Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Pàdruig Moireasdan (1)

GW – 00.05: Tha cuimhne agam, an triop mu dheireadh – well chan e an triop mu dheireadh a bha mi an seo – ach tha cuimhne agam air clàradh eile a rinn sinn, o chionn barrachd air deich bliadhna, tha mi a’ creids’ on uair sin. Ach, sa chòmhradh an-diugh bhithinn airson faighinn a-mach ciamar a tha cùisean dhutsa sna làithean a tha seo, leis a’ Ghàidhlig, agus a h-uile rud mar sin, rud sam bith a tha thu airson togail really.

Ach, ’s dòcha gum b’ urrainn dhuinn tòiseachadh led shloinneadh. So, cò thu agus cò leis thu?

PM – 00.43: Well, ’S mise Pàdruig Lachlainn Phàdruig Ghilleasbuig Phàdruig ’ic Iain. Agus Moireasdanaich a thàinig à Baile Mhic Phàil sa chinn a tuath, agus an uair sin a chaidh a ghluasad sìos a Loch Euphoirt. Agus an uair sin mo shin sheanair, rugadh esan an Eilean Steafain – eilean beag eadar Griomsaigh agus Cnoc Cuidhein an Uibhist a Tuath.

Tha an cabhsair a’ ruith tron eilean a-nist. Chì thu an tobhta, aona tobhta air an eilean beag a tha sin. So sin agad Eilean Steafain.

An uair sin thàinig esan a dh’fhuireach a Ghriomsaigh.

Agus phòs e tè Caimbeulach, agus bha cuideachd aicese, tha mi a’ smuaintinn a màthair - ’s ann à Rònaigh a bha i. Ach na daoine sin, tha mi a’ smuaintinn air ais pìos a bharrachd, thàinig iad bho fear Uilleam Buidhe, a thàinig às an Eilean Sgitheanach.

GW – 01.54: Seadh, seadh. So, Pàdruig Lachlainn Phàdruig, agus – so ’s e Pàdruig do sheanair cuideachd. Cha bhi cuimhne agad air, ach bidh stòraidhean agad ma dheidhinn, tha mi cinnteach.

PM – 02.10: Tha sin ceart. Cha do choinnich mise riamh ri mo sheanair, ach tha – tha mi air gu leòr a chluinntinn ma dheidhinn ’is a leughadh. Ann an dòigh tha mi gu math fortanach. Tha mi air tòrr èisteachd a dhèanamh ri clàraidhean a chaidh a dhèanamh le mo sheanair le muinntir Sgòil Eòlais na h-Alba. Agus tha grunn math clàraidhean le mo sheanair aca – an Sgoil Eòlais…

GW – 02.38: “Thugam agus Bhuam”.

PM – 02.40: “Thugam agus Bhuam”. Sin agad leabhar a chaidh fhoillseachadh, ann an dòigh bho na clàraidhean a chaidh a dhèanamh. Sgrìobh iad a-mach tòrr dhe na sgeulachdan a bh’ aige. Tha cuid de – thogadh esan, well rugadh ann an 1889 – an Rubha Buidhe, taobh a deas Ghriomsaigh. Agus bha taigh-cèilidh faisg orra, so bha esan air tòrr de na sgeulachdan a thogail ann a shin ’s e na ghille òg.

Agus bha e fhèin a’ faighinn tlachd bho na sgeulachdan, is ann an dòigh, ’s dòcha, chùm e a’ dol cuid dhe na seann seann sgeulachdan nas fhaide na feadhainn eile aig an àm, nuair a chaidh a chlàradh sna trì-ficheadan ’s na seachdadan. Agus b’ fhiach – ’s math gun do chum e a’ dol na sgeulachdan sin. ’S chaidh an clàradh.

’S bha e cuideachd ri beagan bàrdachd. Is tha trì-deug pìos bàrdachd san leabhar cuideachd.

So bha esan, tha mi a’ smuaintinn – bidh mise a’ smaoineachadh ma dheidhinn ann an dòigh – bha esan a’ faireachdainn, thàinig na rudan sin thuige, agus bha e airson an toirt seachad gu feadhainn eile. Sin mar a thàinig “Thugam agus Bhuam” thuige, chun an leabhair. So, tha – bidh mise a’ smaoineachadh air cho prìseil ’s a bha esan a’ faireachdainn a bha na sgeulachdan sin dha fhèin, ’s tha e cudromach an cumail a’ dol.

GW – 04.13: Gu dearbh, gu dearbh, yeah. Agus bha ceangal ri Heisgeir, an robh, aig do sheanair?

