos dhan mhachair, machair an Ìochdair, agus an uair sin feasgar adol gan iarraidh a-rithist, aguss e an obair aig achloinn a bha sin. Bha sinn abuain mhònadh ann an Loch aChàrnain, a-staigh air rathad Loch aChàrnain, agus so bha astarbha astar againn ri coiseachd, ’s ann acoiseachd a bha sinn, coiseachd chun na mònadh. Chan eil cuimhnagamsa bhith an sàs ann am buain na mòineadh, ach bhitheamaid atogail is acruthachadh is acruinneachadh is gan toirt chun an rathaid. An toiseachd, ’s ann le làraidh, làraidh Phàdruig Bhig a bhitheamaid gam faighinn dhachaigh, ach aon uair is gun dfhuair mathair tractar bhiodh e atighinn leis an tractar. Ach bha sinn uileadh acuideachadh, agus bhitheamaid gan toirt le poca chun an rathaid agus bha e gu math doirbh.

EC―02:58: Agus a thaobh foghlaim is sgoileadh, an deach sibh dhan sgoil anns an sgìre fhèin?

CN―03:02: Chaidh, chaidh mi dhan sgoil as an Ìochdar, chaidh mi dhan sgoil dìreach nuair a bha mi còig bliadhna, chaidh mi dhan sgoil aig aChàisg, bha mi còig dìreach aig deireadh an Fhaoillich agus chaidh mi dhan sgoil aig aChàisg, agus bha an sgoil gu math trang, ’s dòcha gum biodhchan eil fios amleth-cheud no trì fichead innte an uair sin, chlas agus bhabhitheamaidbha sinn acoiseachd, bha mise acoiseachd leam fhìn an toiseachd agus an uair sin mar a dhfhàs càch nas sine bhitheamaid acoiseachd nar teaghlach. Agus coiseachd eadar Baile aGharbhaidh is an sgoil, gheibheamaid tarsainn na tràghad nuair a bhiodh an làn a-muigh, agus mar bu trice gheibheamaid tarsainn na tràghad sa mhadainn no feasgar. Ach dhfheumamaid a dhol mun cuairt an rathaid aig an àm eile. Agus bhabhabha e math, ach bhiodh, bhiodh droch thìde gu math tric ann, bhitheamaid fliuch is fuar. Bha stòbhas an sgoil, stòbha-guail as an sgoil, agus bhitheamaid aseasamh aig an stòbhgus an tiormaicheamaid.

EC―04:08: Agus, agus cuideachd, can, a thaobh biadh, an robh biadh ga fhaighinn  san sgoil?

CN―04:12: Bha, bha biadhbha biadh as an sgoil nam chuimhne-sa, bha biadh, bha iad air tòiseachadh air dìnnear na sgoileadh.

EC―04:18: Agus bainne as amhadainn cuideachd?

CN―04:19: Bha, bainne cuideachd. Bainne sa mhadainn, agus dìnnear, bha.

EC―04:24: Agus ciamar a chòrd an sgoil riut a thaobh leasain is ionnsachadh, an robh…?

CN―04:29: Chòrdbha mise gu math fortanach, bha achiad dhà thidsear a bhagam, achiad dithis a bha ateagasg, gam theagasg-sa, bha iad fìor mhath. ’S e à Griomasaigh a bhann nuair a chaidh mi dhan sgoil an toiseachd, Miss Nicolson, bhuineadh i do mhuinntir…’eil fhios agad, na daoine aig ...

EC―04:52: An e Anndra, ’s dòcha?

CN―04:53: Anndra, sin e, ’s e, ’s e. Agus bha ise uabhasach laghach, is an uair sin bha Miss MacPherson a phòs am ministear Smith a-rithist

EC―05:05: O, Katie Margaret?

CN―05:06: Siud i Margaret, ’s e, is ise an dàrna tidsear a bhagam. Agus bha mise gu math fortanach, bha iadbha iad gu math laghach. Agus ged nach robh iad acleachdadh Gàidhlig as an sgoil rinn, bha tuigse aca air Gàidhlig, agus mar sinchan eil cuimhnagamsa idir uallach a bhith orm mu dheidhinn a bhith ag èisteachd is ag ionnsachadh ann am Beurla, son tha mi asmaoineachadh gun robh iad cho laghach is cho gasta rinn. Cha robh Beurla agamsa idir nuair a chaidh mi dhan sgoil, agus tha cuimhnam gun robh mi aleughadh ann am Beurla is gun fhios am bha mi aleughadh. Tha cuimhnam a bhith afaighneachd dha mo mhàthair is mi aleughadh mo leabhar-leughaidh aig an taigh agus bha mi asealltainn facal dhi is bha mi ag ràdh rithebha mi ag ràdh rithenight am facal a tha sin?’ is bha i ag ràdh riumsin an oidhche’.

