Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Ailig Mac a' Phì (2)

EC―00:05: Ach co-dhiù fhuair sibh cothrom tilleadh air ais a Bheinn na Faoghla co-dhiù so, agus dè rinn sibh an uair sin?

AM―00:13: Bha mi ag obair air a’ chruit is an uair sin chaidh mi a dh’obair gu Govan.

EC―00:16: An robh beò-shlaint ri dhèanamh air a’ chruit fhèin no…?

AM―00:20: Cha robh, dh’fheumadh tu obair eile còmhla rithe. Dh’fheumadh. Bha e gu math doirbh beò-shlaint a dhèanamh air a’ chruit, cha ghabhadh e dèanamh. Mar as trice, ’eil fhios agad, dh’fheumadh tu…cruit mhòr a bhith agad.

EC―00:36: No beag…no grunnd a thoirt còmhla ’s dòcha. Agus chaidh sibh gu Govan an uair sin an tuirt sibh, companaidh ann an Govan?

AM―00:44: Aidh, ’s e. Bha iad…à Ayr a bha iad, ’s ann aca a bha Midlands aig a’ Mhinistry shuas an seo. Bha mi ag obair ann an sin gu…dh’fhalbh iad.

EC―00:58: Agus an robh daoine eile cuideachd ag, ag obair an seo, feadhainn à àiteachan eile, an robh…an robh…bha…bha…luchd-obrach bho àiteachan eile ann?

AM―01:06: Chaidh sinn a Hiort, bha mi trì mìosan ann an Hiort aig Govan a bha sin, bha peantadh ann.

EC―01:13: So, trì mìosan gun faighinn dhachaigh, cha robh…cha robh…? Ciamar a bha, ciamar a bha sin?

AM―01:17: O, chòrd e glan rium.

EC―01:23: Agus an d’fhuair sibh cothrom a dhol air feadh an eilein a’ coimhead air na…?

AM―01:26: Och fhuair, a ghràidh ort, cha robh oisean nach do shiubhal sinn, feasgar, ’eil fhios agad, nuair a bhiodh tu air sguir a dh’obair.

EC―01:33: Agus an robh latha gu math fada, latha fada obrach agaibh?

AM―01:37: Uill, cha robh, bhathas ag obair is hud och uill, cha mhòr nach robh sinn ag obair mar a thogramaid fhìn. Agus dhèanadh tu…bha thu a’ dèanamh na h-obrach a bh’ agad ri dhèanamh dìreach, is sin agad e feasgar, is an uair sin dol sìos dhan champa agus a’ gabhail…a’ gabhail tì, biadh an sin. Bha an t-arm ann, ’s iad a bha gar biadhadh, is bha am ‘Puffin Inn’ ann.

EC―02:03: An robh sin ann? So, bha cothrom, bha cothrom agaibh air balgam fhaighinn feasgar cuideachd?

AM―02:06: O, bha a ghràidhein, bhitheamaid a’ dol ann, Seonaidh Dhòmhnaill Sheonaidh bhiodh e còmhla rium à Ceann a’ Bhàigh, a bheil thu eòlach air?

EC―02:15: Chan eil mi eòlach air Seonaidh idir.

AM―02:17: ’S e bha còmhla rium, mi fhìn is e fhèin na pals a bha thall an sin nuair a bha sinn ann an Hiort.

EC―02:22: Agus cò an companaidh a bha sineach? Cò, cò…

AM―02:24: Govan.

EC―02:25: ’S e Govan fhèin a bh’ ann gabh mo leisgeul, ’s e Govan fhèin a bh’ ann.

AM―02:29: Ruairidh Dhòmhnaill na h-aibhne à deas bha e ann is Calum Chaluim Iain.

EC―02:35: Agus am biodh sibh ag iasgach no dad sam bith feasgar? An robh sibh…an robh cothrom agaibh…?

AM―02:40: Cha robh, cha robh sinn ag iasgach idir, cha robh. Cha robh cothrom againn air. Ach bhiodh a’ mhòr-chuid den arm fhèin ag iasgach, o ghràidh, bha rionnach ann a bha…hud a Dhia, monster sgràthail, bha e snog. Bhiodh an t-arm gan fhaighinn, agus gheibheamaid feadhainn dhiubh nam bitheamaid gan iarraidh, ach bha iad fhèin ga dhèanamh.

EC―03:05: Seo nist. So, agus dè cho fad ’s a bha an, an obair còmhla ri Govan ma-tà, dè…an robh, an robh sibh ann ùine mhòr?

AM―03:13: Bha mi ann dìreach gus an do sguir iad. Chaidh iad burst ann an Ayr, bha…theann iad air housing scheme air choireigin is chaidh iad ann an liquidation, so that was it.

EC―03:26: So dh’fhàg sibh an obair. Agus dè rinn sibh an dèidh Govan fhàgail?