PM – 04.21: Tha sin ceart. Well, cha robh anns an teaghlach fhèin, ach dìreach mar a chaidh an teaghlach air ais a t-Heisgeir an dèidh an dàrna cogadh, ann an dà fhichead ’s a còig, agus dh’fhuirich iad ann an shin airson ceithir bliadhna.

Tha clàradh agad dha m’ athair ag innse an sgeulachd sin. Mar sin fàgaidh mi an sgeulachd sin gu briathran m’ athar.

GW – 04.53: Ceart, ceart. Fair enough. So sin do sheanair, ach an uair sin d’ athair. So, chùm esan an tradaisean a’ dol leis a’ Ghàidhlig agus le òrain. Bha e gu math keen air seinn, nach robh?

PM – 05.10: Tha sin ceart. Tha. B’ e m’ athair an gille as sine san teaghlach.  Mar sin, ’s esan a dh’fhuirich an seo ’s… Bha esan agus a bhràthair, Gilleasbaig, bha an dithis aca ri seinn… Agus ged a thuirt m’ athair, fhios agad, nuair a bha e òg òg, mar iomadach fhear is tè òg, cha robh na h-uidhir de dh’ùidh aca sna seann seann sgeulachdan a bhiodh aig mo sheanair, ’s e mar a dh’fhàs e na bu shine ’s a thug e barrachd ùidh sna gnothaichean sin an uair sin.

Aidh, gun teagamh, bha e riamh deidheil air òrain ’s, tha – nuair a bha iad a’ fuireach ann an t-Heisgeir cha robh m’ athair ach bliadhna thar fhichead nuair a ghluais an teaghlach a t-Heisgeir. Agus bha, bha seann bhattery aca o tractor a bhiodh iad a’ cleachdadh airson an wireless, airson an radio. Agus bha sin cudromach airson forecasts fhaighinn. Ach cuideachd bhiodh iad a’ cluinntinn òrain ’s gnothaichean mar sin air.

Agus nuair a bha iad a’ fuireach ann an t-Heisgeir, chuala m’ athair, an latha a bha seothach, chuala e “An Ataireachd Àrd” air an radio air a poweradh leis an tractor battery. Agus gu fortanach – well chòrd an t-òran ris cianail fhèin math, ’s bha an leabhar “Bàrdachd Leòdhais” aig a’ mhàthair, aig mo sheanmhair.

Dh’ionnsaich m’ athair e an uair sin fhad ’s bha iad a-muigh ann an t-Heisgeir, agus bhiodh e, bhiodh e tric a’ seinn an t-òran sin.

GW – 06.54: Tha cuimhne agam.

PM – 06.56: Bidh cuimhne agad fhèin, ’s tha cuimhne agam fhìn – an an dòigh, bha m’ athair gu math na bu shine, ach bhiodh sinn – airson beagan bhliadhnaichean – bhithinn-sa a’ cluich cuide ris aig cèilidhean, agus sin agad òran a bhiodh e a’ dèanamh gu math tric.

Bha sgeulachd ann air fear – tha an sgeulachd – An Ataireachd Àrd, an t-òran – fear a thàinig à Leòdhas, agus a dh’fhalbh, agus nuair a thill e bha a h-uile sìon air atharrachadh sa bhaile aige. Bha na taighean falamh, ’s bha – mar a tha e ag ràdh san òran – luachair is rainneach is a h-uile sìon – feanntagan a’ fàs – agus an aon rud a bha – an aon rud mar a bha - ’s e an ataireachd àrd.

Agus aon dha na bliadhnaichean a bha iad a’ fuireach ann an t-Heisgeir, thàinig am fear a bha seothach a bhuinneadh do Heisgeir, ’s bha e na sheann dhuine an uair sin ’s bha e air fuireach thall ann an Canada. Dh’fhalbh iad a Chanada ’s thill e, agus chaidh a chur air tìr sa cheann ear, tha mi a’ smuaintinn - chan e, an ceann iar, an ceann iar – le aon dha na h-iasgairean. Agus dh’fhuirich e san tobhta, tha mi a’ smuaintinn, a bh’ aig an teaghlach. An uair sin thàinig e dhan ceann ear far an robh an teaghlach – na Moireasdanaich – agus bha e còmhla riutha airson seachdain no dhà, ’s bha fhios aige far an cuireadh e cliabh airson giomach a ghlacadh agus a h-uile sìon. Bha e suas ann am bliadhnaichean, ’s an latha a bh’ aca ri falbh – bhiodh m’ athair tric ag innse an sgeulachd a bha seo – mar a bha, bha suail mòr ann, agus bha an t-einnsean a’ dol – seagull engine – a’ dol tiug-tiug air a shocair. Agus bha siùil aige suas air a’ gheòla cuideachd. Agus bha an latha dìreach ceart – suail mòr - ’s gun do ghabh e “An Ataireachd Àrd”. Ach dhan fhear a bha seothach, leis an robh na briathran cho fìor, ’s e suas ann am bliadhnaichean, ’s fios aige nach tilleadh e a t-Heisgeir, bha an duine bochd a’ sruthadh na deòir, ’s fios aige nach tilleadh e. Sin agad an sgeul a bh’ aig m’ athair mun ataireachd àrd. Chùm e air a’ seinn aig tòrr cèilidhean gus an robh e gu math sean, aidh.

