Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Aonghas MacPhàil (2)

EC―00:05: Agus an d’ fhuair sibh cothrom beagan siubhail a dhèanamh as an sgìre gu sgìrean eile faisg…faisg air…air Ulapul, cuid…a bharrachd air…an robh sibh ann an àiteachan mar…an robh sibh air a’ Chomraich agus àiteachan mar sin cuideachd?

AM―00:16: O, bha, bha sinn air a’ Chomraich, o uill bha…bha mi…bhithinn a’ dol dhan Chomraich airson obair cuideachd.

EC―00:23: Bha thu…bha thu…nist bhiodh sin inntinneach beagan…beagan ionnsachadh mun, mun a’ Chomraich son ’s e àite inntinneach a th’ ann.

AM―00:30: Bha dà phìos rathaid a’ dol an sineach, pìos eadar Sìldeag gu àite ris an can iad Sands, is bha…’s e muinntir na Comhairle fhèin a bha a’ dèanamh a’ phìos sin, agus bha pìos eile ann eadar a’ Chomraich agus a’ coinneachadh ris an rathad sin, ach ’s e contractor a bha ag obair air…air an fhear sin, is bhithinn a’ dol ann…ach cha bhithinn a’ dol ann…bhithinn a’ dol ann…dh’fheumainn a dhol ann a h-uile mìos co-dhiù a-rèir ciamar a bha gnothaichean a’ dol, ’eil fhios agad bha…bhiodh engineer eile ann co-dhiù fad na h-ùine, ’eil fhios agad, is bhiodh agamsa ri dhol ann.

EC―01:13: Agus dè seòrsa àite a bha as a’ Chomraich aig, aig an àm sin, an e àite gu math iomallach a bh’ ann?

AM―01:15: ’S e, bha e gu math iomallach gun teagamh.

EC―01:18: Gu math iomallach. Coltach ri eilean ann an dòigh tha mi a’ creidsinn, ann an...

AM―01:21: Bha e cianail fhèin iomallach, cha…cha robh mòran…cha robh mòran a’ dol ann idir. Ach tha mi…as t-samhradh bhiodh daoine a’ dol ann, a’ dol suas, suas a’…suas Am Bealach, suas Am Bealach.

EC―01:34: Suas Am Bealach. Bha sibh,bha sibh eòlach gu leòr air a’ Bhealach.

AM―01:37: Eòlach gu leòr air a’ Bhealach gun teagamh.

EC―01:38: Agus am biodh e dùinte uaireannan le droch thìde?

AM―01:41: O, bhiodh Am Bealach dùinte, ach chan eil cuimhn’…o bhiodh e…bhiodh e…, bhiodh e dùinte air a’ gheamhradh, bhiodh e…bhiodh e dùinte air a’ gheamhradh gun teagamh.

EC―01:49: Tha mi a’ smaointinn gu bheil fhathast uaireannan.

AM―01:50: Och bidh, och bidh, ’eil fhios agad…’eil fhios agad, tha e…tha e gu math àrd, tha e gu math àrd air a’ mhullach is feadhainn de na dràibhearan nach eil ro mhath sam bith.

EC―01:59: Seadh. Dh’fheumadh tu a bhith car ionnsaichte a’ dràibheadh…airson a bhith a’ dràibheadh tha mi a’ smaointinn, cha b’ fhuilear dhut, cha b’ fhuilear dhut, aidh. Cha robh sibh air an North Coast 500 fhathast, an do rinn sibh sineach uair sam bith?

AM―02:09: Cha do rinn mi air leth e, ach bha mi air a’ chuid as motha dheth co-dhiù a dhèanamh an-siud is an seo.

EC―02:12: ’S e, ’se…’s e sibh fhèin a rinn e!

AM―02:15: Uill, bìd…bìdeagan dheth, ach bhitheamaid…ach, ach bhithinn…ach bhitheamaid, bhitheamaid a’ gabhail…deireadh-seachdain tours shuas an taobh an iar an sineach, suas gu Kylesku. Cha robh an drochaid ann an uair sin aig Kylesku idir, ’eil fhios agad, cha robh ann ach…

EC―02:33: ’S e, ’s e…an e…an e bàt’-aiseig a bh’ ann?

AM―02:34: Bàt’-aiseig a bh’ ann an uair sin, suas gu Scour…Scourie is Durness, timcheall gu Tunga, agus faodaidh tu…à, à Tunga faodaidh tu a dhol dhà no trì rathaidean air ais gu Bonar Bridge is àiteachan mar sineach.

EC―02:57: Sin air an taobh an ear mar gum biodh, a bheil Bonar…tha mi..

AM―02:59: Aidh. Cha robh drochaid tarsainn an uair sin, cha robh Dornoch Bridge ann an uair sin mar a chanas iad, Drochaid Dornoch ann an uair sin.

EC―03:07: Dìreach bàtàichean-aiseig a bh’ ann ma-tà?

AM―03:09: Chan e, uill Bonar…Bonar Bridge bha drochaid an sineach, bha drochaid bheag an sin, bha drochaid bheag an sin.

EC―03:16: Bha. Agus an robh…an robh Gàidhlig as an sgìre sineach, an robh daoine a’…an robh rud beag…an robh Gàidhlig air fhàgail as na sgìrean shuas ann an Siorrachd Rois aig an àm sin, an robh?

AM―03:25: Taobh an iar Rois o bha deannan, bha, bha deannan math ann an is…och bha ann an Ulapul fhèin, bha…bha, bha…bha deannan math ann den…den t-seann fheadhainn agus air taobh eile den loch a tha sineach, taobh eile Loch Broom. Bha tòrr àiteachan shìos an sineach, bha sin gu math iomallach. Ach a-nist, chan eil mòran air fhàgail aig na daoine sin.

EC―03:56: De na daoine aig, aig…

AM―03:57: Chan eil. Chan eil ann an Ulapul fhèin.

