Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Eairdsidh Caimbeul

PM - 0.07: Fàiltort Eairdsidh agus tapadh leat airson bruidhinn rium an-diugh.

EC - 0.10:  ’S e do bheatha.

PM - 0.12:  An toiseach ma-thà, leis thu?

EC - 0.15:  Ceart, uill air taobh mathar niste ,’s e Eairdsidh Chaluim Dhòmhnaill  Chaluim Bhig no Eairdsidh Chaluim Dhòmhnaill Sgeuair, sin a bhair taobh mathar , agus air taobh mo mhàthars e Eairdsidh Chathie Eardsidh Mhòir a thorm, agus thàinig mo sheanair air taobh mo mhàthar à Hogha Gearraidh ann an Uibhist a Tuath, ach fhuair e taigh uaireigin ann am Beinn na Faoghla, bha e acoimhead às dèidh taigh-eaglaise uaireigin, ’s e taigh-coinneimh a bhann agus bha esan acoimhead às a dhèidh, agus mar sin fhuair e taigh ann an Gramasdal, sin mar a bha esan ann am Beinn na Faoghla co-dhiù.

Thàinig mo sheanmhair an taobh eile, tha mi acreidsinn gur ann à Uibhist a Deas a thàinig iadbho.. uair no uaireigin, ach bha iad afuireach ann am Grìminis ann an Beinn na Faoghla an toiseach, teaghlach mòr mòr, agus an uair sin thog e taigh ann am Baile aMhanaich.   

PM - 1.12: Seadh, agus do phàrantan?

EC - 1.14:  Uill, ’s e mathairchaochail e aig aois gu math òg gu -fhortanach ann an tubaist a bha gu mathcha robh e ach ficheads a h-ochd bliadhna a dhaois nuair a chaochail e, agus, achuillmar a bha gu leòr eile, bha e greis bheag anns an armNational Serviceno mar sin agus bha e ag obair a-nulls a-nallphòs e fhèin agus mo mhàthair ann am Peairt. Bha esan ag obair ann an Killin aig andam’  aig an àm sin, agus bha mo mhàthair adèanamhag obair ann am muileannjuteann an Stanley a-mach à Peairt, agus ag obair anns na taighean-òsta ann am Peairt cuideachd, agus thill iad dhachaigh an uair sin le planaichean aca airson rudan a dhèanamh aig an taigh, ach uill, thachair mar a thachair agus sin mar a bha e.

PM - 2.03: Agus càite an deach thu dhan sgoil?

EC - 2.04:  Chaidh mi dhan bhun-sgoil an toiseach ann am Baile aMhanaich ann am Beinn na Faoghla, agus an uair sin fhuair sinnthog mo mhàthairbha sinnrud a bhann, bha sinn ùine afuireach mar gum biodh anns an aon taigh còmhla ri piuthar mathar agus an duine aice agus mo dhà sheanmhair, uile san taigh còmhla mar gum biodh, agus bha mo mhàthair ag iarraidh taigh dhi fhèin gu nàdarra agus bha croit aig an teaghlach ann an Gramasdal, dìreach mu mhìle gu leth à Baile aMhanaich agus thog i taigh an teaghlaich ann an sin.  

PM - 2.40:  Seadh, agus tha mi creidsgun robh gu leòr de charactairean ann an uair sin ann am Beinn na Faoghla, an robh?

EC - 2.46:  Is cinnteach bha an t-àite loma-làn caractaran, aguss e call a thann gu bheil iad abàsachadh mean air mhean, ach tha cuimhneamtha deagh chuimhne agam air daoine gu math coibhneil timcheall oirnn nuair a bha sinn òg, agus daoine a bhiodh atadhal a-staigh oirnn, bha an còmhnaidh feadhainn atadhal a-staigh oirnn, far an robh sinn ann an sin. Air adhbhar air choireigin bhabhiodh tòrr daoine adol air aiss air adharts dòcha bhon bhùthagus cuideachd bha bàr an sineach thall aig campa nan saighdearan, agus bhiodh, dhfhaoidte gum biodh daoine an dèidh drama no dhà a ghabhail, bhiodh iad alandadh againne anns an taigh, so bha iomadach caractar ann. Ach bidh cuimhn’  ’am fhathast air feadhainn mar Anndra Nicolson à Griomasaigh a bhiodh atadhal oirnnuill gu h-àraid aig àm na BliadhnÙire, agus dhfhanadh e làithean mar gum biodh, cha robh eagus, och, daoine eile mar Fearchar Beag agus a bhràthair agus a phiuthar is Niall Ailein. Sin feadhainn a bha air a bhith anns achiad chogadh, tòrr mòrr dhiubh, agus cha bhiodh iad ag innse mòran mu dheidhinn, ach bha iad ann. Tha fhiosam gur e gaisgeach a bhann an Niall, fhuair e bonn son a ghaisgeachd aig àm achogaidh, nuair a chuir e às demachine gunGearmailteach leis fhèin mar gum biodh. Ach cha bhiodh e abruidhinn air leithid sineach, mas math mo chuimhnes e dìreachdìreach bodach coibhneil, socair a bhann.

