This is a Clilstore unit. You can .
M[agaidh] N[ic a’ Ghobhainn]―00:05: An innis thu dhuinn cò thu, agus cò leis thu agus càite a bheil thu a’ fuireach?
A[nna] N[icAonghais]―00:10: Mm…hmm. Well, tapadh leibh airson faighneachd dhomh seo a dhèanamh. Eh, ’s mise Anna, Anna MacInnes, mar a thuirt thu, eh, ’s e Fraser a bh’ orm mus do phòs mi. ’S tha mi a’ fuireach ann an Calanais ann an Leòdhas agus ’s ann ann an sheo a rugadh is a thogadh mi. Mmm….’s ann...tha mo mhàthair, Anne, ’s ann à Breascleit a bha i…mmm…agus m’ athair à Breascleit cuideachd ach ’s ann à Glaschu a bha an teaghlach. Thàinig iad a dh’fhuireach an seo nuair a bha e ’s dòch’ timcheall air ochd no naoi bliadhna a dh’aois. Mmm…so na Frasers a bha sin, is mar sin mar a choinnich iad. Agus tha teaghlach mo mhàthar, tha iad à Breascleit fhèin agus à Bràgar ann an Leòdhas. Tha iad a’ dol air ais gu…chan eil mi a’ creidsinn nach ann ’s dòch’ 1700s no 1800s. So tha iad air a bhith ann an sheo airson treiseag.
MN―01:04: Agus dè mar a dh’ainmeachas iad do, do mhàthair ann am Breascleit?
AN―01:09: Well, tha iad gan ainmeachadh air an taigh so Anne Millhouse ach…mmm…a thaobh…’s e…’s e mo sheanmhair, màthair mo mhàthar, ’s ann à Breascleit a bha ise, Peigi…Peigi an t-ainm a bh’ oirr’, eh…Peigi NicFhionnlaigh a bhiodh iad ag ràdh rithe. Mmm…agus mo sheanair, ’s ann à Bràgar a bha e agus ’s e muinntir Chaluim Bhig – na Morrisons – so Dòmhnall Iain Chaluim Bhig à Bràgar, sin an t-ainm air an teaghlach ud.
MN―01:33: Glè mhath agus càite an deach thu dhan an sgoil, Anna?
AN―01:37: So, mar a bha mi ag ràdh ’s ann à Calanais a tha mi so chaidh sinne dhan an sgoil ann am Breascleit, Sgoil Bhreascleit. Abair gun robh sgoil math nuair a bha sinn ann. A h-uile duine a bha timcheall oirnn, dh’aithnicheadh sinn agus ’s e làithean sona a bh’ ann. Chòrd e rium gu mòr a bhith ann an Sgoil Bhreascleit airson…mmm. Cuideachd an rud as fheàrr mu dheidhinn, bha grannie is pappie, bha iad fèidhir tarsaing an rathaid agus bhiodh sinn a’ dol ann an shin airson lunch agus spòrs agus a h-uile càil às dèidh sgoil. So…mmm…sgoil Bhreascleit airson a’ bhun-sgoil agus…mmm…an uair sin na bu shine, chaidh mi gu àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh.
MN―02:14: Agus a bheil peathraichean agus bràithrean agad, Anna?
AN―02:16: Tha, tha dà bhràthair agus aon phiuthar agam agus ’s mi as òig’ dhan teaghlach, agus so dà bhràthair nas sine agus piuthar cuideachd. So, tha…tha squad againn ann.
MN―02:27: Agus…mmm…an robh thusa ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ann an Sgoil Bhreascleit?
AN―02:33: Bha, bha, mmm…nuair a chaidh mise ann, bha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig bha e air tòiseachadh bliadhnaichean mus robh do…mus robh mise ann. Eh…’S e clas mo bhràthar, Alasdair, sin a’ chiad clas a chaidh tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. So bha sin ann an…mmm…cuin a bha e? ’S dòcha 1986 a thòisich e ann am Sgoil Bhreascleit. Agus ’s ann air sgàth na pàrantan ann a…ann an sheo a chaidh sin a chur air dòigh airson a bha iad a’ dèanamh strì airson feuchainn ri…mmm…foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a thòiseachadh anns an sgoil. So ’s ann…’s ann an sin a thòisich e is tha e fhathast a’ dol.
