Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Hughena NicDhòmhnaill (2)

EC―00:05:…Agus an canadh tu gun robh àite mòr aig creideamh is tu afàs suas, an e rud mòr a bhann anns an dachaigh agus anns achoimhearsnachd cuideachd, mar gum biodh?

HM―00:13: ’S e. As an, as an teaghlach agamsas e creideamh uabhasach cudromach a bhann agus bha sinnbha sinn adol gu èisteachd oidhche Shathairne agus bha sinn adol gu aifreann Didòmhnaich. Agus chum sinn sin suassuas, suas, suas, suas fada nam bheatha is thog mi achlann san aon dòigh. Tha mi air a bhith caran leisg am bliadhna, gu h-àraid eadar an obair ùr is tòrr de rudan diofraichte a tha mi adèanamh. Agusach chan fhàg do chreideamh thu gu bràth, agus mura robh mo chreideamh air a bhith agam nuair a chaill mi an duine agam, chan eil fhios am bha air a bhith agam, agus fhathast, tha na nighnean fhathast tha an creideamh aca làidir.

EC―01:02: Tha iad, tha iad dàn dhan eaglais fhathast.

HM―01:03: Tha, oh tha. Chan eil, chan eil sinne astad a bhith ag ùrnaigh latha no oidhche, ach dìreach mar a bha mi ag ràdh tha mi air a bhith caran leisg adol dhan eaglais na làithean a tha seo. Ach on a dhfheumas mi adol ann bidh mi adol ann.

EC―01:17: Bithidh, cinnteach gu bheil, agus a bheila bheil, a bheil cuimhnagad air mar gum biodh làithean fèille is rudan mar sineach. A bheil cuimhnagad air rudan sam bith tachairt air, air làithean sa bhliadhna caryou know Latha Fhèill Mìcheil is rudanam biodh sibh, am biodh sibh adèanamh sruthan no dad sam bith aig, aig an taigh no an robh rud sam bith atachairt? No Oichche Challainn, Hogmanay, an robh, an robh rud sam bith…?

H―01:37: Chauill, chan eil cuimhnagamsa ach nuair a bhiodh iad atoirt gual a-staigh no fàd-mòine agus drama nuair a thigeadh an uair seachad air meadhan-oidhche. Agus tha cuimhnam biodh a h-uile sian air a, air a dhèanamh dreiste gu snog, agus bhiodh tu asuidhe aig an teilidh no ag innse stòiridhean is rudan beaga mar sineach, ach ann an dòigh mar a, mar a tha gnothaicheantha an saoghal air fàs cho, cho cliobhar agus cho diofrach.

EC―02:13: Seadh, agus ciamar a tha e afàs diofrach, , tha air atharrachadh bhon a bha thusas dòcha nad nighean bheag mar gum biodh? A bheila bheil thu afaicinn atharraichean mòra?

HM―02:21: Uill, an diofar a tha mise afaicinn, chan eil daoine atighinn gun an doras acoiseachd a-staigh agus ag ràdh tha adol? Is a bheil sinn…’, och uill, chan eil an leithid de dhaoine adol gu mòine, is chan eil, ’eil fhios agadtha tòrrtha e diofrach dhomhsa nam, nam bhoireannach cuideachd. ’S dòcha nam biodh an duine agam a-staigh fhathast, bhiodh daoine atighinn a-staigh mar ghnothach achruit, gnothach bheathaicheaneil thu atuigsinn, buain a-muigheil fhios agad, adol sìos gu na machair is treabhadh is gnothaichean is bhiodh iad atighinn a-staigh, bhiodh nàbaidhean atighinn a-staigh airson…’s dòcha gu bheil e diofrach dhomh...dhomhsa air sàilleibh tha mi leam fhìn, ach tha cuimhnam nuair a bha mi beag cha robh latha ann nach robh cuideigin atighinn a-staigh a dhfhaicinn Dadaidh, is Dadaidh adol a dhfhaicinn fear eile is bhiodh iad ashareadh fhios agad an tractar is adol a gheàrradh amhòine, buain amhòine, ga thoirt dhachaigh agus bha, bha rudeigin adol fad an t-siubhail iscuideigin eile adol seachad is thacha do rinn e sin ach stad, air sàilleibh bha, bha an t-astar cho fada is cha robh ann ach an t-seann drochaid aig an àm, so stadadh iad son cupa is an ath-thriop a dheigheadh iad seachadtapadh leat son an an triop mu dheireadh a bha mi a-bhos, seo agad iasg dhut’, rudan beaga mar sineach.

