Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Norman Maclean on Friday: Gàidhlig

GW 00.20

So, an cuspair mu dheireadh againn, no cuspair an latha an-diugh, co-dhiù, chan e – chan eil fhios agam an e “saoghal leasachadh na Gàidhlig” a bu chòir dhomh a chur air, no dìreach saoghal nam buidhnean Gàidhlig, no – really, an t-àite a th’ aig a’ Ghàidhlig ann an inntinn nan daoine, mar gum bitheadh.

TM 00.44

Well, tha e uabhasach fhèin doirbh, a Ghòrdain, faighinn a-steach do dh’inntinn duine eile. Chan eil uinneag ann an ceann chlaiginn sam bith a chunnaic mise. Bidh mi a’ feuchainn, bidh mi a’ dèanamh tomhas an-dràsta ’s a-rithist an saoghal fhaicinn tro shùilean caractaran eile, ach air mo shon-sa, eadar an dà shùil tha seo, chan eil, chan eil gnothaichean ro ghealltanach idir.

Tha seo cho simplidh ’s cho gòrach ga ràdh. Bidh an saoghal ag atharrachadh, gun sgur. Agus ’s ann a dh’fheumas sinne atharrachadh còmhla riutha. Agus an saoghal a bh’ agamsa sna leth-cheudan, no an dèidh a’ chogaidh ann am Beinn na Faoghla, dh’fhalbh sin, agus thàinig seo.

Agus, bidh fhios agad fhèin nas fheàrr, co mheud taigh a ràinig sibh anns an robh daoine a’ bruidhinn Gàidhlig? Bidh sinn fortanach ma bha an dàrna leth dhiubh. Agus chan eil mise ro dhòchasach idir gun leudaich sin gu ìre sam bith.

Ach, nach eil e neònach, ’s dòcha beag air bheag, tha an sluagh a’ gabhail a-staigh nach e droch rud a th’ ann a bhith dà-chànanach. Beag air bheag, tha mar gum biodh deòir a’ tighinn a-nuas an-dràsta ’s a-rithist, agus a’ toirt nan cuimhne, tha barrachd seansa aig a’ chloinne agad ma tha dà chànan aca na mura h-eil aca ach Beurla. Agus ’s dòcha gu bheil sin a’ brosnachadh phàrantan gu bhith ga bruidhinn ris a’ chloinn. Ach, mar a thuirt mi – chan eil fhios agam an ann an-dè no a’ bhòn-dè – tha feadhainn dha na pàrantan, gu h-àraid an fheadhainn nach d’ fhuair foghlam ro àrd, dhan bheachd gur e zero sum game a th’ ann. Mar is motha a th’ agad de Ghàidhlig ’s ann nas lugha a bhios agad de Bheurla. “Oh, mo chreach ’s a thàinig, feumaidh sinn, feumaidh sinn brosnachadh Alasdair gu bhith a’ bruidhinn Beurla,” thoradh tha barrachd seansa aige airson deagh obair fhaighinn. Tha tòrr dhe na pàrantan mar sin.

Agus, an rud nach gabh atharrachadh, chan eil atharrach air, tha uiread de chlann Gallda a-nis a’ dol dhan sgoileadh, agus tha e uabhasach doirbh dha na indigenous, dhan fheadhainn aig a bheil Gàidhlig a’ dol aig an taigh, a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig a-muigh aig a’ phleidhe, ma tha a’ chlann tha siud a’ bruidhinn Beurla.

GW 04.04

Seadh, bha an trioblaid sin agaibh fiù ’s air ais sna fifties ann an Glaschu, bha sibh ag ràdh.

TM 04.10

Bha, bha. Bha, ach bha, mar gum biodh, loidhnichean ann agus bha crìochan ann. Chan eil fhios agam ciamar a thog sinn na riaghailtean a bha sin, ach bha fhios againn, nuair a bha thu a’ bruidhinn ris an fhear ud, an gille aig Màiri Fhraochain, dh’fhaodadh tu Gàidhlig a bhruidhinn ris. Ma bha thu a’ bruidhinn ri Francis Aloysius Carrabine, Beurla. Nuair a bha thu a’ bruidhinn ri Miss Condie, an tidsear anns an sgoil, Beurla le, caran diofraichte.

So, mar sin, bha na riaghailtean soilleir an uair sin. An-diugh, chan eil fhios agam. Tha, mar gum biodh, ola is uisge. Seo an rud, tha e a’ cur iongnadh ormsa, nuair a chluinneas mi daoine òga ann an sheo ga bruidhinn, neo-ar-thaing nuair a thèid mi a Thrianaid. Tha fhios agam, ma bhruidhneas mi ri duine sam bith, Raghnaid, Marion Ann, ’s ann à – cha chreid mi nach ann à Cnoc Cuidhein a tha i siud – an fheadhainn a tha rud beag nas sine na dà fhichead bliadhna, chan eil teagamh ann, faodaidh tu bruidhinn riutha ann an Gàidhlig. Staff a tha nas òige na sin, tha e caran cugallach. ’S dòcha gum freagair iad thu, canaidh iad, “Hullo a Thormoid, ciamar a tha thu an-diugh?” ’S chanadh tu rudeigin gòrach, “Oh, chan eil guth ri ràdh. Tha i fuar a-muigh.” Tha fhios agad gu bheil iad ga thuigsinn, ach tha mise a’ faighinn vibe nach eil iad cho comhfhurtail a’ bruidhinn Gàidhlig, agus cho luath ’s a gheibh iad an cothrom tha iad a’ tionndadh gu Beurla.

’S ann mar sin a tha ann an Roinn na Gàidhlig shìos ann an Glaschu, Pacific Quay. Ma bhruidhnneas tu ri duine sam bith a tha ag obair aig a bheil cùmhnant bhon BhBC, neo-ar-thaing fileanta, “Hullo, Ghòrdain, nach tu a tha a’ coimhead math, nach fhada on uair sin, ghille! Dè bha an sin? Now, what were we talking about? Your proposal about a Creative Lego programme.” Tha iad nas comfhurtaile a’ bruidhinn Beurla, agus tha sin nàdarrach. ’S ann ann am Beurla a tha iad a’ bruidhinn nam measg fhèin a-nis.

