Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tòmas MacDhòmhnaill (2)

EC―00.05: Agus a bharrachd air a bhith a’ toirt daoine mun cuairt, tha fhios a’m gu bheil thu cuideachd a’ toirt fiosrachaidh gu buidhnean mar Ceòlas, nach eil, aig an...aig an symposium agus…an robh rudeigin ann mu dheidhinn an seòrsa leann a bhiodh daoine a’ grùdhadh ann an Uibhist aig aon àm…a bheil…an robh?

TM―00:15: Oh bha, bha, ‘Leann nam Biast’, aidh. Bha…o chionn, aidh o chionn bliadhna no dhà air ais bha, bha Ceòlas a’ bruidhinn air ‘Leann nam Biast’ agus thàinig an e Liam Crouse, bha e a’ faighneachd do dhaoine an robh cuimhn’ aca air, agus bha, bha cuimhn’ agamsa, aidh bha...bha mise ga dhèanamh airson bliadhnaichean. Agus an dòigh a fhuair mi na...an dòigh a fhuair mi na biastan an toiseach bha…tha…o bidh e bliadhnaichean mòra air ais ach bha, bha busaichean aig m’ athair cuideachd…fhuair m’ athair bus far tìr mòr agus bha, bha mi...bha mi ga sguabadh a-mach no rudeigin, chunnaic mi am botal a bha seo shuas air an rack os cionn nan seataichean ann an cùl a’ bhus, botal agus bha, bha na rudan neònach a bha…stuthan neònach air choreigin, stuth na bhroinn cha robh mise air fhaicinn riamh, riamh nam bheatha, bha...bha uisge is cnapan air choreigin ann is dh’fhaighnich mi dha m’ athair dè an t-saoghail mhòir a tha seo? Thuirt esan tha coltach le na biastan a bhiodh aca a’ dèanamh ‘Leann nam Biast’. Agus chan eil fhios a’m an robh sian aige ri dhèanamh, rud a tha anns an teaghlach obair nan grùdairean a tha sineach, thug mise dhachaigh e is fhuair mi a-mach o dhaoine ciamar a bhiodh iad a’ dèanamh ‘Leann nam Biast’, a’ cur siùcar is trèicil na siorap ann is ga bhiathadh is ga…son na biastan a tha sin tha iad sìos is suas. Agus…bha…aidh…’s e deoch laghach a bh’ ann, cha robh e làidir mar sin, ged a…bhiodh e…ghabhadh e dèanamh làidir tha mi cinnteach, ach ’s e deoch a bh’ ann a…dh’fhaodadh duine sam bith a ghabhail tha mi cinnteach.

EC―02:29: Am biodh tu…agus aig a...aig a’ ghnothach Ceòlas bha thu a’ toirt blas dhaibh ’s dòcha den, den leann cuideachd, an robh?

TM―02:35: O aidh, nuair, nuair a thàinig rud Ceòlas mun cuairt, aidh, fhuair, fhuair Ceòlas…fhuair iad lorg air feadhainn a bha a’ reic na...nam biastan ’s, aidh, rinn sinn, rinn sinn batch dheth airson an, airson an symposium a bh’ aca.

EC―02:56: Agus an ann a thaobh deoch a bha e, an symposium? An robh e uileadh mu dheidhinn deoch ann an Uibhist is…no, no an e dìreach aon chuspair a bh’ ann am measg rudan eile, mar gum biodh, an robh?

TM―03:06: Uill, a dh’innse na fìrinne chan eil, chan eil cuimhn’ a’m dè…bha, aidh, ’s dòcha gun e mu dheidhinn biadh is…

EC―03:15: …gun e, gun e biadh agus deoch a bh’ ann tha mi a’ smaoineachadh, agus sin agad e, biadh, biadh, ceart, ceart.