EC―03:31: Agus an robh sibh acumail crodh sam bith no stoc, caoraich?

HM―03:34: Bha, bha crodh an toiseach aig mathair, ach cha robh mo mhàth...mathair acumail cho math agus bha caoraich aca, is tha cuimhn’ ’am a bhith adol sìos chun achladach còmhla ri mathair is mo mhàthair airson an toirt dhachaigh, fhios agad nuair a leigeadh iad sìos chun achladach is dhfheumadh tu a dhol sìos is an toirt dhachaigh is rudan beaga mar sineach. Ach…’s e

EC―03:55: Bha sibh ann an àite gu math brèagha, nach robh? Ri...dìreach ri...ri...ri taobh na...ri taobh achladaich.

HM―04:01: Bhiodh sinn adol sìos a dhiarraidh srùbain.

EC―04:03: Bha mi dìreach adol a dhfhaighneachd sin dhut, am biodh, am biodh tu atogail shrùbain is maorach, faochagan is…?

HM―04:08: Bhiodh sinn adèanamh siudach fad an t-samhraidh, is nuair a bha thu ag èirigh sa mhadainn mura robh sgoil ann bha thu air achladach fadan latha, is mura robh thu air achladach bha thu a-muigh air achruit leth-rùisgte, is bha thu coma bha gad fhaicinn, cha robh duine gad fhaicinn, bha thubha sibh toilichte.

EC―04:22: Bha do shaorsa agad.

HM―04:24: Bha.

EC―04:26: Agus am biodh sibh areic na faochagan no dìreach gan, gan ithe?

HM―04:28: Bhiodh sinn gan ithe sinn fhìn, ach bha bodach a bhiodh atoirt dhuinn sgillinnean is bha sinnOh tha tòrr mòr sgillinn agam son a dhol is a dhiarraidh shuiteis bho bhùth MacKintosh, ach tha mi asmaointinn an rud a bha esan a bha e adèanamh, bha e ga...gan cur am broinn baga.

EC―04:44: Agus gan reic, tha mi acreidsinn.

HM―04:45: Gan reic agus bha esan, bha esan adèanamh an t-airgead.

EC―04:47: Adèanamh not no dhà.

HM―04:50: ’S e esan a bha adèanamh an t-airgead. ’S e sinne a bha adèanamh an obair, ’s e esan a bha adèanamh an t-airgead. Cha robh sinne afaighinn ach sgillinn suiteis.

EC―04:54: Seadh, cibhean.

HM―04:55: Cibhean, aidh.

EC―04:58: Son tha deagh phrìs orra nach eil, air, air an fhaochag, anns an latha…?

HM―05:01: Tha iad ag ràdh, tha iad ag ràdh gu bheil, ach tha, thacuideachd tha mi asmaointinn gu bheil tòrr obair-pàipearachd na lùib cuideachd, licensing.

EC―05:09: Tha mi asmaointinn gu bheil iad afàs rud, rud beag nas mionaidiche, ’s dòcha, aidh. Agus an dòigh as fheàrr am bruich ma tha thu gan, gan ithe, airson…?

HM―05:18: Uill, chan ithinn faochag an-diugh nan toireadh tu dhomh e air truinnsear o Gordon Ramsay. Thabhiodh tu dìreach gam bruich agus an uair sin bha mar gum biodhchan eil fhios am cia...ciamar a chanadh tu esùil, bha sùil air.

EC―05:32: Tha cuimhnam a bhith, a bhith gan ithe mi fhìn agus gu dearbh, gu dearbh cha

HM―05:35: Na can an còrr. So, bheireadh tu, bheireadh tu às an t-sùil le aphrìne.

EC―05:41: Prìne, seadh.

HM―05:42: An uair sin bha thu ga scoopadh a-mach agus bha thu ga ithe, agus bha thu asmaointinn dìreach gun e rud brèagha a bhann nuair a thàinig e às achladach.

EC―05:50: Cha rachainn na chòir an-diugh mi fhìn.

HM―05:51: Tha cuimhnagamsa nuair a bha sinn beag, cuideachd bhithinn adol a thogail na srùbain còmhla ri a-rithist càirdean às an Ìochdar.

