This is a Clilstore unit. You can .
MN―00:05: Agus dè do bheachd air dè mar a tha an cultar agus an dualchainnt ionadail an-diugh?
AN―00:13: Mmm…chan e beachd uabhasach math a th’ agam mu dhèidhinn…tha mi, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sinn ga chall. Eh…mar eisimpleir, nuair a bha sinn òg, dh’aithnicheadh tu cò às a bha a h-uile duine cha mhòr a bha bruidhinn Gàidhlig: Moireasdan à Nis am fear ud, no ’s ann às na Lochan a tha an tè ud, no ò ’s e Hearach a tha siud no, ò, ’s e Ùigeach a tha siud, gun teagamh, tha fhios agad. Cluinnidh tu fhathast am blas, gu h-àraid na daoine sine…nas sine. Ach…mmm…tha sinn air blas na Gàidhlig a chall beagan ann a sheo, chanainn. Eh…well, tha beagan de mheasgachadh agam fhìn…bidh…bha Gàidhlig…mmm….an Taobh Siar aig mo mhàthair…can leth agus leth airson bha…’s ann à sin a bha a h-athair, agus ’s e accent gu math làidir a tha sin. Mmm…a thaobh an cultar tà, chanainn, tha mi…tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e…tha tòrr ga dhèanamh airson an cultar…tha…daoine a’ feuchainn ri tòrr a dhèanamh a thaobh…mmmm…ceòl agus eachdraidh ’s comainn…comainn eachdraidh, tha iad air feuchainn ri tòrr fiosrachadh fhaighinn agus a ghlèidheadh agus a chuireas ri, mar, mar tha Comann Eachdraidh Nis air a dhèanamh, tha iad air tòrr stòras mhòr ac’ dheth, fiosrachadh is rudan fhathast. Tha mi a’ smaoineachadh sin a dh’fheumas a h-uile àite a dhèanamh, tha iad a’ feuchainn ach chan eil fhios a’m. Ach beachd eile a th’ ann, ’s e...bidh rudan ag atharrachadh co-dhiù tro na…tro na linntean...mmm…creids’ gum biodh na…mo sheanmhair ’s mo sheanair nuair a bhiodh iasdan…iadsan òg, bhiodh iadsan ag ràdh an aon rud ‘Ò cha...chan eil làithean idir mar a bh’ ann’. Ach tha rudan ag atharrachadh agus tha bliadhnaichean a’ dol seachad, sin mar sin a bhios. Ach feumaidh sinn feuchainn ri…tha mise a’ smaoineachadh...eh…a’ cumail an cànan agus an cultar…tha iad a’ dol ri chèile. Chan e fèidhir cànan a th’ ann, feumaidh a h-uile càil a bhith ri chèile, an cultar a tha a’ dol leis.
MN―02:12: Tapadh leatsa. Tha…bha mi a’ dol a bhruidhinn air gnìomhachas. Dè an gnìomhachas a bha sa bhaile nuair a bha thu òg agus dè na gnìomhachasan a th’ ann an-diugh?
AN―02:23: Nuair a bha mi òg…gnìomhachas…cha robh…’s e baile beag th’ ann mar a bha mi ag ràdh ach…a bheil sibh a’ ciallachadh mar bùth?
MN―02:33: An obair, na daoine a bha anns a’ bhaile…dè an obair a bh’ ac’?
AN―02:37: Ò, dè an obair a bh’ ac’…ok…uh…huh…mmm…tha mi dìreach a’ cuimhneachadh…mmm…tha mi a’ smaoineachadh…cha mhòr a h-uile duine, well, bha iad ag obair aig an taigh ach bha dhà no trì bhiodh iad ag obair air falbh…off-shore mar a chanadh iad, aig muir. Bha tòrr dhe na bodaich bha iad air a bhith aig muir. Mmm…ach a’ chuid as motha dhe na daoine sa bhaile bha iad ag obair ann an sheo fhèin anns a’ bhaile no anns an ospadal no aig a’ chomhairle. Sin…bha tòrr obraichean ann. Is tha tòrr obraichean ann an shin fhathast, chanainn. Ach cuideachd…mmm…thòisich barrachd is barrachd…mmm…B & Bs a’ tighinn an-àird’ agus tha iad sin fhathast a’ dol ach chan eil e cho furast’ dhaibh an-dràsta a bhith, well, chan urrainn dhaibh a bhith fosgailt’ an-dràsta. Mmm…cuideachd bha…tha an t-ionad...na tursachan, Callanish Visitor Centre, a tha fèidhir shìos an rathad agus tha sin air a bhith a’ toirt a-steach tòrr airgid a h-uile bliadhna leis na luchd-turais. Agus bha e math airson na daoine òg’ a bhith...uill, obair às dèidh sgoil agus obair tron t-samhradh. Bha mi fhìn ann cuideachd…mmm…is abair gun robh e handy fèidhir shìos an rathad airson obair.