Uabhasach doirbh. Chan eil mi airson a bith dubhach, brònach an-diugh air an latha mu dheireadh. Ach chan eil fhios agam dè ghabhas dèanamh a thaobh a bhith a’ brosnachadh phàrantan aig a bheil Gàidhlig gu bhith ga bruidhinn ris a’ chloinne aca.

GW 07.20

Seadh. A’ dèanamh rudeigin comparative a-rithist, mar gum biodh. Aig an àm a bha sineach ann an Glaschu, bha sibh ag ràdh gun robh na pàrantan aig an àm sin, mar a bha iadsan a’ faicinn an t-saoghail, bha iadsan airson gum biodh an cuid chloinne ag ionnsachadh Beurla.

Bha mi dìreach a’ uandraigeadh an robh for aca mu dheidhinn dè bhiodh sin a’ ciallachadh dhan Ghàidhlig? Neo, an robh iad a’ smaoineachadh, “Well, chan eil cothrom againn air. Feumaidh sinn sin a dhèanamh.”

An robh daoine ann a bha a’ faicinn gun robh cunnart ann, neo an robh iad ga fhaicinn mar chunnart nach biodh daoine a’ bruidhinn Gàidhlig?

TM 08.17

Cha robh, cha robh iad ga fhaicinn idir. Bha iad na bu ghlice na pàrantan an latha an-diugh. Bha fhios aca, an rud a b’ fheàrr a dhèanadh iad, iad fhèin agus a’ chlann, Beurla ionnsachadh sa bhad, thoradh bha aca ri beò-shlàint a dhèanamh. Agus bha iad a’ tuigsinn “Beurla, beò-shlàint, right, okay.” Ach, am broinn an taighe, cha robh dad ceàrr a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig. Feadhainn dha na teaghlaichean – chanainn-sa gun robh muinntir a’ Chinn a Deas agus muinntir Bharraidh, bha iadsan na b’ fheàrr gu bhith a’ glèidheil na Gàidhlig. Ach bha iad math ann an Uibhist cuideachd – Uibhist a Tuath – in fact bha, tha cuimhne agamsa… Cuine bha seo? Nuair a bha mi san oilthigh. Bha mise dhan bheachd gur e a’ Ghàidhlig a b’ fheàrr a chuala mi eadar mo dhà chluas Gàidhlig a’ Chinn a Tuath.

Agus tha cuimhne agam air a bhith ag ràdh ri daoine, “Thig crìoch air an t-saoghal, agus bidh muinntir Ghriomasaigh, bidh iadsan a’ bruidhinn Gàidhlig.” Chan eil fhios agam – bha mi ceàrr. Ach ’s e an rud a bha mi a’ feuchainn ri ràdh, anns na leth-cheudan, ann an Glaschu, bha pàrantan Gàidhealach, eileanaich, bha iad a’ tuigsinn an rud a b’ fheàrr a dhèanadh iad, Beurla ionnsachadh sa bhad, ach cha robh sin a’ cur bacadh air Gàidhlig am broinn an taighe. Agus bha e cho nàdarrach dhaibh. Bha iad a’ ràdh, “Ionnsachaidh sinn Beurla, feumaidh sinn, thoradh tha Alasdair againn, tha e airson a bhith na phoileas nuair a dh’fhàsas e an àird. Feumaidh e beagan Bheurla a bhith aige. Ach a-staigh an seo, tha e nas comfhurtaile a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig.”

GW 10.26

Ach, air an taobh a-muigh cuideachd, bha taic ann gu ìre, bha  Comann Uibhist is Bharraidh ann, bha Comann Leòdhais ‘s na Hearadh ann, agus aig ìre nàiseanta bha an Comann Gàidhealach ann, so bhiodh am Mòd ann gach bliadhna is rudan mar sin, so bhiodh cùisean ann airson…

TM 10.48

… a bhith a’ cleachdadh Gàidhlig. Oh, bha, bha. Agus air Latha na Sàbaid bha agamsa ri dhol gu dà sheirbheis, seirbheis ann am Beurla sa mhadainn agus seirbheis Ghàidhlig air an oidhche aig sia uairean. Agus feumaidh mi aideachadh, cha robh cus agam mu dheidhinn Latha na Sàbaid ann, ach ’s a .. coltach ris na gillean eile a bha a’ dol còmhla rium dhan sgoil Shàbaid.

Ach, seo an rud, cha robh na pàrantan sna leth-cheudan, na h-eileanaich aig an robh Gàidhlig, cha robh iad a’ saoilsinn gur e droch rud a bhiodh ann a bhith ga cleachdadh am broinn an taighe, agus a-muigh còmhla ri feadhainn a b’ aithne dhaibh.

GW 11.43

Aig an drochaid.

TM 11.44

Aig an drochaid, ach cùl an inntinn bha iad a’ ràdh, “’S fheàrr dhuinn Beurla tha seo ionnsachadh gu ceart, agus gu cliobhair, air neo chan fhaigh sinn obair.” Agus sin an rud a bha iad a’ dèanamh.

M’ athair fhèin. Tha mi air mo mhaslachadh an-diugh nuair a chì mi an làmh-sgrìobhaidh aige. Chan eil fhios agam an robh e a’ dèanamh seo nuair a bha e aig muir, ach dh’ionnsaich e fhèin mar a sgrìobhadh e ann am Beurla, agus bha e math air. Bha e uabhasach math air.

