Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Aonghas MacPhàil (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:05: Uill, fàilte, Aonghais, agus mòran taing airson bruidhinn rinn an-diugh. Am b’ urrainn dhuibh beagan innse dhuinn mur deidhinn fhèin agus ur teaghlach agus ciamar a thàinig sibh a bhith a’ fuireach ann an…ann an Càirinis?

A[onghas] M[acPhàil]―00:19: Uill, ’s ann an teaghlach againne, teaghlach MhicPhàil thàinig iad a Chàirinis as…mu ochd ceud deug ’s a trì fichead. Mo sheanair, mo shinn-seanair ’s ann à Boraraigh a thàinig iad. ’S ann am Boraraigh a rugadh mo sheanair is mo shinn-seanair cuideachd, Niall Tàilleir a chanadh iad ris is bha…’s e Niall a bh’ air mo shinn-shinn-seanair cuideachd, ach ’s ann à Baile MhicPhàil a dh’fhalbh iadsan, mar a chanas iad Newton an-dràsta an e, aidh? Chaidh e gu Boraraigh agus an uair sin as a…ochd deug is mu trì fichead fhuair iad cruit ann an Càirinis, agus a thaobh mo sheanair an uair sin bhiodh e mu dhusan bliadhna. Agus nuair a dh’fhàs e suas bha e na phost, chanadh iad ris ‘Am Post Mòr’, Càirinis, bha e… ’s e bha a’ ruith na…mar a chanas iad na mails eadar Loch nam Madadh agus Càirinis, bha…bha gige aige ann a…‘Phost Office’ agus retire esan ann an naoidh ceud deug is a sia deug retire e, agus chaochail e ann an naoidh ceud deug dà fhichead ’s a ceithir tha mi a’ smaointeachadh, mun àm sin, aidh. Agus ’s ann…teaghlach m’ athar, is bha…bha cruit aca shìos as a’ bhaile ìochdarach an sin, agus bhiodh m’ athair is mo sheanair ag obair shìos an sineach, ach cha robh mise ach gu math òg an uair sin, ach tha cuimhn’ agam iad a bhith ag obair air a, air a’ chruit shìos an sineach, ag obair air arbhar is feur is treabhadh is rudan mar sineach.

EC―02:40: Seadh, am biodh sibh a’ buain mhòine cuideachd aig aon àm?

AM―02:42: Bha a’ ghille, bha iad…bha a h-uile duine a’ buain mòineadh an uair sin, bha poll-mòine aig a h-uile duine, dh’fheumadh iad an uair sin poll-mhòine a bhith aca.

EC―02:48: A bheil puill faisg oirbh ann an Càirinis, an robh…an robh sibh, an robh iad a-muigh air a’ mhòinteach?

AM―02:51: Bha iad a-muigh pìos air a’ mhòinteach agus sin far an…bha àite aig a h-uile cruit as a’ bhaile, àite ac’ air a ghlèidheadh airson, son mòine, agus tha pìos math ann, is bha cairt againn airson mòine a thoirt dhachaigh. Agus bha…bha dà each againn cuideachd, agus of course dà each againn is bò is caoraich aig an àm sin. An dèidh sineach, ann an àm a’ chogaidh mu dheireadh, rugadh mise ann an naoidh ceud deug naoi deug air fhichead, toiseach a’ chogaidh. Agus och, chaidh m’ athair an uair sin, chaidh e…chaidh e a dh’ionnsachadh a bhith na mhiseanaraidh a Dhùn Èideann, as an New College is rinn e Dioploma ann an Theology is rudan mar sineach, agus nuair a thill sinn an uair sin, chaidh sinn a shioftadh sìos…chaidh sinn a…a’ chiad pharaiste a bh’ aige ’s ann ann an Uibhist a Deas a bha sinn, Druim Mhòr, Uibhist a Deas. So chaidh mise dhan sgoil an toiseach ann an Càirinis, cha robh mi ann ach mu…’s dòcha dà bhliadhna, is chaidh mi an uair sin a Sgoil Thobha Mòr ann an Uibhist a Deas airson còig bliadhna, is an uair sin thill sinn air ais is fhuair m’ athair paraiste ann an Càirinis an uair sin agus bha sinn a’ fuireach shuas as a’ mhansa an Càirinis an sineach, is bha mi air ais ann an Sgoil Chàirinis airson dà bhliadhna eile mus deachaidh mi…an uair sin bha sinn ann an Cheann a’ Bhàigh.

EC―04:54: Bha mi dìreach a’ dol a dh’fhaighneachd…dìreach…dìreach…a thaobh miseanaraidh agus…agus…agus ministear, a bheil…a bheil diofar sam bith eadar…eadar miseanaraidh is ministear? An e dreuchd làn-ùine a th’ ann am miseanaraidh cuideachd?

AM―05:04: ’S e, dreuchd làn-ùine a th’ ann cuideachd, ach tha ministear…feumaidh iad…feumaidh iad degree D.D. a dhèanamh, cha do rinn m’ athair ach Dioplama. Mar sin tha iad…tha iad làn-ùine.

EC―05:15: Làn-ùine…’s e dreuchd làn-ùine a th’ ann.

AM―05:18: Dreuchd làn-ùine a th’ ann, agus bidh iad gan sioftadh timcheall an-siud agus an-seo.

EC―00:19: Bhiodh, bhiodh duine a’ dol far, far am feum…far am feum e a dhol.

AM―05:24: Agus bhiodh m’ athair, bhiodh e ann an Càirinis airson mu chòig bliadhna…is bha mise aig Sgoil Chàirinis agus a’ dol a Cheann a’ Bhàigh airson trì bliadhna.

EC―05:41: Agus ciamar a chòrd an sgoil ribh? An e rud…an e rud…an e rud a thàinig leibh mar gum biodh, an e?

AM―05:46: Chan e.

EC―05:47: Cha do chòrd i ribh.

AM―05:49: Cha robh… och, bha i math gu leòr.

EC―05:54: An robh rudan…an robh rudan ann…an robh sibh math air cuspairean mar gum biodh, saidheans, saidheans no…?

AM―05:58: O, bhiodh…’s e saidheans is maths is rudan mar sineach, is Gàidhlig a b’ fheàrr leamsa a bhith a’ dèanamh, agus aig an àm sin dh’fheumamaid a dhol a Phort Rìgh no a dh’Inhir Nis.

EC―06:11: Sin…sin an rud, sin an rud. So bha sibh…bha sibh ùine ann an Ceann a’ Bhàigh no Paibil agus an uair sin bha agaibh ri dhol gu sgoil eile.