EC―03:58: Chan eil ann an Ulapul fhèin. Ach ’s e àite trang a th’ ann gun teagamh…an Ulapul tha mi a’ smaointinn.

AM―04:04: O, ’s e a ghille, air…aig, aig an àm sin fhèin, aig amannan an t-samhraidh bha an t-uabhas de luchd-turais a’ dol ann.

EC―04:10: Fiù ’s aig an…fiù ’s aig an àm sin bha e gu math trang.

AM―04:11: Och, bha e dìreach…bha an t-àite dìreach làn.

EC―04:14: Seo a-niste, seo a-nist.

AM―04:15: Bha. Tha…bhitheamaid, bhitheamaid fhìn a’ cumail feadhainn son breakfast, is oidhche is breacaist is rudan mar sineach, o...

EC―04:28: Agus ciamar a chòrd sin ribh a bhith, a bhith…?

AM―04:29: O, cha robh ann ach dìreach feadhainn eile, bha taigh…bha taigh…taigh aca…taigh mòr aca, cha b’ urrainn dhaibh an còrr a ghabhail is…

EC―04:38: Agus nam biodh daoine a bharrachd ag iarraidh, bhiodh sibhse an uair sin, sin…sin…a’ toirt cuideachadh.

AM―04:42: A’ toirt cuideachadh dhaibh is…is rudan mar sineach. Ach mar a’ bheatha a bh’ ann, dh’fhaodadh cuideigin a bhith ann a h-uile h-oidhche, bha e cho trang sin.

EC―04:50: So faodaidh tu a ràdh gun robh sibh ga dhèanamh cha mhòr làn-thìde.

AM―04:53: Airson, airson treis co-dhiù.

EC―04:54: Airson treis co-dhiù.

AM―04:57: Ach mo bhean, ’s i a bha ag obair, bha ise ag obair cuideachd.

EC―05:00: So bha i ag obair agus a’ coimhead às deaghaidh na…na loidsear?

AM―05:02: Sgìre…’s e nurs-sgìre a bh’ innte.

EC―05:04: O, ceart.

AM―05:06: Agus mar sineach bha i…

EC―05:07: Agus dè an sgìre a bh’ aice? An e sgìre gu math farsaing tha mi a’ creidsinn?

AM―05:09: Bha i…bha i gu math farsaing.

EC―05:11: Gu math farsaing. Agus tha mi cinnteach gun robh dreuchd gu math farsaing aice cuideachd ann an…ann an àite mar sineach, am bitheadh? Am biodh i a’ dèanamh iomadach…iomadach rud ’s dòcha, ’s dòcha barrachd nam biodh cuideigin ann an baile mòr, am bitheadh, mar gum biodh? An robh, an robh…bhiodh…bhiodh…

AM―05:26: Och, bhiodh, bhiodh, bhiodh agus, is dh’fheumadh i ma bha tubaist sam bith, tubaist sam bith ann, dh’fheumadh i a dhol dhan…a dh’Inbhir nis còmhla riutha is rudan mar sineach son an ambulance…bha…bha sin a’ tachairt gu math tric àm an t-samhraidh, luchd-turais a’ bualadh na chèile is…

EC―05:50: So ’s dòcha gum biodh barrachd a’ tachairt as t-samhradh na sa gheamhradh, mar gum biodh? A thaobh tubaistean mar sin airson gun robh rathaidean…?

AM―05:58: ’Eil fhios agad bha, bha rath…, ’eil fhios agad bha rathaidean gu math caol an uair sin, cha robh ann ach, ’eil fhios agad, cha robh, cha robh iad dà-fhìllte idir, cha robh ann ach…

EC―06:10: Rathad singilte airson…

AM―06:12: Rathad singilte a bh’ ann, tòrr math dheth.

EC―06:14: Agus san latha an-diugh a bheil…a bheil, a bheil am barrachd rathaidean dùbailte ann?

AM―06:17: Tha e dùbailte uile gu lèir.

EC―06:18: O, ceart, ceart.

AM―06:19: Eadar Garbh agus…agus Ulapul, tha, agus suas gu tuath pìos math cuideachd, so tha, tha…chan eil dad den rathad singilte mar an sineach air fhàgail.

EC―06:31: ’S e, ’s e, sin agad e. Agus bha si…agus bha sibh poidhle ùine shuas ann an Siorrachd Rois, dè cho fàd’ ’s a bha sibh…?

AM―06:40: O, dh’fhuirich sinn an sin seachd bliadhna.

EC―06:42: Seachd bliadhna!

AM―06:43: Bha.

EC―06:44: So feumas gun robh e a’ còrdadh ribh.

AM―06:45: Chòrd e rinn, aidh. Agus an uair sin nuair a bha na sgìrean ag atharrachadh, ’eil fhios agad, thàinig Comhairle nan Eilean Siar…

EC―06:57: Gu bith mar gum biodh…

AM―06:58: Gu bith an uair sin, is bha Comhairle na Gàidhealtachd ann is bha againn ri dhèanamh ar n-inntinn suas càite an robh sinn a’ dol agus…och uill, thuirt mise ‘Feuchaidh mi dhan na h-Eileanan an Iar’.

EC―07:22: Seadh. Agus an ann a dh’Uibhist a thàinig sibh an toiseach no an robh sibh ann an Leòdhas treiseag?

AM―07:25: Ann an Leòdhas.

EC―07:26: Bha sibh…bha sibh Leòdh…bha sibh ann an Leòdhas an toiseach.

AM―07:27: Ann na Leòdhas an toiseach, bha, ach cha…cha robh cianail fada, faisg air…faisg air bliadhna.

EC―07:36: Agus an uair sin fhuair…fhuair sibh dreuchd ann an Uibhist?

AM―07:38: Dreuchd shìos an seo.