So, tha mi a’ smaoineachadh gur e siud – nam bu mhì rìgh an t-saoghail – sin mo chomhairle do phàrantan. Dallaibh oirbh a’ brosnachadh na cloinne gu bhith a’ bruidhinn Beurla, thoradh an-dràsta airson greis, airson, cò aige a tha fios, ceud bliadhna gu leth a tha romhainn, bidh a’ Bheurla gu math cudromach san t-saoghail. Mar a bha mi – chan ann ri fealla-dhà a bha mi nuair a thuirt mi ’s dòcha gur e a b’ fheàrr dhut Hindi no Mandarin ionnsachadh. Co-dhiù, tha Beurla, bidh e feumail airson ceud bliadhna gu leth a tha romhainn. So nam bithinn-sa a’ ruith an t-saoghail bhithinn-sa ag ràdh ris na pàrantan sna h-eileanan, “Cho luath agus is urrainn dhuibh, ionnsaich Beurla, agus ionnsaich Beurla cheart. Chan eil sinn airson an text speak a tha seo. Ionnsaich na riaghailtean co-cheangailte ri Beurla, agus, mas urrainn dhut, bi ga bruidhinn mar duine nàdarrach. Cha leig thu leas a bhith RP, ach dìreach los gun tuig cuideigin ann an Astràilia no ann an New Zealand thu.

Ach, aig an aon àm, a chàirdean, na dìochuimhnichibh, na dìochuimhnichibh a’ Ghàidhlig. Tha cothroman ann, broinn an taighe, timcheall air a’ chagailt, a-muigh aig cèilidhean, anns an eaglais. Tha tòrr chothroman ann gu bhith a’ bruidhinn Gàidhlig. So na cuiribh ur cùl ri Gàidhlig idir. Dèan an dà chuid.” Sin mo chomhairle.

GW 14.21

Seadh. Deagh chomhairle, chanainn fhèin.

TM 14.26

Chanainn-sa. Nach eil e neònach, a-nis. Leugh mi rudeigin, Ghòrdain, san Òlaind, fhios agad, an fheadhainn, na h-immigrants a tha seo, Syrians is Afghans is a h-uile sian, well, cha chreid mi gun tug iad a-staigh uiread ’s a thug A’ Ghearmailt a-staigh. Chan eil ann ach dùthaich bheag. ’S e a tha an luchd-riaghlaidh a’ ràdh a-nis ri na h-immigrants a tha siud, “Ionnsaichibh sibh a’ chainnt againn an toiseach, cho luath agus as urrainn dhut, air neo bidh sibh air leth, bidh sibh ann an ghetto fad ur beatha. Ionnsaich Dùitseach, ach aig an aon àm cùm grèim teann air a’ chainnt agaibh fhèin”. Tha mi a’ creidsinn bu bheil sin ciallach.

GW 15.21

Seadh, well, sin an obair a bh’ agam fhèin ann am Birmingham as dèidh dhomh ceumnachadh.

Well, poille, bha mi ann an Japan, a’ teagasg Beurla, agus an uair sin thàinig mi air ais agus bha mi ag obair ann an Industrial Language Training fad ceithir no còig bliadhna ann am Birmingham. Agus, so ’s e na Pakistanis, na Bangladeshis, na h-Innseanaich a bha ag obair sna foundries agus rudan mar sin.

Agus, an obair a bh’ agamsa, ’s e a bhith a’ toirt Beurla dhaibh. Ach aig an aon àm agus a bha sinn ag ràdh “Tha còir agaibh Beurla ionnsachadh, chan eil sin a’ ciallachadh nach bu chòir dhuibh an cànan agaibh fhèin a chumail a’ dol”. So, sin agaibh mise ag innse dha na h-Innseanaich gun robh còir acasan an cainnt mhàthaireil a chumail a’ dol ged nach robh cànan mo mhàthar agam fhèin. ’S ann mar sin a thòisich mi fhèin air Gàidhlig ionnsachadh.

TM 16.21

Well, nach eil e neònach, ach chanainn-sa gur e deagh chomhairle a tha siud. Feuch, chionn ’s gur ann san rìoghachd-sa a tha thu a’ fuireach, feumaidh tu cainnt an t-sluaigh ionnsachadh. Mar as luaithe ’s ann nas fheàrr. Ach chan eil sin a’ ciallachadh gu bheil thu a’ trèigsinn na Gàidhlig no a’ chànan agaibh fhèin. Feumaidh sibh siud a chumail a’ dol.

Agus, nam bharail-sa, agus cha tàinig an reusan thugam fhathast airson m’ inntinn atharrachdainn, tha mi a’ smaoineachadh nach e droch rud a th’ ann dà chànan aig a’ char as lugha a bhith agad. ’S dòcha gum biodh e na b’ fheàrr trì no ceithir no còig, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil dà math gu leòr dhomhsa.

Thoradh, well, chan eil agad ach coimhead air mac Mhàiri Chaluim, ’s e am bumalair sna Stàitean Aonaichte, Dòmhnall Trump. Nis, ’s cinnteach gum faigh e an nomination airson na Republicans, ach nuair a bhios tu a’ coimhead air na daoine, aithnichidh tu, well ’s e mo bheachd-sa nuair a bhios mi a’ coimhead air na daoine is iad a’ crathadh bratach “The Donald’s the man”, aithnichidh tu gu bheil iad, chan e dìreach gu bheil iad aineolach, ach gu bheil iad air leth, agus ’s e is coireach – chan eil aca ach aon chànan. Tha sin gam fàgail, mar gum biodh, ann an ghetto Beurla.

Agus tòrr dhan fheadhainn a tha airson Dòmhnall còir, ’s ann mar sin a tha iad. Tha iad gu h-ìseal measg an t-sluaigh, tha an caothach orra, tha iad a’ faicinn gu bheil an obair a’ falbh gu ruige Mexico agus air feadh an t-saoghail – globalisation, liberal capitalism – tha sin gam fàgail fiadhaich, agus tha iad a’ smaointinn, mac Mhàiri Chaluim, our town.., gur esan an slànaighear. Ach, a’ coimhead orra, nam bharail-sa, chanainn-sa, bha iad air a bhith na b’ fheàrr nan robh iad air an togail ann an California a Deas, no Florida, no Texas even, agus Spàinntis a bhith aca cuideachd. Cha bhiodh iad cho fiadhaich.

