Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Hughena NicDhòmhnaill (1)

E[airdsidh] C[aimbeul]―00:05: Hughena, mòran taing airson bruidhinn rinn a-nochd aig do dhachaigh fhèin. Am b’ urrainn dhut innse beagan dhuinn mu dheidhinn cò às a tha thu agus cò an teaghlach?

H[ughena] M[NicDhòmhnaill]―00:16: Uill, ’s ann à Beinn na Faoghla a tha mi on toiseachd, chaidh mo thogail ann am Beinn na Faoghla, agus an uair sin phòs mi is shioft mi a Ghèirinis Uibhist a Deas. Chaidh mo thogail aig mo mhàthair is m’ athair is peathraichean…còig pheathraichean is aon bhràthair, agus chaidh mi gu Sgoil Cnoc na Mònadh is an uair sin chaidh mi dhan an àrd-sgoil gu Sgoil an Ìochdair, agus nuair a dhùin Sgoil an Ìochdair dh’fhosgail iad Sgoil Lìonacleit agus rinn mi aon bhliadhna ann a shineach, agus an uair sin chaidh mi a Leòdhas, is bha mi sa cholaiste shuas ann an Leòdhas son dà bhliadhna. Agus an uair sin, nuair a bha mi ullamh ann a shineach thill mi dhachaigh is bha mi ag obair, agus mar a bha mi ag ràdh phòs mi is bha teaghlach agam dithist chloinneadh, dà nighean, agus sin agad e.

EC―01:07: Seo niste. Agus cò na dàoi…cò an teaghl…cò na daoine agad? An ann à Barraigh a bha cuideachd do mhàthar?

HM―01:15: Bha mo mhàthair à Barraigh agus dh’eug a h-athair agus phòs a màthair a-rithist fear às an Ìochdar, Moireastan. Agus an uair sin bha m’ athair à Beinn na Faoghla, bha a mhàthair à Eilean Fhlodaidh agus, uill sin agad mo sheanmhair. Agus chaidh esan a thogail ann an Hàclait Beinn na Faoghla, ach thog mo mhàthair is m’ athair taigh aig Creag Ghoraidh ceann na drochaide, agus ’s ann ann a shineach a chaidh mise air mo thogail agus…tha, tha an teaghlach air lùib na h-eileanan, càirdean feadh an àite.

EC―01:54: Dè a’ chiad chuimhne a th’ agad air a bhith as an sgoil a’ chiad latha, ciamar a bha thu a’ faireachdainn nuair a bha thu a’ dol dhan sgoil, an robh, an robh eagal ort no an robh…?

HM―02:02: Uill, tha e coltach gun tug mo phiuthar, tè de na peathraichean agam mi a-staigh is ghrèimich i air an làmh agam agus gun do bhruidhinn i ann rium, is bha i na suidhe air a’ bhalla aig Cnoc na Mònadh agus dh’fhaighnich i ceist dhomh so phut mi far a’ bhalla i. Sin na, sin na tha cuimhn’ agam air. Sin agad a’ chiad latha. Ach mo chuimhne as an sgoil ’s e cuimhne uabhasach math a bh’ ann. Deagh ionnsachadh, tidsearan uabhasach fhèin laghach. Bha tòrr a’ dol fad an t-siubhail, bha thu ag ionnsachadh dannsa is bha thu ag ionnsachadh tha…a’ cluiche chanter is bha thu…spòrs, is bha thu ag ionnsachadh fighe is fuaighealadh is òrain, Gàidhlig, Beurla, stòiridhean. Bha…bha tòrr a’ dol fad an t-siubhail, is aig àm a’ Mhòid bhiodh tu a’ dol ann is bhiodh tu a’ seinn is bhiodh tu as a’ choir is bhiodh tu…bha…uaireannan bhiodh play ann cuideachd is bhiodh tu…bhiodh tu an lùib sin cuideachd is bha e math, bha e uabhasach math. Bha, bha a’ chlann toilichte. Bha biadh math, bha na boireannaich a bha ag obair a’ dèanamh a’ bhiadh bha iad cho laghach riuts’, is bhiodh sinn a’ dol a-staigh is bhiodh sinn a’ cuideachadh iad leis na soithichean is…

EC―03:20: Tha cuimhn’ am fhèin air sin cuideachd, a bhith, a bhith as an aon sgoil, agus bha…bha deagh fhaireachdainn as an sgoil tha mi a’ smaointinn. ’S e sgoil bheag laghach a bh’ ann an Cnoc na Mònadh.

