Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Gina NicDhòmhnaill (2)

EC―00:05: Tha stuth againn air ar beulaibh an seo, rudan a tha thu fhèin air a bhith ag obair air. Am b’ urrainn dhut beagan innse dhuinn mun deidhinn?

GM―00:12: Uill, tha cliabh an seothach a rinn mi. Uill, tha…’s e iasgair à Griomasaigh ’s e…bha mise meant a bhith a’ dol ga dhèanamh mi fhìn, bha esan a’ dol gam ionnsachadh, ’s e…’s e bha sinne a’ dol a dhèanamh, ach, I mean, tha tòrr dhaoine as urrainn do rudan a dhèanamh iad fhèin tha e doirbh dha daoine eile ionnsachadh, agus tha e na b’ fhasa dhaibh a dhèanamh dhaibh fhèin. Is chithinn sineach agus bha e…bha mise a’ smaoineachadh gun robh e a cheart cho inntinneach dhomhsa a bhith ag èisteachd ris na stòiridhean a bh’ aige, agus tha…sheo agad mar a bhiodh iad a’ dèanamh na clèibh o chionn fada mus tàinig plastaig uileadh a-staigh. So tha thu a’ dèanamh am bonn le fiodh agus an uair sin cane an seothach agus tha thu meant a bhith ga…tha còir agad a bhith ga theasachadh airson a lùbadh. Is bha mi…cha robh mise ach a’ feitheamh ri Seonaidh Ailig a’ tòiseachadh ri sin a dhèanamh, is cha robh mi a’ toirt cus diù gu dè bha e a’ dèanamh. Fhad ’s a bha e a’ bruidhinn rium bha e ag obair ’s ag obair is a’ cur a làmhan seachad, agus cha do rinn e ach dìreach a lùbadh seachad air a ghlùin an uair sin. Is siud mar a rinn e e. Agus mar, mar a bha mi ag ràdh, bha an duine agam ’s ann ag iasgach giomaich…

EC―01:26: Sin an obair…an obair a bh’ aig an duine agad.

GM―01:27: An obair…an duine agam, agus bhithinn ga fhaicinn a’ dèanamh na clèibh a tha seo agus ag obair, agus aig aon àm b’ urrainn dhomh…mi fighe na nets is a h-uile dad, na lìon mi fhèin. Ach bha mi air caran dìochuimhneachadh ciamar a dhèan...dhèanainn sineach agus bidh mi a’ dèanamh tòrr fighe, agus ’s toil leam a bhith ag ionnsachadh rudan a tha…gun leiginn rudan a dhol a dholaidh. So bidh mi a’ faighinn an snàth às Na Hearadh nuair a bhios iad a’ dèanamh clò dhiubh, agus bidh pìosan mhòr is pìosan beaga cuideachd agus feumaidh mi iad sineach…bidh iad uaireannan ann an cnòdan is nan roileagan mòra, agus feumaidh mi iad sineach a chur ann am bàla an toiseach agus an uair sin bidh mi a’ fighe is ag, ag obair leotha. Agus bha mi a’ smaoineachadh na dathan a chì thu nuair a choimheadas tu, ’eil fhios agad canaidh cuideigin liath is…’s toil leam cianail a bhith a’ cluinnteil ann an Gàidhlig, tha leithid de faclan ann airson liath.

EC―02:32: Grunn fhaclan.

GM―02:33: Tha, grunn. Tha e…tòrr agus donn is na…na dathan a tha as an àrainneachd timcheall oirnn, tha tòrr…

EC―02:45: Diofar ainmean.

GM―02:46: Diofar ainmeannan orra. Tha…so bha mi a’ smaoineachadh gun e sineach a’ mhuir agus sheo agad a’ bheinn, na, na dathan. Agus tha a h-uile dath an siudach ann ged nach canadh tu. Nuair a choimheadas tu air gu mionaideach tha iad ann. Agus thòisich mi an uair sin a’ dèanamh am parlour, chan eil fhios agam dè a’ Ghàidhlig a th’ air parlour.

EC―03:08: An e seo an rud…an rud far…?

GM―03:09: Uh-huh, far am bi na giomaich a’ tighinn a-staigh son nach fhaigh iad a-mach.

EC―03:12: Parlour one-way mar a chanas iad.

GM―03:14: Uill, anns na clèibh mhòr bhiodh, bhiodh fear eile ann a’ dol sìos dhan…dhan chòrnair eile son nach fhaigheadh iad a-mach.

EC―03:20: Ceart. Inntrigidh ’s dòcha, dòigh a’ faighinn a-staigh no…

GM―03:23: Uh-huh.

EC―03:24: Co-dhiù, co-dhiù.

GM―03:25: Tha, so chan fhaca Seonaidh Ailig e fhathast, so chan eil fhios a’m dè shaoileas e dheth idir, is rinn mi an leabhar a tha seo, tha mi a’ dol a thoirt dha, le dealbhannan a ghabh mi còmhla ris agus ga shealltainn, a’ sealltainn Seonaidh Ailig ag obair air. Agus is mi…mi fhìn a rinn an leabhar cuideachd, am peantadh is an Japanese Book Binding.

EC―03:47: Seo a-nist. Agus an e cùrsa a rinn thu aig…aig…aig…Taigh Chearsabhagh?