TM―03:23: Ach tha eagal orm gun do chaill mi na biastan. A-rithist, cha robh mi a’ coimhead às an deaghaidh, mar a, mar a bha…aidh, feumaidh tu a bhith a’ coimhead às an deaghaidh agus gam biadhadh is ga...bidh iad a’ liasgradh so, agus faodaidh daoine an toirt seachad, ach tha…aidh…feumaidh iad, feumaidh iad a bhith a’ coimhead às an deaghaidh fad an t-siubhail airson an cumail a’ dol. Agus tha…tha tòrr…a’ chuid mhòr de na daoine mun aois againn bidh cuimhn’ aca air ‘Leann nam Biast’, ach tha…an fheadhainn òga cha bhi…

EC―04:02: Cha bhi for aca air, dìreach a bhith, a bhith ag òl ann an…ag òl...dìreach ag òl as an taigh-sheinnse, tha mi a’ creidsinn an sineach. Agus a bharrachd air eachdraidh agus gach rud eile a tha sibh an sàs ann, tha sibh cuideachd an sàs ann an ceòl, nach eil, agus, agus na h-ealain Ghàidhlig, le...le Fèis Tìr a’ Mhurain agus…

TM―04:23: Tha mi cinnteach…tha mi air a bhith an sàs ann an Fèis Tìr a’ Mhurain ann an, ann an ìre air choreigin o…direach o thòisich e an toiseach, bha e uair na…an toiseach bhithinn a’ dèanamh beagan teagaisg aig na, na fèisean, agus an uair sin cuideachadh air a, air a’ chomataidh. Tha mi air a bhith, aidh, tha mi air a’ chomataidh airson bliadhnaichean is…tha an fhèis, tha mi a’ smaointinn, deich air fhichead bliadhna am bliadhna seo. So, ’s e…agus…no, tha e dìreach…tha e dìreach…innteachail mar a tha gnothaichean air tighinn air aghaidh on a’ chiad bliadhnaichean a bha sin, cha robh...cha robh mòran ionnstramaidean a’ dol, cha robh, cha robh mòran aig daoine sna taighean an uair sin a dhèanadh, a dhèanadh ceòl, ach an-diugh tha e dìreach tha...tha e doirbh a chreidsinn na th’ ann eadar bocsaichean is fìdhle is meur-chlàr agus tha an cothrom aig a h-uile duine.

EC―05:34: Ciamar a thòisich Fèis Tìr a’ Mhurain an toiseach, cò, cò bha...cò bha air a’ chùlaibh mar gum biodh?

TM―05:42: Eh, Uill, thàinig e…tha mi den bheachd gun do lean iad Fèis Bharraigh, a’ chiad, a’ chiad Fhèis a thòisich, agus cuideachd aig, aig an àm sin bha…dè bha a’ tachairt…, bha na, bha na sgoiltean is a’ Ghàidhlig….

EC―06:03: Oh, an e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ tòiseachadh?

TM―06:07: Bha…so, bha, bha a h-uile sian a bha sin a’ tighinn...a’ tighinn còmhla, so ’s e…bha sagairt, Maighstir MacCuithein, agus bhiodh Màiri ‘Bh’ is bha na…’s e na boireannaich as Na Meadhanan an seo ’s iad a bha, bha ga ruith tha mi cinnteach, na... ’s e na boireannaich a tha air a’ chùlaibh fhathast, air a h-uile comataidh is…aidh.

EC―06:39: Is saoil dè a’ bhuaidh a bh’ aig an fhèis air, air a’ choimhearsnachd, an d’fhuair clann tòrr misneachd ’s dòcha le bhith a’ cluiche is gan cur iad fhèin air beulaibh dhaoine eile, is dè…?

TM―06:51: Oh, aidh, chanainn…oh aidh tha obair na fèis…tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e air diofar…tha e air diofar mòr a dhèanamh is tha e air, tha e air…tha, bha mise aig aon àm a’ smaointinn ’s dòcha gun robh an ceòl trad...tradiseanta againn a’ dol, a’ dol a dhol à bith buileach glan, o chionn ’s tha…bha mi, bha mi a’ smaointinn nach robh ùidh aig an fheadhainn òg, ach nuair a fhuair iad, nuair a fhuair iad an cothrom, tha…tha...bha iad uileadh gu math measail air, agus tha gu leòr…tha gu leòr a-niste bha…a thòisich a’ dol chun an fhèis is a thòisich air obair-ciùil a tha, a tha ga dhèanamh aig ìre proifeasanta a-nist, agus tha à-san a-nist nan eiseimpleir airson daoine òga an-dràsta agus tha an gnothach….uill, tha mi an dòchas gu bheil an gnothach a’ dol o neart gu neart.