PM - 4.12:  Agus an e taigh ceòlmhor a bhagaibh?

EC - 4.17:  Cha chanainn gun robh e buileach ceòlmhor san dòigh sin. Bha mathair nach maireann gun teagamh, bha e na phìobaire nuair a bha e san arm, agus bha e cuideachd ag ionnsachadh abhocsa, ach chaochail e mar a thuirt mi. Ach tha mi cinnteach a thaobh ceòl, gur e dìreach a bhith ag èisteachd ris anRadiogrammar gum biodh, is anrecord playeragus ag èisteachd ri Jim Reeves agus na daoine sineach, agus na Charley Prides agus feadhainn mar sineach. Ach chan eil cuimhn’ ’am gun robh mòran seinn no eile adol.

PM - 4.51:  Agus ciamar a bha na làithean-sgoile agad ann am Beinn na Faoghla?

EC - 4.54:  Tha mi asmaoineachadh gun robh iadgun robh mi sona gu leòr son amhòrchuid. Mar a thuirt mi, bha mi achiad ceithir bliadhna ann am Baile aMhanaich, aguss e sgoil iongantach a bhann ann an dòigh, bha measgachadh ann de chlann bho Baile aMhanaich fhèin agus An Àird, na sgìrean timcheall Baile aMhanaich, co-dhiù an taobh an iar, deas dheth. Bha cuideachd clann nan saighdearan anns an sgoil cuideachd mar gum biodh, feadhainn aca air a bhith air feadh an t-saoghail mar gum biodh, feadhainns dòcha gun robh iad sa Ghearmailt mus tàinig iad a dhUibhist, agus mar sin bha cothrom ann a bhith ameasgachadh le clann bho dhiofar shuidheachaidhean, bho diofar saoghal.

PM - 5.35:  Agus ciamar a bha an bhuidheann afaighinn air adhart le chèile?

EC - 5.39:  Chanainnsa gun robhmas math mo chuimhne gun robh gnothaichean ceart gutha mi cinnteach bho àm gu àm gum biodh daoine adol a-mach air a chèile ach bhiodh co-dhiù, ge bith bhiodh ann. Ach chan eil cuimhn’  ’am gun robh aimhreit sam bith eadarainn agus tha cuimhneam a bhith anns na taighean aigaig achlann seo, taighean nam pàrantan, tha cuimhnagamyou know, bhiodh pàrtaidhean air co- breith agus rudan mar sineach. So, tha mi asmaoineachadh gun robh iadgun robh iadtha mi asmaoineachadh aig an àm sin co-dhiù gun robh iad caran dlùth ris achoimhearsnachd. Bhiodh cuideachdbhiodh cuid de na saighdearan bhiodh iadagus cuideachd an fheadhainn anns anAir Forceapòsadh bhoireannaich às an eilean. Phòs piuthar mathar fear a bha anns anAir Forceann am Beinn na Faoghla. So, bha e cumanta sin tachairt.

PM - 6.31:  Agus an uair sin, càite an deach thu dhan àrd-sgoil?