MN―03:15: So tha sin iongantach. ’S ann ann am Breascleit a thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus ’s iomadh ceum a rinn e bhon uair sin.
AN―03:22: ’S iomadh, ’s e.
MN―03:24: Agus dè seòrsa baile a bh’ ann ann an Calanais nuair a bha thusa òg?
AN―03:27: Och, baile…baile snog a th’ ann. Mar a tha fios aig tòrr, tha…mmm….tha clachan...Tursachan Chalanais againn ann an sheo so tha sin a’ tarraing tòrr dhaoine ann. So gu h-àraid as t-samhradh, tha e gu math trang le luchd-turais agus daoine a’ tighinn a chèilidh ’s teaghlaichean a’ tighinn dhachaigh airson an t-samhradh airson cèilidh air an teaghlach ac’. Ach…mmm…ag èirigh suas, ’s e baile gu math snog a bh’ ann…bha…dh’aithnichidh sinn a h-uile duine agus bha…bha tòrr chlann ann dhan aois rinn fhìn. Agus cuideachd na bodaich is na cailleachan, bhiodh sinn a’ dol air chèilidh orra nuair a bha sinn beag, mì fhin agus cousin dhomh thall an rathad, Gregor, bhiodh sinn a’ dol a chèilidh air dhà na trì dhe na cailleachan is na bodaich agus bhiodh iad a’ toirt dhuinn rud beag airgead agus copan teatha. So baile snog a bh’ ann agus…tha…’s e cuimhneachain mhath a th’ agams’ mu dheidhinn a bhith, a bhith ag èirigh suas agus…tha…daoine a’ tighinn a-steach air chèilidh, cha…cha mhòr a h-uile latha copan teatha is siud is seo agus daoine ag iarraidh rudan is bhiodh sinne ag iarraidh rudan bho daoine eile, is cha bhiodh you know ceist…cha bhiodh ceistean ann agus…bha tòrr…rud…bha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh an-diugh cò ris a bha e coltach nuair a bha mi beag. Agus…eh…bha caoraich anns a h-uile àit’, caoraich aig a h-uile duine ’s bha caoraich air an rathad, is bhiodh iad a’ tighinn a-steach air a’ ghàrradh. Ach…mmm…a-nis chan eil mòran ann, ach baile gu math snog agus bha e gu math trang. Sin mo chuimhne nuair a bha mi beag.
MN―04:55: Agus cò na daoine air a bheil cuimhne agad air, nuair a bhiodh tu a’ dol a shealltainn nuair a bha thu òg?
AN―04:59: Well, aon dhe na…well, ’s e cailleach a bha sinn a’ smaoineachadh a bh’ innte ach cha b’ e cailleach a bh’ innte really. Eh, fèidhir thall an rathad, Iseabail…Iseabail Blue an t-ainm a bh’ oirre is chan eil e fada bho bhàsaich i. Bha i ceud agus a ceithir, tha mi a’ smaoineachadh. Agus bhiodh sinn a’ dol a chèilidh oirre, agus abair gur e boireannach snog a bh’ innte. Bha i cho snog dhuinn agus…mmm…abair gun robh i foighidneach cuideachd. Bhiodh sinn a’ dol a-steach ann an shin agus foighneachd ceistean dhi, is dè tha siud is dè tha seo, dè tha thu a’ dèanamh an-diugh agus bhiodh i toirt dhuinn copan teatha ’s dòcha siùc…siùcar ’s dòcha fichead sgillinn airson a’ bhùth. Agus fear eile a bhiodh sinn a’ dol a’ chèilidh air, thall an rathad, Dòmhnall Amaideach an t-ainm a bh’ air, ’s dòcha gu bheil cuimhne agad fhèin air. Agus duine snog ach an aon rud mu dheidhinn Dòmhnall, cha robh e uabhasach glan, beagan de dh’òtrach as…as an taigh ach cha robh…cha robh dragh againne. Bhiodh sinn a’ dol a chèilidh air agus bhiodh e a’ toirt dhuinn copan teatha agus ’s dòch’ siùcar cuideachd agus ’s dòch’ fichead sgilling no leth-cheud sgilling airson a’ bhùth. Mmm…och, bha tòrr characters mar sin ann, is Dougal, fear eile a bha shìos an rathad, is bha sgeulachdan math aig Dougal agus tòrr eachdraidh mu dheidhinn an àite, agus mu dheidhinn nan daoine cuideachd, so bha e gu math inntinneach fiù ’s ag èirigh suas bhithinn a’ cumail a’ dol, a’ dol a chèilidh air agus a’ cluinntinn na sgeulachdan a bh’ aige.
