This is a Clilstore unit. You can .
EC―00:05: Dè bha ceàrr air, air obair a’ bhanca? An robh, an robh e dìreach car sàrachail no caran…?
DC―00:09: Och aidh, bha e cho dùinte a-staigh, ’eil fhios ’ad.
EC―00:11: Tha mi a’ creidsinn ag obair ann an, ann an solas cruaidh ’s dòcha is gum…
DC―00:15 Aidh, ach bha an fheadhainn a bha…bha, na…an fheadhainn a bha a’ bancadh ann an, ann an Scotstoun, och bha iad, bha iad glè laghach agus inntinneach, thoradh bha an t-uabhas de…dhen luchd-obrach aig a ghàrradh-iarainn Yarrows ann, agus bha iad sin och bha iad glè mhath, agus chòrd na daoine sin leam agus, agus cuideachd, a bharrachd air a’ mhanaidsear agus an accountant agus can far…mar an assistant manager no nàdar dha….’s e boireannaich a bha uileadh as a’ bhanca, och mar sin, agus bha…gheibhinnsa dheth le rud sam bith, agus so chòrd sin glè mhath leam. Ach, ach co-dhiù, ann am, ann am meadhan an Iuchair no as a’ Chèitean, rinn mi suas och chuir mi romham gun robh mi a’ dol a dh’fhàgail agus tha, thàinig an dearbh inspector a bha, a bha air m’ fhaicinn ann am Beinn na Faoghla, thàinig e dhan bhanca a bhruidhinn rium, agus thuirt e ‘Oh uill, tha sinn…tha…thug sinn a-mach bho…bha thu airson tighinn a-mach an seo agus thug sinn seo a-mach thu, is tha thu a-nis gar fàgail’. Och bha, ach bha mise ag ràdh ris ‘A bheil fhios agadsa cia mheud duine a dh’fhàg am banca fhad ’s a bha mi ann an Beinn na Faoghla?’ Agus oh bha sin grunn daoine air a bhith ann agus tha ach…oh fear glè laghach an duine sin, agus thuirt e rium ‘Oh well, an ceann bliadhna no dhà, ma, ma dh’fhàsas tu sgìth dheth bhith a’ triall timcheall na Roinn Eòrpa na sin, ma thilleas tu thugainn chan urrainn dhomh a ghealltainn, ach ’s dòcha gun gabhamaid air ais thu’. Agus bha sin glè laghach a ràdh ach co-dhìu meadhan an Iuchair dh’fhàg mi a’ bhanc’ agus thàinig mi air ais an seo agus och, tha mi a’ creids’ gun robh mi rudeigin coltach ri duine a bh’ air teicheadh às a’ phrìosan agus son dreiseag agus oh ’s e…mu dheireadh thall, tha cuimhn’ a’m bha mi shìos air a’ mhachair a’ geàrradh feur le seann tractar is mower a bh’ aig a’ bhodach, agus obh thuirt mi leam fhèin ‘Right tha mi a’ dol a dh’fheuchainn air Glaschu a-màireach’, is bha, bha liosta agam…tha mi duilich…bha liosta agam mu dheidhinn na rudan a bha a dhìth orm, bha rucksack no paca ’s dòcha rudan mar sin, agus tha…ach co-dhiù sin an rud a rinn mi. Tha mi a’ smaointinn gun tàinig mi…tha mi a’ smaointinn gun robh…cha robh m’ athair air guth a ràdh rium mu dheidhinn sin nuair a thàinig mi dhachaigh, thoradh tha mi a’ smaointinn gun robh e a’ smaoineachdainn ‘Oh uill, s’ dòcha gu…mura can sinn guth air gun dìochuimhnich e mu dheidhinn’. Ach co-dhiù…tha…tha, co-dhiù chaidh sinn an dèidh sin, thug sinn, thug sinn tour beag a-null a thaigh-seinnse Chàirinis, mi fhèin is m’ athair is ghabh sinn drama no dhà is thill sinn an uair sin. Agus as a’ mhadainn, tha mi cinnteach bha, bha seann bhan, an e 865 a bh’ innte, sin na bhanaichean beaga agus bha solais bheaga bhìodach air bàrr na wings aca agus, agus column change, agus co-dhiù, thug