GW – 09.20: Thachair an aon rud rim mhàthair fhèin, an turas mu dheireadh, tha cuimhne agam, nuair a bha i ga chluinntinn. Yeah. Faclan cumhachdach.

PM – 09.34: ’S e, ’s e gun teagamh. ’S e.

GW – 09.37: Co-dhiù, sin agad d’ athair, agus do sheanair, agus Gàidhlig gu leòr air an taobh sin dhen teaghlach. Le do mhàthair, ge-tà, feumaidh gun do dh’ionnsaich i Gàidhlig nuair a thàinig i seo.

PM – 09.53: Aidh, dh’ionnsaich i, dh’ionnsaich i beagan co-dhiù. Agus, tha mi a’ smuaintinn, tha e fair a ràdh, gu h-àraidh nuair a bha mi gu math nas òige, bha ùidh mhòr mhòr aice sa Ghàidhlig, le bhith a’ dèanamh cinnteach gum faighinn-sa mo thogail ann an Gàidhlig, ’s gun robh an ceangal a bha sin agamsa ri, can, mo sheanair agus na sgeulachdan agus a h-uile sìon, nach biodh an ceangal a bha sin air a ghearradh le mar mur am faighinn a’ Ghàidhlig.

So, mar sin, bha ise a’ feuchainn…

GW – 10.32: O well, chan e rud furasta a th’ ann idir, an cànan ionnsachadh.

PM – 10.36: Chan e.

GW – 10.37: Tha mise fhathast ris a’ ghnothach.

Feumaidh gun robh an dà chànan a’ dol còmhladh, mar gum biodh, anns an taigh, fhad ’s a bha thu…

PM – 10.48: Och, bha.

GW – 10.50: Ach, mar as trice, ann an suidheachadh mar sin, ’s e a’ Bheurla a bhios a’ faighinn làmh an uachdair, mar gum biodh. So tha seo inntinneach dhomhsa gu bheil a’ Ghàidhlig agad cho làidir. Agus tha mi dìreach a’ uandraigeadh, ciamar a thachair sin? Tha – well, mar a tha thu a’ mìneachadh, bha taic làidir aig do mhàthair ann airson a’ chùis.

A bheil thu air smuaintinn mu dheidhinn sin idir?

PM – 11.18: Tha. Tha, tric. Chan eil teagamh ann gun robh an oidhirp a rinn mo mhàthair, i fhèin, agus nuair a bha mise cianail fhèin òg, gun do rinn sin diofar mòr.

Tha. Bha i fhèin an sàs, nuair a bha mi beag, ann an Cròileagan Eabhal. Bha i fhèin agus feadhainn eile - ’s ann a thòisich iad Cròileagan Eabhal. Agus, ged nach eil e a’ ruith an-diugh ’s e cròileagan sa Ghàidhlig a bha sin a bha bliadhnaichean sna Ceallan ann an sheo. ’S tha, chaidh mise tron sin – bhiodh sin air cuideachadh gu mòr. Tha mi a’ smuaintinn cuideachd – bha i uaireannan a’ dèanamh cinnteach gun deidhinnsa le m’ athair a dh’fhaicinn càirdean. Agus uaireannan cha tigeadh i idir leinn, dìreach o àm gu àm, airson ’s gum biodh an còmhradh air fad ann an Gàidhlig.

Tha fios againn uileadh air cho furasta ’s cho modhail ’s a tha na Gàidheil a bhith a’ tionndadh dhan Bheurla ged nach biodh ach aonnan neach ann aig nach robh a’ Ghàidhlig.

’S mar sin, a’ falbh a dh’fhaicinn càirdean ann an Griomasaigh, bhiodh sin uileadh sa Ghàidhlig, gun teagamh. ’S ann an dòigh, bha sin, bha mi fortanach sin uileadh a bhith agam. ’S bha – cuiridh mi geall cuideachd, leis gun robh m’ athair gu math nas sine, bha esan a’ coinneachadh tòrr de dhaoine san eaglais, sa bhùth, dìreach gach àite – agus ’s e ginealach nas sine a bh’ annta, agus mar sin bha an còmhradh aca fad an t-siubhail ann an Gàidhlig. So bhiodh sin air cuideachadh.