MN―06:19: Dè…dè na seanchasan a bh’ aig Dougal mu dheidhinn Calanais. A bheil cuimhne agad air gin aca?
AN―06:25: Eh…chan eil cuimhne a’m an-dràsta air rudeigin ach bha…bha e uabhasach math air ceanglaichean teaghlach agus cò bha càirdeach dha cò agus sgeulachdan mu dheidhinn rudan a thachair…a thachair bho chionn bliadhnaichean mòr’, you know, outwith living history mar a chanadh iad. Agus bha mi an-còmhnaidh a’ luiginn gum biodh rudeigin a chlàradh ach cha robh e ag iarraidh uair sam bith, cha robh e ag iarraidh video…cha robh e ag iarraidh càil…no no no…so…mmm…ach, well, bha tòrr…tòrr stories aige, tòrr sgeulachdan.
MN―07:00: Ò, mìorbhaileach. Tha…bhruidhinn thu an uair ud air caoraich, tha taobh agad fhèin ri na beathaichean.
AN―07:06: Tha, tha beathaichean agam. Well, chan eil caoraich agam, chan eil fhathast co-dhiù ach tha crodh agam…tha crodh…agus tha dà each as…as an lot cuideachd le mo phiuthar. So tha an…tha an crodh tha iad…tha iad gur cumail trang co-dhiù an-dràst’ tron gheamhradh – feumaidh iad tòrr biadh agus feur agus coimhead às an dèidh. Tha, tha laogh a’ tighinn cuideachd a dh’aithghearr so tha mi an dòchas gum bi an t-sìde nas fheàrr mus tig an laogh.
MN―07:36: Dè seòrsa crodh a th’ agaibh?
AN―07:38: Mmm…crodh…well, ’s e Aberdeen Angus na tha anns a’ bhò a th’ againn agus bidh i a’ dol don tarbh, ’s e Limousin a th’ ann so beagan do chrosses. Bidh na beathaichean fireann, bidh sinn gan cur chun an slaughter-house agus na feadhainn boireann, ma tha iad boireann ’s dòch’ gun cùm mi e no ’s dòcha gun reic mi e mura h-eil space againn. Ach…mmm…tha…tha crodh air a bhith againn bho bha…bho bha cuimhne agams’…mmm…tha an-còmhnaidh beathaichean air a bhith ann an sheo timcheall an taigh, agus shìos an lot, agus bha cearcan againn agus…bha caoraich aig…aig m’ athair ach mus robh cuimhne agams’ tha...’s dòcha gun robh e air an reic.
MN―08:16: Bidh deagh chuimhne agad a-rèiste air na faingean a bhiodh anns a’ bhaile.
AN―08:22: Tha, well, cha…cha robh mise aig mòran faingean, bha, ach cha robh nuair a bha mi beag…mmm…tha cuimhne a’m, well, tha dhà no trì faingean ann, mar a tha fios agad, a’ trusadh bhon mhòinteach agus faing rùsgadh anns an t-samhradh…as t-samhradh agus an uair sin faing diopadh deireadh, well, October, November. Tòrr faingean ann, ’s e latha mòr a th’ ann, ’s e…bhiodh na bodaich…na bodaich bhiodh iad a’ dèanamh deal mòr den fhaing agus abair gun robh e…dh’fheumadh na cailleachan an teatha a bhith ac’ deiseil agus biadh agus a h-uile càil.
