Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Norman Maclean on Monday: Sinnsireachd

GW 00.20

Ma thèid againn air rudeigin a dhèanamh eadar an-diugh is Dihaoine, dìreach bruidhinn mu dheidhinn na cuspairean air an robh sinn a’ bruidhinn…

So, a’ chiad rud, bha mi a’ smaointinn, ’s dòcha an-diugh, Diluain, nam b’ urrainn dhuibh innse dhomh mu na h-antecedents agaibh mar gum biodh, a’ tòiseachadh le cò leis sibh.

TM 00.45

Tha fhios aig a h-uile Gàidheal cò e. M’ athair, ’s e Niall Mòr, mac Iain Eòghainn Ruaidh à Cillmoluaig, Tiriodh. Maclean, a h-uile dàrna fear ann an Tiriodh ’s e Maclean a th’ orra. Ach sin mise air taobh m’ athar. An gille aig Niall Mòr, mac Iain Eòghainn Ruaidh. Air taobh mo mhàthar, mo mhàthair Peigi Bheag, nighean Anna Bige. Nis ’s e Anna Bheag a bha seo mo sheanmhair, ’s i nighean Aonghais ’ic Iain Mhòir à Hàcleit.

So, ach às a’ Cheann a Tuath o chionn ’s gun do phòs mo sheanmhair – ’s e bàn Bhaoghlach a bh’ innte-se – phòs i fear às a’ Cheann a Tuath, Tormod MacFhionghain an t-ainm a bh’ air. Agus ’s e m’ ainm, ’s e an t-ainm orm fhìn, Tormod. Tormod Ailein a chanar. So, mo mhàthair ’s i nighean Anna Bige à Beinn na Faoghla, nighean Thormoid Ailein à Uibhist a Tuath, Cladach a’ Bhaile Shear. Agus mise a’ chiad ghille aca, a rugadh ann an Glaschu.

Agus chan eil fhios agam an robh mi fortanach no dè, ach nuair a thòisich an dàrna cogadh chaidh mo sgiùrsadh suas gu bràthair mo sheanmhair, fear Seumas Mòr mac Aonghais ’ic Iain Mhòir, Baoghlach eile. Bha esan na chìobair aig Ceann Loch Arcaig, ag obair do Loch Iall. Agus chuir i mise suas còmhla ris an teaghlach aige fhèin. Agus bha mi fhìn agus Crìsdean ’s Murchadh, na gillean, bha sinn a’ dol chun sgoile as lugha anns a’ rìoghachd – Sgoil an t-Srathan. Chuala mi dìreach bho chionn leth-bhliadhna gun deach an sgoil bheag a tha siud a leagail. Cha robh ann ach zinc, mullach zinc ’s rudan mar sin.

Ach sin Srathan Academy, a’ chiad sgoil dhan deach mi-fhìn. O chionn ’s gun do dhùin an sgoil, o chionn ’s gun deach an tè a bha – an tidsear a bh’ againn, Miss Maclean – chaidh i far a cinn, agus thàinig posse às Craig Dunain agus thugadh air falbh i, an truaghag. So, an uair sin, chaidh mo chur a Bheinn na Faoghla an uair sin gu cousin dham mhàthair, Seumas Mhurchaidh, mac Aonghais ’ic Iain Mhòir. Seumas, agus bha esan ann an Grìminis, agus bha mi a’ coimhead air aodann a mhic an-diugh fhèin. Benbecula Accordion and Fiddle Club, bha an DVD aca san Trianaid. Agus chunna mi Kenny Sheumais a’ cluich a’ bhocsa.

So, bha mi a’ fuireach anns an teaghlach sin, agus ’s ann an uair sin a chaidh mi gu Sgoil Chnoc na Mònadh, Torlum Academy, no bha aig Iain…ri Iain… Iain, ars esan Torlum University.

