Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tòmas MacDhòmhnaill (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:04: Mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh, am burrainn dhut beagan innse dhuinn mu dheidhinn às a tha thu agus beagan mun teaghlach agaibh cuideachd?

T[omaidh] M[acDhòmhnaill]―00:15: Tha, uill, tha mi à Uibhist a Deas ach, thacha chreid mi gu bheil duine dha nadha na daoine againnthaadol air ais à Uibhist a Deas, ’s ann à Beinn na Faoghla a thàinig na Dòmhnallaich dom buin mi an toiseach, agus tha deagh sheansas dòcha gun tàinig à-san a-null às an Eilean Sgitheanach, agus roimhe sins dòcha gun robh iad ann an Gleann Garaidh, sin cho fads a mi a-mach. Is tha e coltach gur h-e grùdairean a bhannt’, is tha an t-ainm sin air a bhith aleantail as an teaghlach o chionn ginealach no dhà is mar sin, sin nasin na grùdairean. Bhiodh iad adèanamhbhiodh iad adèanamh leann, ’s ann adìreach a bhiodh iad adèanamh uisge-beatha -laghail cuideachd aig àm air choreigin.

EC―01:10: Agus bha bùth aig dathair, nach robh? Bha e gu math ainmeil ann an Uibhist.

TM―01:13: Bha, bha bùth aige ann anann an Tobha Mòr. Thabha bùth aig athair, Ailein Mòr, ann an Dalabrog agus thanuair a phòs mathair, thòisich esan bùth bhos ann anann an Tobha Mòr, so thabha, bha bùth aige agus bhiodh abhan aige adol air feadh, feadh an eileinna h-eileananUibhist a Deas agus Beinn na Faoghla.

EC―01:43: Agus bhiodh tu fhèin air abhan, nach robh, nuair a bha thu nad dhuine òg?

TM―01:47: Nuair a dhfhàg mise an sgoil thàinig mi dhachaigh agus chuir sinn bhan eile air an rathad, agus aig an àm sin bhabha cabhsair a-null dhan Cheann a Tuath an uair sin, so bhithinnsa adèanamh an Ceann a Deas, Beinn na Faoghla agus Eilean Ghriomasaigh. Bhithinn ann an Griomasaigh ... uair san t-seachdain, air Dimàirt agus Dihaoine bhithinn adol a Ghriomasaigh, is Diluain bhithinn aig Deas, adèanamh suas toiseach aige, Gleann Dails Cille Bhrìghdes Geàrraidh na Mònadh.

EC―02:27: Agus bhithear areic as abhan, am biodh a h-uile rud a bhiodh as abhùth as abhan cuideachd mar gum biodh, nono an robh diofar, diofar sam bith ann?

TM―02:35: Cha mhòr, cha mhòr nach biodh. Bhiodh, bhiodh mathairbha esan, bhiodh ebha miann aige air a bhith areic mar a chanas iad hardware. Thagnothaichean air feum aig a h-uile duine ach, thamar a bha gnothaichean ag obrachadh a-mach dhomhsa, ’s e biadh bu mhotha a bhabha mi areic, bhithinnsa afalbh na bu tràithes e na…’s e na boireannaich is na cailleachan a bhiodh aig taigh, ’s e biadh is groceries bu mhotha a bhithinnsa areic.

EC―03:19: Agus dhèirich dha na bhanaichean? An robhan robh riaghailtean atighinn a-mach nach burrainn daoine rudan a reic annta, no an e dìreach gu bheil càraichean aig amhòr-chuid an-diugh? ... mar gum biodh a chuir...a chuir às dhaibh?

TM―03:32: Uill, tha mi cinnteachnuair a...nuair a thòisich mise bha mi... bha deagh chuid de na seann daoine cha robh càraichean aca is cha robh e furasta dhaibh faighinn a bhùithtean, agus bha iad an urra leis na bhanaichean a bha atighinn mun cuairt airson a h-uilea h-uile sian fhaighinn. Ach an uair sin mar a, mar a bha gnothaichean atighinn air an aghaidh, is daoine òga a bhacàraichean afàs nas bitheanta is bhiodhmu dheireadh bhiodh càr...bhiodh càr aig a h-uile taigh cha mhòr is bhiodhbha e na bu shaoire a dhol dha na bùithtean eile, o chionns thaadol mun cuairt le...le bhan mu chosgais aig bhan is adol mun cuairt leis, bhacha burrainn dhut an stuth areic aig an aonaig an aon phrìs.