AM―03:31: Och uill cha robh mi ach, uill bha mi…ag obair thall is a-bhos.

EC―03:39: Agus ach, cha robh…an robh obair sam bith eile agaibh aig companaidhean?

AM―03:42: Chan e, bha, bha mi ag obair aig a’ Water Board.

EC―03:45: Sin, sin a bh’ orm, sin a bh’ orm.

AM―03:48: Bha, fhuair mi…theann mi aig a’ Water Board an uair sin, ’eil fhios agad, aguss bha mi ann gus an do retire mi.

EC―03:54: So, ’s e sin an obair a b’ fhaide a bh’ agaibh a-riamh mar gum biodh, aig a’ Water Board?

AM―03:56: ’S e. Bha mi seachd bliadhna fichead ann.

EC―03:59: ’S e cnap…cnap math ùine.

AM―04:02: Bha mi an uair sin, bha mi trì fichead ’s a còig an uair sin.

EC―04:08: Agus dè an obair a bh’ agaibh aig a...aig a’ Water Board?

AM―04:10: A h-uile seòrsa. Càradh bhurstaichean is a’ cur sìos pìoban ùra. O dìreach…dol a-mach aig…uaireannan gheibheadh tu brath gun robh…nach robh uisge aig siud tha uisge aig seo, cha robh e gu diofar dè an t-sìde a bh’ ann dh’fheumadh tu a dhol a-mach.

EC―04:27: A bheil sibh a’ faicinn diofar sam bith as an t-sìde bhon a bha sibh nar dhuine òg as an latha an-diugh?

AM―04:30: Tha. Diofar mòr ann.

EC―04:34: A bheil e…a bheil iad…a bheil na ràithean a’ dol an lùib a chèile no bheil…mar gum biodh…ciamar?

AM―04:40: ’Eil fhios agad, chan urrainn dhut, chan urrainn dhut a ràdh, ciamar a chanadh tu…uaireigin ‘O bidh i snog a-màireach’, ’eil fhios agad, nis’ tha cuimhn’ agamsa gum biodhte a’ dlùthadh an arbhair as t-fhoghar, deireadh an fhoghair, can gun robh thu a’ fàs anmoch bhiodh bun agad agus chan fhaigheadh tu ‘Och fàgaidh sinn e, cuiridh sinn crìoch air a-màireach’, cha robh thu ach ga fhàgail, cha leigeadh tu leas sian a chuir air, bha fhios agad gun robh i gus a bhith tioram. Ach chan urrainn dhut sin a dhèanamh an-diugh. Cha mhòr nach fheumadh tu tarpaulin a bhith nad, ri do thaobh an-diugh. Dìreach ag obair air dlùthadh, ach chan eil dlùthadh a’ dol an-diugh.

EC―05:18: Agus leis an obair a bha agaibh aig a’ Water Board, an robh sibh ag obair ann an Uibhist a Tuath is a Deas, air feadh Uibhist?

AM―05:25: Bha, bha. Barraigh.

EC―05:27: Barraigh cuideachd?

AM―05:28: O, bha is Beàrnaraigh. Bhithinn a’ dol a Bheàrnaraigh. Bhithinn am Barraigh is bhitheamaid a’ relieveadh gu math tric, Mìcheal Iain a bh’ air thall an sineach.

EC―05:39: Cuideigin à Barraigh ach…

AM―05:40: Uh-huh. An dèidh dhaibh, ’eil fhios agad, a’ falbh air holiday na rud den t-seòrsa sin, bha mise a’ dol a-null. Och chòrd e math leam.

EC―05:48: A bhith a’ dol a Bharraigh?

AM―05:49: Chòrd. Agus gu seachd àraid Beàrnaraigh.

EC―05:54: Beàrnaraigh…Beàrnaraigh na Hearadh?

AM―05:56: Uh-huh. Bu thoil leam a dhol a Bhèarnaraigh. Bha mi stranded ann aon oidhche, ’eil fhios agad,

EC―06:05: Cha robh an drochaid ann an uair sin.

AM―06:06: Cha robh drochaid ann an uair sin.

EC―06:09: Agus an robh, an robh oidhche mhòr agaibh ann am Beàrnaraigh?

AM―06:11: Bha ghràidh, mi fhìn agus Niall MacAsgaill. ’S e…o bha laghach Niall. Dòmhnall Angaidh, bhiodh bàt...’s ann aca a bha am bàta. O, thàinig stoirm eagalach, b’ fheudar dhomh fuireach còmhla riutha.

EC―06:24: An robh pàrtaidh agaibh thall an Èirisgeigh an oidhche sin?

AM―06:26: Chaidh sinn sìos dhan Mhission Hall a chluiche badminton. Sin an job a bh’ againn air an oidhche sin.