EC―05:52: So bha thu aleughadh gun a bhith atuigsinn, mar gum biodhbha thu dìreach car mechanicalmechanical mar gum biodh?

CN―05:57: ’S e, tha sin ceart. Bha mi air ionnsachadh mar a dhèanainn leughadh, ach cha robh mi atuigsinn a h-uile sian a bha mi aleughadh. Airsons e Gàidhlig, ’s e Gàidhlig a bha sinne abruidhinn fad na h-ùine, ’s e Gàidhlig a bha aig a h-uile duine a bha as abhaile, agus a chionns nach robh mòran atadhal oirnn, bha Gàidhlig aig a h-uile duine a bha sinne afaicinn.

EC―06:16: Agus mar sin, as achlas, cha robh Gàidhlig sam bith?

CN―06:19: Chan eil cuimhnam gun robh, chan eil cuimhnam gun robh. Ach chan eil cuimhnamchan eil cuimhnam uallach sam bith a bhith orm mu dheidhinn a bhith ag ionnsachadh tro Bheurla.

EC―06:28: Agus sin am bun-sgoil, agus thachair an uair sin, an ath-cheum mar gum biodh?

CN―06:33: An uair sin nuair a bha mi bhliadhndeug, a chionns gun robh mi meadhanach math anns an sgoil, chaidh iarraidh orm a dhol a Dhalabrog, agus bfheudar dhomh an taigh fhàgail an uair sin. Agus bha mi as an sgoil ann an Dalabrog airson ceithir bliadhna, dhfhuirich mise ceithir bliadhna ann. Dhfhaodainn a bhith air fàgail às dèidh bhliadhna is a dhol air adhart, ach bha mi airson fuireach ann an Uibhist, so dhfhuirich mise na ceithir bliadhna. Bhaaig...dìreach aig an àm ud, bha O Levels air tòiseachadh agus bha na O Levels aig deireadh acheathraimh bliadhna, ach dhfhaodamaid falbhma bha thu meadhanach math as an sgoil, dhfhaodadh tu falbh aig deireadh an dàrna bliadhna, tha mi asmaointinnfeumaidh gun robh exam air choireigin ann is dhfhaodadh tu falbh, ach thagh mise fuireach airson na ceithir bliadhna, agus mar sin bha mi ceithir bliadhna an sin ann an Dalabrog, agus an uair sin dhfhalbh mi is chaidh mi dhan Ghearasdan. Dhfhaodamaid, a chionns gur h-e Siorrachd Inbhir Nis a bhann, dhfhaodamaid a dhol dhan Ghearasdan no a dhInbhir Nis. Agus thagh mise a dhol dhan Ghearasdan agus rinn mi an bhliadhna mu dheireadh as an sgoil as aGhearasdan.

EC―07:37: Agus an robh sibh afuireach ann an hostel?

CN―07:39: Cha robh. Cha robh mise a-riamh ann an hostel. Nuair a bha minuair a chaidh mi dhan Ghearasdan cha robh àite sa hostel, aguss ann aloidseadh a bha mi. Ach bha mi afuireach aig feadhainn a bhuineadh do Bheinn na Faoghla, Seonaidh Patersons a bhean. Agus

EC―07:58: As aChaol?

CN―07:59: As aChaol.

EC―08:00: An e sintha mitha mi eòlach

CN―08:03: ’S e, sin far an robh mi afuireach airson bhliadhna, aguss e loidseadh fìor mhath a bha sin, is bha e math, bha e math gu dearbh.

EC―08:09: Bha e mar gun robh thu aig an taigh ann an dòigh?

CN―08:10: Uill bha gu dearbh, sons ebha Gàidhlig aca aguss e Gàidhlig a bhathar abruidhinn isbha e math.

EC―08:15: Agus ciamar a bha abhaile Ghearasdan airsonan robh, an robh rudan ann airson òigridh as abhaile agus sineach?

CN―08:20: Uill, chan eil cuimhnagamsa gun robh mòran ùidh agam ann anann ana bhith a-mach…’s e a bhith a-staigh is a bhith aleughadh is a bhithcarrudan mar sin a bfheàrr leam. Bhitheamaid a-mach uaireannan ach chacha robh ro thric. Cha robh airgead againn, cha robh airgead ann airson a dholbha dìreach againnbha dìreach againn na dhèanadh an gnothach dhuinn. Bha thu atoirtcan bha beagan airgid agad is dhfheumadh tu coimhead às a dhèidh a chionns gun robh agad ri faighinn dhachaigh leis, nuair a bhiodh saor-làithean ann, feumaidh tu faighinn dhachaigh.