sinn an t-seann bhan a-mach chon a, chon a’ chidhe agus tha…is sinn air bòrd am ferry, agus oh tha cuimhn’ a’m bha sinn, agus bha an t-àm bha e a’ tighinn airson, airson an aiseag a’ falbh, so agus thionndadh e thugam agus rug e air mo làimh agus ‘Och uill, bidh thu a’ sgrìobhadh’, ‘Oh, ge-tà ,bithidh’ agus leis an sin dh’fhalbh e sìos an gangway agus chaidh mise agus sheas mi as an lounge aige, an t-seann aiseag a bha seo, seann Hebrides agus sheas mi aig an uinneig is bha mi ga choimhead a’ coiseachd air a shocair suas an cidhe agus a-staigh dhan chàr, agus chan eil fhios a’m dè bh’ ann, oir bha rudeigin ag innse dhomh nach fhaicinn mar sin e an ath-thriop a thachramaid e. Ach, co-dhiù, tha, cha robh sin ach mar sin. Agus tha…agus chaidh mi an uair sin, fhuair mi…oh aidh, tha mi a’ smaointinn gun do bhruidhinn mi ri fear, fear a bha a’ dràibheadh lorry air a’ ferry is cò, cò an taobh a bha e a’ dol agus oh, bha e a’ dol…bha esan a’ dol a’ lùbadh dheth aig tha…Spean Bridge, dè an t-ainm a th’ air Spean Bridge?
EC―05:49: Drochaid an Aonachain, an e?
DC―05:51: Oh ’s e, Drochaid an Aonachain. Agus tha…agus an uair sin choisich mi às an sin, bha dùil a’m faighinn…tha…hitcheadh às an sin is och, bha an rathad cho trang is cho caol agus choisich mi fad an rathaid dhan Ghearasdan agus bha latha teth ann cuideachd, is fhuair mi an uair sin trèan às a’ Ghearasdan a Ghlaschu, agus bha, bha àite agam ann am flat air…duilich…ann am flat air, air Vinicombe Street, àite a bha dìreach far, far Byres Road agus tha…is bha mi an sin làithean no seachdain is chruinnich mi rudan a bha a dhìth orm, mar a bha teanta is rucksack is sleeping bag is gnothaichean mar sin, agus an uair sin nuair a thàinig e gu an t-àm bha, bha mi a’ faighinn bus o mullach Byres Road sìos gun an stèisean meadhan Ghlaschu, agus tha…tha cuimhn’ a’m, chaidh mi…chaidh mi a-mach an doras agus dhùin mi às mo dheaghaidh e, agus oh bha mi letheach sìos na staidhrichean nuair a chuimhnich mi gun robh mi air…an iuchair a bha nam phòcaid. Ruith mi suas a-rithist agus shad mi a-staigh air a’ bhocsa-litrichean an iuchair agus nuair a thàinig mi a-mach às a’ chlobhsa, bha dìreach am bus dìreach air tighinn chon an, chon an stop air Byres Road agus ruith mi agus ghlac mi am bus. Agus so sin an uair sin, sin mar gum biodh mar a thachair, mar a thòisich turas Dhòmhnaill air falbh airson an saoghal fhaicinn.
EC―08:04: Agus dè, agus dè an ath-cheum a ghabh thu mar gum biodh?
DC―08:09: Fhuair mi…cheannaich mi tiocaid-rèile, ’s e Interrail an t-ainm a bh’ air an uair sin, agus tha cuimhn’ a’m am boireannach a bha sin, bha i…bha i uabhasach laghach an tè a reic an tiocaid rium, agus thuirt i rium ‘Oh well, you’re going to knock them out all over Europe with an accent like yours!’ Agus, oh co-dhiù, fhuair mi an trèana sìos a Lunnainn agus, agus an uair sin bha mi a’ smaoineachdainn…bha…bha…tha…feadhainn a bha càirdeach dha mo mhàthair, dlùth chàirdeach dha mo mhàthair, teaghlach a bha a’ fuireach…ann an…an ann an Ealing ann an Lunnainn…?
EC―09:07: Taobh an iar Lunnainn, tha mi a’ smaoineachdainn.