EC―07:55: Is ciamar a tha am fèis ag atharrachadh, a bheil rudan ùra a’ tighinn am bàrr ’s dòcha air…dòcha cuspairean ùra is rudan ùra a thathar a’ teagasg an sin airson…airson clann a chumail mar gum biodh, a bheil…a bheil, a bheil sibh a’ lorg rudan ùra fad an t-siubhail airson, you know, ’s dòcha sgilean ùra is…?

TM―08:17: Bithidh, bidh sinn a’ feuchainn gun teagamh rudan ùra a thoirt suas, ach tha…mar a tha Fèis Tìr a’ Mhurain tha e, tha e uileadh tro…a’ teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, tha is na…na…na cuspairean as cudromaiche ri dhèanamh leis a’ Ghàidhlig, a’ seinn, so tha…can na h-ealain is cuideachd obair-pìobaireachd, tha Uibhist a-riamh air a bhith ainmeil airson pìobairean, so bidh pìob is feadan is dannsa, agus cuideachd tha an fhìdheall is am bocsa-ciùil agus am meur-chlàr, is uaireannan ag obair le…feuchainn le obair a dhèanamh le bhidios is obair…

EC―09:17: airson sgilean eile a thoirt dhaibh son...

TM―09:21: Obair teicneòlas.

EC―09:22: Na meadhanan mar gum biodh, agus obair nam meadhanan, is uill tha sin fhèin gu math, gu math tarraingeach nach eil do dhaoine òga, gu bheil cothroman…tha e a’ sealltainn gu bheil cothroman-obrach dhaibh.

TM―09:33: Aidh tha, aidh.

EC―09:35: Agus a bheil e doirbh daoine a lorg, luchd-teagaisg, a bheil...a bheil sibh a’ cleachdadh na h-aon daoine gach bliadhna, no a bheil, a bheil sibh…a bheil feadhainn ùr, no a bheil…bidh iad gu math trang tha mi cinnteach, an fheadhainn, an fheadhainn a tha an sàs sa cheòl.

TM―09:48: An toiseach nuair a thòisich sinn, bha e doirbh daoine fhaighinn a thigeadh aca air teagasg tro mheadhan na Gàidhlig, agus sna chiad bhliadhnaichean daonnan ’s e…tha…mar as trice an sgoil is oileanaich a bha…nach robh ag obair fad an t-samhraidh a bhiodh a, a bhiodh a’ tighinn, ach a-niste tha e a’ fàs caran nas fhasa, tha barrachd a’...

EC―10:22: Son ’s gu bheil feadhainn a bha aig, feadhainn a bha aig an fhèis iad fhèin an toiseach, agus tha iad, tha iad...tha iad a-niste a’ teagasg.

TM―10:27: Tha, tha sin agad e, aidh, tha iad…tha, aidh tha tòrr a bha na…a’ tighinn chun na fèisean tha iad a-niste a’ teagasg iad, iad fhèin. Tha an gnothach, tha an gnoithach cus nas fheàrr as an dòigh sin gun teagamh, aidh. Uaireannan…uaireannan, bidh sinn a’ strì airson ’s dòcha cuideigin fhaighinn a nì…tha…cuspairean àraid ann an Gàidhlig, ach mar as trice thig againn air cuideigin fhaighinn, aidh, ’s dòcha gnothaichean mar clàrsach is drumaichean is...

EC―11:07: Uill, chan eil na h-uiread ’s dòcha le Gàidhlig sna rudan, sna gnothaichean sineach, ach seo nist. Agus a bharrachd air seachdain samhraidh, a bheil sibh cuideachd a’ cumail gnothaichean fad na bliadhna, a bheil rudan a’ dol ’s dòcha fad a’ gheamhraidh cuideachd, clasaichean sam bith is…?

TM―11:23: Bithidh, bidh sinn a’ feuchainn le clasaichean a dhèanamh air…tron gheamhradh, bidh ’s dòcha seinn is…tha…tha…na…tha feadhainn a, tha feadhainn  a’ dèanamh clasaichean a-nist co-dhiù, mar a tha…feadan is pìob, is feadhainn a’ teagasg fìdheall is tha, tha na sgoiltean cuideachd a’ cur air, a’ cur air aghaidh clasaichean-oidhche fad a’ gheamhraidh, tha e, tha e a’ toirt beagan dhan, tha e a’ toirt beagan dhan uallach far na…far na fèise, agus och tha, tha suidheachadh a’ chiùil is a’ chultair tha e gu math nas fallaine a-nist, ’eil fhios agad, so tha mi an dòchas gun tig a’ Ghàidhlig fhèin air n-aghaidh as an…as an aon dòigh.