So, bha mi an sin, chan eil fhios agam, bliadhna gu leth, dà bhliadhna. An uair sin thàinig Niall Mòr, m’ athair, thàinig e air ais gu tìr, a Ghlaschu, agus thàinig e suas, thàinig e gu ruige an t-Òban son mo thogail ’s gam thoirt air ais a Ghlaschu. Agus mar sin an treas sgoil dhan deach mi, bun-sgoilean – Sgoil an t-Srathan, Sgoil Chnoc na Mònadh, an uair sin Bellahouston. Agus bha deuchainn aca an uair sin ris an canadh iad “qualifying examination”, agus – oh, bha mi sgràthail fhèin math san sgoil, ’s e show-off a th’ annam – agus fhuair mi bursary airson a dhol gu Hutcheson’s Grammar no rudeigin, ach cha d’ rachainn ann. ’S chùm mi orm agus chaidh mi gu Bellahouston Academy, agus, oh, cha do rinn mi dona.

GW 05.37

Ach, dìreach a’ tionndadh air ais rud beag dhan teaghlach agaibh, ’s e Uibhistich air taobh ur màthar, ach Tiristich air taobh ur n-athar.

TM 05.53

Sin e. Ach, ann an dòigh – chionn ’s gu robh m’ athair aig muir – ghabh mise taobh bho na h-Uibhistich, thoradh bha mi a’ cluinntinn na stòrannan aig mo mhàthair, mu Chladach a’ Bhaile Shear, is mu Chàirinis, agus mu Bheinn na Faoghla is mu Ghriminis, well, àite far an robh mo sheanmhair. Bha ise a’ fuireach ann an – chan eil an t-àite ann – an t-seanmhuilinn, gu math faisg air an eaglais ann an Grìminis, an eaglais Chaitligeach, an t-seanmhuilinn. Bhon rathad ma thionndaidheas tu gu do làimh chlì chì thu an tobhta aig Aonghas mac Iain Mhòir.

So, mar sin, bha mi, mar gum biodh, air mo bhàthadh ann an stòrannan Uibhisteach. Cha robh mi ro eòlach air Tiriodh ann. Bhiodh mo mhàthair gam thoirt ann, gun teagamh.

GW 06.57

Ciamar a thachair iad ri chèile – bhur màthair agus bhur n-athair? An ann ann an Glaschu a thachair iad ri chèile?

TM 07.03

’S ann, ’s ann. In fact, tha stòiridh co-cheangailte ri sin, a Ghòrdain. An uair ud, ann an Glaschu, ’s e prìomh àite nan Gàidheal an drochaid. Bhiodh iad a’ coinneachadh aig an drochaid, agus an oidhche bha seo, ’s e oidhche na Sàbaid a bh’ ann, tha mi a’ creidsinn, bha mo sheanmhair – bha taigh aice – ’s e flat a chanadh iad an-diugh, ach ’s e taigh a chanadh iad an uair sin – ann an tenement ann am Mair Street, ann am Plantation, ann an Glaschu, thoradh bha i a’ feitheamh gun tigeadh an duine aice, Tormod Ailein, an Tuathach, gun tig e air tìr.

Co-dhiù, oidhche na Sàbaid a bha seo, choimhead i a-mach air an uinneag agus chunnaic i an nighean aice, Peigi Bheag, agus i a’ bruidhinn ri dithis fireannaich mòr a bh’ annta. So, bha a’ chailleach cho nosy, ars ise, “Cò am fear mòr a bha siud ris an robh thu a’ bruidhinn, muigh aig a’ chorner ann an shin?”

“Oh,” ars mo mhàthair, “’s e fear Maclean a th’ ann. ’S ann à Tiriodh a tha e. Neil Maclean, an t-ainm a th’ air. Tha e aig muir. Ach ged is ann à Tiriodh a tha e, bha e a’ dhol dhan sgoil ann an Loch nam Madadh.”

“Oh,” ars a’ chailleach, “Nach e a chaidh air an astar airson foghlam fhaighinn!”