MN―08:57: Bha beathach mart agad nuair a bha thu gu math òg ann an àite rudeigin annasach, nach innis thu dhuinn mu dheidhinn, anns na Hearadh?
AN―09:04: Ò anns na Hearadh, bha…mmm…so anns na Hearadh, tha…tha lot againn, ’s e m’ athair a cheannaich e ann an 1990 tha mi a’ smaoineachadh a bh’ ann, Molinginis an t’ ainm a th’ air. So ’s e baile beag…’s e baile a bh’ ann agus ’s e fèidhir tobhtaichean a bh’ ann agus…eh…bhiodh iad a’ dol ann nuair a bha e anns an sgoil, bhiodh iad a’ coiseachd a-nall a dh’Urgha…mmm…tha e air an aon slighe ri Postman’s Walk bho Rhenigdale ach bidh thu a’ dol a-mach pìos an taobh eile gu Molinginis. So nuair a cheannaich e e, rinn an-àird an taigh ann a shin, well, cha do rinn e an-àirde e. ’S e mar, tha e coltach ri bothag, tha mullach air, agus tha stòbh ann, agus rudan mar sin ’s bidh bùrn a’ tighinn a-mach às an eas so tha…eh…tha e gu math cofhurtail. Ach…mmm…aidh…bha sinn a’ toirt…thòisich sinn a’ toirt a’ chrodh a-nall as t-samhradh. So bha dà…dà bheathach againn – is bha iad…bha iad suas ann am bliadhnaichean...so…cailleachan a bh’ annt’ ach bha iad glic. Agus thug sinn ann iad aon bhliadhna agus an uair sin an ath bhliadhna nuair a chaidh sinn ann bha fios ac’ air an t-slighe is choisich iad leotha fhèin cha mhòr agus bhiodh sinn gan toirt dhachaigh deireadh an t-samhraidh agus abair gun robh iad…abair gun robh iad mòr an uair sin.
MN―10:26: Math dha-rìribh. Tha…agus thuirt thu an uair ud…mmm…gun deach thu Sgoil MhicNeacail agus càite an deach thu às dèidh sin?
AN―10:36: Yeah, chaidh, ann an Sgoil MhicNeacail. Mmm…bha às dèidh na sgoil, well, tron sgoil cha robh mi really buileach cinnteach dè bha mi ag iarraidh a dhèanamh. Bha fios a’m, well, bha mi math air Gàidhlig agus rudan mar sin, eachdraidh, biology rudan is mar sin bha mi a’ dèanamh anns an sgoil ach cha robh mi buileach cinnteach dè bha mi a’ dol a dhèanamh. Mmm…so nuair a dh’fhàg mi sgoil, thuirt mi rium fhìn: well, feumaidh mi rudeigin a dhèanamh so chaidh mi gu Colaiste a’ Chaisteil ann an Steòrnabhagh agus rinn mi ceum ann an Gàidhlig, eh…cànan ’s cultar. So às dèidh trì bliadhna fhuair mi degree. Agus son an ceathramh bliadhna, chaidh mi gu Canada airson a’ chiad phàirt dheth – exchange – gu Nova Scotia airson aon teirm agus abair gun robh sin math, chòrd e rium. Mmm…choinnich mi ri tòrr dhaoine ’s tha mi fhathast a’ bruidhinn riutha, ’eil fhios agad, air-loidhne, air Facebook is rudan mar sin. Agus mmm...so às dèidh sin, chaidh mi gu Cnoc Iòrdain, Jordanhill, airson teagasg a dhèanamh son a bhith nam thidsear. So…mmm…às dèidh sin, fhuair mi an teisteanas agus thàinig mi…oh no…’s ann…chaidh mi a dh’Obar Dheathain – sin far an robh mi a’ teagasg airson a’ chiad bliadhna, Obar Dheathain ann an Hazlehead Academy. Agus an uair sin thàinig mi dhachaigh agus bha mi…mmm…eadar dà…dà àrd-sgoil ann an Siabost agus Lìonal nuair a bha iad fhathast fosgailt’. Bha a’ chiad agus an dàrna bliadhna ann an Siabost agus Lìonal. Agus bha mi eadar sin agus Àrd-sgoil MhicNeacail cuideachd. Ach…mmm…’s ann am bliadhna sin a roghnaich mi, well, feumaidh mi rudeigin a dhèanamh: a bheil mi a’ dol a chumail a’ dol a’ teagasg no a bheil mi a’ dol a dhèanamh rudeigin eile. So sin nuair a dh’fhàg mi agus dh’fhalbh mi gu muir.
