Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Seònaid Mhoireach (2)

 PM–00:05: Agus an teagasg a bh’ agaibh, as a’ bhun-sgoil fiù ’s, an ann as a’ Bheurla a bha sin?

SM–00:09: O, uill ’s ann. Bhiodh beagan...cha bhiodh mòran Gàidhlig aig, aig na tidsearan ga chleachdadh, ach tha mi creids’ gum feumadh iad uaireannan son mìneachadh dhuinn.

PM–00:20: Dhan fheadhainn òga.

SM–00:21: Sheadh, Uh-huh, uh-huh agus...

PM–00:24: Agus a bheil cuimhn’ agad gun robh duilgheadas sam bith agad ann a bhith a’ togail na Beurla?

SM–00:28: Uill bha mise rudeigin fortanach, bhon as t-samhradh bhiodh cousins dhomh a’ tighinn à...dhachaigh à Dundee is cha robh Gàidhlig acasan is cha robh Beurla agamsa ach bha sinn...bha mi a’ togail rud bhuapa, is bha na h-uibhir agam ach o, basic, basic – please, thank you is come, go tha mi creids’ gun robh...gun robh sin agam ach an deidh sin, bha sinn a’ dèanamh a’ chùis, bhiodh sinn a’ cluiche còmhla agus...ach...och bha, bha tòrr...tòrr Beurla is Gàidhlig am measg a chèile. Bha an tidsear a’ faighneachd dha fear...tha...och bha duilleagan an leabhair aige air falbh is bha an leabhar aige ann am, ann am mess uabhasach. Agus dh’fhaighnich i dha dè thachair dhan leabhar – ‘Please Miss’ ars esan ‘the wind blew and it srac’, is bha tòrr dhan sin. Uh-huh, ach o cha robh sinn fada tighinn thuige. Ach as a’ phlayground bho gheibheadh tu a-mach o, cha robh Beurla ri...ri bhruidhinn. Cha robh Beur... Beurla ri chluinntinn, cha robh. Agus nuair a thàinig d’ athair...thàinig d’ athair dhachaigh, bhiodh iad a’ cur nan teaghlaichean dhachaigh an uair sin tron a’ chogadh air sgàth ’s cho cunnartach a bha Glaschu, agus thàinig airsan togail a’ Ghàidhlig gu math luath bhon cha robh a’ chòrr air a shon. Mura an robh Gàidhlig aige...

PM–01:55: Tà bha, bha Gàidhlig aige fhèin san taigh, nach robh, shìos ann an Glaschu?

SM–01:57: O, nise bhiodh iad a’ bruidhinn Gàidhlig anns an taigh, bhitheadh. Ach ud, fhuair sinn troimhe an dèidh sin.

PM–02:05: Ceart gu leòr, agus an uair sin chaidh thu dhan àrd-sgoil, ann an Siabost a-rithist?

SM–02:09: Chaidh. Agus bha, bha iad an uair sin a’ tighinn à Càrlabhagh agus sìos gu Barabhas, a’ tighinn suas a Shiabost. Is bha clasaichean mòra ann a shin an uair sin. Ach bha dà chlas as a h-uile rùm anns an sgoil gu lèir, ach a-mhàin anns a’ qhualifying. Agus...ach cha robh an teagasg, cha shaoil mi an-diugh an seòrs’ teagasg a bha sinn a’ faighinn gun robh...seadh tha iad a’ faighinn teagasg an-diugh agus tha iad a’ faighinn a h-uile cuspair. Cha robh sinn a’ faighinn ach beagan Gàidhlig aon uair anns an t-seachdain, agus ’s e glè bheag a bh’ ann.

PM–02:48: O, bha, bha Gàidhlig air a teagasg ma-thà san sgoil, an robh?

SM–02:52: Uill bha, aon uair as an t-seachdain agus ’s e glè bheag a Ghàidhlig, nan leughadh tu pìos Gàidhlig, bha sin agad ri ionnsachadh. Agus, of course, a’ chiad rud anns a’ mhadainn ’s e psalm is religion is bha...bhiodh sin ann an Gàidhlig uaireannan, agus bhiodh agad ris...agus an Catechism. Nise, bidh mi a’ smaoineachadh bha an Catechism againn mar pioghaidean is cha robh mìneachadh air an talamh ga dhèanamh.

PM–03:25: An robh...an robh sibh ag ionnsachadh tron a’ Bheurla na bha sgrìobhte ann an Leabhar Aithghearr nan Ceist?

SM–03:32: Bha, uh-huh o bha, ’s ann as a’ Bheurla a bhiodh sinn ag ionnsachadh an Catechism. Ach bidh mi a’ smaoineachadh...bha an Catechism againn air ar teanga ach cha robh mìneachadh air an talamh againn...aig an tidsear ga dhèanamh, dè bha a’ chùis a’ ciallachadh.

PM–03:46: Agus cia mheud a bhiodh agaibh ri an ionnsachadh gach seachdain, a bheil càil a chuimhn’ agad? Bhon bha sin a’ dol na mo lathasa cuideachd, nuair a bha mise beag agus mi a’ dol dhan sgoil-Shàbaid ann an Càrlabhagh, bhiodh againn ri can dhà no thrì ionnsachadh gach seachdain.

SM–03:59: Bha, ach bha sin...bha sin againne cuideachd, uh-huh. Agus bhiodh sailm againn ga ionnsachadh a thuilleadh air an sin. Agus bhiodh an tidsear ag innse stories às a’ Bhìoball, agus an tidsear a bha seo bha i uabhasach dèidheil air Samson. Agus bha i rudeigin dramatic na dòigh, agus co-dhiù bha i ag innse story Samson is Goliath dhuinn an latha a bha seo, agus bha am blackboard air a cùlaibh is bha i ag innse dhuinn mar a chaidh clach is...gu...agus aodann is maol Goliath is mar a thuit e gu a chùlaibh. Uill, thuit ise agus thuit am blackboard. Agus cha robh fhios againne an deigheadh sinn ga cuideachadh no dè bh’ ann, an dèanadh sinn gàire no dè, ach co-dhiù...