MN―03:49: Agus…mmm…an innis thu dhuinn ann an leis a’ choimhearsnachd a tha e, agus cuideachd dè seòrsa àite a th’ ann agus na goireasan a th’ aca timcheall air?
AN―03:58: Uh…hum. ’S ann leis a’ choimhearsnachd a tha…tha Urras nan Tursachan, ’s ann leotha a tha e, so Callanish Trust agus ’s e mar not for profit a th’ ann. So tha a h-uile càil a tha iad a’ dèanamh, tha e a’ dol air ais a-steach dhan a’ choimhearsnachd no dhan an togalach. So tha togalach ac’ fèidhir shìos bho na tursachan fhèin, agus tha café ann agus tha…mmm…taigh-tasgaidh ann agus bùth…bùth bheag le…mmm…rudan mar clò, agus deilbh agus siabann agus rudan mar sin. Mmm…agus tha iad a’ feuchainn ri extension a chur air cuideachd. Tha iad air a bhith a’ feuchainn ri sin a dhèanamh airson bliadhnaichean ach tha mi an dòchas gum faigh iad air a dhèanamh airson tha e ro bheag…tha e ro bheag airson na tha de dhaoine a bhios ga chleachdadh gu h-àraid tron t-samhradh…mmm…tron a’ gheamhradh chan eil mòran ann, fèidhir sinn fhìn a bhios ann is daoine timcheall. Ach mmm…’s e àite math a th’ ann agus abair g’ eil…dh’fhaodadh iad ’s dòch’ tòrr a bharrachd a bhith ga dhèanamh gu h-àraid a thaobh…mmm…mar a tha rudan ag atharrachadh, a thaobh campervans. Tha tòrr a bharrachd campervans a’ tighinn agus seo aon dhe na h-àiteachan a tha iad…a tha iad ag iarraidh fhaicinn. Agus tha mise an-còmhnaidh a’ smaoineachadh, well, carson nach eil iad air rudeigin a dhèanamh, tha tòrr talamh ac’…mmm…a tha air falbh bho na tursachan so chan fhaiceadh tu iad bho na tursachan. Eh…dh’fhaodadh iad caravan hook-ups a dhèanamh ann an shin. Agus tha mi a’ smaoineachadh…tha a h-uile càil a tha sin ri thighinn, well, tha mi an dòchas gu bheil co-dhiù son feumaidh iad…feumaidh sinn a bhith a’ gluasad air adhart a h-uile bliadhna.
MN―05:31: Agus an dùil dè am beachd aig daoin’ timcheall a’ bhaile air na tursachan. A bheil iad…mmm…mothachail, fhios agad, cho luachmhor ’s tha iad?
AN―05:41: Chan eil mi a’ smaoineach’ gu bheil. Tha feadhainn ac’, tha gu h-àraid daoine a tha air a thighinn a-steach nach…nach…chan eil iad…chan ann à seo a tha iad, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iadsan tha iad tòrr nas…mmm…ciamar a chanas iad…tha iad a’ smaoineachadh gur h-e rud tòrr nas motha...a tha, agus tha iad gu math luachmhor agus feumaidh sinn a’ coimhead às an dèidh. Tha...tha a h-uile duine againn a’ smaoineachadh sin cuideachd ach ag èirigh suas tha thu fèidhir a’ smaoineachadh ‘Och, siud na tursachan’, you know, tha iad air a bhith ann bho thùs agus bidh iad ann airson mìltean am bliadhnaichean…bliadhnaichean eile. Ach, a-nis, tha mi nam bheachd, well, feumaidh sinne a bhith a’ coimhead às an dèidh…feumaidh iad coimhead às an dèidh anns an dòigh cheart agus cuideachd feuchainn ri rudeigin math a dhèanamh a-mach às mar an ionad tursachain agus a’ cumail an obair anns an àite fhèin ’s a’ cumail na h-obraichean agus an t-airgead anns a’ bhaile cuideachd.
MN―06:33: Mmm…a’ bruidhinn air an sin…tha…an innis thu dhuinn mu dheidhinn am factoraidh ann am Breascleit?