EC―06:32: Agus an e rud mòr a bh’ ann a bhith, a bhith a’ cluiche badminton? An e rud a bhiodh…?

AM―06:35: O, bha mi fhìn is Roddy ‘Red Tie’ eagalach keen air a’ bhadminton, bha sinn anns an gym ann a sheo, cha robh sinn a’ falbh às.

EC―06:42: Agus am biodh seo ann a h-uile seachdain?

AM―06:45: Bha, ghràidh ort, bha, o thia bha…bha e sgoinneil, Dòmhnall Roddy is Neilly Ruairidh is Fearchar is och, set a bha sin, bhiodh grunn mhath ann, dìreach làn, aidh.

EC―06:58: Seadh. Agus an dà chuid fireannaich is, is boireannaich a’ cluiche, an robh? An robh boireannaich a’ cluiche cuideachd?

AM―07:04: Bha, mixed doubles.

EC―07:06: Ceart. So, ’s e, ’s e rud math sòisealta a bh’ ann.

AM―07:09: ’S e, o ’s e. Bha…an toiseach, ’eil fhios ’ad, chuir iad meter anns an gym is dh’fheumadh tu tasdan a chuir ann, ach an dèidh dhuinn chuireadh ann e, cha robh glas idir air, agus dè bha sinn a’ dèanamh ach bha sinn a’ toirt dheth a’ mhullaich agus a’ cur, a’ cur an tasdain, an aon tasdan roimhe grunn thriopan agus bha e a’ dèanamh an oidhche dhuinn! Gus an do sheall iad e…’s ann a bhiodh…do bheatha…cha robh sgilling ach an tasdan ann is chuireadh glas ann an uair sin, is bhitheamaid...

EC―07:46: Agus am biodh sibh a’ cluiche an aghaidh feadhainn eile bho, bho…?

AM―07:48: Aidh, bhitheamaid a’ cluiche an aghaidh tuath agus a’ cluiche an aghaidh deas, Dalabrog.

EC―07:56: So bhiodh farpaisean gu math cruaidh, uill chan e cruaidh, ach bhiodh sibh, bhiodh sibh ag iarraidh glèidheadh.

AM―08:02: O, bha, cinnteach, glè mhath. O, bha mi fhìn is Roddy a’ glèidhinn mar bu trice, bha, bha sinn math còmhla. Fhuair sinn sin a ghlèidhinn anns an gym, bha competition is ghlèidh mi fhìn is Roddy na doubles is ghlèidh mise na singles, ’s ann an aghaidh Roddy a bha mi cuideachd.

EC―08:22: Agus am biodh spòrs eile sam…an robh sibh a’ cluiche football is…?

AM―08:26: O, bha a ghràidh, ’s e football bu mhotha a bha sin a’ cluiche. Bhitheamaid a’ dol sìos a’ buain mhònadh, bhiodh sinn a’ dol tarsainn air an airport a chluiche gus am biodh i dorch, a’ cluiche ann an shineach.

EC―08:39: Agus a-rithist am biodh sibh a’ cluiche an aghaidh sgiobaidhean à, à tuath is deas is…?

AM―08:42: Bha, bha. Cuimhn’ ’a’m air am Festival of Britain, chan eil cuimhn’ a’m cuin a bh’ ann anns na 40s no uaireigin…49 no…dè?

EC―08:53: Gun teagamh, rudeigin, rudeigin timcheall air sin.

AM―08:55: Bha mi a’ cluiche as an team a bha sin, cha robh mi ach òg, mi a b’ òige a bh’ innte, mi fhìn agus Tormod Aonghais Ruaidh à deas, agus an aghaidh tuath, 1-1 a bh’ ann.

EC―09:12: Bha…bha geama cruaidh ann.

AM―09:13: O, geama cruaidh a ghràidhein, bha, bha e math, bha.

EC―09:18: Agus an robh rud sam bith eile a’ tachairt, am biodh, am biodh sibh a’ ruith ’s dòcha no a’ dèanamh athletics no dad sam bith mar sin?

AM―09:24: Och ’s e glè bheag dheth sin a bha a’ dol an uair sin, ’s e.

EC―09:27: ’S e, ’s e an geama fhèin a b’ fheàrr leibh.

AM―09:29: Tha cuimhn’ a’m nuair a thàinig a…an dèidh bha a’ gheama seachad co-dhiù, dh’fheumamaid a dhol siòs – hut fhuar fhada agus bha e làn biadh, bha iad a’ dol mu chuairt le dram is cha robh, cha robh mise ach òg is bha mi ag òl ann, ach thuirt Tormod a bha ri mo thaobh ‘Och nis’ gabh druthag’ is lìon e tè is bha mise…o Dhia…bha mi a’ faicinn an hall a’ dol mu chuairt ùine mhòr is feuch an seitligeadh i!

