Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Alasdair MacAsgaill

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:02: Ali, mòran taing airson bruidhinn rinn a-nochd, tha sinn gu math toilichte a bhith ann a sheo còmhla riut. Am faod thu innse dhuinn beagan mu dheidhinn cò às a tha thu agus beagan mun teaghlach agus dìreach a bhith a’ fàs suas as an sgìre a tha seo?

A[lasdair] M[acAsgaill]―00:19: Tha mise à Ormacleit ann an Uibhist a Deas. Bha còignear as an teaghlach, trì nighnean agus dà ghille, chaidh a thogail an seo ann an Ormacleit, agus tha mise still an seo a’ ruith an àite aig mo sheanair, cruoit, beagan bheothaichean againn is eile.

EC―00:40: Is tha thu ag obair fad an latha shìos aig an range.

AM―00:44: Tha mi ag obair aig a…air an range seachd latha is…seachd uair an uaireadair san latha, còig latha san t-seachdain.

EC―00:52: Seadh dìreach. Agus dè an obair agad aig an range mar gum biodh, dè an dreuchd a th’ ann?

AM―00:56: Ag obair…ag obair air range safety…dìreach a’ dèanamh cinnteach g’ eil a h-uile sian an òrdan, cuin a startas iad air fireadh, flagaichean is feansaichean is drèanaichean is rathaidean, gnothaichean mar sin.

EC―01:11: Is cuin a thòisich thu as an obair sin?

AM―01:15: Thòisich mi ceithir fichead ’s a seachd, an dèidh ’s dhomh sgoil fhàgail.

EC―01:20: Poidhle ùine. Agus a bheil gnothaichean air atharrach...a bheil, a bheil gnothaichean air atharrachadh mòran aig an range as an àm?

AM―01:31: Tha gnothaichean air atharrachadh…tha iad air atharrachadh gu mòr as an range a thaobh na daoine a tha ag obair ann, an rud a tha iad a’ dèanamh air an range, agus tha iad ag iarraidh ort barrachd a dhèanamh a-nist ach mar a b’ àbhaist dhut.

EC―01:49: Mar sin tha diofar ann eadar a bhith ag obair ’s dòcha aig an arm, agus ag obair aig companaidh mar gum biodh?

AM―01:54: Tha. Tha benefits glè mhath agad aig an range, rud dh’fhaoidte nach fhaigheadh tu aig companaidh.

EC―02:01: Gun teagamh, gun teagamh, gun teagamh. Agus dè rudan mu dheidhinn a tha a’ còrdadh riut, ag obair aig an range, tha mi cinnteach gu bheil thu ag obair a-muigh agus am measg diofar dhaoine is sin…?

AM―02:11: Tha e glè mhath a bhith ag obair a-muigh, ag obair ma bhios deagh latha ann, is chì thu daoine agus an uair sin gheibh thu dhachaigh feasgar, mar sineach.

EC―02:21:  Agus ciamar a tha e ag obrachadh le cumail cruite cuideachd? A bheil an obair agus an cruit a’ dol math còmhla, mar gum biodh, bheil?

AM―02:30: Chan eil e ag obair buileach dona idir, ged a tha làithean ann bidh thu a’ uandraigeadh ciamar a tha thu dol a dhèanamh a’ ghnothaich, ach thig agad le obrachadh.

EC―02:40: Agus a bheil thu a’ faighinn tòrr ùine dheth bhon obair, a bheil thu, a bheil thu a’ faighinn cothroman beagan fois a ghabhail bhon, bho na h-uairean-obrach agad?

AM―02:47: Gheibh thu beagan, bha dà làithean agad a dh’fhaodas tu a ghabhail cuin a thogras tu fhad ’s nach eil sian a’ dol air an range, mar sineach.

EC―02:57: Is tha e coltach gun robh, gun robh sibh gu math trang bho chionn ghoirid, gun robh eacarsaich mòr ann le diofar…diofar, diofar dhùthchannan còmhla?

AM―03:07: Tha obair gu math trang dìreach air a dhol seachad agus chaidh e glè mhath.

EC―03:11: Math dha-rìribh, math dha-rìribh, math dhà-rìribh, sin e. Agus innis beagan dhuinn mu dheidhinn d’ òige a’ dol dhan sgoil, cà’ an deach thu dhan sgoil?

AM―03:21: Thòisich mise Sgoil Staoinebrig airson a’ chiad seachd bliadhna, is chaidh mi an uair sin a Dhalabrog son na ceithir bliadhna mu dheireadh.

EC―03:28: Seadh agus dè a’ chuimhne a th’ agad air a bhith san sgoil ann an, ann an Staoinebrig, an e sgoil bheag chàirdeil, laghach a bh’ ann?

AM―03:36: ’S e sgoil laghach a bh’ ann agus bha mu deich air fhichead de chlann ann aig an àm, mun deach thu a Dhalabrog agus bha aon trì cheud.

EC―03:45: Agus dè…caran sgìre a bh’ aig an sgoil, cà, cà’ ’m biodh a’ chlann a’ tighinn…an robh iad a’ tighinn às…à, à Loch Aineort is…

AM―03:54: À Staoinebrig is Ormacleit a bhiodh a’ dol dhan sgoil a bha sin, is bha e gu math laghach, bha fhios aig a h-uile duine cà’ robh a h-uile duine a’ fuireach, is taca ri chèile.

EC―04:04: Agus an robh e a’ còrdadh riut a bhith as an sgoil nuair a bha thu òg, an robh?

AM―04:09: Cha robh a’ chiad spell dheth dona, ach cuin a thàinig e gu deireadh gnothaich bha mi toilichte a’ faighinn a-mach às.

EC―04:15: Agus an robh beachd agad air dè bha thu ag iarraidh a dhèanamh nuair a bha thu nad ghille òg anns an sgoil?

AM―04:21: Cha robh, cha robh mi ach toilichte is fhuair mi obair air an range, is bha sin toilichte gu leòr le.. dhomhsa.

