Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

CM 4 - Stories about Work

[CM:] Calum MacNeil (Calum Dhòmhnaill Eòis a’ Phosta)
[ZW:] Zachary Wallace

[ZW:] Agus a-rithist. Càit’ an deach sibh ma thà?
[CM:] Uill, dh’fhàg– b’ fheudar dhomh an uairsin na docaichean fhàgail, tàilleabh siud. Bha mi fhìs is an Leòdhasach a bha seo, now an Leòdhasach bha e an toiseach, bha e, fhuair mi job dha actually anns an shipyard, agus am fear eile, fhuair mi [peantadh/?] dha anns an shipyard. Thaobh bha fear dhiubh na engineer co-dhiù, so fhuair mi job dhàsan, an uairsin fhuair mi job dham fhear eile a bha seo. [XX], dh’fhalbh e suas a dh’Alaska a dh’obair gu Hyder, Stewart, Alaska, an… uill actually it’s Canada, dh’fheumadh tu dhol… shuas Stewart, ma tha fhios agad càit’ bheil Stewart, dh’fheumadh tu dhol through, son gum faigheadh tu dhan a’ mine, feumaidh tu chun na States agus an uairsin… chun am mine. Anyway, nuair a thòisich esan shuas an-sin, an uairsin bha Tormod Chaluim, bha esan shuas reimhid.
“A Chaluim, feumaidh tusa a dhol suas an-seo.”
So, packed everything up, dh’fhalbh sinn. ’S tha cuimhn’ am gu bràth bha sinn, fad ’s a bha sinn a’ feitheamh ris a’ phleana bha seo, bha sinn ann an– chuir iad ann an hotel sinn a’ feitheamh ris a’ phlèan. Bha quarter air an uinneig, air neo, dolar neo rudeigin, an dolar mu dheireadh– cheannaich sinn cigar an t-aon. Fear fada-sa [XX] ga smocadh fhad ’s bha sinn a’ feitheamh ris a’ phlèan. Uill, bha eagal mo [XX] ormsa a’ dol suas, cha robh mise eòlach air a’ phlèan bheag a bha seo, agus na bogsaichean, na tools air aon taobh. Agus tha i a’ dol sìos ’s a’ wobbleadh ’s a h-uile sgath mun cuairt air na… cha b’ urrain dha dhol suas anns an adhar ro fhada idir, bha i gu math goirid dhan uisge, suas, right up. Anns an latha, cha robh even rathad ann suas gu Stewart an uairsin, cha robh sgath ann, dìreach feum thu plèana… an aon, aon uair a gheibheadh tu a-staigh, plèan.

Uill land sinn an-sin, uill, my gosh. An ath rud, a bhalaich, an oidhche seo chaidh sinn a choimhead son Iain a bha seo. Cha do dh’inns sinn dha gun robh sinn a’ dol suas idir, ach gum faiceadh sinn e. Agus gun fhios agam ach an ath rud, a bhalaich, pew, bha rocaid a’ dol às gach taobh dhiom. An uairsin, fhios agad, an Cold War, bha dùil agam gur e na Ruiseanaich a bha gar raideadh, honest to God. Fhios agad dè bh’ ann? Feadhainn a’ shootadh na avalanches, son gun tuit– son gum bristeadh iad na h-avalanaches, thaobh chaidh còrr is leth-cheud daoine a mharbhadh bho chionn deich bliadhna roimhe sin. Chaidh, rug iad air sa champ agus bha iad wiped right out. So, hire iad an fheadhainn a bha seo son fire-adh, fhios agad, blastadh na h-avalanches. Ach co-dhiù, fhuair mi job air heavy-duty mechanic. Cha robh [XX] agamsa mu heavy-duty mechanic, each is cairt ann am Barraigh, that’s the only mechanical a b’ aithne dhomhsa. An rud a b’ fheudar dhuinn a dhèanamh an uairsin, mun oidhche ud nach robh fios agam dè bha mi a’ dèanamh, thug esan dhomhsa na tools aigesan, agus cheannaich sinn tools ùra dhàsan, thaobh, bha fios aca gun robh esan ann reimhid, so nuair a chìtheadh e na tools ùra, cha dèanadh e càil a dhiofar. Ach nam faiceadh e na tools ùra agamsa, ’s gun fhios ’am dè bha mi a’ dèanamh, bhiodh fhios aige gur e fake a bh’ annam. So leis na seann tools, uill ’s aithne dhan fhear sin rudeigin, fhios agad, thaobh bha na tools ud [laughs].