EC―10:01: An e sin a’ chiad bhlas a bh’ agaibh air an deoch làidir?

AM―10:03: ’S e.

EC―10:07: Agus am biodh rudan eile a’ tachairt as a’…air an eilean, am biodh, am biodh dannsaichean ann an hall na h-eaglaise, no…?

AM―10:13: Bha dannsaichean as an gym a ghràidh ort, bha, bha iad ainmeil nuair a theannadh a…fear-ciùil dhachaigh far a’ mhainland.

EC―10:23: Agus cò bhiodh a’ tighinn dhachaigh a chluiche? Cò, cò na…na bands a bhiodh…?

AM―10:28: Bhiodh grunn a’ tighinn dhachaigh. Bobby MacLeod, bha e math is…

EC―10:31: An e Muileach a bh’ ann am Bobby MacLeod?

AM―10:33: ’S e. Agus Scottish dance, fhios agad, feadhainn às…cò às a bha iad a-rithist…bha iad math, och bhiodh grunn a’ tighinn, agus bhiodh an hall a bha sin a laochain dìreach packed, o chan fhaigheadh tu a-staigh an doras cha mhòr. ’Eil fhios agad bhiodh bàla na games ann, games Asgearnais.

EC―10:57: Sin an t-àm as trainge buileach?

AM―10:58: O, bha i dona an uair sin, bha i cianail. Ach bhiodh uidhir a chnogain is bhiodh gu leòr a-muigh. ’S ann nuair a thugadh air falbh na botail aca às an fheanndag.

EC―11:09: Bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd, nam, nam biodh tu ag iarraidh balgam, dh’fheumadh tu rudeigin a thoirt leat, mar gum biodh?

AM―11:13: Dh’fheumadh, is dh’fheumadh tu a chur am falach a-muigh.

EC―11:17: Agus am biodh e a’ dol air chall uaireannan?

AM―11:18: Bhiodh!

EC―11:19: Tha mi cinnteach gu bheil, gu bheil leth-bhotal ann fhathast, tha mi a’ creidsinn.

AM―11:22: Chunna’ mi aon triop, fhuair mi phone call à deas, agus thuirt e leam ‘A bheil thu a’ dol a Bhaile a’ Mhanaich, Ailig?’. ‘Tha’ ars mise’. ‘Uill, tadhal air…son bha plinth ann agus bha siota sinc ann agus na bhroinn, is bha fios ’a’m fhìn gun robh is thuirt e ‘Tha half-bottle, ars esan, fon siota sinc anns a’ phlinth an sineach, ma bhios tu a’ dol dhan bhùthaidh, faigh e’. Dh’fhalbh mise suas co-dhiù agus mar a thuirt b’ fhìor, bha leth-botal ann a shineach. Uill bha druthag bheag air a thoirt às, bha e cho taingeil ag òl còmhla ri càch dhìochuimhnich e gun robh half bottle aige fhèin.

EC―12:06: Agus an robh e cumanta daoine a bhith a’ gabhail dhramaichean no an e dìreach rud a bhiodh a’ tachairt bho àm gu àm mar gum biodh, corra uair no an robh, an robh e cumanta a bhith a’ gabhail dramaichean air an oidhche no aig a…?

AM―12:16: O, cha robh, cha robh, cha robh thu a’ gabhail air oidhche badminton co-dhiù, cha robh leithid an rud aig a’…cha robh, cha robh…oidhche danns’, sin agad thu.

EC―12:25: Seadh dìreach.

AM―12:26: Sin agad nuair a bhiodh daoine a’ gabhail tancairean. Bliadhn’ Ùr.

EC―12:36: Aig àm na Bliadhna Ùire.

AM―12:37: O, ghràidhein, bha àm na Bliadhn’ Ùire math, bha leisgeul aig a h-uile duine an uair sin air dram a ghabhail, cha chanadh duine guth leat.

EC―12:45: Agus dè bhiodh a’ tachairt aig àm na Bliadhn’ Ùire, air Oidhche Chullaig am biodh duine a’ dol mun cuairt is a’ tadhal air a chèile tòrr?

A―12:52: Bha, a’ tadhal air a chèile. Bha mi fhìn is Roddy bhitheamaid a’ falbh à Baile nan Cailleach, a’ dèanamh Baile nan Cailleach uileadh, an uair sin bha sinn a’ gabhail tarsainn gu An Àird, bha sinn a’ dol a thaigh Nelson ma ’n tuirt iad, is Sandy MacLeod is bha sinn a’ dèanamh na cuairtean a bha sin, is bha sinn an uair sin a’ dol a Cholumba Place, bha, a ghràidh, crowds an sin is Dòmhnall Roddy is…bhitheamaid…Neilly Ruairidh thug e leis an lorry aon triop, dh’fhalbh sinn as an lorry suas a bha siud a’ dol a thadhal Dòmhnall ’ic Uilleim. Ghabhadh dram a-staigh an sin, is thàinig Neilly a’ dràibheadh is thuirt e an toiseach ‘O Dhia cho caol ’s a tha an rathad a tha seo air fàs, is cha robh…bha e ga fhaicinn caol! Cumail air is e cho caol. Cumail air is…cha robh Neilly ag òl co-dhiù, ’eil fhios agad, ach, ach na dramannan a bha sineach chuir iad…chaidh e na cheann.