GM―03:52: ’S e, uill tha boireannach, tha boireannach Gearmailteach ann an Solas, Corinne, is tha i cianail math, tha i dìreach cianail cianail math air ionnsachadh ciamar a nì thu rudan agus is toil leam i agus tha i a’ dèanamh leabhraichean a tha dìreach àlainn uile gu lèir. Tha…’s e…uill chì...chì sibh thall an siudach tha lìon a’ crochadh seachad air a’…air a’ Bhalla shin agad sisal, ’s ann air a dheanamh tha…de lusan a tha e. ’S e bhiodh aca mus robh plastaig aca, agus bha iad, agus bhiodh iad a’ cur teàrr air airson nach cnàmhadh e san uisge. Agus tha àileadh gu math tha…làidir às, àileadh…chan eil e mì-thlachdmhor idir ach tha e dìreach mar a tha e sa chlò, fairichidh tu an t-àileadh às fad an t-siubhail. So rinn mi am fear ud agus an uair sin dh’fhighe mi seothach agus tha e fichead troigh agus ceithir nuair a shlaodas tu a-mach e, ceithir leth agus ’s ann mu dheidhinn cuimhne a bha seo. Chaill an duine agam a chuimhne nuair a bha e gu math òg, early-onset dementia a bh’ air, agus thòisich mi ri leughadh tòrr mu dheidhinn sineach agus mu, mu dheidhinn na ceanglaichean a tha nad inntinn, agus na ceanglaichean a th’ anns a’ choimhearsnachd agus an t-àite far a bheil thu a’ fuireach agus an àileachd is mar a tha a h-uile dad air a…cnotain ga chumail còmhla. Bidh mi an-còmhnaidh a’ smaoineachadh nuair a chì thu air…air a’ mhachair, nuair a chì thu na feansaichean uileadh air an cumail còmhla le cnotain mòra, agus ’s ann a’ bruidhinn mu dheidhinn sineach a bha mi nuair a bha mi a’ fighe na rudan sin. Agus nuair a chrochas tu iad seothach ann an àite ballaichean-geala agus solas orra, tha e a’ toirt faileasan cianail brèagha, agus bha mi a’ faicinn sineach coltach ris a’ chuimhne a th’ aig daoine. Thoradh nuair a tha daoine a’ call an cuimhne, chan eil iad ach a’ call…a’ call an dòigh air faighinn gun a’ chuimhne sin. Tha a’ chuimne ann fhathast, ‘The Shadow of the Thread’, ’s e an t-ainm…

EC―06:06: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh.

GM―06:08: …a bh’ air an dissertation a sgrìobh mi mu dheidhinn sineach.

EC―06:12: Airson Taigh Chearsabhagh, airson…airson ur cùrsa? Seo a-nist.

GM―06:14: airson an cùrsa seo, uh-huh. Agus bha e a’ bruidhinn còmhla rium mu dheidhinn rudan ionnsachadh. Nuair a tha thusa ag ionnsachadh rudan mar a dh’ionnsaich mise fighe, tha, tha e…bhiodh e cianail doirbh dhomhsa ag ionnsachadh cuideigin eile, tha mi ga dhèanamh cho nàdarra. Agus dìreach mar a bha Seonaidh Ailig a’ dèanamh a’ chlèibh, innsidh tu do dhuine eile ciamar a tha thu ga dhèanamh, ach tha thu dìreach a’ dèanamh seo. Agus ma dh’ionnsaicheas tu rudan mar sin, haptic memory, cha chaill thu…nuair a chailleas tu do chuimhne, ’s urrainn dhut still a dhèanamh, fhad ’s nach faighnich duine dhut ciamar a tha thu ga dhèanamh. Tha do làmhan comasach air a dhèanamh ged nach eil d’ inntinn. Tha…chan eil fhios a’m a bheil Gàidhlig air centipede idir ach bha stòiridh ann mu, mu dheidhinn, mu dheidhinn centipede agus e a’ dèanamh an danns the palais glide agus na ceud casan. Agus bha e ga dhèanamh agus cha robh guth air dad, bha a h-uile dad a’ dol math dha-rìribh dha, gus an do dh’fhaighnich cuideigin ciamar a bha fhios aige cò a’ chas a bha a’ dèanamh dè? Is cho luath ’s a thòisich e ri cuimhneachadh mu dheidhinn, chaidh e na chnotan agus thàinig am bàs air. So shin agad an rud a bha sinn ag ionnsachadh. ’Eil fhios agad, tha sinn…tha sinn air call a…a bhith ag obair le rudan le ar làmhan. Chan eil daoine a’ dèanamh leth uiread is tha iad a’ faicinn dotairean a-nist is iad a’ dol nan surgeons nach eil idir…nach eil iad eòlach…cleachdte ri bhith ag ùisigeadh an làmhan agus a’ faireachdainn rudan.

EC―07:54: Agus ’s e…’s e rud cudromach a th’ ann do, do surgeon, nach e, a bhith a’ cleachdadh a làmhan?

GM―08:00: ’Eil fhios agad, cha smaoinicheadh tu gun robh e cho doirbh, ’eil fhios agad…gun e rud ann a bha cudromach idir, ach tha, gun fheum thu làimhseachadh rudan son fhaireachdainn mar a tha iad is…cha bhi mise, cha bhi mi a’ leantail pàtran idir ach bidh mi dìreach…togaidh mi biorain is togaidh mi snàth is tòisichidh mi ri fighe rudeigin, dìreach…thig e thugam.