EC―08:51: Agus a thaobh nan cuspaireanna sgoile, a bfheàrr leat nuair a bha thu anns an sgoil, bha acòrdadh leat?

CN―08:56: Och tha mi asmaointinn gun robh gach rud acòrdadh rium, bhabha e acòrdadh rium a bhith ag ionnsachadh, agus bha leughadh acòrdadh rium gu mòr is bhithinn tric aleughadh, sgeulachdan, dìreach aleughadh rud sam bith a bha ri fhaighinn.

EC―09:12: Agus cuin a chuir thu romhad teagasg a dhèanamh, mar…?

CN―09:14: Tha mitha mi asmaointinn gun robh e car nam bheachd co-dhiù, tha mi asmaointinn gur h-eteagasg a bhaa bha nam bheachd co-dhiù, nam burrainn dhomh. Ach aig an àm, cha robh duine atoirt comhairle ort, cha robh duine afaighneachd dhìot bu toil leat a dhèanamh, bha e dìreachbha daoine asùileachadh ma bha thu car comasach idir, gun rachadh tu air adhart gu rudeigin, agus mar as trice son nighneans e teagasg a bha…’s e teagasg a bhann. Ach bha mise toilichte gu leòr leis an sin, bha mi airson a bhith ateagasg agus chaidh mi dhan cholaiste ann an Glaschu às dèidh na sgoile as aGhearasdan.

EC―09:47: Agus acholaiste a bha sineach?

CN―09:49: Notre Dame. Notre Dame, ann an Dowanhill.

EC―09:52: Bha sibh ann an Dowanhill aig an àm sin.

CN―09:53: Bha. Bha misefhads a bha mise anns ann a ghluais iad a-mach gu Bearsden.

EC―09:58: Seadh.

CN―09:59: So chaidh mise ann ann antrì ficheads a naoi deugtrì ficheads a còig, aguss ann dìreach às a dhèidh sin ghluais iad a-mach gu Bearsden.

EC―10:09: ris a bha e coltach anns acholaiste sin aig an àm, Notre Dame?

CN―10:11: Bha e glè mhath, bhabha e ceart gu leòr. Bha buidheann againne às na h-eileanan ann, thòisich sinn abhliadhna a bha sin còmhladh agus bha sinn eòlach air a chèile, bha sinn air a bhith san sgoil còmhladh is bha sinn eòlach air a chèile, agus bhitheamaid afuireach a-staigh aig an deireadh-sheachdain, bhiodh mòran dhaoine adol dhachaigh a chionns gun robh iadcanbhonà sgìrean às am faigheadh iad dhachaigh.

EC―10:37: Timcheall air Glaschu?

CN―10:37: Timcheall air Glaschu fhèin, ach bha sinne a-staigh gach deireadh-sheachdain ach dìreach aig saor-làithean, agus bhitheamaid adol a-mach an sin, bhitheamaid adol a-mach gu rudan ann an Glaschu.

EC―10:46: Agus bha atachairt aig an àm seo?

CN―10:48: O, bhabha dannsaichean, bha dannsaichean anns aKhingston is dannsaichean ann an Govan is dannsaichean as an Highlanders is concertspictures, pictures.

EC―10:55: Innis dhuinninnis dhuinn beagan mu dheidhinn Highlanders, bidh daoine an-còmhnaidh abruidhinn air an Highlanders, gun e fìor àite a bhann.

CN―11:00: O, ’s fìor àite math a bhann, ’s ebha e dìreach

EC―11:03: bha tachairt ann ma…?

CN―11:04: Dìreach dannsaichean, mòran ceòl, mòran ciùil is dannsaichean is caraidean is dìreach, bha e math, ’s e cur-seachad math a bhann. Ach tha cuimhnam gum bitheamaidbhiodh na dannsaichean car anmoch atòiseachadh agusa chionns nach robh sinne adol a thaighean-seinnse no sian mar sin, nam bitheamaid ag iarraidh a-mach anmoch dhfheumamaid cead fhaighinn airson a dhol a-mach agus bhitheamaid afaighneachd am faodamaid a dhol a-mach aig leth-uair an dèidh deich, agus bhiodh iad asùileachadh gun robh còir againn tighinn dhachaigh aig leth-uair an dèidh deich!