PM–04:49: Bha i ceart gu leòr, an robh?

SM–04:50: Bha i ceart gu leòr.

PM–04:51: Bha...bha sin mar...mar phàirt dhen leasan.

SM–04:53: Bha, bha, bha. Bha, bha. Thuit i fhèin is am blackboard, chaidh i gu a cùlaibh. Ach nuair a bha i...bhiodh i ag innse stòiridhean a’ Bhìobaill dhuinn, bha sin anns a’ chlas bho thòisich sinn as an sgoil. Nis’ chan eil mi a’ smaoineachadh gun robh e anns an secondary, cha robh.

PM–05:12: Agus am biodh sibh fhèin a’ dol dhan sgoil-Shàboin a h-uile seachdain, no dhan an eaglais?

SM–05:17: Bhiodh. ’S ann anns an eaglais a tha an-diugh na, na museum a bha sinne a’ dol. An Eaglais Mhoderate mar a bhiodh ac’ air. Agus ’s e miseanaraidh a bhiodh ann an shin, agus bhiodh ministear à Càrlabhagh a’ tighinn sìos uair sa mhìos.
Ach bhiodh sinn a’ dol dhan sgoil-Shàboin agus...och nam biodh sinn a’ faireachdainn rudeigin leisg bhiodh sinn a’ doidseadh, cha bhiodh...cha bhiodh cus, cus ùidh againn as a...as a’ chùis idir.

PM–05:48: Am biodh, am biodh...tha fhios gun robh do mhàthair fhèin gum biodh i a’ dol dha na h-Òrduighean agus gun robh sin a’ còrdadh rithe. An robh sibh fhèin an lùib sin? Cha bhiodh, bhiodh sibh ro òg.

SM–05:59: O, cha bhiodh sinne a’ dol chun na h-Òrduighean idir.

PM–06:01: Cha bhiodh. An robh...an robh d’ athair a’ dol dhan eaglais?

SM–06:03: Cha robh m’ athair na fhear-eaglais idir. Bhiodh e a’ dol dhan eaglais ach cha robh e a’ comanachadh no fear-dreuchd mar sin. Ach bha mo mhàthair a’ comanachadh agus bhiodh ise a’ dol chun na h-Òrduighean. Agus aig àm Òrduighean ann an Siabost, ist, bhiodh an taigh againn...tòrr strainnsearan a’ tighinn dhan taigh.

PM–06:20: Cò às...cò as a bhiodh iad a’ tighinn?

SM–06:22: Taobh Chàrlabhaigh mar bu thrice, eòlaich, bha, bha mo mhàthair...bha mo mhàthair eòlach orra.

PM–06:31: Agus am biodh ise an uair sin a’ dol gu Òrduighean eile, bailtean eile?

SM–06:35: Bhitheadh. Bhiodh iad a’ dol chun na h-Òrduighean, ach mar a bha mi ag ràdh cha robh càraichean pailt’, agus bhiodh iad a’ fuireach as na taighean bhon chan fhaigheadh iad dhachaigh às dèidh...às dèidh a’ choinneimh ann. Agus och bha, bha an t-uabhas a’ dol dhan eaglais, bhiodh an eaglais làn, agus an lobht’, ach bhiodh an òigridh a’ dol a-mach air an oidhche agus bha Làtha na Sàboin, o bha searmon mhòr ann Latha na Sàboin, bhiodh e uaireannan trì uairean feasgar mus fhaigheadh iad a-mach, uh-huh.

PM–07:07: Ceart, tha mi a’ creids’ gun robh sin duilich a ghiùlan dha cuid.

SM–07:10: Och bha dha cuid, bha dha cuid. Bha sin...bha sin cus is fada. Is Latha nan Ceist ’s e Dihaoine a bha sin, sin an latha mòr eile.

PM–07:20: Is dè a-nis’ a bhiodh a’ tachairt an sin?

SM–07:21: O, bhiodh iad a’ cur daoine an-àirde airson an testimony aca a thoirt seachad is mar sin. Agus mìneachadh air...can...air rud anns a’ Bhìoball.

PM–07:32: Is an canadh tu gun robh creideamh uabhasach làidir as a’ bhaile nuair a bha thu a’ fàs suas, gun robh buaidh aig a’ chreideamh air, can, beatha dhaoine gu mòr?

SM–07:44: O, gu mòr, gu mòr.

P–07:48: Can an-dràsta air Latha na Sàboin, dè nach b’ urrainn dhuibh a dhèanamh mar chlann, mar...?

SM–07:52: O bha tòrr riaghailtean ann mu dheidhinn an t-Sàboin. Ach bha mo mhàthair, ged a bha i a’ comanachadh bha i rudeigin...rudeigin free, seadh cha robh i cho strict ri, ri feadhainn eile. Is bhiodh sinn a’ dol cuairt Latha na Sàboin, ach dh’fheumadh sinn a bhith air ar faiceall mus fhaiceadh an Deucoin a bha seo sinn. Chitheadh an Cruthaidhear sinn ach chan fhaiceadh an Deucain, cha robh...bidh mi a’ gabhail iongantas...

PM–08:16: An deach ur glacadh leis an Deucain uair sam bith?