GW – 13.08: Seadh, well, na bu nàdarra dhaibh fhèin, mar gum biodh, an còmhradh a chumail ann an Gàidhlig.

PM – 13.14: So, ’s e, ’s e as nàdarra a bh’ ann. Agus, cò aige a tha fios? Nam biodh, nam biodh m’ athair air a bhith, ’s dòcha nas òige, nam biodh e air a bhith ginealach, ’s dòcha nas anmoiche dh’fhaodadh nach e an aon rud a bhiodh ann, ach sin mar a bha aig an àm sin.

Agus ’s dòcha an rud mu dheireadh a chanainn, cuideachd, chaidh mi tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an seo ann an Càirinis. Ach dh’fhaodadh gur e an rud mu dheireadh a bha cudromach ’s e nuair a chaidh mi a Dhùn Èideann an uair sin, agus ’s dòcha gum bruidhinn sinn barrachd air a-rithist, ach tha mi a’ smuaintinn, bha daoine eile an dùil rudeigin bhuam.

Bha iad an dùil gum bithinn cho fileanta ri fileanta, agus sin a bha ann an inntinn dhaoine nuair a bha iad ag ràdh gun robh am balach òg a bha seo air tighinn a-nuas à Uibhist. Bha iad uileadh a’ smaoineachadh “Seo agad dìreach fear na Gàidhlig. Bu choir dha a bhith cho fileanta ’s a ghabhas”, agus ann an dòigh thug e orm, tha mi a’ smuaintinn, studaigeadh air a’ ghnothach, dh’fhaoidte beagan a bharrachd oidhirp a dhèanamh.

GW – 14.28: Bha sin a’ cur cuideam ort.

PM – 14.29: Aidh. Agus gu h-àraidh a thaobh comas sgrìobhaidh agus a thaobh a bhith a’ frithealadh an eaglais Ghàidhlig ann an Dùn Èideann. ’S rinn mi sin grunn math bhliadhnaichean. Tha Gàidhlig na h-eaglaise aig ìre cho fìor àrd gun robh sin na chuideachadh, agus an coithional cho taiceil ann an shin, ach rinn mi beagan de dh’oidhirp ann an shin, dìreach airson dèanamh cinnteach gum biodh mo chuid Gàidhlig – well, bha mi airson dèanamh cinnteach gun robh mo chuid Gàidhlig aig deagh ìre. ’S tha mi air daoine eile a chluinntinn ag ràdh an aon rud. Nuair a tha iad a’ falbh sìos dhan oilthigh tha daoine an dùil gum bi iad cho Gàidhealach, agus tha sin – tha buaidh aig sin ort san dòigh ’s a tha thu gad ghiulan fhèin ann an dòigh. Agus bidh sin air cuideachadh beagan leis a’ Ghàidhlig cuideachd.

GW – 15.26: A’ tighinn air ais rud beag, thug thu iomradh an sin air Sgoil Chàirinis. Tha cuimhne agamsa ortsa, fiù ’s mus deach thu dhan sgoil, a’ danns air an àrd-ùrlar aig Ceòlas shuas ann an Dalabrog, so bha ùidh agad ann an ceòl bho thùs cuideachd, nach robh? Bheil mi ceart?

PM – 15.52:  Tha sin ceart, tha. Bha nòisean agam mus do theann mi a’ cluich a bhith ri dannsa-ceum, ach cha do mhair sin cho fada, tha e coltach. Ach, aidh, bha ceòl, tha mi a’ smuaintinn, na phàirt mhòr dhen teaghlach co-dhiù, leis gun robh m’ athair a’ seinn, fhios agad, nam biodh daoine dìreach a’ tadhal ’s a’ cèilidh air an taigh dh’fhaodadh gum biodh òran ann ’s bhiodh sinn tric aig cèilidhean, agus m’ athair a’ seinn ’s fiù ’s aig aois gu math òg bhithinn aig cèilidh ’s fios agad nuair a tha thu beag tha thu a’ tuiteam nad chadal, ’s cha robh e a’ cur dragh ormsa ged a bhiodh a’ phìob mhòr a’ cluich ’s san oisean bhithinn a’ tuiteam nam chadal uaireannan, ach – bha, bha sin ann gun teagamh.