MN―12:23: Well, agus dè mar a thòisich thu air a’ cheum sin, a’ dol gu muir?
AN―12:29: Well, chan eil fhios a’m really. Tha…tha uiread de dhaoine air a’ cheist sin fhaighneachd dhomh ach tha mise a’ smaoineachadh…mmm…bha mi…bha mi an-còmhnaidh ag iarraidh…ag iarraidh a dhol gu muir, tha mi a’ smaoineachadh. Bha an-còmhnaidh ùidh agam a bhith…mmm…ann an eathraichean agus a’ dol a-mach a dh’iasgach agus teans sam bith a bh’ agam bha mi a’ dol a-mach anns an eathar. Is bha e a’ còrdadh rium ’s bha e a’ còrdadh rium a bhith air a’ bhàt-aiseig agus a’ falbh. Agus bha mi a’ smaoineachadh, well, ’s dòch’…’s urrainn dhomh sin a dhèanamh so sin a rinn mi. Dh’fhalbh mi…eh…a Ghlaschu. Agus ’s e cùrsa trì bliadhna a th’ ann. So tha thu eadar a’ cholaiste agus bidh thu a’ dol gu muir cuideachd airson trì bliadhna. Agus às dèidh sin, fhuair mi triop no dhà air am Fishery Protection na…na soithichean agus an uair sin fhuair mi a-steach gu Cal-Mac agus sin far a bheil mi air a bhith bhon uair sin.
MN―13:27: Glè mhath. So càite an robh thu ag obair dha Cal-Mac?
AN―13:30: So Cal-Mac bha mi air a’ Chlansman, so tha sin a’ dol eadar an t-Òban...eh…Colla, Tiriodh is Colbhasa ’s bidh i a’ dol a Bharraigh cuideachd agus…mmm…àite sam bith eile…a h-uile h-àit’.
MN―13:46: Agus a bheil thu aig muir an-dràsta?
AN―13:49: Chan eil an-dràst’. Mmm…so an-uiridh fhuair sinn leanabh. Bha leanabh againn toiseach an-uiridh. Eh, so tha e fèidhir bliadhna a-nis. So obviously chan eil mi aig muir an-dràst’. Agus chan eil mi ag ràdh gun tig mi air ais a bharrachd an-dràst’, son tha...tha uiread a’ dol air adhart agus chan urrainn dhomh baby…baby fhàgail aig an taigh airson ceala-deug. Mmm…’s dòcha gun tig…’s dòcha gun tig mi air ais gu muir ann an dhà no trì bhliadhnaichean eile. Ach an seo an-dràst’ tha mi fèidhir…tha mi a’ dol a dh’fhuireach aig an taigh agus nì mi beagan teagaisg cuideachd air-loidhne.
MN―14:23: Ò, well, glè mhath. Nach eil e math an cothrom sin a bhith ann?
AN―14:27: Tha.
MN―14:28 …’S a h-uile càil, gum faigh thu air a chumail a’ dol.
AN―14:30: Tha.
MN―14:31: Agus…mmm…tha mi a’ tuisginn gun do thòisich sibh a’ cluiche ceòl gu math òg cuideachd.