SM–08:20: O, uill, cha chanadh e càil rinne ach dheigheadh e gu ar pàrantan is bha iadsan a’ faighinn lecture. Ach airson snàmh no càil mar sin, o cha robh, cha robh càil dhan sin ann. Ach a’ dol cuairt nan creag, sin an rud a bhiodh sinn a’ dèanamh, is bha creagan cho faisg air an taigh againn is cha chuala mi a-riamh gun robh tubaist sam bith ann.

PM–08:43: Is an robh iad a’ leigeil leis a’ chlann a dhol cuairtean air na creagan a tha sin?

SM–08:47: Nise cha bhiodh sinn...uill nuair a bha sinn nar clann bhiodh ar bràithrean is ar peathraichean na bu shine na sinn, bhiodh iad còmhla rinn. Ach o cha leigeadh iad nar h-aonar idir sinn, bhiodh iad a’ maoidhinn oirnn. Agus ’s e an dòigh a bh’ aca air sin a dhèanamh gum faca an duine seo tàbharadh is gun robh iad a’ faicinn solas ann a shin is gun robh iad...rudeigin uabhasach a’ dol a thachairt, is bhiodh sinne a’ gabhail feagal ar beatha ron an solas a bha seo is dè bha a’ dol a thachairt is...bha sinn a’ gabhail...tha...bhiodh sinn a’ cumail clìor sin, cha robh sinn a’ dol faisg air an sin. Is bhiodh àiteachan ann agus na bu chunnartaiche an t-àit’ ’s ann bu mhotha a bha na tàbharan gam faicinn. Bha àite faisg oirnne a-steach an rathad rin canar An Gleann, drochaid bheag agus gleann, tha mi creids’ gun robh glumaichean ann gu math domhainn, is bhiodh iad airson ar cumail air falbh bhon sin. Uill, chan fhaca tu is cha chuala tu leithid a sholais is a thàbharaidhean a bha san àite a bha siud. Agus nam biodh tu a’ tighinn dhachaigh, nan deigheadh do ghlacadh agus e a’ fàs rudeigin dorch bha crith a’ bhàis ort a’ tighinn seachad air an abhainn sin.

PM–09:57: Uh-huh. A bheil thu a’ smaoineachadh gun robh tomhas den fhìrinn anns na bha iad ag ràdh mu dheidhinn?

SM–10:00: O, bha ann am feadhainn, bha ann am feadhainn ach cha robh ann an tòrr dhiubh. Bhon bha, bha agus chitheadh daoine, daoine rud nach fhaiceadh daoine eile. Chan eil fhios a’m dè bu choireach ach bha sin mar sin.

PM–10:15: Uh-huh. Agus a’ bruidh...a’ bruidhinn air gnothaichean mar sin, gnothaichean os-nàdarra mar a chanas iad, an robh daoine as a’ bhaile leis an, leis dà-shealladh nuair a bha thu a’ fàs suas?

SM–10:15: Cha b’ aithne dhomh gun robh. Cha b’ aithne dhomh gun robh, ach bhiodh iad a’ bruidhinn air daoine an linn ron sin aig an robh, agus a chunnaic rud agus bhiodh tubaist air tachairt ann a shin. Agus feumas e a bhith gun robh rudeigin aca ga fhaicinn is ga fhaireachdainn nach...nach fhaireachadh daoine eile.

PM–10:50: Ceart. Agus nuair a bha thu a’ fàs suas ma-thà anns a...ann an Siabost, a bheil cuimhn’ agad air làithean sònraicht’ a bhiodh iad a’ cumail tron bhliadhna, can tha fhios gu bheil Oidhche Challainn ann is gnothaichean mar sin, ach a bharrachd air sin, oidhche na Bliadhn’ Ùir’, an robh tradaiseanan aca?

SM–11:10: Oidhche na Bliadhn’ Ùir’, bha sin uabhasach math. Bha...bha iad a’ tòiseachadh aig a’ cheanns’ den bhaile agus a’ dol dhan h-uile taigh agus thigeadh fireannach còmhla riutha às an taigh sin. Agus bha iad a’ cruinneachadh na daoine mar sin. Agus bha iad a’ ruith air a h-uile taigh oidhche na Bliadhn’ Ùir’ a chur a’ Bhliadhna Ùr orr’.

PM–11:27: Is an robh...am biodh iad ag ràdh...an robh abairt shònraichte aca?

SM–11:31: Cha robh, ach bha tòrr seinneadaran snog as a’ cheann againn dhen bhaile agus is cinnteach cha robh càil a leisg orra òran a ghabhail. Agus bhiodh iad a’ gabhail òran as a h-uile taigh agus ’s e na fireannaich a bhiodh a’ dol timcheall mar sin. Bhiodh botal sherry aig, aig na boireannaich is botal uisge-beath’ aig na fireannaich, agus tha mi a’ creids’ gum biodh e a’ caitheamh gu math luath ach fhad ’s a sheasadh uill bha iad a’ faighinn drama.

PM–11:58: Fhad ’s a thigeadh cuideigin eile a-steach an uair sin le botal eile, dh’fhaodadh iad cumail a’ dol an uair sin.

SM–12:03: Shin agad e, shin agad e.

PM–12:05: Ceart.

SM–12:06: Agus bha Oidhche Shamhna ga chumail, ach ’s ann aig na balaich a bha sin, is bhiodh iad a’ dèanamh...Oidhche Shamhna is a’ dol timcheall nan taighean agus bha fear aca a bhiodh le craiceann laoigh no craiceann bò air a chruthachadh, ceangailt’ air. Agus bhiodh iad a’ tighinn chun an doras is ag èigheachd ‘Hee-bhee-ree-how’ is thigeadh iad a-steach. Agus an fhear a bha leis a’ chraiceann bhiodh e a’ dol timcheall a’ cur caran is a’ cantainn Rabhd nam Bannag.