Bha ceòl cuideachd ann an daoine – cuideachd mo mhàthar. Bhiodh, tha ise gu math deidheil air ceòl. Agus a h-athair, bha guth aige air a thrèanadh, agus bha e a’ seinn ann an còisirean an Sasainn…

GW – 16.58: Tha guth seinn aice fhèin cuideachd, nach eil?

PM – 17.00: Tha. So bidh ise a’ dèanamh seinn gun teagamh, ’s bha a h-athair a’ seinn ann an còisirean fad a bheatha shìos ann an shin. Mar sin, fhuair mi on dà thaobh e.

GW – 17.15: Bha mi dìreach a’ uandraigeadh - ’s dòcha nach eil freagairt ann – saoil am biodh an sgil a th’ agad ann an ceòl, an cluas a th’ agad airson ceòl – ’s dòcha – am biodh sin gad chuideachadh leis a’ Ghàidhlig cuideachd, bha mi a’ uandraigeadh.

PM – 17.31: Well, ’s dòcha gum bitheadh – chan eil mi air cus smaoineachadh a dhèanamh air sin. Tha, tha mi cuideachd, tha mi a’ creidsinn, tha mi air cuid math èisteachd a dhèanamh ri clàraidhean mo sheanar, seann chlàraidhean, agus, tha mi a’ smuaintinn, bha – tha mi air a bhith gu math fortanach – san dà bhliadhna mu dheireadh tha mi air beagan obair fhaighinn ann an sheo a’ clàradh muinntir Ghriomasaigh ’s a’ dèanamh clàraidhean cuideachd timcheall.

Ach, mar a thuirt mi, le tòrr dhe mo chàirdean, agus daoine, caran ginealach m’ athar bhithinn gam faicinn gu math tric ’s mar sin chan eil teagamh gum biodh bruidhinn riuthasan dìreach agus a’ cèilidh orra gu math tric a’ toirt buaidh air an seòrsa blas a th’ aig cuideigin.

GW – 18.25: Fair point. Seadh. Okay, so Sgoil Chàirinis an toiseach. Bha thu ann an shin tron bhun-sgoil.

PM – 18.34: Bha, a’ bhun-sgoil – sgoil a tha a-nist dùinte. Well tha barrachd sgoilearan ann a-nist, san sgìre a-nist na nuair a dhùin Sgoil Chàirinis. Cha mhòr nach fhaodadh iad fhosgladh a-rithist, ach tha iad uileadh a-nist an Sgoil Uibhist a Tuath.

Ach aidh bha Sgoil Chàirinis uabhasach fhèin math. Bha fiù ’s na tidsearan dha na clasaichean Beurla aig an àm – bha Gàidhlig aca uileadh. Cha robh, tha mi a’ smuaintinn, ach aon neach ag obair san sgoil dhen luchd-obrach aig nach robh Gàidhlig, bhon rùnaire gu na tidsearan Beurla, gun an còcaire ’s a h-uile sìon. Mar sin ’s e sgoil làn Gàidhlig a bh’ ann ’s bha tidsearan sgoinneil againn aig an àm.

Bha mi dìreach a’ smaoineachadh air ais, an latha eile. Bha tòrr math ceòl a’ dol san sgoil aig an àm cuideachd. Barrachd na tha an-diugh, ann an dòigh. Bha sinn a’ faighinn clasaichean feadain no clasaichean fìdhleadh bho clas a còig ’s gach seachdainn bha clasaichean seinn a’ dol le Penny Burgess, ’s clasaichean ceòl a bharrachd air sin le tidsear ciùil a bhiodh a’ dol mun cuairt. ’S an uair sin, bha mi ochd nuair mi a theann mi air a’ bhocsa ’s a’ phiano aig an aon àm ’s ’s ann a thòisich mi a’ dol gu clasaichean piano prìobhaideach le Olwen NicLeòid ann an Loch nam Madadh, agus clasaichean bocsa leis an fhèis. Mar sin bha an t-uamhas chothroman ann ceòl ionnsachadh aig an àm.

GW – 20.16: Seadh. Agus an dèidh sin Sgoil Lìonacleit airson dà, trì, ceithir bliadhna?

PM – 20.24: Ceithir bliadhna. Tha – agus – bha, bha an t-uamhas de sgoilearan, mar as trice, bhiodh iad a’ falbh o Sgoil Chàirinis a Sgoil Cheann a’ Bhàigh airson dà bhliadhna. Bhiodh muinntir Uibhist a Tuath uileadh a’ falbh a Cheann a’ Bhàigh ’s muinntir Uibhist a Deas uileadh a’ dol a Dhalabrog airson dà bhliadhna. Agus an uair sin bhiodh iad a’ tighinn a Lìonacleit.