Ars mo mhàthair an uair sin, “No, no, ’s e a bh’ ann, fhuair athair (sin mo sheanair, Iain Eòghainn Ruaidh) fhuair e obair aig Taigh Òsta Loch nam Madadh.” Bha e uabhasach math le eich, agus an obair a bh’ aige, ’s e a bhith a’ toirt na h-uaislean timcheall air Uibhist a Tuath ann an gige le each. Sin an obair a bh’ aige. Chan eil fhios agam…  dè an obair, ach… Agus m’ athair, a’ chiad sgoil dhan deach e, ’s e sgoil Loch nam Madadh.

Ach, gu mì-fhortanach, chaidh mo sheanair, Iain Eòghainn Ruaidh, an Tiristeach, chaidh e a dh’obair gu MacAmhlaidh Mòr, ann an Cladach Chirceabost, agus bha e fhèin gu math crosta, agus bha iad a’ sabaid latha air choireigin a thaobh beathach-eich a bh’ aig MacAmhlaidh, agus shaoil e nach robh mo sheanair a’ dèiligeadh leis a’ bheathach tha seo – tha mi a’ smaointinn gur e Arabian stallion a bh’ ann – ro mhath. Agus thòisich iad air buillean agus chaidh Iain Eòghainn Ruaidh agus an gille beag, m’ athair, chaidh an sgiùrsadh a-mach às Uibhist. Agus chaidh iad air ais a Thiriodh.

So, sin a bha mo mhàthair a’ feuchainn ri ràdh. “‘S e fear dhe na daoine againn fhìn a th’ ann, a mhàthair. Ged is ann à Tiriodh a tha e, chaidh e dhan sgoil ann an Loch nam Madadh.” Ars a’ chailleach, cho aimseach, ars ise “Aidh, nach e a chaidh air an astar airson foghlam fhaighinn”. Gun robh e a’ traveladh eadar Tiriodh agus Loch nam Madadh a h-uile latha airson a dhol dhan sgoil.

GW 10.30

So, an e beatha Gàidhealach a bh’ aca, fiù ’s ann an Glaschu?

TM 10.35

Oh, ’s e, ann an Glaschu. Well, nach eil e neònach, ’s e beath caran neònach a bh’ agamsa. Broinn an taighe, ’s e Gàidhlig a bha a’ dol. Agus tha sin a’ meanigeadh – na nàbaidhean, bha iad uile Gàidhealach. Bha tè timcheall a’ chorner, Midlock Street, pal a b’ fheàrr, tha mi smaointinn, aig mo mhàthair, tha, Màiri Fhraochain a chanadh iad rithe. ’S ann à Loch a Chàrnan a bha Fraochan fhèin. Uair dhen robh ’n saoghal tha mi a’ smaointinn gur e harbour master a bh’ ann ann an Loch Baghasdail. Ach bha Màiri, bha i pòsta aig fear Ìleach, MacGibbon. Agus chòrd MacGibbon rium, bha e math gu seinn. Agus bhiodh mo mhàthair gam thoirt suas a chèilidh air Màiri, agus bhiodh am bodach a’ seinn, gu h-àraidh ma bha dram aige.

Ach bha feadhainn às gach clobhsa timcheall, bha feadhainn Ghàidhealach ann. Na Martins, ’s ann à Ìle a bha iad. Na Smiths, ’s ann à Leòdhas a bha iad, agus ’s e “Miff” a bh’ agamsa air a’ chailleach. Bha i uabhasach laghach, agus bha triùir nighean aice, agus ’s iad an fheadhainn a bha really laghach ri mo phiuthair. Agus bha fear eile ann sa ghang againn fhìn, an gille aig Anna an t-sealgair a chanadh iad, Macdonald, ’s ann à Uibhist a Tuath a bha esan. Bha tòrr de Ghàidheil san oisean a bha siud – Sgitheanaich, Maclean, agus Leòdhasaich, Matheson a-rithist.