EC―11:37: Agus bha ga ruith?

CN―11:40: S e na mnathan-cràbhaidh.

EC―11:41: Na mnathan-cràbhaidh.

CN―11:41: Aig anaig an àm sin ann anann an Dowanhill. Ach nuair a ghluais sinn gu Bearsden, cha robh…’s e dìreachcha robh à-san agabhail uiread turas leis, agus bha e dìreach mar gum biodh buidheann ga ruith, car de hostel, mar taigh-òsta de rud.

EC―11:57: Tha mi atuigsso bha feum air cead fhaighinn mar gum biodh son

CN―12:00: Dhfheumamaid cead fhaighinn, dhfheumamaid cead fhaighinn son a dhol a-mach. Ach bha iad deònach gu leòr cead a thoirt dhuinn.

EC―12:05: Ceart.

CN―12:06: S e. Ach dìreach gun robhcha robh iad atuigsinn carson a bha mise adol a-mach aig an àm ud a dhoidhche.

EC―12:10: Seo nist. Agus, agus an cùrsa a rinn sibh, an cùrsa a bhann, mar gum biodh?

CN―12:14: Dìreach cùrsa airson teagasg bun-sgoil. ’S e cùrsa trì bliadhna a bhann aig an àm sin. ’S e Dioploma ann an Education tha mi asmaointinn an t-ainm a bhair, aguss e cùrsa trì bliadhna a bhann.

EC―12:27: ris a bha e coltach an cùran e, an e cùrsa tòrr…?

CN―12:20: O bhabha, bha e ceart gu leòr, bha thubha pàirt dheths e teagasg airsons gun robh thu fhèin ag ionnsachadh, agus pàirt dheth ag ionnsachadh dhut mar a theagaisgeadh tu feadhainn eile, òigridh. Agus bha e math, bha e ceart gu leòr.

EC―12:47: Agus nuair a bha thu ann, an robh agad ri dhol a-mach gu sgoiltean anns a’…as abhaile?

CN―12:50: Bha, bha. Bha sinn adol a-mach dhfhaodte thuras no trì tursan sa bhliadhna gach bliadhna gu sgoiltean, agus feumaidh mi a ràdh gun dfhuair mise sin gu math neònach, cha robh mòran tuigse agam air mar a bha foghlam ag obrachadh ann an Glaschu, agus bfheàrr leam cus na sgoilteanna sgoiltean air an dùthaich. Ach abhliadhna mu dheireadh a bha sinn ann, leig iad leinnbha dithis againn à Uibhist, agus leig iad leinn tighinn dha na sgoiltean ann an Uibhist, airson am placement mu dheireadh againn, is bha sin math.

EC―13:25: Bha thubha thu aig an taigh ma-thà, bha

CN―13:27: Bha mi aig an taigh, bha misebha mise as an Ìochdar airson sia seachdainnean.

EC―13:29: Bha thu air ais dhachaigh mar gum biodh.

CN―13:30: Air ais dhachaigh is bha e math.

EC―13:31: Agus ris a bha e coltach tilleadh marmar neach-teagaisg an dèidhs a bhith as an sgoil?

CN―13:34: Bha, bha e gu math neònach nuair abha e gu math neònach, gu h-àraid na seachdainnean a bha sin as an Ìochdar a chionns gun robh mi eòlach air achloinn. Bha iadcha robh iad mòran na bòige, bha mise bliadhna air fhichead an uair sin, is bha achlann as an Ìochdar bhacha robh iad mòrancha robh iad mòran na bòige na mi, agus

EC―13:55: Airson bha àrd-sgoil ann aig an aon àm cuideachd.

CN―13:57: Bha, bha.

EC―13:58: Tha mi atuigsinn.

CN―13:59: Agus, ach bha e math, bha achlann laghach, ’eil fhiosad, bha

EC―14:04: An robh thusa ag obair aig abhun-sgoil a-mhàin, no an robh thu ag obair anns an àrd-sgoil cuideachd?

CN―14:07: Cha robh. Dìreach sa bhun-sgoil, ’s e trèanadh bun-sgoil a rinn mise. Agus an uair sin fhuair mi obair ann an Loch Baghasdail. ’S e Loch Baghasdail achiad obair a bhagam.

EC―14:16: So sin achiad obair a fhuair thu mar thidsear?

CN―14:18: ’S e. Loch Baghasdail.

EC―14:21: Agus an robh agad ri beagan ùine a dhèanamh musmus biodh tu mar gum biodh barrantaichte mar thidsear?