Ach chuir iad às dha sin – tha – dà bhliadhna, nuair a bhithinn-sa, can, san treas’ bliadhna. Ach bha mise a’ roghainneachadh co-dhiù – mar a bha feadhainn eile, beag chuid aig an àm – ach bha feadhainn eile a’ falbh dìreach à Cairinis a Lìonacleit. Ann an dòigh, bhiodh e nas fhaisge à Griomasaigh a dhol a Lìonacleit. Ach cuideachd bha – bha ùidh cho mòr agam aig an àm – bha e follaiseach gu leòr – ann an ceòl. Agus bha roinn a’ chiùil ann an Lìonacleit cho math, ’s barrachd tidsearan aca a thaobh ceòl ann an shin. Mar sin, bha sin tarraingeach aig an àm. Dh’obraich sin glè mhath, agus bha Lìonacleit uabhasach fhèin math, ’s fhuair mi taic math a thaobh ceòl ann a shin, fhad ’s a bha mi ann an shin. Fhuair mi air cuid de na deuchainnean ciùil a dhèanamh beagan nas tràithe, ’s bha sin uileadh glè mhath ann an Lìonacleit.

An dèidh, an uair sin, an ceathramh bliadhna – tha – bha sinn a’ smaoineachadh, ’s dòcha – well, a’ bruidhinn ri mo phàrantan – gum biodh e math, ’s dòcha a dhol gu sgoil chiùil an uair sin. Agus, ged a bha mòran a’ dol - ’s bha feadhainn eile às Uibhist air a bhith a’ dol dhan Phloc – bha mi cuideachd a’ dèanamh an ceòl clasaigeach, agus bhathar a’ smaoineachadh gum biodh e math, can, an dà rud a chumail a’ dol, an dà sgil a bhith a’ dol aig duine. So, bha, bha sinn eòlach air feadhainn san Eilean Sgitheanach a bh’ air a dhol a sgoil chiùil Naomh Moire, St Mary’s, an Dùn Èideann. ’S mar sin chaidh ann an shin airson dà bhliadhna – airson an còigeamh ’s an t-siathamh bliadhna, ’s bha sin – well, bha e, bha e, ’s e atharrachadh mòr a bh’ ann. ’S e sgoil nas lugha a bh’ ann. ’S e, cha robh ann ach ceithir fichead sgoilear san sgoil air fad – eadar mu chlas a còig, sin an ìre as òige aig an robh sgoilearan an sin, clas a còig, suas gu – well, dhèanadh iad bliadhna a bharrachd seachad air an t-siathamh bliadhna. Dhèanadh iad “extension year”, mar a chanadh iad, airson daoine a bha airson beagan a bharrachd ceòl a dhèanamh.

Agus bha a’ mhòr-chuid a’ dol anmoch san àrd-sgoil airson na bliadhnaichean mu dheireadh aca. Agus bha feadhainn, mar a thuirt mi, às an Eilean Sgitheanach, bha fear à Leòdhas ann, bha feadhainn às a’ Ghàidhealtachd, à Inbhir Pheofharain. Bha feadhainn cuideachd ann à Barcelona, ’s às an Ungar agus dùthaichean eile cuideachd.

Agus bha latha fada ann. Bha thu a’ tòiseachadh aig leth-uair an dèidh ochd ’s a’ criochnachadh aig mu chòig ’s bha gach madainn a’ tòiseachadh le beagan seinn, càirteal na h-uarach. ’S bhiodh leasanan ciùil, agus fiù ’s ùine airson practice air a chur dhan chlàr-ama agad tron latha. Bha a’ mhòr-chuid dha na leasanan agam, ’s e ceòl clasaigeach a-mhàin a bh’ ann, le beagan jazz agus corra rud tradaiseanta ann cuideachd.

Ach ’s e bogadh math a bh’ ann, a thaobh gu h-àraid an theory agus an eachdraidh, agus ann an dòigh cuideachd an dòigh caran, gu math trom agus dìcheallach a th’ aca san saoghal clasaigeach a bhith a’ practice airson uairean is uairean gach latha. So ’s e ionnsachadh sgoinneil a bh’ ann.

Agus an uair sin dh’fhuirich mi ann an Dùn Èideann ceithir bliadhna eile. Chaidh mi dhan oilthigh ann an shin. Agus bha e comasach dhomh an aon tidsear clasaigeach a bh’ agam air a’ bhocsa a chumail a’ dol fhad ’s a chaidh mi tron oilthigh.

GW – 24.49: Agus ’s e ceòl a rinn thu aig an oilthigh cuideachd.