So, mar sin, broinn an taighe, ’s e a’ Ghàidhlig a bha a’ dol. A-muigh – diofraichte, gu tur eadar-dhealaichte. Bha mar gum biodh – chanainn-sa gun robh deichnear de Thormodan timcheall an uair ud. Bu chòir dhomh Sybil a chur orm mar ainm – multiple personality. Bha cainnt nan gangsters, an fheadhainn a bha a’ cluich còmhla rium. Bha sin agam. Bha a’ Ghàidhlig agam a-staigh. Bhithinn ag atharrais air cainnt nan Leòdhasach bho chailleach “Miff”. Agus nuair a chaidh mi dhan sgoil ann an Glaschu, chanainn-sa gun robh modified demotic Glaswegian agam airson nan tidsearan. Mar a thuirt mi, ’s e multiple personality a bh’ annam.

Ach cha do shaoil mi dad dheth. Nis, seo an rud. Tha mi a’ smaointinn, an latha an-diugh, tha daoine cho mionaideach a thaobh dè a’ chainnt a chleachdas iad. Saoilidh mi gu bheil tòrr dhiubh, gu h-àraid aiseirigh na Gàidhlig a tha seo, tha iad a’ saoilsinn nan cinn-eanchainn ma bhrùthas iad putan ’s e a’ Ghàidhlig a thig a-mach. Agus mura brùth iad am putan a tha seo ’s e Beurla, mar as trice, a thig a-mach. Ach cha b’ ann mar sin a bha, nuair a bha mise a’ fàs an àird. Cha do shaoil mi, cha do shaoil mi. Gun a dhol ro dhomhainn a-steach do obair mo chinn-eanchainn – tha mi air a bhith a’ leughadh rudeigin mu dheidhinn ceann-eanchainn agus smuaintean mar gum biodh – bha mise, mar a tha a h-uile duine eile, tha mi a’ smaointinn – bha mi dhen bheachd gun robh am prìomh oifis air choireigin air cùl mo chinn, a bhiodh a’ toirt seachad òrduighean. “Bruidhinn Gàidhlig”. “Bruidhinn Beurla”.

Ach, mar a tha fhios agad – well ma leughas tu dad sam bith mu dheidhinn neuroscience – tuigidh tu gu bheil an ceann-eanchainn, tha e ag obair fad an t-siubhal gun fhiosta dhut. Neurons a’ losgadh thall ’s a bhos. Ach nam bharail-sa chan ann mar a tha Dawkins idir, tha mi a’ smaointinn. Tha esan dhen bheachd gu bheil a h-uile rud dìreach – chan eil fhios agad dè tha a’ tachairt. Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil rud beag de shaorsa agam. Rud beag de shaorsa agam a nì suas, right, tòrr dhe na thig a-mach às mo bheul, chaidh sin a-mach gun fhiosta dhomh. Ach ’s mi a tha a’ tighinn chun cho-dhùnaidh gur e a’ Ghàidhlig a tha mi a’ dol a bhruidhinn an ceartuair, agus air an ath mhìos nuair a thèid mi gu Colonno san Eadailt, “Prego, signore, scusi”, ’s e Eadailtis a bhruidhneas mi, agus cha bhi cus agam ri smaointeachadh ma dheidhinn. Tha e nas nàdarraiche, o chionn nuair a bha mi beag bhithinn a’ tionndadh, cha mhòr, ceithir tursan san uair.

GW 16.09

Dè mu dheidhinn bhur pàrantan ge-tà? An robh iadsan cho comhfhurtail sa Bheurla, no bhur seanair no bhur seanmhair?