HM―03:25: Bha…’s e…bha, bha leithid a’ dol fad an t-siubhail is bha thu toilichte a’ dol dhachaigh is bha thu sgìth a’ dol dhachaigh is bha thu toilichte ag èirigh sa mhadainn is leum air a’ bhus. ’S iomadh triop sin a chaill mi a’ bhus agus choisich mi dhan sgoil.

EC―03:41: Sin ag innse dhut cho measail ’s a bha thu air an sgoil. Agus cò a’ chiad tidsear a bh’ agad ann an…ann an Cnoc na Mònadh?

HM―03:49: Nist a bheil cuimhn’ agamsa…gun e Patricia Moireastan. 

EC―03:56: Oh, gu dearbh, uill bha i…tha mi...tha cuimhn’ agams oirre cuideachd, bha i agam fhèin san sgoil, tha sin ag innse dhut, yeah, yeah.

HM―04:02: Tha cuimhn’ agam i a bhith a’ faighneachd dhomh aon latha dè bha mi a’ dèanamh is thuirt mi ‘tha mi a’ gearradh m’ òrdagan’ is thuirt i ‘Chan eil Hughena thu idir a’ gearradh d’ òrdagan’, thuirt mi ‘Tha mi’ is bha siosar agam is bha mi a’ geàrradh na h-ìnean agam. Dìreach cha robh, cha robh fios ’am dè am facal ceart a bh’ ann. Ach tha cuimhn’ am air an sineach. Tha cuimhn’ a’m i a bhith a’ toirt air cuairt sinn sìos an rathad agus bhiodh i a’ sealltainn na, na dìtheannan dhuinn agus bhiodh i ag innse dhuinn dè an t-ainm a bh’ air na dìtheannan, is bhiodh i a’ sealltainn dhuinn planntaichean cuideachd is bhiodh i ag innse dhuinn feadhainn a bha cunnartach is feadhainn nach robh. Tha cuimhn’ agam air sin is bha e a’ còrdadh leinn is bha sinn cho modhail, fhios agad. Cha robh, cha robh mì-mhodh sam bith no cron sam bith ann. Nan canadh an tidsear riut ‘Fhalbh is bheir esan no ise gu…gu rùm eile air sàilleibh nach eil iad gu math no a’ faireachdainn gu math’ bha thu toilichte an làmh aca a ghabhail is dhèanadh tu e. Agus rudeigin eile, nan tigeadh pàiste eile ùr a-staigh dhan sgoil, bha sinn…airson a bhith caraidean leotha agus ’s e rud laghach a bha sin cuideachd.

EC―05:13: Agus dè bha a’ còrdadh leat as an sgoil, na cuspairean? An robh thu…an robh thu math air aon rud mar gum biodh gu sònraichte, no an robh thu, an robh thu car math air a h-uile rud mar gum biodh?

HM―05:23: Och bha mi cho beulach co-dhiù, bha mi airson a bhith an lùib a h-uile sian. Chòrd e leam nuair a bha mi air clas a trì, air sàilleibh bha thu a’ sgrìobhadh is bha thu ag ionnsachadh Beurla agus a’ dol dhan sgoil is gun agad ach Gàidhlig. ’S e rud mòr a bha sineach, air sàilleibh cha robh, cha robh Beurla agam ann a’ dol dhan sgoil.

EC―05:44: Cha robh idir, seo niste.

