Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Fo Sgaile Shuaineabhail

Fo Sgàile Shuaineabhail

Tha Pèigi a’ smocadh agus a’ taghadh gach facal gu faiceallach.

Tha uair a thìde gu math fada uaireannan…ach thèid na bliadhnaichean seachad gu math luath. Nuair a chuala mise siud an toiseach thuirt mi rium fhìn ‘Abair gòraiche’.

Cha robh mi ach sia deug aig an àm, ach tha mi ga thuigse a nis.

Ma sheasas tu ann am meadhan Tràigh Ùig agus gun tòir thu sùil mun cuairt, chì thu seann bhaile Eireastadh, Dùn Bhorainis agus nas fhaide thall, far a bheil am muir-làn a’ tighinn a-steach an-diugh, sin far an robh iad a’ tiodhlaigeadh dhaoine bho chionn trì mìle bliadhna. An Eaglais Mhòr aig bàrr an leathaid agus cladh Bhaile na Cille ri oir na tràghad. Air taobh eile a’ bhàigh tha an cladh ùr ann. Sin far am bi mise a’ dol. A’ coimhead a-nuas orra, tha Suaineabhal.

Na daoine a thog an Dùn. Na bha a’ fuireach anns an t-seann bhaile…chan eil guth aig duine orra an-diugh. Chan eil cuimhne aig duine beò orra. Mar nach biodh iad an-seo a-riamh.

Dh’innis cuideigin dhomhsa mun a h-uile càil a bha sin. Is gach rud eile air a bheil fios ’am, dh’fhosgail i mo shùilean. Mura biodh i, cha bhithinnsa a’ cur sùim sam bith  anns na rudan sin. ’S dòcha gum bithinn air a bhith cheart cho sona. Cò aige tha fios. Ach aon uair ’s gu bheil fhios agad air rud…chan urrainn dhut gun fios a bhith agad air.

Bha mi 16 nuair a thòisich mi ag obair ann an Loidse Shuaineabhail. Thuirt an tidsear rium nach robh mi cliobhair…agus bha fhios ’am fhìn nach robh mi brèagha. Rud bu doirbhe na sin…’s e Peigi, a bha iad air a thoirt orm. Cha b’ e ainm ‘glamorous’ a bha ann, eadhan anns an latha sin.

Ainm mar a bhiodh air tè dha na ‘maws’. Sin a chanadh boireannaich uasal bhaile mhòir Steòrnabhaigh agus iad aig ‘afternoon tea’ anns a’ Chounty Hotel. “Just another labhrag from over the cattle grid.” Co-dhiù, dh’fhaodadh e a bhith na bu mhìos’...Bha m’ athair airson ainm piuthar a mhàthar a thoirt orm… ‘Malcomina’.

Bha an teaghlach againne leis a’ bhochdainn. Bha is a h-uile duine eile an uairsin. A h-uile duine ach na Forbes Burnetts agus an leithid. ’S ann acasan a bha An Loidse an uairsin. Toffs. Sin a bha againn orra. Sin mar a bha e air a bhith fos cuimhne le duine, ’s mar a bha e gu bhith gu sìorraidh. Sin a bha mise a’ smaoineachadh an uairsin. Bha mi ceàrr mun sin cuideachd.

A h-uile samhradh mu mheadhan June…thigeadh iad a-nuas airson trì na ceithir a mhìosan…a dh’iasgach ’s a shealg. Palaver den t-seòrsa sin. Bhiodh guests eile a’ tighinn nan cois airson seachdain no dhà. Bha brùid mhòr de chàr dubh aca…Bentley…le chauffeur às an Eadailt…le uniform spaideil.

’S e duine càilear a bha ann…an taca ri balaich na sgìre seo. Cha bhiodh sin duilich. Rinn e stir anns na bailtean. A h-uile feasgar mu cheithir uairean bhiodh e a’ dol dhan a’ bhùth a dh’fhaighinn pàipearan agus litrichean an Loidse.

An ceann seachdain no dhà, bha na boireannaich a bha timcheall air tòiseachadh a cruinneachadh an-sin, fhad ’s a bhiodh e ann. Air a dh’ fhalbhadh e gheibheadh tu fàileadh an aftershave. Bha eadhan Jessie, am post mistress, Seadar mòr...bhiodh i a’ dùnadh a sùilean ’s a tarraing a h-anail…’s dòcha gun robh e ga toirt na b’ fhaisg air nèamh.