EC―04:20: Bha diofar phrìs eadar stuth as abhùth agus stuth as abhan.

TM―04:24: Aidh, dhfheumadh tu na cosgaisean aig abhan a thoirt a-staigh a bharrachd...a bharrachd air na phàigheadh air an diofar air an dol mun cuairt leatha. So, tha aye, beag air bheag chaidh nachaidh na bhanaicheanchaidh iadstad iad.

EC―04:43: ’S e call a thann nach e ann an dòigh, bha sibh afàsbha daoine eòlach orra, nach robh?

TM―04:48: Oh, bha, bha daoine eòlach orra bha, bha is bhiodhgu math tric bhiodh abhan dhfhaodte mun cuairt bhiodh etha mi dìreach caran coltach ris a...coltach ris aphost, cuid de...cuid de sheann daoine…’s eis dòcha an aon duine a chitheadh iad fad an latha isthagu math tric dhfheumainn a dhol a-staigh a thaighean aguss dòcha bulb-solais ùr a chur a-staigh dhaibh nothabha mi, bha mi uabhasach trang nuair a chaidh na radios gu VHF, bhais thòisich aGhàidhligbhabha tòrr de na seann daoine cha robh iad ag amas air anair an stèisean air an radio, sothagnothaichean mar sin.

EC―05:37: Tha sin math. Is a thaobh foghlaim agus sineach, an robh thu as an sgoil anns an sgìre seo fhèin, no an deach thu dhan sgoil?

TM―05:46: Chaidh mi dhan sgoil dìreach ann a sheo far...far a bheil sinn nar suidhe an-dràsta, nuair a bha i na, na sgoil bheag seo, rud beag a bha seo agus na clasaichean a h-aon gu, gu ceithir tha mi asmaointinn, nono trì, agus an tidsear a bhagainns e bean Thormoid Eòghainn, agus bhabhiodh i na suidhe anns an oisean ann a shin agus bha stòbhbheag ann cuideachd. Uair san t-seachdain bhiodh...bhiodh ise adol gubhiodh bhan aChoop astad aig an sgoil is bhiodh ise adolafaighinn na messages aice ann a shin, so, an uair sin na clasaichean bu shine a bha iad sna rùman eadarso bha mi ann a shin gus an robh mi aona bliadhna deug agus an uair sin chaidh mi a Dhalabrog.

EC―06:44: Agus an robh thu afuireach shuas an Dalabrog nuair a bha thu as an sgoil, an robh thu ann an loidseadh shuas an sineach no an robh thu atilleadh gach latha?

TM―06:51: Uill, bha piuthar mathar, Ceiteag, afuireach an Dalabrog is gu math tric bhithinn afuireach shuas an sin, ach bha, bha bus atighinn a-nuas cho fada le Staoinebrig, agus thauaireannan gheibhinnsa dhachaigh na bu trice na feadhainn eile a bha ann an loidseadh shuas aig deas, maragus bha mi a-staigh aig thaaidh, aig deireadh-sheachdain co-dhiù, aidh.

EC―07:29: Agus an uair sin rinn thu an dèidh sineach, an robh thu air falbh às an sgoil?

TM―07:34: Bha mi ann an...ann an Inbhir Nis airson bhliadhna agus thanuair a bha an bhliadhna suas an sin, thacha robh, cha robh fhios am bha mi airson a dhèanamh, so cha, cha do rinn mi ach tighinn dhachaigh. Fhuair mi licence dràibheadh fhads a bha mi ann an Inbhir Nis, so thàinig mi dhachaigh is mar sin, bha bhan eile air an rathad is bha mi adol mun cuairt areic, ach sin, sin acha do rinn mi feum mòr dhan fhoghlam a bha sin tha mi cinnteach, ach siudsin a bha mi airson a dhèanamh aig an àm, bha mi gu math faighinn dhachaigh, thaagus tha mi air a bhith an seo on uair sin.