PM–12:37: Is dè ni...ciamar a bha an rabhd a’ dol?

SM–12:40: Uill, bha rabhd eadar-dhealaichte aig...as a h-uile baile, beagan dheth, beagan eadar-dhealaicht’ ach uireas a tha cuimhn’ agamsa air ’s e:
‘Hee-bhee-ree-how seo Oidhche na Bannaige,
An oidhche a-nochd mar Oidhche Challainn,
Dia is an treusair fos ar cionn,
Dh’òrdaich an rìgh an taigh ud thall,
Taobh an dearcain, taobh a’ phocain,
Fuar aig mac na h-oidhche nochd,
Mac nan Gille, mac na grèin’,
Deagh mhullach, deagh ghean
Slèibh gu tulach, slèibh gu tràigh...
Agus....

PM–13:08: An robh sibh a’ dèanamh ciall sam bith às?

SM–13:10: Cha robh e a’ dèanamh ciall air an talamh, ach gun robh, gun robh an rabhd ga ràdh leis an duine aig an robh an craiceann. Is a h-uile duine a bha san taigh bhiodh iad a’ toirt slaic air a’ chraiceann...slaic air a’ chraiceann agus dheigheadh iad an uair sin agus bha iad a’ faighinn...bha poca aig cuideigin is bhiodh iad a’ faighinn beagan teatha is beagan siùcair, briosgaidean ’s dòcha agus beagan airgid, sgillinnean. Is bhiodh an uair sin, bhiodh na balaich nuair a dheigheadh iad timcheall a’ bhaile pàrtaidh ga chumail ann an taigh fear aca is bhiodh iad a’ roinn na rudan sin an uair sin.

PM–13:42: Aidh? Is cuin a chaidh sin a-mach à bith ma-thà?

SM–13:46: O, shìorraidh, chaidh sna 50s.

PM–13:50: Ceart, uh-huh, uh-huh. Fhad ’s a bha thu fhèin òg fhathast.

SM–13:53: O, fhad ’s a bha mi fhìn òg chaidh e a-mach à bith agus cha, cha bhiodh a’ chlann-nighean ga dhèanamh idir. Ach cha robh uibhir a bhalaich an uair sin ann, bhiodh feadhainn aca air falbh is...ach chùm e a’ dol chun an sin, ach o bhiodh iad...bhiodh pàrtaidh mòr aca is bhiodh iad a’ faighinn dhà no thrì sgillinn aig deireadh na h-oidhche, uh-huh.

PM–14:15: So ’s e baile uabhasach trang a bh’ ann an uair sin ma-thà.

SM–14:18: O, làn, làn daoine, làn dibhearsain, spòrs gu leòr, agus a h-uile duine ag obair air lot is...ach an dèidh sin ged a bha iad trang bidh mi a’ gabhail iongantas, bha tìde aca a dhol a shealltainn air a chèile, agus agus e corra oidhche...

PM–14:36: Nach biodh cuideigin a-stai...

SM–14:37: Nach biodh cuideigin a-staigh a’ cèilidh. Agus bu dheagh chaomh leinn sin, bhon gu math tric bhiodh iad a’ bruidhinn...’s ann mu, mu shinnsearachd a bhiodh iad a’ bruidhinn, is càirdeas. Ach bhiodh iad a’ bruidhinn cuideachd air na thachair as a’ bhaile is rudan mar sin. Agus so thigeadh e an uair sin ’s dòcha gu, gu tàbharaidhean, agus nam biodh tu ann an taigh an ath-dhoras, ’s e a dhol dhachaigh às dèidh na sgeulachdan sin ’s e càil bu duilghe.

PM–15:04: Tha mi a’ creidsinn, tha mi a’ creidsinn.

SM–15:06: Ach bu chaomh leinn a bhith gan cluinntinn, an dèidh sin.

PM–15:09: Tuigidh mi sin, tuigidh mi sin. So bha daoine a-mach is a-steach à taighean a chèile gu math, gu math tric.

SM–15:15: Agus as a’ gheamhradh bhiodh sinne nar clann-nighean òg, bhiodh sinn a’ dol a chèilidh air a chèile agus bhiodh sinn a’ toirt leinn ar fighe. Nach sinn a bha dìcheallach!

PM–15:26: Bha obair agaibh ri dhèanamh an sin!

SM–15:27: Bha, bha. Bhiodh fighe againn anns an sgoil, co-dhiù bhiodh sinn a’ dèanamh tòrr fighe aig an taigh cuideachd, agus...

PM–15:36: Uh-huh. Agus cia mheud bliadhna a rinn thu as an àrd-sgoil ann an Siabost ma-thà? Cuin a dh’fhàg thu an sgoil? Dè an aois a bha thu?

SM–15:36: O dh’fhàg mise an sgoil aig sia deug.

PM–15:45: Agus dè rinn thu an uair sin?

SM–15:46: Agus bha mo phiuthar agus an duine air gabhail thairis hotel ann an Dùthaich MhicAoidh agus bha iad ag iarraidh cuideachadh is chaidh mi còmhla riutha ann a shin, is bha mi ann a shin son treis agus dh’fhalbh pal dhomh is mi fhìn a-rithist chaidh sin sìos a Chrinan, hotel ann a shin. Ach thàinig mise air ais, cha robh e a’ còrdadh rium, agus fhuair mi...chaidh mi suas a Bhonar Bridge a-rithist agus bha mi ann a shin gus an do thòisich mi nursaigeadh ann an Glaschu.

PM–16:24: Ceart, dè thug ort a dhol a-steach airson nursaigeadh a dhèanamh?