Anyway, chaidh sinn suas and while, nuair a bhiodh iad a’ dèanamh am blast, nam bristeadh iad sìos, na machines, jum– [XX], chan eil fhios agamsa càil mun deidhinn, bhiodh iad ag èigheach ormsa, ’s mise am mechanic. Cho fad ’s a bha mi fhìn san explosives box, son leth-uair an uaireadair neo rudeigin, fhios agad, tèideadh fear eile suas a dhèanamh repairs. Agus an uairsin, dh’fheumainn fhàgail. Ach nuair bha am blast ann, dh’fheumadh a h-uile duine fàgail, an uairsin dh’fhàgadh iad am blast is dh’fhalbh iad dhan avalanche. Uill, dh’fhuirich sinn an-sin son… ’s dòcha gun robh mi shuas son ceala-deug neo trì seachdainean, chaidh Iain a mharbhadh, ar caraid. So, thug, oh… thug sin a cholainn suas gu Stewart agus, tha e doirbh a chreidsinn, bha Leòdhasach a’ fuireach ann an Stewart aig an robh hotel. Uill, cha b’ urrainn dhomh a dhol ceàrr an uairsin sa hotel, booze, a h-uile sgath riamh. Bha, an gille a chaidh a mharbhadh, ’s ann à Leòdhas a bha e, ach bha job diabhalta againn a’ faighinn sìos gu Canada à Stewart, chionn cha robh iad toilichte, am mine company, a cholainn a thoirt a-mach à… às an area idir, cha robh an t-acras aca sin a dhèanamh. Thaobh chaidh a cheann a ghearradh aige, bha e ann an droch mhess. So, chaidh a mharbhadh just, right off the bat. Agus, co-dhiù, mise an aon fhear a thachair ri mhàthair ’s ri athair ann an Lunnainn, so b’ fheudar dhomhsa fònadh a dh’innse dhaibh. Uill, cha do dh’fhòn even na poileasman neo duine iad. Oh Dhia, bha e doirbh.

Ach [XX] hotel, [XX] fòn, [XX] the booze, the whole thing. Bha sinn ann son ceithir neo còignear latha mun d’ fhuair sinn permission son a cholainn a thoirt sìos gu Prince Rupert, an uairsin fhuair sinn à Prince Rupert a-null a Chanada, an uairsin right sìos gu… [XX]. Sin aon trup cha deach mi, cha do dh’iarr mi tuilleadh ’s [XX] copper mill, neo copper mine. Agus an copper mine, an àite a bhith a’ dol sìos ann, bha thu a’ dol suas ann. Spiral a’ dol suas, sin mar a bha am mine, a’ dol suas. Uill, sin mar a land mi an-sin, so… oh Dia.

[ZW:] Càit’ deach sibh an uairsin?