So, tha cunnart ann a bhith a’ dèiligeadh le aon chànan a-mhàin. Tha e gad fhàgail, tha thu nas buailtiche a bhith fiadhaich agus a bhith air do dhalladh air an dealbh as fharsaing. Ma tha cànain eile agad tha an saoghal a’ sìor leudachadh a-muigh, agus faodaidh tu roghainn a dhèanamh, faodaidh tu deagh thaghadh a dhèanamh.

GW 19.58

Chunna mi litir sa phàipear. Mar as trice, nuair a bhios daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn na daoine a tha a’ tighinn a-staigh dhan dùthaich, tha iad ag ràdh, “Well, feumaidh iad Beurla ionnsachadh”. Sin an aon rud a dh’fheumas iad a dhèanamh. Sin an rud as cudromaiche.

Ach an litir a bha seo, ’s ann mu dheidhinn immigrants a bha, agus an rud a bha an duine seo ag ràdh, “That’s not fair. These people, they’ve got two languages, because they learn English as well, so they’ve got an advantage over us.”

TM 20.35

Tough, tough.

GW 20.38

Sin an rud a th’ ann mu dheidhinn a’ Bheurla, ann an dòigh. ‘S e double-edged sword a th’ ann. Ma chaidh do thogail leis a’ Bheurla, tha e doirbh dhut cànan eile ionnsachadh.

TM 20.48

Oh, tha, tha fhios agam air an sin. Agus tha an aon rud ann an Ameireagaidh. Tha iadsan, ’s dòcha gu bheil iadsan nas miosa na sinne. Ach na Sasannaich gu h-àraid, chan ionnsaich iad cànan sam bith eile.

Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil iad neo-chinnteach asta fhèin. Agus ma tha thu neo-chinnteach tha thu a’ greimeachadh ri rud àraid, agus na Sasannaich agus na h-imperialists agus an fheadhainn a tha fhathast a’ bruidhinn mu dheidhinn, gum bitheamaid na b’ fheàrr taobh a-muigh na Roinn Eòrpa, tha iadsan, tha iad a’ beirsinn air a’ bheachd-smuain “Well, tha sinn nas fheàrr na daoine sam bith eile, agus seall an eachdraidh a th’ againn – Agincourt, Waterloo – nach math a rinn sinn.”

Saoilidh mise gu bheil daoine a tha cho dèidheil air Beurla, gu bheil iad neo-chinnteach. ’S e rudeigin ris a ghreimich iad, agus tha e doirbh a ràdh, tha e doirbh a dhol às àicheadh, ’s e cànan gu math cudromach a th’ ann an latha an-diugh, gun teagamh. Tha e shuas an sin còmhla ri Spàinntis, ’s dòcha Portuguese, chan eil fhios agam mu dheidhinn Brazil. Ach co-dhiù, mar a bha mi a’ ràdh an-dè is a’ bhòn-dè, cùm do shùil air taobh an ear, Hindi agus Mandarin. Sin na rudan a tha a’ dol a chunntas, ann an ùine nach bi fada.

Ach na daoine a bha a’ ràdh, “That’s not fair, tha dà chànan aca”, it’s your problem. Chan eil atharrachadh air an sin. So, tha iadsan a’ smaointinn gu bheil iad, gu bheil rudeigin a dhith nam beatha. Chan eil aca ach Beurla.

GW 22.54

Thaobh na Gàidhlig ge-tà, tha feadhainn ann a tha ag ràdh, “Tha dà-chànanas ceart gu leòr, ach an e dà-chànanas dha-rìreabh a th’ ann mas e dìreach na Gàidheil fhèin a tha ag ionnsachadh dà chànan?”

TM 23.12

’S ann mar sin a bha mise a’ smaointinn, uair dhen robh saoghal. Bha mi a’ ràdh, ’s dòcha dìreach na Gàidheil fhèin. A bheil àite ann do dhaoine, mar a tha thu fhèin a rinn ionnsachadh?, agus bha mi a ràdh “Umm”, eadhon chun an latha an-diugh. Aithnichidh mi an fheadhainn a dh’ionnsaich a’ Ghàidhlig, agus an fheadhainn a fhuair i aig glùn am màthair. Tha diofar ann, tha diofar ann, agus – ach ’s fheàrr dhomh sgur a’ smaointinn mar sin.

Stòiridh bheag agam dhut. ’Sa bhliadhna trì fichead ’s a h-aon – bha mi dìreach cuidhteas on oilthigh – agus an samhradh a bha seo, bha cead dràibhidh agam, agus fhuair mi càr beag, bhan a bh’ ann, Austin Van, ann am Port Rìgh, agus chaidh mi suas gu Stafainn far an robh colaiste pìobaireachd a’ glèidheil campa samhraidh. Agus bha job agam mar junior instructor. Cha robh ann ach dìreach leisgeul airson smùid a ghabhail a h-uile h-oidhche. Chòrd e rium uabhasach math.

Is an fheadhainn a bha na luchd-ionnsachaidh. Nam measg bha fear de mhuinntir Bheàrnaraigh, fear Dr John MacAskill – tha e marbh an-diugh, John – is bha fear eile ann, Robin Bennett. Tha esan sna Hearadh fhathast. Rinn e glè mhath.

Ach, nam measg, bha fear uabhasach inntinneach. ’S e George Hertz an t-ainm a bh’ air. Agus abair eachdraidh a bh’ aigesan. Bha a mhàthair à Czechoslovakia, no cha b’ ann, bha i à Ruisia, agus a h-athair à Vienna, agus ’s e Iùdhaich a bh’ annta, teaghlach Iùdhach. Agus timcheall air sia-deug thar fhichead, dìreach nuair a bha Hitler a’ feuchainn air Sudetenland, theich iad a-mach às Austria, agus chaidh iad gu ruige Oxford. Goirid as dèidh siud, ghluais am bodach – tha mi a’ smaoineachadh gur e lecturer air choireigin a bha sa bhodach – ghluais e gu Chicago. So, Seòras, nuair a bha e a’ bruidhinn Beurla, bha sinne a’ smaoineachadh gur e gangster a bh’ ann. “Hey, man, how’re you doing? Listen, what is this thing, this throw on D?”