SM–16:28: Uill ’s e a-riamh a bha mi ag iarraidh a dhèanamh, agus gu h-annasach cha robh mi air mo chas a chur a-steach a dh’ospadal a-riamh. Ach bhithinn a’ leughadh mu dheidhinn is mar sin, agus ’s e sin an aon rud a bha mi ag iarraidh a dhèanamh.

PM–16:43: Agus dè rinn...dè seòrsa process a bhiodh agaibh airson sin, airson a dhol a-steach airson nursaigeadh an uair sin? Dè...an robh foirm...tòrr foirmichean agaibh no ciamar...a bheil cuimhn’ agad ciamar a, ciamar a chaidh thu thuige?

SM–16:55: Bha references againn ga fhaighinn agus dè cho math ’s a rinn sinn san sgoil, siud agus seo, agus bhiodh sinn a’ tòiseachadh an uair sin agus bhiodh sinn trì mìosan...tha mi a’ smaoineachadh gur h-e trì no an e sia seachdain a bha sinn as an sgoil ann an shin, anns an ospadal. Agus cha bhiodh sinn a’ dol dhan ward ach aon fheasgar a h-uile Sàboin...feasgar na Sàboin no madainn na Sàboin, agus an còrr den tìde ag ionnsachadh. Is bha tòrr...bha daoine dorcha is Èireannaich, Albannaich agus tha cuimhn’ a’m aon recording a rinn sinn agus bha e a’ dol timcheall air a’ chlas. Bha pìos an duine againn ri chantainn, cha chuala tu càil a-riamh cho èibhinn ris. Bha daoine foreigners agus thigeadh an uair sin tè Èireannach, thigeadh an uair sin maw mar mi fhìn, thigeadh Sasannach, bha sinn den h-uile seòrsa. Bha recording an sin a b’ fhiach èisteachd ris.

PM–17:56: Carson a rinn iad sinn, a bheil cuimhn’ agad?

SM–17:56: Chan eil càil a chuimhn’ a’m!

PM–18:01: Agus carson a chaidh thu sìos a Ghlaschu ma-thà? Nach robh trèanadh ri fhaighinn ann an...can ann an Inbhir Nis no na, na b’ fhaisge air an taigh mar gum biodh, ann an Steòrnabhagh fhèin?

SM–18:09: Bha thu a’ dèanamh bliadhna ann an Steòrnabhagh is bha thu an uair sin a’ dol a Ghlaschu. Ach an àite sin carson nach do...well rinn mi...rinn mi na trì bliadhna ann an Glaschu as an Southern General, dè an t-ainm ath’ air an-diugh, an e Queen Elizabeth Hospital.

PM–18:24: ’S e, ’s e, uh-huh. Is dè...carson a thaghadh thu Glaschu ma-thà, seach can chan eil fhios a’m, Obar Dheathain, Dùn Èideann?

SM–18:28: Uill, cha robh, cha robh mòran againn a’ dol a dh’Obar Dheathain idir, cha robh an taobh sin gar, gar tarraing idir. Ach bha leithid a Ghàidheil ann an Glaschu is dh’aithnicheadh sinn tòrr a bh’ ann is bha càirdean againn ann. Agus sin fàite an robh mi.

PM–18:44: Agus...agus dè shaoil thu dhan bhaile nuair a chaidh thu ann airson a’ chiad uair?

SM–18:48: O, mo chreach dè shaoil mi dheth! Shaoil mi gun robh iad às an ciall. Dè bha a h-uile duine a bha seo...cà’ an robh iad a’ dol is dè bha iad a’ dèanamh? Is bha fhios aig a h-uile duine cà’ an robh iad a’ dol ach mi fhìn. Ach o bha e...bha e... agus bha trams a’ dol an uair sin agus na busaichean is bha sin fhèin na annas.

PM–19:08: Tha mi a’ creids’, tha mi a’ creids’. Agus nuair a chaidh thu fhèin sìos an deach thu sìos leat fhèin mar gum biodh no an robh thu am measg buidheann de, de...de nursaichean à Leòdhas?

SM–19:18: Uill, cha robh gus an do ràinig mi, ach bha pal dhomh thàinig i sìos, thòisich ise às mo dhèidh, ach cha robh ise an aois aig an àm a thòisich mise agus thàinig i an uair sin sia mìosan às mo dhèidh. Agus bha clann-nighean ann à Beàrnaraigh is och, Hearaich is Uibhistich, làn eileanaich, Èireannaich gu leòr.

PM–19:37: Is cà’...cà’ an robh sibh a’ fuireach?

SM–19:39: Bha sinn a’ fuireach as a...anns an nurses home, agus bha sin gu math furasta bhon cha robh agad ach ri dhol sìos gu do bhracaist, is an uair sin dha na wards. Agus och, chòrd e rium, chòrd e rium uabhasach math. Agus an uair sin chaidh mi a Dhùn Èideann agus nuair a bha mi deis dhen...dhen an General chaidh mi a Dhùn Èideann is rinn mi private nursing airson treiseag, bha seo gu bhith uabhasach math anns an CV agam nuair a dheighinn a-null a Chanada.

PM–20:08: Bha thu a’ dol a...bha thu ag iarraidh a dhol a Chanada?

SM–20:10: Bha mi ag iarraidh a dhol a Chanada.

PM–20:11: Carson? Dè bha...dè bha cho math mu dheidhinn Canada an uair sin?

SM–20:15: Uill, an fheadhainn a bha a’ trèanaigeadh còmhla rium chaidh triùir aca a-null a Mhontreal agus bha iad ag iarraidh orm a dhol còmhla riutha ach cha robh...cha robh mise deis dhen trèanaigeadh buileach an uair sin.

PM–20:26: Tha mi a’ tuigsinn.