HM―05:46: Agus bha thu cho moiteil air sàilleibh air an dòigh ’s a bha an tidsear ag ionsachadh dhut na faclan, ciamar a bha thu ga ràdh an toiseachd is an uair sin ciamar a bha thu a’ cur facal eile còmhla ris, ’eil fhios agad, bha agam…cat is mat is rudan mar sineach, is bha thu…dh’fheumadh tu...nas…cia...ciamar a dhèanadh tu e nas…tòrr mòr faclan coltach riutha, trì litrichean, ceithir litrichean is, ’eil fhios agad,…bha...’s e mar gum biodh…bha thusa a’ smaointinn, cha robh thusa a’ tuigsinn gun e thusach a bh’ ann idir, bha thusa a’ smaointinn gun e geama a bh’ ann. Agus an uair sin bha thu, bha thu cho deònach a dhol a-mach chun an tidseir agus thigeadh tu siud ‘seall an rud a rinn mi’ agus bha thu cho toilichte, ach rinn iad e cho furasta, fhios agad, cha robh iad trom ort idir, agus air sàilleibh gun robh iad…ciamar a chanainn e…air sàilleibh gun robh iad a’ bruidhinn ris a h-uile duine sa chlas, chan e idir aon duine le, fhios agad, bha iad a’ bruidhinn ris a h-uile duine is bha a h-uile duine againn ag èisteachd is thuirt mise ‘look na tha mi a’ dèanamh’ fhios agad, is bha sinn cho toilichte.

EC―06:46: Seadh, is dè as adhbhar gun do dhùin an sgoil, an e dìreach gun robh e a’ fàs ro shean mar thogalach, no nach robh clann gu leòr a’ dol, a’ dol ann no…?

HM―07:06: Chan eil mi buileach cinnteach.

EC―07:08: Tha mi a’ smaointinn gun do dhùin tòrr sgoiltean aig an àm sin, ’s dòcha anns na deireadh…deireadh nan ochdadan.

HM―07:12: Aidh, tha mi a’ smaointinn gun robh iad a’ feuchainn ri na sgoilean as motha…cleas Sgoil an Ìochdair, bha iad, bha iad a’ feuchainn ri…mar a tha thu fhèin ag ràdh ’s dòcha nach robh gu leòr ann, so ’s e sgoil-àrd a bh’ againne ach bha a’ bhun-sgoil ann cuideachd as an Ìochdar, bha an dà chuid na lùib.

EC―07:30: Tha cuimhn’ am air sin mi fhìn, a bhith ann.

HM―07:31: Fhuair mi sin nas doirbhe air sàilleibh bha thu a’ dol dhachaigh a h-uile latha le ceann goirt, air sàilleibh nuair ma thu air a’ bhun-sgoil fhàgail tha an obair a’ fàs nas cruaidhe is an uair sin tha thu a’ tuigsinn…

EC―07:46: Bha mi a’ dol a dh’fhaighneachd sin cuideachd dhut, an robh e…an robh e neònach dhut a’ fàgail Cnoc na Mònadh agus a’ dol gu sgoil nas motha le diofar, diofar, uill diofar latha, diofar seòrsa uill, cruth air an latha an sineach?

HM―07:58: Tha mi a’ smaointinn an uair sin bha uallach ort ‘’S e cuideigin mòr a th’ annam a-nist, chan eil math dhomh a bhith nam phàiste a-nist, agus feumaidh mi obair cruaidh a dhèanamh agus a’ dèanamh an gnothach air’, agus cuideachd air sàilleibh an aois aig an robh thu, fhios agad, bha thu fhèin a’ tighinn nad bhoireannach agus bha na gillean a’ fàs, agus bha tòrr de…fhios agad, ‘tha mise nas fheàrr na thusa agus tha thusa’…fhios agad, bha tòrr…

EC―08:31: Sin an seòrsa aois a th’ ann nach e? ’S e, yeah.

HM―08:33: Agus ise a’ dol a-mach oirrese is ‘thusa a charaid agamsa an-diugh agus chan e thusa mo charaid a-màireach’ is gnothaichean…nuair a choimheadas tu air ais, carson? Aig deireadh an latha bha sinn uileadh a’ fàs suas, bha sinn uileadh ag ionnsachadh.

EC―08:49: Dìreach an aois a bha sin.

HM―08:50: ’S e. Agus a’ fàgail aig sia-deug a-rithist bha an t-eagal ort a-rithist, air sàilleibh ‘tha agam ri dhol a-mach dhan saoghal mòr agus ciamar a tha mi a’ dol a dhèanamh an gnothach air. Tha mis’ airson a dhol air ais gu bhith nam phàiste’, cha robh for agam gun robh a h-uile sian cho doirbh, ach nì thu an gnothach.

