Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Magaidh Smith (1)

Pàdruig Moireach: Uill, tapadh leat a Mhagaidh airson a bhith deònach bruidhinn rium fhìn an-diugh agus sinne a’ deànamh pròiseact Stòras...Stòras Beò agus Leacan a tha...a tha seo cuideachd agus chì sinn ciamar a thèid ar còmhradh an-diugh. Ceart ma-thà, seo a’ chiad cheist dhut, cò às a tha thu agus cò leis thu?

Magaidh Smith: ’S ann bhon an Achadh Mhòr ann an Leòdhas a tha mise agus ’s e nighean John Murdo Eachainn à Lacasaigh a chanas iad riumsa. ’S ann bhon an Achadh a bha mo mhàthair agus tha...bha iadsan ag obair an Glaschu nuair a rugadh mise agus thàinig iad dhachaigh agus chaidh mise dhan an sgoil ann an sheo, sgoil bheag a tha shìos an rathad, agus ’s e...’s ann am meadhan an eilein a tha am baile-sa agus bhiodh iad ag ràdh gur e na mèirlich agus na reubairean a bh’ ann an dùthchannan eile...bhiodh iad ag ràdh gur e na mèirlich agus na reubairean a bha thall, a bha ris a’ chost’ ann am bailtean eile, gur e sin bu choireach gun deach an cur chun an Ach’, an aon bhaile nach robh ris a’ chladach.

Agus tha cuideachd bhios...bidh daoine a’ tarraing àsainn mu dheidhinn maraichean an Achadh Mhòir agus bha politician ann bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean a bha aig coinneimh shìos aig an Taobh Siar agus thuirt cuideigin rithe le spòrs...tha...’Dè mu dheidhinn an taigh-solais air an Achadh Mhòr?’ agus thuirt ise ‘Uill, ma tha muinntir an Achadh Mhòir ag iarraidh taigh-solais gheibh iad taigh-solais!’, ach tha sinn ann an meadhan an eilein...tha...gu math goireasach airson a bhith a’ faighinn gu...dha Na Hearadh agus sìos a Nis. Tha mise an lùib turasachd agus bidh mi a’ coimhead ri rudan den t-seòrsa sin, dè cho goireasach ’s a tha àite, agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an Achadh Mhòr cho goireasach ri àite air an eilean.

P: Glè mhath, tha mi a’ creids’ gu bheil, tha sibh ann an...mar gum biodh ann an meadhan Leòdh...Leòdhais ann an shin mar a thuirt thu. Agus dè an obair a bha aig d’ athair ma-thà?

M: Bha...uill bha m’ athair, ’s e breabadair a bh’ ann agus tha...an uair sin bha e anns an RAF agus choinnich e mo mhàthair, ’s e banaltram a bh’ innte ann an Glaschu. Agus an uair sin an dèidh dhaibh pòsadh bha e aig obair aig Glasgow Corporation a’ dràibheadh busaichean, agus thàinig iad dhachaigh an seo agus bha e greiseag ag obair anns a’ mhuilinn agus bha e an uair sin ag obair aig companaidh a bha a’ togail thaighean, agus chaidh a phàigheadh dheth, ’s e...’s e droch àm a bh’ ann timcheall...timcheall air meadhan na seachdadan. Agus fhuair e cothrom làraidh a cheannach agus thòisich e air companaidh còmhdhail air ais is air adhart à Glaschu agus tha mo bhràithrean ag obair a’ dèanamh sin fhathast, air ais is air adhart à Glaschu a h-uile latha le làraidhean.

P: Seadh dha-rìribh, bha tòrr diofar obraichean aige ma-thà. Agus do mhàthair, ’s ann a bha i ag obair ann an ospadal ann an Glaschu, cà’ robh i ag obair? Bha, bha mo...m’ athair agus mo mhàthair fhìn bha iad ag obair ann an ospadal ann an Glaschu cuideachd nuair a choinnich iad ri chèile.