AN―06:39: Ò tha factoraidh shìos aig cidhe Bhreascleit, tha factoraidh ann a shin. Mmm…’s dòcha gur ann sna seachdadan a dh’fhosgail e an toiseach…mmm…a’ dèanamh mar rudan ceimiceachd…pharmaceutical companies, bidh iad a’ dèanamh tablets agus capsules agus rudan mar sin. Agus tha iadsan a’ dol fhathast. Mmm…chanainn…tha, tha dhà no trì anns an àit’ le obair ann ach iad cho…air feadh an eilein a-nis tha, tha daoine ann ag obair. Ach cha robh mi a-riamh ann, mi fhìn, tha mi air a bhith timcheall air ach cha robh mi a-riamh a-staigh ann. Mmm….cuideachd tha fèidhir ri taobh sin, tha…mmm…tuathanas-èisg…sin far a bheil iad ag obair…mmm…dol a-mach Loch an Ròg an sin cuideachd.
MN―07:23: Agus tha mi a’ faicinn cuideachd gu bheil rud agaibh ann an shin agus math airson turasachd mu dheidhinn na h-Eileanan Flannach.
AN―07:30: Tha…tha…tais…taisbeanadh…tasglann…taisbeanadh a th’ ac’ ann an Ionad Choimhearsnachd Bhreascleit mu dheidhinn na h-Eileanan Flan…Flannach…mmm…so mu dheidhinn mar the disappearance…mar the…the lighthouse keepers dh’fhalbh iad. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun d’ rinn iad ann am Breascleit e airson tha…tha taigh…taigh mòr a chanainn…a chanadh sinn ris ann am Breascleit, an Taigh Mòr airson ’s e taigh na lighthouse keepers a bh’ ann. Sin far am biodh iad a’ fuireach agus bhiodh iad a’ falbh à sin a dhol a-mach gu na h-Eileanan Flannach. Agus chan eil mi ag ràdh nach ann à sin a dh’fhalbh am bàt’ The Hesperus gan lorg, uill cha do lorg iad iad, ach lorg iad nach robh iad ann. Agus fhuair iad airgead airson, tha memorial bheag ann ri taobh a’ chladach shìos ann am Breascleit. Agus cuideachd tha taisbeanadh anns a’...anns a’ thalla mu dheidhinn agus abair g’ eil e math, tha e uabhasach snog agus tha iad air a dhèanamh uabhasach math. Agus chaidh fhosgladh le Prionns’…Princess Anne a bh’ ann bha i ann an sheo o chionn dà bhliadhna. So tha sin math, beagan de togail-inntinn a bha sin. Agus thàinig i ’s bha i…bha i ag ràdh gun robh e...cho inntinneach ’s a bha ’s choinnich i ri tòrr dhe na daoine às a’ choimhearsnachd anns a’ thalla, is copan teatha agus cèicichean. Bha sin math.
MN―08:52: Agus…mmm…an do thachair thu ri duine eile a bha aimeil air do shlighe?
AN―08:59: Well, tha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh a-nis. Well, cha do…well, cha do choinnich mi rithe, ach choinnich mi ri a màthair, a’ bhan-rìgh nuair a bha i ann a sheo. Mmm…cuin a bha e, 2003 no ceithir? Chan eil cuimhne agam cuin a bha i ann an sheo ann an Steòrnabhagh. Ach…mmm…bha…fhuair m’ athair cuireadh a dhol ann chun an lunch. Is bha tòrr…bha ceudan de dhaoine ann às...aig a’ cholaiste agus cha b’ urrainn mo mhàthair a dhol ann, bha i ag obair no bha i air falbh so chaidh mise ann. So bha mise ann an shin còmhla ri m’ athair agus choinnich mi ris a’ bhan-rìgh, well, cha do choinnich mi rithe, thuirt i hello…bha i a’ dol seachad...bha i a’ dol seachad orm. Mmm…tha mi a’ feuchainn ri chuimhneachadh a-nis cò eile...an do choinnich mi ri duine. ’S dòch’ gun do choinnich ach chan eil cuimhne agams’, cha robh iad cho ainmeil ri sin!
MN―09:47: Agus…mmm…an innis thu dhuinn beagan mu dheidhinn an ionad coimhearsnachd, mar a tha a’ choimhearsnachd ag obair mu choinneamh a thogail ’s a chumail?