EC - 6.34:  Uill, bha gnothaichean car ùpraideach aig an àm sin, bha sinn dìreach mar gum biodh ag atharrachadh bhon a bhith ann an Comhairle Inbhir Nis gu bhith ann an Comhairle nan Eilean, aguss e am plana a bhagam a dhol dhan Ghearasdan mar a chaidh mo bhràthair, agus bha mi rud beag farmadach nuair nach dfhuair mi cothrom a dhol ann, bhiodh e ag innse stòiridhean dhomh mun Ghearasdan an sin, ach bfheudar dhuinn a dhol dhan sgoil ann an Uibhist fhèin, ‘comprehensive’. Agus cuideachd, tha cuimhne’  ’am cuideachd nuair a chuireadh às den ’11 Plusabhliadhna sin cuideachd, ach, so co-dhiù chaidh mi dhan sgoil an Iochdair ann an Uibhist a Deas bhliadhna, agus an uair sin bfheudar dhuinn taghadh eadar sgoil Dhalabroig no sgoil Cheann aBhàigh airsonO gradesa dhèanamh. Agus an uairsin, nam biodh tu ag iarraidhHighersa dhèanamh bha agad ri dhol a Steòrnabhagh, so sin a rinn mi. Chaidh mi a Steòrnabhagh an dèidh a bhith ann an Ceann aBhàigh

PM - 7.32:  Chuir thu seachad bhliadhna ann an Steòrnabhagh a-rèist.

EC - 7.34:   bhliadhna an Steòrnabhagh, tha sin ceart.

PM - 7.36:  Agus ciamar a chòrd Steòrnabhagh riut?

EC - 7.38:  Feumaidh mi a ràdh gun do chòrd math, bha mi gu math gu math òg aig an àm, is bha e rudeigin diofraichte bhon a bhith an Uibhist, a bhith ann an sgoil mhòr mar sineach. Agus cuideachd sgoil riricuideachd èideadh-sgoile ann cuideachd, cha robh sin againn ann an Uibhist ach ann an Steòrnabhagh bhabhachan e gum feumadh tu an rud, ach dhfhaodadh tu taidh a chur ort agus seacaid spaideil, rudan mar sin. So bha e rud beag annasach san dòigh sin.

PM - 8.03:  Agus an robh beachd agad idir bha thu ag iarraidh a dhèanamh an uair sin?

EC - 8.07:  Tha mi asmaointinn nuair a tha thu nad bhalach òg gu bheil iomadach rudtha thu asmaointinn gum faodadh tu rud sam bith a dhèanamh mar gum biodh, ach tha mi asmaoineachadh gun robhgun robhbha mi ag iarraidh obair le daoine air dòigh air choireigin tha mi asmaoineachadh. Ach bha tòrr rudan air minntinn nuair a bha mi na bòige an sineach, agus thàinigbha beagan ùidh agam cuideachd a bhiths dòcha anns an arm no anAir Force’, rudan mar sin. Tha mi asmaointinn gu bheil balaich co-dhiù adol tro ùine far am bi ùidh aca ann an rudan mar sineach. Is tha cuimhn’ ’am cuideachd gun robh mi anns naCadetssan Airm, agus tha mi cinnteach gum biodh an fheadhainn os ar cionn feuchainn ri ar brosnachadh ann an dòigh gus a dhol dhan Arm. Chanadh iad nach robh, ach tha mi asmaoineachadh gun robh car deagendaaca son a bhith atrusadh shaighdearan cuideachd. Ach, ach bha sin fhèin math…’s e cothrom a bhann faighinn air falbh gu àiteachan eile agus bha mi aig campaichean ann an Sasann, ann an Scarborough, Staffordshire agus Dùn Èideann, sos e cothrom a bhann, agus cuideachd coinneachadh riri gillean bho àiteachan eile, mar Leòdhas,agus Inbhir Nis agus Siorrachd Rois agus mar sin.

PM - 9.14:  Agus an eshotmath a bhannad?

EC - 9.17:   Bha, bha mi glè mhath le gunna feumaidh mi ràdh, bha, bhacar cuimseach le gunna, aidh.

PM - 9.24:  Agus às dèidh dhut an àrd-sgoil fhàgail, an ath-cheum a ghabh thu?

EC - 9.28:  Uill, bha mitha mi acreidsinn gun robhmar a bha gu leòr, cha robh mi buileach cinnteach bha mi ag iarraidh a dhèanamh, ach uill, ag amas ann an dòigh air foghlam àrd-ìre air choireigin a dhèanamh. Sin an coltas a bhann uaireigin co-dhiù. Bha mi den bheachd a dhol dhan oilthigh ach cha dfhuair mi nagradesa bha a dhìth orm, ach bha sanasan airson cùrsaichean anns aphàipear, agus chuir mi a-staigh airson cùrsa ann an obair sòisealtaobair shòisealtaann an colaisteann an Robert Gordons ann an Obar Dheathain, agus chaidh mi sin airson greis co-dhiù.

