Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Catrìona Nic an t-Saoir (2)

EC―00:05: Agus a bharrachd airag obair anns abhaile fhèin, an robhan tuirt thu gun robh thu ag obair a-muigh, a-muigh ann an Àird nam Murchan

CN―00:12: Bha. Nuair a bha minuair a thòisich foghlam Gàidhlig as an sgìre. Bhithinnsabhithinnsa ateagasg Gàidhlig, bhithinn ateagasg Gàidhlig mar dàrna cànan co-dhiù as an sgoil. Ach nuair a thòisich foghlam Gàidhlig, bha achiadachiad aonad Gàidhlig adol a bhith ann anann an Àth Tharracail ann an Àird nam Murchan, agus is mi fhìn a bha air an obair, bha mi air bliadhnabha mi bliadhna a-mach às an sgoil airson obair a dhèanamh afaicinn an robh iarrtas ann airson foghlam Gàidhlig. Agus bha, bha iarrtas ann am Malaig agus ann an Loch Àlainn agus as aGhearasdan fhèin agus ann an Àth Tharracail, ach cha robh tidsearan ann. Agus thagh mi fhìn a dhol a dhÀth Tharracail, thuirt mi gun rachainn ann bliadhna, dìreach…’eil fhios agad, dhfhaodainnsa bhith air tilleadh air ais gu mobair, chun an obair a bha mi adèanamh, ach thagh mi a dhol an sin airson bliadhna dìreach airson is gun tòisicheadh e is mi an dùils dòcha gum faigheamaid tidsear an ath-bhliadhna. Cha do thòisich Loch Àlainn idir a chionnsdìreach a chionns nach dfhuair sinn tidsear. Thòisich Mòrar an ath-bhliadhna a-rithist is thòisich An Gearasdan às a dheaghaidh sin, so bha na trì sgoiltean, thòisich trì sgoiltean Gàidhlig às an obair sin, an obair a bha mise air a dhèanamh. Ach dhfhuirich mi fhìn ann an Àth Tharracail ochd bliadhna. Bhithinn asiubhal, bhithinn asiubhal gach latha às aGhearasdan gu Àth Tharracail. Uill, thagh mi sin a dhèanamh, bha an nighean a bòige agam fhathast a-staigh, cha robh àrd-sgoil idir ann an Àird nam Murchan, agus nam bithinnsa air a dhol a dhfhuireach a dhÀth Tharracail, dhfheumadh ise a bhith air a dhol a dhàiteigin eile dhan sgoil. Dhfheumadh i a bhith air a dhol dhan Ghearasdan dhan sgoil, is a bhith afuireach as ahostel. So thagh mi fuireach anns aGhearasdan agus bha mi fhìnso bha sinn afuireach a-staigh is bha mise asiubhal gu Àth Tharracail.

EC―02:06: A bheil poidhle astar eadar…?

CN―02:07: Tha, tha. fhicheads a còig mile gachgachgach taobh, is droch rathad cuideachd.

EC―02:13: Agus, agus meadhan agheamhrmeadhan agheamhraidh?

CN―02:14: Meadhan agheamhraidh cuideachd agusach dhfhàs mi eòlach air agusis bha e acòrdadh cho math rium, bha an sgìre agus an sgoil acòrdadh rium cho math.

EC―02:22: Agus innis dhuinn beagan mu dheidhinn, bha bha cho bha car cho tlachdmhor munmun sgìre?

CN―02:30: Och uill, dìreach an sgìre is na daoine, bha iadbha na daoine cho coltach rinn fhìn, ’s e...dìreach Gàidheil is bha achlann cho laghach is bha iad airsonbha iad airson Gàidhlig a bhith aig achloinn. Bha aig an àm ud cha robh Gàidhlig aigs dòcha duine sam bith a bha na bòige na fhichead, air sàilleibh bha iad air sguir a chleachdadh Gàidhlig gu mòr as an sgìre. Agusach bha na pàrantan ag iarraidh Gàidhlig airson na cloinneadh. Agus bha mòran taic, cha robh taic as an sgoil idir, bha an sgoil fhèin fada an aghaidh, ’s e maighstir-sgoile Galldaà Dùn Èideann tha mi asmaointinn a bha sa sgoil, agus cha robh esan idir ag iarraidh gum biodh foghlam Gàidhlig as an sgoil, agus bha Bòrd na Sgoile, an School Board fada na aghaidh. Ach bha na...bha muinntir na sgìre ga iarraidh agus mar sin thòisich sinn e, agus dhfhàs e agus tha e air fàs achs e…’s e sgìre cho Gàidhealach a bhann, agus ged a bha aGhàidhlig aca beagan, beagan eadar-dhealaichte on Ghàidhlig againne, agus cha robh mise uabhasach cinnteach ciamar a chòrdadh Gàidhlig Uibhist riutha, bha sinn afaighinn air adhart uabhasach math agus rinn achlannrinn achlann adhartas, adhartas math agus tha iad a-nist sgoil ùr an sin…’s e seann sgoil  a bha i nuair a bha mise ann, agus bha i gu math sean agus bha feum air sgoil ùr, tha sin aca a-nist.

EC―03:57: Tha àrd-sgoil aca?