Bha mise na mo housemaid ’s a’ cuideachadh a’ chòcaire…skivvy, sgalag. ’S e Mrs MacLennan an còcaire a bh’ ann an uairsin. ’S ann às an Allt Beithe a bha ise. Bha a’ Ghàidhlig aice, ach cha robh i coltach ris a’ Ghàidhlig againne idir. ’S e ise bean a’ chiopair…uilll, cha b’ e duine à seo fhèin a bha gu bhith na chiopair. Cha bheireadh iadsan air duine…chan innseadh iad air muinntir an àite seo fhèin.

Mar gach còcaire eile, bha i uaireannan droch nàdarrach nuair a bha tòrr aice ri dhèanamh. A’ deasachadh ’s a’ còcaireachd, a’ spìonadh eòin ’s a’ feannadh rabaidean. Bha an Electric air a thighinn an uairsin. Ma tha, bha an obair a cheart cho tròm. Boireannach gast’ a bh’ innte...bhiodh i a’ toirt dhomhsa rudan airson a thoirt dhachaigh…pìos bradain ’s dhà no thrì sgonaichean.

Ged a thuirt mi gur e toffs a bh’ annta, bha iad snog gu leòr riumsa. Well, cha shuidheadh tu nan cois a’ yarnigeadh le balgam teatha, bha fhios agad air a sin…sin mar a bha.

Ann an dòigh, cha robh iad gad fhaicinn ann. Ged a bhiodh tu anns an rùm, bhiodh iad a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan. Rudan nach saoileadh tu. ’S bhiodh iad ag argamaid air do bheulaibh. Bha a’ chailleach a’ cur seachad na tìde a’ buain shìthein agus a’ cluich chairtean. Cha robh càil air aire a’ bhodaich ach sealg is iasgach is na coin.

Cha do choinnich mi a nighean aca Eleanor a’ chiad latha. Ach an dàrna latha nuair a thàinig mi a-steach, chuala mi an commotion a bha seo anns a’ chidsin. Bha i dìreach air a bhith ag innse dha Mrs MacLennan, nach robh leithid a rud ri Dia ann. Leum i an uairsin an-àirde am meadhan a’ bhòird mhòir a bha anns a’ chidsin, ’s i a’ maoidhean air Dia a leagail sios...ma bha a leithid ann.

Cò chuala a-riamh an leithid, duine sam bith ag ràdh nach robh Dia ann? ’S dòcha gur e sin a bha thu a’ smaoineachadh, ach cha chanadh tu e. Cha do dh’atharraich sin co-dhiù. ’S mi a fhuair an shock, agus Mrs MacLennan bhochd.

Leum i an uairsin a-nuas bhon a’ bhòrd mhòr.

“Is this the new girl? Do you believe in God, Peggy?”

Chan fhùiligeadh Mrs MacLennan a’ chòrr. Rug i às a dèidh le tubhailt -shoithichein. ’S chuir i a-mach às a’ chidsin i.

Bha Eleanor bliadhna na bu shine na mise agus gu math eu-coltach rium, anns h-uile dòigh. Bha i cliobhar...agus bha i brèagha...agus well off…sin mar a tha an saoghal.

Greiseag an dèidh sin ’s bha mi a’ glanadh na bùird anns a’ bhreakfast room. Thàinig i a-steach, is dh’fhaighnich i an robh mi ag iarraidh cuideachadh. Bha mise cho socharach anns an latha sin. Cha b’ urrainn dhomh eadhan a ràdh “No thanks”.

Shìn i an uairsin thugam cigarette, bha mise a’ smaoineachadh gur e arsenic a bh’ annta anns na làithean sin. Rinn i gàire ’s rug i air a’ ghàirdean orm ’s a-mach leatha. An dèidh dhi falbh, mhothaich mi gun robh crith na mo làmhan. Rudeigin neo-àbhaisteach, bha gam fhàgail an-fhoiseil. Mar gun do dh’fhosgail doras ’s taghadh agam an deighinn troimhe no nach deigheadh.