PM - 10.02:  Agus ciamar a chòrd Obar Dheathain riut?

EC - 10.05:  Tha mi asmaointinn gun do chòrd e glè mhath rium, ’s dòcha gun do chòrd es dòcha rud beag ro mhath uaireannan, ’s dòcha gum faodainn a bhith air barrachd obair a dhèanamh mar gum biodh, bha mi òg agus rud beag gòrach tha mi asmaointinn. Ach, feumaidh mi a ràdh gun do chòrd am baile agus an sgìre glè mhath rium, tha mi fhathast measail air an sgìre timcheall air Obar Dheathain. Chan eil mi ann tric, ach bha mi a-riamh aminigeadh beagan a bharrachd ùine a chur seachadbha mi ann a-bhòn-uiridh son seachdain agus chòrd e rium a bhith timcheall air Portsoy agus na h-aiteachan sin.

PM - 10.39:  Agus às dèidh sin, càite an deach thu? rinn thu?

EC - 10.42:  Uill, cha deach gnothaichean cho math dhomh sa cholaiste, agus chuireadh crìoch air mo chùrsa ann, ach co-dhiùs e buille a bha sins dòcha airson ùine ghoirid, ach chuir mi romham gum faighinn ceum air dòigh air choireigin agus chuir mi a-staigh airson ceum leis anOpen Universitymar a chanas iad, agus obraichean thalls a-bhos agusach cheumnaich mi bhuapasan an ceann bliadhna, no o chionn bhliadhna às dèidh acholaiste fhàgail

PM - 11.11:  Math dha-rìribh, agus an uair sin a rinn thu le do cheum?

EC 11.15:  Uill, mar gum biodhbha mi acoimhead son obair an dèidh dhomh tilleadh dhachaigh agus bha obair adol ag obair le buidheann GàidhligComhairle nan Sgoiltean Àraich’. Dìreach pàirt-ùine a bhann, tha mi asmaoineachadh gun tug e dhomh blas de dhobair le òigridh agus sineach, agus co-dhiù an dèidh mhiòs a bhith ag obair aig an taigh pàirt-ùine, fhuair mi cothrom a dhol a dhobair làn-thìde air tìr-mòr agus uill, bha mi gu math deònach sin a dhèanamh, ’s e deagh chothrom a bhann, agus bha mi ag obair a-mach à Inbhir Nis ach asiubhal air feadh Loch Abair is Àird nam Murchain is Earra Ghàidheil agus na h-eileanan agus cuideachd Glaschu agus cuideachd Siorrachd Tatha cuideachd, sin àiteachan Dùn Deagh is Peairt is Obar Pheallaidh agus mar sin. So, ’s e deagh chothrom a bhann a bhith acur seachad ùine ann an diofar àiteachan. Tha mi cinnteach mura bithinn ag obair cha bhithinn air cothrom fhaighinn a dhol gu àiteachan mar Thiriodh no na h-eileanan a-staigh mar gun canadh iad, is thachair mi ri tòrr dhaoine gu math gasta anns na sgirean an sineach.   

PM - 12.25:  Agus an ann afeuchainn ri sgoiltean-àraich fhaighinn a dhol a bha thu an uair sin?

EC - 12.28:  Sin pàirt den rud mar gum biodh, bha thu afeuchainn ri daoine a bhrosnachadh gu bhith acur sgoiltean-àraich air bhonn, mar gum biodh atoirt taic dhaibh le togail airgead, is dèanamh cinnteach gum biodh iad afaighinn trèanadh agus rudan mar sin, agus dìreach a bhith cinnteach gun robh iad ag obair gu ìre, tha mi acreidsinn. Ach chòrd sin rium gu mòr gu dearbh, agus tha mi toilichte gun tug mi beagan brosnachaidh ann an diofar sgìrean agus an uair sin bhiodh iarrtas ann airson foghlam aig ìre abhun-sgoile, agus tha fhiosam gun do thachair sineach ann an Àird nam Murchain, gun robhgun tàinig pàrantan còmhla an toiseach son cròileagan a chur air bhonn, ach an uair sin bha iarrtas ann airsonairson an ath-cheum mar gum biodh, agus tha mi asmaoineachadh gun robhs dòcha pàirt bheag air choireigin agam ann am pàrantan a thoirt còmhla. Cha robh gnothaichean air a bhith cho soirbheachail anns an sgìre ron sin, agus bha fear gu math làidir brosnachail anns an sgìre, Comhairliche Mìcheal Foxley, Dotair Foxley a bhann, agus bha e gu math làidir a thaobh na Gàidhlig agus bha e ag iarraidh gun bitheamaid adèanamh obair anns an sgìre, agus tha mi asmaoineachadh gun robhbha mi gu math toilichte nuair a fhuair mi pàrantan còmhla, airson bhiodh Mìcheal gad bhruthadh mura biodh!