[CM:] Oh Dhia, fuirich thusa a-niste. An dèidh sinn fhàgail, thug sinn a cholainn dhachaigh, agus cho fad ’s a bha sinn an Glaschu. Actually, chollect iadsan e, na daoine, ann am Vancouver, dà mhile not actually, dà mhile dolar– dà mhillean dolar, two hundr– two thousand. Thug sinn an t-airgead agus thug sinn a cholainn dhachaigh, thìodhlaic sinn ann an Leòdhas e, thill sinn a Bharraigh. An uair– oh my God, [XX], I won’t go into that one! Agus nuair a chaidh sinn a Ghlaschu, uill, cha robh Tormod riamh ann am bookie shop, cha b’ aithne dhomhsa, bhithinnsa a’ ruith [XX], dice board air bàtaichean is air a’ waterfront ’s a h-uile sgath riamh. So chaidh esan dhan a’ bhookie shop a bha seo agus chuir– tha cuimhn’ am gu bràth, chuir mi ceithir– deich notaichean air trì eich, one after the other, an t-airgead. A bhalaichibh mar– agus ma chuireadh tu, 10 notaichean, airgead mòr, mòr a bha sin an 1967 or 68, something like that. Airgead mòr, mòr. Agus feadhainn na docaichean, suit jackets agus poca, sandwich aca nam pòca ’s [XX], Canadian jackets. Oh, ten pounds! A dhiabhail, a’ chiad dhà each, a bhalaich, nach do bhuinnig iad? Thòisich am bookie a’ coimhead orm, bha mi a’ faicinn– agus a h-uile duine a bha sa bhookie shop, bha fhios aca gun robh an double agam, bha mi a’ feitheamh ris an treas fhear, ris an each eile a’ tighinn a-staigh. Uill, thuirt Tormod:
“Dè tha ceàrr?”
Is dh’inns mi do Thormoid [XX], ach cho fad ’s– an uairsin thòisich an race, oh, tha cuimhn’ am gu bràth air. Thòisich mise:
“Cuiridh sinn uinneag ùr ann a shiud is fosglaidh sinn siud suas. Gabhaidh sinne tiops ann a shiud is gabhaidh sinn botal.”
Well, laugh! [XX], just a’ bruidhinn, but I’m babbling away, fhios agad, a’ designeadh am bookie shop, an rud a tha sinn a’ dol a dhèanamh nuair a bhuinnigeas sinn. Bhuinnig mi seven hundred odd pounds, ceithir cheud not. Bha sin coltach ri trì bliadhna de phàigheadh an uairsin. Equivalent of three years. Deich latha an dèidh sin, bha mi sa Salvation Army ann an Thunder Bay, gun an diabhail de sgillinn. [laughs] The whole thing, not a penny. Oh my God, na triùir againn.
[ZW:] Ciamar a chaill sibh an t-airgead?
[CM:] Uill, oh cha robh e doirbh a chaill– a chall. A’ chiad rud a rinn sinn, fhuair sinn càr. Lìon sinn le uisge-beatha, fhuair sinn dusan, neo barrachd ri dusan, botail de dh’uisge-beatha is lionn, is a h-uile sgath riamh. Bha sinn a’ dol a dhraibheadh mun cuairt feadhainn a b’ aithne dhuinn. ’S mathaid gun do dh’fhàg sinn ri taobh a’ bhàr e, cha do ghluais an càr idir, cha do chur mi aon mhìle air a’ chàr! Bha sinn feadh an àite, seac– lèine, ùr a h-uile latha. Fhuair sinn, tha cuimhn’ am air an deise, deise iongantach. An uairsin, actually, nuair a bhuinnig sinn an t-airgead, cha b’ urrainn dhan bhookie mo phàigheadh, fhios agad, so bha Tormod ag ràdh:
“Dè tha thu a’ dol a dhèanamh a-niste, a Chaluim?”
“Uh, gabh air do shocair, watch thusa seo.”
So, bha Tormod nas bige na mise, bha e gam leanadh. Chaidh mi suas thuige:
“Oh, sorry man,” you know mar a tha iad a’ bruidhinn ann an Glaschu, “a cannae pay you.”
Arsa mise: “Tha e taghta. Can ri guarantor, but faigh greim air an-dràsta, tha mi ag iarraidh an airgid a fhuair mi an-dràsta.”