EC―08:23: Agus an e rud a bha sibh a’ dèanamh nuair…nuair a bha sibh na b’ òige, ’s dòcha?

GM―08:25: O, bha mise a’ fighe a-riamh.

EC―08:27: An robh ur màthair a’ fighe is…?

GM―08:28: Bha, och cha robh…’s e fuaigheal a bhiodh mo mhàthair a’ dèanamh, ach bhith…bhithinns’ a’ fighe, a’ fighe. Ach chan e…chan e aodach, chan e, chan e geansaidhean agus rudan mar sineach idir ach dìreach a’ dèanamh rudan mar seothach.

EC―08:49: Agus a bheil…a bheil cuimhn’ agad nuair a bha thu òg feadhainn ag innse stòiridhean…an robh feadhainn ann a bha ainmeil airson rudan mar sin, son a bhith…?

GM―08:56: O, bha gu dearbh. Tha Anndra Horasaraigh, Anndra Ling, sgrìobh e leabhar mu dheidhinn, bha esan…nuair a bha sinne, nuair a thòisich sinn a serveadh sa bhàr an toiseach is bha gràin cianail againn nan fheumadh tu a bhith a’ dol ann sa mhadainn, thoradh bhiodh na bodaich a’ tighinn a-staigh sa mhadainn. Bha e a’ fosgladh aig aon uair deug am bàr is bhiodh na bodaich a’ tighinn, is cha bhiodh iad a’ gabhail ach half pint no rudeigin mar sin is bhiodh iad nan suidhe ann airson uaireannan an uaireadair. Agus tha mi a’ smaoineachadh gun e…’s dòcha gun e sin a thug orm tòiseachadh a bhith a’ fighe, gum bithinn trang a’ dèanamh rudan eile is gun mi ag èisteachd riutha! Ach b’ fheàrr leam a-nist gun robh mi air èisteachd cus cus a bharrachd riutha agus an eachdraidh a bh’ aca, cuimhneachadh air.

EC―09:40: Agus saoil a bheil daoine air…air an comas sin a chall, a bhith ’s dòcha a’ togail stòiridh le bhith ag èisteachd ris. Bidh…bidh daoine ’s dòcha a’ leughadh nach bi, a h-uile rud an-diugh, chan eil…

GM―09:48: Tha.

EC―09:49: Aig aon àm, bhiodh daoine a’ cluinntinn stòiridh agus bhiodh e aca, nach biodh?

GM―09:53: Uill, bhitheadh. Tha mi a’ smaoin…tha mi a’ creidsinn gu bheil sineach a’ cuideachadh do chuimhne cuideachd, gu bheil thu ga ùisigeadh fad an t-siubhail, ach chan eil mi ag ràdh nach robh daoine a’ call a’ chuimhne o chionn fada. Tha cuimhn a’m tha…bha bràithrean mo sheanmhar as a’ Chaolas, agus tha cuimhn’ a’m fhathast a bhith a’ dol sìos ann agus gan fhaicinn. Bhiodh iad a’ seasamh aig ceann an taighe is latha brèagha samhradh ann, agus bhiodh iad an sin is còtaichean mòra clò orra is scarfaichean is rudan mar sineach. Agus tha mi a’ creidsinn gun robh iad a’ call an cuimhne ach an dòigh-beatha a bh’ aca, cha robh e a’ sealltainn suas. Bha à-san a’ leantail a’ ghrian is an làn is a… agus chan fheumadh iad a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn rudan, b’ urrainn dhaibh…bha iad cho eòlach air an dòigh-beatha a bh’ aca, cha robh iad ach a’ cumail orra ga dhèanamh.

EC―10:43: Cha robh iad…cha robh iad a’ tomh…a’ tomhas ùine mar a tha sinn an-diugh, ’s dòcha.

GM―10:45: Cha robh.

EC―10:49: A bheil cuimhn’ agad is tu a’ fàs suas, an robh…an robh taighean-cèilidh ann, you know taighean car aithnichte mar thaighean far am biodh deagh…deagh chruinneachadh is…an robh, an robh…an robh feadhainn mun cuairt?

GM―11:00: Tha mi a’ smaoineachadh aig an aois a bha mise, bha, bha iad ’s dòcha bàsachadh dheth beagan, is bha mise a’ fuireach san taigh-sheinnse is bha a h-uile duine a’ dol an sin, so chan fheumainn a dhol a dh’àite eile. Ach bhiodh, tha cuimhn’ a’m nuair a phòs mi, tha…’s e Taigh na Càirnich, agus ’s e seothach an t-àite mu dheireadh a gheibheadh…bha an làn a’ coinneachadh, is chan fhaigheadh tu sìos dhan Bhaile Shear mus deach an causeway ann. Agus tha cuimhn’ a’m bhiodh daoine a’ tighinn, bhiodh an duine agam ag ràdh nuair a bha e san leabaidh nuair a bha e na ghille bheag bhiodh e a’ cluinnteil daoine a’ tighinn a-staigh dhan taigh agus a’ dèanamh tì is sin, bha iad a’ feitheamh son an làin. Is bhiodh iad a’ toirt leotha na h-eich às an staball is rideadh iad a-null e, agus an uair sin cha robh iad ach a’ bualadh an each is thilleadh an t-each dhachaigh dhan stàball aige.