SM–20:27: Agus bha mi a’ dol a-null às dèidh sin agus bha mi a’ smaoineachadh o, well, nam biodh private nursing agam ann an Dùn Èideann, gun dèanadh sin...gun coimheadadh sin ceart gu leòr. Agus bha mi ann a shin och, trì mìosan no rudeigin.

PM–20:43: An e nach do chòrd e riut?

SM–20:44: O, chòrd e rium math! Chòrd e rium math. Agus bha mi a’ faighinn barrachd pàigheadh of course.

PM–20:50: So cha robh thu ann...cha robh thu ann fada a-rèiste ge-tà?

SM–20:52: Cha robh mi ann fada an uair sin gus an do thòisich mi air midwifery. Agus bha mi...bha thu a’ dèanamh bliadhna...dh’fhaodadh tu sia mìosan a dhèanamh an uair sin air a neo bliadhna, is bha thu a’ faighinn certificate às dèidh sia mìosan, agus rinn mi bliadhna dheth.

PM–21:10: Seo ann an Glaschu a-rithist?

SM–21:11: Seo ann an Glaschu a-rithist, agus fàit’ a bheil Strathclyde University an-diugh. ’S e Rottenrow Hospital ainm...Royal Maternity in Rottenrow, sin an t-ainm a bh’ air. Agus a-rithist, Èireannaich is Albannaich...

PM–21:27: Às a h-uile ceàrnaidh?

SM–21:28: A h-uile ceàrnaidh.

PM–21:29: Agus an uair sin an do smaoinich thu mu dheidhinn a dhol a Chanada no dè? Carson nach deach thu a Chanada?

SM–21:37: Gun do thachair mi ri d’ athair.

PM–21:40: Adhbhar math a tha sin!

SM–21:41: Adhbhar math, adhbhar math.

PM–21:43: Is cà’ an do thachair sibh ri chèile ma-thà?

SM–21:45: Uill, bha d’ athair...dh’aithnicheadh sinn a chèile as an Southern General, bha d’ athair anns a...anns a....na dhotair ann a shin, a’ trèanaigeadh. Agus thàinig esan a dh’fhuireach ann an Càrlabhagh, thàinig esan a dh’obair ann an Càrlabhagh an uair sin. Bha e ag obair ann an Àrchar airson treiseag agus thàinig e an uair sin a dh’obair ann an Càrlabhagh bhon ’s e single practice a bha sin ach cha robh an dotair a bha ann cha robh e gu math, agus air sgàth ’s sin fhuair e partner, no assistant. Agus sin fàit’ an landaig mise agus cha do rinn mi mòran feum dhan a...dhan...uill, tha mi creids’ gun do rinn mi beagan feum de na nursaigeadh.

PM–22:32: Dè cho fada ’s a bha thu ris an obair sin, nursaigeadh, eadar nursaigeadh is trèanadh is midwifery is a h-uile càil eile?

SM–22:37: O, còrr is ceithir bliadhna.

PM–22:40: Rinn thu tòrr anns an...as an ùine bheag a tha sin ma-thà.

SM–22:43: Och uill rinn, rinn, agus sin fàit’ an do rugadh sibhse ann an Càrlabhagh.

PM–22:50: Ceart, uh-huh, uh-huh, agus ciamar a fhuair thu Càrlabhagh ma-thà? An do chòrd e riut a bhith...a bhith a’ tighinn air ais dhan eilean às dèidh dhut a bhith as a’ bhaile mhòr son treiseag?

SM–22:59: Cha robh mi uabhasach...uabhasach deònach really. B’ fheàrr leam tòrr a bhith...air d’ athair a  bhith air falbh. Co-dhiù cha robh sin...bha e a’ còrdadh ri d’ athair a bhith ann an Càrlabhagh agus bha e a’ còrdadh rium fhìn cuideachd a bhith ann an Càrlabhagh. ’S e baile uabhasach snog agus daoine snog a th’ ann an Càrlabhagh.

PM–23:16: ’S e.

SM–23:18: Agus bha sinn gu math toilichte ann.

PM–23:23: Uh-huh, uh-huh. Agus cia...ciamar a bha...bha thu fhèin ag obair dha an uair sin, nach robh?

SM–23:27: O, well, bha, dh’fheumadh cuideigin a bhith air am fòn, cha robh...cha robh mobile phones ann an uair sin, nam biodh tha mi a’ smaoineachadh gum biodh iad air an obair a dhèanamh tòrr cus na b’ fhurasta. Ach bha phones a’ dol gun annsadh, daoine a’ fònaigeadh an-àirde ag iarraidh tablets, ag iarraidh siud is ag iarraidh home visits, siud is seo. Agus tha mi a’ creids’ gu bheil cuimhn’ agad fhèin mar a bhiodh am fòn a’ dol agus dh’fheumadh tu an-còmhnaidh a bhith as an taigh, chan fhaodadh tu a dhol ro fhada às mus biodh cuideigin a’ lorg d’ athair.

PM–24:03: Agus nam biodh, nam biodh m’ athair air falbh can ann am Barabhas, ciamar a gheibheadh esan fios mu dheidhinn na thàinig a-steach?

SM–24:10: Uill, bha e, bha e a’ fàgail fios agamsa càite an robh e a’ dol, agus gun calligeadh e a-steach anns a’ Phost Office ann an Siabost, is nan tigeadh càil a-steach bhithinns’ ga chur...a’ cantainn ris am fear a bha sa Phost Office innse dha fòn a chur thugam. Agus bha e ag obrachadh mar sin. Ach gu math tric cha bhiodh e càil ach air ruighinn dhachaigh nuair a gheibheadh e fios gun robh cuideigin eile ga iarraidh anns an dearbh àite às an tàinig e. Bha e uabhasach trang, uabhasach uabhasach trang, agus oidhche is latha cha b’ urrainn dha a ràdh gun robh e dheth.