EC―08:30: An robh tòrr à Uibhist còmhla riut ann an Inbhir Nis nuair a bha thu ann?

TM―08:32: Cha robh an t-uabhas mar sin idir, cha robhcha chreid mi gun robh duine ann à Uibhist a Deas. Bhabha duine no dhà ann às Griomasaigh is an Ceann a Tuath, ach cha bhithinn acha bhithinn afaicinn an t-uabhas dhiubh, bha mise ann anbha mise ann an loidseadh agus bhabha na gillean eile a bha sin, bha iad anns a’…bha iad sa hostel, ’s dòcha chithinnsa orra san sgoil ach, chan fhaicinn mòran dhiubh air an, air an fheasgar ann, a bharrachd air anuair a bha sinn adeanamh ar rathad air ais às an sgoil feasgar.

EC―09:13: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn. Is nuair a bha thu fhèin òg, na cosnaidhean a bhiodh aig muinntir an àite seo, ciamar a bhiodh daoine adèanamh beò-shlaintdhaibh fhèin?

TM―09:24: Ahan ann nuair a bha mi adol mun cuairt leis abhan?

EC―09:32: Uill dìreachdìreach nuair a bha thu afàs suas nad bhalach òg, an robhan robh daoine ag obair mun an range, ’s dòcha no an e croitearachd a bhaca, no an robh diofar…?

TM―09:40: Tha mi dìreach abha achuid as motha aig an robh deagh, deagh obairs ann ag obair aig an range, obair ceàird is sin. Bha, bha cus a bharrachd dhaoine as abhaile an uair sin a bha ri croitearachd sobhiodhaidh nanabhiodh iadcaoraich aca is crodh, is bhiodh iad ag obrachadh an fhearainn is abuan mhòine, is bhabha gnothaichean gu mathgu math trang, ach, ach cuid mhòr dheth sin air falbh a-nist. Chan eil fhiosam an robh mòran de, de dhobraichean eile, dìreach nadìreach mar a tha e an-dràsta, na companies bheaga, agus daoine a bha nan nursaichean is nan dotairean is mar sin air aghaidh.

EC―10:37: Agus mu dheidhinn cur-seachadan nuair a bha thu òg, an robh thuan robh ùidh agad ann an rud sam bith, am biodh tu acluiche spòrs nono beagan ùine a bharrachd, aguss dòcha nach biodh cus ùine agad leis a h-uile rud achan robh rudan ann a bha acòrdadh leat?

TM―10:53: Cha robh. Cha robh, cha robh mòran ùine againn mar sin, bhiodhmach air amach air abhan agus uaireannan, uaireannans dòcha gum biodh e aon uair deug a dhoidhche ma faigheadh tu air ais dhachaigh. Cha robh, cha robh an t-uabhas thaùine ann airson gnothaicheangnothaichean, gnothaichean eile a dhèanamh. Bha dìreach…’s ebha an obair atoirt suas cha mhòr a h-uile mionaid dha...dha do bheatha, ach aidh, ma dhfhaodte airsons dòcha Disathairne, oh, uill, bhithinn a-mach air abhan Disathairne cuideachd, Didòmhnaich nuair a gheibheadh sinn sìos...sìos dhan chladach no falbh air cuairt a dhàiteigin.

EC―11:44: Is a bharrachd air ag obair as abhùth, bha thu ag obair aigan robh thu ag obair aig companaidh bradain cuideachd, son…?