PM - 13.46: Agus cho fadas a bha thu ris an obair sin?

EC - 13.48:  Bha mi sineach rudeigin timcheall air bhliadhna uile gu lèir, rud beagan is bhliadhna tha mi asmaoineachadh, agus an uair sin thàinig gnothaichean gu crìoch co-dhiù agus chaidh mi dhachaigh an uair sin, cha robhcha robh dùil agam a bhith afuireach a-staigh ach dìreach mar a thachras gun tàinig obair am bàrr, cha robh dùil agam ri fhaighinn ach fhuair mi egun dùil agad ri fhaighinn mar gum biodh. Agus, bha dùil  ’am a-rithists dòcha ùine… ’s dòcha bhliadhna a dhèanamh ach chaidh an ùine seachad agus bha mi ann còrr is deich bliadhna ag obair Ionad Comhairleachaidh no AdviceCitizens Advice Bureauagusach bha sin fhèin, ’s e obair inntinneach a bhann ann an iomadach dòigh, ach gu h-àraid a bhith ag obair le daoine mar gum biodh, bhithinn adol a-mach gu mathwell.. ’s dòcha latha san t-seachdain co-dhiù, bha an latha air a chur air leth son dol a-mach gu daoine nach burrainn tighinnno daoine co-dhiù a chanadh nach burrainn dhaibh tighinn. Tha mi cinnteach gun robh feadhainn anngum biodh iad comasach gu leòr air tighinn co-dhiù, ach cha robh mi cho cruaidh san dòigh sin ach...bha e cuideachd math a bhith afaighinn beaganprofileann an diofar sgìrean co-dhiù, gun a bhith nad shuidhe anns an oifis fad na h-ùine.    

PM - 15.02: Agus an sgìre a bhagada bha thu afrithealadh

EC - 14.04:  Uill, bha e eadar Beàrnaraigh is Èirisgeigh.


PM - 15.08:
Agus bha gu leòr ann a chumadh adol thu ann an sin, an robh?

EC - 15.10:  Bha, bha rudan ann, gu h-àraid rudan mu dheidhinn airgeadcuideachadh son daoine a bhas dòcha ciorramach ann an dòigh sam bith, daoine a bha ann am fiachan, is mar sineach, is dìreach rud sam bith mar gum biodh, bha e gu math farsaing, burrainn dhuinn comhairle a thoirt air rud sam bith mar gum biodh. Bha deagh fhiosrachadh againn, bha siostam againn is bha sinn ga ùrachadh fad, fad na h-ùine is gum biodh e mionaideach agus gum biodh e ceart. Agus cuideachd nam biodh feum aig cuideigin can air taic bho neach-lagha, bha ceangal againn riri sin cuideachd. Dhfhaodamaid cuideigin fhaighinn a-staigh airson am fiosrachadhs dòcha nas mionaidiche agus nas doimhne a thoirt dhaibh. No, nam biodh feum aca a dhol gutribunal’, bha miseuill, rinn mise mi fhìn cùrsa airson riochdachadh dhaoine aigtribunals’, ach airson rudeigin mar cuideigin a chailleadh an dreuchd mar gum biodh, bha sin car mionaideach buileach, agus bha cuideigin againn ann an Dùn Èideann a dhfhaodadh tugheibheadh tu taic bhuapa airson gnothaichean a rèiteachadh. So, bha tòrr obair-rèiteachaidh ann agus feuchainn ri rudan a chur air dòigh airson daoine, ach uill cuideachd, bha thu gu math faiceallach nach canadh tu rudbha e gu math…’s e seirbheis dìomhair priòbhaideach a bhann mar gum biodh, cha robh math dhut innse thigeadh thugad. Agus, so bha sin fhèin, bha e rud beag inntinneach is annasach isach bha feum agam air faighinn air falbh uaireigin, agus bha mi ag amas air falbh co-dhiù, agus thàinig cothrom airson rudeigin ùr a dhèanamh mar gum biodh, agus chaidh mi dhan oilthigh nam oileanach aosta airson cùrsa Gàidhlig a dhèanamh. Bha mi fad ùine mhòr adèanamh clasaichean-oidhche agus rudan mar sineach agus bha sin acòrdadh rium. Bha mi asmaoineachadh gum biodh e mathsaoil am bi cothrom an seo a dhèanamham barrachd ga dhèanamh mar gum biodh, agus sin mar a bhasin am plana a bhagam co-dhiù.

