Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Seonag Smith (3)

EC―00:05: Agus a bharrachd air obair a bheil…a bheil ùidh agaibh ann an rudan eile mar gum biodh? Ciamar…a bheil…a bheil rudan a bhios sibh a’ dèanamh airson…dìreach airson toileachas is…?

SS―00:15: Uill, bidh mise fhathast a’ dèanamh tòrr…bidh an dithis againn a’ dèanamh tòrr mòr leughadh, barrachd mòr leughaidh ’s a bhios mi a’ dèanamh coimhead air telebhisean no sian mar sin.

EC―00:22: A bheil seòrsa leabhair is toil leat? Dè an seòrsa rud is toil leat a bhith…?

SS―00:25: Rud sam bith fhad ’s nach eil e eagalach! Fhad ’s nach cuir e an t-eagal orm, chan eil sian…cha toil leam idir murt is marbhadh agus gnothaichean mar sin ann an leabhar, ach rud sam bith eile ach sin. Agus còcaireachd!

EC―00:39: Agus tha e coltach gu bheil sibh a’ bruidhinn cuideachd tòrr air an teilidh, nach eil, le…le…leis a’ BhBC is…?

SS―00:44: Och bithidh…bidh mi…bidh mi a’ bruidhinn air a…air a…air an rèidio tric, Cathy Bhàn is le daoine mar sin.

EC―00:48: A bheil e a’ tachairt tric? A bheil e a’ tachairt gach seachdain cha mhòr no…?

SS―00:51: Uaireannan, bidh spealaichean…bidh spealaichean ann is bidh mi…

EC―00:53: Bidh am fòn a’ ringeadh is bidh iad ag iarraidh…‘tha sinn ag iarraidh bruidhinn riut’.

SS―00:56: ‘Tha sinn ag iarraidh sreath de shia seachdainnean’ no rud mar sin aig…aig Cathy no rudeigin mar sin, no ’s dòcha nas fhaide na sin uaireannan agus tha sin a’ còrdadh rium tha e cho inntinneach, agus a’ dèanamh rud air telebhisean, gnothach ‘Fuine’ a tha seo, uill ’s e ‘Fuine’ an rud bho dheireadh a rinn mi. Rinn mi of course ‘Còcaire nan Còcairean’, ged a tha mi gam bhòstadh fhìn! Cha…cha bhi thusa a’ watchadh mòran den Ghàidhlig air an telebhisean ann, am bi?

EC―01:21: ’S dòcha nach…nach eil na h-uiread ’s dòcha ’s a…’s a dh’fhaodainn.

SS―01:26: Am bi thu a’ watchadh telebhisean sam bith eile, Masterchef no sin?

EC―01:28: Chan eil mi cho…cho…cho mòr mu dheidhinn còcaireachd, tha mi a’ creidsinn.

SS―01:34: Chuala tu mu dheidhinn, Masterchef?

EC―01:35: O, chuala, chuala.

SS―01:36: Uill, seo Masterchef ann an Gàidhlig.

EC―01:37: Tha mi a’ tuigsinn còcaire…OK, tha mi a’ tuigsinn ‘Còcaire nan Còcairean’.

SS―01:39: ‘Còcaire nan Còcairean’ so seo agad i!

EC―01:40: Seo a-nist.

SS―01:41: The reigning champion! Tha…cha robh e ann ach dà thuras a-riamh an rud a bha seo agus a’ chiad turas a chaidh mi a-staigh air a shon cha d’ fhuair mi ach an dàrna àite.

EC―01:54: Tha an dàrna àite fhèin math gu leòr!

SS―01:56: Tha…an uair sin an dàrna turas ghlèidh mi e so cha do rinn iad tuilleadh e an uair sin!

EC―02:05: Agus an robh oidhche mhòr agaibh ann an àite spaideil no rudeigin, an robh…an robh…?

SS―02:09: O, an duais a fhuair thu air a shon? O bha, barrachd air an sin ann. Bha thu a’ faighinn holiday shìo…is bha thu a’ dol dhan cooking school aig Rosemary Schrager. Bha thu a’ faighinn…ceithir latha bha thu a’ faighinn an sin agus a’ fuireach ann an hotel spaideil, thu fhèin agus cuideigin eile…uill mi fhìn is an duine agam, mi fhìn is Malcolm.
Ach bha e na b’ fheàrr air còrdadh riumsa a’ chiad turas a rinn iad e, a chionn ’s an duais a bh’ ann an uair sin bha thu a’ dol sìos dhan sgoil aig Rick Stein, sìos a Chornwall, so bha thu a’ còcaireachd iasg is gnothaichean, bha sin…bha sin…bha sin ann am pàirtean a’ còrdadh rium na b’ fheàrr, ged a bha siud uabhasach fhèin math cuideachd a bhith as an sgoil aig Rosemary Schrager – chòrd e math math rium, ach tha greiseag on uair sin so cha do rinn iad tuilleadh e. Tha…bha tòrr airgid na lùib, ’eil fhios agad is…tha…’s e rud uabhasach daor a bh’ ann, prògram uabhasach daor a bhiodh ann a dhèanamh tha mi glè chinnteach, a chionn ’s bha thu an toiseachd fhad’ ’s a bha thu ga dhèanamh bha thu thall ann an Steòrnabhagh fad seachdain a’ fiolmadh agus bha thu ga dhèanamh a h-uile latha, uill mar a bha thu a’ faighinn air adhart, agus dh’fheumadh iad do chur suas – ’eil fhios agad, mar a bha muinntir Na Hearadh is muinntir Leòdhais bha iad a’ dol dhachaigh a h-uile h-oidhche, ach mar a bha na feadhainn a’ falbh às na h-Uibhistean is à Barraigh bha iad…dh’fheumadh iad do chur suas ann an hotel so bha an cosgais a bha sin orra agus…is cha robh e cho furasta dhuinne na bu mhotha. Na feadhainn a bha às Na Hearadh is às Leodhas bha iad a’ dol dhachaigh airson practice a h-uile h-oidhche, ach cha robh sinne ach ann an hotel. Is an dàrna turas…a’ chiad turas dh’fhòn iad thugam is thuirt iad ‘An dèan thu e?’ is thuirt mi ‘Och well thig mi ann’, uill b’ fheudar dhaibh fòn a chur thugam turas no dhà a chionn ’s cha robh mi deònach idir an toiseachd, so chaidh mi ann an uair sin. Agus mar a bha mi a ràdh, fhuair mi air ais…fhuair mi chun na…na finals. Agus an dàrna turas dh’fhòn iad thugam is bha mo charaid air sioftadh suas a Steòrnabhagh a dh’fhuireach, agus ‘O thig mi suas is chì mi cà’ bheil ise a’ fuireach’ is a h-uile sian, is ‘Chì mi i is a h-uile sian is thig mi ann’. Agus cha robh sian a dhùil a’m, genuinely cha robh sian a dhùil agam gun fhaighinn seachad air a’ chiad chuairt an turas sin, bha mi ag ràdh ‘That’s it’. Ach mar a bha mi a’ sìor fhaighinn air adhart is a’ sìor fhaighinn air adhart is bha mi ag ràdh an uair sin…cha robh mi air sian a dheiseileachadh no ideas no sian dè bha mi a’ dol a chòcaireachd is tòrr de na rudan a chòcairich mi sin a’ chiad turas a bha…a rinn mi a-riamh iad nuair a rinn mi…nuair a bha mi gan dèanamh air an rud! Ach ’s e Cathy Bhàn ’s i…’s i an tè a bha còmhla riut ga dhèanamh, ’s i a bha a’ presenteadh a’ phrògraim is bha e uabhasach fhèin math is bha iad cho laghach na feadhainn a bha ag obair air. Cuideachd am producer a bh’ againn Alasdair MacFhionghain, tha e ag obair aig Bòrd na Gàidhlig a-nist.