EC―11:56: Agus an robh…an robh, an robh eathar a’ dol eadar…eadar seo is a’ Bhaile Shear uair sam bith no an e…?

GM―12:01: O, cha robh. Cha bhiodh iad…uill bha eathar, nuair a thig thu a-nuas an rathad fhathast, chì thu hut bheag an siudach an ceann a’ chauseway, ach tha mi a’ smaoineachadh, bhiodh, bhiodh iad a’ dèanamh…[unclear]… ach mar as trice airson…dìreach leis an làn a bha iad a’ falbh.

EC―12:15: Agus a bheil thu fhèin a’ cumail cruit fhathast, a bheil thu…?

GM―12:16: Tha cruit, tha, tha cruit agam. Chan eil mi fhìn ga obrachadh, tha gille an ath-doras. Sam Crois Mòraig, tha esan ga obrachadh dhomh, is tha sin ag obrachadh dhan phaidhir againn.

EC―12:25: Tha e ag obair dhan dithis agaibh. A bheil ùidh agaibh ann an cumail crodh no caoraich?

GM―12:32: Uill, bha, bha crodh againn is an uair sin leig sinn bhuainn an crodh, cha robh againn ach caoraich airson ùine mhòr. Ach nuair a thàinig na sgeamaichean uileadh a-staigh cheannaich mi bò an urra dhan chlann agam, dhan dithist nighean agam. Ach cha chreid mi gun do shaoil iad an, an t-uabhas den sin. Bha e gu math èibhinn nuair a fhuair mi crodh do Mhòrag, agus bha cuideigin a’ faighneachd dè seòrsa crodh a bha i, bò a bha i air fhaighinn agus bha i ag ràdh fear ruadh! Ach bha i thall-thairis, tha i cianail gu bhith a’ dol air feadh an t-saoghail agus bha i sna h-Innseachan thall is bha i ann an àite cianail iomallach is bha iad…bha i a’ bruidhinn ris na daoine agus bha bò aig cuideigin a bh’ ann, is bha iad a’ faighneachd an robh beothaichean sam bith aice, agus bha i ag ràdh gun robh cat aice is…och cha tug iad cus diù den sineach, thuirt i an uair sinn o gun robh bò aice cuideachd, is o bha iad cianail, bha iad…tha mi a’ smaoineachadh gum bithinn air airgead mòr fhaighinn airson a pòsadh, on a bha bò aice!

EC―13:32: ’S e rud mòr a bh’ ann mar gum biodh, gun robh bò aice.

GM―13:34: Agus tha mi a’ smaoineachadh gun tug sineach oirre smaoineachadh uill, ’s dòcha gun e rud cus nas motha na thug mise ùidh dha a th’ ann, tha…gun e...

EC―13:42: Gun e rud àraid anns an dùthaich sineach bò a bhith agad, gun e rud mòr a th’ ann. Agus innis dhuinn cuideachd mu dheidhinn an…an ostail a bh’ agaibh, an e, an e bunkhouse mar a chanas iad, ciamar a…ciamar a thàinig sin gu bith?

GM―13:53: Uill, bha mise a’ dèanamh cùrsa tha…dhan cholaiste an Leòdhas, agus ’s e Rural Development a bh’ air.

EC―14:04: O, o so fhuair thu blas de…de dh’fhoghlam cuideachd, ron…ron chùrsa ealain mar gum biodh.

GM―14:10: Uh-huh. ’S e…ach ’s ann dìreach air a’ fòn a bhithinn ga dhèanamh an uair sin, a h-uile sgath dheth. Agus aon de na rudan a dh’fheumadh sinn a dhèanamh, dh’fheumadh tu…tha…sealltainn gum b’ urrainn dhut plan a dhèanamh, ciamar a thòisicheadh tu rudeigin as na h-eileanan a bha freagarrach agus thàinig mise air an…bha an t-seann taigh againn is cha robh e ach…bhiodh an duine agam ag ionnsachadh…bha e…bhiodh e a’ dèanamh clèibh ann, ach cha…cha b’ urrainn dhut fuireach ann no dad mar sin, agus shin agad a thagh mise dè b’ urrainn dhomh a dhèanamh leis an seothach, son a chur gu feum a-rithist. Agus an uair sin aon oidhche bha mi ag ràdh ‘uill, tha mi air seo uileadh a dhèanamh a-nist, saoil an obraich e?’. Agus shin mar a thòisich sinn ga dhèanamh. Agus fhuair mi cuideachadh o ghrunn àiteachan agus ’s e rud math dhà-rìribh a bh’ ann. ’S e obair chruaidh a bh’ ann, bha thu air do chumail a’ dol, oir bha mi ag obair aig an aon àm. Ach bha e cianail math dha na h-ighnean againn, bha iad a’ coinneachadh le daoine air feadh an t-saoghail, agus bha e a’ sealltainn gun fheumadh tu fhèin a bhith ag obair cuideachd, is a’ glanadh is a h-uile dad às an deaghaidh is…

EC―15:27: Bhiodh obair mhòr ann, tha mi a’ creidsinn.

GM―15:28: ’S e, agus tha…uill…bha iad a’ faicinn gun fheumadh tu dìreach is a…bhithinn a’ toirt orra a bhith a’ dèanamh na leabhraichean is a h-uile dad dheth son ’s gum biodh fhios aca dè bha iad a’ dèanamh.