CN―14:25: Chan eil cuimhnam. Chan eil cuimhnam, thatha fios gun robh ach chanchan eil cuimhnam idir tha mi asmaointinn, dìreach bha mi ann is sin e, is dìreach adol air adhart.

EC―14:34: Agus ciamar a thàinig thu gu bhith ann an Loch Baghasdail, an e dìreach gum facthu sanas no an robh iad gad iarraidh, no an tàinig cuideigin…?

CN―14:40: Chacha dfhuair micha dfhuair mi agallamh, chaidh innse dhuinn, bha dithist againnbha dithist againn deiseil agus thuirt iad gun robh obair ann an Cill Donnain is obair ann an Loch Baghasdail agus leis a bu toil a dhol càite? Agus thuirt mo charaid gum bu toil leis a dhol a Chill Donnain is thuirt mise gum biodh Loch Baghasdail ceart gu leòr leamsa. Agus thòisich sinn le chèile.

EC―14:56: Agus bha thu toilichte sin a dhèanamh?

CN―14:57: Bha, gu math toilichte.

EC―14:58: Cha robh miann agads dòcha a bhith afuireach ann am baile eile no…?

CN―15:00: Uillbha mibha mi airson faighinn dhachaigh. Bha mi air falbh bhon taigh cho fada. Dhfhalbh mi às an taigh nuair a bha mi bhliadhna deug agus bha mi dìrbha mi bliadhna air fhichead an uair sin is bha mi dìreach airson tighinn dhachaigh. Agus bha mi air dràibheadh ionnsachadh, agus cheannaich mi càr agus bha mi adol Loch Baghasdail gach latha agus atighinn dhachaigh.

EC―15:26: Às an Ìochdar?

CN―15:27: Às an Ìochdar. Agus bha sin dìreach math fhèin agus bha cuideachdnuair a bhithinn a-staigh air saor-làithean, bhithinn ag obair as abhùthaidh air aChàrnan, bùthbùth…’s e bùth Aonghais Liosaig a bhann an uair sin, agus bhithinn ag obair an sin, agus nuair a thòisich mi ann an Loch Baghasdail chùm an obair sin adol, agus bhithinn atadhal gach feasgar is adèanamh uair an uaireadair. ’S e car de chèilidh a bhann. Agus

EC―15:50: Bha thu ateagasg anns an sgoil agus ag obair anns abhùth?

CN―15:53: An uair sin atighinn dhachaigh. Bhithinn adol a thadhal sa bhùth agus bhithinn adèanamh beagan obrach agus bhithinn adol dhachaigh. Agus bhithinn ag obair aig an deireadh-sheachdain dhaibh, bha, bha iad fosgailte Didòmhnaich aig an àm ud, agus bhithinn adèanamh Didòmhnaich dhaibh, cha robh e fad an latha idir achis bha sin acòrdadh uabhasach math rium, bha dìreach bha miuill bha mi mar pàirt den choimhearsnachd.

EC―16:13: Cha robh cus fois agad ma-thà!