DC―09:09: Agus bha mi a’ smaointinn gun do rinn…a choimhead orra sin, is thadhail mi a-staigh a choimhead orra agus…air an oidhche a bha sin. Agus an uair sin, fhuair mi an uair sin trèan gu Dover agus tha…agus an ath…air feadh na h-oidhche, tha mi a’ smaointinn gun do dh’fhàg, dh’fhàg an t-aiseag mu mheadhan-oidhche no uair sa mhadainn no rudeigin, agus bha i a’ dol o Dover gu Ostend ann am Belgium, agus so chaidh mi ann a shin agus fhuair mi…fhuair mi…thachair, tha cuimhn’ a’m cupal de dh’fheadhainn òga à, à Sasainn rium. Bha…mas, mas cuimhne leam, bha an gille, tha mi a’ smaoineachdainn gun robh e a’ dol gu Cambridge agus tha…agus ach…co-dhiù bha mi, bha mi ann an Amsterdam beagan làithean agus an uair sin bha mi airson a dhol air chuairt air an trèan tarsainn an Òlaind chon a’ Ghearmailt, agus bha mi a’ smaoineachdainn gun do ràinig…gun do ràinig…dhan a’ Ghearmailt agus…gun do ràinig e Hamburg as a’ Ghearmailt agus tha…bha mi air tachairt ri nighean Ghearmailteach ann an Alba mun deach mi…mun do dh’fhalbh mi air chuairt, agus tha…ach…agus bha mi a’ fuireach ann an…ann an hostel mhòr tha…airson dhaoine òga ann an Hamburg agus tha…och chòrd sin rium, bha i…bha i...’s e àite, àite math a bh’ ann. Agus chaidh mi a choimhead air an nighean Ghearmailteach a bha seo a bha mi air tachairt ris, agus an uair sin thug mi cuairt, an uair sin chaidh mi à Hamburg a Chopenhagen, agus tha…agus an uair sin bha nighean eile a bha mi air tachairt ris, nighean às an, às an t-Suain, agus thadhail mi coimhead oirre sin.
EC―12:17: Bha coltas math air a’ ghnothach a Dhòmhnaill!
DC―12:26: Bha ise as an oilthigh ann an Uppsala ann an…as an t-Suain, agus tha, an uair sin dh’fhalbh mi às an sin agus chaidh mi gu Trondheim ann an Norway, ach bha an t-sìde rudeigin fuar robach, agus bha mi a’ ràdh rium fhèin ‘Dè fon t-saoghal a tha mi a’ dèanamh ann an sìde mar sin, nuair a dh’fhaodas mi a bhith ann an side theth bhlàth’. Agus tha…dh’fhalbh mi an uair sin ann am, ann am beagan làithean, chaidh mi…thill mi air ais, tha mi a’ smaointinn gun robh mi ann an Hamburg a-rithist. Agus ghabh mi an uair sin turas sìos tron Ghearmailt agus…gu Munich no faisg air Munich, agus tha…agus an uair sin nuair a dh’fhalbh mi às an sin, ghabh mi cuairt, cuairt tarsainn tha an e Lake Geneva no, no Lake Konstanz agus chaidh mi…agus chaidh mi an uair sin a Switzerland, agus bha mi an sin agus thachair nighean Ameireaganach rium agus tha…bha, bha sinn air chuairt timcheall air àite ris an canadh tu Braunwald agus bha sin gu, gu math snog, agus cha robh, cha robh carbadan-ola idir idir as an àite sin, ach dìreach na cairtean às deaghaidh eich cha chreid mi, is sineach. Agus, agus an uair sin bha mi làithean an sin agus bha mi a’ smaointinn gun, gun fhalbhainn sìos taobh, taobh sear na h-Eadailt’ agus dìreach sìos chon a, chon a’ bhonn. Agus rinn mi sin agus chòrd sin rium. Agus nuair a, nuair a ràinig mi an taobh…chan eil cuimhn’ a’m dè an t-àm dhen oidhche, an e latha a bh’ ann nuair a ràinig an trèan, uill, ’s e latha a bh’ ann ach…tha…bha mi ann am Brindisi ann an…as an Eadailt, agus tha, gheibheadh tu aiseag às an sin tha…gu Corfu agus tha…ach co-dhiù, bha mi ann a shineach, agus bha mi as a’…as a’...aig bracaist an ath-latha is bha mi tha…tha…thòisich mi a’ còmhradh ri nighean uabhasach snog à bha às…à Ameireaganach…à Ameireaga, ’s e ban-Ameireaganach a bh’ innte, agus bha ise air chuairt agus bha ise an dòchas a dhol a Chorfu, agus oh rinn sinn suas gum faiceamaid a chèile air a’ bhàta, agus…ach an rud a bh’ ann, bha dà bhàta a’ dol a, a’ dol a Chorfu agus mar a thachair bha ise air aonan agus bha mise air an tè eile. Agus…ach…an uair sin chaidh mi a Chorfu, oh bha an t-sìde teth, bha i uabhasach teth, ’eil fhios ’ad ’s e…bha seo mu toiseach tha…mu toiseach October. Sin agad, dè a’ Ghàidhlig a th’ againn air?