AM―06:16: Bha, bha againn ri dhol gu sgoil eile.

EC―06:18: Agus an robh roghainn sam bith agaibh no, no am feumte…bha, bha roghainn ann.

AM―06:22: Bha roghainn ann, Port Rìgh no Inbhir Nis. Chaidh feadhainn againn a dh’Inbhir Nis is feadhainn…tha mi a’ smaointinn…tha mi a’ smointinn gun e aon duine a chaidh a Phort Rìgh.

EC―06:34: Bha…bha barrachd tarraing aig Inbhir Nis.

AM―06:36: Tha mi a’ smaointinn…feumaidh gun robh.

EC―06:38: ’S e baile….’s e baile nas motha a th’ ann, nach e, is, is…chanadh tu ’s dòcha gum biodh beagan a bharrachd a’ dol ’s dòcha.

AM―06:43: Bha sinn…bha sinn as a’ hostel an sineach.

EC―06:44: Bha sibh…bha sibh…bha sibhse ann an Inbhir Nis ma-thà?

AM―06:46: Bha, bha mise ann an Inbhir Nis. Bha sinn ann an Drummond Park Hostel, mu chuala tu guth a-riamh air?

EC―06:51: Chuala mi sin bho tòrr dhaoine, Drummond Park, ceart.

AM―06:55: Agus bha…bha sinn dhà no trì bliadhna an sineach.

EC―07:00: Ciamar a bha e a bhith san ostail, dè seò…?

AM―07:01: O, bha an hostel ceart gu leòr.

EC―07:03: Tha mi a’ smaointinn…tha mi a’ smaointinn gu bheil feadhainn ann…

AM―07:04: Feadhainn ann a chòrd e riutha.

EC―07:05: Feadhainn ann a chòrd e riutha agus feadhainn, ’s e an rud as miosa a thachair a-riamh riutha.

AM―07:08: ’S e, ach, ach bha mise…bha mise cofhurtail gu leòr ’eil fhios agad, bha…och dìreach…bhithinn…bha dìreach far an robh thu a’ fuireach is bha…air an oidhche bha àitean son cluiche, table tennis, table tennis ann is bha…bhitheamaid ag èisteachd ri ceòl agus rudan mar sineach is…is aig deireadh na seachdaine bhitheamaid a’ cluiche ball-coise is...

EC―07:38: So bhiodh sibh a’ faighinn a-mach às an àite rud beag, bha a h-uile cothrom ann.

AM―07:42: Bha, ach gheibheamaid…gheibheamaid a-mach air oidhche Haoine, a’ dol gu fiolm no rud mar sineach agus, agus Disathairne. Gheibheamaid a-mach fad an latha Disathairne.

EC―07:51: Cha robh sin cho dona mar sineach.

AM―07:53: Tha. Ach mar as…mar as trice bha mi…aidh bha mi a’ cluiche ball-coise dhan sgoil cuideachd, so…agus bhitheamaid a’ cluiche, bha pitch againn cuideachd aig a’ host…aig a’ hostel cuideachd, agus…

EC―08:09: Agus am biodh agaibh ri…ri obair a h-uile oidhche air na leasain, an robh agaibh ri…ri ùine, ùine a chur a-mach, na studies?

AM―08:17: Na study againn o dà…dà uair study againn, is och bha sin glè mhath ’eil fhios agad, dh’fheumadh tu rudeigin a dhèanamh ’eil fhios agad.

EC―08:24: Agus gheibheadh tu cuideachd fois airson obair a dhèanamh tha mi a’ creidsinn, sin an rud, bhiodh daoine sàmhach is bhiodh cothrom agad…mura, mura biodh sin ann, bhiodh daoine a’ ruith mun cuairt is ag ùpraid is…

AM―08:32: Shin agad an rud. Agus…agus Sgoil Inbhir Nis och bha, och bha e math gu leòr, rinn mi an gnothach air fiù ann an deuchainnean is…

EC―08:47: Seadh. An robh sibh a’ faireachdainn rud beag, rud beag air leth bhon a’ chlann eile as an sgoil le a bhith as an ostail, no an robh sibh a’ faireachdainn mar phàirt dhan sgoil mar gum biodh?

AM―08:55: Ah uill, tha mi a’ smaoineachadh gun robh sinn beagan air leth gun teagamh ’eil fhios agad, agus…dh’fheumamaid coiseachd dhan sgoil…dhan a hostel aig àm…aig àm dìnnearach.

EC―09:10: So bha sibh a’ faighinn ur biadh…a h-uile, a h-uile biadh as an ostail?

AM―09:14: Sa hostel, a h-uile biadh as a’ hostel is bha an fheadhainn eile, bha iad a’ faighinn biadh san sgoil, ’eil fhios agad, ’s ann sa hostel a bha sinne a’ faighinn ur biadh.

EC―09:20: Bha sibh rud beag air leth bho chàich ann an dòigh…ann an…ann an dòigh.

AM―09:23: Bha tòrr coiseachd ri dhèanamh, bha an hostel còrr is dà mhìle ann dhan sgoil.

EC―09:28: So, airson ur biadh meadhan-latha dh’fheumadh sibh coiseachd ceithir mile, so cha bhiodh…bhiodh sibh gu math caol ma-tà, coiseachd.

AM―09:35: Ach fhuair mi baidhseagal mu dheireadh.

EC―09:38: So bha cead agaibh baidhseagal a bhith agaibh cuideachd, bha sin, bha sin…bha sin math gu leòr. Agus an robh agaibh ri dhol gu seirbheis air, air an t-Sàbaid no…?

AM―09:45: Dh’fheumamaid a dhol…seirbheis madainn na Sàbaid, feadhainn againn. Bha feadhainn Eaglais na h-Alba is an Eaglais Shaor agus, agus Caitligich.

EC―10:00: So bha feadhainn à Barraigh is a h-uile àite?

AM―10:02: Bha, Barraigh is Uibhist a Deas ann cuideachd. Bha, agus tha…ach bhiodh duine a’ dol còmhla rinn gu Eaglais na h-Alba ach càch cha robh duine còmhla riutha.

EC―10:19: O, bhiodh maighstir a’ dol còmhla ribh? So cha robh dòigh, cha robh dòigh  às ma-tà!

AM―10:22: Cha robh dòigh às, ach càch. Bhiodh feadhainn nach biodh…

EC―10:28: Bhiodh iad a’ dol…a’ dol air seachran uaireannan.

AM―10:30: Tha mi cinnteach gun robh. Agus shin agad…Obar Dheathain.