CN―16:14: Bha e math ge-, bha e math! Uill, mura bithinn adèanamh sin dhfheumainn a bhith acuideachadh a-staigh, dhfheumainn a bhith cruitearachd agus bha sinbha sin math. Achbhaeadar-dhealachadh mòr as na bliadhnaichean on aon a dhfhalbh miseuill, on dhfhalbh mi dhan Ghearasdan gus an do thill mi mar thidsear, is cha robh sin ach còig bliadhna, ’s e dìreach còig bliadhna a bha eadar sinon dhfhalbh mi à Dalabrog às an sgoil agus gus an do thill mi a-rithist airson teagasg ann an Loch Baghasdail. Nuair anuair a bha mise ann an Dalabrog, cha robh bus na sgoileadhcha robh bus na sgoile ach atighinn gu Staoinibrig. Agus nam biodh tu ag iarraidh dhachaigh bhitheamaid agabhail bus na sgoile gu Staoinibrig, is bha sinn an uair sin afalbh a choiseachd, aguss dòcha gun tigeadh cuideigin is gum faigheadh tu lioft, ’s dòcha nach tigeadh, is bha sinn dìreach acoiseachd. Is bha an aon rud sa mhadainn Diluain, bhitheamaidbhithinnsafalbh às an taigh anns an Ìochdars dòcha mu shia no beagan an dèidh sia, is acoiseachd a-machuaireannan gheibheadh tu lioftachoch mar bu trice gheibheamaid lioft, air sàilleibh an uair ud bha daoine sam bith a bha air an rathad thogadh iad thu, agus gheibheamaid bus na sgoileadh aig Staoinibrig muchan eil fios am, leth-uair an dèidh ochd no rudeigin, is gheibheamaid dhan sgoil. Dhfhaodamaidgheibheamaid dhachaigh uair sa mhìos mura bitheamaid atighinn dhachaigh a h-uile deireadh-sheachdain. Dhfhaodadh tu tighinn dhachaigh uair sa mhìos. Dhfhaodamaid am bus a bha adol chun na plèanabus na h-airport fhaighinn air feadh an latha Dihaoine, agus bheireadh sin gu ceann rathad an Ìochdair mi. Agus an uair sin dhfhaodainn bus a ghabhail macan meadhan-latha DiDiluain airson a dhol air ais gar tilleadh, tighinn dhachaigh meadhan-latha Dihaoine bha thu ga fhaighinn air ais, meadhan-latha Diluain. Ach chan fhaodadh tu ach sin a dhèanamh mura robh thu atighinn dhachaigh gach deireadh-sheachdain, is bha mise airson tighinn dhachaigh gach deireadh-sheachdain. Is cha, cha robh mi nam aonar, bhabha grunn againn ann agus bhitheamaid dìreachdìreach falbh a choiseachd agus bha siudach sinsin mar a bha e, is an uair sin còig bliadhna às a dhèidhàs dèidh sin, bha càr agamsa agus bha mi gam thoirt fhìn a Loch Baghasdail gach madainn, agus tha e dìreach gu bheilann an dòigh cho faisg air Dalabrog, cha mhòr nach fhaic thu an t-Ìochdar à Dalabrog ach bha e dìreach cho doirbhthais gann gun creid thu gun robh e cho doirbh aig an àm sin dìreach faighinn dhachaigh.

EC―18:44: Thòisich thu ann an Loch Baghasdail agus cho fad’ ’s a bha thu an sin?

CN―18:48: Trì bliadhna. Bha mi trì bliadhna ann agusagus bha dìreach bha obair airsonos e…’s e deagh sgoil a bhann, bha an sgoil gu math mòr an uair sin, bha trìtriùir againn ateagasg ann, am maighstir-sgoile agus dithist thidsearan, agus bhathòisich mise le clas trì is ceithir, ’s e sin achlann a bhagam Loch Baghasdailagus bha an rùm as an robh mi, bha e eadar an sgoil agus antaightaigh acheannaird. Chan eil fhios am a bheil, a bheil thu eòlach air an sgoil, a bheil thu eòlach mar a bha Sgoil Loch Bagha….?

EC―19:21: Tha, tha, tha.

CN―19:23: Cha robhdhfheumadh tu tighinn a-mach airson a dhol dhan rùm a bha seo. Dhfheumadh tu tighinn a-mach às an sgoil son a dhol dhan rùm seo, agus bha mi ann an shin…’s e taigh na tidseir a bha air a bhith ann, sin a bhann, agus bha iad air atharrachadh airson classroom a dhèanamh dheth. Agus bhathug iad àsbha sheòmar ann is bha iad air am balla a bha eadar sheòmar a thoirt às, mar sin, bha àite-teine aig gach ceann dheth. Aguss e teineachanteineachan-guail a bhann, sin an teas a bhann. Agus bhiodh tu atighinn a-staigh sa mhadainn agus nuair a rachainnsa a-staigh bhiodh na teineachan air an togail, ach dhfheumainn fhìn an teine a chumail adol fad an latha.

EC―20:00: Tha fios aig an àm sin gun robh grunn sgoiltean ann an Uibhist, cia mheud sgoil a bhann aig an àm?

CN―20:04: Bha Sgoil Geàrraidh na Mònadh, tha mi asmaointinns dòcha gun robh trì tidsearan ann an Geàrraidh na Mònadh cuideachd. Bhas dòcha trì tidsearan ann an Dalabrog, bha dithist ann an Cill Donnain, StaoinibrigTobha, Gèirinis. Tha mi asmaointinn aig an àm sin gun robh Gèirinis, gun robh Gèirinis air a dhol na àrd-sgoil, ach bha bun-sgoil ann an Tobha.

EC―20:29: Agus an sgìre a bhaig Sgoil Loch Baghasdail, às a bha iad atighinn?

CN―20:00: Dìreach Loch Baghasdail fhèin aguss dòcha na h-Abhainn Cham.

EC―20:35: Sin car nacar na crìochan, agus bhiodh iadbhiodh iad adoladol a Dhalabrog.