EC―05:56: ’S e latha mòr a bhann, nach e?

HM―05:57: ’S e, ’s e. Agus bhiodh na fir ann, agus bha feadhainn de na fìr agus dhèanadh iad an gnothach air an srùban a chur còmhladh, agus a dhèanamh mar siudach is dhfhosgladh e, agus amh sìos an amhaich. Agus och, och biodh mo phiuthar ann latha agus rinn i mar sin is rinn i mar siudochdhfhalbh i is spùt i a-mach e. Ach an rud a bhiodh iad adèanamh, bhiodh tu gan toirt dhachaigh agus bha thu gan goil gus am fosgladh iad.

EC―06:25: Tha cuimhn’ ’am air sin mi fhìn.

HM―06:26: Agus an uair sin bha thu ga strèanadh mus toireadh tu a-mach às an slige e, ’s dòcha gun toireadh tu às

EC―06:30: ’S dòcha gun biodh gainmheach ann.

HM―06:32: Sin agad thu. Agus an uair sin dhfhaodadh tu an ithe mar a bha iad, dhfhaodadh tu an ithe le lof is ìm, no dhfhaodadh tu an cur air afrying pan. Ìm, garlic, agus a-rithist nuair a bha mi sa cholaiste dhith sinn iad aon oidhche le garlic is lof is ìm agus oh bha iad sgoinneil. Uill, bha am boireannach a bha mi afuireach còmhla ris bha i bochd airson trì seachdainnean, agus bha mise bochd airson latha, agus chuir iad dheth sinn. Tha sinn asmaointinn gun robh rudeigingun robh, gun robh iad rudeigin airgun robh iad dheth no rudeigin, chan eil fhios am. Cha do dhfhairich sinn sian nuair a bha sinn gan ithe, ach bha sinn uabhasach fhèin bochd.

EC―07:11: Am biodh fios agaibhs dòcha nam biodh iad dheth?

HM―07:12: Dìreach, ach chan eil fhios am bhann a dhfhàg bochd sinn. Agus mar sin, tha mise uabhasach ma dhfhàgas rudeigin bochd mi, tha mi uabhasach fhèin eagalach airson a dhol air ais agus ithe a-rithist.

EC―07:24: nach biodh?

HM―07:25: Aidh, cuir...cuiridh e dheth thu. Agus muirsgean cuideachd, bha iad doi...doirbh fhaighinn, ach a-rithist bha e uabhasachcha robh annta ach rubber. Chan eil mise math air iasgaich ann, cha dearg mi iasgaich ann.

EC―07:39: Tha mi asmaointinn gum feumadh thu am bruich gu math, gu math luath tha mi asmaointinn, agus

HM―07:42: Uisge teth cliobhar.

EC―07:43: Rudeigin mar sineach, aidh, ach cha do ghabh mise a-riamh iad mi fhìn.

HM―07:47: Cha toirinn taing sam bith dhut air a shon. Tha cuimhnam turas dhfhàg am fear a bha seothachthàinig e chun an doras agus dhfhàg e poca ìnean-chrùbagain is bha mo pheathraichean asuidhe air aair athaaig an dìnnear, agus bha iad asuidhe gu h-àrd agus bha iad ga fosgladh is le forc isOh Dhia tha iad sgoinneil tha iad ainmeilis bha a-san, can gun robh à-san sia-deug is naoidh-deug no rudeigin, is bha mise can ceithir-deug isDhia ma tha iad cho math sin feumaidh mise a ghabhailis dhfheuch mi, chaidh mi mar seodhfhalbh e a-mach às mo bheul cho cliobhars a chaidh e ann. Dìreach chacha tigeadh e sìos idir, dìreach chan eil, chan eil stamag agam airson iasg. Ghabhainn cnogan tuna is tòrr salad cream agus mayonnaise.

EC―08:34: Math gu leòr ach chan eil thu, chan eil thu dèidheil. ’S dòcha gun e rudeigin

HM―08:36: Fhios agad, ’s dòcha dìreachchan eil fhios am an e blas a thann, no dìreach nach toil an stamag agam e, fhios agad.

EC―08:47: Tha feadhainn ann mar sineach le iasg gun teagamh.

HM―08:50: Bha mi, bha mi cho mionnaichte gun robh e aca cho math, air sàilleibh is gun robh e acòrdadh leotha, ach mar a tha mi ag ràdh thàinig e a-mach às mo bheul cho cliobhars a chaidh e ann.