PM - 17.17: Is càite an deach thu?

EC - 17.19:  Chaidh miuill, a Ghlaschu. Bha mi ag iarraidh an chuid, bha mi ag iarraidh cuideachd rudeigin ùr a dhèanamh, cuideachd chaochail mo mhàthair le aillse cuideachd, agus bha sin gu math trom oirnn uileadh. Agusthagur e cothrom, dìreach cothrom faighinn air falbh greis son cuideachd faighinn seachad air sineach agus bha mi asmaoineachadh gum biodh e math faighinn gu baile mòr airson dreis co-dhiù.

PM - 17.40:  Agus tha thu an sàs a-nis ann an teagasg Gàidhlig, nach eil?

EC - 17.43:  Tha mi adèanamh tha mi acreidsinn amhòrchuid de mo bheòshlainte ateagasg, amhòrchuid air-loidhne agus air Skype le daoine afuireach air feadh an t-saoghail, ag obair le buidheannAtlantic Gaelic’…tha iad, uill, tha iad atighinn còmhla ris acholaiste Ceap Breatainn, tha  bhuidheann atighinn còmhla agus tha mi cinnteach gum bi amasan aca anns an ùine a tha ri tighinn. Agus tha mi adèanamh clasaichean cuideachd le daoinedaoine prìobhaideach ann an diofardiofarair feadh an t-saoghail, Astràilia, is an Eadailt is aGhearmailt. So, bidh mi atòiseachadh mo sheachdain gu math tràth madainn Diluain lele dithis faisg air Hanover. Agus tha iadsan uair air thoiseach oirnne, so feumaidh mi a bhith air mo chois gu math tràth son a bhithach, ach tha e math gu leòr nuair a tha mi atòiseachadh, ach dìreach a bhith asmaoineachadhoh murtclas aig cairteal gu ochd sa mhadainn, tha mi dìreach adùsgadh aig an àm sin. Ach tha e acòrdadh rium, agus tha e cuideachd atoirt orm a bhith, a bhith adèanamh beagan rannsachaidh air rudan a tha atachairt ann an diofar phàirtean den t-saoghail. Bidh mi acumail sùil air tachartasan sa Ghearmailt a thaobh na poileataigs an sineach sons gum biyou knowgum bi cuspairean-còmhraidh againn leis na daoine sin às An Eadailt agus às Na Stàitean agus mar sin.  

PM - 19.01: Mar sin tha an obair acòrdadh riut, agus an cum thu adol leatha?

EC - 19.04: Uill, tha mi asmaoineachadh gu bheil an coltas ann gu bheil e cunbhalach co-dhiù isach tha e acòrdadh rium gun teagamh. Tha na clasaichean car fad leis an AGA, ach tha iad adol seachad, an àm sin. Agus tha e atoirt dhomh cothrom a bhith afuireach ann an Uibhist cuideachd, agus chan eiloffice politicsann nuair a tha thu ag obair leat fhèin bhon taigh!

PM - 19.26: Chan eil thu airson a bhith ag argamaid leat fhèin co-dhiù!

EC - 19.29: Uill, cha bu toil leam sin a dhèanamh idir, cha bu toil, cha bu toil.

PM - 19.32: Agus tapadh leat Eairdsidh, agus acoimhead air ais air Beinn na Faoghla mar a bha, agus mar a tha e an-diugh, an diofar as motha a tha thu afaicinn anns an eilean?