EC―10:41: Chaidh sibh…so dh’fhàg sibh…dh’fhàg sibh an sgoil?

AM―10:42: Sorry, tha mi duilich. Dh’fhàg sinn Inbhir Nis agus chaidh mi a dh’Obar Dheathain an uair sin.

EC―10:48: Bha mi cuideachd a’ dol a dh’fhaighneachd dhut rud mì-mhodhail, ach tha fios a’m gum biodh…gum bi balaich le beagan spòrs ann an ostail còmhla. An robh beagan spòrs a’ dol air an oidhche, am biodh sibh a’ dèanamh beagan ruith mun cuairt is…goid…goid bhon chidsin is rudan mar sineach no…?

AM―11:00: Bhiodh an t-acras air feadhainn agus bhiodh feadhainn a’ dol dhan chidsin gun teagamh…agus…

EC―11:07: Seadh. Tha…bha sinne air an aon dòigh cuideachd. Ach co-dhiù, dh’fhàg sibh…so, so…co-dhiù bha an gnothach ceart gu leòr as an ostail, chòrd e ribh.

AM―11:16: Och bha. Uaireannan am biadh, cha robh am biadh uaireannan cianail math, ach rinn sinn an gnothach.

EC―11:22: Agus an robh gu leòr dheth ann mar gum…an robh sibh…an robh sibh a’ dol a…a’ dol dhan leabaidh leis an acras oirbh?

AM―11:27: O, cha…o cha robh.

EC―11:28: Cha robh. Bha agaibh…bha biadh…bha, bha am pailteas.

AM―11:32: Ach gheibheamaid…às dèidh na sgoile bhitheamaid a’ dol straight sìos am baile co-dhiù às dèidh na sgoile ’s dòcha, a’ faighinn rudeigin, pie no rudeigin mar sineach.

EC―11:41: So pie, agus an uair sin dìnnear as an…as an ostail!

AM―11:44: Air ais dhan hostel an uair sin airson tì.

EC―11:47: Agus a bhith a’ fuireach ann an Inhir Nis aig an àm sin, dè seòrsa baile a bh’ ann, an e…an e…an e baile beag a bh’ ann aig an àm sin no an robh…an robh…cha …’s e baile…’s e baile a dh’fhàs mòr nach e bho chionn…bho chionn beagan bhliadhnaichean air ais?

AM―11:58: Cha robh Hilton is Scorguie is àiteachan mar sin ann.

EC―12:02: Cha robh na h-àiteachan air an iomall, mar a tha ann an-diugh, ’s e dìreach am baile fhèin.

AM―12:06: Dìreach am baile fhèin is…agus an t-sràid is cha robh…cha robh Tesco no Eastgate ann na bu mhotha…

EC―12:14: Dìreach na bùithtean…na bùithean a bh’ ann bho thùs mar…bha iad ann bho chionn fhada.

AM―12:19: ’S e, seann bhùithtean a bh’ ann an uair ud, aidh.

EC―12:21: Agus ciamar a bha muinntir a’ bhaile leibh, an robh iad, a bheil rudeigin…a bheil iad…an robh iad…an robh iad ceart gu leòr le, le muinntir taobh an iar no an robhar rud beag…?

AM―12:30: Tha mi a’ smaoineachadh…tha mi a’ smaoineachadh gun robh muinntir Inbhir Nis caran mòr asta fhèin tha mi a’ smaoineachadh. Cha robh sinne…teuchters a bh’ annainn, ’eil fhios agad, teuchters a bh’ annainn.

EC―12:39: ’S e teuchters a chanadh iad tha mi a’ creidsinn le duine sam bith bhon taobh an iar, duine sam bith diofraichte, aidh, ach…

AM―12:49: Chaidh mi a dh’Obar Dheathain an uair sin.

EC―12:51: Dhan oilthigh ann an Obar Dheathain?

AM―12:52: Aidh. Chaidh mi, chaidh mi an toiseach dhan cholaiste…Gordon’s College.

EC―12:57: O, Robert Gordon’s, ann an Obar Dheathain? Seadh dìreach.

AM―13:01: A’ chiad bhliadhna, Robert Gordon’s College.

EC―13:05: An e sin an, an sgoil no a’ cholaiste fhèin?

AM―13:07: A’ cholaiste fhèin.

EC―13:08: A’ cholaiste fhèin, son tha cuimhn’ a’m fhìn gun robh…gun robh…gun robh sgoil phrìobhaideach ann agus…agus RGIT mar a chanas iad, Robert Gordon’s Institute of Technology.

AM―13:15: Sin agad e, aidh agus an uair sin dhan oilthigh.

EC―13:21: Upgrade gun oilthigh, Oilthigh Obar Dheathain!

AM―13:22: Agus…bha, bha Obar Dheathain…’s e einnseanaireachd a rinn mise, innealachd.

EC―13:31: Agus dè seòrsa, an e, an e dìreach cùrsa farsaing no an robh…mar gum biodh…?

AM―13:35: ’S e, ’s e cùrsa farsaing a’ chiad, a’ chiad dà bhliadhna, bha a h-uile duine againn còmhla.

EC―13:39: A’ dèanamh an aon rud.

AM―13:40: A’ dèanamh an aon rud, Mechanical is Electrical is a h-uile dad eile. Ach a’ bhliadhna mu dheireadh chaidh sinn a…an fheadhainn a bha ag iarraidh Electrical bha iad air leth airson rudan … subject air leth … ’s e Civil Engineering a rinn mise, Civil.

EC―13:57: Seadh dìreach. Agus sin ag obair…agus dè tha sin, an e sin ag obair…ag obair nan rathaidean agus infrastructure mar gum biodh?

AM―14:02: Aidh, rathaidean is aidh is infrastructure is mar sineach, ’s e.

EC―14:07: Agus ca’ an robh sibh a’ fuireach ann an Obar Dheathain? An robh sibh a’ fuireach ann an…ann an ostail a-rithist?

AM―14:10: Cha robh, cha robh. Bha sinn a’ fureach ann an taigh-còmhnaidh còmhla ri feadhainn eile. Bha e gu math saor an uair sin, seach mar a tha e an-diugh.

EC―14:24: Tha Obar Dheathain air fàs…

AM―14:27: Bha, bha, bha deannan, bha deannan againn san taigh, bha ceathrar no còigear againn.

EC―14:33: A’ fuireach as an aon taigh?

AM―14:34: Aidh. Bha. Bha, bha sinn a’ faighinn…bha sinn a’ faighinn ar biadh an sineach.