EC―04:27: Agus a bheil agad ri trèanadh, an robh agad ri…mar gum biodh…trèanadh a dhèanamh airson na h-obrach?

AM―04:34: Thòisich mi an toiseach sa workshop, obair meceanigearachd, is rinn mi beagan trèanadh an sin cuin a dh’fhàg mi an sgoil, ach dh’fhàg mi sin sia bliadhna an dèidh’s dhomh job fhaighinn agus fhuair mi an uair sin job eile a bha seo aig an range, an aon àite.

EC―04:57: Tha thu ag obair aig an taigh, tha thu, tha thu air a bhith ann a-nist fad iomadach bliadhna, bidh thu... bidh thusa…am bi miann agad air a bhith ag obair ann an àite eile, no a bheil thu…bheil thu, bheil thu, bheil thu mar gum biodh riaraichte a bhith ag obair ann an Uibhist fad na h-ùine a bheil?

AM―05:10: Tha mi toilichte gu leòr ag obair ann an Uibhist, ach is toil leam faighinn air falbh is cuairt a ghabhail air tìr-mòr an-dràsta ’s a-rithist.

EC―05:16: Agus a bheil àite ann is toil leat gu mòr air tìr-mòr…a bheil, a bheil àite ann gu h-àraid is toil leat mar gum biodh?

AM―05:23: Chan eil, ’s toil leam dìreach àite sam bith treiseag bheag sa bhaile mhòr, siubhal mu chuairt.

EC―05:30: Seadh is bidh thu dìreach a’ togail a-mach leis a’ chàr agus dìreach chì thu cà’..cà’ land thu, mar gum biodh?

AM―05:37: Falbh leis a’ chàr agus stad…air bith cà’ stad an càr.

EC―05:41: Seadh, math dha-rìribh, math dha-rìribh. Agus tha fios ’am gun robh sibh riamh mar theaghlach an sàs ann an obair na cruite. Dè an t-ionnsachadh a fhuair thu bho d’ òige ann a bhith a’ ruith cruit agus ag obair le beathaichean agus arbhar is sineach?

AM―05:56: On a rugadh mise bha, bha mi còmhla ri m’ athair…obair na cruite…feedeadh, feedeadh na beathaichean, gan toirt a-staigh gu bàthach, treabhadh is feur. Bha e gu math nas duilghe an uair sin na tha e an-diugh. Tha machinery an-diugh agad an obair a dhèanamh.

EC―06:16: Agus am biodh daoine a’ cuideachadh a chèile gu mòr nuair a bha thu, nuair a bha thu a’ fàs suas mun…agus…uill ag ionnsachadh mun, mun chruit agus sineach.

AM―06:24: Uill, bhiodh daoine a’ cuideachadh a chèile ach bhiodh teaghlaichean glè mhòr mu chuairt an seo an uair sin agus bhiodh a’ chlann a’ cuideachadh am pàrantan, sin mar a bhiodh iad.

EC―06:34: Sin mar a bha iad ag ionnsachadh.

AM―06:36: ’S e.

EC―06:38: Agus dè a’ chiad obair as cuimhne leat air a’ chruit nuair a bha thu nad, nad, nad ghille beag, dè, dè an rud a bhiodh tu a’ dèanamh?

AM―06:45: Bhithinn a’ bleoghainn bheothaichean; mun tiginn dhan sgoil agus gus an tiginn dhachaigh bhiodh sia mart as a’ bhàthaich son am bleoghann. Bhiodh tu a’ feedeadh na beothaichean an uair sin, toirt dhachaigh mòine, gnothaichean mar sin.

EC―07:03: Agus cuideachd bhiodh sibh a’ dol, a’ dol gu cùl na beinneadh agus a’ trusadh nan caorach cuideachd mar…an robh, an robh sin mar, mar bhaile, mar gum biodh?

AM―07:11: ’S e obair-baile a th’ ann, obair nan caorach tha sin. Ach cha robh mise ris a’ bheinn, gus an robh mi caran sia bliadhna deug, ach bhithinn a’ dol gu faing agus cuideachadh a’ cruinneachadh clòimhe, agus ruith às dèidh chaorach a tha sin.

EC―07:29: Tha fios gun robh e gu math spòrsail a bhith a’ dol a-mach gu cùl na beinneadh leis…le, le na fir eile agus…am biodh sibh ùine mòr…ùine mhòr a-muigh an sin, an biodh, am biodh sibh a’ fuireach an oidhche no tilleadh anns an aon latha no…?

AM―07:39: Cha bhi an club a tha seo a’ fuireach an oidhche idir, is bidh iad deich uair an uaireadair gu dusan uair an uaireadair ag obair air trusadh ’s ma faigh iad nan caorach an toirt gu pen a tha seo, agus rùsgadh…is…no dupadh an ath-latha.

EC―07:55: Agus innis dhuinn beagan mun a’ chlub a tha seo, ciamar a tha an club seo ag obrachadh mar gum biodh, a bheil daoine a’ pàigheadh rud beag son a bhith ann, no a bheil iad…?

AM―08:03: Tha deich air fhichead share anns a’ chlub agus bidh na daoine a’ dol a-mach gan cruinneachadh agus an t-airgead a thig a-staigh, thig a thoirt dha na shareichean a-mach aig a’ Christmas…mar a tha a’ dol.

EC―08:24: Seadh dìreach. Agus dè mu dheidhinn can a-niste aig, aig àm sale an sin. Ciamar a bhios sibh a’ toirt, a’ toirt ur cuid stoc gu sale, a bheil, a bheil sibh uile ag obrachadh còmhla mar sin cuideachd…a bheil, a bheil sibh a’ faighinn làraidh eadaraibh no…airson a bhith gan toirt…?