EC―04:48: O, tha mi eòlach air Alasdair.

SS―04:49: O, bha e dìreach…’s e fìor dhuine uasal a th’ ann, agus an t-uabhas de na daoine a bha sin, bha iad uabhasach laghach is thachair mi ri tòrr de dhaoine agus feadhainn de na feadhainn òga a bha…a bha ag obair aig an rud cuideachd. Agus tha feadhainn dhiubh air obraichean gu math mòr fhaighinn a-nist aig an…aig na television companies is gnothaichean a chionn ’s tha greiseag on uair sin. So bha e uabhasach fhèin inntinneach. ’S e obair…nam bithinn na b’ òige tha mi a’ smaoinntinn ’s e obair a th’ ann a chòrdadh rium fhìn a bhith ag obair mu chuairt air.

EC―05:20: Air na meadhanan?

SS―05:21: Uh-huh. Tha mi a’ smaointinn, ’eil fhios agad, nam biodh na cothroman sin air a bhith ann nuair a bha mise òg. Tha leithid de chothroman ann do dhaoine òg an-diugh ann an…mu…mu chuairt air rudan mar sin is a’ Ghàidhlig, ’eil fhios agad. Cha robh cothroman idir ann nuair a bha mise òg mu chuairt air a’ Ghàidhlig, nas lugha na bhiodh tu airson a bhith nad thidsear Gàidhlig, sin an aon rud a bh’ ann. Ach aidh ’s e obair inntinneach a th’ ann co-dhiù tha mi a’ smaointinn. Tha thu daonnan a’ bruidhinn ri daoine is daonnan mu chuairt…

EC―05:46: Tha thu ag ionnsachadh nach eil, agus a’ ranns…agus a’ rannsachadh is a’ coinneachadh ri daoine?

SS―05:50: Tha sin ann cuideachd, ach…ach gu seachd àraid dhomhsa ’s e a bhith a’ tachairt ri daoine eile is gnothach mar sin. Is toil leam sin, so tha an t-uabhas den obair sin ann.

EC―05:58: Cothroman ann…ann fhathast airson sin a dhèanamh.

SS―06:01: Tha, nam biodh duine òg ach, ’eil fhios agad mar a bha mi ag ràdh tha cothroman mòra ann do dhaoine òga, ’s e deagh rud a tha sin.

EC―06:08: Agus a bheil thu…a bheil thu a’ còcaireachd a bharrachd air a bhith san taigh? A bheil thu a’ dèanamh còcaireachd ’s dòcha aig banais no rudan sam bith, a bheil thu…?

SS―06:15: Chan eil an-diugh, b’ àbh…bha…bha mi…bha mi uaireigin.

EC―06:18: Dh’fhaodadh cuideigin fòn a chur thugad ‘Right tha sinn…tha sinn ag iarraidh seo agus…’

SS―06:21: Tha sin a’ tachairt, tha baisteadh againn agus a’ dèanamh cèic is tha birthday ann is a’ dèanamh cèic is rudan agus ‘An dèan thu dìnnear dhuinn?’ agus rudan mar sin. Aidh uaireigin bhithinn a’ dèanamh sineach, ach chan eil an-diugh. Tha…chan eil uimhir dheth sin a’ tachairt saoilidh mise, san latha a th’ ann an-diugh. Daoine a bhios ag…ag iarraidh rud, thig iad a-mach dhan restaurant no a dh’àiteigin mar sin. Cha…chan eil na h-uimhir a’ dèanamh…chan eil e cho fasanta a bhith a’ dol a thaighean dhaoine eile gu biadh no rudeigin mar sin saoilidh mi, ’s e rud a bh’ ann a bha a’ tachairt as na seachdadan is as na h-ochdadan saoilidh mi, agus even às a dheaghaidh sin.

EC―06:54: Agus a bheil cuimhn’ agaibh air bainnsean…banais-taighe agus rudan mar sin cuideachd?

SS―06:59: O, tha gu dearbh. Bhiodh mo mhàthair daonnan ag obair aig rudan mar sin, bhiodh bannal de bhoireannaich ann a bhiodh a’ dèanamh sin. Agus bhiodh…bha ise air tè dhiubh is bhiodh iad…bhiodh iad uileadh a’ falbh. Bhiodh an toiseachd a’ bhanais fhèin, bhiodh an toiseachd Latha nan Cearc ann.

EC―07:15: So innis dhuinn beagan…beagan mun…mun Latha nan Cearc ma-tà, dè…dè bhiodh sineach?

SS―07:18: Bhiodh iad…bhiodh iad a’ cur air dòigh a’ bhìdh uileadh, bhiodhte…bhiodh feòil caorach ann agus bhiodh cearcan…bhiodhte a’ marbhadh chearcan is bhiodh iad…Latha nan Cearc – chan e gun robh mise a-riamh ann aig Latha Chearc mi-fhìn, ach bhiodh iad a’ spìonadh nan cearcan, na boireannaich, is gan cur air dòigh agus gam bruich an latha ron àm. Agus uaireigin den t-saoghal of course cha robh fridsichean is gnothaichean aca so bhiodh a h-uile sian air a dhèanamh dìreach aig a’ mhionaid bho dheireadh, an latha ron àm. Agus gu math tric bhiodh iad a’ bruich na rudan a bhiodh an sin…air sàilleibh gun robh na h-uimhir ann dheth…as an sgoil, cal…can Sgoil Chnoc na Mònadh bha i fosgailte an uair ud, bhiodh iad…’s e…’s i an aon sgoil a bha mu chuairt oirnn, no Sgoil Bhaile a’ Mhanaich, bha canteen as na sgoiltean a bha sin agus bhiodh iad a’ bruich feòil is feòil-caorach, agus mar bu trice ’s e sin a bhiodh aca, feòil-caorach is feòil-circe agus bhiodh salads aca, sin an seòrsa biadh a bha aca aig banais an uair sin. Agus bhiodh iad…Latha nan Cearc bhiodh sin a’ tachairt, agus latha na bainnseadh fhèin of course bha i mar a tha banais an-diugh fhèin, bha…bhiodh top table ann is bhiodh an uair sin daoine a’ tighinn a-staigh – fad na h-oidhcheadh bhiodh…bhiodh bòrd a’ dol, a h-uile turas…bha, bha an cidsin ann is an àite-suidhe as am biodh iad a’ gabhail am bìdh. A h-uile tu…even fad na h-oidhcheadh nuair a thigeadh daoine bha iad a’ dol chun a’ bhùird is a’ suidhe is a’ faighinn biadh. Is an aon bhiadh a bha a h-uile duine a bh’ ann a’ faighinn, bhiodh a’ chrìostachd de bhèicearachd is de ghnothach ann, bha a h-uile duine a’ dèanamh sin air a shon. Agus bhiodh an uair sin…bha thu a’ faighinn an dìnneir a bha seo, feòil is salad is rudan mar sin. Agus an uair sin an dàrna h-oidhche, oidhche na banais-taighe, bha sin air a chur air leth airson na boireannaich a bha ag obair aig a’ bhanais an oidhche roimhe sin, ’s e à-san a bha a’ faighinn an trèatadh. ’S e sgioba na bainnseadh, na maighdeannan is bean na bainnse is sin, ’s iad a bha a’ frithealadh orra. Agus teaghlach na feadhainn a bha pòsadh, ’s iad a bha a’ frithealadh air na boireannaich a bha ag obair. A bharrachd air, ’s e…’s e dìreach horo-gheallaidh a bh’ ann co-dhiù, bhiodh iad daonnan…daonnan ag ràdh gun robh a’ bhanais-taighe fada fada na b’ fheàrr na a’ bhanais, a chionn ’s bha an gnothach na bu relaxed is na…