EC―09:13: Agus nuair a bha thu as an sgoil, as an àrd-sgoil, an robh fios agad dè bha thu ag iarraidh a dhèanamh le do bheatha, an robh, an robh beachd agad aig an àm sin no…?

HM―09:20: Bha tòrr de rudan nam, nam cheann, bha mi airson a bhith nam rùnaire, putain is gnothaichean is…uill cha robh, cha robh computers a’ dol aig an àm ann, cha robh leithid a-riamh ann ach typewriters is rudan mar sineach, ach sin an rud a bhithinn ag ràdh, ach dh’atharraich mo bheatha ann an tòrr de rudan diofrach, agus chum mi orm, chaidh mi dhan cholaiste is rinn mi rùnaire.

EC―09:47: So, bha thu, bha thu as an Ìochdar agus an uair sin bha thu as an sgoil ùr, sgoil…

HM―09:51: Dìreach airson bliadhna.

EC―09:52: Oh, ann an Sgoil Lìonacleit.

HM―09:53: Chaidh sinn a Lìonacleit, ’s ann an uair sin a bha na computers air tighinn a-mach is tha cuimhn’ a’m a dhol a-staigh aon latha is thuirt mi ‘Dè, dè tha mi…dè tha mise a’ dol a dhèanamh leis an seo’, agus thuirt an tidsear ‘Tha thusa a’ bruidhinn ris a’ chompiutair ach chan eil an compiutair a’ bruidhinn leatsa ann, na biodh an t-eagal ort idir, cuir thus’ ann agus cuiridh esan a-mach an rud a tha thusa ag iarraidh a chur ann’ is thuirt mi ‘Oh uill, dallaidh mi orm ma-thà’, is rinn mi e.

EC―10:18: Cha robh an còrr ann.

HM―10:19: Cha robh an còrr ann, is mar sin fhèin nuair, nuair a chaidh mi dhan cholaiste turas eile, sgoinneil.

EC―10:25: Agus ciamar a bha e a’ dol gu sgoil ùr dìreach buileach buileach ùr? Tha fios gun robh…

HM―10:31: Tha mi a’ smaointinn…bha e uabhasach math dhuinne, cha robh sinne ach a’ leum às an Ìochdar gu Beinn na Faoghla, ach bha thu caran faiceallach. Bha muinntir Barraigh, muinntir Èirisgeigh, muinntir Bheàrnaraigh, agus cha robh sinne eòlach orra ann air sàilleibh is ann, ’s ann air a’ ferry a bha iad a’ tighinn…bàta-aiseig agus bha à-san a’ fuireach…

EC―10:56: Bha iad a’ fuireach anns an ostail fad na seachdain.

HM―10:58: Bha, so cha robh fhios agad cia...ciamar a ghabhadh tu leotha. Is tha cuimhn’ a’m, chan eil cho fada sin o chionn bliadhnaichean nuair a bha iad…nuair a bha mi a’ bruidhinn ri dhà no trì de na boireannaich is bha iad ag ràdh nuair a bha à-san a’ fàgail Barraigh, Èirisgeigh is Beàrnaraigh far a bheil na teaghlaichean acasan ‘Bidh thusa faiceallach mu dheidhinn na daoine a tha sineach a tha shìos ann am Beinn na Faoghla’, so bha à-san cheart cho eagalach air sàilleibh cha robh fhios aca ciamar a bha sinn a’ dol a dh’fhaighinn air aghaidh. Ach, bha sinn an lùib a chèile, bha sinn ag ionnsachadh agus rinn sinn e agus bha…bha e furasta gu leòr.

EC―11:32: Agus an uair sin chaidh thu a Steòrnabhagh a dhèanamh cùrsa ann an colaiste.

HM―11:35: Rinn. Agus a-rithist, turas ùr, a’ fàgail an dachaigh, a-rithist a dhol a-staigh…chaidh mi a-staigh dhan chlas, cha robh fhios agam air duine is thuirt mi ‘Cà bheil mi, dè tha mi a’ dèanamh, ciamar a tha mi a’ dol ga dhèanamh?’