M: Tha...bha mo mhàthair na banaltram agus bha i ag obair ann an Bridge of Earn ann an ospadal ann an shin agus bha i greis ann an Stobhill anns an ospadal.

P: Ceart bha mo...

M: Am measg nan Gàidheal!

P: Seadh dha-rìribh bha gu leòr Gàidheil ris an aon obair aig an àm sin gun teagamh, bha mo mhàthair fhìn ag obair anns an Southern General an uair sin, is m’ athair cuideachd. Agus...so rugadh tu san Achadh Mhòr ma-thà?

M: No, rugadh mise ann an Glaschu, ’s e Paisley Buddie a bhiodh iad ag ràdh riumsa a bh’ annam, agus bhiodh...bha sinn a’ fuireach shìos air...far a bheil Scotstoun an-diugh, shìos ann an shin faisg air an Granary, agus rugadh mi ann an Ross Hospital ann am Pàislig agus bhiodh m’ athair ag innse tha...’s ann aig deireadh an Fhaoillich a rugadh mise agus bhiodh m’ athair an-còmhnaidh ag ràdh nuair a rugadh mise tha...cha robh busaichean, cha robh trams a’ dol air sgàth an smog agus thàinig air coiseachd a-mach chun an ospadal. Bha Glaschu gu math dona le smog an uair ud.

P: Bha.

M: Tha...bhiodh, bhiodh iomadach seanchas aige mu dheidhinn na...mu dheidhinn na trams agus na busaichean anns a’...anns a’ cheò, anns an smog ann an Glaschu.

P: A bheil cuimhn’ agad air gin de na sgeulachdan a bh’ aige?

M: Tha...tha cuimhn’ ’am aon uair tha...bha, bha uallach orra nan deidheadh iad a-mach le bus gum feumadh iad tilleadh leis a’ bhus, agus bha a’ cheò cho dona agus ’s e rinn e lean e na rèilichean, rèilichean na trams agus sin mar a fhuair e air ais.

P: Bha e cho dona sin?

M: Bha, sin...sin cho dona ’s a bha e, ach bha e cunnartach. Bhiodh yarnaichean aige cuideachd mu dheidhinn na daoine a bhiodh air na busaichean agus bhiodh, bha aon chailleach agus tha...bha conductor air a’ bhus aca an uair sin, agus bhiodh aon chailleach agus bhiodh i a’ tighinn le not, agus bhiodh i ag ràdh nach robh change aice, nach robh but change aice, agus ’s e, ’s e fare a bh’ ann sgillinn agus tha...co-dhiù...tha, stad am bus agus air taobh a-muigh a’ bhanca a bha seo, agus chaidh an conductor a-steach agus bha e deiseil air a son is nuair a thàinig i air a’ bhus thuirt i ‘Oh, chan eil, chan eil sgillinn agam, chan eil agam ach not’, agus dhòirt e ceàrn mòr de sgillinnean na h-uchd is thuirt e ‘Tha ceud agad a-nis!’. Smaoinich nan tachradh sin an-diugh!

P: Tha fios ’am. Agus an do chòrd Glaschu ri do phàrantan?

M: Chòrd, chòrd. Tha mi creids’ gun robh iad coltach ris a h-uile duine eile, gum feumadh iad falbh airson cosnadh a dhèanamh agus tha mi cinnteach...thàinig iad dhachaigh...bha mise dà bhliadhna is bha an uair sin rugadh mo bhràthair dà bhliadhna às dèidh sin...