EC―09:27: Bha an gnothach seachad mar gum biodh.

SS―09:29: Bha, bha.

EC―09:30: Bha an latha mòr seachad is, is uallach is a h-uile rud, tha mi a’ tuigsinn.

SS―09:34: ’S e, agus so bhiodh a…airson ’s ann as na hallaichean is as na taighean-sgoile a bhiodh na bainnsean an uair sin, agus can ann an hall na h-eaglaise no rudeigin mar sin, so air sàilleibh nach robh bàr ann mar a tha sna hotelichean an-diugh, dh’fhaodadh e a bhith a’ dol gu madainn, is bhiodh iad sin a’ dol gu madainn. Agus bhiodh…ge bith dè an ceòl a bhiodh a’ dol is bhiodh uaireigin den t-saoghal bhiodh pìobairean cuideachd is bhiodh iad uaireigin den t-saoghal nuair a…nuair a…ri linn…nuair a bha m’ athair òg, nuair a bha e na phàiste can ’s ann…na feadhainn a bha an taobh shìos dhinn ’s ann…’s ann san t-sabhal a bha a’ bhanais aca an sin, agus ’s e pìobairean a bhiodh aca an uair sin mar bu trice, is bhiodh ’s dòcha gum biodh cuideigin ann aig am biodh meileòidean no rudeigin an uair sin. Bha seo nuair a bha m’ athair òg, nuair a bha e na ghille beag. Bha…tha cuimhn’ a’m e a bhith a’ bruidhinn nuair a phòs na feadhainn a bha an ath-doras dhuinn, bha esan na ghille beag an uair sin so ’s e pìobaire a bh’ aca is bha…bha…bhiodh meileòidean is rudan is bhiodh…ach ’s ann san t-sabhal a bha i, a’ bhanais aca an sin.

EC―10:35: Danns’ an t-sabhail.

SS―10:36: Uh-huh, ’s e. Agus…ach nuair a…ri mo linnsa ’s ann as na hall…hall can hall na h-eaglaise, hall Ghrìminis na sin mar sin, a bhiodh na bainnsean agus sin mar a bhiodh iad a’ dol is mar a bha mi ag ràdh a’ bhanais-taighe an dàrna h-oidhche agus bha sin uabhasach math, ’s i a b’ fheàrr. Ach bhiodh a h-uile duine a bh’ ann air am fiathachadh chun na bainnse, a h-uile duine a bh’ ann mu chuairt, a h-uile duine, ’eil fhios agad, bhiodh…is bhiodh iad a’ falbh is a’ tighinn, bhiodh…bhiodh feadhainn, na feadhainn a bu shine ’s dòcha dh’fhalbhadh iad dhachaigh meadhanach tràth is bhiodh na feadhainn òga a’ tighinn an uair sin, ’eil fhios agad, so bha i a’ dol fad na h-oidhcheadh a’ bhanais.

EC―11:12: Tha coltas gu math tlachdmhor air a’ chùis.

SS―11:13: Bha an uair sin, bha. Ach an uair sin thòisich na hotelichean is na gnothaich…tha iad a’ tilleadh air ais gu gan dèanamh ann an hallaichean.

EC―11:19: Tha mi a’ smaointinn gu bheil. Agus a’ bheil thu a’ faicinn atharrachadh mòr as a’ choimhearsnachd bhon a bha thu nad nighean òg mar gum biodh? A bheil…dè tha…a bheil…an e…an e nach eil daoine a’ ceilidh air a chèile is a bheil thu…?

SS―11:29: O, tha. Uill tha…tha atharrachadh air tighinn air Hàcleit ann an iomadach dòigh, a-mach an taobh seo, tha barrachd mòr de thaighean ann ’s a b’ àbhaist a bhith ann nuair a bha mise a’ fàs suas.

EC―11:38: Is an e coigrich a tha a’ tighinn a-staigh, no an e measgachadh…?

SS―11:41: Pàirt dhiubh, measgachadh dìreach agus a’ chuid as motha dhiubh ’s e daoine…muinntir an àite fhèin, tha iad a’ togail thaighean. Agus tha barrachd mòr chloinneadh ann a-nist, bha an toiseach nuair a thàinig sinne dhachaigh ann a sheo o chionn còig bliadhna fichead, deich bliadhna fichead cha robh clann idir ann an Hàcleit. Agus greis mhath cha robh clann idir ann. Nuair a thog sinne an taigh a bha seo cha robh clann ann. Agus phòs mo bhràthair an uair sin agus a’ chlann aigesan a-nist air èirigh suas ach tha tòrr chloinneadh ann a-nist, rud a tha uabhasach fhèin laghach agus tlachdmhor. Nam biodh Sgoil Chill Eireabhaigh fosgailte an-diugh bhiodh barrachd innte sa bha a-riamh innte, nuair a bha mise a’ dol innte.

EC―12:20: Nist…dè an sgìre a bhiodh aig Sgoil Chill Eireabhaigh, son tha, tha cuimhn’ a’m a bhith as an sgoil mi fhìn agus bha feadhainn againn à Hàcleit ann an Torlum, agus…ciamar a bha daoine mar gum biodh a’ dol gu…a’ dol gu Sgoil Thorluim no Sgoil Chill Eireabhaigh, an robh taghadh ann no…?