Agus, co-dhiù, fhuair sinn a-mach, ’s e duine sgràthail fhèin tapaidh a bh’ ann. Tha mi a’ smaointinn gun robh trì doctorate – bha dà dhoctorate aige. Agus an obair a bh’ aige – bheil fhios agad, na glainneachan phlastaig a chì thu, air feadh an àite, ’s e a’ chompanaidh dha robh esan ag obair a bha a’ dèanamh sin san Fhraing. Agus bha esan os cionn na Roinn Eòrpa, CEO, chan eil fhios agam dè an t-ainm a bh’ air a’ chompanaidh, ach bha iad mòr mòr, air feadh an t-saoghail. Bha iad san Roinn Eòrpa, bha iad ann am Ameireaga a Tuath. Agus bha e cho beartach, bha Seòras.

Ach an rud ma dheidhinn, bha e cho fileanta sna cànain. Thoradh, bha e neònach, nuair a bhiodh aige ri bhith cunntas, bhiodh e ga dhèanamh sa Ghearmailtis – “Ein, zwei, drei” – mar sin a bha e ga dhèanamh. Thogadh e am fòn, agus bhruidhneadh e ann an Suainis, agus an uair sin ann am Fraingis, agus nuair a chuireadh e sìos am fòn “Now what were we talking about, guys. Yeah, we were talking about this Gaelic.”

Agus bhruidhneadh e mu Ghàidhlig, agus ’s e a thuirt e, “Well, Norm, you’ve been broadcasting in Gaelic?”

“Oh, yeah, I’ve done a few wee interviews. I’m pretty good, you know.”

Ars esan, “Well, man, you won’t have real Gaelic revival until somebody like me, who talks like me, is reading the news in Gaelic.”

Ars mise, “Cil-onaidh”.

’S dòcha gu bheil e ceart. ‘S dòcha gu bheil e ceart. Feumaidh sinn aideachadh gu bheil àite ann dhan fheadhainn, dhan luchd-ionnsachaidh. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil àite – tha feadhainn dhe na daoine a chì mi air sgàthan an telebhisein, ’s e an t-ionnsachadh a rinn iad. So, bha Seòras Hertz, an t-Iùdhach, bha e ceart. Bha Tormod còir, bha e ceàrr.

Bha mise a’ smaointinn, nam biodh tu airson a bhith nad chraoladair, dh’fheumadh tu a bhith a’ bruidhinn Gàidhlig mar a bhiodh, dè chanas tu, am fear a bhàsaich am bliadhna, Màrtainn Dòmhnallach. Bha deagh Ghàidhlig aig Màrtainn. Air neo feumaidh tu bhith ga bruidhinn mar Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain à Taigh a’ Gheàrraidh, Uibhist a Tuath, deagh Ghàidhlig, air neo Niall Friseil. Sin na daoine a chuir Fred MacAulay air fhastadh timcheall air. Is bha iad math. Agus bha mise dhen bheachd an uair ud, mura biodh tu cho fileanta ris na h-uaislean a tha siud, cha bhiodh cothrom agad gnothach a ghabhail ri saoghal na Gàidhlig.

GW 29.36

Ach tha diofar ann ge-tà, mar a thuirt sibh, agus dè mu dheidhinn blas?

TM 29.41

Well, blas an toiseach. Bha e a’ dèanamh dragh dhomh. Bha e a’ dèanamh dragh dhomh. A’ chiad triop a chuala mi Gàidhlig Ghlaschu, “Ciamar a tha, a’ bhalaich? A bheil thu alright an-diugh?”, bha e  a’ dèanamh rud beag de dhragh dhomh. Chan eil an-diugh. Chan eil an-diugh.

Tha mise a’ coimhead air blas dìreach mar dhath nan sùilean aig daoine. Feadhainn dhiubh, tha iad donn, feadhainn dhiubh tha iad liath, feadhainn dhiubh tha iad gorm. Chan eil e really gu diofar, fhad ’s a nì mi a-mach dè tha iad a’ ràdh. Nis, tha cunnart ann le luchd-ionnsachaidh, agus tha mise ga fhaighinn cuideachd leis an Eadailtis an-dràsta. A’ feuchainn ri bhith fileanta, daoine mar a tha mise, cil-onaidh mar a tha mise, a’ feuchainn ri Eadailtis a bhruidhinn, tha mi a’ bruidhinn ro chliobhair.

Agus mas fhìor tha mi a’ toirt seòrsa de chreideis gu bheil mi cho fileanta, agus cuiridh mi geall nach tuig na h-Eadailtich mi. Tha mi a’ bruidhinn ro luath, agus an fheadhainn a dh’ionnsaich Gàidhlig, feadhainn dhiubh, pàirt dhiubh, tha iad a’ bruidhinn ro luath, agus tha iad a’ smaointinn, “Well, ma bhruidhneas mi luath bidh daoine a’ smaointeachadh gu bheil mi cho fileanta.” Chan e an aon rud a th’ ann am “fileanta” agus “cabhag”. So, mar sin, ma tha iad….

Nis, tha nighean òg ann. Boireannach òg. Tha i math gu bruidhinn. Cluinnidh mi i ann am Beurla is ann an Gàidhlig. Tè Dhòmhnallach, cha chreid mi nach ann à Eilear Nis a tha i. Ach ’s e an t-ionnsachadh a rinn i, agus bidh i a’ bruidhinn mun t-sìde, mun aimsir. Kirsty Macdonald an t-ainm a th’ oirre. Nis, tha ise math. Nuair a bhios i a’ bruidhinn Gàidhlig tha i ga ghabhail air a socair, agus tuigidh tu a h-uile facal a tha i ag ràdh. When she’s reading the weather forecast in English, again the same deliberate tones. Tuigidh an t-amadan as motha a th’ ann dè, cò air a tha i a-mach.