An samhradh sin cha do rinn e uisge airson seachdainean. Latha an dèidh latha, air a dhùisgeadh tu bha an adhar cho gorm. An Cuan Siar a’ deàrrsadh cho fada ’s a chitheadh thu. Tìde anabarrach math. Bha eagal ort nach seasadh e. Mar bruadar ’s fhios agad gun dùisgeadh tu.

Cha robh na guests a bha a’ tighinn dhan Loidse air an dòigh. Mura robh bùrn anns an abhainn, cha robh iasg ri fhaighinn. Cha robh duine aca cho gearanach ri Major Tennant. Bha e air a bhith na oifigear-airm anns na h-Innseachan. Bha e an-diugh ag obair aig an Stock Exchange, às bith an e sin a dh’ fhàg e cho searbh, no an e na bha e ag òl de gin.

Bha e gu math tròm air a’ bhean, ’s bha e a’ gearan mu dheidhinn a’ bhiadh a bha Mrs MacLennan a’ dèanamh agus nach robh iasg anns an abhainn. Bha gràin agam a bhith faisg air. Ach cha robh e a’ leigeil air gun robh mi ann...gu latha nan cucumber sandwiches.

An latha ud, bha picnic gu bhith aca air an lawn air taobh-a-muigh an Loidse, teatha ’s cèicichean agus sandwiches. Dimàirt a bh’ ann, an latha nach biodh Mrs MacLennan ag obair. Agus bha i air a h-uile càil fhàgail deiseil, ach na cucumber sandwiches. Airson an dèanamh ceart, feumaidh tu an cucumber a rùsgadh agus a ghearradh tana, tana. Cha robh fhios agamsa air sin. Cha robh sinne eòlach air leithid an rud ann an Ùig.

Co-dhiù, chaidh mise a-mach leis an teatha, crith na mo thòin mar as àbhaist. Bha mi lìonadh copan, nuair a shìn am Major a-mach a chròg a dh’iarraidh sandwich. Thug e glam às, ’s chuala mi srutan de dhroch chainnt. “Did I not know how to make a cucumber sandwich. Honestly, hopeless...these people…”

Uill, sheas mi far an robh mi is thòisich mi a’ gal. Theich mi an uairsin dhan chidsin. Thàinig Eleanor a-steach ’s thug i dhomh a neapraig. Cha tuirt i càil. Cha leigeadh i fhèin a leas. Bha fhios am gun robh rudeigin a’ dol a thachairt.

Bha bò anns a h-uile taigh an uairsin. Bha bò mhòr bhreac againne, a bha math air breabadh. Cha bhleòghnadh duine a’ bhò ach mo mhàthair. An latha bha seo, chaidh mo mhàthair gu a piuthar ann an Gearraidh a’ Bhàird…mar gun deigheadh tu suas an Amazon anns an latha sin. Dh’ fheumainnsa a’ bhò a bhleoghainn. Bha a’ bhò mu fhichead mionaid bhon an taigh, thall air a’ mhachair.

Gheibheadh tu a-null oir na traghad, fon an Loidse agus tarsainn an abhainn, ’s e a b’ fhasa. ’S e feasgar breàgha samhraidh a bh’ ann, mu sheachd uairean, bha mi dìreach air a dhol tarsainn air an abhainn, ’s thug mi sùil suas chun an Loidse.

Bha cuideigin a’ tighinn a-mach uinneag bàrr an staidhre, an rùm aig Eleanor.

Ged a bha mi pìos às, bha fhios a’m gur h-i a bh’ ann. Bha i a’ streap a-nuas air plaide.

Dè fo ghrian a bha i a’ dèanamh? Leum i a-nuas ’s chaidh i tarsainn an lawn taobh na drochaide.

Uill, bha mi air a’ bhò a bhleoghann – fhuair mi air seipean a chur dhan pheile co-dhiù. ’S chunna’ mi a-rithist i - na deann ruith an trupsa - air ais chun an Loidse. Shreap i an-àirde a-steach an uinneag.

An do shaoil mi gun robh sin neo-àbhaisteach? Cha do shaoil. Nam biodh tu eòlach oirr’.

Nuair a thàinig mi a dh’obair an ath-mhadainn, bha dà chàr air taobh-a-muigh an dorais. Thàinig an dòtair agus Bodach Forbes a-mach. Rug iad air làmh a chèile. Leum an dòtair dhan a’ chàr agus rug e às. Anns a’ chidsin, dh’ innis Mrs MacLennan dhomh dè bha air tachairt. Bha am Major air tuiteam dhan abhainn. Chaidh a bhàthadh.