AN―14:38: Thòisich, yeah. So tha mi a’ cluiche…eh…am bucas mar a chanas sinn ann a sheo, ach bocsa-ciùil – sin an t-ainm ceart a th’ air, accordion. Eh…thòisich mi a’ cluiche, well, tha mo mhàthair ag innse dhomh gun do thòisich mi a’ cluiche nuair a bha mi trì ach chan eil cuimhne agams’ cho math air an uair ud, ach trì no ceithir thòisich mi. Bha…bha bucas bheag aig mo bhràthair ann an sinn na bu shine na mis’. Agus bha esan a’ tòiseachadh ag ionnsachadh agus bhiodh mise a’ falbh leis a’ bhucas a tha seo. Agus tha…bha a’ bhucas nas motha na mi fhìn cha mhòr. Mmm…agus fèidhir aon latha bha mo mhàthair bha i ag ràdh gun robh i anns a’ chidisin anns an t-sinc agus bha i a’ smaoineachadh ‘Siud...tha mi a’ cluinntinn tune ann a sheo’. So bha mi a’ feuchainn ri tune a chluich air a...air a’ bhucas so sin mar a…mar a thòisich mi. Agus fèidhir ag ionnsachadh a h-uile càil a bha mi a’ cluinntinn bha mi ga chluich so…agus a-nis tha sinn…tha mi a’ cluiche ann an còmhlan-ciùil Islands Ceilidh Band, mi fhìn agus triùir eile, triùir bhodaich, chan e bodaich a th’ annt’ ach ’s e bodaich a th’ annt’ really. Mmm…so D.B. bidh e a’ cluiche an accordion cuideachd agus Kenny Murdo air na drums, agus Murdaigean Dòmhnallach a’ seinn agus giòtar. So abair gu bheil tòrr ceòl acasan agus amhrain agus, gu h-àraid amhrain à Leòdhas fhèin agus feadhainn nach robh mi air…a-riamh air cluinntinnn ron seo, tha uiread de…mmm…fiosrachadh ac’ cuideachd, tòrr stories mu dheidhinn nan dannsan a bh’ ann cuideachd.
MN―16:08: Agus an…an robh an ceòl anns na daoine agad?
AN―16:11: Chanainnsa gun robh. Mmm…bha. Bha...taobh m’ athar agus mo mhàthar. Air taobh m’ athar, bha…bha iad a’ cluiche…bha dà uncle dhomh, Alasdair agus Ùisdean, bhiodh iad a’ cluiche an accordion. Ehmmm…Ùisdean bha e a’ cluiche air a’ West Side Ceilidh Band. Agus taobh mo mhàthar, bha mo sheanair bha e a’ cluiche am melodeon, ’s bhiodh e a’ cluiche airson dannsa rathaid nuair a bha e nas òig’. Mmm…so tha mi a’ smaoineachadh…aidh bha, tha e anns an teaghlach.
MN―16:42: Agus am bidh thu a’ cluiche a’ phìob?
AN―16:44: Bidh, yeah. So thòisich mi air a’ phìob nuair a bha mi…mmm…as an sgoil. So fèidhir deireadh a’ bhun-sgoil, bidh iad a’ tòiseachadh le chanter agus an uair sin às dèidh sin bidh thu a’ tòiseachadh air a’ phìob, ’s dòch’ first year, second year, nuair a tha thu beagan nas motha is beagan nas làidire airson a’ phìob a chluiche. Mmm…bidh mi fhathast ga chluiche ach chan eil mi ga chluiche uiread ’s tha mi a’ cluiche a’ bhucas. Mmm…ach feumaidh mi...feumaidh mi a dhol air ais thuige.
MN―17:12: Agus a bheil sibh a’ faighinn cothrom an-dràsta leis a’ ghlasadh a bhith a’ cluiche mar band?
AN―17:18: Chan eil…chan eil…chan eil sinn air a bhith a’ cluiche còmhla bho chionn dà bhliadhna ’s dòch’. Mmm…tha rudan…eh…air-loidhne cuideachd, you know, dh’fhaodadh tu video a dhèanamh agus cuideigin a’ cluiche thairis air a’ video agus a chur ri chèile. Ach chan eil sinn uabhasach technically minded. Ach…eh…dh’fhaodadh sinn a dhèanamh. Bidh sinn…tha sinn a’ bruidhinn ri chèile is air am fòn agus tha D.B. agus Murdaigean, tha iad air rud no dhà a dhèanamh airson an rèidio, air prògam Mòrag Dhòmhnallach airson am Mòd agus airson rudeigin eile, chan eil cuimhne agam dè bh’ ann…mmm…fèidhir mar live anns an studio ach aig gach ceann dhen t-studio.