EC―12:32: A bheil thu dòchasach gum bi a’ Ghàidhlig air a bruidhinn an seo as an ùine a tha romhainn, a bheil, a bheil...a bheil thu a’ faireachdainn?

TM―12:38: O, aidh tha mi, tha mi an dòchas, aidh, tha, tha iad a’ ràdh gur h-e seo fear de na prìomh àiteachan far, far as làidire a bheil a’ Ghàidhlig, ach a rèir na surveys tha sinn dìreach…’s e…aon thar a leth-cheud sa cheud a tha a’ bruidhinn na Gàidhlig, is tha, tha sinn dìreach mar gum biodh leth air gach taobh, so, eadar Gàidhlig…is Gàdihlig…is Beurla, so, tha mi, tha mi a’ smaointinn gun e…tha daoine…bidh daoine a’ tighinn gu ìre, chan eil daoine a’ toirt fainear an luach aige, dè th’ aca, gu bheil...gu bheil iad ann an cunnart a chall, so tha mi a’ smaointinn gu bheil daoine a-nist’ a’ tòiseachadh air toirt sin fainear. Tha, tha daoine aig…barrachd is barrachd a-nist a’ cur, a’ cur a’ chlann aca dhan, dhan sgoil Ghàidhlig, dha na clasaichean Gàidhlig, so tha sin…’s e deagh rud a tha sin cuideachd.

EC―13:53: Tha fhios gun e, aidh. Saoil am b’ urrainn am barrachd a dhèanamh airson ceanglaichean eadar sgoiltean agus do leithid fhèin, daoine le fiosrachadh is sgilean agus comasan, am b’ urrainn rudeigin eile a dhèanamh airson, son ’s gum biodh daoine a’ dol a-staigh gu na sgoiltean, no gum biodh clann a’ dol a-mach air cruit son, son latha bho àm gu àm, a bheil...a bheil rudan…son cleachdaidhean a bhrosnachadh am measg an fheadhainn…rudan mar sin?

TM―14:14: Aidh, tha mi a’ smaointinn gu bheil, tha beagan dhe sin a’ tachairt gun teagamh, is tha, tha...tha mise air a bhith, tha mi ann...air a bhith ann na sgoiltean turas no dhà, is tha, is tha fhios a’m gu bheil clann a’ dol a-mach ’s a…bha…tha mi a’ smaointinn gun robh Lìonacleit, nach robh, nach robh à-san a’ dèanamh…an sàs ann an obair chruite nach robh, airson…?

EC―14:41: Tha cuimhn’ a’m gun robh, tha cuimhn’ a’m gun robh gu dearbh.

TM―14:44: Chan eil fhios a’m a-nist an robh iad, an robh, an robh iad a’ toirt a-staigh a’ Ghàidhlig is, is a’ chànan an sin gun teagamh, ach…tha...tha mise…’s e deagh rud a bhiodh an sin cuideachd.

EC―14:54: ’S e, a’ dèanamh, a’ dèanamh ceangal eadar, eadar leasan agus uill, uill…ginealach eile, mar gum biodh agus...

TM―15:04: Sin agad e, aidh, aidh. Tha mi a’ smaointinn gu bheil clann air a bhith a’ dol a-staigh dhan a…dachaigh nan seann daoine, so…a’ dèanamh beagan spòrs còmhla leotha agus a’ bruidhinn leotha, is tha...

EC―15:20: Agus nì sin feum dhan dà chuid, nach dèan, sin an rud?

TM―15:22: A’ còrdadh leis an dà chuid, aidh, tha, aidh.

EC―15:24: Nist ann a sheo tha sibh car, car as a’ mheadhan, nach eil, so cà’ am bi a’ chlann a’ dol dhan sgoil, dhan bhun-sgoil, am bi iad a’ dol a Dhalabrog no dhan Ìochdar no…?

TM―15:37: A’ chlann às a…?

EC―15:38: Às a’ bhaile seo.

TM―15:39: O aidh às a’ bhaile…tha iad a’ dol dhan Ìochdar, tha, aidh is tha…tha mi, tha a’ smaointinn gu bheil sinn air an iomall an seo, tha…aidh, tuath air an seo agus tuath air an seo uileadh a’ dol gu tuath, is deas air an seo tha iad a’ dol…

EC―15:58: Tha sibh dìreach car as a’ mheadhan, tha sibh air na crìochan eadar, eadar an dà sgìre-sgoile mar gum biodh.