Uill tha dàimh mhòr againn ri Glaschu bhon uair sin, bhon bha peathraichean agus bràithrean aig m’ athair ann an Glaschu agus bhiodh sinn a’ dol ann as t-samhradh agus tha cuimhn’ ’am nuair a bhiodh m’ athair a’ lorg bhan ùr, Morris Van ùr, gum biodh sinn a’ dol a Ghlaschu agus ’s ann a’ dol a-mach air bus a bhiodh sinn. Bhiodh sinn nar suidhe air an...air an top deck agus tha...bhiodh, bhiodh e a’ faicinn na garaidsean ’eil fhios agad mar a bha sinn a’ dol a-steach air, is bhiodh, bhiodh an uair sin bhiodh na, na garaidsean bha ’s dòcha dà làr annta agus chitheadh tu a h-uile càr a bh’ aca anns na h-uinneagan, agus nuair a chitheadh esan rudeigin a bha a’ coimhead coltach ris a’ phrìs a bha e ag iarraidh a chosg air, tha...bhiodh sinn...dh’fheumadh sinn ruith sìos airson faighinn dheth aig an ath-stop, agus bha mise ag innse dha, dha na h-oghaichean agam mu dheidhinn seo agus cha robh iad ga mo chreidsinn, ’s e saoghal eile a bh’ ann is cha robh...cha robh leabhraichean ann mar magazines, car magazines no an t-eadar-lìon no càil den t-seòrsa sin, ach ’s e sin an seòrsa spòrs a bh’ againne.  

P: Sheadh, math dha-rìribh, spòrsail gu leòr anns na làithean sin! Agus cuin...dè an aois a bha thu nuair a, nuair a thàinig d’ athair is do mhàthair air ais dhan eilean?

M: Bha...bha mise dà bhliadhna, agus thug sinn dà bhliadhna ann an taigh mo sheanar, gus an do cheannaich iad fhèin an lota ann an sheo far a bheil mise a’ fuireach. Tha mi ri taobh lota mo sheanar air taobh mo mhàthar, agus ’s ann de Chlann ’Ic Aoidh a bha iadsan agus tha iad...bha iad air a’ chiad fheadhainn a thàinig dhan a’...dhan a’ bhaile timcheall air ochd ceud deug is fichead. Agus air an talamh air a bheil mi, tha sia linntean, tha sianar...tha sia linntean romham air a bhith air an talamh seo. 

P: Gu sealladh orm, ceart. So tha...tha freumhan Achadh Mhòir a’ ruith...a’ ruith domhainn.

M: Tha agus ron a shin bidh...’s ann taobh, taobh Bheàrnaraigh a thàinig iad.

P: Ah, OK, ceart. Taobh Bheàrnaraigh.

M: Aidh, àite...uill ’s ann air tìr-mòr a bha iad mar a fhuair sinn a-mach co-dhiù, ’s ann taobh Tinndealan, tha e dìreach air cùl Lunndail mu choinneamh an dùin ann an Circebost, ann an...anns a’ chaolas ann a shin faisg air Caolas na Sgeire.

P: Ceart, ceart chan eil mi uabhasach eòlach air an...air an àite sin. cà...cà bheil e ann an dha-rìribh?

M: Ann an Lunndail, air tìr-mòr, chan ann air Beàrnaraigh idir a tha e.

P: Ceart, ceart. Agus ciamar a bha an Achadh Mòr nuair a bha thu a’ fàs suas a Mhagaidh? Dè an seòrsa baile a bh’ ann?

M: Oh bha...’s e baile...bha a h-uile duine ri croitearachd agus bha a h-uile duine anns a’ bhaile ’s e daoine a bh’ ann - bha linntean rompa ’eil fhios agad ’s e na teaghlaichean an àite a bh’ ann, ’s e Gàidhlig a bh’ aig a h-uile duine. Bha a h-uile duine a’ cumail beathaichean, bha a h-uile duine a’ buan mhònach, bhiodh a h-uile duine a’ cur bhuntàta agus bha iad gu math deònach...uill, dh’fheumadh iad a bhith ag obrachadh còmhla mar na...na coimhearsnachdan, na bailtean croitearachd mar a bha. Agus tha...bha sinne nar clann ag obair, tha...às bith dè bha a’ dol bha obair ann dhan a’ chlann cuideachd. Bhiodh uallach ort airson rudeigin.

P: Uh-huh.