EC―15:40: Agus bhiodh an fheadhainn as an…a bha a’ fuireach as an taigh a’ dèanamh biadh dhaibh fhèin?

GM―15:43: Bha à-san a’ dèanamh biadh dhaibh fhèin, ach nuair a ’s urrainn dhut a dhol sìos chun an tràigh agus srùbain fhaighinn agus tha…bha, bha an duine agam ag iasgach is bhiodh e a’ toirt iasg dhachaigh is…bhiodh iad uileadh ag iarraidh giomach ach tha…bhiodh iad an uair sin a ràdh carson a bhiodh à-san ag iarraidh giomach dearg, chan e…chan e fear liath gorm idir.

EC―16:04: A bheil diofar eadar an dà chuid a thaobh blas no dad?

GM―16:07: Uill, chan eil ann ach nuair a tha thu gam bruich, tha iad uileadh a’ dol dearg.

EC―16:109: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn.

GM―16:13: Bha e gu math furasta a’ dol gan dèanamh dearg dhaibh.

EC―16:15: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn. Agus bha sin gu math tlachdmhor co-dhiù, a bhith, a bhith…

GM―16:20: Och bha, bha, agus tha sinn fhathast a’ bruidhinn ri feadhainn a bh’ againn o chionn fichead bliadhna, agus bidh feadhainn aca a’ tighinn fhathast…coimhead oirnn.

EC―16:31: Seadh dìreach. Agus tha an taigh an-diugh tha daoine a’ fuireach ann fhathast ach tha iad a’ fuireach fad-seachdain.

GM―16:37: Tha iad a’ fuireach fad seachdain ann a-nist, agus ’s e Breatannaich a’ mhòr-chuid a th’ againn a-nist. Nuair a thòisich sinn an toiseach ’s e Gearmailtich bu mhotha a bh’ ann.

EC―16:47: A bheil ceangal air choreigin ’s dòcha aig a’ Ghearmailt le Alba is Uibhist is leis a’ Ghàidhealtachd?

GM―16:52: O, tha, ’s toil leotha cianail an ceòl agus ’s toil leotha a’ mhuir cuideachd a bhith timcheall orra. Ged nach robh sin uaireannan cho furasta, oir cha robh iad a’ tuigsinn làn idir is bhiodh iad…bhiodh an làn a’ tighinn is cha robh iad ga fhaicinn is bha e cho math gun robh na h-ighnean cho math air ruith ’s a bha iad, dh’fheumadh iad a bhith a’ falbh ga…

EC―17:10: Gan…gan iarraidh.

GM―17:11: Gan iarraidh. Tha…is of course Runrig, bha na Gearmailtich bha iad dìreach às am beachd mu dheidhinn Runrig.

EC―17:19: Agus a’ Ghàidhlig cuideachd, nach eil?

GM―17:20: Agus a’ Ghàidhlig, agus mi fhìn an-còmhnaidh a’ smaoineachadh nuair a bhiodh sinn san sgoil ann an Inbhir Nis, ’s e Frangais a bhiodh iad a’ toirt oirnn a bhith a’ dèanamh, agus nam biodh iad air toirt oirnn a bhith a’ dèanamh Gearmailtis bhiodh e air a bhith cus na b’ fhasa, an aon fhuaim.

EC―17:33: Canaidh daoine sineach, gu bheil iad coltach.

GM―17:35: Agus tha grunn de na faclan an aon rud.

EC―17:38: Mar sin tha e trang, tha…tha an taigh trang fhathast.

GM―17:40: O, trang fhathast, tha.

EC―17:42: O, uill tha…tha mi toilichte cluinntinn gu bheil e…gu bheil, gu bheil e fosgailte fhathast mar…mar…mar thaigh.

GM―17:48: Och tha, tha. Tha daoine…tha fhios a’m cò bhios a’ tighinn an ath-bhliadhna.

EC―17:52: Agus tha mi a’ creidsinn…agus ciamar a bhios daoine ga ghlèidheadh, an e air-loidhne airson a’ mhòr-chuid no…?

GM―17:59: A’ chuid as motha den fheadhainn agams’ tha iad a’ tighinn air bliadhna gu bliadhna.

EC―18:03: Agus a bheil iad dìreach a’ fònadh thugad no…?

GM―18:04: Uill, dìreach a’ cur e-mails is rud…

EC―18:05: A’ cur e-mail mar gum biodh.

GM―18:06: Ach chan eil mi a’ dèanamh…ga chur a-mach air-loidhne cus, chan eil...

EC―18:10: Chan eil làrach-lìn agaibh mar gum biodh.

GM―18:11: Chan eil. Bidh mi an-còmhnaidh ag ràdh gu bheil mi a’ dol ga dhèanamh, ach chan eil feum agam air a dhèanamh so…

EC―18:18: Uill, tha iad a’ tighinn.

GM―18:19: Tha iad a’ tighinn co-dhiù, tha.

EC―18:22: Agus dè bhios iad a’ dèanamh ann an Uibhist, na daoine a bhios a’ tighinn? An e…an e dìreach a’ coiseachd, a’ coimhead air eòin…?