TM―16:03: Aidh, aidh, ach chan, chan eil uiread de dh’fheadhainn òga ann, an taca ri mar a bha, mar a bha nuair…nuair, nuair a bha mise na b’ òige co-dhiù, bha cus a bharrachd de dhaoine òga mun cuairt.

EC―16:24: A bheil thu a’ faicinn gu bheil tòrr daoine a’ tighinn a-staigh an seo a dh’fhuireach, a bheil…gu bheil tòrr choigrich a’ tighinn a-staigh, no feadhainn co-dhiù bho, bho àiteachan eile a’ deanamh beatha ann a sheo?

TM―16:34: Tha, an t-uabhas, tha aidh, tha, agus tha mi cinnteach gun e, ’s e…gnothach eile a tha sin tha buaidh aige air obair na Gàidhlig, tha…tha beagan, beagan dhiubh a tha a’ gabhail ùidh is a’ dèanamh oidhirp air a’ chànan ionnsachadh agus measgachadh leis an t-sluagh an seo co-dhiù, ach tha, tha feadhainn eile chan eil, cha chreid mi gu bheil ùidh sam bith aca air, bidh, bidh, bidh mi uaireannan a’ smaointinn dhomh fhìn an e, an e dìreach leisg a th’ ann, no cia’ nach eil an sgoinn aca a’ chànan ionnsachadh, chan eil fhios a’m, no chan eil for acasan.

EC―17:24: Dè b’ urrainn dhuinn a dhèanamh ’s dòcha son inbhich a bhiodh, a bhiodh ag iarraidh ionnsachadh na Gàidhlig, a bheil, a bheil...a bheil beachd agad air, air dè...dè an taic a bheireamaid dhaibh ’s dòcha, a thaobh clasaichean no cur seachad ùine còmhla ri cuideigin mar gum biodh?

TM―17:43: Uill, chan eil. Chan eil, chan eil fhios a’m airson daoine…tha…

EC―17:49: ’S dòcha daoine aig a bheil mòran ùine aca mar gum biodh, is ciamar a b’ urrainn dhut cuideachadh airson...dhaibh nam biodh iad ag iarraidh, ag iarraidh ionnsachadh?

TM―17:57: Aidh, ’s e, uill ’s e rud doirbh a tha sin, bidh barrachd, bidh barrachd tuairmse agad, agad fhèin leis an teagasg, teagasg Gàidhlig is dè...dè ghabhadh dèanamh, chan eil e…chan eil e, chan eil e furasta.

EC―18:17: Chan eil. Chan eil ùine aig daoine uaireannan son a bhith a’ cur seachad tòrr ùine air ionnsachadh, you know, le obair is teaghlach no rud eile.

TM―18:26: Aidh, ach tha, tha e iongantach ma chleachdas tu Gàidhlig, beagan Gàidhlig le daoine a tha thu a’ dèiligeadh leis, nuair a bhios mise ag obair sa gharaids uaireanann air cur emails gu cuideigin ’s dòcha gun cuir mi ‘feasgar math’ no ‘madainn mhath’ is ‘le gach dùrachdan’ às a dheaghaidh, agus bidh feadhainn…feadhainn aig nach eil Gàidhlig…feadhainn ach caran air an glacadh leis an seo agus bidh iad, bidh iad a’ coimhead suas Google Translate is tha…gheibh mi freagairt is bidh i dìreach…bidh tòrr Gàidhlig ann ’s dòcha is caran air a sgrìobhadh gu math neònach ach…

EC―19:18: Ach tha iad a’ feuchainn co-dhiù, tha iad a’ dèanamh an dìcheall.