TM: Bha. Aidh, rinn mi còig bliadhna air adol mun cuairt leis abhan, agus an uair sin thòisich mi air obair abhradain, is bha...bha i dìreach atòiseachadh aig an, aig an am sin, bha midìreach achiad hatchery a bhann an Uibhist a bhaig Mingearaidh far an robh an t-seann mhuileann agus bha na cèidsichean airson na...na bradain fhàs as amhuir ann an...ann an Loch aChàrnain, so cha robh...cha robh ann ach, cha robh ann ach chan eil fhios am, mu deich no dusan cèidsno mar sin an toiseach, so tha, tha an gnothach air fàs gu mòr às an sin, is bha mi, bha mi còig bliadhna fichead ag obair aig obair abhradain gus an tàinig gnothaichean guthathathug iad an obair a bha mise adèanamh, thug iad echuir iad, chuir iad a-mach gu companaidh eile e, sothamar sineach, bha mise deiseil airaig obair abhradain an uair sin.

EC―13:13: Seadh dìreach. Agus tha thu, tha thu an sàs ann an tòrr rudan, tha fhios am gu bheil thu adèanamh iomadach rud letoirt daoine a-mach air chuairtean, ag innse stòiridhean, ag obair le coimpiutairean is sineach. Ciamar a dhionnsaich thu na sgilean a thagad a thaobh, a thaobh sineach, agus is coimpiutaireachd is a h-uile rud? An dfhuair thu trèanadh sam bith no an e dìreach rud a thog thu, thu fhèin, mar gum biodh?

TM―13:37: Cha robh, cha robh an còrr agamcha robh an còrr agam air ach ionnsachadh nuair a bha mi aig aaig afish farmtharinn iad suas as aan fheadhainn a bhair tìr-mòr rinn iad suas gum feumadh sinna thaan stoc a bhagainn uileadh gun robhar ga chur air, air coimpiutair. Bha mise an uair sinaig an àm sin bha mi ag obair san stòr acumail a h-uilegnothaichean a bhiodh feumach air bho latha gu latha, agus rinn iad suas gun robh seo ri dhol air coimpiutair, so fhuair mi cuireadh a dhol abha an oifis ann an Clydebank an uair sin, cha chreid mi. So, dhfhalbh mi a-mach le bhan agus fhuair mi latha ionnsachadh air computers, ’s e an t-seann fhear a bhann an uair sin, cha robh, cha robh Windows adol an uair sin ann, dhfheumadh tu nathu fhèin na commands uile a ghabhail a-staigh, agus fhuair mi aon latha sealltainn dhomh mar a dhobraicheadh an siostam a bha seo is an uair sintha siud a-mach à seo is air ais dhachaigh’, so cha robh agam achdìreach achuid abfheàrr a dhèanamh dheth, so aidh, ghabh mi, ghabh mi ùidh ann an obair achoimpiutair gun teagamh, is thòisich mi air leughadh suas mu dheidhinns aaidh bha e acòrdadh rium a bhith ag obair air.

EC―15:09: Is, is bidh thu gan càradh cuideachd, nach bi?

TM―15:12: Aidh, bhiodh, bha, bhathathàinig e guthàinig e gu ìre far an robh sinn feum...gun robh mise feumach air coimpiutairean ùr airson, airson obair, ach cha robh iad airson an t-airgead a chosg, so thathòisich mi air ceannach na bìdeagan a dhfheumainn beag air bheag, agus an uair sin chuir mi fhìn fear ùr na chèile is thacha robh sian a dhfhor aca gun robh fear, gun robh fear ùr agamsa. O bha e caran cealgach, achs e an aon dòigh a bhann air an gnothach a dhèanamh.

EC―15:21: Ciamar a bha e ag obair air do cheann fhèin, an dèidh a bhith ag obair ùine mhòr aig companaidh, an robh e doirbh an toiseach no…?