EC―17:02: Canaidh feadhainn an Dàmhair, ach tha, tha October taghta math a Dhòmhnaill, tha.
DC―17:06: Ach agus, an uair sin chaidh mi gu tràigh as an…as an…ann an Corfu far an robh tòrr de dhaoine òga dìreach nan laighe a-muigh sa ghrian, agus aig an àm sin bha mise a’ smaoineachdainn gun e sun tan oil mar a chanadh à-san aig àm sin, rudeigin sissy a bha sineach, ach so…bha mi a-muigh as a’ ghrian fad an latha gun…agus och, chaidh mo ghualainn leis a’ ghrian, bha mi dìreach mar gum biodh bìdeag de fheòil-muice a bha air a…an dèidh a bhith air frying pan, ach tha…agus och an uair sin, an ceann dhà no thrì làithean ann a shin, tha, dh’fhalbh mi agus tha…bha…bhiodh mo sheanair a bha sa chiad chogadh an còmhnaidh a’ bruidhinn air Thessalonika agus gun e àite eireachdail a bh’ ann. Agus bha mi a’ ràdh ‘Och tha mi a’ dol an stad ann a shineach agus tha mi a’ dol a dh’fhaighinn rudeigin a chuireas mi thuige, badge beag’ agus fhuair mi, fhuair mi badge beag as an àite sin a bha a’ dol air, air coilear na seacaide aige agus ach…agus nuair a bha mi ann a shineach, thachair dithis Albannaich rium a bha air tighinn a…bha iad air tighinn dhan Ghrèig, a choimhead air a….caraid dhaibh a ghlacadh le beagan hashish air, is bha e a’ dol, bha e a’ dol air a’…bha bus ann, ’s e magic bus a chanadh iad ris, bha e a’ triall eadar, eadar a’ Ghrèig agus Amsterdam aig an àm a bha sin, agus oh rug iad air agus, ’eil fhios ’ad, shad iad dhan phrìosan e, agus oh bha, bha eagal orra mu dheidhinn a tha…an dithis ghillean a bha seo a bh’ air tighinn a choimhead air, agus bha iad a’ coimhead gun robh iad car cho briste, ’eil fhios ’ad, sìos. Agus tha…agus oh aidh, is chaidh sinn a-mach air oidhche mar a, mar a shaoileadh tu nuair a thachradh Albannaich ri chèile, is oh bha sinn ag òl ouzo is oh ’s e stuff uabhasach a tha sin, agus…ach an ath-latha dhùisg mi le hangover cianail orm, agus bha ach…agus na rùmannan a bh’ ann, nan gabhadh tu…’eil fhios agad, bha rùm, bha…chan eil mi cinnteach dè bha e a’ cosg airson…cha chreid mi gun robh rùmannan as an hotel a bha sin airson daoine singilte idir, ach nan gabhadh tu rùm ma bha thu coma cò eile a bhiodh as an rùm, bha thu a’ pàigheadh dìreach airson an leabaidh. Is bha an gille a bha seo à Denmark, bha e, bha e co-dhiù ann, is oh ghabh e truas rium agus bha mi air aodach a chur ann am bucaid le uisge agus siabann air an sin, airson an, airson an nighe an ath-latha, agus ghabh e le truas rium, agus nach do, nach do nigh e mo chuid aodaich a bha as a’ bhucaid a bha seo, agus chuir e a-mach air a’ veranda iad a’ tiormachadh, oh gille laghach a bh’ ann ach, oh chaill mi…bha mi air cuairt bliadhnaichean às deaghaidh sin shìos ann an Lunnainn agus bha address book beag agam, agus chaill mi e agus bha an address aig a’ ghille sin ann, agus ach…tha…ach co-dhiù dh’fhuirich mi beagan is bha…ach tha cuimhn’ a’m nuair a bha sinn a’ bruidhinn air seo ris a’ Ghrèigeach mhòr reamhar a bha seo aig a’ reception aig a’ hotel agus bha e a’ faighneachd dhan a’…aon rud, bha gille Ameireaganach cuideachd as an…as an aon rùm rium agus bha esan air…bha e a’ faighneachd dhomhsa ‘What are you doing today?’ is ‘Oh, aye we’ll leave today’ agus dh’fhaighnich e den Ameireaganach ‘And you?’ ‘Yes, I’m leaving today’ is oh thuirt e…Jacob a bh’ air am fear à Denmark agus thuirt e ‘Oh, let me think’…‘Listen my friend, don’t think too hard, you die young!’.