TM―19:21: Tha, aidh, aidh, bha, agus bha aon bhoireannach aig am biodh sinn…aig companaidh aig am biodh sinn a’ ceannach filters, anns an oil filters mar sin as a...as a’ gharaids, ’s e Currie a bh’ aice agus tha…dh’fhaighnich mi ann an, ann an aon phost-dealain an robh, an robh fios aice gur h-ann às an seo a thàinig na Clann ’icMhuirich, agus thòisich còmhradh mòr eadar sinn às a dheaghaidh sin so, thòisich i an uair sin air a…thòisich i sgrìobhadh ann an Gàidhlig, tha…’s ann a...’s ann a’ cleachdadh Google a bha i gun teagamh, ach, ach aig deireadh gnothaich tha…’eil fhios agad, bha i, bha i airson tighinn is an t-àite fhaicinn, is tha e dìreach a’ sealltainn gu bheil ùidh aig, aig an t-uabhas as a’…as a’ Ghàidhlig, ma, ma gheibh iad beagan brosnachadh, aidh, agus tha, tha cuideachd, tha feadhainn eile de…a’ tòiseachadh air an aon rud, tha iad…bidh mi a’ faighinn post-dealain air am bi, bidh ‘madainn mhath’ air no ‘feasgar math’ no, no rudeigin, daoine nach eil Gàidhlig idir aca ach tha iad dìreach, tha iad dìreach airson a...

EC―20:52: Blas, blas dheth a’ sealltainn…a’ sealltainn gu bheil iad a’ cur sùim as a...as a’ chànan is as a’ chultar. A bheil barrachd a b’ urrainn dhuinn a dhèanamh airson luchd-turais a thàladh an seo, no rudan a dhèanamh dhaibh nuair a thig iad ’s dòcha, bheil…saoil a bheil gu leòr ann airson an cumail a’ dol air latha fliuch no rudeigin mar sineach? A bheil, a bheil sinn a’ dèanamh gu leòr airson an toirt an seo agus an cumail?

TM―21:23: Tha, tha ùidh mhòr aig a’ chuid as motha a tha a’ tighinn an seo as a...as a’ chultar, is tha fios gu bheil…gu bheil am barrachd ’s dòcha a ghabhadh dèanamh a thaobh…a thaobh ’s dòcha cèilidhean, is rudan mar sin a’ dol air na h-oidhcheannan.

EC―21:43: Tha iad ag iarraidh blas nach eil den àite is na daoine is, is sineach, is cinnteach gu bheil.

TM―21:49: Agus aidh, tha…sin an, sin an dòigh anns a bheil…tha mi ga fhaicinn a chothrom gnothaichean a shealltainn do dhaoine air…obair air…ag obair còmhla ri luchd, luchd-turais, tha tòrr de na buidhnean a tha sin a’ tighinn a-nist, is chan eil dòcha fear-iùil aca às an...às an àite agus chan eil iad…’s e glè bheag a tha iad a...a tha iad ag ionnsachadh…tha iad a’ dol tro na, tro na h-eileanan ach chan eil iad a’ faighinn sian a-mach mun chultair.

EC―22:33: Agus a bharrachd air a bhith a’ cur air dòigh iomadach rud thu fhèin, a bheil thu a’ cluiche inneal-ciùil sam bith, a bheil thu a’ cluiche a’ bhocsa no a bheil thu a’ seinn no rud sam bith mar sin?

TM―22:43: Uill, bidh mi, bidh mi ag obair air a’ bhocsa gun teagamh, is bidh mi, bidh a’ dol chun a’ bhuidhinn, buidheann-bocsa Beinn na Faoghla fad a’…fad a’ gheamhraidh is aidh, bidh, chan eil...

EC―22:56: Am bi tòrr a’ dol ann, bheil…?

TM―22:57: Bithidh, aidh, tha...tha deannan math de luchd-ciùil agus bidh feadhainn eile a’ dol ann dìreach a dh’èisteachd is tha…tha, tha deannan math a’ dol ann a h-uile…’s ann a h-uile, a h-uile cola-deug a tha e fad a’ gheamhraidh, na mìosan geamhraidh, so tha, tha sin a’ dèanamh feum, bheir e, bheir e air daoine cumail ann a...ann am practice.

EC―23:32: Bheir e a-mach às an taigh cuideachd air oidhche dhorcha cuideachd, togaidh e a-mach daoine.

TM―23:38: Aidh, aidh agus faodaidh daoine sam bith a dhol ann mar…bidh feadhain ann is uaireannan a’ seinn, a’ gabhail òrain is feadhainn eile ’s dòcha a’ gabhail port air a’ phìob no…a bharrachd air, a bharrachd air bocsa is fìdheall, is tha…rud a tha laghach mu dheidhinn a-nist tha buidheann tha iad a…buidheann de dh’fheadhainn òga a’ dol ann, tha...tha e dìreach math measgachadh fhaicinn de sheann daoine agus de daoine òga agus tha a h-uile duine ag ionnsachadh bho chèile.