AM―08:38: Bidh thu a’ faighinn cruinneachadh na h-uain is latha an sale bidh e a’ dol suas ann am float agus an duine a nì an obair a tha sin bidh e a’ faighinn a phàigheadh air a shon agus an uair sin an t-airgead a thig a-staigh air na h-uain bidh e ga chur ann an kitty a-rithist airson a chur air leth aig a’ Christmas, dha na shareichean.

EC―08:56: Sin, sin mar a tha e. Agus dè do bheachd a thaobh cruitearachd, a bheil, a bheil barrachd daoine òg ag iarraidh a bhith, a bhith an sàs ann, a bheil, a bheil, a bheil àm ri tighinn mar gum biodh dha cruitearachd, a bheil, a bheil thu a’ faireachdainn gu bheil…gun e rud a th’ ann a tha, a tha a’ dol a mhaireachdainn agus a’ dol…uill…a’ dol a dh’fhàs, is dòcha?

AM―09:15: Tha gille òg no nighean òg gu math gann mun area a tha seo airson obair cruitearachd. Nuair a dh’fhàgas iad an sgoil bidh iad a’ falbh gu tìr-mòr agus chan fhaic tu iad a’ tilleadh ro thric ann.

EC―09:30: Agus dè dh’fhaodadh ’s dòcha daoine òga a thàladh air ais an seo, a bheil, a bheil beachd agad idir ciamar…an e ’s dòcha obraichean nas fheàrr no…cothroman?

AM―09:40: Chan eil obraichean an seo dhaibh, agus tha iad ag ionnsachadh. Chan eil ann ach na dhà no thrì jobaichean ’s mu chuairt an seo a dh’fhaodas…is cha dearg a h-uile duine a dèanamh. Is bidh iad a’ falbh gu tìr-mòr airson obair fhaighinn son pàigheadh. Cha chum cruit thu beò idir.

EC―10:00: So ’s e, ’s e rud mar gum biodh, ’s e rud…’s e car dòigh-beatha a th’ ann, is dòcha a bharrachd air obair mar gum biodh, ’s e rud a tha thu air a bhith a’ dèanamh.

AM―10:06: ’S e, ’s e.

EC―10:09: Ach a bheil cothroman trèanaidh ann shìos aig an range airson daoine òg a bhith ag iarraidh rud…ag iarraidh ciùird ionnsachadh shìos ann a shineach? A bheil, a bheil cothroman ann airson, airson òigridh?

AM―10:20: Tha cothrom ann airson feadhainn òg startadh air an range, ach chan eil na h-uimhir is a bh’ ann uaireigin, cuin a thòisich mi fhìn an toiseach.

EC―10:30: Bha na cothroman na, na bu phailte.

AM―10:32: Bha iad gu math nas pailte agus nas fhasa faighinn a-staigh ann.

EC―10:38: Tha gnothaichean a’ fàs rud beag nas cruaidhe anns an latha an-diugh.

AM―10:40: Tha gu math nas cruaidhe a-nis faighinn a-staigh is...

EC―10:43: Seadh dìreach, yeah. Agus a-rithist a thaobh rudan sòisealta is tachartasan…a bheil, a bheil, a bheil rudan ann ri dhèanamh as an sgìre seo, mar, can gu bheil thu ag iarraidh a dhol a-mach oidhche, no a bheil, a bheil, a bheil dannsaichean ann is cèilidhean is Whist is rudan mar sineach, ach dè bhios daoine a’ dèanamh airson beagan, beagan…airson beagan dibhearsain mar a chanas iad, faighinn air falbh bhon obair, is obair na cruite is a h-uile rud, a bheil?

AM―11:07: Ah, bidh cèilidhichean ann, is tha dannsaichean ann, agus may…mar a chanas iad a’ cluiche chairtean no Whist, tha sinn a’ dol suas agus sìos an eilean dhà no trì oidhche san t-seachdain, dh’fhaodadh tu a dhol an sin uair sam bith. Tha e glè mhath an oidhche a chur seachad a’ cluiche chairtean. Bidh daoine a’ dol a chèilidh air a chèile.

EC―11:28: A bheil sin cumanta fhathast as, as a’ bhaile seo, am bi daoine a’ dol a chèilidh air a chèile mar gum biodh?

AM―11:34: Bidh, feadhainn, chan eil e cho tric…chan eil e cho…mar a bha…b’ àbhaist dha bhith idir uaireigin.

EC―11:42: A bheil daoine a’ suidhe a-staigh am barrachd? ’S dòcha, ’s dòcha gu bheil daoine trang an dèidh latha- obrach is...

AM―11:47: Tha daoine ag obair is bidh iad a’ tighinn dhachaigh, agus gu dearbh chan eil iad ag iarraidh daoine fhaicinn.

EC―11:51: Tha furasta a bhith leisg nach eil, an dèidh obair? Tuigidh tu…tuigidh tu...do chasan a chur suas agus, agus coimhead air teilidh. Tha mi, tha mi a’ tuigsinn, gu dearbha fhèin. Agus can a-nist le obair na cruite, a bheil amannan nas trainge na amannan eile, mar gum biodh? Dè na…dè ’n amannan as trainge dhut a bhith ag obair air, air, air a’ chruit?

AM―12:02: Bidh mi a’ startadh air treabhadh, bidh mi a’ cumail a’ dol gu math leis an sin, agus an uair sin àm am foghair, obair a’ bhaleadh, tha mi air mo chumail a’ dol gu math tric le sin cuideachd, ach mar s a’ gheamhradh, no gam feedeadh, gheibh…mar a tha e an-dràsta chan eil ann ach baleichean dubha a tha thu a’ cur a-mach chun na beothaichean, agus thig agad an lìonadh gu math cliobhair. Ach mar a tha an treabhadh, faodaidh tu fad an latha a-muigh air a’ mhachair is…chuireadh tu seachad deagh latha a’ treabhadh.