EC―07:41: Agus cia mheud a bhiodh ag obair aig a’ Chomhairle ann…ann an einnseanaireadh aig an àm sin san oifis agaibh ann an Uibhist? An robh, an robh deannan ag obair, an robh…an robh…?

AM―07:50: Cha robh oifis ann.

EC―07:51: Cha robh oifis ann.

AM―07:55: Cha robh ann ach mi fhìn.

EC―07:56: O, ceart.

AM―07:57: Cha robh oifis no dad ann, ach rinn sinn….

EC―08:00: So bha…bha seo mus do thog iad na h-oifisean ann am Beinn na Faoghla?

AM―08:02: Aidh, ach fhuair, fhuair sinn àite, dè chanas iad ris a-nist, An Campa an Ear.

EC―08:09: O.

AM―08:09: An Campa an Ear.

EC―08:10: Campa a bhiodh…a bhiodh aig an arm uaireigin.

AM―08:12: An campa a bh’ aig an arm.

EC―08:13: Tha mi a’ tuigsinn, so bha, bha…tha mi…tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn, bha, bha. Mus robh…

AM―08:19: Agus an uair sin chuir sinn a-staigh airson…thàinig feadhainn an uair sin son ar cuideachadh an uair sin, fhuair sinn fear eile is secretary is technician is rudan mar sineach, aidh. Is bha againn…shin mar a thòisich e.

EC―08:45: Seadh dìreach. Agus dè na rudan a bha agaibh ri dhèanamh an an Uibhist nuair a thòisich sibh, dè na rudan a bha mar gum biodh a’ feitheamh air a dhèanamh, an robh…robh…an e na rathaidean no na…dè na…?

AM―08:55: Bha rathaidean. ’S e…’s e a’ chiad rud a’ bha iad a’ cur cabhag oirnn a dhèanamh, cidhe a thogail ann an Èirisgeigh. An acarsaid, aig an acarsaid.

EC―09:06: An acarsaid?

AM―09:08: An acarsaid, ’eil fhios agad, far a bheil a’…

EC―09:09: Seadh, aig, aig…tha mi a’ tuigsinn.

AM―09:15: Agus bha againn ri…thò…thòisich Inbhir Nis air beagan obrach air an design aige, beagan, ach cha do ghabh Oifis na h-Alba ris idir, is b’ fheudar dhuinne a dhèanamh a-rithist. Agus fhuair sinn contractor son an obair a dhèanamh, so, och bha deannan math de obair-pàipeir a dhèanamh an toiseach, is design is rudan mar sineach airson…airson a’ chidhe, ’s e cidhe fiodha a th’ ann. Agus bha iad a’ cur…bha againn ri cabhag a chur air an sineach is fhuair sinn sin a dhèanamh agus rathaidean an uair sin.

EC―10:07: ’S e rathaidean rud…rudan a bha a’ feitheamh, mar gum biodh.

AM―10:10: Bha…bha…bha tòrr aig Comhairle Inbhir Nis ag obair aig…aig na rathaidean an uair sin, bha sguad aca Loch nam Madadh is sguad aca ann am Beinn na Faoghla, is bha sguad aca aig deas, is sguad eile am Barraigh is…o bha aon lethcheud duine ag obair aig…aig na rathaidean an uair sin.

EC―10:33: ’S e gan càradh agus…

AM―10:34: Cha robh iad ach gan càradh, gan càradh. Ach thòisich sinn an uair sin air dèanamh…dèanamh contracts.

EC―10:43: Airson na rathaidean a leasachadh.

AM―10:44: Rathaidean a leasachadh, agus feadhainn le…nach e DLO a chanadh iad ris, agus feadhainn eile contractors is mar sineach.

EC―11:01: So dh’fhaodadh an DLO an obair a dhèanamh no bhiodh contractor…bha…bha car de farpais ann mar gum…

AM―11:05: Bha.

EC―11:06: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn.

AM―11:08: O, bha e furasta gu leòr an uair sin na tha e an-diugh.

EC―11:12: Tha gnothaichean beagan nas duilghe an-diugh.

AM―11:14: Tha, tha tòrr mar a chanas iad luchd-sàbhalaidh is rudan mar sineach a’ tighinn a-staigh as a’…

EC―11:23: Bha gnothaichean na bu shìmplidh aig an àm sin.

AM―11:25: Agus…shin mar a bha e.

EC―11:31: Agus ciamar a bha e a’ faireachdainn a bhith ag obair aig rudeigin cho ùr mar Comhairle na, nan Eilean, an e…an e rud…an e rud mòr a bh’ ann a bhith ag obair aig rudeigin a bha buileach ùr?

AM―11:39: Och, ’s e, ’s e, bha…bha na…

EC―11:43: ’S e linn ùr a bh’ ann nach e, son na h-eileanan tha mi a’ smaointinn?

AM―11:45: Linn ùr a bh’ ann is cha robh…cha robh oifis cheart ann is bha againn ri an oifis a chuir suas an toiseach is…dè an rud eile a bha a’ dol an uair sin…bha…bha is an arm a’ togail taighean ùra cuideachd an uair sin.

EC―12:01: ’S e àm gu math trang a bh’ ann nach e, ann an Uibhist?

AM―12:02: Cianail trang.

EC―12:03: Cianail trang.

AM―12:06: Agus a’ Chomhairle a’ cur suas taighean cuideachd, Ionad Chaluim Chille, Columba Place mar a chanas iad ris, tòrr thaighean an sineach is Meall Àrd, nach e Meall Àrd a chanadh iad ris na…cha robh na taighean iad sin ann ma-tà na bu mhotha.

EC―12:19: Cha robh sgeul air an sineach.

AM―12:20: Cha robh sgeul air an sineach, gin de na taighean sin. Is bha againn ri rathad ùr a dhèanamh tro Bhaile a’ Mhanaich, cha robh ann ach rathad singilte an uair sin tro Bhaile a’ Mhanaich. Agus an uair sin…an uair sin bha tòrr obai…bha an uair sin Sgoil Lìonacleit ri dhol suas, bha againn ri plans mar a chanas iad, bha againn ri tuill a chladhadh son an t-àite a b’ fheàrr son a cur dhan…an t-àite…son an sgoil a thogail.