GM―18:26: Bidh iad a’ coiseachd is bidh tòrr a’ coimhead air eòin is bidh iad ag iasgach. Tha…’s toil leam sin, cha bhi cus den fheadhainn a tha a’ tighinn a dh’iasgach ag ithe an t-iasg idir, ach bidh mise ag ràdh riutha gun ith mise iasg gu leòr. Chan eil mi a’ tuigsinn idir a bhith a’ dol a dh’iasgach is gun a bhith ga ithe.

EC―18:42: Chan eil na mi.

GM―18:44: Tha...’s toil leotha faighinn a-mach mu dheidhinn sloinneadh is mu dheidhinn an t-àite, feadhainn a’ tighinn à Canada airson trì seachdainnean a h-uile bliadhna is…

EC―18:54: Tha iad a’ fuireach trì seachdainnean agaibh?

GM―18:55: Trì seachdainnean a h-uile bliadhna agus ’s ann a’ dèanamh sloinneadh is rud mar sin a bhios ise.

EC―19:01: Agus a bheil thu fhein a’ faighinn cothrom a dhol…a dhol gu dùthchannan cèin no a bheil ùidh agad ann an…ann an…?

GM―19:05: Cha toil leam idir a bhith a’ falbh air a’ phlèana, agus ’s e an fhìor èiginn a th’ orm a bhith ga dhèanamh.

EC―19:10: An e rudeigin a thachair nuair a bha thu na b’ òige no an e dìreach rudeigin…rudeigin…dìreach eagal a th’ ann?

GM―19:14: Chan eil…chan eil fhios a’m. B’ àbhaist dhomh a bhith ga dhèanamh math gu leòr ach chan eil fhios a’m dè chuir nam aghaidh e. Thug a’ chlann orm an-uiridh, thug iad orm a dhol a tha…a dh’ Amsterdam, agus bha flight cianail math a’ dol a-mach is bha a h-uile dad math gu leòr agus chòrd an t-àite rium cianail math, ach tilleadh an uair sin tha…bha stoirm cianail againn a’ tighinn a-nall is bha e dìreach…bha mi dìreach air mo chlisgeadh. Cha bhi mi a’ dèanamh tòrr siubhail mar sin id…uill, ann an Alba fhèin.

EC―19:47: Ann an Alba fhèin.

GM―19:49: Bidh mi a’ dol a dh’fhaicinn a’ chlann gu math tric is tha…’s toil leam Dùn Èideann, ’s e baile brèagha a th’ ann is tha…tha tòrr ri dhèanamh. ’S toil leam gum b’ urrainn dhut coiseachd cha mhòr dhan h-uile h-àite ann, agus tha…tha mi eòlach air tòrr dhaoine ann a bha mi as an sgoil còmhla ris, is bidh mi a’ coinneachadh suas riutha sineach nuair a bhios mi ann an Dùn Èideann.

EC―20:11: A bheil thu…a bheil thu an sàs ann an diofar rudan anns a’ choimhearsnachd, a bharrachd air…air ealain is sineach, a bheil thu…?

GM―20:16: O chionn bhliadhnaichean chan eil mi idir air a…bha, bha mi tro na bliadhnaichean an sàs ann an tòrr rudan, tha Cladach Chircebost nuair a rinn iad suas e, rinn mi tòrr obair an sineach ach…o chio…na còi...na còig bliadhna mu dheireadh tha mi an dèidh a bhith air a’ chùrsa seothach agus a’ coimhead às dèidh mo mhàthar, tha…còmhla ri mo phiuthar, agus tha sineach air…air tòrr ùine a thoirt suas, nach b’ urrainnn dhomh ’s dòcha rudan eile fheuchainn a chòrdadh rium.

EC―20:50: A bheil rud sam bith ann a chòrdadh leibh gu mòr ’s dòcha, a bheil…a bheil project sam bith ’s dòcha?

GM―20:53: Uill, chòrdadh e rium…chòrdadh e rium a bhith a’ dèanamh barrachd leis a’ Chomunn Eachdraidh.

EC―20:57: Ceart, ceart.

GM―20:59: Tha…thoradh ’s toil leam sloinneadh is sin, rinn mi ealain aon bhliadhna mu thràth, bha mi ag ionnsachadh sloinneadh, an sloinneadh againn fhìn, fhuair mi bho mo bhràthair ga...ga ràdh, thoradh cha bhiodh ga dhèanamh ach na fireannaich, agus sgrìobh mi sìos e agus an uair sin rinn mi pàtran suas ri cur a h-uile litir a…thug mi stitch fighe dhan h-uile litir is rinn mi pàtran leis an sineach. Agus thàinig e a-mach le pàtran dìreach eireachdail, dìreach ga fhighe, na linn uileadh a’ dol air ais. Agus an uair sin dh’fhighe mi e air mar a dhèanamh tu stocainnean air ceithir bioran. Agus bha e coltach ri DNA sample, bha e a’ tionndadh dìreach mar sineach.

EC―21:52: Seo a-nist.

GM―21:55: Agus rinn mi…Ruairidh MacKay am bàrd ann an shìos an siudach. ’S ann an…chan ann a rugadh e…am Paibil a rugadh e, ach ’s ann shìos an siud, bha e ann an Eilean Bhoroghaigh airson treis is bha e, bha e ann an Iolaraigh an uair sin.

EC―22:06: Agus cuin a bha esan mun cuairt mar gum biodh, dè an linn a bh’ aigesan?