EC―12:43: Agus a bheil agaibh, a bheil, a bheil agaibh ri...ri tòrr, tòrr biadh a cheannach airson, airson a bhith, airson a bhith a’ cumail biadh ris a’ chrodh mar gum biodh, no a bheil, no a bheil sibh fhèin ga fhàs, no…?

AM―12:52: Tha mi fhìn a’ dèanamh mo chuid silage, agus bidh mi a’ feuchainn gu leòr a dhèanamh son na beothaichean a bhiathadh fad a’ gheamhradh, airson nach fheumainn sian a cheannach a-staigh.

EC―13:04: Agus…bheil…dè seòrsa taic a th’ ann, cuideachadh a th’ ann bhon…bhon…bhon mar gum biodh airson, airson grant no airson rudan a dhèanamh air a’ chruit, a bheil cuideachadh ann airson na cosgaisean a bhios, a bhios a’ tighinn ort mar gum biodh, bheil…bheil…airson a bhith, son a bhith a’ cur ann an dòigh àraid, no bheil, a bheil, a bheil sgeamaichean ann airson cruitear a chuideachadh?

AM―13:27: Tha schemes ann son na cruitearan a chuideachadh, ach tha…feumaidh tu airgead mòr a phàigheadh airson plan a dhèanamh air a shon ma faigh thu a-staigh ann. So, mura h-eil an t-airgead agad, tha e gu doirbh faighinn a-staigh ann, ach gheibh thu…thig agad le deagh airgead fhaighinn às, ach feumaidh tu cumail ris an lagh aca cuideachd, cuin a chuireas tu beothaichean air, cuin a startas tu air treabhadh is cuin a startas tu air baleadh is buain, a bheil thu a’ cur binder nam pìos, agus ma nach cum thu leis an sin, faodaidh iad an t-airgead a thoirt bhuat a-rithist.

EC―14:02: Tha mi a’ tuigsinn, so tha cosgaisean na lùib cuideachd, ged a tha thu a’ faighinn cuideachadh, cuideachadh bhuapa. Agus dè na duilgheadasan a dh’fhaodadh a bhith a’ cumail cruit? A bheil, can…tha mi, tha mi...is dòcha rudan mar, mar, mar na geòidh an sineach agus am milleadh as urrainn na geòidh a dhèanamh. A bheil sin na, na thrioblaid dhut?

AM―14:24: Tha na geòidh iad fhèin tha iad gu math nas pailte na b’ àbhaist dhaibh, bidh iad ag obair air an arbhar. Ma faigh thu a bhuain, feumaidh tu a bhith ga bhuain gu math cliobhair no cha bhi sian agad, feumaidh tu a bhith a’ sabaid leotha deireadh na bliadhna.

EC―14:40: Agus dè ’s urrainn a dhèanamh mun deidhinn mar gum biodh, ma, ma tha eòin a’ dol a bhith a’ milleadh do, do, d’ arbhar no mar sineach….bheil…?

AM―14:49: Èirigh aig còig uairean sa mhadainn agus a dhol a-mach leis a’ ghunna is feuchainn an sgleogadh!

EC―14:54: Agus a bheil cead, a bheil cead ann sin a dhèanamh mar gum biodh, no…?

AM―14:57: Tha cead agad a dhèanamh.

EC―15:00: Nuair a bha thu a’ fàs…òg…an robh, an robh stòiridhean a’ dol mun cuairt mu dheidhinn diofar rudan as a’…, an robh, an robh am biodh daoine ag innse stoìridhean mu dheidhinn na taibhsean is bòcain is manaidhean agus na rudan mar sineach…agus an dà shealladh agus…a bheil cuimhn’ agad air rudan mar sin?    

AM―15:15: Bhiodh stòiridhean a’ dol mu chuairt, ach cha dearg mo chuimhneachadh air gin an-dràsta.

EC―15:18: Tha mise an aon dòigh uaireannan, chan eil, chan eil, chan eil…

AM―15:20: Cluinnidh tu iad agus dìochuimhnichidh tu iad, ach bhiodh gu leòr a’ dol mu chuairt uaireigin.

EC―15:28: So…a bheil thu a’ faicinn atharrachadh mòr anns an àite seo mar gum biodh, a bheil, a bheil, a bheil tòrr daoine a’ tighinn a-staigh ann, is dòcha coigrich a’ tighinn a-staigh a dh’fhuireach, is a bheil, a bheil e ag atharrachadh?

AM―15:37: Tha an t-àite air atharrachadh gu mòr, tha an tourist fhèin tha e pailte.

EC―15:43: Tha e gu math pailte bho chionn ghoirid, nach eil?

AM―15:45: Tha, obair nam bicycles, campervans…eil fhios ’ad tha iad mun rathad gun stad. Tha tòrr dhaoine seo Bed and Breakfast an seo, ged a tha iad a’ faighinn beathachadh às, rud nach eil dona idir do theaghlach.

EC―16:01: An e, an e rud mòr a th’ ann a bhith a’ dol gu na shows, mar a bha…a bheil...tha sin ann a h-uile bliadhna, nach eil, anns a’…?

AM―16:07: Tha shows shìos san Ìochdar, is bidh mi a’ feuchainn fhaighinn ann, ach o chionn bliadhna no dhà, shioft iad gu Disathairne e, agus bhithinn a’ trusadh an latha sin, agus bhithinn ga mhisseadh ach tha mi ann ma dheargas mi.

EC―16:25: Seadh, agus an e, an e deagh chothrom a th’ ann dìreach a bhith a’ bruidhinn ri daoine eile cuideachd is rudeigin?

AM―16:29: Tachraidh tu le daoine shìos an sin mar a tha latha an sale fhèin, chì thu na daoine ann.

EC―16:35: An e obair aonranach a th’ ann ann an dòigh a bhith ag obair air cruit, mar gum biodh? A bheil thu, a bheil thu a’ faireachdainn nad aonar uaireannan, no a bheil, a bheil cothroman ann a bhith a’ faighinn còmhla ri daoine eile mar gum biodh agus bruidhinn air…?