TM 16.17

Well, nach eil e neònach. Lean mise cleas mo mhàthar. Thachair an aon rud rithese. Chaidh a cur gu Cladach a’ Bhaile Shear còmhla ri a h-uncail, bràthair mo sheanar, Aonghas Ailein MacFhionghain, Chladach a’ Bhaile Shear. Agus chaidh i a Sgoil Chàirinis, ach, Tormod Ailein, a h-athair, agus mo sheanair, chaidh a bhàthadh san nèibhidh. Agus nuair a thachair sin, bha a’ chailleach fhathast ann an Glaschu – seo Anna Bheag – dh’iarr i air mo mhàthair agus a bràthair – Tormod a bh’ airsan cuideachd – a thighinn air ais a Ghlaschu. So chan eil fhios agam dè an aois a bha mo mhàthair an uair sin, ’s dòcha na deugaire, bhiodh i mu thrì-deug no ceithir-deug, ach cho luath ’s a ràinig i Glaschu bha i cho fileanta ann an Weegie. Agus chun latha a bhàsaich i ’s e take on sgràthail a bh’ innte. Nan cluinneadh tu Peigi Bheag a’ bruidhinn Beurla, chanadh tu “och a wee Glesga woman, you know”, agus an uair sin bheireadh i dhut sgleog, thionndaidheadh i gu Gàidhlig agus shaoileadh tu dìreach gun do ràinig i, gun do dh’fhàg i cidhe Loch nam Madadh an-dè.

Bha i uabhasach math air sin agus sin cleas a chleachd mi fhìn nuair a bha mi a’ dèanamh stand-up. Bhithinn a’ tarraing às an luchd-èisteachd. Ge brith ciamar a bha mi a’ bruidhinn aig toiseach na h-oidhche, tron oidhche bhithinn ag atharrachadh gu dubh. Bhithinn a’ bruidhinn Gàidhlig no a’ bruidhinn Fraingis no a’ bruidhinn Weegie, Glaswegian, agus gheibheadh tu, gan cumail air an corra-biod. mar gum biodh.

So bha mo mhàthair uabhasach math air sin. An taca ri m’ athair bha i gu math Gallda nuair a bha i a’ bhruidhinn Beurla. An taca ri m’ athair bha i na bu Ghàidhealaiche a’ bruidhinn Gàidhlig. Bha i cho tuathach, agus bhithinn-sa tarraing aiste “Na tuathaich, tha iad cho sgleogach.” Sin am facal a bh’ againne am Beinn na Faoghla. Bha iad cho sgleogach air bruidhinn. ’S ann mar sin a bha mo mhàthair. Bha an dà chainnt gu tur eadar-dhealaichte.

Nis, m’ athair, air an làimh eile, ’s dòcha nach robh e cho math air a’ Ghàidhlig. Bha e ga bruidhinn agus bha e ga tuigsinn. Ach, well, tha cuimhne agam aig Bliadhn’ Ùr, bhiodh e a’ bruidhinn, bhiodh a bhràthair Eòghainn, bhiodh esan a’ tighinn le uisge-beatha, bhiodh m’ athair a’ feuchainn ri seinn “Lag nan Cruachan” ’s bhiodh iadsan a’ bruidhinn ann an Gàidhlig, ach chanainn-sa – ’s dòcha gu bheil mi ceàrr, cò aige a tha fios – nach robh e cho comhfhurtail sa Ghàidhlig ’s a bha mo mhàthair. Ach ann am Beurla bha e gu math Gàidhealach a’ bruidhinn. Oh bha, dh’aithneachadh tu gur ann à Tiriodh a bha e. Bha e fhèin gu math sgleogach, ‘s bha glottal stops gu leòr ann. “Well, a’ bhalaich, ciamar a tha thu?” Mar sin, so sin mar a bha iad.

GW 20.01

Agus a bheil cuimhne agaibh air Gàidhlig bhur seanmhair?