GM―22:09: O, uill, san linn a chaidh seachad ’s ann a bha e, chan eil fhios a’m dè an aois a bhiodh e nam biodh e beò, ach sgrìobh e ‘Oiteagan à Tìr nan Òg’, ’s e an leabhar aige. Agus sgrìobh e…bha e ag obair aig a’ Bhàillidh a’ dol timcheall a dh’fhaighinn a... a’ mhàil, agus rinn e òran mu dheidhinn a’ dol timcheall an eilein uileadh, na h-àiteachan is na daoine is bha e cianail snog, so dh’ùisig mi an aon sort of pàtran a bh’ agam airson an sloinneadh, dh’ùisig mi air an òran e. Agus nuair a dh’fhighe mi e, bha e coltach ri dìreach an eilean mar a thàinig e a-mach, am pàtran. Bha, bha sineach a-riamh…bha e inntinneach, agus chòrdadh e rium ’s dòcha barrachd a dhèanamh leis an sineach.

EC―23:06: Uill, tha…tha mi an dòchas gum bi ùine agad obair leis a’ Chomunn Eachdraidh gu dearbh, ’s e…’s e, ’s e buidheann…

GM―23:10: Uill, tha mi…tha…tha…rinn mi leabhar aig an àm cuideachd, bha còir agam sineach a thoirt a-nuas thugaibh cuideachd. Rinn mi…rinn mi leabhar den…den t-òran a bha siudach aige agus an uair sin am pìos fighe, agus tha an Comunn Eachdraidh a’ dol ga chur suas san àite aca nuair a bhios e deiseil.

EC―23:28: Agus bidh àite…àite mòr aca ann an Càirinis.

GM―23:30: Ann an Càirinis.

EC―23:31: Bun-sgoil a’ Chàirinis. Cothroman gun chrìochan nach eil, le…le eachdraidh?

GM―23:37: O, agus tha…tha leithid de rudan shìos, nuair a bhios an tràigh cianail ìosal a-mach air a’ Bhaile Shear tha…chaidh bàta fodha, schooner mòr the James A. Wright, agus tha…bha doras anns an t-seann taigh againne, thàinig i far aona de na cabins agus tha glainne agam fhathast a thàinig às an sineach. Stòiridhean mu dheidhinn rudan mar…mar sineach tha e…’s toil leam cianail a bhith a’ coimhead a-staigh dhan eachdraidh aca is…

EC―24:06: Agus tha e ann fhathast, an doras agaibh, ’eil?

GM―24:08: Chan eil, dh’fhalbh an doras ach tha…tha a’ ghlainne, glainne tiugh tiugh mar siudach.

EC―24:14: Nach eil sin iongantach. Uill bhiodh feum nach robh…bhiodh feum air a h-uile rud nach biodh, cha bhiodh…

GM―24:19: Uill, shin agad e, is bidh daoine ag ràdh gu bheil tòrr rudan air fhàgail nan laighe timcheall air na h-eileanan, agus chan eil iad a’ smaoineachadh air ais gun robh e cianail doirbh do dhaoine rudan fhaighinn agus ’s e ulaidhean a bh’ ann an rud sam bith a bha iad a’ faighinn air an tràigh no ann an àite mar sineach, agus bha iad ga chumail, thigeadh feum dheth uaireigin.

EC―24:37: Cùm iad seachd bliadhna is bidh…shin agad e.

GM―24:41: Agus bha…bha mi a’ smaoineachadh gum bu còir dhuinn a bhith a’ dèanamh barrachd air an sineach na tha iad.

EC―24:45: A bheil…a bheil ùidh agad anns an…anns an arceòlas is rudan mar sin, na…na…?

GM―24:50: Chan eil. Cha…cha robh…cha robh an toiseach idir idir, ach nuair a chluinneas tu na stòiridhean a tha timcheall air tha a-nist, tha barrachd ùidh agam air ach cha bhiodh foighidinn agamsa na dhèanadh sineach.

EC―25:07: Tha thu a’ fuireach ann an àite eireachdail ann an seo, a bheil thu…a bheil thu a’ faighinn a-mach, a bheil thu a’ dèanamh beagan coiseachd?

GM―25:12: O, tha, bidh mi a’ coiseachd. Chan eil gu leòr ach bidh mi a’ coiseachd air an tràigh mar as trice, ’s e as fheàrr leam.

EC―25:19: Agus dè…a bheil…a bheil àite ann as…as fheàrr leat a bhith a’ coiseachd a…a bharrachd air an seo fhèin, a bheil thu…?

GM―25:24: Uill, am Baile Shear is an Caolas. Tha càirdean agam is bhiodh sinn an-còmhnaidh sa Chaolas nuair a bha sinn beag, ach tha a h-uile tràigh an seothach brèagha, tha. Tha daoine a-nist tha iad a’ fàs greannach a’ dol dhan bheinn ge-tà thoradh na gartain is…tha sin…tha mi a’ smaoineachadh gu bheil sineach a’ cur daoine dheth.

EC―25:45: Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil…gu bheil sin na phàirt dheth gun teagamh, chan eil fhios agad dè bhios ort nuair a tha thu a’ tilleadh dhachaigh gun teagamh.