CN―20:39: Adol a Dhalabrog, bha. Ach bha feadhainn ataghadh, bha feadhainn à Dalabrog ataghadhtha mi asmaointinn feadhainn a bha air agluasad à Loch Baghasdail a Dhalabrog is bha iad ataghadh fuireach as an sgoil ischan eil mi cinnteach a-nistan robh feadhainn à Loch Baghasdail a bha ataghadh adol a Dhalabrog, achachs e sgoil thrang a bhann, agus bha sin math, agus achaig...nuair a thòisich mise air teagasg, ’s e Fionnlagh MacNèill an...’s e bha os cionn na Gàidhlig airson Siorrachd Inbhir Nis agus bhiodh e atadhal oirnn agusis bha mise adèanamh deagh chuid tro Ghàidhlig leis achloinn an uair sin air sàilleibh bha cha robh Gàidhlig aig a h-uile duine son bha Goill afuireach ann an Loch Baghasdail, ach bha Gàidhlig aig achuid mhòr dhiubh aguss anntha cuimhnam gur ann ann an Gàidhlig a bhithinn abruidhinn ris achloinn.

EC―21:22: Tha sin inntinneach an rud a thuirt thu. An robh diofar eadar, eadar aGhàidhlig ann an Loch Baghasdail agus can Dalabrog no na bailtean eile, an robh…?

CN―21:30: Uill, bha diofar eadar aGhàidhlig ann an Loch Baghasdail agus Gàidhlig muinntir an Ìochdair, bha an t-Ìochdar gu math nas Ghàidhealaiche, agus Gàidhlig air a chleachdadh gu math nas motha na bha ann an Loch Baghasdail.

EC―21:40: A bheil adhbhar ann air a shon?

CN―21:42: Uill, tha mi asmaointinn gur h-edìreach mar a tha Goill atighinn a-staigh a dhfhuireach a dhàite, tha thutha e adèanamhtha e adèanamh dìmeas airair achànan.

EC―21:50: Agus bha taighean-chomhairle...

CN―21:50: Bha taighean-chomhairle ann is bha cuideachd feadhainn a bha ag obair mun ospadal, feadhainn a bha ag obair mun chidhe is…’eil fhiosad bhabha obraichean anns an robh Goill shuas anns an sgìre sin.

EC―22:00: Tha mi cinnteach aig an àm sin gun e àite gu math trang a bhann an Loch Baghasdail is Dalabrog.

CN―22:04: Os e. ’S e àite trang trang a bhann an Loch Baghasdail, bhitheadhtha mi acreidsgu bheil cuimhnagad fhèin nuair a bhiodh an steamer atighinn a-staigh air oidhche Luain is oidhche Chiadain is oidhche Haoine, is bhiodh daoine dìreach agabhail cuairt chun achidhe a choimhead far bha atighinn dhith.

EC―22:17: Bidh fhathast!

CN―22:18: Chan fhaic thu a-nist’, chan fhaic thu! Chanchan fhaic thu tha atighinn far, far abhàta a-nist’. Agus...’s e agusuill, bha a h-uile sianuill chan eil fhios am an robh a h-uile sian, ach bha achuid mhòr de stuth atighinn a-staigh gu Loch Baghasdail. Bhiodh am bàta-carago atighinn a Loch Sgiobard aig an àm ud, agus bha rudan troma is rudan atighinn dha na bùithtean bhiodh sin atighinn Loch Sgiobard, ach bhiodh an t-aran is rudan eile atighinn a Loch Baghasdail dìreach, is bhiodh cuideigin bho na bùithtean adol a choinneamh an arain. O, ’s e àite trang a bhann.

EC―22:52: Tha e coltach. Mar sin, trì bliadhna ann an Loch Baghasdail, an ath-cheum a ghabh sibh an uair sin?

CN―22:57: Chaidh mi dhan Ghearasdan, uill phòs mi is chaidh sinn a dhfhuireach dhan Ghearasdan.

EC―23:01: Phòs sibh fear às an sgìre seo, àà Uibhist?

CN―23:03: Uh-huh. Agus chaidh sinn a dhfhuireach anns aGhearasdan, agus chaidh mi gu sgoil ann a shin, Sgoil Lochyside, agus bha mi ann a shin airson ùine mhòr. Chan eil fios am, ’s dòcha barrachd air fichead bliadhna, ach cha robh mi ag obair fad na h-ùine, bha clann agam is bha mi bliadhnaichean nach robh mi ag obair idir, ach thill mi a dhobairtha triùir chloinne agam agus bha mi bliadhnaichean a-staighach thill mi an uair sin a dhobair agus bha mi ann an Sgoil Lochyside agus bha sin math, bha e dìreach diofrach, ’s e...achs ebha mi eòlach as aGhearasdan a chionns gun robh mi as an sgoil ann, agus bha daoine, bha caraidean agam is bha mi eòlach ann is ...

