Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Aonghas MacIain

’S mise Aonghas MacIain. Tha mi a’ fuireach ann an Solas, ann an Uibhist a Tuath. Agus seo agad far an àbhaist dhomh a bhith a’ dèanamh windsurfadh, shìos air an Tràigh Iar ann an Solas.

Agus – sìde as fheàrr leam fhèin, dìreach nuair a tha e suas mu fichead knotts san uair de ghaoith – ri force naoi no mar sin. Sin an t-àm as fheàrr, tha mi a’ creidsinn, airson a bhith a’ windsurfadh ach..

Uaireannan eile bidh mi a’ dol a-mach air a’ bhòrd mhòr chianail agam, a tha cianail furasta seasadh air, agus chan fheum thu mòran ghaoith sam bith airson sin.

Agus an rud as fheàrr, chanainn, ’s ann nuair a gheibh thu a-mach air na stuadhan, ’s tha thu a’ seòladh air na stuadhan, mar gum biodh, gan surfadh agus, uh, leumadaich orra cuideachd. Ach, far an robh sinn an-diugh, cha robh e buileach – cha robh stuadhan buileach – well, cha robh really stuadhan sam bith ann ach, um, ach tha e math airson, nuair a tha thu ag ionnsachadh, nam biodh tu ag ionnsachadh rud sam bith ’s e àite math a th’ ann far a bheil e eu-domhainn ’s nan tuiteadh tu dheth chan eil e ach suas gu do mheadhan, agus tha e furasta gu leòr leum air ais suas air bòrd a-rithist.

Tha tòrr àiteachan eile ann an Uibhist – tha, sìos air an taobh an ear, uh, an taobh an iar air fad tha sin – bidh mòran a’ dol a-mach an sin, shìos ann am Baile Sear, agus, tha, sìos a-mach à Hogha Gearraidh, agus gun an taobh an ear cuideachd tha Clachan Shannda ann, agus, tha, Tràigh Ear, um, shìos ann an Greine Tobht – àite eile math a tha sin. Ach airson na stuadhan a b’ fheàrr ’s ann an Solas chanainn. Tha Hòsta cuideachd math.

Tha mi a’ smaoineachadh gun do thòisich mi nuair a bha mi ceithir bliadhna deug. Tha mi a-nist – dè an aois a tha mi? – thirty seven. Aidh, so, tha poile ann on uair sin, ach tha mi air a bhith a’ dèanamh surfadh ’s kite-surfadh cuideachd aig an aon àm – coltach ann an dòigh – well, ’s e kite mhòr a th’ ann, uh, h-ochd deug metres square, agus bòrd coltach ris a’ bhòrd a tha thu a’ windsurfadh air, uh, beagan nas lugha, ’s tha na strappings sa mheadhan, ’s tha thu dìreach a’ cur do chasan dhan strapping agus gheibh thu air leumadaich gu math àrd – chan fheum thu stuadhan sam bith airson leum a dhèanamh – dìreach useicheadh a’ khite ’s tha thu ga thoirt suas ’s tha e gad tharraing suas. Gheibh thu cuideachd kites nas lugha airson latha garbh mar a bhiodh ann an-diugh. Bhiodh e ro, ro gharbh an-diugh airson a’ khite agam fhèin.

Bidh mi, mura bi gaoth ann, agus nach eil stuadhan sam bith ann airson surfadh, bidh mi a’ dol a-mach air a’ bhike suas dhan bheinn, so, a’ cur seachad ùine shuas an sin. Agus cuideachd ruith ’s chan eil mi a’ dèanamh mòran snàmh ach uaireannan rud beag snàmh tron t-samhradh, agus dìreach rudan mar sin ’s – tha, um, gu leòr ri dhèanamh ann an Uibhist co-dhiù. Chan eil mi a’ dèanamh windsurfadh leis fhèin idir – a h-uile gin aca. Ach ’s e windsurfadh as fheàrr leam ceart gu leòr.

Nuair a cheannaicheas tu bòrd ùr tha iad cianail daor a-nist. Air a dhol suas còrr is mìle not, ach gheibh thu feadhainn a tha air an useicheadh roimhe ’s tha daoine gan reic, suas ’s dòcha ri ceithir cheud not, gheabhadh tu sin, bòrd, ’s an uair sin tha na siùil ann, agus seòl ùr – bidh sin trì cheud gu leth, tha mi a’ creidsinn, airson fear ùr, agus nam biodh tu airson seòladh ann a h-uile seòrsa gaoth dh’fheumadh tu co-dhiù ceithir diofar sizeaichean. An uair sin dhà no trì cruinn a bhith agad, agus am boom, agus deisidhean agus a h-uile sion eile a tha a’ tighinn còmhla ris tha e gu math daor an toiseach, ach nuair a gheibh thu – cha bhi thu – tha mi a’ creidsinn nach ceannaich duine a h-uile sion aig an aon àm. Bhiodh tu a’ ceannach – well, mar a tha mise air a bhith bliadhnachan a-nist – tha mi a’ smaoineachadh gu bheil ceithir bùird agam, agus còig siùil, ’s mar sin – so tha e daor an toiseach, ach chan eil e a’ cosg dad an uair sin.

Clilstore Guthan nan EileanSurfadh leis a' ghaoith

Short url:   https://clilstore.eu/cs/736