EC―13:53: Seo nist. So, coltas gun robh an t-aite beòthail aig an àm, gun robh tòrr a’ tachairt. Ciamar a…ciamar a thachair sibh fhèin is, is ur, ur bean le chèile, le Margaret? An robh…an ann aig dannsa a bha sibh?

AM―14:07: A’ cluiche badminton, ’s ann. Dalabrog. Bha Margaret as a’ chidsin is thàinig i a-mach às agus dh’fhaighnich i dhomh an e bràthair de dh’Eairdsidh MacPhee a bh’ annam. ‘’S e’ arsa mis’, agus tè ach…bha i, bha i ag obair aig Miss Shand, ’eil fhios agad, ’s e tè a bha a’ dèanamh…ag obair air clòithean is gnothach shuas an siud greiseag, is bha i thall an Leòdhas. Bha Eairdsidh … [unclear] … ach chan fhaigheadh iad a-nall idir is bha iad stranded ann a shin, Margaret is e fhèin is i fhèin. Bha i ag iarraidh…bha e a’ faighneachd dhi am faigheadh i dha òran air choreigin a bha aig Dòmhnall Ailean Dhòmhnaill na Bainich agus sin an dòigh a bha i a’ faighneachd dhomhsa, ’eil fhios agad, an e…, sin mar a start mi fhìn is Margaret.

EC―14:58: Dìreach, dìreach mar sin. Agus banais mhòr agaibh aig deas…an ann aig deas a phòs sibh?

AM―15:05: ’S ann.

EC―15:07: Chunnaic mi dealbh gu math snog is sibh a’ dèanamh ruidhle na bainnse tha mi a’ smaointinn, ’s e dealbh uabhasach fhèin snog a th’ ann.

AM―15:13: ’S e Doctor…dè seo an t-ainm a bh’ air…?

EC―15:17: O, Doctor Robertson, Doctor Robertson? Agus bha esan…bu toil leis a bhith a’ togail, a’ togail dheilbh.

AM―15:22: O, bha e math air tarraing dhealbhannan, bha. ’S ann às a dh’fhalbh Margaret uair a bha i, bha an taigh aca dìreach ann an Kenneth Drive, bha an taigh aca opposite far an robh Margaret a’ fuireach.

EC―15:37: Cò an taigh a tha sin, taigh, taigh an dotair?

AM―15:39: Uh-huh. Agus bha iad eagalach eòlach air a…màthair, ’s ann às an taigh sin a dh’fhalbh Margaret a phòsadh, ’s ann, taigh an dotair, ’s ann.

EC―15:50: Agus cò ris a bha banais coltach aig an àm sin, an robh, an robh rud sam bith ann ron bhanais, an robh, an robh Oidhche nam Preasant ann no rudeigin mar sineach, an robh?

AM―15:58: Bha, bhiodh…Latha nan Cearc, a ghràidh.

EC―16:02: Latha nan Cearc, Latha nan Cearc.

AM―16:04:  Bha…latha mòr a bha sin. Bha na cearcan gam bruich, ’s ann as an t-seada ann an sheo, as a’ bhothy againne a bhruich sinn na cearcan air an taobh seo. Chaidh a whole lot a bha sin suas an uair sin a Dhalabrog.

EC―16:19: Agus an e rud mòr a bh’ ann a bhith ag ithe feòil-circe, an e, an e trèat mòr a bh’ ann?

AM―16:23: ’S e ghràidh. Bha na cearcan a’ tighinn, hud bha iad gam marbhadh as an t-seada mar a bha iad a’ tighinn. Na boireannaich ann a shin a’ spìonadh is gam bruich is cia mheud dòigh, o ghràidh ort Dhia ’s e latha mòr a bh’ ann. Bha an aon rud a’ dol aig deas.

EC―16:41: Bhiodh iad…an aon rud, an aon rud is an dà chuid a’ tighinn còmhla.

AM―16:42: Bha.

EC―16:45: Agus bhiodh banais-taighe ann cuideachd?

AM―16:47: Bha cuideachd, banais-taighe, ’s ann a-bhos a bha i.

EC―16:51: Agus bha sin airson an fheadhainn a bha a’ cuideachadh aig a’ bhanais?