SS―12:36: Cha robh, cha robh. Bha thu…bha thu dìreach…bha dà theaghlach a-muigh an taobh ud agus ’s e Creag Goraidh a bha sin is bha iad sin a’ dol…

EC―12:42: Sin agad clann Dhòmhnaill Iain, an e? Tha cuimhn’…tha cuimhn’ a’m air Iain is Cailean a bhith ann an Torlum còmhla riumsa ach ’s ann à Hàcleit a bha iad.

SS―12:50: Bha e na b’ fhasa dhaibhsan coiseachd chun an rathaid far am faigheadh iad am bus ’s a bha e dhaibh…bha e na b’ fhaisge orra na coiseachd fad an rathaid sìos a Chill Eireabhaigh, ach ri linn an athair ’eil fhios agad ’s ann a Chill Eireabhagh a bhiodh a h-uile duine a’ dol an uair sin. Ach ’eil fhios agad nuair a…nuair a thàinig…bhiodh bus a’ falbh bho cheann na drochaid gu Torlum bhiodh iad an uair sin…bha e na bu…bha e gu math na b’ fhaisge orra, cha robh aca ach you know còig mionaidean.

EC―13:15: Agus cuin a dhùin Sgoil Chill Eireabhaigh mar sgoil, mar gum biodh?

SS―13:19: O, dhùin i mun do…mun do dh’fhàg mo bhràthair is mo phiutharsa, na feadhainn a b’ òige, Mìcheal is Marion a chionn ’s chaidh à-san a Chnoc na Mònadh deireadh gnothaich. Aidh, bhiodh sin sna seachdadan, tràth sna seachdadan tha mi a’ smaointinn, 74, 75 no mar sin.

EC―13:43: Rudeigin mar sin. Agus an uair sin chaidh a reic is bha e na…na thaigh…

SS―13:46: Uill, ghabh a’ Chomhairle air ais e.

EC―13:47: Ghabh a’ Chomhairle air ais e.

SS―13:49: ’S e, ’s e taighean-comhairle a th’ ann fhathast.

EC―13:52: Tha iad air màl ri cuideigin mar gum biodh.

SS―13:54: O, aidh, tha. ’S ann aig a’ Chomhairle a tha...

EC―13:54: Seo a-nist! Abair àite laghach son taigh-comhairle.

SS―13:57: Àite snog, dìreach ri taobh a’ chladaich ann a shin. Sin far an do rugadh mi fhìn shìos, an ath-doras ann an taigh piuthar mo mhàthar ann a shin, a chionn ’s bha an taigh acasan faisg air an rathad is cha robh…cha robh an rathad idir a’ dol chun an taigh againne so bha mo mhàthair shìos an sin is sin far an do rugadh mise ann an Cillearabhagh dìreach ri taobh na sgoile. So bha mo…bha mo cho-oghaichean ann a shin bha iad dìreach ri taobh na sgoileadh so cha robh mionaid aca ri choiseachd dhan sgoil, bha…bha pìos math againne ri choiseachd innte dhan sgoil nuair a bha mi a’ dol innte. Ach bha à-san dìreach ri a taobh, is bhiodh farmad mòr againn uileadh riutha nuair a bhiodh sinne a’ coiseachd as an…as an uisge is as an t-sneachd is as a h-uile sian a bh’ ann.

EC―14:34: Gu math goirid dhaibh.

SS―14:35: Cha robh iad ach dìreach ri a taobh, cha…cha tugadh iad trì mionaidean idir a’ coiseachd a-null dhan sgoil, so…

EC―14:42: Agus a thaobh an latha an-diugh, a bheil thu dòchasach airson Uibhist mar choimhearsnachd, a bheil cothroman gu leòr ann do dhaoine òga agus obraichean is…?

SS―14:49: Chan eil obraichean idir ann a-nist, chan eil sian ann do dh’fheadhainn òga. Tha truas uabhasach agam fhìn ri…ri feadhainn òga a tha a’ fàs suas an seo a-nist a chionn ’s chan eil sian idir ann. Nuair a bha an t-arm ann gu seachd àraid, bha an t-uabhas ann do chloinn is do dh’fheadhainn òga, bha an t-uabhas de chlubaichean aca do chloinn. Bhiodh youth clubs ann is bha Brownies ann is bha Cubs ann is bha an t-uabhas de na…’s e an t-arm a bha a’ ruith sin uileadh is rinn iad feum mòr dhan àite a thaobh na rudan sin do chloinn òga. Bha rudan ann a dhèanadh iad feasgar. Ach…is aig, ’eil fhios agad, làithean-saora sgoileadh is rudan mar sin, deireadh-sheachdain. Tha fhathast tha na h-eich ann, an Riding Club ann fhathast, a chionn ’s e à-san a thòisich air a h-uile sian de na rudan a bha sin. Tha sin a’ dol, ach ’s e sin an aon rud a tha a’ dol, chan eil an còrr a’ dol ach sin.

EC―15:37: Ach nach eil clubaichean ann airson òigridh cuideachd agus rudan mar sineach, nach eil clann glè thrang san latha an-diugh le diofar rudan a tha iad a’ dèanamh, spòrs is…?

SS―15:44: Chan eil fhios a’m, chan eil…cha chreid…uill tha spòrs ann mun sgoil mun deireadh-sheachdain ach chan eil uimhir ann ’s a b’ àbhaist idir idir idir, no de youth clubs no sian mar sin.

EC―15:53: Ach tha dannsa nach eil, dannsa is rudan, ball-coise agus rudan air Disathairne?

SS―15:58: Tha iad ag ionnsachadh dannsa, sin…sin an aon latha a tha rud ann.

EC―16:01: Tha coltas, tha coltas trang air an àite air Disathairne.

SS―16:03: Air Sgoil Lìonacleit, tha. Tha rudan a’ dol an sin air Disathairne, ach chan eil an còrr. Chan eil…b’ àbhaist youth club a bhith ann nuair a bha clann mo bhràtharsa a’ fàs suas, chan eil sian a’ dol idir a-nist no sian, ach ’s e cudeigin a bha a’ dèanamh sin, ’s dòcha gu bheil an duine sin air retireadh a-nist is cha…cha do thog duine eile e. Chan eil duine a’ dol ga dhèanamh. Ach chan eil na h-uimhir ann do chloinn agus chan eil àite ann dhan tig iad air an oidhche na sian mar sin. Tha…so tha truas agam ri feadhainn òga a tha a’ fàs suas. Tha iad uileadh a’ falbh dhan sgoil is gu…gu foghlam.

EC―16:35: Gu fogh…foghlam air tìr-mòr is…?

SS―06:36: Air tìr-mòr. So tha sin glè mhath dhaibh, thig aca air sin a dhèanamh, is tha an sgoil a-nist, Sgoil Lìonacleit ann is faodaidh iad a bhith innte gum bi iad…an e ochd bliadhna deug? So, tha sin glè mhath dhaibh ach…is tha an saoghal air atharrachadh co-dhiù, tha a-nist computers is laptops is a h-uile sian aca is faodaidh iad…tha iad a’ dèanamh na rudan mar sin. Ach chan eil uimhir de dh’obraichean as an eilean idir idir, chan eil obraichean ann…ach…chan eil obraichean idir aig an arm a-nist ach beagan a tha ag obair shuas ann an Gèirinis agus chan eil an còrr obraichean ann dìreach bùithtean an siud is an seo is…chan eil, chan eil uimhir de dh’obraichean ann even ’s a bh’ ann nuair a bha mise òg.