CN―03:58: Uill, tha àrd-sgoil aca, tha àrd-sgoil aca ann an Sròn an t-Sìthein, ach tha bun-sgoil ùr ann anann an Àth Tharracail fhèin, agus tha i dìreach àlainn. Ma gheibh thu cothrom thig ga coimhead, tha i dìreach àlainn. Agus thatha iadtha iad ceart gu leòr, tha iad adèantha iad adèanamh deagh adhartas ann, is tha barrachd cloinne ann a-nist adol gu foghlam Gàidhlig ann an Àth Tharracail is a tha adol gu foghlam tro Bheurla.

EC―04:21: Agus co-dhiù bha sibh ùine mhòr anns an sgìre aGhearasdain is Loch Abar, is bha e acòrdadh leibh glan fhèin tha mi asmaoineachadh, na daoine is an t-àite is a h-uile rud, an uair sin, dhfhàg sibh an obair anns an sgoil

CN―04:34: Uill, canaidh mi cuideachd mum fàg mi sin, thathòisich sinn fèis as an sgìre, bha Fèisean nan Gàidheal dìreach car atòiseachadh aig an àm, agus thòisich sinn Fèis ann an Àird nam Murchan, Fèis nan Garbh Chrìochan, agus dìreach goirid às a dheaghaidh sin thòisich sinn Fèis anns aGhearasdan, Fèis Loch Abar agus bha mi gu mòr an sàs anns na dhà, bha mi ag obair airsonuill bha mi air committees aigaig an Fhèis, agus bha sinn afaicinn cho maths a bha e cothrom a bhith aig achloinn a bhith acleachdadh Gàidhlig, ach cuideachd a bhith an sàs ann an ceòl agus ann an cur-seachadan eile, agus tha mi asmaointinn gun tug sin togail mhòr, bha sinn adèanamhbha an chuid ag obrachadh còmhla, foghlam agusagus na Fèisean, ag obrachadh còmhla.

EC―05:24: Agus tha iad adol fhathast?

CN―05:26: O, tha iad adol fhathast, tha iadtha gu mòr, tha. Is bha sin math, is, agus bha sin acòrdadh ri clann agus ri pàrantan.

EC―05:35: Agus bha sibh afaighinn taic gu leòr airson a bhith gan cur…?

CN―05:36: Uill, seadh saor-thoileach, ’s e, dìreach committees a bhagainn, ’s ann saor-thoileach a bha sinn uile ag obair, agus dìreach committee aig gach fear isbha...bha Fèis ann an Àth Tharracail gu math doirbh a chionns gun robh dìreach siubhal cho doirbh as an sgìre, is bhiodh achlann atighinn àbhiodh iad atighinn às na h-Eileanan Beag, bhiodh iad atighinn à Eige is àbhiodh iad atighinn à Cnòideart is Malaig is Mòrar is bhitheamaidbhiodh iad afuireach ann an dìreachBed and Breakfast bhiodh iad afuireach, no ann an caravans no rud, is bhitheamaid afuireach còmhla riutha ischa robh an sgoil mòr gu leòr an toiseachd nuair a bha an t-seann sgoil ann, cha robh an sgoil mòr gu leòr airson Fèis a bhith innte, is bhiodh marquee againn is dhfheumamaid am marquee a chur suas, dhfheumamaid am marquee a leagail is bhadhfheumamaid dealan a chur dhan mharquee, bhiodhis bha, bha tòrr obrach ann ach bha e math, bhabha sinn afaicinn luach na h-obrach dìreach leis mar a bha achlann atighinn air adhart agus an toileachas a bha achlann afaighinn às, toileachas a bha sinn fhìn afaighinn às, bha mòran carspòrs mun cuairt air aghnothach, ’s e sgioba math a bha mun cuairt air. Bha an aon amas againn uile, gun robh sinn airson seo fhaicinn adol air adhart, is bha sinn coma ged a bhitheamaid ag obair trang air a shon

EC―06:58: Agus a thaobh luchd-teagaisg aig na Fèisean, an robhan robh e doirbh…?

CN―07:02: Cha robhuill, bha...bhiodh iad atighinncha robh mòranuill, bha feadhainn às an àite, ach bhitheamaid gan toirt a-staigh bhobho àiteachan eile agus bhitheamaid afeuchainn ri luchd-teagaisg a chleachdadh le Gàidhlig, sons gun robhar acleachdadh Gàidhlig eadareadarainn fhìn agus leis achloinn.

EC―07:19: Agus a bheil gin den chloinn an-diugh ateagasg aig an Fhèis, a bheil ea bheila bheil an cearcall air a dhol timcheall is…?

CN―07:23: Tha, tha. ’S ann…’s ann dha na sgoiltean a chaidh Robert Nairn agus tha esan acluiche is ateagasg isoch, is mòran eile, bha mòranmòran den chloinn sin adèanamh math ann an ceòl. Iain MacMaster an fheadhainn sin, tha iad, thatha iad ateagasg. Às aGhearasdan cuideachd, Fèis aGhearasdain bha na Hendersons uileadh againn is feadhainn mar sin, is tha iad sin uileadh ateagasg a-nistisuill bhais acleachdadh Gàidhlig, tha iad air Gàidhlig ionnsachadh is acleachdadh Gàidhlig cuideachd.

