Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Agnes Rennie (Eachdraidh is Obair)

Mise Agnes Rennie, agus ’s mi an-dràsta cathraiche a’ bhùird air, uh, air an urras. Tha mi a’ fuireach ann am baile Ghabhsainn, agus tha sin ann an teis-mheadhan sgìre Urras Oighreachd Ghabhsainn.

Thòisich an t-urras – thòisich obair an urrais, tha mi a’ creidsinn gum bu chòir dhomh a ràdh – bho chionn timcheall air seachd bliadhna, fiù ’s faisg air ochd bliadhna a-nis, uh, a thòisich a’ chiad còmhradh. Agus, uh, a-mach às an sin chaidh buidheann stiùiridh a chur air chois, agus rinn am buidheann sin, rinn iad obair mhòr ann a bhith, uh, a’ rannsachadh a-mach dè na cothroman a bhiodh an-lùib, tha, uh, urras a chruthachadh, agus, uh, am fearann a bhith air a cheannach leis a’ choimhearsnachd. Agus an uair sin ann an 2005 chaidh an t-urras a stèidheachadh mar urras. Agus ’s ann an uair sin eadar 2005 agus 2007 ’s ann a chaidh an fhìor obair a dhèanamh an uair sin airson ceannach an oighreachd. Agus san Fhaoilleach 2007 chaidh am fearann a cheannach airson a’ choimhearsnachd.

’S ann gu saor-thoileach, ’s ann a tha a h-uile duine a th’ air a bhith an sàs ann an obair, uh, an urrais, air a bhith, air a bhith an sàs bho thòisich e. Tha, um – bha na bha an sàs sa bhuidheann stiùiridh an toiseach, agus fhuair sinn cuideachadh tron chrannchur nàiseanta le, le oifigeach leasachaidh. Agus bha sin gu math feumail airson, airson, uh, spealag, agus chuidich sin an fheadhainn a bha an sàs sa bhuidheann stiùiridh le bhith dìreach a’ dèanamh an obair bho latha gu latha, a bheil fhios agad, a bhith a’ toirt an obair cruthachaidh a bha sin air adhart. Uh, bha sinn treis an uair sin gun duine, uh, ag obair againn, ach dìreach an obair a bha sinn fhìn a’ dèanamh gu saor-thoileach, agus, uh, bho chaidh, bho chaidh an oighreachd a cheannach gu h-oifigeil ann an 2007 tha, uh, tha an oighreachd air a bhith air a ruith le bòrd a tha gu lèir saor-thoileach. Nise, a thuilleadh air a’ bhòrd, uh, tha, tha feadhainn againn ag obair ach chan eil manaidsear againn, agus mar sin dheth, ’s e am bòrd stiùiridh a tha air a bhith an urra gu tur ri stiùireadh, uh, obair an urrais bho latha gu latha.

Tha dithis làn-ùine. Tha aon tè pàirt-ùine a tha ag obair air obair rianachd, agus tha dithis eile pàirt-ùine a tha ag obair, uh, an lùib, tha, pròiseact a th’ againn, uh, a th’ air a mhaoineachadh leis a’ chomhairle, agus tha iad sin an urra ri, ri, uh, tha, bhith a’ cumail sgudal ann an òrdugh, agus tha iadsan an urra ri, tha, ionad ath-chuairteachaidh a th’ againn, uh – a tha sinn a’ dèanamh, um, tha sinn a’ dèanamh dhan chomhairle, agus, mar sin dheth, ’s e, ’s e obair fheumail a th’ ann dhan sgìre, agus tha e a’ ciallachadh gu bheil sin dithis eile – a th’ ann an obair.

Tha sinn an sàs ann an tòrr diofar seòrsachan de dh’obair, agus tha, tha sinn, uh, an-dràsta, tha mi a’ creidsinn, gur e na rudan as motha sa bheil sinn an sàs bho latha gu latha, uh, gur e, an, an t-ionad, uh, ath-chuairteachaidh man a dh’ainmich mi. Uh, tha cuideachd, uh, tè dhan fheadhainn a tha ag obair làn-thìde againn, ’s e, ’s e ranger – uh, tè a tha ag obair an-lùib an àrainneachd, agus tha an obair sin air a bhith uabhasach feumail. Um, tha i gach cuid ag obair còmhla ri croitearan, còmhla ri clann-sgoile, agus còmhla ri luchd-turais, agus tha sin air a bhith, air a bhith dha-rìreabh feumail airson bha i mar-thà ag obair còmhla ri, còmhla ri, tha, buidheann a bha an sàs san t-seòrsa obair seo air Tir Mòr. Thug i leatha na sgilean sin uair a thàinig i a dh’obair dhan, dhan an urras.

Tha, tha oifigear eile againn a tha pàirt – tro, um, iomairt an riaghaltais airson a bhith a’ lughdachadh carbon. Agus, tha, uh, tha i sin an sàs ann an dhà no trì phròiseactan gu math inntinneach – an toiseach, uh, fair, mar, mar an ranger againn, a’ dèanamh tòrr obair an-lùib na sgoiltean. Sin uabhasach feumail, tha sinn a’ faireachdainn. Ach tha i cuideachd air a bhith an sàs ann an obair, um, a’ cruthachadh margaidean, agus tha na margaidean sin airson, tha, gum – àite a thoirt gu muinntir na sgìre a tha a’ fàs lusan is measan, uh, agus, uh, tha sin a’ dol air adhart tron an fhoghar ’s tron gheamhraidh man a tha stuth ann airson a reic. Bha sin uabhasach math an uiridh agus, tha, tha program eile dhan sin gu bhith ann am bliadhna. ’S bha a’ chiad tè ann an t-seachdain a chaidh, agus chaidh i math dha-rìreabh. Tha feum air an stuth, tha daoine ann a tha ag iarraidh stuth fhàs, agus tha sinn a’ faicinn gu bheil sin gu math mòr a’ ceangal a-steach leis an t-seòrsa obair a tha Kirsty air a bhith na dhèanamh.

Agus tha rùnaire againn cuideachd, a tha ag obair gu math mòr, uh, bho thaobh a bhith, bhith a’ rianachd obair croitearachd. Nise, ’s e sin, faodaidh tu ràdh na prìomh rudan a tha a’ dol air adhart bho latha gu latha.

Clilstore Guthan nan EileanOighreachd GhabhsainnAgnes Rennie (planaichean)

Short url:   https://clilstore.eu/cs/765