EC―12:59: Ceart.

AM―13:00: Rudan mar sineach. An aon rud mu dheidhinn far a bheil am Banca is na Stepping Stones, cha robh sin na bu mhotha ann.

EC―13:07: Cha robh dad ann ach dìreach, dìreach talamh tha mi a’ creidsinn, an e?

AM―13:10: Talamh.

EC―13:10: Talamh.

AM―13:11: Talamh, agus bha againn ri tuill eile a chladhadh an sineach airson feuchainn a…

EC―13:19: Tha e coltach, tha e coltach gu bheil airgead ùr ann a-nis airson Baile a’ Mhanaich a leasachadh, tha mi…bha mi a’ leughadh beagan mu dheidhinn sin, so tha mi an dòchas gum bi…

AM―13:26: Ach bha, bha…bha e gu math trang an uair sin, eadar an t-arm is rudan mar sineach a bhathar a’…

EC―13:36: Agus an robh cus gnothach agaibh ris an arm mar gum biodh, leis na…an fheadhainn a bha a’ ruith an Range agus na campaichean, an robh, an robh…an robh sibh car ag obrachadh còmhla gu ìre no…?

AM―13:47: O, cha robh, uill nuair a bha sinn a’ togail na rathaidean gun teagamh, bhitheamaid ag obair còmhla riutha is och, bha sinn rèidh gu leòr.

EC―14:01: Agus dè…bha sibh gu math trang leis a h-uile rud, dè bhiodh sibh a’ dèanamh airson…airson faighinn air falbh bhon obair, an robh, an robh…an robh…bha thu a’ bruidhinn mu dheidhinn an dràma cuideachd, dràma, ciamar, ciamar a thòsich sibh air an dràma, ma-tà?

AM―14:13: Dràma, ’s e…bha iad…a’ dol gu Sgoil an Ìochdair a bha sinn…bhitheamaid an sin…Raymond Madill mar a chuala tu, ’s e…

EC―14:21: Tha cuimhn’ a’m air Raymond, bha…bha…bha e gam theagasg.

AM―14:24: O, an robh, agus…bha dràma Beurla aigesan ach cha robh, cha robh dràma Gàidhlig ann idir, is an uair sin thòisich buidheann Beurla is buidheann de Gàidhlig.

EC―14:38: Bha an dà chuid a’ dol aig an aon àm?

AM―14:39: An dà chuid a’ dol aig an aon àm. Agus rinn sinn dealbh-cluiche no dhà.

EC―14:48: Agus am biodh sibh dìreach ga dhèanamh…ga dhèanamh ann an Uibhist fhèin no am biodh sibh…am biodh sibh a’ dol air falbh gu…gu farpaisean is rudan mar…?

AM―14:55: Bhitheamaid a’ dol air…aidh, bha sinn ann an Èirisgeigh, ann am Barraigh, Beàrnaraigh, àiteachan mar sin. Cha robh e furasta an uair sin. Cha robh…bha bàt’-aiseig ann gun teagamh a dh’Èirisgeigh an uair sin, thòisich bàt’-aiseig gun teagamh.

EC―15:15: ’S e rud mòr a bhiodh ann dìreach faighinn chun an…chun an…chun an dràma!

AM―15:18: A’ dol…a’ dol a…a’ dol a Bheàrnaraigh cha robh againn ach…cha robh bàt’-aiseig…bha, bha bàta ann aig Dòmhnall Angaidh, Endeavour.

EC―15:29: Tha fios gun robh…tha fios gun robh tòrr spòrs ann cuideachd. Tha fios gun…tha fios gun robh.

AM―15:31: Bhiodh, bhiodh tòrr spòrs ann feuchainn ri…

EC―15:33: Bhiodh, bhiodh, dìreach faighinn ann.

AM―15:36: Gu h-àraid a’ lìonadh suas na bàtaichean le…le props is rudan mar sineach, agus…och bha…agus chum sinn a’ dol, ach chaidh sinn an uair sin air leth, na buidhnean Beurla is na buidhnean Gàidhlig.

EC―15:56: Sin mar a thachras.

AM―15:57: Eh?

EC―15:58: Mar a thachras.

AM―15:59: Mar a thachras. Agus…agus…och aidh, chum sinn…bha sinn a’ dol son…tha sinn a’ dol fhathast!

EC―16:11: Tha sibh a’ dol fhathast!

AM―16:12: Tha sinn a’ dol fhathast.

EC―16:13: Tha sibh a’ dol fhathast.

AM―16:14: Tha sinn a’ dol fhathast, so...

EC―16:15: Agus am bi sibh a’ dol dha na Mòdan is dha na farpaisean?

AM―16:17: Tha sinn an dèidh a bhith a’ dol gun a h-uile Mòd o chionn treis mhath.

EC―16:24: Agus tha fios gu bheil cosgais mhòr na lùib, ciamar a bhios sibh a’ togail airgid, am bi sibh…am bi sibh a’ dèanamh…am bi sibh a’ togail airgead le diofar dhòighean, am bi sibh a’ dèanamh…?

AM―16:32: Bitheamaid a’ togail beagan airgead, ach aidh dh’fheumamaid airgead a thogail gun teagamh airson bhiodh…bhitheamaid a’ cur air dràma is…as na hall an toiseach mus d’ rachamaid dhan Mhòd.

EC―16:43: Agus gheibh sibh beagan airgid bhon an sineach son ur cuideachadh leis…?