EC―11:52: Agus dè an cùrsa…dè bh’ ann…dè an cùrsa a rinn thu ann an Steòrnabhagh?

HM―11:56: Rùnaire, aidh, is ’s e…agus mar sin fhèin, an ceann am feasgar a bha sineach chaidh mi suas far an robh mi a’ fuireach, dh’atharraich mi m’ aodach is bha mi a’ faireachdainn gun robh mi air mi fhìn a dhèanamh tui...tuilleadh ’s a chòrr dreiste, so bha mi beagan nas seitlichte feasgar is chaidh mi air a’ bhus, thill mi suas dhan cholaiste is bha na nighnean a’ coimhead rium is, ‘Oh bha dùil, dùil againne gun robh thusa mòr asta fhèin ach a Dhia chan eil thu’ agus mar sin dheth, choimhead iad às mo dheaghaidh an latha a bha sineach. Bha iad na mo charaidean, bha iad a’ coimhead a-mach air mo shon, bha iad a’ dèanamh cinnteach gun innseadh iad dhomh na h-àiteachan sàbhailte dhomh a dhol, is àiteachan laghach a dhol, àiteachan a bha furasta fhaighinn gu cliobhar, an àite an t-astar ro fhada, so bha mi uabhasach fhèin fortanach gun, gun robh iad a’ coimhead a-mach air mo shon is gun robh iad cho laghach. Bha e math.

EC―12:54: Agus ciamar a bha Steòrnabhagh? An robh e, an robh e laghach a bhith a’ fuireach ann an Steòrnabhagh, an robh…bha e a’ còrdadh leat math gu leòr?

HM―12:57: Bha a h-uile duine a thachair mise leis bha iad uabhasach fhèin laghach, agus cha robh eagal sam bith orm. Bha mi ag obair, fhuair mi obair tha…ann an Chinese. Is bha iad a-rithist…nuair a bha mi a’ dol dhachaigh air an oidhche bhiodh iad a’ feitheamh…cha b’ urrainn dhaibh an t-ainm agam a ràdh, ’s e Hughshena a bha aca orm, ach co-dhiù…

EC―13:23: Ach a dh’aindeoin sin bha iad…bha iad glè mhath.

HM―13:26: Bha iad cho laghach, agus bha iad ag iarraidh mo bhiathadh fad an t-siubhail, agus bha iad ag iarraidh mo chur dhachaigh air an oidhche is…cha, cha b’ urrainn dhomh sian eile iarraidh.

EC―13:33: An robh thu a’ fuireach ann an digs ann an Steòrnabhagh, an robh thu…?

HM―13:35: Bha mi a’ fuireach còmhla ri càirdean. Bha mi a’ fuireach còmhla ri càirdean, is bha sin, bha sin dìreach mar gum biodh a’ fàgail mo dhachaigh is a’ dol gu…a’ dol dhachaigh. Bha e cho furasta sin.

EC―13:46: Agus an robh, an robh tòrr à Uibhist is Barraigh shuas aig an aon àm?

HM―13:50: Bha deagh chuid ann, ach air sàilleibh gun robh na cùrsaichean aca diofrach, bha e corra uair a thachradh tu leotha, can…can gun tachradh tu leotha sa bhaile, stadadh tu is chanadh tu ‘Dè tha dol?’ is gnothaichean mar sineach, ach mo chuimhne-sa is mi an aon tè à Uibhist a bha air a’ chlas agam. Bha an còrr à Leòdhas, Sgalpaigh is Na Hearadh. Agus bha tòrr dhiubh cuideachd, ’s e feadhainn a bha air a dhol air ais chun cholaiste, daoi...daoine a bha…

EC―14:25: Beagan na b’ aosta mar gum biodh.

HM―14:26: Bha iad nas aosta is bha iad air tilleadh is bha iad airson cùrsaichean ùra a dhèanamh is ionnsachadh ùr a dhèanamh.

