Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Agallamh: Anna NicIllfhialain

’S mise Anna NicIllFhialain, agus tha mi a’ fuireach ann am baile Hogha Gearraidh ann an Uibhist a Tuath. Tha mi ag obair do Chomhairle nan Eilean Siar, nam oifigear bìth-iomadachd, no biodiversity mar a chanas iad sa Bheurla.

Um, bu mhòtha, well, a tha mi a’ dèanamh san obair sin tha mi ag obair còmhla ri buidhnean àiteachas mar Dualchas Nàdar na h-Alba, um no an RSPB agus tha sinn ag obair air planaichean a chur air bhonn, uh, air na h-eileanan air fad airson diofar fiadh-bheatha(?) a th’ againn sna h-eileanan a ghleidheadh ’s a dhìon. Um, bidh sinn ag obair air planaichean airson um, mar eisimpleir, an traon, um airson an seilean mòr buidhe, um, sin species a tha gu math cudromach sna h-eileanan. Uh, agus bidh sinn a’ feuchainn ri obrachadh còmhla ri na croitearan airson diofar, eh, rudan a dhèanamh airson, uh, na beathaichean no fiadh-bheatha an seo a chuideachadh.

Um, cuideachd bidh mi, um, an sàs ann an raonnan glèidhteachas mar eisimpleir local nature reserve. Tha fear againn ann an Loch Stiapabhat ann an Nis, agus tha mi an sàs ann an cuideachadh buidheann shuas an sin a’ coimhead às dèidh na raoin glèidhteachas a th’ aca an sin.

Um, bidh mi an sàs ann am projectan, uh, mar, uh, am mink project. Tha iad an-dràsta ag obair air ann an Leòdhas ’s na Hearadh, agus a’ feuchainn ri cur às dha na mink an sin oir tha iad a’ dèanamh milleadh air, air na h-eòin agus air cearcan cuideachd ’s tunnagan. Um, project eile, ’s e wader project ’s tha sin ag obair ann an Uibhist far a bheil iad a’ feuchainn ris na gràinneagan a ghlacadh ’s a thoirt gu Tìr Mòr. Uh, a-rithist tha iad, tha iad a’ dèanamh milleadh air eòin, eòin grunnachadh gu h-àraid.

Um, agus rud a tha a’ còrdadh rium gu mòr ’s e ag obair le na sgoiltean. Chan eil mi a’ dèanamh an t-uamhas air sàilleabh gu bheil mi ag obair pàirt-ùine ach bidh mi a’ dol, uh, a-mach gu na sgoiltean ma tha iad ag obair air projectan an sàs san àrainneachd, um, agus a’ feuchainn ri fiosrachadh bheir dhaibh mas urrainn dhomh mu dheidhinn, uh, cuspairean a tha iad an sàs ann. Tha tòrr dha na sgoiltean a-nist, tha iad an sàs ann an eco-schools, agus ’s e fear dha na cuspairean a tha iad ag ionnsachadh mu dheidhinn ann an eco-schools, ’s e bith-iomadachd. So tha mi a’ smaoineachadh gur e rud math a tha sin because tha iad a’ faighinn, eh, eòlas air, air ’s dòcha na h-eòin, no na fiadh-bheatha a tha timcheall, eh, orra.

Chaidh mi gu Sgoil Bhaile Mhanaich ann am Beinn na Faoghla. Bha iadsan a’ dèanamh project air Beinn na Faoghla air fad, agus chaidh mi a-staigh dhan sgoil, ’s bha dealbhan agam ’s bha sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn rudan a chìthear nam biodh iad a-muigh, can air a’ mhachaire no sa mhòineach no air na croitean. Um, agus, eh, bha còmhradh math – bha iad, you know, bha tòrr dhan chlann, bha iad air, bha iad air tòrr dha na h-eòin, no dha na – mar eisimpleir, biast dhubh fhaicinn no, eh, fhad’s a tha iad a-muigh a’ coiseachd.