Uill feumaidh iad sin a dhèanamh. So dh’fhòn e a ghuarantor, an ath rud, a bhalaich, bha limousine a’ tighinn gam iarraidh. Agus am bodyguard. The driver, the bodyguard agus Tormod… bràthair, fhios agad an tè a bha thu a’ bruidhinn ris an-dràst’, mo phiuthair, an duine aice-se, dh’eug e a-nise, a bhràthair, agus mise. Na triùir againn sa limousine a bha seo, suas Buchanan Street. Chaidh sinn suas an staidhre, poidhle mòr de cheithir, seachd ceud not. Airgead mòr, mòr a bha sin. So thug mi poidhle mòr dheth is thug mi do, cha do chunntais mi e, thug mi do Thormoid e:
“Seo, cuir thu siud sa phòca.”
[XX] do, do bhràthair Iain, am balach eile.
“Dè tha thu– carson a tha thu dheth an-diugh? Dè tha…”
Bha e [XX] nuair a bhuinnig sinn an t-airgead, ’s dh’fhaighnich e:
“Dè tha thu a’ dol a dhèanamh leis an airgead?”
Arsa mi: “Tha mi a’ dol a chur air each eile.”
Theich e a-mach! Bha dùil aige gun robh mi a’ dol a dhèanamh sin. Cha do rinn mi sin idir. Thug mi an t-airgead [XX]. Anyway:
“Tha thu– dè bha thu a’ dol a dhèanamh?”
“Oh, bha sinn, bha mi a’ dol a cheannach càr.”
Na càr beagaichean a bh’ aig na nursaichean. Bha iad mu twenty-five, thirty pounds, forty pounds, second-hand.
“Seo, a bhalaich, ceannaich a dhà dhiubh.”
So dh’fhalbh mi fhìn is Tormod sìos an t-sràid an uairsin, piles de dh’airgead aige. Of course, bha an t-aodach againn salach, seachdain gun changeadh neo sgath. So, bha bùth tàilleir a bha seo. Ach bha am bùth shìos gu h-ìosal, fhios agad, ’s na steapaichean a’ dol sìos. [XX] sin: bùth snog, seacaidean, lèintean is… fhios agad, a h-uile sgath riamh ann, deiseachan. So, thuirt mi ris a’…
“Can I help you sir?
Arsa mise: “See, coimhead air an deise tha siud? Bheir dhàsan an deise tha sin, agus gabhaidh mis’ an deise ud.”
[laughs] Bheil cuimhn’ agad air… dè chanadh tu ris? Cha robh lapels idir orra, James Bond suits. Cuimhn’ agad air a siud? Remember that? Anyway, thuirt mi ri Tormod:
“Gabh thusa an tè ud.”
So, bha sinn a’ strippeadh ’s a… ach dhiochuimhnich mi, choimhead mi air an fhear aig an robh am bùth, agus thòisich e ri gabhail an eagal. A thaobh thug mise an t-airgead a bha sin ’s dh’fhàg mi air a’ bhòrd e. Bha dùil aige gun do rob mi banca neo rudeigin! M’ onair a Dhia, thionndaidh an dath, bha e, thionndaidh e geal, agus dh’fhalbh e, fhios agad, bha staidhre a’ dol suas. Sheas e air an staidhre agus [XX] e, gus nach b’ urrainn dhuinn teicheadh.
Thug sinn a h-uile sgath dhinn, thug sinn na deiseannan, lèine oirnn, tàidh, agus thuirt mise:
“A bheil brògan agad?”
“Tha brògan–”
“No,” arsa mise, “tha mise ag iarraidh na brògan a… feumaidh mi deich notaichean a phàigheadh.”
“Oh, chan eil feadhainn mar sin agamsa,” ars esan.
“Uill, chan eil mi ag iarraidh feadhainn son dà not, feumaidh iad deich notaichean.”