M: Agus bhiodh uallach ort airson a bhith a’ dol...bha mo sheanair is mo sheanmhair an seo is bha peathraichean mo sheanar an seo cuideachd, agus bha iadsan nan t-seann aois nuair a bha sinne òg, agus dh’fheumadh sinn a bhith a’ dol a shealltainn orra a h-uile latha, airson a bhith a’ toirt thuca na naidheachdan agus a bhith a’ cur seachad an tìde dhaibh agus a bhith a’ toirt a-steach a’ bhùrn dhaibh bhon cha robh...’s ann às an tobar a bha a’ bhùrn...am bùrn a’ tighinn, agus a’ dèanamh cinnteach gun robh mòine aca a-staigh nuair nach robh iad gu math, rudan den t-seòrsa sin. Bha seòrsa de dh’uallach ort airson a bhith a’ dèanamh rudan dha daoine eile. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur e rud uabhasach math a bha sin. Tha...agus tha mi a’ faireachdainn a’ chlann...na h-oghaichean agam fhìn an-diugh, nach eil an t-uallach sin air a chur orra agus tha...’eil fhios agad ’s e call mòr a th’ ann bhon tha sin ga do sheasamh fad do bheatha, gu bheil thu mothachail air na daoine a tha timcheall ort agus dè ’s urrainn dhut a dhèanamh, a bhith ag obrachadh nan cois. Rudan den t-seòrsa sin. Chan ann mu do dheidhinn fhèin a tha an saoghal, agus tha iad a’ bruidhinn air an sin an-diugh mu dheidhinn individualism is...

P: Ceart.

M: Tha, ach abair gun d’ fhuair sinne oideachadh, agus ma bha mòine a’ dol no cha robh diofar dè bh’ ann, faing no...bha mo sheanair air taobh mo mhàthar dh’fhalbh esan a Phatagonia agus dh’fhalbh grunn de na fir às a’ bhaile, dh’fhalbh iadsan sìos cuideachd. ’S e ministear a bh’ ann an sheo agus bha e mar seòrsa de agent agus bha daoine a’ falbh à seo. Bha iad eòlach air coin, bha...bha iad a’ toirt leotha an coin-chaorach fhèin, bha iad...bha iad eòlach air caoraich agus bhathas ag iarraidh fireannaich a dheidheadh a dh’obair air na Estancias shìos ann am Patagonia.

Nise, mo sheanair eile, athair m’ athar, bha esan anns na Falklands cuideachd, so bha iad air falbh aig...timcheall air an aon àm, ach thill an dithis aca airson a dhol dhan a’ chogadh, dhan a’ chiad chogadh mu naoi ceud deug ’s a ceithir deug. Agus air sgàth gun robh mo sheanair agus daoine eile anns a’ bhaile, fir eile anns a’ bhaile air tilleadh, bha iad ag obair mu na caoraich, agus tha...bhiodh iad a’ bruidhinn air àiteachan mar a...’eil fhios agad...tha...o tha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh dè an t-àite a bh’ ann. Bhiodh iad a’ bruidhinn air àiteachan agus bha sinne a’ smaoineachadh gun robh iad dìreach...na h-àiteachan sin dìreach shìos anns na...’eil fhios agad anns Na Hearadh! Gun robh iad, cha robh iad fad às idir, bha thu a’ cluinntinn man deidhinn, àiteachan mìorbhaileach agus ’s ann, ’eil fhios agad...chan eil fada bhuaithe is mi ag ràdh ‘O sin far a bheil an t-àite sin!’.

P: Agus dè cho fada ’s a bha...

M: Àiteachan, àiteachan mar Valparaiso.

P: Seadh, ann an Chile.

M: Bha mi a’ gabhail...a’ gabhail ’eil fhios agad annas dhan an ainm, nuair a bha mi beag bhithinn ga chluinntinn cho tric is mi ag ràdh...a’ smaoineachadh gun robh e faidhir air taobh thall a’ Chliseim an àiteigin! Ach...