EC―08:01: Seo a-nist’, seo a-nist’, so

CN―08:03: Bha e math, ’s e deagh àm a bhann aig an àm sin, bha ùidh mhòr ann an Gàidhlig is ann an ceòl. Uill tha fhathast, ach dìreachs ebha sin math. Agus bha daoine mun cuairt air a bha airson adhartas fhaicinn, agus bha sinn ag obair mar sgioba còmhla dìreach airson dèanamh cinnteach gun robh seo adol a thachairt

EC―08:26: Sgoinneil. Sinso bha ùineùine mhath agaibh, ùine fhada as aGhearasdan agus Loch Abar agus Àird nam Murchan, an ath-cheum?

CN―08:35: An uair sin thàinig mi a-mach àsobair clas as an sgoil, agus bha mi adèanamh obair dìreach car os cionn na sgìre, bhithinnbha mi ag obair còmhla ris na trì aonadan Gàidhlig as aGhearasdan is ann am Mòrar is ann an Àth Tharracail, agus bha mi acur seachad na seachdain eatorra, agus bha sin math. Chuir mi eòlas air muinntir Mhòrair is Mhalaig is bha mi eòlach air muinntir aGhearasdain co-dhiù, agus bhabha e math a bhith adèanamh sin. Rinn mi sin airson beagan bhliadhnaichean, is an uair sin fhuair mi an aon seòrsa obair ach air feadh Roinn na Gàidhealtachd, agus bhithinn adol dha na sgoiltean Gàidhlig uileadh, agus bhithinn adol dhan Eilean Sgitheanach, bhithinn adol a Dhùn Bheagan is Phort Rìgh is a Chille Mhoire is a Shlèite, dhan Àth Leathann is bhithinn adol suas gu Inbhir Theòrsa agus gu Baile Dhubhthaich, is an iar gu Ulapul is Geàrrloch is Am Ploc isis sgoiltean Loch Abar fhèin air an robh mi eòlach, air an robh mi eòlach. Agus bha mi adèanamh sin airson greis is bha sin fìor mhath, chuir mi eòlas air mòran dhaoine feadh na sgìrean sin.

EC―09:50: Am biodh tu adràibheadh fad afadfad na h-ùine tha mi acreidsinn!

CN―09:52: Fad na h-ùine, bha mi adràibheadh fad na h-ùine!

EC―09:54: Barrachd dràibheadh na

CN―09:55: ’S e, achach bha e acòrdadh rium, bha e acòrdadh rium math is bha, bha achlann air fàs, bha achlann uileadh air an taigh fhàgail, is mar sin cha robhcha robh uallach orm a-staigh, dhfhaodainn falbhs atighinn mar a thograinn, agus bhiodh, bhithinnbha mi adèanamh mòran dràibheadh, bhithinn afeuchainncho fads a burrainn dhomh bhithinn afeuchainn ri bhith a-staigh agam fhìn air an oidhche, is mar sin bhithinn falbh trath as amhadainn is dhfhaodte adol a Dhùn Bheagan is bhithinn sin fad an latha is an uair sin adol dhachaigh a-rithist às a dhèidh, no adol a dhInbhir Theòrsa, dhfhalbhainn tràth sa mhadainn is bhithinn shuas aig naoidh uairean is bhithinn fadan latha ann is rachainn dhachaigh an uair sin.

EC―10:28: San aon latha?

CN―10:29: San aon latha. Achbha sin ceart gu leòr. Agus mara chionns gun robh mia chionns nach robh mi ceangailte ri aon sgoil sam bith, nam biodh an tìde dona, rachainn chun nan sgoiltean a bha faisg, agus nuair a bhiodh an tìde math, rachainn chun nan sgoiltean a bha na bfhaide air falbh

EC―10:48: Nuair a bha thu ag obair anns an obair sineach, an robh iad acur feum sam bith air rudan mar videoconferences, an robhan robh cothromancha robh, cha robh cothrom…?

CN―10:55: Cha robh, cha robh mise idir. Ach bhabha mobair-sa car còmhla ris an tidsear agus còmhla ris achloinn is dhfheumainn a bhith ann, ’s e. Ach bhabha e math, bha sin acòrdadh rium gu mòr. Agus an ceann greiseig, leig mi dhìom mo dhreuchd agusach bha ebha e nam bheachd tilleadh a dhUibhist co-dhiù, ’s e an t-amas a bhagam nuair a leiginn dhìom mo dhreuchdgun tillinn, cha robh mi son a bhith sean as aGhearasdan. Agusso bha mi car air a bhith asmaointinn mu dheidhinn bha mi adol a dhèanamh, agus mus do thill mi bha michuir mi seachad beagan ùine còmhla ri mo nighean as sine, tha triplets aice ann an Obar Dheathain, agus chuir mi seachad ùine còmhla rithese nuair a bha iad beag, gus an robh iad aoisuill, gus an robh iad faisg air aois sgoileadh, agus an uair sin ghluais mi an seo.

EC―11:51: So thàinig sibh air ais mar gum biodh air achearcall.

CN―11:54: Thàinig. Uill, bhabhabha fhios am gur h-e sin a bha mi son a dhèanamh, cha robh mi uabhasach cinnteach càite am bithinn ach bha fhios am gun robh mi airson tilleadh. Agusach co-dhiù tha mi an seo, agus tha e acòrdadh rium, tha e acòrdadh rium cho math.