So, feumaidh an aire a thoirt ma tha thu ag ionnsachadh cainnt mar sin gun a bhith a’ feuchainn ri bhith “cool dude” agus a’ bruidhinn cho cabhagach.

GW 32.32

Seadh. Seadh. Agus, chan eil fhios agam a bheil mòran ri ràdh – ’s dòcha nach eil – dè mu dheidhinn na buidhnean ùra, ma tha? Bha An Comunn ann, bho thùs. Ach an uair sin, thàinig Comann na Gàidhlig, Comunn an luchd-ionnsachaidh, Comhairle nan Sgoiltean Àraich, Comann nam Pàrant, agus mar sin air adhart, sna h-eighties agus na nineties. A bheil iadsan air diofar a dhèanamh?

TM 33.04

A dh’innse na fìrinn, Ghòrdain, chan aithne dhomh dad mun deidhinn. Na comainn ùra a tha seo.

Bha thu ceart. Bha An Comunn Gàidhealach ann nam latha-sa. Agus am fear a b’ àirde dhiubh ann an shin ’s e fear Leòdhasach, Thomson a bh’ air. Bha e na mhaighstir sgoile san Òban. Gille beag tapaidh. Agus an rùnaire, ’s e Hearach a bh’ ann, agus bha e sa cho-thional againne ann an St Columba’s, Copland Road. Bhiodh e a’ preseantadh ann an shin. Calum MacLeòid, an t-ainm a bh’ air. B’ aithne dhomh an fheadhainn a bha siud.

Ach, cha robh An Comunn, well, cha robh e a’ tighinn a-staigh dham bheatha-sa ach uair sa bhliadhna, nuair a bha am Mòd Rìoghail ann. Bha ùidh aig a h-uile duine ann an shin, dhe na Gàidheil. Ach a thaobh Comann na Gàidhlig agus na buidhnean eile air an tug thu iomradh chan aithnte dhomh sìon mun deidhinn. Chan eil fhios agam a bheil iad a’ dèanamh feum, no – air cùl m’ inntinn ’s dòcha gum bi feadhainn a’ cantail, “Oh, well, tha iad math gu leòr dha na daoine a tha nam buill dhe na comainn sin”, ach air feadh an t-sluaigh cò aige tha fios?

’S dòcha gu bheil thu fhèin a’ dèanamh tomhas an-dràsta. Tha thu a’ faighinn a-mach dè cho èifeachdach ’s a tha iad, ach chan eil fhios agam an-dràsta a bheil iad gu feum, gus nach eil.

GW 34.53

So, aig ìre na coimhearsnachd, mar gum bitheadh…

TM 34.56

Chan eil fhios agam a bheil iad a’ dèanamh dragh do dhuine sam bith eile. Chan eil fhios agam a bheil.

GW 35.05

’S dòcha gur e deagh chomharra a tha sin, chan eil fhios agam.

TM 35.08

’S dòcha, chan eil fhios agam. Chan eil fhios agam.

Dìreach, airson a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas beòthail, agus gum biodh tarraing ann do dhaoine airson a bhith ga h-ionnsachadh – nis, tha tòrr ga h-ionnsachadh o chionn tha iad a’ faicinn cànan mar phàirt dhen identity aca. Tha iad a’ smaointinn, “Well, chan eil mi ro thoilichte mar a tha mi an-dràsta ag obair ann an – coma dè an obair agad, ach – ag obair ann an sgoil, no ag obair ann an call centre. Chan eil mi air mo dhòigh idir.” Is an uair sin, dìreach latha brèagha air choireigin, gheibh iad a-mach mu dheidhinn Gàidhlig.

Agus tha feadhainn dhiubh air an tarraing gu Gàidhlig, o chionn tha cothrom ann a bhith nad dhuine eile. Agus tha iad, tha iad ga h-ionnsachadh, ach chan eil, mar gum biodh, an cultar aca. Tha dìreach na faclan aca, mar a tha mise le Eadailtis. Bidh na faclan agam, neo-ar-thaing tha mi math gu actadh agus bidh mi a’ ràdh, “Scusa mi, Senorina, vuole mangiare”. Cho cinnteach, cha bhi mi nam Eadailteach gu bràth. Chan eil mi ag iarraidh a bhith. ’S e dìreach, bha mise riamh a’ coimhead air cànanan mar ionnsramaid far am feudar dhomh eòlas air daoine eile. Sin uile. Sin uile.

Ach, feumaidh tu an aire a thoirt, an fheadhainn a tha a’ tighinn a-staigh gu saoghal na Gàidhlig, tha tòrr dhiubh, chan eil iad mar gum biodh nan seasamh air cloich, air glugaman. Chan eil iad stèidhte ann. 

Tha feadhainn eile ann, agus tha iad airson iad fhèin a bhàthadh ann an Gàidhlig, agus ’s toil leamsa an fheadhainn a bhios a’ feuchainn ri leughadh agus a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig. Sin far a bheil e doirbh, neo-ar-thaing tha e furasta gu leòr cil-onaidh mar a tha mi fhìn a ràdh, “Che bella cosa na jurnata ’e sole”. Chan eil e a’ ciallachdainn sìon, really. Chan eil ann ach dìreach mise ag actadh. Agus ’s e an rud a tha mi a’ feuchainn ri ràdh – ’s fìor thoil leam agus tha moladh mòr agam air daoine a dh’ionnsaicheas mar a sgrìobhas iad, ’s mar a leughas iad Gàidhlig. Thoradh, thuirt mi mar-thà, agus tha mi cho cinnteach ris a’ bhàs, mura bi comas leughaidh is comas sgrìobhaidh aig sluagh, bàsaichidh cainnt am beòil. Thèid e bhàs.