EC - 19.43: Tha mi asmaoineachadh gu bheil barrachd airgid adol mun cuairt na bhann nuair a mise na bòige co-dhiù. ’s dòchatha mi asmaointinnbha Uibhist gu math beòthail uaireigin is mise nam ghille òg. Bha tòrr atachairt a thaobh cosnaidhean. Bha iad, uill, bha an t-armagus tha an t-arm ann fhathast gu ìre ann an Uibhist, ach bha iadtràth anns na seachdadan bha iad atogail thaighean airson nan saighdearan agus an teaghlaichean, so bha, bha an t-àite carboomingmar gum biodh. Bha daoine atighinn far aphlèana a h-uile latha agus atòiseachadh. Bhiodh feadhainn atighinn is afalbh air an ath-phlèanachanadh iadCàite bheil an taigh-seinnse as fhaisge? Oh, còig mile, right, tha mi afalbh!’. Ach, air a shon sineach bha an t-àite gu math gu math trang, atogail campa an airm agus na taighean dham biodh na teaghlaichean afuireach. Tha mi cinnteach gun robh, uaireigin gun robhs dòcha ochd ceud saighdear agus an teaghlaichean ann an Uibhist. Bha iad sa h-uile àite. Agus a bharrachd air an fheadhainn a bha ann, uill bhiodh iad afaighinnposting bhliadhna mar as àbhaist, ach bhiodh cuideachd feadhainn eile atighinn a-staigh son a bhith alosgadh rocaidean aig diofar amannan, no car devisiting unitsmar a chanas iadmar a chanadh iad leotha, so bha an t-àite gu math gu math trang le saighdearan agusAir Force’. Bha iadann an dòigh bha iad caran ariaghladh an àite ann an dòigh. Sin aona rud tha mi asmaoineachadh gun robhgun robhrudeigin mun arm, bha iad asmaoineachadh gun robh iadbha iad laghach, tha mi asmaointinn amhòrchuid den fheadhainnde na saighdearan àbhaisteach, ach bha na h-oifigearan asmaoineachadh gur e car de, car degovernorsa bhannta mar gum biodh, you know rud beagcolonialmu dheidhinn aghnothaich mar gum biodh. Bhiodh iad adol mun cuairt ann an càraichean, is you know, bratach beag dearg air achar an sineach, agus bha iad asmaointinn gun robh a h-uile duine anns an arm fhios agad, gun robh, gun robh cumhachd aca air daoine. Agus bha ann an dòigh, son bha tòrr, bha tòrr ag obair aig an arm uaireigin, mar gum biodh. So, bha e cumhachdach, achyeahbha rudeigin, rudeigin, bha iadbha tòrr acrochadh air an arm aig aon àm mar gum biodh. Nam biodh tu ag iarraidh a dhol dhan gym no rudeigin, uill bha gym aig an arm, ach dhfheumadh tu cead fhaighinn bhuapasan son a dhol ann mar gum biodh, so bha gnothaichean mar gum biodh air natermsacasan, mar gum biodh. Ach yeah, bha iadyeah, sin agadbha iadtha mi asmaoineachadh anns an fharsaingeachd gun robh iad feumail dhan àite gun teagamh, ach tha iad air falbh a-niste gu ìre mhòr, chan eil ann ach glè bheag dhiubh; tha companaidh prìobhaideach adèanamh amhòrchuid den obair, Qinetiq ainm achompanaidh aguss e iadsan a tha aruith raon nan rocaidean an-diugh. Ach yeah, bha rudeigin mun arm mar gum biodh, bha thu afaireachdainn gun robhgun robh iad rudeigin car ariaghladh an àite mar gum biodh, noaidh.   

PM - 22.30:  Agus a bheil saighdearan idir air fhàgail ann an Beinn na Faoghla?