EC―22:17: Oh, seo a-niste, deagh chomhairle.
DC―22:19: Deagh bheachd gun teagamh, ach, ach tha...co-dhiù fhuair mi bus gu Istanbul ann an…à Thessalonika, agus bha mi sin, bha mi ann an Istanbul mu choladeug agus, agus oh, ’s e àite gu math inntinneach a bha sin.
EC―22:40: Tha mi a’ creidsinn.
DC―22:42: Agus…ach aig an, aig an àm a bha sin, gheibheadh tu…gheibheadh tu rùm ann an, ann an hotel…tapadh leat…ann an hotel och airson oh, airson och ma…suim 50 pence, leth-cheud sgillinn as an rìoghachd seo, gun teagamh ’s dòcha nach…thoradh…cha biodh an hotel cho, cho àlainn sineach…
EC―23:16: Ach dhèanadh e an gnothach.
DC―23:17: Ach dhèanadh e an gnothach airson duine òg, agus…
EC―23:21: Tha thu òg, fuilingidh tu rud sam bith.
DC―23:23: Och aidh, aidh, ach uh…
EC―23:27: Sin agad e, agus bha thu ag innse dhomh uaireigin gun robh thu ùine ag obair air kibbutz nach robh? Ciamar, ciamar a land thu sineach?
DC―23:37: Uill às deaghaidh… nuair a bha mi as a’ hotel ann an…a’ fuireach as a’ hostel ann an Istanbul, thàinig dithis ghillean a-staigh latha, agus bha iad air…bha iad air falbh le bicycles eadar Sasainn agus Istanbul. Agus bha fear aca, ’s e Ray Braithwell an t-ainm a bh’ air agus bha esan tha…oh, working-class lad à Blackburn ann an Lancashire, is bha fear eile tha…dè seo…oh chan eil cuimhn’ a’m…Jeff a’ chiad ainm a bh’ air co-dhiù, agus bha esan, bha esan a tha…a’ fuireach…bha e a’ ràdh ‘We live in a cottage in…on Alderney in the Channel Islands’, agus ‘Daddy is a surgeon who works in South Africa’ so, bha, bha e sin glè mhath dheth agus…ach co-dhiù, mun do ràinig e fhèin agus Ray tha…Istanbul oh, cha robh iad a’ faighinn air adhart idir idir agus…ach ’s e Ray a bh’ air…bha e air sanas a chur as an Cycling News gun robh e am beachd leithid seo rud a dhèanamh, ach bha beagan eagal aige an toiseach ach nuair a thòisich e air an t-slighe, bha e a’ tuigsinn gun robh e luideach a tha…beachdan mar sin a bh’ aige is…an toiseach bha e rudeigin eagalach feuchainn a’ falbh leis fhèin, ach, ach co-dhiù tha…nuair a, nuair a bha iad…bha an uair sin an rathad a bha a’ dol à Thessalonika, gu h-àraid an rathad nuair a bha thu a’ tighinn faisg air Istanbul, bha an rathad cianail trang a’ dol, a’ dol a-staigh air am pìos mu dheireadh, a’ dol a-staigh a dh’Istanbul, bha e làn lorries agus, ’eil fhios ’ad, bhiodh iad a’ falbh cho luath is iad cho mòr, is ma bha thu air…ma bha thu air baidhseagal cha robh e cho, cha robh e cho math ach…agus oh, smaoinich esan ‘Och tha seo gu leòr dhen obair seo,’ agus stad e aig café agus bhruidhinn e ri feadhainn a bha air stad le làraidhean, is dh’fhaighnich e dhaibh…dh’innis e dhaibh, ’eil fhios ’ad, gun robh e air bicycles, is an toireadh iad leotha am bike aige air mullach na lorries am faigheadh e còmhla riutha, agus