Sin an aon rud a tha a’ cumail cainntean, cànanan, beò. Cuimhne agam, chuala mi stòiridh a bha seo, às na ficheadan, ann am Prague. Agus tha mi a’ smaoineachadh gur ann an uair sin, an robh iad saor às an Austro-Hungarian Empire? ’S dòcha gun robh. Na Slavs aig a’ cheann a tuath, an dèidh a’ chiad chogaidh. Co-dhiù, bha suail de dh’fhaireachdainn anns an dùthaich gum bu chòir dhomh an cànan Czech a thogail. Agus aig coinneamh ann am Prague, ann an rùm, ann an clòsaid a bh’ ann, bha còignear aig an robh Czech mar chainnt mhàthaireil. ’S e cainnt am màthar a bh’ aca.

Agus am fear a bh’ ann, chan eil cuimhne agam dè an t-ainm a bh’ air. Choimhead e air an doras. Ars esan ris an fheadhainn a bha timcheall air a’ bhòrd, “Nan tigeadh Serb no Gearmailteach cracte le boma na làimh, nan sprèigheadh e boma nar measg, rachadh ar cànan bas, cha bhiodh guth tuilleadh air.” A dh’aindeoin sin, chùm iad orra. Cha tàinig mad bomber, agus a-nis ann an Czechoslovakia tha a h-uile duine ga bruidhinn.

Gabhaidh a dhèanamh, agus tha eisimpleir eile againn ann an Israel. Dh’ionnsaich iadsan Eabhra gun dragh sam bith. Feumaidh meas mòr no miann aig an luchd-riaghlaidh airson cànan a bhrosnachadh. Feumaidh tòrr airgid a bhith ann. Well, tha mi a’ smaointinn, ’s dòcha gu bheil sin againn. ’S iomadh rud a chì am fear is fhaide beò. Thig air ais an ceann deich bliadhna. Bidh mise san t-sèithear ’s mi a’ ràdh “bha mi ceart”.

GW 40.57

Agus bha sibh ag ràdh cuideachd gu bheil an cultar cudromach, a bharrachd air a’ chànan fhèin.

TM 41.05

’S e rud a tha cho doirbh, greimeachadh ri cultar an latha an-diugh. Bha e furasta gu leòr nuair a bha mise a’ fàs an àird. Dh’aithnicheadh tu an cultar. Cha robh sna daoine ach peasant farmers, agus bha iad ag obair cruaidh agus bha iad tapaidh.

Seanair a’ ghille ud a bha a-staigh, tha mi a’ creidsinn seanair Gillian a bha a-staigh, bha iad uile ag obair cruaidh, agus an rud bu chudromaiche mu dheidhinn a’ chultar aca, ’s e cobhair. Bhiodh iad a’ cuideachainn a’ chèile. Bhiodh iad a’ cuideachainn a’ chèile. Cha shaoileadh iad dad sgioba buain mònadh a chur a-mach gu banntrach shìos an rathad, thoradh bha fhios aca gun robh iad uile san aon staid. Agus mur an toireadh tu cuideachadh no taic dha do nàbaidhean bha thu ullamh. Bha thu ullamh.

Sin an rud bu mhotha. Nis, dh’atharraich an cultar. Tha mi a’ smaoineachadh gur ann à Ameireaga a thàinig e, individualism a tha seo. Mi-fhìn, mi-fhìn. Dèan cinnteach gu bheil thu fhèin math gu leòr mun toir thu sùil air do nàbaidh. Agus coma ged a bhios an tè a tha shìos an rathad ann an shin ann an dòrainn is ann an staing. Chan e do ghnothach-sa a bhith a’ dol na measg. Fuirich far a bheil thu, agus dèan cinnteach gu bheil a’ chlann agadsa a’ faighinn gu leòr de bhiadh. Agus tha rud dhan sin san t-sluagh againne an-dràsta.

Chan eil duine as aithne dhomhsa a chuireadh a chùl ri airgead san t-saoghal a tha seo. Tha iad uile làn capitalist ach mi-fhìn, ’s dòcha. An aon duine nach eil dragh aige mu airgead.

Ach, tha an cultar air atharrachadh. Agus uair dhen robh an saoghal bhithinn a’ smaointinn gur e am buadh as motha a bh’ againn mar Ghàidheil gun robh sinn math ann am blàr. Oh bha, bha sinn foghainteach. Na saighdearan Gàidhealach, cho math ’s bha iad gu sabaid. Ach a-nis, tha mi a’ smaointinn gun robh còirneal O’ Neill, fear Èireannach a bha gar toirt timcheall air Èirinn. Cuine a bh’ ann – còrr is dà fhichead bliadhna bhuaithe – bha esan ag ràdh gur e coibhneas, coibhneas, sin agad am buadh a b’ fheàrr a bh’ aig na Ceiltich. Agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e ceart.

So, mar sin, tha rud beag dhan sin a’ dol fhathast an seo. Chan eil agad ach a ràdh, mar shamhla – cuimhne agad gun robh mi ag innse dhut mun bhàrdachd a sgrìobh mi do Phòl – chan eil agad ach a ràdh ann an Uibhist, “Tha Ronald John, tha e a’ ruith ann an Lunnainn sa mharathon agus tha sinn ag iarraidh beagan airgid thoradh tha e ga chur airson pancreatic cancer no rudeigin”, gheibh thu – tha iad math. Tha iad uabhasach math.

Cuiridh mi geall gum bi sluagh mòr ann an Càirinis air an ath mhìos airson Eilidh. Disathairne sa chaidh bha Peigi agus boireannaich eile, agus fireannaich, ’s ann a bha iad a’ sgioblachadh a’ Chala ann am Baile a’ Mhanaich. Thionndaidh iad a-mach nam ficheadan airson siud a dhèanamh.

So, tha rud beag de chobhair a’ dol fhathast sa chultar againn, ach tha e ag atharrachadh agus, mar a thuirt mi, tha e mar gum biodh tu a’ feuchainn ri greimeachadh ri quicksilver, mercury, grèim fhaighinn air cultar. Ach tha e cudromach cuideachd.