EC―17:20: Seo a-nist.

SS―17:21: Chan eil idir idir, so…

EC―17:23: ’S e àm gu math trang a bh’ ann, nach…nach e, air ais as…as…as na seachdadan bha tòrr togai…togail a’ tachairt nach robh, togail thaighean is…?

SS―07:31: O, bha, bha tòrr obair ann do…do dh’fhir is ’eil fhios agad a’ togail thaighean is gnothach mar sin, bha iad a’ togail taighean an airm is taighean na Comhairle is gnothach mar sin, bha tòrr obair ann do…do dh’fhireannaich, cha robh na h-uimhir ann do…do bhoireannaich.

EC―17:41: Ma dh’fhaoidte nach robh, ach tha mi a’ creidsinn aig an aon àm gun robh obair ann ’s dòcha as na taighean-òsta cuideachd is...a bhith gam frithealadh mar gum biodh.

SS―07:46: Bha, bha, bha, bha is bha canteen aca, uh-huh bha canteen aig a’ chompanaidh a bha a’ togail a’ champa so tha cuimhn’ a’m bha mo phiuthar ag obair ann a shin aig làithean-saora na sgoile bhiodh i ag obair ann, agus a…so bha sin ann, ach cha…chan eil sian dheth sin ann a-nist, is chan eil uimhir de thaighean gan togail, saoilidh mi, san latha a th’ ann an-diugh ach…is chan eil uimhir de dhaoi...dhaoine òga a’ fuireach air an eilean idir. Tha beagan dhiubh a’ tilleadh ach chan eil uimhir de chothroman aca gun tig iad. Tha can, tha tidsearan ann is feadhainn air tilleadh a dh’obair as na sgoiltean, ach chan…chan eil na h-uimhir dheth sin a’ dol nas motha, ’eil fhios agad, chan…chan…chan urrainn ach dhà no trì de dhaoine tighinn gu rud mar sin. So tha na feadhainn òga uileadh air tìr-mòr. Tha teaghlach mo bhràthar…uill tha dithis aca san oilthigh ach tha an tè eile tha i na banaltrum is tha i…tha i ag obair ann an Obar Dheathain. Chan eil dùil aice tighinn an seo a dh’obair a chionn ’s chan eil an seo ach ospadal bheag bhìodach agus cha tigeadh duine a dh’obair an sin gus an retire i, gu…gu…gu fàs i nas sine, no ma thig i idir. Agus tha an dithist eile tha tè ann an Cill Rìmhinn agus tha tè eile ann an Glaschu san oilthigh, is chan eil mi a’ faicinn ’s dòcha gun tig iad sin…gun till iad sin air ais. Is tha tè òg dhiubh tha i as an sgoil an seo fhathast. Tha a-nist ceathrar nighean an sin is chan eil mi a’ faicinn gun till iad air ais dhan eilean idir, ’eil fhios agad, ’s dòcha, ach nas lugha na phòsadh duine an seo ach a h-uile duine de na feadhainn òga…dithist ghillean òg a tha air a taobh thall dhinn tha iad sin air falbh is dithis ann an ath-doras tha iad air falbh. Chan eil…chan eil feadhainn òg idir an seo. Chan eil feadhainn meadhan-aois de dh’fheadhainn òg idir idir air Hàcleit mu chuairt seo. Tha clann bheag ann agus seann daoine, sin na th’ ann.

EC―19:40: Tha mi a’ tuigsinn. Tha mi a’ tuigsinn, tha beàrn ann mar gum bio…

SS―19:42: Tha. Chan eil…chan eil sian…teenagers mar gun canadh tu idir ann. So tha sin gu math truagh, a’ faicinn an eilein a’ tilleadh air ais mar a bha e uaireigin den t-saoghal, saoilidh mi co-dhiù.

EC―19:55: ’S e, ’s e beachd a th’ ann.

SS―19:56: ’S dòcha.

EC―19:58: Agus dè mu dheidhinn dòighean-siubhail is sineach, a bheil sibh toilichte gu leòr le dòighean faighinn ann is…?

SS―20:01: Chan eil, chan eil. Chan eil duine toilichte leis an sin an-dràsta! Gnothach nam bàtaichean a tha seo is gun robh na plèanaichean cuideachd. Chan eil e cho math ’s a bha e uaireigin den t-saoghal. Bha, nuair a bha mise òg bha…bha…bhiodh plèana ann a’ chiad char sa mhadainn is bha plèana ann aig feasgar is bhiodh plèana an uair sin na b’ anmoiche ann agus…ach of course bha tòrr dheth sin air a subsidiseadh aig an arm, so bha sin a’ dèanamh cuideachadh. Agus…ach mar a tha gnothach nam bàtaichean uill…nas lugha a chanas sinn mu dheidhinn ’s ann as fheàrr. A chionn ’s chan eil e idir, chan eil duine riarachte leis an sin agus ’s e rud uabhasach a th’ ann nuair a tha leithid de luchd-turais a’ tighinn an seo agus tha an t-uabhas dheth sin a’ tachairt a-nist. ’S e fìor dheagh rud a th’ ann, ach chan eil dòigh aca air faighinn gu tighinn.

EC―20:52: A bheil thu a’ faicinn am barrachd luchd-turais a’ tighinn an seo?

SS―20:54: O, tha, agus gu seachd àraid tha an t-uabhas de…de ghnothaichean mun àite a tha seo air a bhith air telebhisean, programmes a tha air a bhith air agus gu seachd àraid o thòisich BBC Alba fhèin. Agus tha sin air feum a dhèanamh dhan àite a thaobh luchd-turais a’ tighinn is tha iad air fhaicinn cho snog ’s a tha na h-eileanan air fad, chan e a-mhàin na h-Uibhistean is Beinn na Faoghla ach a h-uile h-eilean a th’ ann. Is saoilidh mi gu bheil e air diofar mòr a dhèanamh air luchd-turais a’ tighinn a dh’fhaicinn an àite, agus tha fhios a’m gu seachd àraid ann am Barraigh – tha is as a h-uile h-eilean – iomadach prògram a tha air a bhith ann mun deidhinn, tha barrachd mòr dhaoine a’ tighinn air a shàilleibh sin. Is chì thu ann a sheo, ach a’ chuid as motha dhiubh – is chan eil tòrr de na… muinntir an àite keen air – tòrr dhiubh ’s ann le motorhomes a tha iad a’ tighinn is chan eil iad a’ cur ris an àite idir, tha iad a’ toirt leotha a h-uile sian a th’ aca. Biadh is a h-uile sian is chan eil iad a’ ceannach mòran an seo.

EC―21:51: Canaidh daoine sin.