So às dèidh a bhith a-staigh sa sgoil chaidh sinn a-mach air ceum agus ràinig sinn, eh, baile An Àird ann am Beinn na Faoghla, agus, eh, bha sinn a’ coimhead air an obair croitearachd a bha a’ dol an sin, agus gu h-à.. – bha, um an latha a bha sinn a-muigh bha fear dha na croitearan an sin, bha e trang a’ dèanamh cruachan arbhar, um, faisg air an taigh aige. So bha seo a’ toirt cothrom math dhan chlann seo fhaicin. ’S e rud nach eil iad a’ faicinn ro thric a-nist. Tha tòrr dha na croitearan a-nist - ’s e silage a bhios iad a’ dèanamh leis an arbhar agus chan e na cruachan arbhar, um, mar a b’ àbhaist. Agus tha sin air sàilleabh side a-nist ag atharrachadh, gu bheil e – chan eil iad a’ faighinn an t-sìde math, ’s dòcha, as t-sàmhradh. Um, cuideachd tha na geòidh a’ dèanamh milleadh air an arbhar aca ’s tha e nas fhasa dhaibh, um, na balean, na bales dhubh a chleachdadh. Ah, so, bha – chòrd seo ris a’ chlann, a’ faicinn an obair a bha seo, agus, uh, bha ùidh mhòr aca ann, ’s fhuair iad – eh, bha iad a’ toirt beagan cuideachadh ’s thug iad arbhar leotha air ais dhan sgoil, so ’s e rud math a bha sin, gun d’ fhuair iad an cothrom sin, em, fhaicinn.

Nist, tha sgeama sònraichte, uh, sna h-eileanan far a bheil na croitearan a’ faighinn taic-airgid airson cruachan arbhar a dhèanamh. Um ’s e an RSPB a th’ air an sgeama seo a chur air bhonn, agus, um, tha iad a’ dèanamh seo air sàilleabh gu bheil na h-àireamhan dha na corn buntings air tuiteam gu mòr, agus ’s e a-nis na h-Eileanan an Iar an aon àite, really, far am faigh iad – gu h-àraid na h-Uibhistean – far am faigh thu na h-eòin an seo. Agus, um, on a thòisichear dèanamh na, na bales silage chan eil, chan eil na cruachain arbhar, chan eil iad cho pailt, chan eil thu gam faicinn a-nist, so tha, tha an sgeama seo a’ toirt taic dha na croitearan a bhith a’ dèanamh an obair seo oir tha, tha e a’ toirt tòrr ùine. Chan eil e cho furasta ri, ri dèanamh silage. Um so tha iad a’ dèanamh seo, ’s tha sin a’ fàgail gu bheil barrachd sìol ann sa gheamhradh, um, airson na h-eòin a tha seo. ’S e sìol a tha iad ag ithe, agus, um, tha an sgeama a’ cuideachadh, agus tha iad a’ faicinn gu bheil na h-àireamhan a-nist a’ tòiseachadh ’s air a dhol suas. Tha iad air a bhith ag obair air an sgeama seo airson dhà – dà bhliadhna, trì bliadhna a-nis, agus, um, tha iad a’ faicinn gu bheil e a’ dèanamh feum dha na h-eòin, gu bheil, gu bheil biadh aca sa gheamhradh ’s .. uh ach ’s e obair cruaidh a th’ ann, ’s feumaidh na croitearan rudeigin, you know, airson cuideachadh, um, leis an obair sin.

Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil na croitearan, uh, a’ faighinn air adhart glè mhath, um, gu h-àraid, uh, far a bheil an reserve ann an Uibhist a Tuath, Baile Raghnaill an sin, agus tha, tha na croitearan ag obair còmhla ris an RSPB, agus tha sin air a bhith a’ tachairt o chionn 1960, tha mi cinnteach, on a chaidh an reserve a chur, em, ann. So tha e math, agus tha na, you know, tha daoine air a bhith ag obair aig an RSPB agus tha iad ag obair leis na croitearan. Agus feumaidh iad a bhith ag obair leis na croitearan because chan ann, chan ann leis an RSPB a tha an talamh, so feumaidh iad, you know, taic fhaighinn o na croitearan ma tha iad airson rud sam bith a dhèanamh. Um, so tha mi a’ smaoineachadh gu bheil, agus gu h-àraid nist tha sgeamaichean air a bhith a’ ruith mar an ESA scheme, agus an RSS scheme far an robh, far a bheil croitearan a’ faighinn taic-airgid airson a bhith diofar – a’ dèanamh diofar rudan – um ’s dòcha treabhadh, ’s a’ cur bàrr. Um, so tha iad a’ faighinn, um, tha iad air a bhith ag obair còmhla ris na buidhnean tha sin o chionn bliadhnaichean a-nist, so tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ faighinn air adhart glè mhath. Uh, ’s e deagh rud a tha sin, gu bheil. Feumaidh iad a bhith ag obair còmhla.

Clilstore Guthan nan EileanCroitearachd is BuainRuairidh Dòmhnallach

Short url:   https://clilstore.eu/cs/723