Agus an rud as motha, tha mise a’ smaointinn, a tha a’ cunntas nam bheatha, ’s e sloinneadh, obair sloinneadh. Ma tha sloinneadh agad chan urrainn dhut a dhol às àicheadh. Sin an seòrsa duine a th’ annad. ’S dòcha gum feuch thu, mar a bha mise a’ feuchainn nuair a bha mi beag, a bhith nad chowboy, air neo, nuair a bha mi beagan na bu shine bhithinn ag innse do dhaoine gur e helicopter pilot a bh’ annam. Ach aig bonn mo chridhe bha fhios agam gur e Tormod an gille aig Peigi bheag, nighean Anna nighean Aonghais ’ic Iain Mhòir a bh’ annam. Chan eil atharrachadh air.

Agus tha sin cudromach an-diugh, cudromach an-diugh. Fòghnaidh mi na psycho-babble a tha seo, “Find your inner being. Centre yourself.” Well, o chionn ’s gu bheil sloinneadh agam tha mise an còmhnaidh an teis meadhan Tormod, agus tha mi gu math taingeil gu bheil, cuideachd. Tha mi gu math taingeil. Chan eil mi air mo bhuaireadh a bhith a’ feuchainn ri bhith – cuideigin eile. Tha fhios agam cò th’ annam.

Tha pìosan dhìom as toil leam. Tha pìosan dhìom a tha gu math lag, ach bidh mi a’ dèanamh mo dhìcheall airson na rudan a th’ annam a tha meadhanach math, ’s iad a leudachadh, agus na rudan a tha mi ag aithneachadh an taobh a-staigh dhìom nach eil cho làidir, tha mi a’ dèanamh mo dhìcheall airson iad siud a dhèanamh rud beag nas fheàrr. Agus chan eil dòigh eile air. Sin agad crìoch àraid Thormoid.

GW 47.55

Math fhèin. Taing mhòr, a Thormoid, bha sin dìreach – sin mar a thòisich sinn Diluain. A’ chiad rud a thuirt sibh – tha fios aig a h-uile Gàidheal cò e.

TM 48.09

Tha, tha.

GW 48.12

Agus ’s e an sloinneadh a tha ga innse dha.

TM 48.16

Tha mise cho taingeil, tha gu dearbh, thoradh, well, a h-uile h-oidhche bidh mi a’ gabhail m’ ùrnaigh. Chan eil fhios agam a bheil an cruithear air a bhith ag èisteachd rium, ach tha mi a’ gabhail m’ ùrnaigh agus ag iarraidh maitheanas om mhàthair, agus om athair, ged nach robh mi ro eòlach airsan. Ach tha iad nam bheatha fad an t-siubhail, tha iad nam bheatha fad an t-siubhail.

Nis, mar a tha fhios agad, tha mi a’ dol a dhèanamh òraid aig fèis litreachail ann an Ulapul. Agus mun tèid mi air an àrd-ùrlar, bidh mi gam cheasnachadh fhìn. Canaidh mi, “Nis, a bheil fhios agad, a Thormoid, cò th’ annad? Tha, an gille aig Peigi…” Agus sin mi, mar gum biodh, stèidhte. Thèid mi air an àrd-ùrlar, agus bruidhnidh mi, agus ’s dòcha gun còrd e ris na daoine, ’s dòcha nach còrd, ach ’s ann bhuamsa a thig na faclan.

Mar a thuirt am Muileach,

Òlaibh i buileach, tha tuilleadh san stòp
Deoch slàinte nam Muileach len cruinneagan bòidheach
Òlaibh i buileach, tha tuilleadh san stòp

Am Muile nan garbh-bheann, tha fiadh anns a’ gharbhlaich
Tha gobhar is meanachruidh is sealgairean eòin ann
Òlaibh i buileach, tha tuilleadh san stòp

Slàinte mhath, a Ghòrdain.

GW 49.59

Fantastic. Math dha-rìreabh. Taing mhòr, mhòr, mhòr. ‘S e seachdain air leth a th’ air a bhith agamsa, dìreach a bhith a’ còmhradh leibh agus a bhith ag ionnsachadh bhuaibh. Tha sibh air tòrr ionnsachadh dhomhsa tron t-seachdain, Thormoid, agus tha mi gu math taingeil airson sin.

TM 50.24

Tha thu dì-beathte, uair sam bith. Ceist sam bith a th’ agad, thig thugam an seo. Agus ’s e mo ghuidhe cuideachd, ma tha gille òg a-muigh an siud as toil leis a bhith a’ seinn, ma ghabhas e nòisean dha na seann òrain a sheall mise dhuibh air tèip, faodaidh e faighinn in touch riut agus cuir e-mail thugam, no..

GW 50.56

Well, chan eil mise cho òg, ach bu toil leam fhèin feadhainn dhiubh ionnsachadh.

TM 50.59

Well, tha iad glè mhath. Chan eil iad aig duine sam bith a-nis. Chan eil. Am fear mu dheireadh a bha siud, tha mi a’ smaoineachadh gur e Florag ’an Tàileir a thug dhomh e. Agus fhuair i fhèin e bho Anna Johnson sa ghleann ann am Bàgh a’ Chaisteil. Cuiridh mi geall nach eil Muileach beò an-diugh as aithne dha an t-òran sin. Òlaibh i buileach, tha tuilleadh san stòp, Muile nan garbh-bheann. Agus feadhainn eile cuideachd. Mo nighean dubh, tha bòidheach dubh, mo nighean dubh na trèig mi, ged theireadh càch gu bheil thu dubh. Na h-òrain a tha siud. Agus, O ’s toil ’s gur ro thoil leam, an t-òran Sgitheanach. Chan eil duine gan seinn an-diugh.

So, ma tha cuideigin a-muigh an sin, ma tha cuideigin a chì am film agad mu dheireadh thall, bhithinn gu math deònach na faclan agus na fuinn a chur thuige, thoradh fhuair mise an asgaidh iad, agus duine sam bith aig a bheil ùidh asta, gheibh iadsan an asgaidh iad cuideachd.

GW 52.14

Well, sin againn an cultar Gàidhealach

Clilstore MondayTuesdayWednesdayThursday

Short url:   https://clilstore.eu/cs/4514