SS―21:52: So, aidh agus ’s e an fhìrinn a th’ ann gu beagnaich, ’s e an fhìrinn a th’ ann a chionn ’s chan eil iad…a chionn ’s ’s aithne dhomh fhìn feadhainn a, a bhios a’ tighinn, tha mi air daoine fhaicinn is tha…tha iad a’ toirt leotha an t-uabhas. Ach…ach an aon rud a tha…a tha meadhan…meadhanach math an seo, tha deagh bhùithtean againn, ’eil fhios agad, gheibh thu biadh sam bith an seo, tha e furasta gu leòr rud fhaighinn agus nuair a tha…can nuair a tha thu ag òrdachadh stuff, stuth air-loidhne, can aodach na sian mar sin a bhios tu a’ cur a dh’iarraidh, thig e. Tha thu…tha e uabhasach furasta rudan mar sin fhaighinn.

EC―22:29: Bha…bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd sineach, a bheil rudan ann a tha car doirbh fhaighinn an seo mar gum biodh, can gu bheil rud a dhìth ort, dè…dè na rudan a tha doirbh?

SS―22:35: ’S e glè bheag, chan fhaic mise gu bheil sian dhiubh, a h-uile sian.

EC―22:38: Agus dè mu dheidhinn rudan mar brogan is aodach is rudan mar sineach?

SS―22:41: Uill, tha cuid de dhaoine ’s fheàrr leotha a bhith a’ dol a bhùth, ’s fheàrr leamsa faighinn rudan mar sin air-loidhne a chionn ’s tha fios a’m dè fhreagras orm is dè chòrdas leam, is tha fhios a’m dè mheudachd a dh’fheumas mi ann an iomadach rud is chan eil thu ach a chur ga iarraidh agus mar as trice bidh e freagarrach. Fìor chorra uair feumaidh tu a thilleadh, aidh, ach sian sam bith eile a bhios a dhìth ort, rudan beag no mòr tha e gu math furasta, agus thig iad gu math cliobhar. Can nam biodh tu a’ cur a dh’iarraidh reothadair no washing machine no sian mar sin, a-rèir cò…ma chuireas tu a dh’iarraidh air an àite cheart e, bidh e agad.

EC―23:16: So chan eil e cho doirbh.

SS―23:18: Bidh e agad an taobh a-staigh seachdain. A chionn ’s gur e rud uabhasach math a tha sin, a chionn ’s gu math tric air tìr-mòr nuair a dh’òrdaicheas tu rud mar sin chan urrainn dhaibh a thoirt thugad gu ’s dòcha an ath-sheachdain no rudeigin mar sin, ma dh’òrdaicheas tu rud à bùth mhòr mhòr. So gheibh thu e cheart cho cliobhar, so sin aon rud a tha diofrach is tha e math. O chionn ghoirid ann a sheo, chan eil bliadhnaichean mòra sam bith o thòisich e a’ fàs furasta rudan mar sin fhaighinn. So chan eil sian gad dhìth san dòigh sin, ’eil fhios agad, a bhith a’ fuireach ann a sheo, agus a-rithist ged nach robh mise son tighinn dhachaigh an seo, ’s e an duine agam a bha son seitligeadh an seo, chan e mise idir idir idir a bha airson tighinn, tha esan ’s ann à Devon a tha e, is bha e air còrdadh riumsa a bhith air seitligeadh ann a shin nuair a thàinig sinn a-mach, ach bha esan a-riamh a-riamh airson tilleadh air ais an seo. Agus a-rithist, nam bitheamaid air taigh a thogail no a cheannach ann an Devon, cha…cha robh e air a bhith…bha e air a bhith gu math na bu daoire na thog sinn an taigh ann a sheo, ’eil fhios agad, taighean shìos ann an Sasainn cho…cho daor ri an ceannach, ach cha robh sin ach…chan e…chan e gun e sin an rud a thug oirnn a dhèanamh a chionn ’s bha esan dìreach airson tighinn an seo, is tha mi toilichte a-nist gu bheil sinn an seo, a chionn ’s chunna’ mi clann mo bhràthar a’ fàs suas, agus ’s e àite laghach a th’ ann airson a bhith a’ fuireach ann agus àite uabhasach sàbhailte do sheann daoine, agus do chloinn gu seachd àraid. Duine sam bith a tha a’ togail chloinne òg an seo, tha fhios agad gum faod thu leigeil leotha a dhol a-mach a chluiche is chan eil duine a’ dol a dh’fhalbh leotha, is chan eil sian a’ dol a dh’èirich dhaibh san dòigh sin no sian mar sin. So mar a chì mi, mar a tha na feadhainn bheaga an ath-doras bidh iad daonnan a-bhos mu chuairt an seo is faodaidh am màthair…’eil fhios agad tha fhios, aice gun cùm mise car de shùil orra agus nach èirich sian dhaibh san dad…san dòigh sin, ach tha fhios aca cuideachd nach eil duine a’ dol a dh’fhalbh leotha na sian mar sin, ’eil fhios agad. Mar a tha e air tìr-mòr cha b’ urrainn dhut sin a dhèanamh, cha b’ urrainn dhut leigeil leis a’ chloinn a dhol a-mach – mar a bha sinne a’ fàs suas bhiodh sinn a-muigh a’ cluiche fad an latha, is bha fhios aig mo mhàthair nach tigeamaid faisg air na lochan no sian mar sin. Ach, so agus tha iad caran mar sin fhathast, clann ann a sheo, ’eil fhios agad.

EC―25:22: Dè…dè an dòigh a bh’ aicese air ur cumail air falbh bho àiteachan a bha cunnartach, an robh i ag innse stòiridhean airson ur cumail air falbh bho na cunnartan nàdarra mar gum biodh, an robh…?

SS―25:31: Cha robh rinne, cha robh…ach dìreach a’ chridhe agad is bheireadh tu barrachd feart air do phàrantan an uair sin nuair a bha sinne òg! Cha robh dìreach a’ chridhe agad a’ dol faisg a’ mhìle air an locha agus cha robh an còrr air no dheth no sin. Ach tha cuimhn’ a’m clann mo pheathar a-nist, bhiodh…bhiodh m’ athair ag innse dhaibh gun robh…gun robh uilebheist air choreigin as an loch is…

EC―25:50: Sin…sin…sin an rud…sin, sin an rud a bha mi ag ràdh, gun robh…gun robh rudeigin ann a bharrachd air an uisge fhèin mar gum biodh.

SS―25:55: ’S e, ’s e uill a-nist bha à-san, ’s e clann a bha air an togail air tìr-mòr a bh’ annta, so dh’fheumadh tu rud diofrach innse dhaibh, ’eil fhios agad, cha…cha toireadh iad feart co-dhiù, cho…cho…mar a…cha robh uimhir de smachd, smachd orra ’s a bha oirnne, a chionn ’s bha sinn uabhasach, bha smachd mòr oirnn nuair a bha sinn beag mar a bha sinne air ar togail. Ach a-nist clann mo pheathar bhiodh, bhiodh m’ athair daonnan ag innse dhaibh gun robh uilebheist as…as an locha agus nach robh math dhaibh a dhol faisg air is cha tigeadh air a shàilleibh sin. Ach tha…chan eil fhios a’m a-niste mar a bhios a’ chlann bheag ud thall, am bi iad ag innse dhaibh a bheil sian san locha, tha dà loch ann.