EC―14:31: Eòlas...eòlas ùr fhaighinn air coimpiutairean is…

HM―14:33: ’S e, ’s e, uh-huh. So bha mise, bha mise seachd deug aig an àm, agus an tè as òige suas gun an sin…bha aon nighean à Deas ach bha ise nas òige na mi a-rithist, is tha mi a’ smaointinn nach do rinn ise ach bliadhna, ach an còrr dhiubh, bha iad a’ tòiseachadh aig dà fhichead ’s a ceithir an aois aca, agus bha e, bha e a’ dol suas gu dà fhichead ’s a dhà, suas ann an aois. So, ’s e, ’s e aoisean mòr diofrach a bh’ ann, so dìreach, cha do rinn mi ach cumail orm mar a bha mi, is...

EC―15:12: Seadh, agus an uair sin an do thill thu dhachaigh an uair sin, no an deach thu gu àite eile no…?

HM―15:17: Eadar sin, nuair a bha mi ann an Steòrnabhagh, is bha mi ag obair mar a bha mi ag ràdh as an Chinese, cha robh, cha robh sin ach trì oidhche, bha mi a’ dèanamh beagan obair aig Radio nan Gàidheal agus bhithinn uaireannan a’ dèanamh beagan le Caithris na h-Oidhche, a’ leughadh a-mach na dùrachdan.

EC―15:34: Tha cuimhn’ a’m air Caithris na h-Oidhche cuideachd.

HM―15:35: Bhithinn a’ dèanamh sineach, agus bhithinn a’ dèanamh obair…rannsachadh is gnothaichean dhaibh, dìreach beag air bheag, chan e…chan e rud mòr a bh’ ann idir. Ach bha e a’ còrdadh leam a’ dol, a’ dol a-staigh is bruidhinn Gàidhlig is ag èisteachd ris na prògraman air an radio nuair a bha iad a’ dol a-mach air an èadhar, ’s e rud…’s e rud sgrathail math a bha sin cuideachd, ’s e. ’S e dìreach rudeigin a bh’ ann son a dhèanamh, ach bha e a’ còrdadh leam, chòrd e leam gu mòr.

EC―16:05: So mar sin bha thu, bha thu ann an Steòrnabhagh fad, fad ùine, agus an uair sin an do thill thu dhachaigh a dh’Uibhist?

HM―16:11: Thill mi dhachaigh a dh’Uibhist agus bha mi ag obair ann an taigh-òsta is…

EC―16:15: Cò am fear a bha sin?

HM―16:16: Eilean Dorcha. Bha mi ag obair ann an shineach.

EC―16:19: Bha e gu math trang aig an àm sin tha mi cinnteach.

HM―16:21: Bha, uabhasach fhèin trang, bha tòrr a’ dol an uair sin, bha tòrr ag obair a-bhos a tha…airson an airm.

EC―16:28: Oh, gu dearbh.

HM―16:30: Agus bhiodh tòrr a’ tighinn a-nall às na Stàitean Aonaichte is bha iad, bha iad a’ tìghinn às a h-uile h-àite.

EC―16:35: Tha e trang fhathast, tha e coltach.

HM―16:38: Tha, bha iad air a bhith trang air a…o chionn cola-deug air ais.

EC―16:40: Leis an eacarsaich…exercise a bha aca air.

HM―16:41: Aidh, so bhiodh sinn ann is bainnsean…bhiodh tòrr bhainnsean ann, bhiodh tu a’ falach ann an rùm is an uinneag agad fosgailte ach am faiceadh tu bean-pòsaidh…’eil fhios agad bheil…dè cho snog ’s a bha i! So bha mi ag obair ann an shineach, agus an uair sin dh’fhàg mi ann an shineach agus an uair sin bha mi ag obair anns a’ charpet, bùth nan carpets. Agus bha mi ann a shin bliadhnaichean is an uair sin phòs mi is bha an teaghlach agam is bha mi ag obair sa cho-operate.

EC―17:08: Tha cuimhn’ a’m ort a bhith ag obair sa...