EC―14:38: Bha sibh a’ faighinn ur biadh ann cuideachd.

AM―14:40: Bha sinn a’ faighinn ar biadh ann is aidh, bha sinn a’ faighinn ar biadh ann.

EC―14:44: Agus an robh feadhainn còmhla ribh às a h-uile àite, às a h-uile eilean, Leòdhasaich is…?

AM―14:47: Bha, bha fear à Uibhist a Tuath, bha feadhainn à Uibhist a Tuath còmhla rinn, bha Dòmhnall Chrois Mòraig, ma chuala tu a-riamh air, bha e na Head an seo, an duine sineach.

EC―14:58: O, ceart, ceart, bha e agamsa san sgoil.

AM―15:01: Agus bha Alasdair Uilleim Alasdair ’s e dotair a th’ ann a-nist, bha esan dol ann cuideachd. Feadhainn eile, bha feadhainn ann à taobh a tuath is Cataibh is Inbhir Pheofharain agus cuideigin eile à… Druim na Drochaide, tha mi a’ smaoineachadh a bha am fear ud, Druim na Drochaide.

EC―15:34: Bha iad uile à car ceann a tuath na Gàidhealtachd mar gum biodh, a’ mhòrchuid aca co-dhiù is…agus am biodh…aig an àm sin, am biodh a’ mhòr-chuid a’ dol…a’ dol a Ghlaschu airson foghlam mar gum biodh, an robh tòrr oileanaich a’ dol a Ghlaschu?

AM―15:46: Bha tòrr oileanaich, chaidh iad a Ghlaschu ach…’s e…

EC―15:50: Ach bha deannan ann an Obar Dheathain?

AM―15:52: Deannan ann an Obar Dheathain, ’s e. Dòmhnall ’s e Classics a bha esan a’ dèanamh of course, bha fear eile a’ dèanamh Beurla is bha feadhainn eile a’ dèanamh saidheans is bha…Alasdair, bha Alasdair a’ dèanamh Medicine so, bha…

EC―16:15: Farsaingeachd de…de dhaoine a’ dèanamh, a’ dèanamh diofar, diofar rudan aig an aon àm.

AM―16:19: Och chò…chòrd Obar Dheathain leam glè mhath.

EC―16:20: Agus ciamar a bha Obar Dheathain, an robh sibh…am biodh sibh…cà’ am biodh sibh a’ tighinn cruinn còmhla le òigridh eile, an robh, an robh…an robh àiteachan ann ’s dòcha a bha…?

AM―16:28: Bha, Comunn Ceilteach Obar Dheathain.

EC―16:31: Agus cà’ am biodh sibh…an robh, an robh àite sònraichte aig a’…aig a’ Chomunn Cheilteach an robh…?

AM―16:34: Cha robh ach dìreach bha rùm againn sa Union.

EC―16:38: Ceart, ceart.

AM―16:39: Bha an Union an sineach agus bhitheamaid…bhitheamaid ann a h-uile deireadh-seachdain.

EC―16:44: Agus am biodh dannsa ann no rudeigin is…?

AM―16:46: Bhiodh dannsa ann, dannsa as an Dive mar a chanas iad.

EC―16:48: San Dive?

AM―16:49: San Dive, ’s e.

EC―16:52: Innis dhuinn…innis dhuinn…innis dhuinn mun Dive ma-thà. Dè bha…an e…an e…an e bàr a bh’ ann no…?

AM―16:57: Bha, bha bàr ann cuideachd, bha bàr ann cuideachd, bàr is dannsa is...agus…

EC―17:00: Bàr is dannsa. Agus an robh taighean-seinnse sam bith as a’ bhaile far am biodh na Gàidheil a’ tighinn…a’ tighinn cruinn?

AM―17:08: Bha, bha dhà ann. Kirkgate a chanadh iad rithe…

EC―17:09: The Kirkgate.

AM―14:10: An cuala tu guth mu dheidhinn?

EC―17:11: Bha mi ann.

AM―17:13: Marischal Bar.

EC―17:14: Am Marischal Bar, am Marischal agus an Kirkgate.

AM―17:15: Marischal agus Upper Kirkgate, ’s iad a ..

EC―17:17: Bha iad sin car faisg air a chèile.

AM―17:18: Bha iad faisg air a chèile, bha, timcheall air a’ chòrnair. ’S aithne dhut…’s aithne dhut fhèin Obar Dheathain ma-thà.

EC―17:23: ’S aithne ma-tà, bha mise dà bhliadhna ann…dà bhliadhna ann an Robert Gordon mus do…so tha mi, tha mi eòlach…’s dòcha gu bheil mi cus eòlach air na taighean-seinnse seach…seach na leasain!

AM―17:33: Bha sinn uileadh, bha sinn uileadh. Agus nuair a bha mi ann an Obar Dheathain chaidh mi dhan OTC…OTC?

EC―17:42: Trèanadh mar…mar gum biodh oifigear mar gum biodh as na…as na feachdan. Agus an robh…an robh sibh am beachd ’s dòcha a dhol dhan arm son treis no…?

AM―17:48: Cha robh, chaidh mis’ ann airson, airson ’s bha mi sa phipe band, pipe band aca.

EC―17:53: Agus am biodh sibh a’ dol a-mach air chuairtean no a-mach…a-mach air exercises is sin cuideachd?

AM―17:56: O, bha, bha againn ri sineach a dhèanamh cuideachd, a dol a-mach.

EC―17:59: So bhiodh sibh a’ làimhseachadh gunnachan is rudan mar sin.

AM―18:00: O, bha, bha, is a’ dol a range is gunnachan is targaid is a’ dol a-mach air an oidhche airson exercises.

EC―18:07: So bha e car coltach ri bhith as an, as an arm ’s dòcha, as…as…as na Territorials, ’s dòcha?

AM―18:12: Bhiodh, ’eil fhios agad, bhitheamaid a’ dol a-mach ag ionnsachadh Bren guns is Sten guns is…o bha sineach, bha againn ri sin a dhèanamh cuideachd a bharrachd air an sineach agus bha…ach ’s e, ’s e a’ phìobaireachd bu mhotha a bha sinne a’ dèanamh. Bha sinn rud beag air leth ach dh’fheumamaid sineach a dhèanamh. Bhitheamaid a’ dol gu campaichean as t-samhradh cuideachd, bha campaichean…

EC―18:32: Cà’ an robh sibh a’ dol gu campaichean, cà’ an robh, ca’ an robh na campaichean agaibh?