EC―26:30: Sin agad e. Agus a bheil thu a’ faighinn cothrom falbh air chuairtean? A bheil thu…a bheil sibh fhèin is Malcolm a’ dol air falbh…falbh weekend is rudan mar sin?

SS―26:34: Och aidh bidh sinn, bha…tha…tha e gu math doirbh dhomh esan a shlaodadh air falbh, chan eil e keen sam bith air a bhith a’ falbh! Chan eil, chan eil, chan eil, chan eil. Chan fhalbhadh e idir idir nam faigheadh e an t-seansa ach…’s toil leis a bhith dìreach ann an sheo fhèin is a…

EC―26:50: Ach bha sibh air falbh aig banais bho chionn goirid, nach robh, an robh sibh…?

SS―26:53: Bha, bha. Agus bidh sinn a’ falbh gu rudan…a’ falbh air làithean-saora is och bidh sinn a’ dol a dh’Aimearaga is a’ dol a…

EC―26:59: A dh’Aimearaga?

SS―27:00: Aidh, tha, tha…uill bidh sinn a’ dol an sin co-dhiù ach tha càirdean agam cuideachd ann. Bidh sinn a’ dol a choimhead…faisg orra far a bheil à-san a’ fuireach is chì…chì sinn iad fhad ’s a tha sinn thall is…tha e a-rèir cà’ an tig sinn is…a dh’àite sam bith.

EC―27:11: So bidh sibh a’ faighinn cothrom falbh…

SS―27:12: O, a dh’àiteachan, aidh, air…uill ’eil fhios agad tha…

EC―27:15: Beagan ùine agaibh a-nist airson sin a dhèanamh.

SS―27:17: ’S e, ach mar a tha mi ag ràdh, chan eil esan deònach sam bith falbh. Agus tha cuimhn’ a’m am fear nach maireann a b’ àbhaist a bhith an ath-doras rinn ann a sheo Tony…is Màiri.

EC―27:28: O Tony…Tony Gibson?

SS―27:30: Uh-huh. Cha robh…bha e fhèin ’s ann à…’s ann à Sasainn a bha e agus ’s ann air èiginn a bhiodh i ga fhaighinn air falbh air holiday cuideachd nuair a dh’fhalbhadh iad. Cha robh…bhiodh e a-muigh no a-mach leis b’ fheàrr leis fuireach a-staigh.

EC―27:41: Tha cuimhn’ a’m air Tony gu dearbha fhèin. Agus an robh Tony ag obair as a’ Mhess cuideachd? An e…an robh e ag obair as an Officers’ Mess?

SS―27:45: Bha e ag obair aig an arm a-riamh, aidh.

EC―27:46: An e car de mhanaidsear a bh’ ann shìos ann?

SS―27:47: ’S e. Thàinig esan a-nuas an seo leis an RAF an àm a’ chogaidh is dh’fhuirich e, phòs e Màiri is dh’fhuirich e. Agus cha robh e idir idir a-muigh no a-mach airson falbh a dh’àite. Is tha an duine agamsa air an aon dòigh. ’S ann air an…’s ann dìreach…cha…chan fhaigh…gheibh mi air falbh e ’s dòcha, ’s dòcha dà uair sa bhliadhna no àm mar sin. Uill, tha an nighean againn ann an…a’ fuireach ann an Lunnainn so…a’ dol a choimhead oirrese is rudan mar sin. Uill, ’eil fhios agad ma tha e airson a faicinn gheibh…uill thig i…thig à-san a-nuas ach bidh esan airson a faicinn nas trice na sin agus bheir sinne air falbh e, ach mura b’ e sin chan eil mi ag ràdh gun…’s fheàrr leis a bhith dìreach mun taigh ma tha e far obrach, ’eil fhios agad, no sian mar sin. So, aidh ach uaireigin den t-saoghal nuair a bha sinn òg cha bhithinn…cha bhiodh daoine a’ dol air holidays mar a tha iad an-diugh ann. Tha cuimhn’ agam bha…mar a bha mi ag ràdh ’s ann à Barraigh a bha mo mhàthair is bhiodh…bhiodh piuthar dhi, bha…bhiodh i a’ gabhail daoine air làithean-saora, chan e Bed and Breakfast ach ’s e Full Board a bhiodh ann an uair ud. Agus bhithinns’ air mo thàirneadh a-null an sin a h-uile…aig àm Càisg is aig àm holidays an t-samhraidh ga cuideachadh. Bha e a’ còrdadh riumsa glè mhath a chionn ’s cha robh clann bheag ann a shin a dh’fheumainn a bhith a’ frithealadh orra, is uaireannan ’s dh’fhàsadh tu searbh dheth a bhith a’ coimhead às dèidh do pheathraichean is do bhràithrean agus bhithinn…so sin na holidays a bhiodh agamsa nuair a bha mi san sgoil!

EC―28:15: ’S e holiday…holiday…holiday caran…busman holiday!

SS―29:18: ’S e. Chan e holiday a bh’ ann ach bha e a’ còrdadh rium is bhiodh mo cho-oghaichean eile a’ dol a-null cuideachd a Bharraigh fad an t-samhraidh so bhiodh sinn…bhiodh…’s e cothrom a bh’ ann tachairt ri do cho-oghaichean a bha a’ fuireach ann an Glaschu is rudan mar sin.

EC―29:30: Agus a thaobh a bhith nad chòcaire, a bheil rud sam bith sònraichte a tha thu a’ dèanamh, seo rud…rud a tha Seonag…fìor mhath?

SS―29:38: Mar a chanas iad, is bha cuideigin eile a’ faighneachd sin dhomh, dè an signature dish – chan eil, chan eil, bidh mi a’ dèanamh rud sam bith, ’s toil leam a bhith a’ dèanamh rud sam bith, so chan eil idir idir. In fact chuir…chuir e iongnadh orm nuair a dh’fhaighnich am boireannach a bha seo dhomh ‘Dè an signature dish a th’ agad?’, bha mise ag ràdh chan eil sian, ach ’s toil leam a bhith a’ còcaireachd rud sam bith, ’s toil leam a bhith ag ithe, ’s e glè bheag de…de bhiadh nach ith mi cuideachd, so ’s toil leam…tha mi a’ smaointinn gu bheil e a’ dèanamh diofar mòr ma tha thu a’ còcaireachd ma tha thu…ma…ma chòrdas an rud a tha thu a’ dol a dhèanamh riut. Cha…cha bu toil leam a bhith ag ithe rudan nach còrdadh rium, air a bhith a’ còcaireachd rud nach còrdadh rium a bhith ga ithe.

EC―30:11: A bheil rud sam bith…a bheil rud sam bith ann…rud sam bith ann nach toil leat, a tha a’ cur gaoir tromhad mar gum biodh?