EC―08:59: Agus mu dheidhinn rudan mar fuine, ’s eam biodh, am biodh sibh afuine nuair a bha sibh òg is…?

HM―09:03: Bhiodh, bhiodh, bhiodh. Bhithinn adèanamh tòrr dheth sineach, is air an oidhches dòcha chanadh Dadaidh riumA bheil thu airson scones a dhèanamh?’ is uaireannan eile dhèanainn pancakes, panagan is nuair a bha achlann beag bhithinn gan dèanamh cuideachd. Tha mi air a bhith cho leisg tha, tha…’s fhada on uair sin a rinn mitha e cheart cho furasta a dhol dhan Cho-operate is an ceannach. Is tha gu leòr, tha gu leòr a bhios gan dèanamh is bheir iad dhut iad nad, nad phreasant. Bhithinnbhithinn adèanamh bèiceaireachd san sgoil, sgoil an Ìochdair a-rithist, agus bha e acòrdadh leat a bhith ag ionnsachadh is biadh sam bith, nuair a tha thu òg, tha innteas agad ann.

EC―09:45: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh.

HM―09:46: Ach mar sin fhèin, mar a bha mi ag ràdh bhithinn adèanamh panagan is bhithinn adèanamh scones, aidh. Fuine.

EC―09:56: Uill, ’s e, ’s e beatha gu math slàn a bha agad tha mi asmaointinn afàs suas co-dhiù. Cha robhcha robh mionaid agad tha mi asmaoineachadh son a bhith nad thàmh.

HM―10:04: Bha thubha thu coma aca, fhios agad cha robh dragh sam bith ort, fhios agad bha thumar a bha thu ag ràdh, bha thubha daoine a-mach is a-staigh fad an t-siubhail, bha rudeigin adol anns an sgoil fad an t-siubhail mar Mòd no rudeigin, fhios agad. Bha thu adol gu naclubs na h-òigridh, bha sin ann anns an eaglais shìos ann am Beinn na Faoghla.

EC―10:30: Tha cuimhnam air an sin, tha cuimhnam air taghta math.

HM―10:32: Bhiodh tu adol ann uair san t-seachdain, is ged a bhiodh tu cho bochd ri cha robh, cha robh thu son call a-mach, ged a bhiodh tu grod leis an fhuachd no rudeigin.

EC―10:40: Agus mu dheidhinn nuair a bha thu beagan na bu shine, am biodh tu adol dhandhan dannsaichean ann am Baile aMhanaich noam biodh na rudan sòisealta atachairt mar gum biodh, airsonairsonairson boireannach òg adolag iarraidh a dhol a-mach is sineach

HM―10:51: Uill, cha robhachuid as motha na dannsaichean a bhagainne, air sàilleibh a-rithist aig an aois aig an robh sinn, còig-deug, sia-deug, cha robh achuid as motha de na teaghlaichean airson gun tigeadh tu a-mach gu na dannsaichean mòra.

EC―11:08: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn. Bhiodhbhiodh aois, bhiodh aois ann son dol a-mach, ’s dòcha, ’s dòcha seachd bliadhndeug no ochd bliadhndeug an uair sin, ach

HM―11:16: Ach aig, aig an aois còig bliadhndeug, sia bliadhndeugs e an fheadhainn sgoile a bha iad adèanamh, agus bha iad uabhasach math. Bha, bha, bha, bha sinn uileadh adol air abhus, uileadh adannsa, agus rud mòr a bhann, dhfheumadh dress diofrach a bhith ort, dhfheumadh tu a bhith leòmach is a h-uile rud a bhann. Agus an uair sin thigeadh tu dhan sgoil madainn DiluainOooh, ciamar a chòrd siud leat, is ciamar a chòrd seo leat, is am faca tu bhoirrse is bhairsan is…’

EC―11:42: Beagan farpais adol.

HM―01:43: Shin agad thu. Is an uair sin bha mi aig seachd-deug bha mi aglanadh glainneachan air cùl abhàir san Eilean Dorcha, agus bhiodh tu afaicinn bha adol, fhios agad bainnsean is rudan beaga mar sineach, ach cha robh thu idir na lùib.

EC―12:00: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn.