AM―16:53: Bha. ’S ann dhaibh a bha a’ bhanais-taighe.

EC―16:59: Agus an dèidh dhuibh pòsadh an tàinig sibh…an robh sibh a’ fuireach as a’ bhaile seo no…cà’, cà’ robh sibh a’ fuireach?

AM―17:04: Bha mi a’ fuireach ann an Columba Place. Bha m’ auntie dhomh ann a shineach ann an shin, Number 1.

EC―17:11: Agus cùin a thogadh an sgeama a tha seo Columba Place? Ciamar..an e…a bheil…?

AM―17:15: Anns na 40, late 40s, aidh.

EC―17:18: ’S e Comhairle, Comhairle Inbhir Nis a thog iad?

AM―17:20: Dè?

EC―17:21 ’S e Comhairle Inbhir Nis a bh’ ann, Highland, Highland Region, High..., uill Inverness-shire, Inverness-shire, Inverness-shire.

AM―17:28: Sin an fheadhainn a bha…

EC―17:34: ’S e taighean-fiodha a th’ annta, nach e?

AM―17:35: ’S e.

EC―17:36: An robh sin rud beag neònach san àite mar seo, taighean-fiodha ann an àite mar…?

AM―17:40: Bha dhuinne an toiseach ach bha…taighean math a bh’ annta.

EC―17:43: Tha e coltach.

AM―17:44: O, ’s e. Thàinig mi seo agus an uair sin nuair a bhàsaich m’ auntie fhuair mi…fhuair mi an taigh dhomh fhìn.

EC―17:55: Taigh na cruite?

AM―17:56: Chan e, ach an taigh aig m’ auntie.

EC―17:58: Taigh Columba Place.

AM―17:59: Columba Place, aidh. An uair sin thog mi seo, thàinig mi a-nuas an seo. Bha mi an dèidh a bhith a’ tighinn a-nuas a’ dèanamh na cruite nuair a bhithinn deiseil, deiseil obair Govan, bha mi a’ dèanamh na cruite cuideachd.

EC―18:16: So bha thu ag obair aig Govan agus ag obair , ag obair na cruite.

AM―18:19: Innsidh mi stòiridh dhut, triop thàinig mi a-nuas, ’eil fhios agad beathaichean bha iad a-staigh an uair sin sa gheamhradh agus bha…bhiodh tu gam biadhadh is bha taigh-saorsainneachd aig m’ athair thall ann a sheo, ceann…bha cisteachan-laighe againn ann ’eil fhios agad, bha iad a’ tighinn dhachaigh an uair sin ready-made man tuirt iad, agus tha…bha, bha iad air aon cheann den t-sabhal agus bha an t-arbhar agam air a’ cheann eile, bha doras ann faisg air a’ bhàthaich. Bha doras air an taobh seo, tha e fhathast ann far an robh na cisteachan.

EC―18:58: Cisteachan-laighe?

