Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Dunnchadh MacDhòmhnaill agus Dòmhnall MacÌosaig

Dunnchadh: ’S mise Dunnchadh MacDhòmhnaill. Tha mi a’ fuireach ann am Beinn na Faoghla, Caolas Fhloddaigh. Tha mi a’ dèanamh Maths, Gàidhlig, Beurla, eh, PE, RE, eh Craft agus Boatbuilding.

Dòmhnall: ’S mise Dòmhnall MacÌosaig agus tha mi a’ fuireach ann an Loch Aineort ann an Uibhist a Deas. Tha mi a’ dèanadh Teicneòlas agus tha mi a’ dèanadh Gàidhlig, agus tha mi a’ dèanadh Chemistry, Beurla, agus Mathematics.

Dunnchadh: Agus, eh, bidh sinn a’ faighinn am bus a-null. Còrdadh rium gu mòr. Tha an t-uabhas dhao- daoine ann.

Dòmhnall: Tha sinn air a bhith air a’ chùrsa seo airson dà bhliadhna. ’S e seo a’ bhliadhna mu dheireadh againn air a’ chùrsa.

Dunnchadh: Bidh sinn ag obair air a’ – bidh sinn a’ togail bàta. Tha sinn ag obair air na ràimh airson a’ bhàta. Tha againn ri ceithir a dhèanamh. Dà airson gach buidheann. Agus ’s ann le Douglas Fir, tha mi a’ smuaintinn, an fhiodh a bhios sinn ag useicheadh, so tha e glè mhath.

Dòmhnall: Nuair a thigeas sinn sìos bidh sinn a’ faighinn air ar sealltainn dè bhios againn ri dhèanadh airson an latha ’s an uair sin bidh sinn a’ dèanadh an rud dhuinn fhìn ’s an uair sin nuair a bhios sinn deiseil air an rud bidh, bidh Ronald John a’ coimhead air dè tha sinn air a dhèanadh, ’s bidh e a’ coimhead a bheil sinn air obair math a dhèanadh air.

Dunnchadh: Tha e a’ còrdadh rium gu mòr. Yeah. Tha ùidh agam ann an saoirsneachd, so tha mi ’n dòchas, tha mi ’n dòchas gun cuidich seo mi, leam, leis na h-innealan cuideachd so..

Dòmhnall: Nuair a dh’fhàgas mi an sgoil tha mi ’n dòchas a bhith ag obair le uidheam mar diggeran agus an uair sin na, nas fhaide air, nas fhaide air adhart sa bheatha agam bu toil leam a bhith a’ dràibheadh làraidhean mun cuairt, agus ’s toil leam a bhith ag obair le uidheam mòr mar làraidh, mar càraichean is tractoran is rudan mar sin. ’S toil leam bàtaichean ach tha mi a’ smuaintinn nach e obair a bhios mi a’ dèanadh nuair a dh’fhàgas mi sgoil a bhios ann idir. ’S toil leam a bhith a’ dèanadh iasgach air na lochannan agus tha mi ann am Buidheann Iasgach Uibhist a Deas, agus uaireannan tha bàtaichean acasan air na lochannan ’s bidh iad gu chur air dòigh aig deireadh na bliadhna. ’S tha mi a’ smuaintinn gum bi na sgilean agam a’ tighinn, uh, a’ tighinn a-staigh gu math handy an uair sin.

Dunnchadh: Tha mi ’n dùil saoirsneachd a dhèanamh – airson - ’s dòcha Inbhirnis tha mi a’ creidsinn, airson trì bliadhna. An uair sin, ’s dòcha, tighinn air ais is beagan a dhèanamh an seo.

Dòmhnall: Chanainn gur e, gur e cùrsa gu math inntinneach a th’ ann airson daoine eile a dhèanadh. Bidh iad a’ faighinn sgilean ùr bhon chùrsa ’s tha e uabhasach fhèin math.

Clilstore Guthan nan EileanSgoil LìonacleitNìall Mac a' Phearsain

Short url:   https://clilstore.eu/cs/745