AM―16:47: Agus an uairsin bha…bha sinn a’ faighinn cuideachadh bho Comunn na Dràma, bhiodh iad a’ toirt dhuinn pàirt den chosgais airson a dhol gun a’ Mhòd, tha e gu math cosgail àiteachan-fuirich, tha e a-nist nas miosa buileach agus chan eil…tha sinn air deannan math de dealbhan-cluiche a dhèanamh so…

EC―17:16: Tha sibh fhèin gan dèanamh cuideachd, am bi sibh fhèin gan sgrìobhadh, am bi?

AM―17:19: Cha bhitheamaid…bitheamaid a’ cur ris.

EC―17:22: A’ cur ris.

AM―17:23: Ag atharrachadh feadhainn aca agus…

EC―17:25: A’ cur ur dreach fhèin orra.

AM―17:27: A’ cur dreach an àite fhèin orra is rudan mar sineach.

EC―17:30: ’S e rud mòr a th’ ann an dràma, nach e, air Ghàidhealtachd?

AM―17:32: Och, ’s e, ’s e, ’s e.

EC―16:33: As an Eilean Sgitheanach, is tìr-mòr is Earra Ghàidheal.

AM―17:36: Och aidh, tha…tha e a’ dol air ais…b’ àbhaist an uair sin…

EC―17:38: Dè na freumhan a th’ aig dràma as a’ choimhearsnachd mar gum biodh, ciamar a thòisich e, an e daoine ag iarraidh faighinn a-mach às an taigh agus a bhith a’ toirt…you know…well…a’ toirt tlachd dha an nàbaidhean is…?

AM―17:52: Och, cha…chan eil fhios a’m.

EC―17:54: Ach tha fios a’m gun e…gu bheil tòrr an sàs ann, nach eil, as…as…?

AM―17:57: Tha tòrr an sàs ann, ach feumaidh cuideigin a bhith gam brosnachadh airson an toirt a-mach agus feadhainn fhaighinn a tha titheach air rudan mar sin a dhèanamh.

EC―18:10: Agus dè tha sibh fhèin a’ faighinn às a bhith air stèidse, a bheil sibh a’ faighinn togail mòr às, no a bheil…a bheil e…?

AM―18:16: Och, dìreach rud…och tha…spòrs ann gun teagamh tha mi cinnteach, spòrs ann is…och aidh.

EC―18:24: A bhith ann am buidheann còmhladh, agus an uair sin a bhith ag ullachadh còmhla tha mi a’ creidsinn, agus an uair sin a bhith ga dhèanamh is daoine a’ gabhail toileachas às cuideachd, tha mi cinnteach.

AM―18:36: Tha tòrr ri dhèanamh cuideachd le…’eil fhios agad, le props is…agus ’eil fhios a’d, àrd-ùrlar is gnothaichean a chur air an…gnothaichean a chur air, dè seòrsa dreach a dh’fheumas tu a chur air an àrd-ùrlar is rudan mar sineach, so…tha mise a-nist air a bhith nam…mar a chanas tu ris sa Bheurla, dè chanas tu ris…Stage Manager.

EC―19:02: Ach a’ gabhail pàirt aig an aon àm san dràma cuideachd.

AM―19:04: Aidh, agus…shin mar a tha e.

EC―19:12: Seo a-nist. Agus a bheil sibh an sàs ann an rud sam bith eile, an robh sibh ag ràdh gun robh sibh an sàs sa Chomunn Eachdraidh?

AM―19:18: Aidh, Comunn Eachdraidh Uibhist a Tuath, och tha, agus...

EC―19:23: Dè tha romhaibh mar Chomunn Eachdraidh, a bheil planaichean mòr agaibh?

AM―19:26: Tha, planaichean againn gun teagamh, tha sinn air seann Sgoil Chàirinis a cheannach a-nist, tha i againn, agus tha sinn a-nist a’ feitheamh ri airgead airson a leasachadh. Tha sinn air…fhuair sinn airgead airson architect, dealbhan a dhèanamh airson a…agus cosgaisean agus rudan mar sineach, agus feumaidh sinn a-nist fuireach airson daoine…airgead a bheir dhuinn.

EC―19:55: Am barrachd airgid.

AM―19:56: Aidh.

EC―20:00: Ach bidh e fìor mhath nuair a bhios e deiseil, nach bi, is tha…?

AM―20:03: Bhiodh e glè mhath, tha mi cinnteach gum fac’ thu fhèin dè tha sinn a’ dol a dhèanamh.

EC―20:06: Chunnaic, chunnaic.

AM―20:09: Chunnaic, chunnaic, is tha obair mhòr ri dhèanamh ma gheibh sinn an t-airgead airson a dhèanamh. Ach ’s dòcha gun fheum…’s dòcha gun fheum sinn a dhèanamh na phàirtean.

EC―20:16: Uill, tha sin mar a tha e, sin mar a tha e.

AM―20:17: ’S dòcha gun fheum.

EC―20:18: Sin mar a tha e. Ach bidh e sgoinneil, rud mòr mòr a th’ ann. Agus bidh sibh cuideachd a’ seòladh bàta, nach bi?

AM―20:26: Bha.

EC―20:27: Ciamar a thòisich sineach?

AM―20:30: Thòisich, bha…fear a bha ag obair…Calum MacLeòid, chan eil fhios a’m am b’ aithne dhut e?

EC―20:44: ’S aithne dhomh Calum.

AM―20:45: Bha…bha yacht aige agus bhithinn a’ seòladh còmhla ris-san, bhiodh e ag iarraidh criutha, agus shin mar a…shin mar a thòisich mise a’ seòladh an toiseach. Bhitheamaid a’ seòladh còmhla ris-san.

EC―20:59: Am biodh sibh a’ dol fada…am biodh sibh a’ dol fada air falbh no timcheall na h-eileanan no…?