GM―25:51: Bhiodh sinne gan fhaighinn nuair a bha sinn beag is cha robh…cha robh sinn a’ bodraigeadh cus, bhathas…bha thu ga slaodadh dheth agus cha robh an còrr guth air ach sin.

EC―25:57: Cha robh an còrr guth. Ach ’s e culaidh-eagail a th’ annta gun teagamh do dhaoine tha mi a’ creidsinn.

GM―26:02: Uill, ’s e, agus saoilidh mi gu bheil tòrr bochdainn ann an Uibhist a Tuath is nach eil fhios aca cò às a tha e a’ tighinn.

EC―26:11: A bheil rudan nas cumanta ’s dòcha ann an sheo na bha?

GM―26:13: Uill, tha, Multiple Sclerosis is tha…daoine a’ call an cuimhne òg is rudan mar sin is…bidh thu a’ smaoineachadh uaireannan cò às a tha siud a’ tighinn.

EC―26:25: Airson àite beag mar seo mar gum biodh. Agus shaoileadh tu gum biodh am beatha cho fallain ann an sheo, ’s dòcha, nach…

GM―26:30: Uill, uill cha chreid mi gu bheil a-nist. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil tòrr aige ris a’ bhiadh a tha sinn ag ithe – nach eil na bha iad ag ithe o chionn fada, bha iad ag ithe…a h-uile dad a bha iad ag ithe bha e cho nàdarra.

EC―26:40: An rud a bha iad fhèin a’ faighinn bhon…bhon abhainn, no uill…bhon loch no bhon…bhon mhuir no bhon chroit.

GM―26:46: Bhon mhuir is bhon bheinn.

EC―26:49: Agus a bheil thu…dè do bheachd a thaobh na Gàidhlig? A bheil…am bi Gàidhlig…am bi Gàidhlig air a, air a bruidhinn ann an Uibhist ann am fichead bliadhna no a bheil…?

GM―26:58: Chan eil fhios a’m, a dh’innse na fìrinne. Tha daoine a’ dèanamh barrachd air Gàidhlig a-nist, ach tha mise a’ smaoineachadh gun e…rinn na h-Èireannaich cianail, obair cianail math oir cha robh à-san ach a’ leantail a’ cheòl is dìreach stòiridhean is rudan, cha robh mar gum biodh…chan e daoine ionnsaichte a bha ga putadh idir.

EC―27:24: Dìreach daoine aig an robh ùidh as a’…as a’ chànan. A bheil…a bheil dòigh sam bith a b’ urrainn do..do ghnothaichean a bhith nas fheàrr ann an Uibhist, a bheil…a thaobh seirbheisean no dòighean-siubhail no bùithtean no…a bheil rud sam bith a dhìth, mar gum biodh?

GM―27:39: Uill, cha chreid mi gu bheil feum…bùithtean, gheibh thu rud, air an eadar-lìon rud sam bith a tha thu ag iarraidh gheibh thu air a chur thugad. Dòigheannan-siubhail tha mi a’ smaoineachadh. Is tha mi a’ smaoineachadh gun dèanadh sineach na b’ fhasa do dhaoine a bhith ag obair. A’ fuireach an seo agus ag obair ’s dòcha ann an àiteachan eile.

EC―27:55: Gun teagamh, gun teagamh. Feumaidh dòighean math a bhith ann son faighinn air falbh cuideachd, nach fheum?

GM―27:59: Is e cho trang an-dràsta le luchd-turais anns an àite, tha e…chan eil e furasta faighinn air falbh is a’ faighinn air ais dhan eilean idir.

EC―28:07: Tha e coltach nach eil.

GM―28:09: Chan e mise tè a tha a’ dèanamh cus siubhail co-dhiù ach tha e…tha fhios a’m nach eil e furasta dìreach falbh nuair a thogras tu. Agus tha e cosgaiseach cuideachd.

EC―28:21: Agus a bheil fuasgladh ann a thaobh…a thaobh, a thaobh a’ cheist a thog sibh mu dheidhinn faighinn air falbh ann an cabhag ’s dòcha? Am b’ urrainn dhaibh ’s dòcha àite no dhà a ghlèidheadh airson muinntir an àite air a’ bhàta no rudeigin?

GM―28:32: Uill, tha e doirbh. Chan urrainn dhut…cha, cha mhath dhuinn a  bhith a’ smaoineachadh gun fheum a h-uile dad a tha sinn a’ dèanamh a bhith son feum an luchd-turais. Ach cuideachd, feumaidh tu faicinn gu bheil iad a’ toirt airgead dhan àite, is cosnaidhean.

EC―28:48: Ach an canadh tu gun robh gnothaichean aig ìre fhathast nach eil…’s dòcha chanadh daoine às an Eilean Sgitheanach gu bheil cus ann, ach a bheil sinn aig an ìre sin fhathast no a bheil sinn…a bheil gnothaichean beagan…?

GM―28:58: Tha sinn a’ fàs gu math faisg air, a dh’innse na fìrinne, cha chreid mi nach eil.

EC―29:04: So sin…sin agad, stòiridh gu math inntinneach farsaing, agus mòran mòran taing airson ùine a thoirt dhuinn an-diugh agus…agus seo innse dhuinn.

GM―29:19: ’S e ur beatha, tha mi an dòchas gun dèan e feum do chuideigin!

EC―29:21: Gu dearbh. Gu dearbha fhèin.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8241