AM―18:34: Bha campa againn shìos sa…faisg air Helensburgh an sineach, bha fear eile againn ann am Peairt, Cultybraggan a chanadh…

EC―18:47: Cultybraggan, chuala mi mu Cultybraggan.

AM―18:48: Cultybraggan, bha, bha sinn an sineach. A h-uile…h-uile duine againn, bhiodh na h-oilthighean uileadh an sineach, Glaschu is Dùn Èideann is…

EC―18:58: Bhiodh tòrr fealla-dhà a’ dol ma-tà.

AM―18:59: O, bhiodh, agus tòrr òl agus cluiche agus rudan mar sineach a’ dol, a bharrachd air…

EC―19:05: Agus dè mu dheidhinn…?

AM―19:07: A bharrachd air…

EC―19:08: A bharrachd air, barrachd air ionnsachadh. Agus bha sibh ag ràdh gun robh sibh, gun robh sibh a’ cluiche spòrs, an robh sibh a’ cluiche spòrs as an oilthigh cuideachd?

AM―19:14: Bha, bha mi a’ cluiche do dh’Obar Dheathain ann an iomain, iomain a bha mi a’ cluiche an uair sin, a’ cluiche do dh’Obar Dheathain as an iomain.

EC―19:20: Ceart, agus tha mi cinnteach gun robh…gun robh tòrr siubhail an lùib sin cuideachd?

AM―19:24: Bha, bha tòrr siubhail againn, a’ dol an siud is an seo so, a’ cluiche.

EC―19:27: An robh sibh a’ cluiche ann an lìog, mar gum biodh?

AM―19:29: Ann an lìog ann an…a’ cluiche an aghaidh na h-oilthighean eile cuideachd ’eil fhios agad, bha cupa air leth ann airson oilthighean.

EC―19:36: Ach bhiodhte cuideachd a’ cluiche an aghaidh sgiobaidhean as a’ choimhearsnachd cuideachd, am biodh, eadar…?

AM―19:40: Bhitheamaid a’ cluiche Druim na Drochaide is Boleskine ’eil fhios agad an fheadhainn sin, is feadhainn bheaga timcheall, agus shin agad e, agus sa phipe band bhitheamaid…competitions ann leis a’ phipe band, ’s ann eadar na h-oilthighean cuideachd, bhitheamaid a’ dol sìos a Ghlaschu airson competition.

EC―20:02: Tha coltas gu math, gu math farsaing air…air…air an fhoghlam ann an Obar Dheathain co-dhiù.

AM―20:08: Bha. Ach bha againn, bha againn ri foghlam a dhèanamh cuideachd!

EC―20:11: Beagan foghlaim, beagan foghlaim ann cuideachd mar gum biodh!

AM―20:13: Bha foghlam againn ri dhèanamh a bharrachd air an sin.

EC―20:14: Agus, agus an robh e furasta dhuibh a bhith a’ suidhe sìos agus a bhith ag ionnsachadh, an e rud a thàinig gu nàdarra dhuibh?

AM―20:19: Och aidh tha mi a’ smaointinn gun…o bha is an…

EC―20:22: Chan e, chan e mar gum biodh rud, rud trom a bh’ ann a bhith ag ionnsachadh.

AM―20:25: Chan e. Bha e math an dèidh a bhith as an hostel, ’eil fhios agad, suidhe sìos…

EC―20:28: Bha sibh car eòlach air a bhith a’ suidhe sìos air an oidhche is rudeigin mar gum biodh, beagan structair mar gum biodh.

AM―20:34: Aidh, agus…ach bhiodh agus bhithinn a’ cluiche na pìoba, bha mi nam…och well, dreuchd bheag a bh’ agam, Honarary Piper airson an…Comunn Ceilteach Obar Dheathain is bhithinn a’ cluiche aig dannsaichean an sineach cuideachd, is rudan mar sineach.

EC―20:56: Agus ciamar a bha e a’ fuireach, a bhith a’ fuireach ann an Obar, Obar Dheathain, an e baile beag a bh’ ann fhèin aig an àm sin, an robh…an robh seo mus tàinig an ola, an e, an e…?

AM―21:02: Seo mus tàinig e, aidh.

EC―21:04: So ’s e mar gum biodh, ’s e baile mar gum biodh…uill meadhanach mòr ach…iasgach is rudan mar sin, an e is…ann?

AM―21:12: ’S e. ’S e an t-iasgach a bh’ ann, acarsaid mhòr ann is an t-iasgach is…

EC―21:17: A bhith a’ frithealadh tuath...tuathanaich is rudan mar sineach is…

AM―21:20: ’S e.

EC―21:21: Yeah, sin mar gum biodh. Agus an robh miann agaibh a bhith a’ fuireach ann an Obar Dheathain no an robh sibh toilichte am baile fhàgail, an robh…an robh, an robh…am biodh tu a’ fuireach…am biodh, am biodh tu deò…’s dòcha deònach fuireach ann, no an e dìreach àite a bh’ ann airson foghlam?

AM―21:37: O, dìreach àite a bh’ ann airson foghlam tha mi a’ smaoineachadh, ach, ach dìreach mar a bha obraichean a’ dol, dh’fheumadh tu cur a-staigh airson obair.

EC―21:44: Far an robh…far, far am faigheadh tu.

AM―21:45: Far am faigheadh tu obair. Agus bhiodh, bhiodh contractors is companaidhean a’ tighinn timcheall a’ coimhead air na daoine, ’eil fhios agad.

EC―21:54: An robh, an robh caran Milk Round, an robh iad…an robh buidhnean a’ tighinn a-staigh dhan oilthigh?

AM―21:59: Bha. Bha, son faicinn dè…cò ghabhadh iad, agus fhuair mise a’ chiad obair a bh’ agam còmhla ri companaidh, ’s e George Wimpey a bh’ orra.

EC―22:17: Chuala mi mu dheidhinn. Agus cà’ an robh sineach, dè an obair a bha…dè, dè an obair a bh’ ann mar gum biodh?

AM―22:23: O a, a’ chiad obair a bh’ agamsa ’s ann a bha mi ag obair aig Inverawe, ma chuala tu a-riamh far a bheil Inverawe?

EC―22:29: A bheil sin shìos mu Earra Ghàidheal ’s dòcha?

AM―22:31: Aidh, faisg air an Òban, Loch Abha, tha fhios agad far a bheil Loch Abha?

EC―22:34: Tha fhios, tha fhios agam taghta far a bheil Loch Abha.