AM―21:03: Timcheall na h-eileanan is sìos a Bharraigh is…an uair sin aon turas son…chaidh, chaidh sinn timcheall Uibhist gu lèir, dh’fhàg sinn à Loch nam Madadh, timcheall Bheàrnaraigh, sìos gu Uibhist a Deas, air ais Loch nam Madadh. Rinn sinn tour an sineach ’eil fhios a’d…agus an uair sin, nuair a leig mi dhìom mo dhreuchd, cheannaich mi an yacht.

EC―21:37: Agus am bi sibh a’ siubhal fad is farsaing as a’ yacht?

AM―21:39: Dìreach mu, mu an aon rud really, an t-eilean…

EC―21:42: Am bi sibh a’ dol dhan Eilean Sgitheanach?

AM―21:43: An t-Eilean Sgitheanach.

EC―21:44: Is na h-Eileanan Beaga.

AM―21:45: Na h-Eileanan Beaga, is Barraigh a-rithist, b’ àbhaist dhuinn…tòrr againn a’ dol sìos a Bharraigh aig deireadh-seachdain, ’eil fhios agad.

EC―21:55: An robh rudeigin math ann am Barraigh?

AM―21:57: Airson tòrr…tòrr…bhiodh seòrsa de dh’fharpais againn.

EC―22:02: Rèis mar gum biodh.

AM―22:03: Rèis. Bhiodh rèis againn, cò ruigeadh Barraigh an toiseach, bhiodh handicap ann of course, gun teagamh…tha feadhainn le yachtaichean mòra ’eil fhios agad...

EC―22:11: Bhiodh iadsan luath, am biodh?

AM―22:13: Bhiodh iadsan caran luath son an fheadhainn eile is…agus…o bhiodh sineach a’ dol son bliadhnaichean, agus a-null dhan Eilean Sgitheanach, a-null a Dhùn Bheagan is…

EC―22:34: Am biodh sibh a’ gabhail…

AM―22:34: Steinn.

EC―22:35: Steinn.

AM―22:36: Steinn, Steinn is àiteachan beaga eile.

EC―22:36: Agus am biodh…am biodh sibh a’ gabhail biadh ann an taighean-bìdhe spaideil as an Eilean Sgitheanach?

AM―22:41: Bhiodh, bhitheamaid a’ gabhail biadh ann an Steinn, àite gu math laghach a tha sineach agus bhitheamaid ann an àiteachan eile is…shin agad e really. Ach bhithinn a’ seòladh còmhla ri feadhainn eile cuideachd. Chaidh mi…chaidh mi a’ dh’Èireann còmhla ri John Hart, am b’ aithne dhut John Hart? Bha sinn…chaidh sinn a dh’ Èireann sìos gu Doire, sin agad e, airson seachdain….làithean is…bha i gu math garbh.

EC―23:22: Am bi eagal agaibh uair sam bith air…air yacht, a bheil…a bheil sibh…?

AM―23:24: Chan eil.

EC―23:25: Chan eil, cumaidh…iomadach rud agaibh ri dhèanamh tha mi a’ creidsinn a chumas…

AM―23:29: Cumaidh an yacht air bhog, tha mi a’ smaoineachadh, agus…

EC―23:35: Agus am bi sibh ga fhàgail ann an Locheuphort am bi, fad…fad…fad a’ gheamhraidh is…?

AM―23:38: Fad a’ gheamhraidh, ac...acarsaid agam an sin.

EC―23:42: Aig acarsaid. Agus am bi sibh a’ seòladh ’s dòcha eadar A’ Mhàirt agus…agus…agus an t-Sultain, cuin a…cuin a bhios sibh a’ seòladh…mar…a bhe…a bheil car de…mìosan a bhios sibh a’ seòladh is…?

AM―23:51: Bidh, ’s ann…’s e…An Giblean is An Lùnastal no rudeigin.

EC―24:01: Seadh, seadh dìreach, mìosan a bhios freagarrach.

AM―24:05: Na mìosan a bhios freagarrach.

EC―24:06: Mìosan, mìosan a bhios freagarrach.

AM―24:08: Tha còir aca a bhith freagarrach, ach chan eil.

EC―24:10: Còir aca a bhith freagarrach ach…

AM―24:11: Chan eil.

EC―24:12: Chan eil co-dhiù.

AM―24:13: Chan eil am bliadha ro mhath sam bith.

EC―24:15: Chan…chan eil i…chan eil i air a bhith math sam bith, mar a thuirt sibh. Agus tha sibh a’ cumail gàrradh cuideachd, nach eil? Tha sibh…tha sibh…chì mi…chì mi na…na sùghan-làir ann a sheo.

AM―24:25: Tha, tha sineach ann, tha gàrradh againn, tha.

EC―24:28: Agus an robh sibh a-riamh an-sàs ann an…as a’…ann an cumail gàrraidh, thu fhèin is Màiri? An robh, an robh…an robh ùidh agaibh le chèile as a’…?

AM―24:32: Bha, bha. Uill, ’s e ise, ’s i, ’s i an gàirnealair, ’s i…’s i…’s i, ’s i bha math air cur rudan, ach bhithinn…bhithinn…bhithinn a’ dèanamh…bhithinn fhìn a’ dèanamh tòrr obair, bhithinn, bhithinn a’ cladhadh airson na rudan, na rudan a bhiodh i a’ cur.

EC―24:50: Bhiodh ise a’ cumail sùil.

AM―24:51: Bhiodh.

EC―24:52: Gun robh thu ga dhèanamh ceart?

AM―24:53: Aidh. No far an robh i ag iarraidh craobh a chur no…cha robh dad an siudach nuair a thàinig sinn an seo.

EC―25:00: Tha mi làn chinnteach.

AM―25:01: Cha robh dad ann. Feanntagan is dìogain.

EC―25:04: Agus, Aonghais, a bharrachd air an obair agaibh fhèin, dè rinn Màiri nuair a thill sibh air ais a dh’Uibhist?