AM―18:59: Cisteachan-laighe. Chaidh mi a-staigh a’ coiseachd co-dhiù is mi bha as an triom, bha cathadh sgrathail an dèidh ’s a bhith ann an oidhche roimhe sin de sneachd agus bha, co-dhiù bha mi a’ coiseachd suas an cabhsair is a’ feadaireachd is latha snog ann, is dh’fhosgail mi doras na bàthach is sheall mi a-staigh agus a h-uile sian all right is och a-rithist an doras eile fhosgladh. Ma dh’fhosgail, a ghràidhein, bhac mi air n-ais bha mi ag ràdh an siud, an e taibhse a tha mi a’ faicinn no dè? Agus thill mi a-staigh a-rithist agus chaidh mi a-null air mo shocair agus bha an duine a bha seo stretched ri taobh cist’ agus ‘a Dhia, Dhia a bheil thusa beò no marbh?’ bha mi ag ràdh leam fhìn, is dh’fheuch mi e co-dhiù is o bha, bha e beò. ‘O taing do Dhia gu bheil e beò co-dhiù’ thuirt mi leam fhìn! Agus tha…dh’fhalbh mi agus chrath mi e is dhùisg e is bha e a’ crathadh a’ chinn is ‘Where do you come from is who are you anyway?’. Cha chluinninn ach ‘Lochmaddy, Lochmaddy, Lochmaddy’ siud a gheibhinn bhuaithe. O ghràidhein bha e na chrith leis an fhuachd, sneachd is deigh is reothadh. Agus, agus co-dhiù, thug…fhuair e, thug mi air chois e is thuirt mi leis ‘Oh you’d better come down to the house’, is mo mhàthair, bha an uair sin…bha, bha range mòr as an t-seann taigh seo is Ciorstag bhiodh i a’ dol gu obair tràth is bhiodh teine ann is roastadh e each cha mhòr leis gun robh na bha sin de theas ann. Thug mi sìos e co-dhiù. Chuir mi air a’ bheingidh e is thug mi dha cupa tì. Chaidh mi suas far an robh mo mhàthair is thuirt mi …  [unclear]…ars mise…tha duine neònach an seo agam. Bha mi ag ràdh rium fhìn ‘O Dhia feumaidh gum buin e dhan arm air dòigh air choreigin, ach bidh Eachann a-bhos an ceartuair leis a’ bhan is thig sinn suas dhan champa leis.’ Chaidh sinn an sin co-dhiù is chaidh mi fhìn chun a... a-staigh dhan rud co-dhiù, is bha fear air duty ann a shin is thuirt mi leis an robh saighdear sam bith missing aca. ‘What? Yes!’ ars’ esan. ‘I think I’ve got him in the van here’ arsa mise leis, so thàinig e a-mach còmhla rium, sin agad am fear a bh’ ann. Cha robh sgeul aca dè bh’ ann a laochain ach…commandos a bh’ annta agus thàinig iad air tìr air Loch nam Madadh is bha aca rin rathad fhèin a dhèanamh a-staigh an sin dhan champa ach bha oidhche mhòr aca, chaidh iad gu am fear seo Charlie Campbell an ath-dhoras leamsa, ’s e television engineer a bh’ ann, cuimhn’ agad air? Tha. Agus chaidh iad dhan taigh aigesan agus och…bha…feumaidh gun robh deoch a’ dol sa ghnothach co-dhiù ach nuair a dh’fhalbh esan a-mach air feadh na h-oidhche bha cathadh de shneachd ann, an àite tionndadh gu tuath ’s ann a thàinig e gu deas. Chum e air, chunnaic e na solais is bha dùil aige gur e barracks a bh’ ann, ’eil fhios agad, na steadings againne. Chaidh e chun an dorais chaidh e thall is bhrist e a-staigh e. Bha e ann a shin ach co-dhiù sin all right. Cha robh a’ chòrr mu dheidhinn ach an oidhche bha seo thàinig Charlie far an robh mi fhìn is Margaret is thuirt e ‘Will you go out tonight with us, Pat and I, invitation to the mess?’. Dh’fhalbh sinn co-dhiù agus thuirt a…thuirt a…cò…thachair am fear seo ris agus dh’aithnich mi e straight away ach cha do dh’aithnich esan mis’ idir, is thuirt Charlie ‘Do you know this man’ ars’ san ris an fhear sin. ‘No’ ars’ esan ‘I’ve never seen him before.’ ‘O yes but you have’ arsa Charlie, ‘That’s the man that saved your life in Nunton when you broke into his barn.’ O ghràidhein, theann e a ghràidhein an uair sin, is fhuair mise na taingeannan a bha sin is cha robh math leam làmh a chuir nam phòcaid. Mi a’ dol a ghabhail drama, esan a bha ga fhaighinn. Bha mise le ‘I got treated like a king’ mar a tuirt iad. Siud thu a-nis’. Sin agad ach dh’fhaoidte…nam bithinnsa air a reportadh gun do bhrist e an doras a-staigh, o ghràidh bhiodh e an dèidh a bhith ann an trouble ged a bha e air a’ Chommando fhèin. Sin a shàbhail e, gun robh e na chommando.

EC―23:30: Tha e coltach gun robh, gun robh plana aca Uibhist air fad a bhith na champa mar gum biodh.

AM―23:35: Bha, bha uill gu beagnaich. Bha campa mòr gus a bhith a-muigh ann an Hàcleit is bha an rathad ga dhèanamh a-mach tarsainn an rud, bha agus suas aig deas, an t-Ìochdar is Geirinis.

EC―23:51: Ann an dòigh bha, bha Uibhist a’ dol a bhith dìreach na champa, mar gum biodh.

AM―23:54: Bha, bha.

EC―23:56: Ach cha do thachair sin.

AM―23:57: Cha do thachair. Sàilleabh a’ Sputnik. Chaidh an Sputnik aig an Ruiseanach suas, is chunnaic iad cho fad ’s a bha iad air deireadh, is chaidh, chaidh sin a…chaidh a leagail sìos gu…

EC―24:10: So cha robh, cha robh, ’s dòcha nach robh, nach robh feum aca air, air an àite a leudachadh.

AM―24:20: Cha robh i leth-thuras ’s a bha i …och, leag iad gu h-eagalach i.

EC―24:28: Agus an canadh sibh gun do rinn an t-arm feum ann am Beinn na Faoghla?

AM―24:31: O. Dhia rinn do dhaoine, ’s e glè bheag de dh’obair a bhiodh ann mura biodh iad.

EC―24:37: Agus tha mi cinnteach gum biodh iad a’ cosg airgid anns na bùithtean is anns na taighean-seinnse agus sin cuideachd.