EC―12:05: Agus bha dùil agaibhs dòcha ri beagan fois fhaighinn ach cha dfhuair!

CN―12:08: Uill, cha robh mi eòlach air fois. Achtha e dìreach math a bhith seo.

EC―12:16: Agus innis dhuinn mu dheidhinn na rudan a tha sibh a’... adèanamh ann an Uibhist.

CN―12:22: Uill, bha mi adèanamhbha mi adèanamh obair as na sgoiltean, bha mi adèanamh supply as na sgoiltean. Thafaisg air còig bliadhna a-nisto thill mi agus bha mi adèanamh dìreach obair an cois nan sgoiltean, ach tha mi a-nist tha mi air minntinn a dhèanamh suas gu bheil mi air stad, tha mi a-nist asmaointinn gu bheil mi ro shean airson a bhith a-mach is a-staigh. Agus a bharrachd air an sin tha iadtha iad nas fheàrr dheth, tha tidsearan òga comasach aca, is tha sin math.

EC―12:52: Tha mi cinnteach gu bheil, ach aig an aon àm bidh iad gu math toilichte cuideigin le eòlas a bhitha bhitha bhith ann.

CN―12:58: Bha e acòrdadh rium, bha e acòrdadh rium nuair a bhithinn adol a-staigh dha na sgoiltean agus ag obair, bha e acòrdadh rium, acòrdadh rium achlann fhaicinn agus acòrdadh rium a bhith ag obair còmhla ri tidsearan eile isbha e math. Ach tha mitha mi an sàs ann an Ceòlas, tha mi air an

EC―13:11: Innis dhuinn, innis dhuinn mu dheidhinn Ceòlas ma-, thann.

CN―13:15: Tha barrachd air fichead bliadhna o thòisich Ceòlas ann anann an Uibhist a Deas. Tha mise asmaointinn gur h-egur h-e buidheann fìor mhath a thann agus tha iad air obair uabhasach math a dhèanamh anns na bliadhnaichean a tha iad air a bhith adol, dìreach a thaobh ceòl is cànan agus a-nist, am barrachd is am barrachd a thaobh cànan Gàidhlig, tha sinn afaicinn am barrachd is am barrachd atighinn agus ag iarraidh GàidhligGàidhlig ionnsachadh. A-rithist, ’s e buidheann saor-thoileach a tha mun cuairt air, tha luchd-obrach againn, chan eil mòran luchd-obrach againn, dìreach triùirs dòcha an-dràstaceathraragusis tha iad adèanamh mòran obrach, ’s e…’s iad a tha ga ruith. Ach tha muinntir an àite gu saor-thoileach acuideachadh cuideachd, agus tha e trang. Bidh e nas trainge, a chionn tha sinn a-nist ag obrachadh còmhla ris acholaiste, Colaiste aChaisteil ann an Leòdhas, agus an dòchas togalach a thogail a chleachdas sinn le chèile, a chleachdas acholaiste agus sinn fhìn. Cleachdaidh acholaiste e airson na cùrsaichean acasan, is cleachdaidh sinn e airson na cur-seachadan is na cùrsaichean againn fhìn. Agus tha mi asmaointinn gun obraich sin glè mhath a chionns gur h-etha acholaiste ag obrachadh còmhla ri feadhainn a tha ag ionnsachadh airson pàirt den bhliadhna is bidh sinne acleachdadh an àite airson pàirt den bhliadhna agusobraichidh e, obraichidh e a-mach math. Agus tha sinn toilichtetha sinn aig ìre adhartach, tha an t-àite, tha fhios againn far a bheil e adol a bhith, tha an t-airgead againn airson achiad chuid dheth, tha e adol a bhith ann an phàirt. An t-airgead againn airson achiad chuid dheth, ’s e rumannan airson teagasg a bhios anns achiadachiad phìos, agus an uair sin an dàrna pìoss e àite airson concerts is taisbeanaidhean is rudan mar sin. Tha sinn an dòchas gun tòisich an obair dìreach o chionn ghoirid, agus gum bi e deiseil dhfhaodte deireadh an ath-bhliadhnaachiad phàirt, agus an uair sin chì sinn mun dàrna pàirt.

EC―15:23: Agus bidh an gnothach atòiseachadh ann am beagan is seachdain am bliadhna?

CN―15:26: Tha, tha sinn atòiseachadhatòiseachadh am bliadhna ann am beagan is seachdain. Tha sinn fhathast ann an Sgoil Dhalabroig. ’S ann ann an Sgoil Dhalabroig a bhitheastha Ceòlas air a bhith on a thòiseach e, ach tha e air fàs agus tha sinn acleachdadh àitichean eile cuideachd, tha sinn acleachdadh na tallachan agus àite sam bith far an urrainn… 

EC―15:44: A bheil e laghach ann an dòigh gu bheil e air feadh Dhalabroig mar gum biodh, gu bheil na bìdeagan an siuds an seo, an e rud math a thann ann an dòigh?