HM―17:10: Bha mi ag obair sa cho-operate nuair a bha a’ chlann beag, bha iad cnapach. Agus an uair sin thill mi air ais gun a’ bhùth far an robh na carpets agus bha mi bliadhnaichean ann a shineach, agus bha a’ chlann a’ fàs mòr, agus eadar sineach bha, bha an duine agam, bha mi air a chall, bha e air bàsachadh. Bha à-san ochd is naoidh aig an àm, so mar sin bha agam ris an teaghlach a thogail, an taigh a chumail agus a bhith nam mhàthair is nam athair is…

EC―17:43: Bha gu leòr mu d’, mu d’…

HM―17:44: Mu m’, mu m’ cheann, bha. Ach tha iad a-nist tha iad mòr is tha iad air falbh, agus tha iad a’ dèanamh am beatha aca fhèin. Is a-nist tha mi ag obair ann an t-àite far am bi iad a’ cur càraichean ri chèile, Benbecula Autos. Tha mi ag obair còmhla ri Beryll agus Ailean is an gille aca Iain, is tha Peigi còmhla rium cuideachd is tha…àite beag laghach, uabhasach trang. A h-uile duine a thig a-staigh tha iad cho taingeil is cho toilichte, is tha sinn a’ dèanamh na dheargas sinn son a h-uile duine a chumail air an rathad, mar a chanadh iad. So tha…tha mi air còrr is dà bhliadhna ann an shineach agus tha e a’ còrdadh leam.

EC―18:22: Agus dè an rud…dè an rud as fheàrr leat mun obair, dè na rudan a tha a’ toirt toileachas dhut?

HM―18:26: Tha mi ag ionnsachadh fad an t-siubhail. Chan eil e gu diofar dè cho mòr is tha thusa a’ smaointinn gu bheil fhios agad, thig agad air a dhèanamh, chan eil e…’s ann nuair a choisicheas tu a-staigh agus chì thu cuideigin, ged nach biodh iad ach a’ suidhe aig a’ choimpiutair no a’ seasamh aig an doras no rudeigin, tha thu a’ coiseachd a-staigh agus tha thu ag ràdh ‘Cha dhèan mise seo gu bràth’ agus an uair sin seallaidh iad dhut, agus cumaidh tu ort a’ feuchainn gus an tig a-staigh ann a shiudach, is an uair sin canaidh tu ‘’S dòcha gun tig agam air a dhèanamh’, agus bidh mi a’ faighinn toileachas às, air sàilleibh nuair a thig thu dhachaigh canaidh tu ‘Rinn mi siud an-diugh is rinn mi…chuir mi wiper air car cuideigin an-diugh’, ’eil fhios agad?

EC―19:17: So tha thu ag obair air an dà chuid, as an oifis agus a bhith a’ càradh nan càraichean uaireannan?

HM―19:20: Uill, chanainn gum biodh an càr…’s dòcha gum bithinn gan toirt às a chèile! An uair sin bidh mi, bidh mi a’ sìneadh a h-uile sian air ais is air aghaidh is canaidh mi ‘Dè th’ agam an siud a’ dol air ais do chàr?’ Chan e. Tha e a’ còrdadh leam a bhith a’ faighneachd mu dheidhinn dè tha mi ag ionnsachadh, carson a tha mi a’ creic ghnothaichean, airson a bhith fios agam gu bheil mi a’ tuigsinn carson a tha mi ga chreic. Chan eil mise ga chreic air sàilleibh gu bheil e air an t-shelf airson a chreic, tha mi ga chreic airson gu bheil fhios agam gur h-e sin an rud a tha a dhìth ortsa. An rud a tha a dhìth ortsa ’s dòcha gun e rudeigin diofrach a tha a dhìth air cuideigin eile.

EC―19:51: Dìreach.

HM―19:52: Aidh, is mar a bha mi ag ràdh, nuair a bha, nuair a bha mi ag obair sa cho-operate bha, bha toileachadh…fhios agad…dìreach a bhith a’ cur biadh anns na bagaichean airson seann daoine.

EC―20:02: Gun teagamh, ag obair le daoine mar gum biodh, nach e?

HM―20:04: ’S e, an lùib daoine.

EC―20:05: Diofar dhaoine is tha thu a’ faighinn…a’ faighinn rudeigin a-mach às.

HM―20:09: Tha, dìreach, dìreach airson à-san falbh is a ràdh tapadh leibh is a bhith toilichte. Chan eil sian nas fheàrr na sin.