P: Gun robh...gun robh Valparaiso anns Na Hearadh.

M: Bha!

P: Agus dè cho fada ’s a bha iad shìos ann am Patagonia an sin?

M: Uill bha mo sheanair, tha mi a’ smaoineachadh gur e trì bliadhna a thug esan ann mus do thill e. Bha iad ag obair ann an aonranachas a-muigh, ’eil fhios agad mìltean....mìltean air falbh bho dhaoine, agus bha boireannach anns a’ bhaile ann an sheo agus tha...bha a h-athair ann am Patagonia agus tha...rinn ise leabhar agus tha, tha e gu math iongantach bha....bha i ag ràdh mu dheidhinn na bh’ ann de Ghàidheil a dh’fhalbh agus a thog teaghlaichean, a phòs shìos ann an shin, agus tha cuid aca ann fhathast. Ach bha i a’ bruidhinn air mar a bhiodh iad a-muigh am measg na caoraich, le na caoraich mìosan am mìosan agus cha robh iad a’ faicinn daoine eile ann.

Is bha i ag ràdh gun robh a h-athair, gun robh e air falbh air slighe fhada air each agus gun tàinig cabhadh air agus tha...bha e a’ smaoineachadh nach tigeadh e troimhe, agus ’s e rinn e mharbh e an t-each agus chur e bian an eich timcheall air fhèin agus ’s e sin a shàbhail e.

P: Bha e dìreach na shuidhe a-muigh anns a...anns a’ chabhadh mar gum biodh?

M: Mmm-hmmm, bha.

P: Fad na h-oidhche mar sin. 

M: Bha.

P: Agus cò...ciamar a fhuair e às ge-tà? Bhiodh e mìltean air falbh bho dhaoine eile. An tàinig duine air a thòir? 

M: ’S e, ’s e...’s e dìreach nuair a, nuair a sguir an cabhadh fhuair e air cumail air chun an àite a b’ fhaisg.

P: Oh, ceart.

M: Agus ’s e beatha, beatha chruaidh a bh’ ann, a bh’ aca. Agus bha, bha cuimhn’ aicese nuair a bha na fir ag obair mu na beathaichean ann an sheo air an Achadh Mhòr, gur e Spanish a bhiodh aca an-dràsta ’s a-rithist, ’s e sin an cànan a bh’ aca nuair a bha iad thall is ag obair mu na beathaichean.

P: Agus ’s dòcha gun robh faclan àraidh a bhiodh ann an Spàinnis nach robh anns a’ Ghàidhlig airson na gnothaichean a bha iad a’ dèanamh.

M: Dh’fhaodadh e bhith.

P: Sheadh. Agus a dh’aindeoin sin, an do chòrd Patagonia riutha, ris na daoine a dh’fhalbh?

M: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh iad dìreach...gun robh aca ri dhol ann airson cosnadh ach gun robh iad, tha mi a’ creids’ gun robh iad a’ miannachadh gum faigheadh iad cosnadh na b’ fhaisge air an dachaigh.

P: Ceart. Bha, bha gu leòr ann bhon Taobh Siar a dh’fhalbh an taobh sin, tha cuimhn’ ’am...tha gu leòr de sgeulachdan ann agus... a dh’fhalbh a Phatagonia, Chile agus Argentina tha mi a’ smaoineachadh na h-àiteachan dhan deach...dhan deach iad.

Agus co-dhiù, rugadh tu, uill rugadh tu ann an Glaschu is chaidh thu...thàinig sibh air ais dhan eilean nuair a bha thusa dà bhliadhna dh’aois. Dè mu dheidhinn...a bheil bràithrean agus peathraichean agad a Mhagaidh?

M: Triùir bhràithrean, triùir bhràithrean. Is mise as sine.

P: Triùir bhràithrean. Sheadh, so...bha sin àbhaisteach aig an àm sin, nach robh, teaghlaichean meadhanach mòr aig a h-uile duine?