B’ fheudar dhomh a dhol gu aon-deug bhùthan mun d’ fhuair sinn paidhir bhrògain aig deich notaichean. Laugh! Anyway, sin agad mar a land sinne, a thàinig sinn air ais a Barraigh. An uairsin, of course, dh’fhalbh, chuir an diabhal duine, mèirleach a bha ann an Glaschu, thàinig iad a choimhead oirnn sa phub, bha sinn sa Phark Bar a h-uile oidhche. Bhiodh iad a’ reic tools thugainn ’s a h-uile, sgath sam bith, ’s bha sinne a’ ceannach a h-uile sgath, we didn’t care. Bha bogsaichean den h-uile sgath agam. Agus bha dùil ’am an toirt leam, ach an tàinig deireadh na seachdain, cha robh airgead agam son a phàigheadh an excess luggage. So dh’fhàg mi ann a shin iad. No, thug mi dhan airport iad, ann an tacsi. Agus thuirt mise dhan left luggage:
“I’ll be back, ann an ceala-deug eile, bidh mi air ais.”
Huh! Thug e trì bliadhna mun do thill mi air ais, thug iad ’s land sinn an Glaschu, land sinn am Vancouver, agus an dèidh diabhladas agus a h-uile sgath riamh, cha robh sinn a’ faireachdainn comfortable ann. Dè mu dheidhinn tilleadh air ais a Ontario? So ruig sinn air bus, chaidh sinn gu Thunder Bay, chionn bha càirdean aig Tormod ann an Thunder Bay, agus chaidh sinn dhan a’ Salvation Army is dh’fhuirich sinn an-sin airson oidhche. Fhuair mise bàta, right off the bat. [XX], engineer, pew! Can’t refuse him. Ach chan fhaigheadh Tormod air, ged ’s e esan am proper engineer, bha esan qualified engineer! Bha ’s a h-uile sgath ann am Breatainn. Anyway, leum mise air bàta. [XX] an Salvation Army, cha b’ urrainn dhomh even an Salvation Army a phàigheadh, cha robh sgillinn againn air fhàgail. Cuiridh mi geall nach robh dà dholar eadar na dithis againn by the time a land sinn am Van– dè na bha siud de dh’airgead deich latha roimhe sin.

Anyway, an ath rud, a bhalaich, bha mi air bàta ann a sheo a-rithist so… [XX] an uairsin. Thòisich sinn air obair an-siud ’s an-seo is… a’ reic. Uill actually no, cheannaich mi piano accordion, actually, ann an St. Catherine’s, rinn mi check nach robh sgath innte, agus thàinig mi a-nuas le… Fhuair mi job an toiseach air a’ bhàta, thàinig mi a St. Catherine’s is dh’inns cuideigin dhomh mu dheidhinn an job ann a’ Nanticoke.
“Oh,” arsa mise, “’s toil leamsa na jobs sin.”
Bha mi a’ dèanamh sin ann an Kincardine, sin an job a fhuair mi, fhios agad, nuair a fhuair mi nam engineer an-sin. So, pff, pay off the boat, phàigh mi dhith, thachair mi ri balach eile ann an St. Catherine’s, dh’fhurich mi còmhla ris-san air an oidhche sin, fhuair mi… a dhà neo trì làrna-mhàireach, thàinig a-nuas– hitchhike mi suas gu… no, chaidh mi dhan Union an toiseach. Thug an Union dhomh job… compressor man, shìos ann a’ Nanticoke here. Uill, suas a thàinig sinn ann a sheo. Uill, tha cuimhn’ am an hitchhiking, oh my Gosh. Dà uair sa mhadainn neo rudeigin, agus thug an càr a bha seo a’ dol seachad, fhios agad, cha mhòr am meadhan an rathaid a’ feuchainn ri stad. Mac an Diabhail, chaidh e seachad orm. Ach thionndaidh e sìos far an robh mi a’ dol a bhith ag obair. So mun deach mi seachad air [XX], bha an doras aige fosgailte.
“Oh,” ars esan, “tha mi duilich nach robh– cha robh fhios ’am gun robh thu a’ dol a bhith a’ dol sìos an taobh-sa, bhithinn air do thogail.”