PM–24:49: Uh-huh. Agus dè cho fad ’s a rinn e an obair sin ma-thà?

SM–24:52: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh esan ann dusan bliadhna no mar sin.

PM–24:58: Agus dè...dè an uair sin a thachair?

SM–24:59: Agus chaidh e an uair sin a Steòrnabhagh ann an group practice. Nise, bha sin a’ toirt saorsa mòr dhut bhon bha thu dheth agus bha weekends agad dheth is cha leiginnsa leas fuireach aig a’ fòn, bha secretaries ann is och bha, bha e math.

PM–25:18: Ghluais sibh a Steòrnabhagh a-rèiste.

SM–25:19: Ghluais sinn a Steòrnabhagh an uair sin agus chaidh sibhse dhan sgoil ann an Steòrnabhagh. Cha robh ach aon duine agaibh anns a’ phrimary an uair sin, do bhràthair, agus chaidh esan dhan a’ phrimary ann an Steòrnabhagh agus an uair sin dhan Nicolson. Is bha sinn a’ fuireach faisg air an sgoil is bhiodh sibh a’ tighinn dhachaigh gu ur biadh a h-uile latha is a’ faicinn dè bh’ aig a’ phost is dè bha siud is dè bha seo is ruith dhan sgoil air ais. Bha e cho furasta.

PM–25:48: Agus chòrd Steòrnabhagh riut a-rèiste?

SM–25:50: O chòrd, chòrd, chòrd.

PM–25:52: Ach tha, tha sinn ann a sheo ann an Inbir Nis a-nis. Agus dè thug ort ma-thà no dè thug oirbh a thighinn a dh’Inbhir Nis às dèid dhuibh a bhith ann an Steòrnabhagh?

SM–26:01: Uill, bha an teaghlach gu leìr air falbh, taobh eile a’ Mhinch. Bha do phiuthar ann an Windsor, is bha sibh fhèin ann an Glaschu no ann an Obar Dheathain agus och, roghnaich sinn gun deigheadh sinn a dh’fhuireach ann an Inbhir Nis. Bu chaomh leinn Inbhir Nis co-dhiù agus gun robh sin goireasach dhan a h-uile duine.
Agus bha triùir pheathraichean agam, bha dithis aca a’ fuireach as an Eilean Dubh, tè a’ fuireach ann an Inbhir Nis. Agus mar sin dheth bha sinn...

PM–26:32: An robh sibh ag ionndrainn Steòrnabhagh nuair a thàinig sibh an toiseach?

SM–26:35: Bha d’ athair ga ionndrainn gu mòr, bha. Bha e ag ionndrainn na daoine is bha e ag ionndrainn an fheadhainn a bha ag obair còmhla ris. Agus an caraid as fheàrr a th’ agam fhìn ann an Inbhir Nis an-diugh bha i na secretary as a’ phractice, thàinig ise a dh’fhuireach ann an Inbhir Nis cuideachd.

PM–26:49: A h-uile duine a th’ ann a’ dèanamh air Inbhir Nis!

SM–26:51: A h-uile duine a th’ ann.

PM–26:52: Nuair a, nuair a retirigeas iad.

SM–26:53: Shin agad e, shin agad e. Uill, bha a bràthair...bha an duin...bha mac aicese bha business aige ann an Steòrnabhagh agus Inbhir Nis is bhiodh i a-null is a-nall, is mu dheireadh thuig i och dè math dhomh a bhith a-null is a-nall mar seo, nach eil cho math dhomh a bhith ann an Inbhir Nis.

PM–27:11: Agus ciamar a tha Inbhir Nis a’ còrdadh riut an-diugh?

SM–27:14: O, math dha-rìribh.

PM–27:15: An deigheadh tu air ais a dh’fhuireach anns na h-eileanan?

SM–27:17: Cha deigheadh, cha deigheadh, cha deigheadh. Bha e math fhad ’s a bha mi ann, ach dè math a dhol air ais? ’S e mearachd mhòr dha daoine a dhol air ais bhon cha bhi an t-àite gu bràth mar a dh’fhàg iad e.

PM–27:30: Ceart.

SM–27:31: Agus cha bhiodh ann ach cianalas.

PM–27:33: Ceart gu leòr agus...ach an turas mu dheireadh a bha thu air ais, tha mi a’ creids’ gu bheil faisg air còig bliadhna bhuaithe, a bheil?

SM–27:40: Tha, uh-huh.

PM–27:41: Agus dè...an do mhothaich thu diofar, ann an Siabost an toiseach?

SM–27:45: O, mo chreachsa, an diofar a bu mhotha. Cha...cha robh...chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil duine ann an Siabost bho aois leth-cheud bliadhna a tha a’ bruidhinn a’ Ghàidhlig. Tha iad a’ tuigs’ ach chan eil iad...chan eil a’ bruidhinn a’ Ghàidhlig idir. Agus bha a’ Ghàidhlig air a dhol sìos, sìos, sìos na bliadhnaichean sin. Cha chuir thu uibhir a dh’umhail air ma bhios tu a’ fuireach ann, ach ’s ann nuair a thèid thu air ais mar sin tha thu a’ faicinn o tha an taigh ud falamh, ’s e strainnsearan a tha as an taigh ud, is chan aithnich mi an duine ud. Agus taighean as an robh làn...as an robh daoine, còigear, sianar, seachdar, tha trì de na taighean sin de na...còig de na taighean sin as an àite tha ri talamh. Tha ceithir eile ac’ falamh, chan eil duine, duine air a’ chroit no duine san taigh. Agus ’s e ceithir duine deug a tha a’ fuireach as a’ bhaile againne an-diugh agus tha aon, dhà, trì...sianar de na sin air a’ pheinnsean.