M: Bha, bha agus chaidh mi dhan an sgoil ann an sheo air an Achadh Mhòr agus ’s e an aon tidsear a bh’ agam fad nam bliadhnaichean a bha mi anns an sgoil, ’s e Trìna a’ Chaillich, Catrìona a’ Chaillich à Dùn Charlabhaigh. Bha i pòsta ann am Breascleit, agus tha mi a’ creidsinn gun robh...’s dòcha bha deugachadh anns an sgoil nuair a bha mise a’ dol innte, ach dhùin an sgoil sin, tha fichead bliadhna a-nis bho dhùin an sgoil. Nuair a chaidh feuchainn ris an sgoil, na sgoilear...chaidh àireamh na sgoilearan sìos agus bha iad a’ feuchainn ri an coinneachadh ann an sgì...ann an sgoil nas motha. Agus tha, tha an sgoil ann an shin fhathast agus ’s e, ’s e àite self-catering a th’ ann a-nis.

P: Oh an e, uh-huh. Agus cà’ am bi clann a’ bhaile a’ dol airson...?

M: Bidh iad a’ dol sìos gu crois an rathaid, còig mìle gu Sgoil nan Loch.

P: Sgoil nan Loch, ceart. Agus a bheil mòran de chlann anns a’ bhaile an-diugh ma-thà, aig aois seadh son...aois sgoile, aois a’ bhun-sgoil?

M: Uill bha e gu math bàn airson bliadhnaichean. Bho dhùin an sgoil cha...’s dòcha gur e aon duine no dithis, ach tha barrachd ann an-diugh na bh’ ann...na bh’ ann bho chionn fhada. Tha tòrr de theaghlaichean òga air a thighinn a-steach.

P: Ceart, uill ’s e rud math a tha sin, nach e?

M: ’S e, ’s e gu dearbha.

P: A’ toirt beagan beatha a-steach dhan a’ bhaile mar gum biodh. Agus an do chòrd na làithean-sgoile riut ma-thà?

M: Oh chòrd, chòrd math dha-rìribh. Chòrd, ’s e, ’s e deagh chuimhneachain a th’ agamsa air a bhith ann an sgoil an Ach’ agus dìreach am measg clann a’ bhaile agus fhuair sinn foghlam...cha d’ fhuair sinn mòran Gàidhlig, ach fhuair sinn deagh fhoghlam innte. Na daoine a bhiodh a’ tighinn a-steach agus na rudan a bhiodh a’ tachairt timcheall oirnn. Bha...’eil fhios ’ad cuimhneachadh air, air na clasaichean a bhith a-muigh anns an raon-sgoile a’ dèanamh PE agus...bha mi, bha mi ag ràdh ris a’ chlann an latha eile tha...tha cuimhn’ agamsa nuair a thàinig an telebhisean agus bha mi, bha mi anns an sgoil ’s dòcha gun robh mi mu dheich bliadhna agus thàinig m’ athair dhachaigh leis an telebhisean a bha seo, agus ’s e oidhche Chiadain a bh’ ann bhon bha mo mhàthair bha i anns a’ choinneimh, feumaidh gur e na h-òrduighean a bh’ ann no rudeigin, chan eil cuimhn’ ’am dè...dè bh’ ann, ’s e oidhche Chiadain a bh’ ann co-dhiù, coinneamh sheachdaineach agus tha...’s e na Winter Olympics a bh’ air an teilidh.

P: Dè a’ bhliadhna a bha seo a Mhagaidh?