HM―12:01: Agus an uair sin nuair a bha thu 18 bha dannsaichean shìos ann am Baile aMhanaich anns an gym mus do dhùin e. Discos mar a chanadh iad. Fear no dhà bha mi aige, ach bha mise airtarraing, tarraing an uair sin a Steòrnabhagh, agus a-rithists e clubaichean-òigridh bha mi adol gu, acluiche pool is snooker is rudan beaga mar sineach air an oidhche ann an Steòrnabhagh. Thafeumaidh nach efeumaidh nach e nach e boireannach air an oidhche a bhannam idir! Ach bha gu leòr adol. Bhiodh dannsaichean shuas ann am Bòrnais. A-rithist, airson an aois againne, cha robh math dhut a bhith seachad air ochd-deug agus cha robh math dhut a bhith nas òige na ceithir-deug. So, ’s ann

EC―12:50: ’S ann airson an fheadhainn anns amheadhan mar gum biodh, seadh dìreach.

HM―12:52: ’S e, ceithir-deug gu seachd-deug. Agus, ’eil fhios agad, bha iad faiceallach nach robh obair deoch làidir, smocadh is gnothaichean mar sineach ann. So, bha siudbhabeatha sìmplidh a bhann, agus bha e math agus bha e snog.

EC―13:08: Tha e coltach gu bheil, tha a coltas ann, a-rèir coltais, seadh. Agus thàinig an teaghlach co-dhiù, agus tha fios am gu bheil sibh uile gu math làidir cuideachd a thaobh na Gàidhlig. Tha, tha cuimhnam a bhith gur faicinn as abhùth, agus thu abruidhinn riutha anns aGhàidhlig air ais is air adhart agus, agus atrod uaireannan an uair sin, ach bha, bha car debha sibh gu math, gu math dàn dhan Ghàidhlig tha mi asmaoineachadh anns an teaghlach.

HM―13:32: Bha. An toiseachd nuair a bha mi trom leis achiad Jessie Anne, bha mi ag ràdhCiamar a tha mise adol a dhionnsachadh Gàidhlig dhi’, bha mi afaireachdainn cho luideach. Nam mhàthair airson achiad turas, bha, bha leithid agam ri ionnsachadh, ach nuair a rugadh i cha robh mi abruidhinn ach an rud a bha mi abruidhinn. Agus an uair sin bha e cho èibhinn, ’s e aGhàidhlig a bhaice, ’s e aGhàidhlig a bhaig a h-athair is an uair sin thog mi fhìn is a h-athair rud a bha uabhasach fhèin cudromach. Dhfhàgainn i gun a bhith abruidhinn Beurla is cha robh fhios aice air a bha i abruidhinn gus an deach i dhan sgoil. Is an uair sin nuair a bha, nuair a bha fhios aicesenuair a bha, nuair a bha thu son a bhith abruidhinn mu dheidhinn rudeigin nach robh i airson tuigsinn, ’eil fhios agad, ma bha rudeigin mar Bodach na Nollaige no rudeigin, fhios agadach an uair sin cho luaths a bha ise atuigsinn aBheurla bha an gnothach air falbh. Tha cuimhnam turas bha Alasdair na shuidhe ann an shineach agus bha Jessie Anne is Oighrig cha robh iad achcan gun robh iad sias a còig, is bha iad dìreach shuas air bàrr an staidhre is bha iad acluiche còmhla. Is bha mi acoiseachd seachad air an staidhre, is chuala mi Jessie Anne ag ràdh ri OighrigDèan siud Oighrig leis an doileag’, no ge bith bha iad acluiche leis. Is thuirt iNo, tha mi adol ga dhèanamh mar seothach’, ‘Chan eil thu!’ is thòisich iad atrodDùin do bheul no bheir mi dhut sada thuirt i. ‘Dùin thusa do bheul no bheir mi dhut sad agus tha mi adol a dhinnse do Mhamaidh is do Dadaidh’, agus chaidh mi a-staigh agus thuirt mi ri AlasdairShaoileadh tu gur h-e sheann chailleach a bha air bàrr na staidhre. Atrod, bha iad cho èibhinn. Ach aGhàidhlig aca an-diugh fhathast.

EC―15:09: Gu math làidir, aidh.

HM―15:10: Uill, sin agad aon rud a tha Jessie Anne ag ionndrainn, air sàilleibh i a bhith cho fada air falbh on, on dachaigh aice, nach, nach eil

EC―15:17: ’S dòcha gu bheil cothroman aice thall an sineach, tha tòrr ag iarraidh ionnsachadh thall an sineach.