MN―18:01: Glè mhath agus bha mi airson faighneachd dhut dè na h-atharraichean a tha thu a’ faicinn anns a’ bhaile bho bha thu òg?
AN―18:11: Well, chanainns’ gu bheil…eh….am baile gu math eadar-dhealaichte bhon…bhon nuair a bha mi òg…mmm…tha mi a’ creids’ cuideachd nuair a tha thu òg ’s dòcha gu bheil seòrsa de rose-tinted spectacles agad mu dheidhinn a h-uile càil nuair a bha thu òg ach tha e gu math eadar-dhealaicht’. Mar a bha mi ag ràdh, aon rud tha mi a’ faicinn a h-uile latha, ’s dòch’ nach tuig mòran...a’ mothachadh dhen seo ach nuair a bha sinn beag bha caoraich anns a h-uile àite agus mar a tha iad ag ràdh open village gu math fosgailt’, cha robh feansaichean ann agus ged a bha na caoraich anns an lot, bhiodh iad a’ faighinn a-mach agus nuair…ma thig thu a-mach cuairt an-diugh aig cliathaich an rathaid, oir an rathaid, agus faisg air an rathad, tha feur…tha uiread de fheur marbh ann agus tha a h-uile càil buidhe is donn. Ach…ach nuair a bha sinne òg cha robh càil dhen sin ann, bha a h-uile càil a’ coimhead cho glan agus, cha robh but feur…eh…marbh ann agus bha a h-uile càil den lot bha e ga chleachdadh airson feur no silage no buntàt’ no rudeigin mar sin. Agus chan eil uiread…uiread de dhaoine a’ cleachdadh nan lotaichean. Chan eil uiread de chaoraich ann, chan eil beathaichean ann, agus tha tòrr dhe na lotaichean a’ dol a dhìth. Mmm…tha tòrr…tòrr dhe na daoine air falbh, daoine a bh’ ann. Mmm…tha sinn fhathast…eh…ann an Calanais gu h-àraid tha tòrr ann fhathast bhon an àit’ ach tha tòrr air a thighinn a-steach ann cuideachd. Ach…mmm…’s e rud math a tha sin cuideachd, son feumaidh…feumaidh sinn daoine a bhith anns a’ bhaile. Agus tha na daoine a tha air a thighinn a-steach, tha iad uabhasach math air a bhith…mmm…fhios agad, a’ cuideachadh agus a’ feuchainn ri rudeigin a dhèanamh leis a’ bhaile agus anns a’ choimhearsnachd cuideachd. Mmm…cuideachd mar a bha sinn a’ bruidhinn air cèilidhean is daoine a’ tighinn a-steach air chèilidh. Fiù ’s, well, ron a’ ghlasadh a tha seo…mmm…cha robh mòran really a’ tighinn a-steach air chèilidh mar a b’ àbhaist. Nuair a bha mise òg, ’s e an cuimhne a bh’ agams’ cha mhòr nach robh cudeigin a-staigh anns an taigh seo a h-uile latha a’ cèilidh ’s dòch’ tron latha no air an oidhche agus bhiodh copan teatha ann ’s an uair sin nuair a bhiodh e a’ fàs nas anmoch ’s e uisge-beatha a bhiodh ann agus còmhradh agus fealla-dhà. Tòrr sgeulachdan, tha cuimhne a’m a bhith a’ feuchainn ri cluinntinn tron bhalla nuair a bha còir agam a bhith anns an leabaidh ach bruidhinn air daoine, is bruidhinn air sgeulachdan, is rudan a thachair, rudan a bh’ ann agus abair gun robh tòrr cèilidhean ann ach chan eil mòran dhen sin ann an-diugh.
Short url: https://clilstore.eu/cs/9355