M: O dè, dè bhiodh...dè bhiodh ann? Tha mi a’ creidsinn mu 67, 68, agus cha robh ann ach aon channel agus bha mi dìreach a’ cuimhneachadh gu bheil leth-cheud bliadhna bho chaidh am mast, mast an Achadh Mhòir a thogail agus fhuair sinn an uair sin dà channel eile. Agus cha robh...’s e an cur-seachad a bh’ ann a bhith a’ cèilidh agus a’ coiseachd air ais is air adhart le na, na co-aoisean agad air an rathad, a’ cluiche air an rathad, bothain, seinn, bhiodh sinn a’ dèanamh tòrr seinn agus bhiodh sinn a...bhiodh sinn a’ dol gu na bodaich is na cailleachan agus tha mise a’ smaoineachadh gur e, gur e oilthigh mìorbhaileach a bha sin, a’ cluinntinn na seanchasan aca, tha...’eil fhios agad ’s e còmhradh a bha a’ dol, cha b’ e telebhisean a bh’ ann, ’s e, ’s e daoine ag innse mu dheidhinn am beatha no rudeigin a bha...cuideigin anns a’ bhaile far an robh iad is gun robh iad a’ seòladh is gun robh iad aig na mucan, aig na whalers, agus sin far an robh thu ag ionnsachadh tòrr de rudan mu dheidhinn an dualchas.

P: Uh-huh. So bha, bha an t-uabhas...uill cha b’ e rud annasach a bh’ ann a bhith a’ dol a-mach is a-steach à taighean a chèile aig an àm sin.

M: Cha b’ e. Cha b’ e, agus cha leigeadh tu leas gnogadh agus cha leigeadh tu leas fònadh a dh’fhaodadh...a bheil iad a-staigh na càil. Bha dìreach daoine a-mach is a-steach fad na h-ùine.

P: Agus nuair a thàinig an telebhisean, an do rinn sin diofar a thaobh sin, a thaobh daoine a bhith a’ dèanamh cèilidhean cho tric air a chèile is mar sin?

M: Och uill cha do rinn an toiseach. Tha mi a’ creids’ gun tug e timcheall air fichead bliadhna mus robh mise mothachail air, gun do sguir an cèilidh, sguir an cleachdadh, agus tha mi a’ smaoineachadh gur e...bha...’s e rud a bha an ginealach, tha mi a’ smaoineachadh an ginealach agamsa chunnaic sinn an cèilidh agus daoine a bhith a’ dol am measg a chèile is a bhith ag obrachadh còmhla, ach ’s ann nuair a...nuair a thàinig an ginealach sin gu ìre tha mi a’ creidsinn a dh’atharraich cùisean. Dh’fhalbh an t-uabhas a bha còmh’ riumsa san sgoil, dh’fhalbh iad bhon an eilean, ach chunnaic mi eadar-dhealachadh mòr timcheall air na h-ochdadan, gun do chuir daoine an cùl ris an talamh. Tha...chun an ìre sin bha...bha beathach...bha beathach mart aig a h-uile duine, bha bò-bhleoghainn ann agus bhiodh gamhainn no dhà agus bha...bhiodh caoraich ann agus bhiodh cearcan ann agus bhithear a’ buain coirce, bhithear a’ buain feur agus a’ cur bhuntàta agus snèipean agus rudan den t-seòrsa sin, bha tòrr obair an sin, bha daoine ag obrachadh còmhla.

Ach timcheall air na h-ochdadan, bidh mise uaireannan a’ smaoineachadh gur e nuair a thàinig gàrradh-ola Àranais agus bha cothrom ann air cosnadh airgead mòr agus tha...bha na sioftaichean bha iad fada, bha iad ag obrachadh ’eil fhios agad dà uair dheug anns an t-sioft, agus tha mi a’ smaoineachadh gun deach croitearachd, dòigh-beatha croitearachd fhàgail an uair sin le tòrr dhaoine, agus sguir iad a chumail beathaichean agus le sin cha robh...cha bhiodh muinntir a’ bhaile a’ tighinn còmhla cho tric aig faingean is a’ trusadh chaoraich agus rudan den t-seòrsa sin, agus cuideachd chaidh daoine gu ola airson teas nan taighean agus cha robh iad a’ buain uimhir a mhòine. So tha mise ga fhaicinn mar àm a dh’atharraich cùisean gu mòr an seo.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/9169