AM―22:36: So bha mi ag obair an sineach, ’s e Tunnel Engineer a bh’ annam. Bha tunnel air  leth…bha tunnel mu…bha dà…bha dhà no thrì de schemes a’ dol aig an àm sin. Bha tè aig Cruinneachaidh agus ’s e Inverawe Tunnel a bha mise ag obair air, agus sin agad far a bheil an abhainn Abha. Chaidh tunnel a dhèanamh fo bha…fo Beinn Cruachan sìos chun a’…Loch Èite. ’Eil fhios agad, mar a tha Loch Abha gu math nas àirde na an cuan, ’eil fhios agad, ’ se gravity scheme a bha sineach, gravity scheme a bh’ ann, is ma bhios tu a’ dol seachad taobh an Òbain an sineach chì thu dam tarsainn den…air an abhainn. Shin agad far a bheil toiseach an tunnel a’ tòiseachadh, agus e a’ dol sìos – tunnel gu math level, agus an uair sin nuair, nuair a ruigeas e faisg air Loch Èite tha e a’ dol sìos gu na turbines an uair sin. Bha…bha power station shìos an sineach. Agus…’s e, obair mhòr a bha sineach.

EC―23:54: Ionns…ionnsachadh math son, son duine a’ tòiseachadh.

AM―23:57: ’S e ionnsachadh math ’eil fhios agad, ag obair air, ’eil fhios agad, tòrr ionnsramaidean ùra is feadhainn…dh’fheumadh tu a bhith gu math faiceallach air, air na h-angles is…bha trì…bha an tunnel a’ dol a-staigh bho Bhen Cruachan is a’ tionndadh an uair sin agus bha, bha iad ag obair o aon cheann gun...on a…bha iad…bha iad mar a bha iad a’ cladhadh cho…on a cheann a tuath agus an ceann a deas agus dùil aca coinneachadh a chèile ann an àiteigin.

EC―24:36: An àiteigin! Bhiodhte, bhiodhte an dòchas! Agus an robh sibh a’ fuireach faisg air an obair no an robh agaibh ri siubhal a-staigh gach latha?

AM―24:44: Cha robh a bhròinein bhithinn…air an…air an obair.

EC―24:47: Bha sibh a’ fuireach. Agus an robh…an robh…an robh campa…bha campa ann?

AM―24:50: Campa ann, campa mhòr an sineach, bha.

EC―24:53: Agus ciamar a bha sineach? An robh…an robh e…an robh e…?

AM―24:55: Beagan…glè mhath. Cha robh e cianail math an toiseach ach dh’fhàs e na b’ fheàrr ’eil fhios agad, is thug iad a-staigh barrachd engineers cuideachd ’eil fhios agad. Bha sinne…bha sinne ag obair air dusan uair san latha, shifts.

EC―25:10: Agus bhiodh, bhiodh feadhainn a’ tighinn às a h-uile ceàrnaidh tha mi a’ creidsinn, a dh’obair ann. Tha mi cinnteach gum biodh feadhainn às a h-uile sgìre ag obair còmhladh, am biodh? Am biodh, am biodh ’s dòcha Èireannaich is Albannaich is a h-uile…

AM―25:20: O, bha sguadan, bha sguadan air leth ann, sguad à Poland.

EC―25:25: Fiu ’s, fiù ’s aig an àm sin bha feadhainn a’ tighinn às a’ Phòlainn?

AM―25:27: Bha, bha sguad Poland ann is sguad eile ’s e sguad Èireannach a bh’ annta, agus ’s e foreman Polish a bh’ ann cuideachd.

EC―25:36: Agus an robh a’ Bheurla aig…aig…aig na Pòlannaich no…?

AM―25:39: Seòrsa dheth, pàirt dheth, bha. Agus bha, bha sineach gu math. Agus an uair sin shioft iad sìos mi a Lunnainn.

EC―25:52: So sin mar a…sin mar a…mar a thòisich sibh ann an Lunnainn? Agus an robh sibh aig an aon bhuidhean, an aon chompanaidh, aig George Wimpey ann an Lunnainn?

AM―25:56: Aig an aon chompanaidh, bha.

EC―25:58: Agus dè bha a’ tachairt aig an àm sin ann an Lunnainn a thaobh togalaichean, an robh tòrr a’ tachairt aig an àm sin no…?

AM―26:03: Togalaichean gu leòr, bha. ’S e a’ chiad bhuidheann, bha mi…bha dhà no thrì, triùir againn ag obair air a’ chiad grandstand a thog iad ann an Ascot, bha sinn ag obair air an sineach, tha cuimhn’ agam air an sineach, ach tha fear ùr aca a-nist tha mi smaointeachadh, leag iad, leag iad am fear ud a chuir sinne suas! Agus an uair sin chaidh sinn gu togalaichean àrd, multistoreys mar a chanas tu ris, aidh, ag obair air design work airson sineach, son…

EC―26:38: Agus ciamar a bha e a bhith ag obair ann an Lunnainn? An e saoghal cho diofraichte a bh’ ann dhuibh no…?

AM―26:43: Bha e gu math diofraichte gun teagamh - uill, is…is dòigh, ’s e dìreach baile a bh’ ann gun teagamh is bha…agus mar a bha sa h-uile àite bha na Gàidheil a’ cruinneachadh an àite sònraichte. 

EC―26:54: Seadh dìreach. Agus cà’ am biodh na Gàidheil a’ tighinn cruinn, cruinn ann an Lunnainn ma-tà? An robh, an robh àiteachan ann dhaibh?

AM―27:00: Bha, bha bàr ann…dè chanas tu ris…air Fleet Street a bha e cuideachd, chan eil cuimhn’ agam dè an t-ainm a th’ air a-nist, cuimhnichidh mi an ceartuair. Agus bha…bha buidheann eile aig na Leòdhasaich is na Hearaich ann cuideachd, bha, Lewis and Harris Society a chanas iad riutha.

EC―27:26: Seadh, agus an robh buidheann ann son Uibhistich cuideachd no an robh sibh…?

AM―27:28: Cha robh, cha robh, cha robh aig an àm sin. Cha robh sinn ach dìreach a’…bhiodh, bhiodh sinne a’ dol còmhla ri chèile co-dhiù.

EC―27:33: Bha sibh a’ dol còmhla ri chèile co-dhiù.

AM―27:34: Na h-Uibhistich is na Hearaich is na Leòdhasaich còmhla as a’…cruinneachadh sineach ann an…och bhiodh dhà, dhà no thrì de bhars an sineach, bhitheamaid…bhitheamaid a’ coinneachadh.