AN―09:55: So tha ionad na coimhearsnachd, tha fèidhir air cùlaibh…eh…Sgoil Bhreascleit a-nis so far an robh…far a bheil an sgoil, bha talla aost’ ann air a chùlaibh ’s bha an talla a bha sinne a’ cleachdadh nuair a bha sinn òg, bha e fèidhir anns a’ playground anns an sgoil so ach ’s e halla bheag a bh’ ann. Agus…mmm…cuin a bha e? ’S dòch’, well, fichead bliadhna air ais, thòisich iad a’ bruidhinn air halla ùr a thogail. Agus fhuair iad airgead agus abair gur e halla math a th’ ann. Tha mòr, agus tha àite mòr ann…mmm….mar na games hall, tha agus tha shuas an staidhre ann, sin far a bheil an taisbeanadh airson na h-Eileanan Flannach. ’S bidh tòrr…mmm…buidhnean ga chleachdadh mar an Comann Eachdraidh agus bidh coinneamhan ann agus an rud as motha tha iad air a bhith ga chleachdadh, ’s e bainnsean. Tha tòrr bainnsean air a bhith ac’ sa halla…mmm…agus tha a h-uile duine ga dhèanamh saor-thoileach so bidh a h-uile duine a’ tighinn bhon àit’ bidh iad a’ cuideachadh a-mach…mmm…leis a bhith a’ dèanamh a’ bhiadh, a’ dèanamh na decorations, a’ dèanamh am bàr agus a h-uile càil mar sin…mmm…tha a h-uile duine ga dhèanamh saor-thoileach. Agus abair gu bheil iad a’ dèanamh job math dheth. Agus tha a h-uile duine a tha air a bhith ann airson banais, tha iad ag ràdh gur e siud am banais as fheàrr aig an robh mi. So tha sinn gu math pròseil dhen sin…mmm…gu bheil uiread de dhaoine airson banais aca, a bhith ac’ ann a sheo.
MN―11:21: Glè mhath. Tha…eh…bha sinn a’ bruidhinn an uair ud mu dheidhinn do sheanmhair agus cuid dha na facail a bhiodh aice. Tha...an dùil…am bruidhinn thu air dìreach facail a bhios…a bhios tu a’ cluinntinn agus rudan a bhiodh tu a’ cluinntinn agus tha thu a’ cur luach ann an-diugh, agus a bhios tu fhèin a’ cleachdadh ’s dòcha?
AN―11:43: Yeah well, tha dhà no trì ann ach cha…cha b’ urrainn dhomh a ràdh ann an seo! Ach canaidh mi fear agus abair gun robh e èibhinn…mmm…bha i ag ràdh mu dheidhinn cuid…cuideigin, bhiodh i ag ràdh anns a’ chàr no nuair a chitheadh sinn cuideigin: ò, cò tha…cò tha an duine siud no cò leig a-mach e? Agus tha mi a’ smaoineachadh tha Peat and Diesel air amhran a dhèanamh cò leig a-mach thu? ’S a h-uile triop a tha mi a’ smaoineachadh air an amhran sin, tha mi a’ smaoineachadh air mo sheanmhair. Sin a bhiodh iad ag ràdh. Mmm…ò, bha, bha tòrr sean-fhacail, chan e sean-fhacail, ach tòrr rudan mar sin aice agus mo sheanair. Agus…mmm…facail a bhiodh iad a’ cleachdadh mar bhiodh esan ag ràdh rudeigin tuaireabadh…bhiodh e ag ràdh ‘och tuaireabadh’, is cha chuala mi sin a-riamh, tha e mar dash it. Ach…mmm…cha chuala mi sin a-riamh, is rudan mar mo sheanair a bhith ag ràdh: Ò, tha mi mar a tha mi mar a dh’fhàg an t-earrach mi. Rudan mar sin agus bha mi ag ràdh cò às a thàinig…cò às a thàinig na rudan a tha siud? Agus rudan mar och, mar a bhiodh mo mhàthair ag ràdh ‘nì e tuireadh mu mheadhan-latha’. Agus…eh…fhad ’s bha i a’ fàs nas sine bha beagan…bha i a’ call a h-inntinn beagan ach bha tòrr dhen sin bhon a bha i òg, bha…tha…bha cuimhne aice fhathast. Agus bhiodh i a’ bruidhinn air h-athair Aonghas MacNèill a bh’ ann à Breascleit. Bha esan anns a’ chiad chogadh agus ghoirtich e a ghàirdean ’s so bha aig an taigh tòrr dhen àm, ach tha mi a’ smaoineachadh gun robh e uabhasach math dhaibh. Agus ’s e mo sheanmhair ’s i as b’ òige dhen teaghlach so mar a’ bhaby agus bha i an-còmhnaidh ag ràdh: ò, bhiodh m’ athair, bhiodh e a’ toirt dhomh sgillinn nan ithinn mo lit’ a h-uile latha.