AM―24:42: Och uill, chan eil mòran a’ dol dhan taigh-seinnse an-diugh ann.

EC―24:45: Ach aig aon àm ’s dòcha.

AM―24:46: Aig aon àm bha, o bha a ghràidhein, even na h-obraichean a’ dol ‘civilians’, Creag Ghoraidh a ghràidhein ort bha iad trang, thog iad bàr ùr ann is … [unclear] …

EC―25:00: Agus cuideachd agus ciamar a bhiodh iad a’ faighinn air adhart le muinntir an àite, an robh gnothaichean càirdeil eatorra?

AM―25:05: Och bha leabhra, cha robh mòran, cha robh mòran de aimhreit a-riamh a’ dol eadar iad, chanainn.

EC―25:14: Agus phòs feadhainn cuideachd, nach do phòs, feadhainn, feadhainn à Uibhist is tha iad ann fhathast?

AM―25:19: Tha iad ann fhathast, tha, bha fear ann an-diugh, chunnaic mi fear aca thàinig e…Robbie, Pete Grey, chan eil fhios a’m, ’eil cuimhn’ agad air?

EC―25:27: B’ aithne dhomh Pete Grey.

AM―25:28: Am b’ aithne? O uill bha mise gu math eòlach air, bha a ghràidhein, bhiodh e a’ dol gu Charlie Campbell, ’eil fhios agad an ath-dhoras. Bhiodh e a-staigh againne cheart cho tric ’s bha e aig Charlie.

EC―25:40: So bha càirdeas math eadar, eadar na saighdearan aguss muinntir an àite is na teaghlaichean.

AM―25:46: O, bhithinnsa, bhithinnsa oidhche Shathairne, o uill bhithinnsa a’ dol dhan leabaidh is bhithinn a’ glasadh an dorais, ach o Dhia bha iad determined gun tigeadh iad a-staigh, chuireadh iad às an leabaidh mi.

EC―25:58: An canadh sibh anns an latha an-diugh gu bheil, gu bheil cothroman-obrach gu leòr ann dha daoine òga, a bheil…a bheil…an urrainn dhaibh beatha a dhèanamh ann am Beinn na Faoghla is Uibhist?

AM―26:10: Uill, feadhainn aca, ach chan eil uileadh. Feumaidh iad falbh.

EC―26:18: Agus a thaobh seirbhisean ann an Uibhist is Beinn na Faoghla, a bheil sibh toilichte gu leòr le seirbhisean – dotaireachd is siubhal, a’ falbh air plèana no bàta no rudan mar sineach?

AM―26:28: Uill, cha robh na bàtaichean eagalach math idir an-uiridh no am bliadhna. Tha an t-àm aca bàtaichean ùra a chur ann. O tha, gu dearbh, seann tubaichean, tha iad…

EC―26:46: A bheil sibh air atharrachadh mòr fhaicinn ann am Beinn na Faoghla bhon a bha sibh gu math òg, a bheil…?

AM―26:51: Och tha, a ghràidhein.

EC―26:53: A bheil an t-àite nas fheàrr no nas miosa no dìreach diofraichte, ’s dòcha?

AM―26:56: Tha e diofraichte.

EC―27:00: Saoil a bheil gnothaichean nas fhasa aig daoine anns an latha an-diugh, a bheil?

AM―27:03: Tha. Och uill, ’eil fhios agad, tha de dh’innealan ann an-diugh a tha a’ dèanamh na h-obrach dhut, bha mi fhìn…’s e gràp a bhathar ag obair air feamainn, an-diugh chan eil ach tractors a’ dol a-staigh dhan rud is…

EC―27:17: So, tha iad a’ sàbhaladh ùine ann an aon dòigh co-dhiù.

AM―27:20: Tha, anns a h-uile seòrs’, combine harvesters is…

EC―27:24: Agus ciamar a tha daoine a’ ceannach an leithid sineach? Tha fios gu bheil iad gu math daor, a bheil daoine a’ faighinn cuideachadh-airgid sam bith son a bhith a’ ceannach inneal mar sineach no…?

AM―27:33: ’S ann a tha e mìorbhaileach.

EC―23:34: Tha e mìorbhaileach nach eil?

AM―27:36: ’S e na tractors mhòr an-diugh ann.

EC―27:40: O, tha iad…’s e dìreach coimpiutair a th’ annta tha mi a’ smaoineachadh, chan eil an còrr ann. So tha sibh air iomadach rud a dhèanamh co-dhiù agus iomadach atharrachadh fhaicinn.

AM―27:51: O, tha mi air atharrachadh mòr fhaicinn o…o rugadh mise, a ghràidh.

EC―27:55: Tha mi a’ smaointinn gu bheil sibh gu math sona fhathast.

AM―27:57: O, aidh, och tha, och tha.

 

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8244