EC―27:51: Agus an robh còisir ann no rud sam bith mar sineach cuideachd? An robh còisir Gàidhlig ann an Lunnainn no…?

AM―27:56: Aidh, bhiodh…bha còisir…bha còisir Gàidhlig ann gun teagamh, ach cha robh mise…

EC―28:00: Cha robh thu an sàs ann.

AM―28:01: An sàs ann idir, ach…bha…o bha tòrr de Sgitheanaich ann cuideachd is…bha…’s ann an sin a choinnich mise a’ bhean agam.

EC―28:18: Bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd, ciamar a choinnich thu fhèin is Màiri ri chèile, an robh…bha ise ann an Lunnainn cuideachd. Agus dè bha ise a’ dèanamh ann an Lunnainn, an robh i…an robh i ag ionnsachadh no ag obair?   

AM―28:25: ’S ann…chan ann buileach à Lunnainn a bha i, ’s ann à Hertford a bha i.

EC―28:29: Ach goirid air Lunnainn co-dhiù.

AM―28:33: Nurs a bh’ innte, nurs. Ach bha i…bha i…bha i dìreach a’ trèanadh an uair sin is…ach bhiodh…bhiodh ise, bha…bha còisir acasan, bha còisir Èireannach ann cuideachd agus bha, bha còisirean Alba...Albannach ann cuideachd, ach cha…cha robh mise…cha robh mise nan còir.

EC―29:06: Chan eil, chan eil e freagarrach. Agus tha fios a’m san latha an-diugh gu bheil sibh an sàs ann an dràma gu mòr. Ciamar a thòisich ur n-ùi...ur n-ùidh ann an dràma? An robh...an robh sibh an sàs ann ann an Lunnainn no…?

AM―29:14: Cha robh, cha robh, cha robh. Tha mi a’ smaoineachdainn…a’ bhean a thug orm tòiseachadh.

EC―29:22: Thug i or…cha robh roghainn ann mar sin!

AM―29:24: Yeah, thòisich mi…bha…bha…bha dràma a’ dol an uair sin, ’s ann ann an Sgoil an Ìochdair a bha e, Raymond Madill, a bheil fhios agad no a bheil cuimhn’ agad air?

EC―29:35: Tha cuimhn’ a’m taghta math air Raymond. So, so…so bha sibh ann an Lunnainn co-dhiù, so chuir sibh crìoch air an obair agus, agus dè…dè tha…ach tillidh sinn chun an dràma, till…tillidh sinn chun an dràma gu dearbh, feumaidh sinn tilleadh chun an dràma.

AM―29:48: An cum mi…an cum mi a’ dol far an robh mi, dè bha mi a’ dèanamh…?

EC―29:51: Ach, ach, ach dè thachair an dèidh a bhith ann an Lunnainn?

AM―29:54: Bha mi ann an Lunnainn airson ceithir bliadhna.

EC―29:56: O, so bha sin deagh…deagh chnap ùine.

AM―29:58: Ach bha mi ag iarraidh a-mach a dh’obair air…air a’…’s ann as an oifis a bha sinne fad an t-siubhail is cha, cha robh sineach…

EC―30:04: Cha robh tlachd a bhith a-staigh fad an latha.

AM―30:05: Och, bha e fada gu leòr. Dh’iarr mi…dh’iarr mi a dhol a-null…air ais a dh’Alba an uair sin.

EC―30:12: So thàinig cothrom tilleadh a dh’Alba?

AM―30:14: Aidh.

EC―30:16: Agus ciamar a thàinig an cothrom sin a dh’Alba…tighinn air ais a dh’Alba, an e…?

AM―30:18: Uill, dh’iarr mi a dhol air ais.

EC―30:29: Dh’iarr sibh a dhol air ais. Agus an robh sibh as an aon chompanaidh no…

AM―30:21: An aon chompanaidh.

EC―30:22: An aon chompanaidh ach fhuair sibh tilleadh a dh’Alba.

AM―30:25: Aidh is ’s ann san Eaglais Bhreac a bha mi, thog sinn dà thogalaich àrd an sineach, san Eaglais Bhreac.

EC―30:33: Tha cuimhn’ agam air na…na togalaichean sin fhaicinn. Agus cà an robh sibh a’ fuireach nuair a bha sibh ag obair san Eaglais Bhreac, an robh sibh as a’ bhaile fhèin no…?

AM―30:42: Cha…uill, chan ann an toiseach. Bha mi a’ fuireach ann an Cille Brìghde an Ear.

EC―30:50: Cille Brìghde an Ear. Seadh dìreach.

AM―30:52: Dìreach son, son treiseag, bha…bha mo phiuthar an sineach, a’ fuireach an sineach. Agus an uair sin nuair a…nuair a phòs mi, fhuair sinn àite ann ann…san Eaglais Bhreac.

EC―31:04: San Eaglais Bhreac fhèin. Agus dè seòrsa baile a bha sineach, an robh…an robh e a’ fàs mòr aig an àm no an e baile…?

AM―31:08: O, cha robh. Cha robh ann ach baile beag an uair sin. Agus an, an uair sin bha mi a’ fuireach ann…sin…an dèidh sineach bha mi ag obair ann an Dùn Èideann an uair sin. Seadh, bha sinn a’ fuireach san Eaglais Bhreac, bha sinn a’ falbh…

EC―31:28: Chan eil, chan eil e cho fada sineach.

AM―31:29: Chan eil. Dè bha mi sineach? Tha mi cinnteach gun robh son bliadhna no rudeigin, agus chaidh mi an uair sin gu…dè a’ Ghàidhlig air Livi…Livingston, Baile Ùr, Baile Ùr…rudeigin mar sineach. Ach cha robh e…cha robh e ann an uair sin, sin an…

EC―32:00: Baile, Baile Mhic Dhùn Lèibhe no rudeigin.

AM―32:01: Aidh, aidh ’s e, Baile…aidh, ’s e…bha mi aig an aon bhuidheann, bha mi aig an aon bhuidheann.

EC―32:07: Agus ’s e, ’s e baile ùr a bh’ ann, an e baile ùr a bha sineach mar gum biodh? An e baile ùr a bh’ ann an Livingston?

AM―32:10: Cha robh e ann.

EC―32:11: Cha robh e ann! Bha e…bha e cho ùr sin!

AM―32:14: Rinn sinne na rathaidean agus na drèanaichean is na rudan mar sineach, deiseil…deiseil air...airson taighean a thogail. Ach bha mi, bha mi dìreach a’ fàs sgìth den chompanaidh an uair sin.