EC - 22.33: Tha glè glèglè glè bheag anns an latha an-diugh, chan fhaic…’s gann gum faic thu, ’s gann gum faic thu saighdear an-diugh. Bho àm gu àm thig iad, ach bidh iad afalbh, cha bhi iad fada ann co-dhiù. So, tha mi asmaointinn gu bheiltha mi taingeil anns an latha an-diugh gu bheil goireasan againn fhìn, gu bheil, gu bheil an sgoil ùr againn mar gum biodh, agus goireasan spòrs againn agus a h-uile rud aig achoimhearsnachd fhèin, mar gum biodh. Chan fheum thu a bhith an taing duine sam bith eile, tha na goireasan againn fhìn airson, son cur-seachadan agus rudan. Tha cuimhn’ ’am aon latha, dìreach mar eiseimpleir, tha cuimhn’ ’am gun robh, gun robh rèis aig an arm, bha iad adèanamhhalf-marathonair feasgar Dihaoine, agus bfheudar dhan trafaig stad anns an rathad son gum biodh iadsan aruith. Bha saighdear, thog e a làmhright, stad’…bha sinn dìreachbha obair againn ri dhèanamh an sineach, ach bfheudar dhuinn dìreach stad far an robh sinn, gus an robh an rèis aca seachad tha atachairt an seo? tha os cionn seo mar gum biodh, agus..? Bha mi dìreachcarson, carson a tha cumhachd aca airson a bhith gar stad air an rathad son gu bheil iadsan ag iarraidh a bhith aruith air feasgar Dihaoine? Math gu leòrs dòcha mun a’ ‘weekendno mar sin, ach…’s e rudan beaga mar sineach uaireannan, bhachuireadh e beagan

PM - 23.48: Ach mar bu trice cha robh droch fhaireachdainn eadar muinntir an àite agus na saighdearan.

EC - 23.53: Cha robh, cha robh.

PM - 23.55:  Agus mu dheidhinn suidheachadh na Gàidhlig Eairdsidh? A bheil thu afaicinn diofar eadar na thann de Ghàidhlig a-nis ann am Beinn na Faoghla agus na bhann dhith nuair a bha thu fhèin afàs suas?

EC - 24.04: Uill, feumaidh mi a ràdh, a bhith fìrinneach nuair a bha mise òg cha robh, mise tha mi an aois a tha mi, ach cha robh tòrr Gàidhlig ri chluinntinn gu h-àraid ann am Baile aMhanaich, far an robh sinn afuireach, timcheall oirnn agus anns an sgoil. Ach, ann an Tòrlum, chaidh sinn gu sgoil eile nuair a ghluais sinn, agus bha cus a bharrachd Gàidhlig ri chluinntinn ann an Tòrlum.  Tha mi asmaoineachadh gu bheiluill, tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an sgoil Bhaile aMhanaich, abhun-sgoil, agus tha mi asmaoineachadh gu bheil na h-àireamhan glè fhallain, cho fads as aithne dhomh, gu bheil co-dhiù, gu bheil, gu bheil deagh chuibhreann de chloinn adol ann. Agus tha mi cuideachd acuideachadh aig aMhòd a h-uile bliadhna mar bhritheamh, agus feumaidh mi a ràdh gu bheil achlann adèanamh fìor mhath ann am Baile aMhanaich, tha iad afaighinn tòrr de na duaisean sin, sos e sgoil gu math beòthail, air a deagh ruith a thann am Baile aMhanaich, agus tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig chanainnsa reusanta fallain anns an sgoil sin. Uill, sin an aon bhun-sgoil cuideachd ann am Beinn na Faoghla, thabàbhaists dòcha còig no sia a bhith ann, ach an-diugh chan eil ann ach aon bhun-sgoil. s urrainn dhomh a ràdh mun Ghàidhlig ma-thà? Tha mi asmaoineachadh gu bheil e acrochadh gu mòr air gach teaghlach mar gum biodh, aguss dòcha gum biodh e math a bhith nam chuileag air abhalla, feuch tha atachairt am broinn na dachaigh, mar gum biodh. So, sin dhomhsa co-dhiù an t-àite as cudromaiche airson cànan, faodaidh tuuill, faodaidh an sgoil cuid den obair a dhèanamh, ach tha mi asmaoineachadh aig acheann thall gur ann an dachaigh mar gum biodh an t-àiteis tha a h-uile dachaigh diofraichte tha mi asmaoineachadh. Ach, tha mi toilichte leis abhun-sgoil ann am Baile aMhanaich agus air feadh Uibhist cuideachd, mar gum biodh. Tha feadhainn ataghadhach bfheàrr leam gun robh barrachd ataghadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig airson an cuid chloinne. Sodealbh mheasgaichte, tha mi asmaointinn.

PM - 26.14: Seadh, uill, tapadh leat dha-rìribh airson tighinn a bhruidhinn rium an-diugh Eairdsidh, agus bha e gu math inntinneach dhomhsa a bhith ag èisteachd riut. Beatha gu math inntinneach air a bhith agad, agus às bith thu, gur math thèid leat!

EC - 26.25: Mòran taing a Phàdruig.

 

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseGuthan nan Eilean

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7628