CN―15:54: ’S e. Uill, ’s e. Tha duilgheadas na chois cuideachd, a chionns gum feum daoine a bhith a-mach is tha iad atoirt ùine asiubhal, is feumaidh sinn busaichean fad na h-ùine airson daoine a thoirt air ais is air adhart. Achs e rud math a thann a chionn tha iadtha mi asmaointinn tha muinntir an àite afaicinn, dhfhaoidte ga fhaicinn nas fheàrr a chionns gu bheil daoine agluasad mun cuairt, ach tha buidheann math co-cheangailte ri Ceòlas as an sgìre, tha buidheann saor-thoileach a tha atoirt taic mhath mhath do Cheòlas.

EC―16:27: Tha an gnothach adol aadol a sìor fhàs ma-?

CN―16:29: Asìor fhàs. Agus am bliadhna, bha barrachd air clàradh na bu tràithe na bha a-riamh roimhe thuige seo, agus bha barrachd air clàradh airson dìreach Gàidhlig a dhèanamh na bha a-riamh roimhe.

EC―16:40: Mar chuspair.

CN―16:41: Mar chuspair.

EC―16:42: Agus thug mi an aire cuideachd air chan e dìreach seachdain a thann, ach rud a tha ann fad na bliadhna, nach e

CN―16:47: ’S e. Uill tha sinn, tha sinntha sinn adèanamh clasaichean Gàidhlig anns an sgìre trontron gheamhradh, agus bidh sinn adèanamhtha rud eile againn ris an can sinn an Symposium a tha sin a bharrachd air an sgoil shamhraidh, agus tha sin beagan eadar-dhealaichte, ’s ann mu dheidhinn sgìre air choreigin no cuspair air choireigin a bhios sin, agus bidh ceithir no còig de làithean a bhios

EC―17:07: Agus thann am bliadhna, an cuspair a thann am bliadhna-sa?

CN―17:09: Am bliadhna, ’s e na ligichna ligichean ann anshuas Ormacleit is Cill Donnain is Staoinibrig isuill, ’s e ligichean air feadh Uibhist a thann am bliadhna, agus poidseadh. Sin na cuspairean a thagainn am bliadhna, agus ann an Staoinibrig tha iad adol a bhith. Thuige seo, ’s ann as an Ìochdar a tha sinn air a bhith, agus tha mòran de na cuspairean againn air a bhith stèidhichte aig acheann seo a-bhos. Ach am bliadhna tha sinn adol dha Na Meadhanan, aguss ann an…’s ann an Staoinibrig a bhios sinn. Agus tha sin nas fhaidenas fhaide san Iuchar.

EC:―17:45: Agus a bharrachd air seachdain as t-samhraidh agus na rudan eile, tha sibh acumail rudeigin aig Oidhche aChollaig?

CN―17:52: Tha, thatha Fèis Chollaig air a bhith againn cuideachd, tha sinn air a bhith adèanamh sin o chionn bhliadhnaichean, le cur-seachadan is ceòl is

EC―18:01: Agusagus bhios atachairt air an oidhche sin, nach bi nabidh na balaich atighinn a-staigh?

CN―18:05: Bidh, uill thabàbhaist nuair anuair a bha sinn òguill tha mi asmaointinn ann an sgìrean fhathast tha iad ga dhèanamh, na gillean adol mun cuairt air Chullaig, an robh iad ga dhèanamh agaibhse

EC―18:13: Chan eil cuimhnam air, gun teagamh. Agus a bheila bheil ainm sònraichte air sin? An ean e dìreach Balaich na Cullaige no…?

CN―18:20: Gillean Cullaige.

EC―18:22: Gillean Cullaige, Gillean Cullaige.

CN―18:24: Gillean Cullaige a bhagainn orra, is bhiodh iad adol mun cuairt is bhiodh daoine atoirt dhaibh dìreach rudan is bha iadbha iad car biadh is rud is bha iad an uair sin ga riarachadh a-mach. Is bha duan ann, tha duantha Duan Cullaige, Duan Cullaige ann a bhios iad agabhailaguss e seann chleachdadhseann chleachdadh a thann. ’S e gillean a bhiodh ga dhèanamh nuair a bha mise òg, ach tha iad ag ràdh gu bheil nighnean a-nistatòisea

EC―18:45: Tha mi asmaointinn gum faca mi gun robh nighnean ann cuideachd am bliadhna.

CN―18:48: Tha sin ceart gu leòr.

EC―18:49: Anns Na Meadhanan.

CN―18:50: Tha. Tha mi asmaointinn gu bheil, tha iadis tha mi asmaointinn gu bheil feadhainn ann an Èirisgeigh fhathast?

EC―18:54: Math dhfhaodte gu bheil.

CN―18:55: Aidh. Agus cuideachd tha sinn adèanamh fèistha sinn adèanamh Fèis Leabhraichean aig toiseach agheamhraidh cuideachd, gach bliadhna. Agus tha sinn cuideachd adèanamh Fèis Earraich, ’s e car song conference a tha sinn adèanamh anns andeireadh aGhiblein, toiseachdtoiseach aChèitein

EC―19:13: Rudan ann fad na bliadhna.