“Oh,” arsa mise, “dè thuirt thu?”
’S leig mi orm nach robh mi ga chluinntinn, son gum faighinn goirid dhan taigh, chionn bha a’ bhean aige dìreach a’ dèanamh sandwiches mar siud, a’ dèanamh plate. Uill an ath rud a bhalaich, Calum.
“Am faigh mi dìnnear an-seo?”
Dh’ith mise am plate, agus bha botal, tha mi a’ smaoineachadh gun robh e Ryebeck neo rudeigin, ’s mi bha coma, dìreach ag òl mo Ryebeck agus ithe… Uill, nuair a chaidh mi a-nuas chun a’ bhàta, air an robh mi ag obair, cha robh accommodation idir, so chaidil mi air an deck. July, bha e blàth co-dhiù. So fhuair mi squeezebox fon cheann agam, agus am baga beag a bh’ agam so… baga beag an… an Chinaman, a fhuair mi ann an [XX], bha e agam fhathast, fhuair mi sin nam chluasag. Agus an làrna-mhàireach, nuair a thàinig an sgiobair air bòrd son starteadh…
“Oh is cò an diabhal am fear a tha siud?”
“Sin agad an compressor man, am fear ùr.”
So thug e a-mach chun a’ chompressor mi is dol a thòisich sinn an-sin, my God.
[ZW:] Cuin a bha sin?
[CM:] Dè?
[ZW:] Cuin a bha sin?
[CM:] Dòcha gun robh sin mu 1970, tha mi smaoinntinn, 71.
[ZW:] Agus an do dh’fhuirich sibh ann an Ontario às dèidh sin?
[CM:] Uill cha robh mi, cha robh mi ro fhada o Ontario an uair a bha sin. Bha mi anns a’… nuair a bha mi am Montreal, no, nuair a bha sinn ann am Montreal, ach bha mi air bàta an-seo son samhradh. Sia mìosan neo rudeigineach, sin na bha mi ann. An uairsin, thill sinn air ais agus fhuair mi an uairsin job air a’ compressor man, an rud a bha seo. An uairsin, an aon rud a-rithist, bha mi air deagh job ann a’ Nanticoke, fhad ’s a [XX]. So fhuair mi ach cha mhòr a h-uile latha, a h-uile dàrna latha, gun tuirt– gun tàinig vacancy. Cho luath ’s a thàinig vacancy, a bhalaich: Calum, there it is. Dè bh’ annam? Oh, boiler-maker. Dè an diabhal a b’ aithne dhomhsa mu boiler-maker, ach fhuair mi job co-dhiù, that was all. Bha pàipear agam a’ can gur e boiler-maker a bh’ annam. Aye, is fhuair mi job.
Bha mi sin, sin an job a b’ fhaid’ a bh’ agam riamh, ’s bha mi sia bliadhna ann a shin. Cha do [phòs/?] mi ann trì– naoi miosan, an job a b’ fhaide a bh’ agam, gus an tàinig mi a Nanticoke. Bha mi pòsta an-uairsin, so bha mi… sin as adhbhar gun do dh’fhuirich mi steady ann.
[ZW:] Dè an aois a bha sibh nuair a phòs sibh?
[CM:] Uhh, bha mi ochd-deug thar fhichead, math dh’fhaoidte– aye, ochd-deug thar fhichead.
[ZW:] Agus… an do dh’fhàs sibh nas socaire às dèidh sin? An do sheatlaig sibh sìos?
[CM:] Uill, a laochain, cha do thòisich– cha do stad, thaobh, no cha do thòisich mi na bu socaire. On uairsin, tha an t-eagal orm even a bhith a’ smaoinntinn cia mheud job a bh’ agam. Tha mi ag obair fhathast, by the way.
[ZW:] Dè th’ annaibh?