TM―15:57: Bha, bha mi air mo chlisgeadh an toiseach an dèidhs dhomh a bhith còig bliadhna fichead afalbh às an seo, afalbh dhan aon obair, ach tha, thabha mi, bha mi afaighinn obraichean beaga thall is a-bhos, cha robh, cha robh mi nam thàmh idir idir, bha...bha obair computers bha mi, bha iadrud sam bith a thigeadh nam rathad, bha mi greis apostachd nam biodh daoine dheth is ag obair ann abha scheme shìos an Lionacleit an sin, OFTTI, a bha ag obair còmhla le daoine a bha feumach air cuideachadh, agus bhithinn a...bhithinn aseasamh a-staigh an sin an-dràstas a-rithist agus thatreis ag obair air a’…bàta a bhaira bha aig an range airson dol a-mach a thogail na plèanaichean beaga, na targaidean nan leigeadh iad, nan leigeadh iad a-nuas, nan leigeadh iad a-nuas sa mhuir iad. Bha mi adèanamh bliadhna siud, bhaach bha, an dèidhs dhomh a bhith adèanamh an aon rud airson còig bliadhna fichead, an uair sin na bliadhnaichean mu dheireadh tha mi airtha mi adèanamh an t-uabhas diofar ghnothaichean. Tha mi cuideachd ag obair air càradh, càradh bhicycles is acur, atoirt bicycles a-mach air iasad de dhaoine airsonson siubhal tro na h-eileanan is chuirinn, chuirinn bicycles dhaibh an Èirisgeigh is dhfhàgadh iad an Leòdhas iad. Bha mi adèanamh sin, bha mi adèanamh sin suas gun a...gun an-uiridh, tha daoine eile ga dhèanamh a-nis. Agus, aidh, an uair sin thòisich obair nam busaichean, adèanamhdaoine ag iarraidh tour guides iss ann caran an aghaidh mo thoil e. Thòisich mi air an sin ach

EC―18:10: ...so as coireach, nach... nach robh tighinn riut, mar gum biodh?

TM―18:16: ’S e Kennag shuas an rathad an seo, ’s ibhiodh ise adèanamh nam busaicheanthana, na guide, agus bha i ag obair, bha i ag obair sa cholaiste air, air làitheanagus o, gabh mo leisgeulthacorra latha nam biodh tour ann bha iaidh, aon latha thàinig i thugam is dhfhaighnich i an seasainn a-staigh air a shon is cha robh mi air a shon idir idir, is thuirt ioh, bheir mi dhut an stuth a dhfheumas tuis

EC―18:48: Is a-niste tha thu ga dhèanamh cho nàdarras a thann! Tha e dìreach furasta, cho furasta dhut tha mi acreidsinn.

TM―18:52: Sin agad e, aidh, achiad latha bha mi dìreach air mo chlisgeadh, bha, bha.

EC―18:58: A bheil e rud beag -nadarras dòcha a bhith aseasamh aig, aig toiseach abhus agus bruidhinn gunle do chùl le daoine, no a bheil thu afaireachdainn cofhurtail a bhith, a bhith ga dhèanamh a-nist, a bheil e afàs nas fhasa?

TM―19:09: A-nistes toil leam ga dhèanamh, aidh thauill…’s toil leam an cothrom innse dha na daoine a h-uile sian mun, mun àite seo fhèin agus gu h-àraid mun, mun achultair againn, o chionns thatha mi asmaointinn gu bheil tòrr dhan fheadhainn Ghallta, tha beachd uile gu lèir eadar-dhealaichte aca air beatha san àite seo bho latha gu latha, so...

EC―19:45: Ciamar a tha thu acumail suas air, air a h-uile fiosrachaidh airson a bhithson dhfhaodadh daoine a bhith afaighneachd ceistean tha mi acreidsinn air cuspair sam bith, nach biodh? Am bi iad afaighneachd ceistean dhoirbh uaireannan, no…?