och bha sin math gu leòr, agus a tha…agus air an t-slighe a bha seo, cò chaidh seachad air is e, e a’ pedalladh dìreach mar an deamhan ach Jeff. Oh, cha do chòrd seo idir ri Jeff, mar a chanadh na Sasannaich ‘That just wasn’t cricket at all’. Agus ciamar a tha…fhios agad…bha seo gu math…ma…ciamar a b’ urrainn dhut a ràdh gun do dh’fhalbh thu air baidhseagal à Sasainn gu Istanbul, ma bha thu air am bìdeag seo fhàgail às? Ach co-dhiù uh…ach co-dhiù an ceann làithean bha…agus bha…ach bha mise…och bha mise a’ faighinn air adhart math gu leòr leis an dithist aca, agus ach co-dhiù bha…thàinig Jeff…chan e Jeff ach Ray a-staigh dhan hostel is bha e is ‘Och tha mise a’ dol a tharraing às an seo no’…eil fhios ’ad, chitheadh tu feadhainn, chitheadh tu feadhainn timcheall Istanbul a bha air a dhol ann ’s dòcha agus a bha ann…a bha fhathast ann an ceann bliadhnaichean, ’eil fhios ’ad, agus bha an t-àite car a’ glacadh dhaoine mar sin, agus tha…agus och, ‘Tha, tha bàta a’ fàgail na docks aig Istanbul agus tha i a’ dol sìos tro na Dardanelles gu Izmir’, ’eil fhios agad, air a...air a’ choast Aegean aig Turkey, agus ‘Och tha mise a’ dol a ghabhail am bàta Diluain’ agus…bha…tha mi a’ smaointinn gun e Disathairne a bh’ ann no latha na Sàbaid agus, agus bha…agus…oh tha mi a’ smaoineachdainn bha iad…chan eil fhios a’m an e..dè…bha holiday air choreigineach, is bha…bha na bancaichean dùinte agus cha robh iad a’ fosgladh gu leth uair an dèidh mheadhan-latha, is bha…Diluain is bha an t-aiseag a’ falbh aig meadhan-latha agus oh bha, bha Ray a’ lasganaich air, air…gun robh, gun robh Jeff a’ cur fallas dheth is a’ smaoineachdainn ‘Oh am bugair Albannach a tha seothach, tha e a’ dol, tha e a’ dol a tharraing leis an airgead agam’ ach co-dhiù dh’fhosgail am banca is fhuair iad airgead agus, agus bha sinn an uair sin a’ falbh air an aiseag a bha sin, agus chaidh sinn, chaidh sinn sìos tro na Dardanelles feadh na h-oidhche. Agus tha…thadhail sinn a-staigh air Izmir as a’ mhadainn. Agus an uair sin eadar, eadar am baile sin agus Mersin, baile, baile air a’ chosta aig a’ Chuan Mheadhanach…tha…de Turkey agus bha, bha sinn…bhiodh sinn a’ dèanamh suas…bha iadsan a’ falbh leis a' bhaidhseagal, agus chanamaid right ann an leithid seo làithean, bhiodh esan a’ ràdh ‘Bidh mise sa bhaile seo is stadaidh sinn’ is dhèanamaid suas coinneachadh agus bha sinn a’ falbh ann an hops mar sineach, agus nuair a ràinig sinn Mersin bha ‘Och tha, tha mi a’ dol…’ is bha mi air sgrìobhadh gu tha…uncle a bha aig m’ athair a bh’ ann…a bh’ ann an Cyprus an àm a’ chogaidh a bh’ aca anns na 50s, eil fhios agad, na troubles no dè chanadh iad riutha aidh, agus tha…feuch an robh duine ann. Bha esan air a bhith air a’ phoileas ann an Cyprus as na leth-cheudan agus bha…’eil fhios ’ad…bha iad a...bha