EC―24:10: Bha sin, bha sin ’s dòcha…caran…nuair a bhu thu fhèin nad, nad ghille òg, an robh barrachd, mar gum biodh, conaltraidh eadar na diofar ghinealachan mar gum biodh, an robh, an robh daoine còmhladh aig can…can aig tachartas sòisealta, am biodh, am biodh a h-uile duine còmhladh aig ceilidh, no…?

TM―24:27: Oh, bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh. Bhiodh dìreach…bhitheadh, bhiodh a h-uile duine anns a’ choimhearsnachd, yeah, a-mach aig…sean is òg, is bha, bha a h-uile duine tha…a’ measgachadh gu math na...gu math nas fheàrr tha mi cinnteach, aidh.

EC―24:43: Agus an robh e cumanta daoine a bhith, a bhith a’ cèilidh air a chèile, a’ dol mun cuairt nan taighean, an robh, an robh sin cumanta is tu fhèin nad ghille òg, no an robh, an robh e a’ dol a-mach à bith rud beag aig an àm sin?

TM―24:55: Tha mi…dìreach gun robh e…bha e a’ tòiseachadh air, tòiseachadh air a dhol a-mach à bith. Tha mi dìreach…o chionn ’s gun robh, gun robh bùth aig, aig m’ athair, so bhiodh daoine ’s dòcha na bu buailtiche feadhainn a bhios a’ tighinn air astar, ’s dòcha gun tigeadh iad a-staigh airson cupa tì, agus, aidh, bhiodh sinn a’ faicinn…aidh, bhiodh sinn a’ dèanamh cèilidh bheag nuair a bha iad a’ tighinn an rathaid is bha....

EC―25:21: Agus an robh, an robh taighean sam bith ann mar gum biodh aithnichte mar thaighean-cèilidh, an robh…far am biodh daoine a’ dol gu math tric airson stòiridhean no ceòl no ròlaistean no…?

TM―25:34: Oh tha, tha mi a’ smaointinn gun robh sin air a dhol à bith nuair a bha, nuair…nuair a bha mise beag as an...as an àite seo gu…uill, bha, bha, bha aon taigh ann gun teagamh tha mi cinnteach, tha...chan eil fhios a’m an cuala tu a-riamh air Iseabail Mhuileig, bha…aidh, bhiodh, bhiodh feadhainn òga is…aidh, feadhainn nach robh cho òg a’ dol a chèilidh air Iseabail o chionn ’s bha i làn ploys, bha sgeulachdan aice, is bha cuideachd bha, bha an dà-shealladh aice, is dh’innseadh i gnothaichean do dhaoine a bha a’ dol a thachairt.

EC―26:21: Nuair a bha thu fhèin òg, an robh tòrr stòiridhean a’ dol mun cuairt mu dheidhinn an leithid sin, rudan os-nàdarra, mu dheidhinn an dà shealladh iss manaidhean is taibhsean is an sluagh is…an robh sin mar gum biodh as an dualchas agaibh?