AM―16:45: Is toil leam fhìn a bhith ag obair air, ach tha làithean ann bidh mi ag ràdh leam fhìn carson a tha mi ga dhèanamh.

EC―16:51: Bidh sin…bidh sin a’ bualadh ort uaireannan.

AM―16:53: Bidh sin a’ bualadh dhomh an-dràsta ’s a-rithist. Nuair a thig thu air ais air oidhche geamradh is t-uisge ann is gèile ann is agad le falbh a-mach a bhiadhadh bheathaichean is bidh thu ag ràdh leat fhèin ‘Carson a tha mi ris?’.

EC―17:03: Canaidh…sin…aidh, chan eil madainn Diluain ann ach cuideachd chan eil feasgar Dihaoine ann, mar gum biodh, chan...chan eil...

AM―17:08: Ach an uair sin thig thu dhachaigh an ath-oidhche agus a’ ghrian a’ deàrrsadh, is ag ràdh ‘Is nach ann a tha deagh fheasgar, is nach eil seo snog?’

EC―17:16: Agus, agus an, an t-ainm agaibh fhèin mar theaghlach, MacAsgaill, cò às a thàinig sibh bho thùs mar gum…? An ann, an ann, an ann à, ann ann às Na Hearadh a bha sibh an toiseach, no ciamar, ciamar a thàinig an, an teaghlach gu bhith ann a sheo mar gum biodh?

AM―17:27: Fhad ’s a tha fhios agamsa, MacAsgaill ’s ann à Beàrnaraigh a thàinig iad.

EC―17:31: Seadh, ’s e ainm car a bhuineas, nach e, do, do na h-eileanan sin a th’ ann? Agus an d’ fhuair, an d’ fhuair sibh pìos fearainn bhos ann a sheo uaireigin agus…?

AM―17:42: Chan eil mi buileach cinnteach ciamar a bha e…ach…cuin a chaidh an tac a bha seo a ghearradh suas…fhuair mo…

EC―17:49: Innis dhuinn beagan a bharrachd...beagan mu dheidhinn, mu dheidhinn do, do bhaile. ’S e, ’s e Ormacleit am baile far, far, far an do thogadh tu, cia...dè…ciamar a thàinig e gu bith mar gum biodh? An robh tuathanas mòr an seo uaireigin agus an deach a bhristeadh na, na chruitean no…?

AM―18:08: Chaidh a bhristeadh…tha mi cinnteach gu bheil beagan is ceud bliadhna air ais. Chaidh a chur a-staigh gu seachd deug de chruitean agus fhuair na daoine a bha sin cruit an uair sin, mar a thachair sna bailtean eile. Ach sin mar a thachair dha Ormacleit, agus fhuair mo sheanair no mo shinn-sheanair, fhuair e cruit, uill ’s e dà chroit a fhuair e an Ormacleit. Agus tha e air cumail a’ dol agus tha mi fhìn gan cumail a’ dol fhathast.

EC―18:37: ’S e an aon dà chruit?

AM―18:38: An aon dà chruit.

EC―18:42: Agus tha e coltach gu bheil thu fhèin agus do phiuthar agus a duine cuideachd ag obair còmhla, nach eil? Bidh sibh a’ cuideachadh a chèile gu mòr aig…nuair a bhios ’s dòcha aon duine air falbh no rudeigin mar sin, nach bi sibh a’ cumail sùil…?

AM―18:54: Bidh.

EC―18:56: Bidh e...seadh yeah, seadh yeah, seadh. Uill, ’s e, ’s e rud, ’s e rud math a tha sineach gu dearbha fhèin e, yeah gu dearbh. Agus can gun robh, gun robh cuideigin òg agus gun robh, gun robh sùim aca, ùidh aca ann an cruitearachd, dè…dè seòrsa comhairle a bheireadh tu dhaibh, an e…?

AM―19:14: Bheirinn dhaibh cuideachadh agus sheallainn dhaibh mar a dhèanadh iad gnothaichean, ach tha tòrr de feadhainn òg nach coimhead an taobh anns a bheil thu, is chan eil iad ach ag iarraidh a dhol a-mach gu dannsa, is disco is drams is sin uile a tha a dhìth orra, ach bidh iad aig an aois a tha sin.

EC―19:31: Sin an aois a th’ ann, bha sinn uile aig, aig an aois a bha…tha mi a’ tuigsinn, yeah, uh huh. Tha mi…tha fhios a’m gu bheil thu a’ toirt tòrr tòrr taic do fheadhainn òga nach eil, a tha ùidh aca ann an cruitearachd, is tha iad, tha iad air gabhail ris gu mòr. Tha fios gu bheil e gu math, gu math tlachdmhor dhut a bhith, a bhith a’ faicinn cuideigin mar sineach mar gum biodh, a’ dol a-staigh dhan chroitearachd gu mòr.

AM―19:53: Aidh. Tha gille òg a’ fuireach an taigh shìos dhìom, agus thàinig e còmhla rium tha mi cinnteach gu bheil faisg air ochd bliadhna, thòisich e…cha robh e ach gu math òg an uair sin, bhiodh e a’ falbh còmhla rium san tractair, a’ feedeadh bheothaichean ’s a’ treabhadh, is e fhèin a-nis, thig aige le a’ chrann a chur air is falbh air adhart, no rud sam bith. Bidh e a’ feedeadh na beothaichean dhomh ma dh’fhalbhas mi fhìn aig àm na Nollaig, is tha mi gu math taingeil às an sin.

EC―20:21: Gu dearbha fhèin e, ’s e rud mòr a th’ ann cuideigin, cuideigin a ghabhas uallach mar sineach dhut co-dhiù. Agus, agus fiù ’s rinn e gu math luath e, cha…bha dìreach thog e an gnothach.