Cha do shaoil mi gun do chuir e sìos no suas i. ’S dòcha gun robh dùil aice ris. Chan fhùilingeadh an Tighearna aingidheachd a Mhajor, agus shìn e a-mach a làmh.

Ge-tà, nam biodh iad air èisteachd rithese, bhiodh ise air innse dhaibh gun robh rudeigin a’ dol a thachairt dhasan.

An oidhche ron sin, bha am Major air a dhol a dh’iasgach. Chun a’ Phool fon an Fhors. Rò àm na dìnneire, mu sheachd uairean. Nuair nach robh e air tilleadh, mu leth-uair an dèidh deich, chaidh iad ga lorg. Fhuair iad an corp aige, ceudan de shlatan shìos an abhainn. ’S e àite cunnartach a bha anns an Fhors a-riamh. Nuair a bhiodh tu ag iasgach, bha thu air leaca chumhang, mu fhichead tròigh os chionn a’ Phool. Dh’ fhaodadh rud gu math cabhagach a thighinn air duine, nam biodh iasg agad air an dubhan, no rud sam bith.

Greiseag an-dèidh sin chaidh iarraidh orm teatha a thoirt a-steach dhan Bhreakfast room. Bha iad gu lèir an-sin. Agus poileasman a’ bruidhinn riutha. Stad e nuair a thàinig mi a-steach. Ach nuair a thuig e nach robh annam ach an housemaid, chum e air. Chuala mi e ag ràdh “So, no one left the house after 7pm, apart from Major Tennant?”  

“No” ars’ Mrs Forbes Burnett “No one.”

 

Uill, leig mi às an còpan a bha na mo làimh agus thionndaidh iad gu lèir ga mo choimhead. Eleanor cuideachd. Choimhead sinn ri chèile. Agus an uairsin, thuirt cailleach Forbes Burnett “Thank you Peggy, that will be all. Poor girl… terrible shock. They’re very religious you know, Sergeant.”

 

Chan fhaca mi Eleanor tuilleadh am feasgar sin. Chaidh mise a chur dhachaigh. Ach an ath-mhadainn, nuair a bha mi a’ coiseachd sìos rathad an Loidse, Chunna’ mi am Bentley a’ tighinn. Bha an chauffeur a’ toirt Eleanor chun an stiomair, an Loch Seaforth. Stad an car agus thàinig i a-mach. “I won’t forget you”, sin na thuirt i. Thug i dhomh ciosag air a’ phluic. Rud nach do rinn eadhan mo mhàthair a-riamh. Chaidh i air ais dhan chàr ’s dh’fhalbh iad. Bha an samhradh seachad. Mar fìolm no play a’ tighinn gu deireadh, tha an curtair a’ tighinn a-nuas, agus feumaidh tu a dhol air ais chun a’ bheatha a bha agad ron sin.

 

Uill, nach eil fhios agad, bha còmhradh gu leòr ann an dèidh sin, ged nach tuirt duine càil. Sainnsean, daoine a’ coimhead bhon t-sùil, agus an còmhradh a’ stad gu h-obann air a dheighinn a-steach dhan bhùth. Anns na làithean sin, chumadh am baile rud aca fhèin.

 

Bha an Loidse aig iomadach duine thairis air na bliadhnaichean. ’S ann leis a chommunity a tha i an-diugh. “A change for the better,” canaidh cuid.

 

Na Forbes Burnetts, na chaffeurs, na Bentleys, na housemaids, dh’fhalbh iad, dìreach mar na daoine a thog an Dùn agus an fheadhainn a rinn na feannagan.

 

Phòs banntrach a’ Mhajor a-rithist, bliadhna no dhà an dèidh sin, agus bha i sona toilichte le a cuid, mar a bhios aig deireadh gach sgeòil.

 

Bhàsaich Mrs MacLennan ann an 1979, ’s i a’ streap ri ceithir fichead.

 

Cha do phòs mise a-riamh.

 

Agus chan fhaca mi Eleanor a-chaoidh tuilleadh.  

 

An Deireadh

 

 

 

 

Clilstore

Short url:   https://clilstore.eu/cs/7354