EC―32:36: Bha feum air rud, rudeigin ùr. Agus an robh sibh…an robh sibh an sàs ann an gnothaichean Gàidhlig aig…as na bailtean shìos uill…am meadhan Alba, ann an Glaschu is Dùn Èideann, an robh can scene ann mar gum biodh is…

AM―32:46: Cha robh.

EC―32:47: Cha robh consairt no...

AM―32:48: Cha robh, cha robh aig an àm sin. Och chaidh mi a-staigh…chunna’ mi sanas a bha seo sa phàipear son obair shuas aig taobh an iar Rois, chuir mi a-staigh air a shon agus chaidh mi suas a dh’Inbhir Pheofharain…Inbhir Pheofharain airson bruidhinn…an dèidh sineach, is o thug iad dhomh an obair.

EC―33:14: Dìreach mar sin! Dìreach air an spot.

AM―33:18: Air an spot. Agus chaidh sinn dìreach gu taobh an iar Rois an uair sin, faisg air Ullapool ann an Loch Broom, bha sinn a’ fuireach ann an Loch Broom, fhuair sinn…fhuair sinn taigh air màl ann an sineach.

EC―33:32: Agus dè an obair a bh’ agaibh san sgìre sin?

AM―33:34: Bha sinn a’ dèanamh rathad ùr eadar Garbh agus Ulapul, bha rathad ùr ri dhol an sineach. Bha pìos air a dhèanamh gun teagamh, ach pìosan nach robh. Agus chanainn an obair a bh’ againn ’s e…mar a chanas iad sa Bheurla construction unit a bh’ ann. Bha sinne rud beag air leth on Chomhairle, agus ’s ann gu Oifis na h-Alba a bha sinn ag obair, agus ’s e sinne, bha sinn nar barantachd consultants, contractors an sineach, mar sineach…bha sinn a’ dèanamh a h-uile rud. Bha sinn a’ dèanamh barantan, design is…is ag obair le caran de DLO, luchd-obair agus mar sineach cha robh…cha robh againn ri pàigheadh airson consultants na dad mar sineach. Bha sinn a’ dèanamh a h-uile dad dhuinn fhìn. Mar a chanadh iad construction units a bh’ ann. Bha feadhainn eile ann an…’eil fhios agad, feadhainn de na motorways cuideachd à Sasainn bhiodh feadhainn de na construction units a bha sineach, agus chaidh sinn ann, bha dùil againn…bha dùil againn a dhol a Chanada uaireigin cuideachd.

EC―35:05: A dh’fhuireach is a dh’obair ann mar…?

AM―35:07: Aidh, an toiseach, ach chòrd Loch a’ Bhraoin is Ulapul rinn ro…ro mhath.

EC―35:15: Agus dè seòrsa beatha a bh’ agaibh a bharrachd air obair ann, an robh cothroman sòisealta ann cuideachd a bhith a’ dol…an robh…?

AM―35:20: Bha, bha. Bha earrann den Chomunn Gàidhealach ann an Ulapul agus bhitheamaid…coinneamhan againn a h-uile mìos is bha…bhiodh cèilidh againn a h-uile mìos…bha…cuimhn’ agam is i an ceann-suidhe a bh’ air…air a’ Chomunn Ghàidhealach taobh an iar Rois agus bha…bha sinn…bhiodh ceilidh againn a h-uile mìos san hotel agus bhitheamaid a’ faighinn seinneadairean a-nuas à tha…Glaschu is Dùn Èideann is…’eil fhios agad, Mod medallists agus och bha…an obair, agus bha…bhithinn cuideachd a’ sreap.

EC―36:07: Bha mi dìreach a’ dol a dh’fhaighneachd sin, am biodh sibh a’ faighinn a-mach cuideachd air…air na beanntan is air an dùthaich?

AM―36:12: Bha mi as a…buidheann Mountain Rescue mar a chanas iad.

EC―36:17: An robh cuideachd?

AM―36:18: Bha.

EC―36:18: O, gu dearbha fhèin?

AM―36:19: ’S ann a…Dundonell a chanadh iad rithe, Dundonell Mountain Rescue Team.

EC―36:22: Agus an robh sibh air ur cumail gu math trang tha mi cinnteach?

AM―36:25: Bha, meadhanach trang, bha. Bha is…bhitheamaid a’ dèanamh tòrr trèanadh is…cuideachd, bhitheamaid a-mach a h-uile, a h-uile deireadh-seachdain a’ dèanamh rudeigin, ’eil fhios agad.

EC―36:36: Agus dè bhiodh ag adhbhr…ag adhbhrachadh can daoine a’ dol…a’ dol ceàrr air a’ bheinn, an e…an e…nach…nach robh iad deiseil air a…air a son no nach robh aodach freagarrach orra no an robh iad a’ feuchainn ri cus a dhèanamh no an robh…?

AM―36:47: Mar as trice cha robh…cha robh iad deiseil.

EC―36:49: Cha robh iad deiseil.

AM―36:50: Cha robh iad deiseil is bha iad a’ feuchainn rudan nach bu chòir dhaibh fheuchainn is…

EC―36:53: Cha robh iad comasach mar gum biodh.

AM―36:54: Bhiodh iad a’ tuiteam is a’ goirteachadh a chèile is rudan mar sin, is och bha sin gu math iongantach gun teagamh, bha…bha, bha e a’ còrdadh rinn cuideachd ’eil fhios agad, ’eil fhios agad, bha crowd math againn ann agus…

EC―37:08: Bhiodh sibh gu math dlùth ri chèile tha mi a’ creidsinn.

AM―37:10: Och bhiodh, aidh, agus…och bhiodh…bhitheamaid a’ dol…air an oidhche cuideachd bhiodh, bhitheamaid a’ dol a-mach.

EC―37:21: Dh’fhaodadh tu a bhith…dh’fhaodadh sibh a bhith air ur gairm tha mi a’ creidsinn aig uair sam bith.

AM―37:24: Aidh, aidh, bhiodh, bhiodh. Och bhiodh deannan ann ach…ach bhitheamaid a’ trèanadh son ag obair air an oidhche cuideachd ’eil fhios agad, agus as an t-sneachd is…

EC―37:37: As a h-uile, a h-uile suidheachadh.

AM―37:38: Tòrr sneachd againn an sineach cuideachd.

EC―37:40: An robh gu dearbh, shuas…shuas an…

AM―37:41: Bha. O bha…bhiodh sneachda trom, bhiodh…bhiodh na rathaidean dùinte uaireannan, gu math tric.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8247