AM―20:30: Thog e an gnothach a’ dol a-mach còmhla rium fad a h-uile deireadh-seachdain.

EC―20:36: Tha mi cinnteach nach e rud a ghabhas ionnsachadh a-mach à leabhar a th’ ann, obair cruitearachd, ach gum, gum feum thu dìreach a dhèanamh.

AM―20:42: Feumaidh tu an obair a dhèanamh airson ionnsachadh.

EC―20:45: Agus a bharrachd air do theaghlach fhèin nuair a bha thu nad ghille òg, theagamh thug d’ athair sealltainn dhut, an robh, an robh duine sam bith eile mar gum biodh na dheagh eiseimpleir dhut mar chruitear airson na, na comasan a bh’ aige no bh’ aice? An robh…an robh ’s dòcha feadhainn ag obair le caorach no a’ cur, no rud…an robh, an robh, an robh barrachd is do theaghlach fhèin mar gum biodh, gad ionnsachadh mar, mar chruitear?

AM―21:08: Tha thu daonnan ag ionnsachadh. Chan eil e gu diofar dè an aois a tha thu, thig thu a-mach is chì thu cuideigin, a-nall toirt dhaibh cuideachadh, dh’fhaoidte gum faic thu rudeigin a tha à-san a’ dèanamh nas fhasa na thu fhèin. Bidh thu ag ràdh ‘ach siud mar a nì thu siud nas fhasa’.

EC―21:22: Agus dè mu dheidhinn rudan, rudan mar dìreach càradh…car, innea...rud car practical mar gum biodh, ach, ach can gu bheil, gu bheil, gu bheil inneal agad, am bi thu fhèin gan càradh no am bi...am feum cuideigin an càradh air do shon mar gum biodh, na, na diofar rudan a tha thu…

AM―21:36: Mi fhìn a’ feuchainn an càradh, ach cha dèan thu an gnothach air fad an t-siubhail idir, feumaidh tu cuideachadh fhaighinn, ach bidh mi a’ feuchainn, a’ feuchainn mo dhìcheall an cur na chèile.

EC―21:45: Agus can gu bheil rudeigin a’ bristeadh, pàirt air choireigin, a bheil, a bheil e, a bheil e furasta na pàirtean ùr fhaighinn air a...air a shon mar gum biodh?

AM―21:55: Tha dependeadh air a’ mhachinery. Mar a tha seann bhinder, tha e gu math doirbh parts fhaighinn, ’s seann bhinder eile a dh’fheumadh tu fhaighinn agus pìos a thoirt dheth.

EC―22:06: Tha mi a’ tuigsinn, so chan eil e furasta mar gum biodh, na, na na pàirtean…

AM―22:10: Ach ma bhristeas pìos fiodh, dh’fheumadh tu pìos fiodh a thoirt dheth air fad, agus a dhol gu saor airson an aon seòrsa fhaighinn a-rithist. Dh’fheumadh e, it’s…mar a chanadh iad duplicating a dhèanamh den rud a bhrist thu.

EC―22:24: Agus am bi thu fhèin a’ cur feum air binder, am bi...am binder seann fhasanta, am bi?

AM―22:29: Tha dà bhliadhna o nach do dh’ ùsaig mi binder, ach bhithinn ag ùsaigeadh bhinder.

EC―22:35: Agus a bheil e, a bheil e math ann an dòigh nach eil inneal nas ùire mar gum biodh? A bheil, a bheil adhbhar ann airson a bhith ag ùisneachadh an, an seann rud, no an e dìreach an rud a bha agad bho chionn fhada mar gum biodh?

AM―22:45: Tha am binder agam ach tha combine agam a bharrachd air a sin, ach tha an combine an aon aois rium fhìn. Feumaidh tu a bhith gu math faiceallach leis, bidh e a’ tuiteam às a chèile gu math tric.

EC―22:57: Agus an deach do leòn uair sam bith le inneal mar gum biodh? Feumaidh tu a bhith gu math faiceallach tha mi, tha mi cinnteach an lùib innealan le faobhar orra is rudan mar sineach.

AM―23:06: Feumaidh tu a bhith gu math faiceallach. Tha mi air buille no dhà fhaighinn à innealan ach feumaidh tu cumail a’ dol.

EC―23:14: Agus ’s dòcha coimhead air ais nad chruitear mar gum biodh, dè na rudan…dè na rudan can, can gun robh thu a’ coimhead air ais air do bheatha, dè na rudan a b’ fheàrr a chòrd leat, agus, agus a tha a’ còrdadh leat fhathast mun, mun, mun chruitear agus an dòigh-beatha a th’ agad ann a sheo?

AM―23:31: Is toil leam obair a’ feòir. Bidh mu chòignear againn a’ dol mu chuairt a’ baleadh còmhla an sin, agus fhad ’s a tha a h-uile sian a’ dol math, chan iarr thu latha nas fheàrr. Ag èirigh sa mhadainn ’s ma tha latha snog ann còmhla leis an tractar an sin, is…ach cuin a bhristeas aon rud tha na còig tractors a’ stad.

EC―23:54: Sin, so tha sibh caran a’ crochadh air a chèile anns an dòigh sin, aidh, yeah. Agus a bheil cuimhn’ agad, ’eil fhios agad, can nuair a bha thu nad gille beag, a bheil cuimhn’ agad air tòrr…a bhith còmhla ri ’s dòcha do pheathraichean is do, do theaghlach agus na rudan a bhiodh sibh a’ dèanamh, na, na geamaichean a bhiodh sibh a’ cluich is rudan mar sin, am biodh sibh le beagan mì-mhodh an sineach nuair a bha sibh na…

AM―24:17: Och, bhiodh sinn a’ cluich geamachan gun teagamh, eadar druimean na cruachan arbhair an sin, rud nach eil ann an-diugh, eadar…streap sinn agus bhiodh d’ athair às do dheaghaidh an uair sin is cha bhiodh tusa…bhiodh tu, bhiodh tu  a’ uandraigeadh dè tha thu a’ dèanamh ceàrr, ach chì thu an-diugh dè bha thu a’ dèanamh ceàrr.