EC―20:18: Chan eil idir, tha thu glè cheart, tha thu glè cheart. Is a bheil thu a’ faighinn cothrom sam bith dhut…a bheil thu, a bheil thu a’ faighinn ùine dhut fhèin na làithean seo, a bheil…a bheil thu a’ dol a-mach gu rud sam bith, a bheil rudeigin…a bheil thu a’ dannsa no a’ seinn no a’ cluiche…a’ cluiche ionnstramaid no rudeigin, ciamar a…?

HM―20:33: Chan eil. Rud as fheàrr…uill, dhomhsa, bhithinn a’ dol a shnàmh, ach gu mì-fhortanach chaidh…bha rudeigin ceàrr air a’ chas agam is bha agam, agam ri operation fhaighinn is tha mi fhathast a’ feitheamh ris a’ chas leighis ceart, is tha agam ri mo chas a chur suas air an oidhche is rudan beaga mar sineach.

EC―20:55: Tha mi a’ tuigsinn, tha mi a’ tuigsinn.

HM―20:57: Ach, an rud, an rud as fheàrr leamsa ’s e tighinn dhachaigh, mo chasan a chur suas agus coimhead air na soaps air an telebhisean.

EC―21:02: Math gu leòr.

HM―21:03: Chan eil sian nas fheàrr. Nuair a tha thu ag èirigh tràth sa mhadainn is tha thu a’ falbh a dh’ obair tha thu an lùib daoine fad an latha, fad an t-siubhail, tha thu air an obair agad a dhèanamh son an latha, chan eil sian nas fheàrr. Casan suas, cupa tì, faic dè tha air an teilidh. Agus cuideachd na prògraman Gàidhlig, tha tòrr, tòrr, tòrr prògraman Gàidhlig air. Uaireannan, chan eil thu a-staigh air an oidhche a tha e air, is thig e air ais air a-rithist, is ‘Oh chan fhaca mi am fear seo idir is...

EC―21:27: Seadh.

HM―21:27: Is suidhidh tu is…bha mi…dìreach an oidhche roimhid bha mi a’ watchadh Dòmhnall Bàn agus nuair a chaidh iad a-null a New York.

EC―21:33: ’S e prògram laghach a bh’ ann, nach e?

HM―21:35: Uabhasach fhèin laghach. Uabhasach fhèin snog agus…a’ faicinn a h-uile sian a bha a’ dol.

EC―21:40: Yeah, oh aidh, bha sinne gu math moiteil asta.

HM―21:43: Bha, bha, bha.

EC―21:45: Agus am bi thu a’ falbh air chuairtean uair sam bith, air làithean-saora gu àiteachan exotic sam bith no…?

HM―21:50: Gu dearbha fhèin e cha bhi. Chan eil mi math air an taigh fhàgail idir. Tha mi air fàs cho eòlach air a bhith…gu h-àraid nuair, nuair a bha Jessie Anne bha i meadhanach, cha robh thu ach a’ falbh air ais is air aghaidh gun an ospadal, tinneas-tuiteim a bh’ oirre. Agus cha robh thu ach a’ falbh gun an ospadal is air ais dhachaigh is gnothaichean mar sin is ’s e gnothach caran sgìth a bh’ ann, ach air sàilleibh gu bheil ise cus nas fheàrr is tha i air sioftadh air falbh, is tha i air beatha a dhèanamh dhi fhèin is tha i pòsta a-niste, is tha mi cho toilichte dhi, agus tha i a’ dèanamh a beatha aice fhèin ann an Glaschu, tha mi a’ dol a’ chiad turas a dh’Èirinn an ath-mhìos son a’ cho-latha breith agam son dhà no trì làithean.

EC―22:33: Math dha-rìribh.

HM―22:36: Agus tha mi a’ dol a dh’fhaicinn shrine aig Mòire Mhàthair ann an Knock.

EC―22:41: Oh ceart.

H―22:42: Agus ’s e rudeigin a bha mi a-riamh airson fhaicinn on a bha mi sia bliadhna deug, agus tha an cothrom agam am bliadhna, so tha mi a’ falbh ann an dhà no thrì sheachdainnean.

EC―22:54: Math dha-rìribh.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7915