EC―23:43: Agus ciamar a bha e ateagasg ann an sgoil air tìr-mòr an dèidh a bhith ateagasg ann an sgoilsgoil ann an Uibhist, an robhan robh diofar mòr?

CN―23:50: Bha e ceart gu leòr, uill bha sgoil na bu mhotha agus cha robh agam ach aon chlas. ’S e clas a trì, thòisich mi le clas a trì. Is mar sin, bha achlann aig an aon ìre seach a bhithdiofar ìrean a bhith anns achlas. Ach bha e math.

EC―24:08: Agus bha atachairt aig an àm sin anns aGhearasdan, an e àitean e àm gu math trang a bhann?

CN―24:13: ’S e, ’s e àite trang a bhann an uair sin. Bhabha e trang nuair a bha mise san sgoil ann, bha dìreach am Pulp Mill air tòiseachadh nuair a bha mise as an sgoil ann, is bha iad air mòran de thaighean ùra a thogail, bha iad airbha Baile aChaoil fhèin bha iad air mòran thaighean a thogail ann, agus fhuair sinn fhìn taigh gu math luath nuair a chaidh sinn dhan Ghearasdan, fhuair sinn taigh ann am mìos no sia seachdainnean, agus bha sin math. Bha e doirbhann an sgìrean bha e doirbh taigh fhaighinntaigh comhairle, ach bha e furasta taigh fhaighinn as aGhearasdan, aguss e sin pàirt den adhbhar gun deach sinn an sin. Bha am Pulp Mill air tòiseachadh, is bha mòran de dhaoine air tighinn a-staigh à diofar àiteachan, thàinig mòran de mhuinntir Ghlaschu is sgìrean eile a-staigh, agus aig an àm sin bha mòran às na h-eileanan ann anas aGhearasdan agus as aChaol. Tha cuimhnagamsa aon bhliadhna, tha mi asmaointinn gur h-ebha an nighean as sine agam fhìn bha i anns achlas agam agus bha ficheads a sia as achlas agam, ficheads a sia as achlas. Agus bha trì air fhichead dhiubh aig an robh ceangal air choreigin ris na h-eileanan. Cha mhòr a h-uile duine dhiubh bha ceangal air choreigin aca ris…’s dòcha nacheileanan am pàrantan ach bha ceangal air choreigin, bha càirdean air choireigin aca às na h-eileanan.

EC―25:38: Agus an robh iad afuireach ann an aon àite na h-eileanaich, mar gum biodh, an robh...?

CN―25:41: Cha robh, uill, cha robh, cha robh bha iadbha iad air feadh, bha iad air feadh, feadh an àite. Ach tha mi asmaointinn, air sàilleibhs gur h-e sgoil Chaitligeach anns an robh mise ag obair, bha mòran le ceanglaichean ri Uibhist is ri Barraigh ann. Ach bha iad as aGhearasdan fhèin cuideachd. Bha mo bhràthair Iain bha e fhèin is a bhean is an uair sin achlann aca, is bha à-san afuireach anns aGhearasdan an toiseachd, agus bha esan ag obair aig aPhulp Mill. Bha e cho furasta obair fhaighinn as an sgìre an uair ud, is bha tòrr de dhaoine adol, adol a dhobair ann. Ach fhads a bha sinne ann, thill mòran dhachaigh, ma bha iad afaighinn cothrom air obair an seo, bha iad atilleadh.

EC―26:25: Aguss dòcha gun robh seo fhèin gu math trang aig an àm sin, ’s dòcha le

CN―26:28: Bha, tha mi asmaointinn gun robhbhathar atogail thaighadèanamhadèanamh rathaidean is bha an t-arm, bha mòran obair aig an arm aig an àm, ’s e. Achs e sgìre mhath a bhanns aGhearasdan a bhith afuireach ann, agus bha e furasta clann a thogail ann, is bha thu cho faisg air a h-uile rud.

EC―26:45: Agus a thaobh cèilidhean, an robh rudan ann air an oidhche dhuibh?

CN―26:47: Bha, bha. Bha, bha mòrano bha mòran, mòran chèilidhean is rudan ann, ach bhabha dìreach mòran de Ghàidheil ann, cha robh uair a rachadh tu a-mach nach robh thu abruidhinn Gàidhlig ri cuideigin.

 

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8233