EC―24:37: Agus cuin a fhuair thu a’ chiad chothrom thu fhèin ri dràibheadh tractar mar gum biodh, a’ dràibheadh inneal mar sineach. An robh thu, an robh thu aois àraid nuair a, nuair a thòisich thu fhèin air, air a bhith ga, ga stiùireadh is ga làimhseachadh an sin?

AM―24:50: Cha robh mise ach gu math òg cùin a dh’fhalbh mi leis an tractair an toiseachd, cha ruiginn air na pedals ceart, ach chan eil ann ach cumail a’ dol mar sineach.

EC―25:03: Agus dè mu dheidhinn feadhainn a b’ aithne dhut anns an sgoil, a bheil iad uileadh a-nis air sgaoileadh, a bheil iad air feadh an àite no a bheil gin a’ fuireach, a’ fuireach you know, faisg ort fhathast, no…?

AM―25:12: Tha tòrr dhiubh air sgaoileadh mu chuairt ach tha deannan mhath mu chuairt fhathast.

EC―25:18: Agus a bheil feadhainn a bha air falbh agus a thill, mar gum biodh, a bheil, a bheil feadhainn…?

AM―25:23: Chì thu fear no dhà a tha air tilleadh, ach tha deich air fhichead bliadhna is còrr ann on dh’fhàg mise an sgoil, is iad fhèin a’ feuchainn air beatha a dhèanamh, so…

EC―25:35: Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil…bha thu ag ràdh ’s dòcha nach eil cothroman-obrach gu leòr ann do, do dhaoine òga ann an sheo, ach saoil nam biodh am, am barrachd cothroman ann gun tilleadh daoine air ais an seo? No, mar gum biodh…a bheil, a bheil gu leòr ann a bhiodh gan tarraing mar gum biodh, a bharrachd air an obair fhèin mar gum biodh, ach a bheil…dè…?

AM―25:55: Dh’ fheumadh obair a bhith ann an toiseach, is chan eil fhios ’a’m dè an obair a ghabhadh dèanamh airson daoine a chumail…a chumail an seo.

EC―26:04: Agus dè mu dheidhinn mar gum biodh taigh fhaighinn? A bheil, a bheil e…ciamar…can gu bheil cuideigin ag iarraidh tilleadh agus ag iarraidh, ag iarraidh, ag iarraidh settligeadh agus taigh aca, is dòcha cruit beag, a bheil, a bheil sin, a bheil gu math doirbh sin?

AM―26:19: Tha taighean gan reic gun teagamh, ach chan eil e cho furasta cruit fhaighinn.

EC―26:24: Ceart, ceart. So, ’s e, ’s e an cruit really an rud as duilghe, aidh. Agus a bheil thu a’ faic...agus tha, a bheil thu a’ faicinn tòrr dhaoine tighinn a-staigh an seo mar gum biodh, a bheil, a bheil  e…?

AM―26:35: Oh, chì thu deannan de dhaoine nach buin dhan eilean idir idir a’ tighinn a dh’fhuireach an seo.

EC―26:45: Saoil dè a tha gan tarraing an seo? Dè, dè an rud a tha a’ còrdadh riutha cho mòr?

AM―26:48: An t-eilean snog.

EC―26:54: Am b’ urrainn dhut smaoineachadh air dad sam bith a dhèanadh an t-àite na b’ fheàrr do dhaoine, can rudan ’s dòcha bàtaichean nas trice no plèanaichean nas saoire no rathaidean nas fheàrr no dìreach cothroman a bhith a’ falbh, a bheil, a bheil, a bheil idea agad dè dhèanadh gnothaichean na b’ fhasa dhutsa ’s dòcha, mar gum biodh, no do dhuine, duine sam bith eile?

AM―27:14: Oh chan aithne dhomh sian.

EC―27:17: Canaidh feadhainn gum biodh e…you know, nam biodh cothroman ’s dòcha a bhith, a bhith a’ falbh nas trice no you know ùine…you know ’s dòcha dòighean-siubhail nas, nas fheàrr mar gum biodh…

AM―27:29: Tha cho daor faighinn air agus dheth.

EC―27:32: Uill, sin an, sin an, sin an rud a bha leam mar gum biodh, gu bheil e, gu bheil e daor, ma tha thu, ma tha thu ag iarraidh falbh tha thu a’ cosg airgead, fiù ’s mus, mus ruig thu can an t-àite far a bheil thu a’ dol, tha thu air airgead mòr a chur a-mach.

AM―27:45: Mu ruigeas tusa Glaschu tha thu air dà cheud not a chosg mus faigh thu ann.

EC―27:48: Gu math furasta, gu math furasta, bidh thu, bidh thu a’ cosg airgead gun for agad air.

AM―27:52: Agus sin cho saor ’s a gheibh thu e. Agus ma dh’fhalbhas tu air plèan’ tha e nas daoire.

EC―27:56: Tha nas daoire buileach. ’S dòcha bhiodh, bhiodh e, bhiodh e math nam biodh am plèana beagan na bu shaoire no beagan na bu, na bu…am biodh tu falbh…am biodh tu fhèin a’ falbh na bu trice nam biodh gnothaichean beagan na b’ fhasa no beagan na bu shaoire mar gum biodh? An toireadh e ort...?

AM―28:13: Chan eil fhios ’am, bidh mi a’ falbh…còig triopan sa bhliadhna…ceithir…

EC―28:19: ’S dòcha, ’s dòcha gu bheil thu a’ falbh cho tric ’s a tha thu…tha thu fhèin…

AM―28:22: Aidh, is toil leam falbh fad ’s…an-dràsta ’s a-rithist, ach cuin a bhios mi a’ falbh bidh mi a’ coimhead airson tilleadh dhachaigh.