AM―25:09: Aidh, bha i…bha i ag obair ann an Ospadal Loch nam Madadh, agus an uair sin bha i dheth nuair a rugadh an gille as òige againn. Agus an dèidh sineach an uair sin thòisich i…nuair a dh’obr…thòisich iad a’ togail Trianaid an uair sin aig an àm sin, as na…nuair a bha an Trianaid deiseil, fhuair i an obair airson coimhead às deaighaidh Trianaid.

EC―25:43: Ceart, obair mhòr, tha mi cinnteach.

AM―25:46: Obair mhòr.

EC―25:46: Obair mhòr, mhòr, mhòr.

AM―25:47: Agus an t-àite a sgeadachadh suas, cha robh ann ach dìreach togalach nuair a chaidh ise ann, bha aice ris a h-uile dad fhaighinn airson a chur na bhroinn. Agus bha i an sin son deich bliadhna tha mi a’ smaoineachadh, deich bliadhna. Agus dh’fhàg i sineach agus bha i ag obair an uair sin airson Alzheimers.

EC―26:13: Tha cuimhn’ agam oirre a bhith ag obair aig an Alzheimers.

AM―26:15: Fhuair, fhuair iad taigh ann am Baile a’ Mhanaich son treis an sineach.

EC―26:19: Bha sinn ag obair san aon square.

AM―26:21: O, an robh?

EC―26:22: Bha diofar bhuidhnean san aon square mar gum biodh, agus tha cuimhn’ a’m.

AM―26:25: O, bha, bha. Agus bha i an sineach gus an do leig i dhith a dreuchd.

EC―26:31: Bha, bha farsaingeachd obraichean aig an dithis agaibh…co-dhiù. Sin agad e. Agus a bheil sibh a’ faicinn diofar mòr ann an Càirinis san latha an-diugh agus a bheil…a bheil an t-àite air atharrachadh gu mòr?

AM―26:46: O, tha e air atharrachadh gu mòr seach a...nuair a…nuair a bha mise òg, bha…’s e taighean-tughaidh bu mhotha a bh’ ann. Bha…bha deannan taighean-sglèata gun teagamh ann, bhiodh sia no seachd, ach taighean-tughaidh a bh’ ann uileadh, is bha a h-uile duine ag obrachadh ann an cruitean an uair sin, bha cruit aig a h-uile duine is bha beothaichean is mairt is eich aig a h-uile cruit. Agus…ach…a-nist tha a’ chuid as motha aca sin air falbh, daoine ùr a’ tighinn a-staigh, chan eil ann an Càirinis a-nist ach dithis a rugadh ann an Càirinis, mi fhìn agus Teàrlach shìos an seothach, Teàrlach…

EC―27:45: Am post, post a bh’ ann.

AM―27:45: Post, aidh post. Chan…o, fuirich a-nist…tha mi a’ smaoineachadh gun do rugadh Ùisdean shìos an seothach, rugadh e tha mi a’ smaoineachadh, dìreach faisg air an àm sin, son bha, ’s ann à…cha robh iad fhathast…’s ann air tighinn Clad…Cladach Iolaraigh a bha iad, nach ann?

EC―28:18: O, ’s ann, ’s ann à sin a thàinig…

AM―28:19: Aidh, na Robasdanaich, aidh, agus cheannaich iad an t-àite a bha siudach.

EC―28:25: Agus bha Ùisdean còir ag obair aig a’ Chomhairle fad ùine mhòr agus an uair sin dh’fhàg e agus chaidh e na chomhairliche. An robh, an robh miann agaibh fhèin…agaibh fhèin a-riamh air an leithid a dhèanamh, a bhith air a’ Chomhairle, a bharrachd na a bhith ag obair?

AM―28:37: Cha robh, bha mi ag obair aig a’ Chomhairle fada gu leòr, bha fhios a’m dè bha a’ dol aig…aig a’…aig na comhairlichean. Bha tòrr obair aca ri dhèanamh so…agus obair…obair dhoirbh cuideachd.

EC―28:50: Bha sibh toilichte gu leòr fhàgail aig an sin.

AM―28:53: Bha, uh-huh. Ach a-nist tha, och tha, an t-àite air atharrachadh gu mòr, , cha, chan eil an aon…

EC―29:02: A bheil sibh a’ faireachdainn dòchasach airson Uibhist, airson…can an òigridh a bhith ag iarraidh fuireach? A bheil…a bheil gu leòr ann a chumas òigridh mar gum biodh, a thaobh cothroman-obrach is…? 

AM―29:13: Tha beagan a bharrachd a-nist ann, mu na, na bradain gun teagamh a’ cumail a’ dol, tòrr ag obair aca ann a shin.

EC―29:21: Na muilnean-gaoithe cuideachd?

AM―29:22: Na muilnean-gaoithe agus buidhnean na feamainn, feamainn a’ tighinn air ais.

EC―29:26: Tha sin a’ tighinn beò a-rithist.

AM―29:27: Tha sin a’ tighinn beò a-rithist.

EC―29:28: Tha mi a’ smaointinn gu bheil…gu bheil grunn a’ dol a bhith a’ cosnadh an sin.

AM―29:33: Is tha deannan math ag obair aig a’ Chomhairle cuideachd, uill, of course, tha ospadal ùr ann an Baile a’ Mhanaich, tha sin ann gun teagamh.

EC―29:47: Is…’s dòcha san latha an-diugh gum bi feadhainn ag obair bhon taigh, nach bi, le coimpiutair is…chan eil duine ceangailte ri oifis no àite mar a bha uaireigin is tha mi cinnteach gu bheil cothroman an lùib sin.

AM―29:55: Bidh. Bidh sin aig a h-uile duine a-nist.

EC―29:59: Agus ciamar a tha e agaibh fhèin am Broadband, a bheil e, a bheil e math ann an Càirinis, a bheil e…a bheil e…a bheil ceangal reusanta math agaibh airson…?

AM―30:05: Tha ceangal againn ris an fhear ùr.

EC―30:09: Ceart. So tha e…tha e…tha e math gu leòr.