TM―26:34: Oh, bha gu mòr tha mi cinnteach, bha, bha tòrr stòiridhean mar sin ann aidh, aidh…tha cuimhn’ a’m nuair a bha mi san sgoil, bha againn le sgeulachdan mu rudeigin is bha…tha, tha cuimhn’ a’m air sgrìobhadh sgeulachd mu dheidhinn dreugain is gnothaichean mar sin, tha, tha. Oh, tha, tha…tha, bhiodh tòrr de na sgeulachdan a bha sineach gun teagamh. Tha màthair na bean agam, bha bràthair dhith bha e na gheamair, is e Eairdsidh a bh’ air, agus bha esan aon oidhche, aon oidhche Sàbaid chaidh e choimhead air…chaidh e air chèilidh air taigh ann an, ann an Tobha Beag agus ’s e, ’s e èiltear a bh’ ann, ’s ann as an Eaglais Chlèireach ’s e…aidh, Eaglais na h-Alba, agus chaidh e a-staigh dhan taigh-tughaidh a bha seo agus tha…mun deach e a-staigh dhan rùm far an robh daoine, rinn e a-mach gun robh iad a’ cluiche chairtean agus cha robh esan, dh’fhaodte nach robh e cofhurtail leis an seo agus cha robh e airson a dhol a-staigh, bha e caran an aghaidh na gnothaichean a bha esan a’ creidsinn ann, agus cha do rinn e ach tionndadh agus gabhail a-mach air ais, ach bha oillsgean air, agus, ’eil fhios ’ad, am fuaim a nì oillsgean a’ suathadh ann an rud eile, dh’fhairich na daoine a bha san taigh, dh’fhairich iad am fuaim a bha seo is dh’fhalbh iad is choimhead iad is cha robh, cha robh sian ri fhaicinn, is ghabh a h-uile duine aca eagal is chaidh iad uileadh dhachaigh. ’S e stòiridh a bha sin am bòcan nach robh idir ann, ach tha, tha cuimhn’ a’m air bruidhinn mu dheidhinn nàbaidh dhith bha…bhiodh e…bha e san aon taigh a’ cluiche chairtean aon oidhche, agus nuair a bha e a’ dèanamh a rathad air ais dhachaigh a-null tarsainn eadar Tobha Beag is Tobha Mòr bha am balla a bha seo ma, ma choinneamh, is chan fhaigheadh e, chan fhaigheadh e seachad air a’ bhalla is cha robh e gu diofar cò an taobh a dh’fheuchadh e, bha am balla a bha seo a’ nochdadh air a bheulaibh, agus mu dheireadh b’ fheudar dha, b’ fheudar dha tilleadh is coiseachd a-mach rathad Thobha Big is a-nuas an rathad mòr agus a-staigh rathad Thobha airson faighinn dhachaigh. Agus tha, tha cuimhn’ a’m faicinn na daoine sin nuair a bha mi beag agus na, na daoine mu dheireadh air thalamh a dh’innseadh stòiridh a bheireadh aire sam bith dhaibh, tha...chan urrainn dhut gun a ghabhail ach dìreach gur h-e...gur h-e an fhìrinn a bh’ aca. So, aidh, bha na sgeulachdan beaga a bha sin, is daoine aig an robh…aig an robh an droch shùil is tha…ag obair le snàithleanan is gnothaichean mar sin. Bha, bha na…bha tòrr dha na sgeulachdan a bha sin ann gun teagamh, agus bhiodh e, bhiodh e glè mhath tòiseachadh air an cruinneachadh a-rithist gun teagamh, mun tig iad a-mach à cuimhne buileach glan.

EC―30:26: Seadh, agus a thaobh, a thaobh creideimh, an robh, an robh àite mòr aig creideamh anns a’ choimhearsnachd is tu a’ fàs suas, aig na...aig na, aig na ministearan is na sagairtean is sineach, an e, an e daoine cudromach a bh’ annta sa choimhearsnachd is…?

TM―30:42: Tha mi cinnteach gur h-e, ministear is an sagairt is na…am maighstir-sgoile, is tha…’s e à-san, tha, à-san na, na daoine mòra a bha sa choimhearsnachd, so bha, bha, bha na ministearan san eaglais…tighinn dhan sgoil an seo, cha bhiodh ann ach ’s dòcha mu leth-dusan ann a bh’ ann dhan, dhan chreideamh agamsa, so nuair a thigeadh àm gu bhith a’ teagasg obair-creideimh bha, bha sinne air ar cur ann an rùm dhuinn fhìn is tha…cha, cha robh an rud…bha thu a’ gabhail ris, cha robh aimhreit no sian sam bith eadar duine sam bith a-riamh, a-riamh, a-riamh, a h-uile duine a’ gabhail ri chèile. Cha robh, cha robh ach dìreach gun robh thu a’ tuigsinn gun robh daoine eile ann a bha creideimh diofraichte agus bha thu dìreach a’ gabhail ris is bha, bha a h-uile duine cho…faighinn air aghaidh cho, cho math ’s a ghabhadh, ’eil fhios ’ad. Cinnteach gum biodh e, bhiodh e an aon rud anns a’…shìos agaibhse.

EC―31:52: Gun teagamh, gu dearbha fhèin e, gu dearbha fhèin e bha, sinn uileadh còmhla a’ dol, a’ dol air a’ bhus dhan eaglais còmhla, an dà, an dà eaglais a h-uile Didòmhnaich is…

TM―32:01: Bhiodh, aidh, bhiodh, aidh.

Clilstore Language Sciences InstituteSabhal Mòr OstaigSoillseIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7854