HM―15:22: Aidh agus nuair a sheitligeas i agus nuair a gheibh inuair a gheibh i

EC―15:25: Dhfhaodadh i a bhith ag obair air Skype no you know air-loidhne noach tha mi làn-chinnteach gu bheil feadhainn thall an sineach a bhiodh ag iarraidh ionnsachadh.

HM―15:32: Aidh, chan eil i, chan eil i ach ùr, ùr thall ann an shineach. Gus, gus am fàs i eòlach air an t-àite, agus nuair a gheibh i sineach tha mi gu math gu math cinnteach gum, gum bi rudeigin ann dhi, air sàilleibh tha, tha e san fhuil aice, tha e sa chridhe aice. Agus rudeigin mòr a thann an Jessie Ann cuideachd, ’s ann ag èisteachd ri seann daoine agus seann stòiridhean a bha air tachairt sna bliadhnaichean is bliadhnaichean air ais. Eachdraidh is rudan mar sin, bha, bha e a-riamh innte.

EC―15:59: Nach math sin.

HM―16:02: Uh-huh. Bha, is mar sin thatha e math. Tha e laghach! Bhabha i adèanamh beagan obair mus do dhfhalbh i à Uibhist, aguss ann acuideachadh le seann daoine nach robh gu math, fhios agad bha an inntinn aca air falbh is rudan beaga mar sineach, agus uaireannan nan tigeadh cuideigin a bha atighinn a-staigh acuideachadh Jessie Anne agus bhruidhneadh iad Beurla, dhfhaiceadh Jessie Anne gun robh am boireannach no an duine -chofhurtail. Is chanadh Jessie AnneNis às a tha sibh? Is toil leam an t-ainm a thagaibhno rudeigin. Thòisich iad abruidhinn Gàidhlig. Cho luaths a thòisich iad abruidhinn Gàidhlig bha iad socair leatha.

EC―16:41: Bha iad na bu chofhurtaile.

HM―16:43: Bha iad nas cofhurtaile agus fhios agadbha iad fhios agadchan eil fhios am am facfhios agad bha iad, bha iad nas -chofhurtail leis aBheurla.

EC―16:56: Tha mi atuigsinn bha iad

HM―16:57: Is bha iad afaireachdainn mar gum biodha-rithist, bha iad afaireachdainn mar gum biodh iad aig, aig an dachaigh, abruidhinnabruidhinn riabruidhinn mar a bha iad abruidhinn a-staigh. So, tha, tha e adèanamh diofar mòr ma tha e acur cuideigin aig tàmh, fhios agad.

EC―17:12: Cinnteach, cinnteach. Agus a bheil thu afaicinn atharrachadh mòr ann an Uibhist bhon a bha thu fhèin afàs suas mar gum biodh, a bheil, a bheil gnothaichean airnàs fheàrr no nas miosa no dìreach diofraichte mar gum biodh?

HM―17:25: Uabhasach fhèin diofraichte. Bàbhaist barrachd a bhith adol an lùib daoine agus an lùib Gàidhlig, agus tha fios am gu bheil iad afeuchainn ri thoirt air ais fhios agad, chan eil ann mar a tha a h-uile fasan, thig e a-mach à fasan, tillidh e air ais ann am fasan. Agus tha seo atilleadh air ais ann am fasan. Ach an rud as mutha a tha mi afaicinn, tha de dhaoine atighinn o thall-thairis, air feadh an àite a tha son tighinn agus ionnsachadh, agus tha iad atuiteam ann an gaol leis na h-eileanan. Agus tha iad ag ràdh cho laghachs a tha na h-eileanaich riutha agus cho fosgailtes a tha iad agus tha iad airson a ràdhMa tha sian, ma tha sian a dhìth ort, ma tha thu ag iarraidh sian fhaighneachd dhomh, tha an doras fosgailte’.

EC―18:14: Ceart.

HM―18:15: Is tha sin sgrathail fhèin laghach is tha mi afaicinn tòrr dheth sin, tòrr de dhaoine a tha, a tha airson Gàidhlig ionnsachadh, is tha e math.

EC―18:23: Dhfhaodadh tu fhèin a bhith ateagasg thu fhèin, cothroman ann dhut.