CN―19:14: ’S e. Tha sinn air a bhith ag obair còmhla ri tidsearan a thaadol a bhith ateagasg tro Ghàidhlig, tha tidsearan a tha air achùrsa GIfT, Gaelic Immersion for Teachers. Tha sinn air a bhith ag obrachadh còmhla riutha sin airson grunn bhliadhnaichean a-nist. Bidh iad atighinn a dhUibhist airson seachdain car placement is bidh iadbidh sinn adèanamh rudan còmhla riutha, adèanamh clasaichean Gàidhlig, ach cuideachd gan toirt a-machs dhan choimhearsnachd. Agus tha sinn an dòchas am barrachd den seòrsaseòrsa rud sin a dhèanamh. Bidh sinnbidh sinn adèanamh cùrsaichean Gàidhlig aig diofar amama tha daoine ag iarraidh cùrsa Gàidhlig, sinn e.

EC―19:55: Math gu leòr, bidh sibh acur air dòigha-rèir iarrtais.

CN―19:58: ’S e. Agus am fear mu dheireadh a rinn sinn, ’s ann an an Taigh Bhaghasdail a rinn sinn e, so bha cuid aca afuireach ann an Taigh Bhaghasdail agus bha sinn adèanamh an teagaisg ann an Taigh Bhaghasdail.

EC―20:09: Agus an robh iad afaighinn am biadh ann, no…?

CN―20:11: Bha biadh atighinn a-staigh, bha dithis anns an sgìre adèanamh abhìdh is ga thoirt a-staigh. Agus bhadhobraich e math, bha e math.

EC―20:22: Agus a bheil cuid de rudan agaibhs dòcha uaireannan sa chafe, a bheil sibh adèanmh rudeiginrudeigin car neo-fhoirmeil mar gum biodh?

CN―20:20: ’S e rud car…’s e, neo-fhoirmeil. An fheadhainn a bha adol gu na clasaichean Gàidhlig againn tron gheamhradh, bhitheamaid an-dràsta is a-rithist acur cuireadh thuca tighinn còmhla agus adèanamhbhiodh cupa , cupa cofaidh is bhitheamaid adèanamh car geamaichean, cur-seachadan dìreach airson beaganbeagan spòrs

EC―20:47: Agus bheireadh an leithid gu ìre fileanta, na luchd-ionnsachaidh? tha dhìth orra, a thaobh a bhitha bhith comasach anns achànan?

CN―20:55: Uill, tha tòrr dheth an urra riutha fhèin, tha mi asmaointinn. Ma tha iad fhèin airson Gàidhlig a bhruidhinn agus gun gabh iad gach cothrom, tha iadtha iad soirbheachail. Tha feadhainn air a bhith agam - bidh thu fhèin eòlach orraa tha air a bhith uabhasach math, dìreach tha iad acur rompa fhèin gum bruidhinn iad Gàidhlig. Agus tha iad ag èisteachd ris an rèidio is tha iad agabhail gachabruidhinn ri daoine, adol a-mach dhan choimhearsnachd abruidhinn ri daoine, a bharrachd air na clasaichean.

EC―21:24: Tha iad fhèin agabhail uallach.

CN―21:25: Tha iad fhèin agabhail uallach.

EC―21:26: Gun teagamh.

CN―21:26: Is tha, tha iad fhèin gan toirt fhèin air adhart, is tha e math sin fhaicinn, nach eil?

EC―21:32: Tha, tha mi atuigsinn. Ach tha mi ag aontachadh leat gum feum iad fhèin uallach a ghabhail.

CN―21:35: ’S e, ’s e. Tha feadhainn eile a bhios atighinn agus tha sin math, tha iad atighinn, tha e acòrdadh riutha, ’s e cur-seachad a thann dhaibh agus

EC―21:44: Chan eil cron sam bith ann.

CN―21:45: Uill, tha etha e acòrdadh riutha.

EC―21:48: Rud sòisealta a thann dhaibh.

CN―21:49: ’S e, rud sòisealta agus tha sin math, agus tha iad ag ionnsachadh gu ìre, tha iad ag ionnsachadh, ’eil fhios agad, mun choimhearsnachd, is ionnsaichidh iad na rudan a thaa tha cudromach a tha fios a bhith aca air is... agus feumaidh mi a ràdh gu bheil e acòrdadh rium fhìn a bhith ag obair còmhla ri inbhich, is fìor thoil leam a bhith ag obair còmhla ri inbhich.Nuair a tha thu ag obair còmhla ri inbhich, tha iad ag ionnsachadh a chionns gu bheil iad ann, a chionns gu bheil iad ag iarraidh a bhith ann. Le clann, tha thu gan teagasg agus feumaidh tu a dhèanamh tarraingeach, tha iadsan ag ionnsachadh agus tha fhios gu bheil thusa airson gun ionnsaich iad, agusthatha e dìreach eadar-dhealaichte. Tha, tha mòran bhliadhnaichean o thòisich mise ag obobrchan eil cuimhnam cuin a thòisich mi ag obair còmhla ri Sabhal Mòr, o chionn

EC―22:31: OK. Uill, fàgaidh sinn Ceòlas dìreach an-dràsta. Ach faodaidh tu a-nistbeagan innse dhuinn mun, mun t-Sabhal Mhòr, na cùrsaichean goirid, An Cùrsa Inntrigidh is a h-uile rud.