iad a’ tarraing feadhainn, bha iad ag iarraidh daoine a bh’ air a’ pholice ann am Breatainn airson a dhol a-null den Cyprus. ’Eil fhios ’ad, thoradh bha ùpraid mhòr a’ dol eadar na Grèigich is na, na Turcaich aidh, agus sgrìobh mi thuige agus…ach…’eil fhios ’ad bha, bha cogadh an deaghaidh a bhith eadar na Turcaich, ’eil fhios ’ad, chaidh iadsan air tìr ann an Cyprus ’eil fhios ’ad, ann an 73 no 74 a bh’ ann aidh, agus tha…agus, ach às deaghaidh sin bha…bhiodh an còmhnaidh na Turcaich a’ ràdh gun robh, gun robh…an riaghaltas ann an Cyprus, ’eil fhios ’ad, bha e, bha e Grèigeach really a bh’ annta, agus bha iadsan…’s ann aca a bha na cumhachdan le sluagh air an taobh agus fhuair à-san tha…mar gum biodh an International Postal Federation carson…son gun…nach aithnicheadh iad ach litir sam bith air an robh an t-ainm Cyprus, ’eil fhios ’ad, bha, bha Cyprus air sgaradh eadar na Grèigich agus na Turcaich, agus cha…ma bha thu ag ùsaigeadh Cyprus air litir rachadh i gu taobh na Grèigich agus bha i uabhasach doirbh a faighinn air ais. Agus…oh ach bha…ach ma bha thu airson tè…litir a dhol gun taobh , taobh na Turcaich bha thu a’ cur as an dàrna loidhne mu dheireadh dhen seòladh, bha thu a’ cur Mersin agus 10 agus an uair sin Turkey agad, agus rinn sin…bha sin a tha…a’ soidhneachadh gun e…gun ann a Cyprus a bha thu a’ cur, a’ cur an litir sin a dhol. Ach…ach cha robh esan, for aigesan aig an àm sin, agus chaidh an litir aige gu taobh na Grèugaich agus…ach nuair a thill mi air ais a dh’Alba an ceann ùine, bliadhna no mar sin, agus thuirt e rium ‘Oh, thàinig an litir agad an latha roimhe’ agus ‘Oh Dhia am faic mi i’ is ‘Oh Dhia’, ‘Oh Dhia’ thuirt e, ‘Chaidh i air mhullach an teine’! Tha mi creids’ gum bithinn air rudan uabhasach a sgrìobhadh innte is bhiodh…thoradh chaidh i air mhullach an teine ach, ach…agus…ach dh’fheuch mi aon latha ri dhol gu taobh na…taobh na Grèugaich agus och, thill iad air ais mi, ach thachair mi ri fear às an Consulate aig, aig an Tuirc ann an, ann an Nicosia tha mi a’ smaoineachdainn, agus ’s e Albannach a bh’ ann agus ’s e tha…agus a tha…bha e, bha e air a dhol a theagasg ann an…a theagasg Beurla tha mi a’ smaoineachdainn ann an, ann an Nicosia, na taobh na Turcaich…na Grèugaich co-dhiù, agus tha…thuirt e….thuirt e…feuch an cuimhnich mi air an ainm aige…an e Archie Docherty an t-ainm a bh’ air an fhear a bha…’s ann às a’ Ghearasdan a bha e co-dhiù, fear a bha air a dhol a theagasg dha na…dha na Grèugaich agus…ach…b’ aithne dhasan fear a bha a’ teagasg còmhla ris, agus chaidh esan dhan Chonsulate agus fhuair e litrichean sam bith a bh’ ann dhomh, agus…tha…ach…aidh is bha, bha litrichean…litir no dhà on dachaigh ann tha mi a’ smaoineachdainn.
EC―35:49: Gun teagamh, gun teagamh.
Short url: https://clilstore.eu/cs/8250