PM–28:55: A bheil clann ann?

SM–28:56: Chan eil clann a’ dol dhan sgoil, chan eil clann ann. Is chan eil duine ann nas òige na...bidh e, bidh e fhèin no nas òige a’ teannadh ri leth-cheud.

PM–29:10: Dh’fhaodadh tu an aon sgeulachd tha mi a’ creidsinn innse mu dheidhinn tòrr dha na bailtean as na h-eileanan.

SM–29:14: A h-uile h-àite.

PM–29:15: Agus na do bheachdsa, a bheil càil ann a ghabhas a dhèanamh mu dheidhinn?

SM–29:20: Chan eil mise a’ faicinn gu bheil, gu bheil càil a ghabhas dèanamh mu dheidhinn. Tha an òigridh mar a bha sinn fhìn ag iarraidh air falbh, agus nuair a thèid iad air falbh dha na sgoilt...dha na universities, dha na colleges, chan eil obair ann dhaibh, ged a thilleadh iad. Agus a thuilleadh air an sin, ged a bhiodh iad ag iarraidh tilleadh agus taigh a cheannach, an corra thaigh a tha an-àirde tha iad air an ceannach aig strainnsearan a tha a’ tighinn a-steach dhan àite le barrachd airgead. Agus chan eil taighean ann dhaibh as am fuirich iad agus chan eil obraichean ann. Agus nuair a bhios iad air falbh airson treis, tha iad all right a bhith a’ tighinn dhachaigh as t-samhradh is a’ tighinn dhachaigh air saor-làithean, tha sin glè mhath. Ach chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil mòran a’ tighinn air ais airson fuireach. ’S dòcha dhà no thrì tidsearan, gum faigh iadsan obair, nursaichean ’s dòcha corra dhuine a gheibh iad obair ach rud sam bith eile chan eil...chan eil mi a’ faicinn gu bheil càil as urrainn dha duine a dhèanamh.

PM–30:27: Seadh, ma leanas cùisean orra mar a tha iad an-dràsta. Ach, nam...nam biodh can an riaghaltas son barrachd airgead a chur a-steach dhan àite airson an eaconamaidh a bhrosnachadh can, an dèanadh sin càil a dhiofar a bheil thu a’ smaoineachadh?

SM–30:44: Uill, na h-obraichean a bh’ ann can mar Àirinis, tha iad a’ dol airson treiseag is an uair sin a’ dùnadh suas. Chan eil, chan eil na h-obraichean sin a’ seasamh, a’ leantainn fada idir idir. Is chan eil duine a’ dol a thighinn dachaigh le teaghlach air sgàth dhà no thrì mhìosan a dh’obair. Chan eil fhios a’m, chan eil fuasgladh air a’ chùis.

PM–31:08: Ceart agus uill chì thu mar a tha Inbhir Nis a’ fàs is a’ fàs is a’ fàs agus tha sin math dha Inbhir Nis tha mi a’ creidsinn, ach...ach a bheil e math, a bheil e a’ dr...a’ toirt tòrr dhaoine air falbh bho na bailtean beaga air Ghàidhealtachd, chan ann a-mhàin anns na h-eileanan ach ann an, ann an Cataibh is Gallaibh is àitichean mar sin?

SM–31:30: A’ sguabadh a h-uile duine bhon tuath a-steach a dh’Inbhir Nis. Nach eil thu fhèin a’ faicinn na togalaichean...tha iad a’ togail air feadh an àite ann an Inbhir Nis, a h-uile...a h-uile pàirc is eile. Agus an rud a bhios a’ cur umhail orm...iongantas ormsa, cha bhi na taighean sin càil ach air an togail gus am bi cuideigin annt’, is cha chanainn gu bheil tòrr obair mar sin ann an Inbhir Nis, is chan eil fhios a’m cò tha a’ ceannach na taighean no cà’ bheil iad a’ faighinn an obair. Ach tha, tha iad gan reic, air a neo cha bhiodh iad gan togail.

PM–32:07: Ceart, agus a’ tilleadh chun na h-eileanan a-rithist ma-thà, a bheil daoine a bhuineas dhut air fhàgail a-nis’ ann an, ann an Leòdhas no ann an Siabost, a bheil cou...cousinean gu leòr agad is...?

SM–32:21: Chan eil duine chousin agam ann an Siabost, chan eil duine san t-seann taigh agus ’s e aon first cousin a th’ agam as an...as an eilean. Tha esan retired agus bidh e a’ tighinn a-mach an seo treiseag a h-uile bliadhna. Ach sin an aon...an aon chàirdeas a th’ agamsa ann an...
PM–32:41: Ceart, agus seach nach eil an càirdeas no na ceanglaichean sin ann a-nis, chan eil...ann an dòigh chan eil adhbhar ionndrainn ann.

SM–32:50: Chan eil, chan eil iarrtas air an talamh...’s dòcha gum faic thu sin rudeigin neònach, ach chan eil iarrtas air an talamh agams’ a dhol dhachaigh. B’ fheàrr leam cuimhneachadh mar a bha.

PM–33:03: Ceart gu leòr, uill, a Sheònaid, ceud mìle taing dhut airson bruidhinn rinn an-diugh agus abair...

SM–33:08: Mura an do rinn mi cus!

PM–33:09: Ist rinn thu glè mhath, cha robh...cha robh agamsa ri cus a ràdh idir idir, agus tha sin a’ còrdadh rium, cha robh agam ri do phiobrachadh mar sin ann. Agus chòrd na sgeulachdan agad rium agus mòran taing a-rithist.

SM–33:25: Glè mhath, tha mi an dòchas gun dèan mi feum dha cuideigin!

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8389