SS―30:14: Glè bheag, tha…beetroot agus pears agus glè bheag de rudan a tha sin. Chan eil mòran.

EC―30:25: Ach a bharrachd air sin tha thu furasta do bhiathadh.

SS―30:26: Can…can…agus tha cuimhn’ a’m bhiodh m’ athair fhèin uabhasach measail air…air teanga…mart…tongue, ox tongue. Agus na dhèidh sin ga cheannach agus ’eil fhios agad bidh thu ga bhruich. O, bha e a’ cur gaoir orm a bhith ga dhèanamh dha ach bu toil esan e. Agus ’s e…chan e gun e teanga a th’ ann a tha a’ cur sgrath orm idir ach an seòrsa…dè a’ Ghàidhlig air texture a th’ ann?

EC―30:53: Dìreach a faireachdainn.

SS―30:54: Tha e cho…’s e, seòrsa ga ithe, seòrsa chan eil fhios a’m tha e car…agus cuid de dh’èisg, cha toil leam iasg, leàbagan no sian mar sin tha iad cho sglìomach, cho bog. ’Eil fhios agad bidh cuid de dhaoine bidh iad a’ dèanamh fuss mòr mu dheidhinn lemon sole is rudan mar sin, tha…

EC―31:09: Chan eil thu cho…

SS―31:10: Cha toil leam idir, ’s toil leam iasg den h-uile seòrsa eile agus ’s e sin an seòrsa biadh as fheàrr leam, biadh iasg is maorach is a h-uile sian mar sin.

EC―31:16: Tha thu measail air maorach?

SS―31:17: Uabhasach measail air maorach, chaidh ar togail air rudan mar sin, ’eil fhios agad cha robh e…cha robh e…bha…bha e mar a bhiadh àbhaisteach dhuinne a bhith a’ faighinn creachainn is muirsgian is…

EC―31:32: Canaidh cuid nach eil tòrr neart ann am maorach mar bhiadh, tha e blasta ach chan eil tòrr mar gum biodh brìgh ann, mar gum biodh.

SS―31:39: Uill, a-nist thiginns’ an aghaidh sin.

EC―31:41: Ceart.

SS―31:42: Agus tha cuimhn’ a’m m’ athair a bhith ag ràdh bodach air choreigin a thuirt ris nam biodh tu a’ dol a bhuain mhònadh no obair throm mar sin air latha, iasg mar sin, iasg ithe. Gu seachd àraid iasg mar a chanas iad as a’ Bheurla oily fish, mar a tha…even ged nach dèanadh tu ach sardines no sian mar sin, ach ’eil fhios agad, sgadan no rionnach no…no salmon no sian mar sin ithe. Gu bheil barrachd tacsa ann is gu bheil, gum…gum maireadh e dhut fad an latha nam biodh tu a’ dol a bhith a’ dèanamh obair throm mar sin. Agus tha mi a’ smaointinn gu bheil creachainn gu h-àraid gu math làidir.

EC―32:17: Agus beartach.

SS―32:18: Seadh, chan urrainn dhut an t-uabhas dheth ithe, de rudan mar sin. No, no muirsgian no sian mar sin, ’eil fhios agad. Sin an rud a bhiodh sinne a’ faighinn nuair a bha sinn òg, bhiodh sinn a’ dol a thogail mhuirsgian is a thogail shrùbain is a h-uile sian den rudan…bha…bha an tràigh cho faisg oirnn agus tràigh na h-oitir mhuirsgein ged nach robh mise math idir air an sin, ’s e na gillean a bhiodh a’ dèanamh sin. Tha…tha diofar dòighean…an robh thu a-riamh a’ togail mhuirsgian?

EC―32:41: Cha robh muirsgian ma-thà, bha…bha srùbain is…ach cha…cha robh muirsgian.

SS―32:44: Tha srùbain cho furasta. Muirsgian diofrach, tha…bidh iad a’ tighinn am bàrr is feumaidh tu an glacadh mu…mun till iad sìos.

EC―32:49: Agus a bheil spùt beag a’ tighinn a-mach à...?

SS―32:50: Tha, saoilidh mi gu bheil. Tha…agus ma…ma shlaodas tu às ro chliobhar iad cuideachd…is nuair a leigeas…fuirichidh iad fhèin as an rud so feumaidh tu dìreach…

EC―32:58: Tha dòigh…

SS―32:59: Tha dòigh air an rud a th’ ann. Ach an t-uabhas de ghnothaichean, breallaich is bàirnich. Tha bàirnich chan eil iad math, ach nas lugha na nì thu teine beag a-muigh is ma bhruicheas tu iad sin mar as fheàrr iad. Bàirnich tha iad a’ stiogadh ris na creagan agus tha thu ga sguabadh dheth le clach bheag agus siud mar as fheàrr iad. Bhitheamaid a’ dèanamh sin nuair a bhitheamaid a’ dol a-mach dha na h-eileanan as an sgothaidh, bhiodh sinn a’ bruich bhàirnich is rudan mar sin – dìreach airson fansaireachd, chan e gun robh feum againn air no sian mar sin no gun e gun robh an t-acras oirnn no sian, ach, ’eil fhios agad, ’s e rud…cha bhiodh sinn a’ dèanamh…ga dhèanamh ach…ach an uair sin fhèin. Cha bhodraigeadh tu ri bàirnich fhaighinn is am bruich a-staigh idir ro thric idir a chionn ’s tha iad cho grànnda a bharrachd air…ach…is chan eil tòrr de na rudan a tha sin, chan eil iad brèagha, chan eil srùbain glè shnog le coimhead orra. Tha cuimhn’…b’ àbhaist dhomhsa…b’ aithne dhomh tè is bhiodh i a’ dùnadh a sùilean mun cuireadh i na beul iad, ’s e tè Ghallta a bh’ innte is bu toil leatha am blas a bh’ orra ach bu toil leatha an coltas.

EC―34:00: Cha bu toil leatha an coltas.

SS―34:01: Agus muirsgian-chaola chan fhaca tu rud cho grànnda riutha, shrimps leis na sùilean neònach air na prawns. So, chan e an coltas a bheireadh ort…

EC―34:08: Sùilean beaga biorach a th’ aca.

SS―34:09: O, tha. So, chan e an coltas a bheireadh ort…

EC―34:12: ’S e am blas seach an coltas sin an rud. Sin agad e, Seonag. Uill, Seonag, uill ceud taing airson a h-uile stòiridh is fiosrachaidh agus bha e cho tlachdmhor a bhith a’ bruidhinn riut agus b’ urrainn dhuinn a bhith a’ bruidhinn na b’ fhaide tha mi a’ smaoineachadh ach…

SS―34:23: Fad an latha!

EC―34:24: Ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil…tha mi cinnteach gu bheil rudan agaibh fhèin ri dhèanamh agus gum bu choir dhuinn leigeil leibh! Mòran taing a-rithist.

SS―34:31: ’S e do bheatha gu dearbh!

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/8238