MN―13:23: Aww…math dha-rìribh. Agus a bheil seanchas sam bith eile agad a thu ag iarraidh innse mu dheidhinn an teaghlach agad fhèin no rudeigin mu dheidhinn a’ bhaile?
AN―13:37: Well, chan eil fhios a’m ach chanainn…mmm…an teaghlach agams’ mar a tha fios agaibh fhèin, tha…tha…dhà no trì anns an teaghlach…mmm…’s e sin an rud…tha, tha mis’ a’ smaoineach’ gun robh sinn uabhasach fortanach nuair a bhithinn ag èirigh suas. Agus ’s ann, nuair a tha thu a’ fàs nas sine tha thu a’ mothachadh…mothachail air na rudan a tha seo, cho fortanach a bha sinn ag èirigh suas le teaghlach cho mòr. Chan e a-mhàin fiù tha dà bhràthair ’s piuthar agam ach teaghlach mo mhàthar, tha còig peathraichean ann ’s dà bhràthair. Agus teaghlach m’ athar, bha còignear ac’ ann so agus a h-uile duine a tha uabhasach…uiread de cho-oghaichean againn agus tha aunties ’s uncles againn air feadh an àit’ agus cha mhòr a h-uile duine ac’ ann an Leòdhas fhèin. So sin...bha sinn cho fortanach ’s gun robh uiread de dhaoine timcheall oirnn. Chan e a-mhàin fiù daoine sa choimhearsnachd ach an teaghlach againn fhìn…mar fèidhir a-nall an rathad tha piuthar mo mhàthar agus an duine aice agus an teaghlach agus bha sinn a’ cluiche le chèile, leis a’ chlann, bha sinn an aon aois. Agus shìos an rathad ann an shiud, bha piuthar m’ athar…agus…eh…piuthar m’ athar is bràthraichean às an Tolstadh a’ Chaolais agus na co-oghaichean. Bha a h-uile duine, bha sinn timcheall a chèile cha mhòr a h-uile latha. Eh…agus tha mise a’ smaoineach’ gur e rud uabhasach cudromach a tha sin…mmm…gun robh teaghlach againn cho mòr ’s a bha agus tha. Tha e fhathast mòr agus tha sinne a’ cumail an càirdeas cuideachd…feuchainn ri cumail an càirdeas. Sin an rud a bha mo sheanmhair…bha i uabhasach math air an sin, a bhith a’ cuimhneachadh cò…cò na càirdean a bh’ aice. Agus tha mi fhìn a’ feuchainn ri bhith a’ cuimhneachadh cuideachd ach tha na càirdean gu mì-fhortanach a’ falbh cho luath a-nis agus chan eil cuimhne a’m, ’s a’ faighneachd, tha mi ag ràdh, well, an e second cousin no third cousin a bha siud dha…dha granny, chan eil cuimhne a’m, ach tha mi a’ feuchainn…tha mi a’ feuchainn.
MN―15:24: Ò, math dha-rìribh, tha mi toilichte sin a chluinntinn gu dearbha. Agus…mmm…a bheil càil eile a lùigeadh tu a ràdh?