TM―19:56: Aidh, bidh iad afaighneachd ceistean gu math neònach uaireannan gun teagamh achaidh, tro, tro na bliadhnaichean tha mi air a bhith acruinneachadh fiosrachadh is stuth is tha e uileadh agam air notepad beag a-nis, is rudgnothaichean nach eil, gnothaichean nach eil agam nam cheann mar is trice, thig agam air coimhead suas is freagairt a thoirt, thoirt dhaibh martha, aidh, daoine à, daoine à Alba, às an dùthaich seo is às na, na bailtean, tha à-san, tha fhios aca mar a tha gnothaichean is tha iad furasta gu leòr, ach daoine às acheann eile dhan dùthaich, gu h-àraid dhaoine às na, às na bailtean mòra, thatha iad asmaointinn gum faodadh daoine a bhith gu math fada air ais an seo fhathast. Bidh iad afaighneachd a bheil uisge sna taighean, is a bheil dealan againn agus cùin a fhuair sinn rathaidean, rathaidean teàrr, isaon duine afaighneachd dhomh , a bhios atachairt do dhaoine an seo nuair a bhios iad abàsachadh, isbha mi afaighneachd dha bha e aminigeadh is bha e aràdhUill, chan eil dotairean agaibh is chan eil, chan eil thaundertakers an sin…’ is thuirt miseUill, tha idirtha feadhainn dhiubh air a h-uile eilean, so bidh, aidh bidh thu afaighinn ceistean neònach mar sin ann.

EC―21:36: Achs e rud math a thann nach e, ’s e obair inntinneach a thann nach e, am measg diofar dhaoine is…?

TM―21:39: Oh, ’s e aidhs e, aidhs e, och aidh.

EC―21:43: Agus an robh, an robh duine, an robh duine ainmeil a-riamh an seo? An robh thu a-riamh atoirt duine ainmeil timcheall an eilein, no airson fiosrachadh fhaighinn is eòlas air an àite, no…?

TM―21:55: Chan aithne dhomh gun robh. Cha chreid mi gun robh.

EC―22:01: Prionnsa no rìgh no cuideigin no leithid sin no…?

TM―22:04: Cha chreidno, cha robh. Thaagus no, no, cuideachd tha, tha,..thòisich mi air obaircoimhead às dèidh obair sloinnearachd an sin is thathòisich mi adèanamh achraobh agam fhìn an dèidhs nuair a bhàsaich mathair, agus thòisich sin afàs nas motha is nas motha is a-nist thabidh, bidh daoine tighinn afaighneachd mu...mu...mu ghnothaichean a dhèanamh le obair teaghlaichean.

EC―22:48: Tha iad atighinn bho iomadach àite tha mi acreidsinn, am bi iad afaighneachd dhut…?