H―18:26: Oh na creutairean bochda, bhiodh na cluasan aca gu math goirt nuair a bhiodh iad deiseil ag èisteachd riumsa!

EC―18:32: Sin tha a dhìth orra. Sin agad e.

HM―18:35: Ach cuideachd Eairdsidh, tha mi asmaointinn gu bheil tòrr nach eilfhios agad anns an obair anns a bheil thu fhèin dhfhaodadh tu faighneachd, ach an uair sin tha daoine acantainnOh chan eil mi airson…’, ach nan canadh tuOch tha mi direach adol a thadhal son cupa ’ ‘Oh yeah thig a-staigh tha e taghta’, ach air sàilleibh cho luaths a tha iad ag ràdh. ‘Uill tha, tha sinn airsonfhios agada chur air an telebhisean’…‘Chan eil mise adol air telebhisean!’

EC―19:06: Tha mi atuigsinn, tha mi atuigsinn gu dearbha fhèin mar a tha e, achs e call a thann cuideachd airson, tha rudan, rudan a tha cho prìseil aig na daoine agus thèid e air chall mura bi e air a ghlèidheadh, sin an rud.

HM―19:16: Tha cuimhnagamsa air bodach aig tuath, bha fhios aige air a h-uile sian, an t-seann thogail, bha e sa chogaidh, bha crodh aige caoraich aigethatuathanas aige, a h-uile rud a bhann. Is thàinig am boireannach a bha seo a bha ga rannsachadh. Thug e a-staigh i, rinn a bhean an is bha i ableidrigeadh an sin còmhla ris bha e ag innse de stòiridhean, an rud a bha ainmeil. Is thuirt iseNist’, tha mi dìreach adol a phresseadh aphutain a tha seothach’. ‘Fhalbh is bheir ort’, cha robh e son idir a ghuth aige a bhith air an rèidio, ach bha i ag ràdh gun robh i ga iarraidh airson gum biodh e aice, is rud a dhfhaodadh i a chur ann an sgrìobhadh, ach cha robh am bodach deònach idir, idir, idir.

EC―20:03: Tha mi asmaoineachadh gu bheil eagal air daoine gun tig rudeigin air ais orras dòcha no rudeigin, chan eil fhiosam thann ach

HM―20:08: Och chan e, tha mi asmaointinn mar a bha thu ag ràdh anns na seann-làithean cha robh an telebhisean ann, cha robh rèidio ann, ’s dòcha gun robh wireless no rudeigin ann, ach nam bruidhneadh tusa ri cuideigin cus nas sine na mise agus tha iad nan suidhe air taobh nàbaidh, chanadh iadCha robh feum agamsa air an teilidh ann bha sinn uileadh asuidhe ann a sheo cho…’ abruidhinn mu dheidhinn, so chan eil iad eòlach air, tha mi...’s dòcha gun e sin an rud a thann, chan eil an t-eòlas air, air sàilleibh nuair a bha thusa cnapach cha do shaoil thu sian air leth-dusan daoine a bhith a-staigh agabhail , agabhail dram is abruidhinn, abruidhinn an lùib a chèile. Cha do chuir e dragh sam bith orm.

EC―20:51: Cha do chuir. Ach dìreach mar a thuirt thu, rud a chlàradh mar gum biodh, ’s e rud, ’s e rud mòr a thann nach e?

HM―20:57: ’S e – ’s e, ’s e, ’s e. Chan ann dhomhsa idir na thusa, ach daoine nas òige afàs suas is faodaidh iad coimhead air ais is canaidh iadCiamar a bha aGhàidhlig ga, ga bhruidhinn an uair sin, ciamar a tha aGàidhlig ga bhruidhinn an-diugh?’ Ciamar mar a tha iad, tha iad ag atharrachadhfhios agad foghlam anns na sgoiltean an-diugh is…? Tha tòrrmar a, mar a thuirt mi an ceartuair, thigeadh rudan a-mach à fasan ach thigeadh rudan air ais ann am fasan isdìreach tha an saoghal adol mu chuairt fad an t-siubhail.

EC―21:28: ’S e cearcall a thann.

HM―21:29: ’S e, cearcall a thann, agus thig e mun cuairt triop eile cuideachd.

EC―21:32: Hughena, ceud taing airson gach, gach stòiridh is gach fiosrachadh a thug thu dhuinn a-nochd co-dhiù, agus uabhasach fhèin inntinneach gu dearbh.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7916