AM―30:12: Agus tha…tha e meadhanach luath gun teagamh, ach tha e luath gu leòr dhomhsa.

EC―30:16: Tha e luath gu leòr.

AM―30:17: Tha e luath gu leòr. Tha e luath gu leòr dhomhsa co-dhiù, tha, ach tha, tha e gu math feumail gun teagamh.

EC―30:23: ’S e rud feumail a th’ ann.

AM―30:24: Och, ’s e. Cha dèanadh daoine an gnothach às aonais a-nist.

EC―30:28: Tha mi a’ smaointinn gu bheil sinn a’ tighinn gu ìre far nach dèan. Ach canaidh mi dè rinn sinn mus robh e againn, uill…rinn sinn an gnothach air dòigh air choreigin.

AM―30:36: Rinn, rinn.

EC―30:38: Agus dè tha romhaibh fad an t-samhraidh, a bheil rud sam…a bheil, a bheil samhradh tr...trang romhaibh, a bheil planaichean sam bith agaibh?

AM―30:48: Chan eil. Bidh mi trang treiseag, uill tha an gille agam, tha e a’ togail taigh shìos air a’ chruit cuideachd, so feumaidh mi sùil a chumail air an sin.

EC―30:56: Sùil gus am bi a h-uile rud dòigheil.

AM―31:00: Bidh, och bidh. Tha mi…tha mi air a’… comataidh gheamaichean Uibhist a Tuath cuideachd, so…tha mi air a bhith a’ dèanamh sineach airson chan eil fhios cia mheud bliadhna!

EC―31:15: A bheil e doirbh feadhainn ùr a thàladh a-staigh ann?

AM―31:17: Tha.

EC―31:18: Bidh, bidh an aon daoine air fhàgail leis a’…leis a’…leis a’…

AM―31:20: An aon daoine air fhàgail, tha sinn uileadh a’ fàs sean agus chan eil mòran de fheadhainn…ach tha feadhainn tha iad air cuideach…cuideachadh gu leòr ’eil fhios a’d ach ’s e àm…

EC―31:32: Cuideachadh, ach a bhith a’ gabhail uallach tha mi a’ creidsinn.

AM―31:34: Sin agad an rud. Agus…dè eile…

EC―31:43: A bheil sibh a’ gabhail beagan làithean-saora, a bheil sibh a’ dol a…a’ dol a…a’ dol a ghabhail cuairtean sam bith as t-samhradh no…bha sibh thall ann an Astràlia, nach robh?

AM―31:50: Bha, bha mi thall ann an Astràlia airson mìos ann an…airson mìos Màirt.

EC―31:55: A bheil teaghlach agaibh thall an sineach?

AM―32:00: Teaghlach m’ athar a tha sineach, bha, bha bràthair, bha e…’s ann ann an Astràlia a bha e a’ fuireach, is bha an teaghlach aca an sineach is bha mi…bha mi thall an sineach is ’s ann…’s ann còmhla…bidh mi a’ fuireach còmhla riutha an sineach so…tha àite aca an sineach dhomh, an sineach so…

EC―32:17: Bidh àite…car de…àite-fuirich agaibh an sineach?

AM―32:20: Àite-fuirich agam an sin, àite-fuirich agam dhomh fhìn an sin.

EC―32:23: Gu dearbha fhèin.

AM―32:24: Tha, agus bidh mi…dùil a’m a dhol a dh’Èireann…cuin…Lùnastal ’s dòcha. Tha…tha am mìos a tha seo is an ath-mhìos tha leithid a rudan a’ dol.

EC―32:44: Tha an t-uabhas a’ tachairt ann an Uibhist, nach eil?

AM―32:47: Geamaichean is fèisean is…dè…

EC―32:51: Saoil a bheil cus a’ tachairt aig aon…a bheil, a bheil cus a’ tachairt aig aon àm, agus an uair sin tha an gnothach a’ fàs gu math ba…gu math…?

AM―32:58: Tha seachdain Bhèarnaraigh ann is tha seachdain Sholais ann is tha iad sineach a’ dol aig an aon àm cuideachd.

EC―33:03: Tha sin duilich gu bheil rudan ann aig an aon àm, ach dè…uill…sin…chan eil cothrom air, ach…ach tha e duilich. So, chan…chan eil sibh a’ coimhead son rudan ri dhèanamh, mar gum biodh? Chan…chan eil…

AM―33:13: Chan eil, o chumadh an gàrradh a’ dol mise fad an t-siubhail.

EC―33:17: ’S dòcha gur e sin a bu shocraiche na a bhith a’ ruith…a’ ruith air feadh…

AM―33:21: Chumadh e a’ dol mi nam biodh…fhad ’s a tha a h-uile dad air a chumail ceart, chumadh e a’ dol mi fad na…fad na tìde. Ach tha mi a’ feuchainn ri bhith a chumail sgiobalta co-dhiù, so…

EC―33:33: Agus…agus am bi rudan blasta a’ fàs ann cuideachd?

AM―33:36: Rudan blasta a’ fàs ann, och tha rudan a’ fàs glè mhath, so, so…

EC―33:41: Uill, Aonghais, ceud taing airson ur stòiridh innse dhuinn an-diugh, bha e...

AM―33:46: Uill, tha mi an dòchas gur h-e…rudeigin co-dhiù.

EC―33:48: Gu math tlachdmhor, gu math inntinneach.

AM―33:50: ’S e, ’s e rud beag…rud beag air choreigin a thig às, ’s dòcha.

EC―33:53: Is cinnteach, is cinnteach gum faigh.

AM―33:55: Tha mi an dòchas.

EC―33:57: Sin agad e, taing a-rithist is leigidh mi…leigidh sinn leibh a-nist airson rudeigin eile a dhèanamh. Tha mi…tha mi cinnteach gu bheil liosta gu math fada agaibh!

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8248