CN―22:41: Thòisich mi air na cùrsaichean goirid, chan eil cuimhnamchan eil cuimhnam cuin. Bidhochs dòcha fichead bliadhna, ’s dòcha deich air fhichead bliadhna chan eil mi cinnteach. Bhithinn adol ann airson cùrsaichean goirid as t-samhradh, dìreach tro natro shaor-làithean an t-samhraidh. Agus bha sin math. Bhabha sin uabhasach math a chionn bha thu atachairtbha thu atachairt ri daoine às ùr, bha thu atachairt ri feadhainn eile a bha ateagasg sa Ghàidhlig, is bha ùidh aigis bha ùidh aig a h-uile duine sa Ghàidhlig, aguss e àite cho tarraingeach agus chocho dìreachdìreach cho toilichte a bha...a bhann a bhith adol gu Sabhal Mòr. Bha a h-uile duine ann a chionns gun robh iad airson a bhith ann, cha robh duine ann a chionns gum bfheudar dhaibh a dhol ann. Agus bha naan fheadhainn a bha ag ionnsachadh, bha iad airson na burrainn dhaibh a dhèanamh anns an ùine a bhaca, agus an luchd-teagaisg airson na burrainn dhaibh a theagasg anns an ùine a bhaca, agus bha a h-uile duine afuireach as acholaiste no afuireach faisg, agus bha thu dìreachfad an latha an sàs. Bha thu fad an latha ateagasg ach gach feasgar bha thu an sàs ann an rud, bha rudeigin eile atachairt le Gàidhlig, is bha e dìreachbha, bha na h-oileanaich agus sinn fhìn dìreach air ar bogadh anns achànan.

EC―23:58: Agus am bi sibh afaicinn na h-aon daoine gach bliadhna? Feadhainnna seann charaidean atighinn?

CN―24:02: Bha, luchd-teagaisg agus an fheadhainn eile atighinn, atighinn gachgach bliadhna. Thòisich mi an uair sin air obair air na cùrsaichean air astar aca, bhithinn adèanamh air afònbhithinn adèanamh tutorials uair as t-seachdain còmhla ris na h-oileanaich a bha air aChùrsa Inntrigidh agus air aChùrsa Adhartais, agus bha sin acòrdadhbha sin acòrdadh rium cuideachd, bha e math dìreach a bhith atachairt ri daoine às ùr, agus a-rithist ri daoine a bha ùidh aca as achànan agus a bha airson an cànan ionnsachadh. Agusgu math tric bhiodh dìreachbhiodhbha iad às gach àite, bhiodh feadhainn agamsa, feadhainn à Ameireaga, is feadhainn à Astràlia is dùthchannan Eòrpach.

EC―24:43: An robh iad dìcheallach?

CN―24:44: Tha isuill agusbha sin math ann an dòigh a chionns gun robh fhios aca fhèinbha cùrsa ann, bha fios agamsa is bha fios acasan bha còir aca a bhith air ionnsachadh mum bitheamaid abruidhinn ri chèile a-rithist. Agus mar sin bha an structar cho math, agusagus dhfheumadh iad cumail suasma bha iadma bha iad astad, bha iad ga chall.

EC―25:07: ’S e cùrsa math a thann, nach e?

CN:―25:08: ’S e, os e cùrsaichean…’s e cùrsaichean fìor mhath a thanns na cùrsaichean sin, tha an structar uabhasach math agus bha e acòrdadh rium a bhith adèanamh sin, ach bha e atarraing mòran ùine. Dhfheumadh tu a bhith ann aig an uair, dhfheumadh tu, ge bith eile a bha atachairt sa bheatha agad, dhfheumadh tu a bhith saor airson a bhith air am fòn aig an àm sin. Agus cuideachd bha an ceartachadh, a chionns gur h-e tusa a bha aceartachadh nana measaidhean aca, bha mòran obrach an sin cuideachd. Dhfheumadh tubha iad ag ionnsachadh aig àrd ìre, is mar sin dhfheumadh tu a bhith aceartachadh aig àrd-ìre cuideachd. Agus dhfheumadh tu a bhith cho faiceallach gun robhgun robh thu aceartachadh ceart. Agus bha misebha e atarraing mòran ùine. Bha mi ga dhèanamh sin gus an do ghluais mi seo. Nuair a ghluais mi seo, cha robh eadar-lìon agam is cha robh fòn agam, agus thàinig ormthàinig orm stad dheth. Agus aon uair is gun dfhuair mi eadar-lìon agus fòn, cha do thòisich mi a-rithist idir, bha e acòrdadh rium.

EC―26:08: Cha do leig thu fios!

CN―26:10: Cha do dhinnis mi, cha do dhinncha do dhinnis mi idir dhaibh! Bha e acòrdadh leam, air sàilleibh, air sàilleibh bha thu cho ceangailte ris. Dhfhaoidte gum biodh rudeigin atighinn suas, gum biodh consairt no gum biodh rudeigin atachairt bu toil leat a dhol ann, ach cha burrainn dhut a dhol ann air sàilleibhs gun robh thu air do cheangal, bha thu air canntail gum biodh tu an sin.

EC―26:26: Ma tha an clas ann, feumaidh tu a bhith ann.