AN―15:35: Mmm…well, tha mi a’ smaoineachadh…tha mi air notaichean…note no dhà a dhèanamh…mmm…tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e cudromach…eh…anns an latha a th’ ann an-diugh gun a bhith a’ cur sìos air mar a bha e, fhios agad, ò, agus a’ cantainn och bha sinn gu math backwards agus feumaidh sinn a bhith a’ gluasad air adhart agus…tha…tha sin fìor. Feumaidh sinn a bhith a’ gluasad air adhart, ach tha mi a’ smaoineach’ gum feumaidh sinn barrachd luach a chur air rudan a thachair…mmm…agus na daoine…fiù ’s na daoine a th’ ann an-dràsta airson, you know, leth-cheud bliadhna eile cha bhi iad ann. Chi bhi sinn ann ’s dòch’, cha bhi sinn ann agus feumaidh sinn a bhith…mmm…a’ cuimhneachadh air an sin agus tha mi fhìn, uiread de thriopan, a tha mi air a bhith ag ràdh rium fhìn, well, carson nach d’ rinn mi recording dhen siud. Chan eil fhios a’m cia mheud triop a thuirt mi sin rium fhìn…rium fhìn mu dheidhnn bodach no cailleach a tha air…a dh’fhalbh, you know, o chionn bliadhnaichean. Carson nach d’ rinn mi recording dhen siud, agus fèidhir a’ feuchainn a bhith nas mothachail ach…eh…gur e rud cudromach a th’ ann, rud luachmhor a th’ ann, a th’ againn gu h-àraid ann an sheo, anns na h-eileanan agus anns a’ Ghàidhealtachd dha daoine aig a bheil Gàidhlig fhathast, Gàidhlig nàdarra…nàdarrach, ’s e a’ Ghàidhlig a bh’ againn bho thùs, a’ chiad chànan a bh’ againn. Agus tha tòrr mar sin ann fhathast ach chan eil…chan eil mi ag ràdh gu bheil uiread ann ’s a bha nuair a bha sinn òg. Agus gu h-àraid, well, a’ bhalach agam fhìn, Fraser, ’s e Gàidhlig a tha sinn a’ bruidhinn ris...mmm…fad an t-siubhail. So ’s e Gàidhlig a bhios aigesan…mmm…mus tig e dhan an sgoil co-dhiù. Eh…actually…’s e beagan de mheasgachadh a bhios aigesan airson ’s ann à Èirisigeidh a tha an duine agam so beagan de Ghàidhlig Èirisgeach agus Gàidhlig Chalanais cuideachd.
MN―17:18: Glè mhath. Bha thu a’ bruidhinn an uair ud mu dheidhinn amhrain…mmm…am bi thu a’ cruinn…cruinneachadh amhrain thu fhèin no am bi thu a’ seinn?
AN―17:27: Och, cha bhi mi a’ seinn, ’s dòch’ às dèidh drama na dhà, ’s dòch’ gun tig amhrain a-mach ach bidh Murdaigean…bidh e a’ seinn agus abair g’ eil…mmm…tha…cia mheud folder a th’ aige…chan eil fhios a’m ’s dòch’ deich folders aige le...làn amhrain, agus tòrr dhe na…na h-amhrain a bhios e a’ cluinntinn a h-uile latha, ach tha tòrr ann cuideachd a tha…a chaidh a’ sgrìobhadh le daoine à seo fhèin agus às a’ bhaile aige fhèin, agus fiù ’s à seo fhèin…tha…amhran no dhà le daoine à seo fhèin…son tha…’s ann à seo a bha teaghlach a bhean aige. Mmm…cha bhi mise a’ sei…a’ seinn mi fhìn ach…ach tha, tha ùidh agam ann an amhrain mar sin air, air nach eil duine eòlach agus a tha co-cheangailt’ ris an àite againn fhìn agus na rudan a chaidh iadsan troimhe mar anns a’ chogadh agus rudan mar sin.
MN―18:23: Tha…tha e mìorbhaileach a’...no an fhiosrachadh a th’ anns na h-amhrain sin agus…mmm…tàmailteach nach eil sinn gan cluinntinn…gur e an aon fheadhainn a tha sinn a’ cluinntinn. Agus…mmm…tha…so dè a th’ agad a’ chòrr dhen latha? Dè a-nis a tha thu a’ dol a dhèanamh?
AN―18:40: Well, a-nis, tha mi a’ dol a-mach chun nam beathaichean a-rithist. Feumaidh mi na beathaichean a chur eadar lot agus lot eile agus tha…mmm…piuthar…well…uncle dhomh so an duine aig piuthar mo mhàthar, tha…tha crodh acasan cuideachd, agus tha a h-uile duine againn tha sinn a’ feitheamh air laogh so feumaidh mi a dhol a-mach a dh’fhaicinn a’ bhò againn fhìn agus a dh’fhaicinn dè mar a tha i, agus a bheil i faisg agus ma tha i faisg thig…bheir mi a-steach i dhan bhàthaich. So agus tha Fraser beag tha e air falbh dhan bhaile còmhla ri athair so tha, tha feasgar agam leam fhìn. ’S dòcha gun gabh mi copan teatha is suidhe sìos airson deich mionaidean.
MN―19:19: Ò, well, ceud taing airson siud. Bha siud math dha-rìribh.
AN―19:23: Ò, ’s e ur beatha. Chòrd e rium.
MN―19:25: Tapadh leatsa.
AN―19:27: Tapadh leibhs’.
Short url: https://clilstore.eu/cs/9356