PM – 24.52: ’S e ceòl – thòisich mi a-mhàin a’ coimhead air ceòl, ach mar a chaidh na bliadhnaichean seachad, theann mi air barrachd de clasaichean Sgoil Eòlais na h-Alba a dhèanamh. Agus mun àm ’s a thàinig deireadh mo chùrsa, well an dà bhliadhna mu dheireadh, ’s ann a bha mi a’ dèanamh leth ceòl is leth Scottish Ethnology, mar a chanas iad.

Rinn mi ceòl air a’ bhocsa, ceòl clasaigeach leis an aon tidsear a bh’ agam à Serbia, agus an uair sin bha clasaichean ann an Sgoil Eòlais na h-Alba agam aig an aon àm.

GW – 25.31: So ’s e ionnsachadh eadar-nàiseanta ioma-chànanach a bh’ agad ann an iomadach dòigh.

PM – 25.37: Bha, well, cha do...cha do rinn mi an gnothach air cànan sam bith eile ach a’ Bheurla ’s a Ghàidhlig, ach bha, bha e measgaichte ’s bha e iongantach a bhith a’ faighinn an ceòl clasaigeach, agus ceòl ùr-nòsach, agus ceòl à dùthchannan eile cuideachd – beagan ceòl à taobh an ear an Roinn-Eòrpa, ’s ’s e ionnsachadh math a bha sin cuideachd.

Ach bha, bha mi, bha – ann an dòigh cha, cha b’ urrainn a bhith air a dhol gu oilthigh na b’ fheàrr, a thaobh gun robh Sgoil Eòlais na h-Alba ann, agus gun d’ fhuair mi cothroman ann an shin ionnsachadh mun – dìreach mu dheidhinn gnothaichean beul-aithris agus seanchas agus mar a nithear rannsachadh san roinn sin.

Agus a-nist tha sin feumail leis gu bheil mi a’ cleachdadh beagan dhe sin san latha an-diugh.

GW – 26.33: Thig sinn chun sin. Ach bha ceist eile gu bhith agam mu dheidhinn dìreach do bheatha ann an Dùn Èideann, agus do bheatha ann an Gàidhlig ann an Dùn Èideann, mar gum biodh. Tha thu air tòiseachadh air sin mar-thà – a’ bruidhinn mu dheidhinn a’ chuideim a bha thu a’ faireachdainn ort fhèin airson na sgilean sgrìobhaidh agad, mar eisimpleir, a thoirt suas ach...

An robh – bha thu air tighinn à coimhearsnachd làn Gàidhlig ann an Uibhist, agus bha thu a’ tighinn gu baile mòr far am biodh ùidh gu leòr, ùidh mhòr aig, aig cuid, anns a’ chànan. So, tha mi cinnteach gun robh coimhearsnachd air choireigin, coimhearsnachd Ghàidhlig ann an Dùn Èideann cuideachd, no coimhearsnachdan Gàidhlig ann an Dùn Èideann. An robh diofar mòr eatorra?

PM – 27.42: Well, bha eadar-dhealachaidhean ann a thaobh na diofar choimhearsnachdan a bh’ ann. Dh’fhaodadh gur e, ’s dòcha an rud eile an lùib sin ’s e creideamh cuideachd, agus – chaidh mo thogail san eaglais ann an sheo, agus tha, bha, tha mi a’ smaointinn, bha mi a’ cluinnteil nuair a bha mi a’ fàs suas, agus bho nuair a bha m’athair...eh mo mhàthair air a bhith a’ fuireach air Tìr Mòr, mu dheidhinn, can, na h-eaglaisean Baptist ’s rudan eile mar sin. Nuair a chaidh mi dhan sgoil chiùil an uair sin sa chòigeamh bliadhna san àrd-sgoil, bha mi airson feuchainn air na h-eaglaisean mòra òg a bha mi air cluinntinn mu dheidhinn, ’s bha còmhlain-ciùil aca a bha snasail agus drumaichean ’s guitars agus a h-uile sìon.

Tha sin tlachdmhor gun teagamh gu cuideigin òg, ach ann an dòigh, gu h-inntinneach, aig an eaglais ann an shin, is ged a bhiodh dhà no trì cheud a’ dol ann gach sàbaid, cha robh mi a’ faireachdainn an aon seòrsa de choimhearsnachd ann. ’S mar sin, chaidh mi an uair sin gu, gun an seòrsa eaglais nach b’ urrainn a bhith nas eadar-dhealaichte. Chaidh mi chun an eaglais Ghàidhlig a bh’ aca, ’s a tha fhathast, an Eaglais Manach Liath. Agus dh’fhaodadh nach biodh ann ach mu fhichead uaireannan, air an Sàbaid. Bha e gu math beag, seach mar a bha an eaglais eile, ach ann an shin bha coimhearsnachd cho Gàidhealach ann, agus bha iad cho taiceil dhomhsa, agus cho còir, agus daoine ann an shin à Leòdhas ’s na Hearadh, às an Eilean Sgitheanach, tha...bha fear à Beinn na Faoghla ann, agus bha sin gu math cuideachail.