[CM:] [XX], tha mi ag obair fhathast. Chaidh mi gu… dè an uairsin a thòisich mi air? A’ reic insulation airson an taighe. Fhios agad na leapannan a bhios a’ dol suas is sìos, fhios agad, chì thu iad [XX]? Bha mi a’ reic an fheadhainn sin. Na seadaichean, fhios agad, na [XX] sheds, bha mi a’ reic an fheadhainn sin. Oh, an rud a b’ fheàrr sam bith, actually is, mo phiuthar, bha thu a’ bruidhinn rithe an-diugh, bha i a’… tha [XX] air taigh mo phiuthair ann an an— ann am Barraigh, bha i a’ feuchainn ri cheannach. Bha mi, a laochain, ann am [XX], a’ demonstrateadh, fhios agad, chan fhaic mi a-nis [XX]. Bidh iad, chan fhaod na truinnsearan a bhristeadh, dìreach faodaidh tu bhith ga chaitheamh sìos ’s cha bhrist iad. Uill, sin an rud a bha mise a’ dèanamh, demonstration, fhios agad, gheibh thu crowd mun cuairt is tòisichidh tu air spiel a thoirt dhaibh and everything else. An uairsin, bidh thu a’ tòiseachadh air a’… ach feumaidh tu feuchainn ri daoine neo dhà, order fhaighinn, fhios agad.
So bha mi a’ spiel-eadh an latha a bha seo ann am Mont– ann am [XX], agus dà bhoireannach bha seo, sguir iad air ais air sàilleabh, fhios agad? Cha do dh’fhalbh iad còmhla ris a’ chrowd. Oh is feumaidh tu, thàinig dotair so… shoidhn mi esan airson, oh, rinn mi glè mhath airsan. Oh, na dotairean, tha iad car glaoiceil co-dhiù so… sgrìobh mi, fhuair mi, bha mi a’ [treabhadh/?] le mo pheann, rinn mi a dhà neo trì notaichean an latha ud. So [XX], bha iadsan a’ seasamh, arsa mise:
“Can– an cuidich mi thusa cuideachd?”
“Oh, dè an diabhal tha thusa a’ dèanamh? ’S e teuchter a th’ annadsa.”
“Dè mar a tha fhios agad air a sin?”
Ars ise: “A thaobh, mo charaid ann an New York, ’s ann à Barraigh a tha i, agus tha mi a’ dol ga fònadh ’s dol a dh’fhaighneachd dhith cò– gum faca mi thusa. ’S dè chanas iad rium?”
Sin agad an nighean aig [XX] piuthar mo bhràth– mo phiuthar-sa, [XX] ann an Gla– ann am Bàgh a’ Chaisteil. Sin, mo phiuthar a bha… Sin agad an nighean, a piuthar shìos ann an New York. Tha i a-niste shìos am Florida. Nach e ’n saoghal tha beag? Yeah. So rinn mi sin is… b’ e deagh jhob a bha sin cuideachd. Agus na seadaichean, oh Dhia, oh bha, bha siud math. Chuir iad dhan a’ sgoil mi son ceala-deug, ann an hotel. Bha triùir againn son serve-adh North America, dithis Americans agus mise. Agus… chuir iad ann an hotel sinn. Uill, a’ chiad seachdain, a bhalaich, am biadh ’s ag èisteachd riutha, lectures ’s a h-uile sgath bha sin. Thàinig an uairsin Disathairne ’s Didòmhnaich, tha thu dheth, agus bha iad a’ toirt dhut latha dheth. So fhuair mi Tormod, ris an robh mi a’ bruidhinn mu dheidhinn ann an Leòdhas, fhuair mi e fhèin agus Wendy. Arsa mise… sa Gheamhradh a bha e:
“An còrdadh e ribhse fuireach ann an hotel son a’ weekend?”
“Carson?”
“Uill tha mi a’ dol a thoirt dhuibh an rùm agamsa, agus tha mise a’ dol a thighinn dhachaigh shìos ann a sheo.”
Bha mi an Toronto.
“Uill,” arsa mise, “na bruidhinn ri duine–”

Clilstore

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7951