EC―28:29: So bidh thu…nì e feum dhut a bhith, a bhith a’ falbh, ach aig an aon àm tha thu, tha thu ag iarraidh faighinn dhachaigh cuideachd, uill tha sin…agus an uair sin bidh thu, bidh thu a’ tuigsinn na, na rudan a tha cho math, tha mi a’ creidsinn, mun àite seo nuair a, nuair a gheibh thu, a gheibh thu air ais bhuaithe. Agus can gun robh agad ri seo fhàgail air adhbhar sam bith, ciamar a bhiodh tu a’ faireachdainn nam biodh agad, air adhbhar, air adhbhar sam bith air, air Uibhist fhàgail, dè seòrsa…ciamar a bhiodh tu a’ faireachdainn mu dheidhinn?

AM―28:53: Dè, airson a dhol a dh’obair a dh’àite?

EC―28:55: Uill, yeah airson, son adhbhar sam bith, nam biodh…nam biodh adhbhar air choireigin agad ri, ri Uibhist fhàgail, am biodh, am biodh tu gu math briste mu dheidhinn?

AM―29:04: Bhitheadh. Bhithinn treis mus shettliginn sìos, sin ma shettliginn.

EC―29:09: ’S dòcha nach settligeadh idir mar gum biodh, is gum biodh e…gum biodh tu…yeah, uill, tha mi, tha a’ smaoineachadh gu bheil, gu bheil thu uileadh gu lèir gu math riaraichte co-dhiù leis an obair agus seòrsa beatha, agus a bhith a’ faighinn air falbh bho àm gu àm gu àiteachan eile cuideachd. OK uill, Ali mòran mòran taing airson bruidhinn rinn airson…an dèidh latha trang obrach a bhith agad, agus tha sin coltach cola-deug gu, gu math trang obrach agus bidh thu trang a-rithist an ath-sheachdain, uill...

AM―29:39: Tha iad startadh an ath-sheachdain a-rithist.

EC―29:41: Agus cò tha a’ tighinn an ath-sheachdain, cò, cò buidheann a bhios ann an uair sin?

AM―29:35: O, is tu a chuir a’ cheist orm! Ah, dìreach chan eil iad ach a’ tighinn ’s a’ falbh.

EC―29:50: Tighinn is a’ falbh. Agus a bheil e ceart a ràdh gun do dhùin an campa, an campa West Camp no a bheil, a bheil, a bheil sin…?

AM―29:57: Tha a’ chuid as motha dheth air dùnadh, ach tha pìos aca fosgailte fhathast.

EC―30:03: Agus tha mi a’ creidsinn…a bheil…a bheil…a bheil...a bheil daoine a’ fuireach as na taighean-òsta is na, na B&Bs an sineach?

AM―30:11: An t-seachdain seo chaidh bha tòrr dhaoine a-bhos is...

EC―30:13: Tha e coltach gun robh an t-àite dìreach stobhte an t-seachdain seo chaidh, nach robh, nach robh leabaidh ri fhaighinn airson duine sam bith.

AM―30:18: Tha iad gu math doirbh fhaighinn.

EC―30:21: Tha mi a’ smaoineachadh ’s dòcha nach, nach eil àiteachan gu leòr fuirich an seo uaireannan, ’s dòcha, ’s dòcha gu bheil airson a’ mhòr-chuid ach aig amannan tha an t-àite dìreach…

AM―30:29: Tha an t-àite làn gu math tric.

EC―30:31: Agus dè, dè tha romhad fad an t-samhraidh, a bheil thu a’ dol gu rud sam bith, am bi thu a’ dol gu Ceòlas no rud sam bith mar sineach, cha robh thu a’ dol gu na, na, na, na Eilean Dorcha agus rudan mar sin?

AM―30:41: Cha bhi. Cha bhi. Startadh an rùsgadh.

EC―30:48: An rùsgadh.

AM―30:49: Sin an làn job agamsa.

EC―30:51: Agus cia mheud, cia mheud othaisg a th’ agad uile, uile gu lèir?

AM―30:54: Chan eil aon chaora leamsa.

EC―30:56: Oh duilich, ist, nise bha thu ag innse sin, ach, ach ged, ged nach eil thu a’ cumail chaorach bidh thu gan rùsgadh.

AM―31:01: Bidh mi gan rùsgadh do daoine eile, a’ toirt dhaibh cuideachadh.

EC―31:03: Seadh, agus an robh sibh ga...gan cumail nuair, nuair a bha thu na b’ òige, an robh caoraich agaibh an uair sin?

AM―31:09: Bha beagan agam uaireigin cuin a dh’fhàg mi an sgoil, cha robh ann ach mu fichead. Ach nuair a thug mi orm a’ chruit nam ainm fhìn, thòisich mi na beothaichean agus dh’fhalbh na caoraich. Na beothaichean na b’ fhasa.

EC―31:24: A bheil barrachd obair ann an caoraich na crodh mar gum biodh, a bheil rùsgadh agus dupadh is…?

AM―31:29: Chanainns’ gu bheil na beathaichean nas fhasa dhomh fhìn na na caoraich.

EC―31:32: Chan eil feum ’s dòcha air, air na h-uiread frithealadh orra is rudan mar sin. Sin agad e, so beatha, beatha cruaidh ach tha mi a’ smaoineachadh nach, nach biodh tu ag iarraidh rud sam bith eile dhut fhèin co-dhiù.

AM―31:46: Chan eil e cho cruaidh an-diugh mar a b’ àbhaist dha a bhith uaireigin, ach feumaidh tu beagan obair a chur a-staigh mar sineach.

EC―31:54: Gu dearbha fhèin e, dìreach feumaidh, feumaidh cuideigin, cuideigin a dhèanamh co-dhiù. Math dha-rìribh, uill mòran taing gu dearbha fhèin is, is chòrd e rium a bhith a’ bruidhinn riut.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8239