’S an uair sin san oilthigh, chaidh mi an lùib an Comann Ceilteach, agus chùm mi a’ dol air na bliadhnaichean sin uileadh dhan eaglais Ghàidhlig ann an shin, agus dh’fhàs – leis a chaidh mi an sàs sa Chomann Cheilteach ann an shin, is mar a thuirt thu, bha tòrr de dhaoine ann an shin, agus mar a chithinn sna lecture theatres a’ dèanamh clasaichean Scottish Ethnology – dh’fhaodadh gur e mise an aona Ghàidheal a bh’ ann sna clasaichean seo a bha a’ coimhead air, air an dualchas againn fhìn às an seo.

’S bha cuid à Alba ann, ach bhiodh, ’s dòcha a’ mhòr-chuid a’ tighinn às Na Stàitean is rudan mar sin. Ach fiù ’s tòrr de dh’Albannaich eile às...à ceann a deas Alba mar gum biodh. Agus an Comann Ceilteach, bha measgachadh ann an shin, bha e air a roinn glè mhath eadar daoine às na h-eileanan no clann Ghàidheil, ’s dòcha air an togail ann an Glaschu, agus an uair sin daoine à Na Stàitean, às Fionnlann, às a h-uile seòrsa àite, a bha ag ionnsachadh na Gàidhlig ’s a’ dèanamh Ceiltis.

Agus, well, mar a thuirt mi, thaobh na Gàidhlig, dh’fhaodadh tu ràdh cuideachd, tha mi cinnteach, a thaobh an dualchas fhèin san fharsaingeachd gun robh cuideachd nan daoine sin, agus an ùidh a bh’ acasan anns a h-uile sìon, bhon a’ chànan chun a’ cheòl, chun – dìreach a bhith a’ coinneachadh ’s a’ tighinn còmhladh ri daoine eile – tha sin a’ toirt ort fhèin a-rithist a bhith a’ coimhead ort fhèin ’s a bhith a’ faighneachd na ceistean mar a tha – ma tha an leithid de dh’ùidh acasan air, dè tha sinn fhìn a’ smaoineachadh ma dheidhinn. ’S aig an aois tha sin, tha thu, tha thu a’ fàs nas sine co-dhiù, ’s tha thu, tha thu, tha thu a’ smaoineachadh mu dheidhinn na rudan sin beagan a bharrachd.

’S a-rithist bhiodh sin – an uair sin bha, tha mi a’ creidsinn aig an àm sin cuideachd, tha…well, mun àm sin, bha mi sa chiad bhliadhna san oilthigh agus chaochail m’ athair an uair sin. Agus, well, tha, bha, bha sin – bha, bha mi fortanach gun robh e mu chuairt co-dhiù airson na h-uidhir de bhliadhnaichean – bha e, mun àm a bhàsaich e – bha e ninety-one. Agus, tha mi a’ smaointinn – tha rud mar sin, tha e a’ toirt ort fhèin cuideachd a bhith a’ smaoineachadh, agus leis gun robh esan gu math na bu shine, agus do mhòran a’ riochdachadh ann an dòigh ’s dìreach a’ giùlan na fhèin tòrr dhen, dhen t-seann dualchas agus na seann chleachdaidhean ’s an eachdraidh na cheann, an uair sin bhithinn-sa a’ smaoineachadh air sin ’s an uair sin dè – ciamar a bha mise a’ dol a’ fhreagairt, no, no a bhith caran a’ gabhail beagan dhan sin. Agus, can, on uair sin suas gu deireadh an oilthigh bhithinn an uair sin a’ feuchainn ri bhith – well, fad san oilthigh, bhithinn an seo fad, a h-uile sàmhradh agus a h-uile seansa. An uair sin bha mi a’ studaigeadh air a bhith an seo barrachd dhan ùine ’s, tha mi a’ smaointinn, bha mi riamh airson tilleadh dhachaidh, ach mar a tha tòrr ag ràdh, ’s e dìreach an ceist, cuin? Ach mun àm sin, bha mi caran a’ cosg leth dhan ùine air falbh, leth dhan ùine an seo.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/9686