CN―26:29: Dhfheumadh tu a bhith ann, ’s e. No cuideigin eile a bhith ann, is bhabha e doirbh daoine eileis co-dhiù bha e acòrdadh leam fhìn a bhith abruidhinn riutha gach seachdain. Agus cha do thòisich mi sin, ach tha mi fhathast adèanamh na cùrsaichean goirid dhaibh, ’s e, tha mi fhathast adèanamh cùrsaichean goirid as t-samhradh, dìreachcha bhi mi adèanamh ach cola-deug gach samhradh a-nist.

EC―26:49: Ach tha sibh adol ann am bliadhna?

CN―26:50: Tha mi adol ann am bliadhna. Ach…’s toil leam, ’s toil leam…’s toil leamis fìor thoil leam adol ann, agus tha daoineged isfeadhainn ann a bha ann mu thràth, bidh daoine ùra ann cuideachd.

EC―27:01: Bidh e math feadhainn ùra fhaicinn agus na seann charaidean cuideachd. Sgoinneil. Agus a bharrachd air a h-uile rud eile a tha sibh adèanamh, a bheil sibh afaighinn ùine airson rudan eile, mar rudan soncurcur-seachadan?

CN―27:14: Tha. Tha agam, agus bidh mi fhìn agus an adol cuairt chun achladaich a h-uile latha, tha i afeitheamh gu foighidneach rium. Bidh sinn adol cuairt chun achladaich a h-uile latha, bidh sinn acoiseachd agus bidh sinn atoirt dhachaigh mòran gainmheach leinn, agus bidh sinn an uair sin nuair a thig sinn dhachaigh bidh sinn asuidhe treis agabhail beaganbeagan tàmh nuair a gheibh sinn dhachaigh. Tha mòran charaidean agam mun cuairt, is thamar a bha mi ag ràdh tha mi an sàs ann an Ceòlas fhathast, agus tha coinneamhan tric againn agus bidh sinn ag ullachadh airson clasaichean is rudan mar sin, tachairt ri chèile.

EC―27:56: Agus cumail sùil cuideachd ri clann air falbh, cla...clann agaibh air tìr-mòr is…?

CN―28:00: Tha, tha. Bidhbidh mi air ais is air adhart, bidh mi adolbidh mi adol a choimhead orrasan is bidh iad fhèin atighinn an seo is bidh sinn trang isoch tha e math, is bidh mi, bidh mi aleughadh is bidh mithatha...tha an ùine adol seachad, chan eil faisg ùine gu leòr agam airson a bu toil leam a bhith adèanamh

EC―28:18: An robh dùil agaibh a bhith cho trang seo nuair anuair a thill sibh?

CN―28:20: Cha robh dùil am a bhith cho trang. Bha fhios am gun còrdadh e rium. Bha fios am fad mo bheatha gun còrdadh e rium a bhith afuireach an seo. A h-uile turas a-riamh a dhfhalbh mi, bha an cianalas orm, agus nuair a thiginn dhachaigh cha robh cianalas a-riamh orm airson mo bheatha air tìr-mòr. Ach nuair a thigeadh an t-àm falbh. Agus bhithinn atighinn tric, bhithinn atighinn dhà no trì thursan sa bhliadhna co-dhiù nuair a bha mo phàrantan fhìn beò is ar càirdean eile, bhitheamaid atighinn, is nuair a bha achlann òg bhitheamaid atighinn cho trics a burrainn dhuinn. Ach, bha fhios am gun còrdadh e rium a bhith air ais. ’S dòcha gun robh còir fios a bhith agam gum bithinn cho trang a chionns gun robh mi a-riamh trang isis toil leam a bhith trang. Mura bithinn trang dhfheumainn a bhith adèanamh obair-taighe is chan eilis chan eil...cha bhi sinn atighinn rium idir! Tha e acòrdadh rium, tha e acòrdadh rium gu mòr.

EC―29:12: Tha e coltach gu bheil e acòrdadh ribh glan fhèin co-dhiù, agus tha beatha agaibh air dìreach cearcall a ghabhail air ais far an do thòisich sibh, ann an dòigh.

CN―29:18: Tha, tha agus gu math tric bidh mi acoiseachd air achladach, cha mhòr a h-uile latha bidh mi acoiseachd air achladach far an robh mi fhìn acluiche nuair a bha mi òg. Tha na creagan mar a bha iad, is an cladach air atharrachadh beaganan cladach air atharrachadh beagan, ach tha na creagan an siud mar a bha iad, is na cruitean mar a bha iad istha mo bhràthair afuireach as an dachaigh againn, far an deach mise a thogail, tha mo bhràthair afuireach ann. Agus bidh mi adol an sin agus adol gu caraidean eile is càirdean eile istha e math.

EC―29:45: Coltas fìor mhath air Catrìona. Burrainn dhuinn bruidhinn fad an latha, ach tha eagal orm gu bheil rudan eile agaibhse ri dhèanamh tha mi acreidsinn agusagusagus againne cuideachd. Ach ceud taing airson bruidhinn rinn. ’S dòcha…’s dòcha gum bi sinn air ais.

CN―29:57: Tha treis o nach robh mi abruidhinn riut.

EC―30:03: Treis bheag ann.

CN―30:04: Tha. Glè mhath, shin thu fhèin. Mòran taing.

 

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8235