TM―22:51: Bithidh, bithidh. Aidh, is bidh, bidh achuid mhòr aca, bidh iad fhèin air an rannsachadh mòr a dhèanamh mun tàinig iad, is tha fhios aca tha iad acoimhead air a shon. Ach, uaireannan bidh duine no dhà ann, thathàinig duine às na Stàitean aguss e duine ionnsaichte àà fear dha na h-oilthighean a bhann, agus bha e aràdh gun tàinig a shinn-sheanair às na h-eileanan agus gun e, gur h-e John MacDonald a bhair is saoil an robh tuairmse sam bith agam bhann. Thathabhaaidh, cha robh e dìreachesan air rannsachadh sam bith sam bith a dhèanamh, so tha cuid de dhaoine ann nach dìreachnach urrainn dhut sian a dhèanamh dhaibh, gun tòiseachadh aig an toiseach is ùine mhòr a chur seachad. Aidh, bhathabha mi adol tron leabhraichean aig IainJohn Francis Campbell, na West Highland Tales, agus as an treas leabhar bha, bha e abruidhinn air de na sgeulachdan a bha e air a thogail, agus bha e a ràdhchuala mi an sgeul seo aig cuideiginaig boireannach eile cuideachd’; bha, bha e ann am Poll aCharra ann an 1860 agus bha e aràdh gun robhgun do thachair e air abhoireannach a bha seo, boireannach caol, falt dubh is sùilean glas agus bha i dìreach air tighinn ààs achùirt ann an Loch nam Madadh. Bha i air a dìteadh airson a bhith areic uisge-beatha -laghail agus thaa-rithist, chuala e am boireannach seo aseinn as a...as achidsin is chaidh e sìos agus bha i ann a shin na suidhe le leanabh beag is aseinn dha, agus bhaas na faclan aige fhèin, bha tribe de nighnean as achidsin cuideachd, uileadh le falt fada dubh, agus iad uileadh mun cuairt air an teine is an làmhan mun cuairt air a chèile is cas-rùisgte. Agus tha, feumaidh gun tug am boireannach dha athaan sgeulachd dha, coltach leis an a bha...a chuireadh e dhan leabhar. Agus bha, bha e follaiseach gun do rinn enuair a chuir e seo san leabhar gun robh egun do chòrdthamar a bha an suidheachadh a bha seo leis, agus bha, bha mi fhìn asmaointinn tha, oh, bhiodh e inntinneach fhaighinn a-mach an teaghlach a bha seo, agus dìreacho chionns bhiodh acensus ann, ann am bliadhna às a dhèidh sin 1861, bhiodh ebhiodh e...gheibheadh tu a-mach bha ann an Poll aCharra an uair sin is bha mi air tìr-mòr, bha mi ann an Glaschu, is chaidh mi dhan Mhitchell Library agus bha iad uabhasach cuideachail an sin, is thug iad dhomh na census, is bha, bha iad gan cur air na machines a tha sin far a bheil iad aruith air ais is air aghaidh, agus bha mi, bha mi asmaointinn ged a bhiodh e furasta gu leòr Poll aCharra fhaighinn, ach ged a bhithinnsa siud fhathast, bha, bha film ann cha robh e uabhasach math agus tha mi asmaointinn na pàipearan a bha aca le na dealbhan no dhà leotha, cha robh iad math san toiseach is bha, bha e doirbh a leughadh agus dhfhàilig e orm, thug mi suas agus thàinig mi dhachaigh. Agus an uair sin bha mi asmaointinn oh gheibh mi e anns na leabhar naCroft Histories’, gheibh mi a-mach bhann’, ach bha mi asmaointinn feumaidh mi a bhith caran cùramach, ’eil fhios agad, dhinnseas tu mu dheidhinn seo o chionns dòcha nach biodh daoine uabhasach toilichte nan innseadh tu dhaibh gun robh cuideigin de na daoine a bha iad càirdeach dhaibh, gun robh iad air an dìteadh airson a bhith areic uisge-beatha -laghail. So, ach bidh thuchoimhead mi suas as na Croft Histories agus theab mi dìreach, theab mi dìreach tuiteam, ’s e mo shinn-shinn-sheanmhair fhìn am boireannach a bha seo leis aghruaig dhubh is na sùilean glasa, agus de na nigheanan beaga a bha sin, bha ochdnar, ochdnar chloinne aca, so sin agad an tribe of girls a bha John Francis Campbell abruidhinn mu dheidhinn. So, bhiodh de na nighnean beag a bha sin aig trì bliadhna dhaois, sin agad mo shinn, mo shinn-sheanmhair, phòs i mo shinn-sheanair Dòmhnall Dòmhnallach a bha à Beinn na Faoghla, so sin agad stòiridh bheag mu namu na daoine dhan bheil sinn càirdeach. ’S e Camshrònaich a bhannta sin, ’s e Camshrònaich uile, bha Poll aCharra gu math

EC―28:50: ’S e ainm carancaran annasach airson Uibhist a thann an Camshron? às a thàinig e saoil nadan ann à..?

TM―28:57: Thàinig esantha mi asmaointinn gun tàinig e ann à Barraigh an toiseach, agus aig aon àm bha bùth aige ann an Togh ann a sheo, agus an uair sin fhuair efhuair e, fhuair e Poll aCharra, agus tha mi asmaointinn às deaghaidh dedhfhalbh iad à Poll aCharra gun robh an Càrnan aca, an taigh-òsta.

EC―29:17: Taigh-òsta aChàrnain?

TM―29:18: Aidh, aidh, ’s eagusthachan eil fhios am a bheil ceangal sam bith eadar am boireannach seo a bhith areic uisge-beatha -laghail agus an teaghlach agamsa a bha uaireigin ga dhèanamhso chan eil fhios an ann, an anns dòcha mar sin a thàinig iad còmhla.

EC―29:44: Beagan, beagan co-obrachaidh mar a chanas iad.

TM―22:51: Biodh, aidh.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7853