TM 20.05

Tha, tha cuimhne agam air an sin. Tha deagh chuimhne agam. Bhiodh  mo mhàthair gam thoirt suas a choimhead air mo sheanmhair, agus chan eil fhios agam – well, chan urrainn dhut seo a ràdh, cha chreid mi gun robh Beurla idir aig mo sheanmhair. Cha robh, cha deach i dhan sgoil riamh. Mar a tha an sgeulachd a’ dol, rugadh i ann am Bhàlaigh, Uibhist a Tuath. Tha mi a’ smaointinn gun robh a h-athair, Aonghas mac Iain Mhòir a bha seo, ’s e cìobair a bh’ ann, gun robh esan ag obair ann am Bhàlaigh, ma dh’fhaoidte aig àm breith na h-uain no rudeigin. Ach rugadh mo sheanmhair ann am Bhàlaigh agus cha do bhodraig iad a cur dhan sgoil. Dè am feum a bha an sgoil a’ dol a dhèanamh do bhoireannach? “Thalla a-staigh dhan chidsin, thalla a-staigh agus dèan nigheadaireachd.”

Ach, ’s e cailleach smart a bh’ innte. But, thuirt mo mhàthair, an uair ud ann an Glaschu, cha ruigeadh i leas Beurla a bhith aice. Bha uiread de Ghàidheil timcheall oirre, agus bhiodh i – daoine a’ bruidhinn mu dheidhinn Muslim isolation is gnothaichean – cha do rinn i oidhirp sam bith Beurla  ionnsachadh. Bha nighean aice a sgrìobhadh litrichean dhith – seo mo mhàthair. Chan e gur e Nobel prize-winner a bha nam mhàthair, ach, you know, bha comas sgrìobhaidh aice. Bhiodh ise a’ sgrìobhadh. Bha na gillean, Tormod is Seumas is Cailean – rachadh iadsan dha na bùithtean dhi airson biadh, agus, recreation mar a chanas iad, well rachadh i a thaigh a’ Bharraich air Paisley Road, chan eil fhios agam cò am Barrach a bh’ ann, air neo rachadh i aig Ciorstaidh Eachainn – ’s e cailleach às a’ cheann a tuath, ’s i seanmhair Alasdair Gillies am pìobaire, Ciorstaidh Eachainn – agus cho fad ’s is aithne dhomhsa, och bha tòrr dhiubh ann an uair ud ann an Kinning Park agus Plantation so mar sin..

GW 22.36

So, ’s e beatha gu tur Gàidhealach a bh’ ann?

TM 22.40

Cha leigeadh i leas facal Beurla a bhith aice. Tha mi a’ creidsinn gun tuigeadh i yes and no. But bha ise really Gàidhealach. Mo mhàthair, bha i dubh is geal, an dà chuid – Weegie, Uibhist a Tuath. M’ athair, fhad ’s is cuimhneach leam, cha robh e cho math air a’ Ghàidhlig – well, ’s dòcha gur e an rud a bh’ ann, bha mise na b’ eòlaiche air cainnt nan Uibhisteach na bha mi air cainnt nan Tiristeach. But, cha robh esan cho..

GW 23.21

Ach bha ur seanair a’ fuireach ann an Glaschu cuideachd, nach robh?

TM 23.25

No, air taobh m’ athar? Iain Eòghainn Ruaidh an seinneadair. Thàinig e a dh’fhuireach còmhla rinn nuair a bhàsaich a bhean. Thug m’ athair a-staigh e. Chan eil fhios agam dè cho fad ’s a bha e còmhla rinn. Cha robh mise ach beag an uair sin.

GW 23.44

An e Gàidhlig a-mhàin a bhiodh aigesan?

TM 23.46

Oh, ’s e Gàidhlig a bhiodh aigesan. Agus, ’s e, tha mi a’ creidsinn, a dh’fhosgail dorsan a’ chiùil dhomhsa. Bhiodh e ag ionnsachadh mar a sheinninn. Agus nach eil e neònach. ’S ann dìreach o chionn ghoirid a thuig mi – na h-òrain a b’ fheàrr leis a’ bhodach – nis, seo fear a fhuair bonn airgid aig cruinneachadh na h-Eaglaise Brice. Bha cruinneachadh aca, Falkirk Tryst a chanadh iad ris. Agus bhiodh dròbhairean às gach àite a’ cruinneachadh aig an Eaglais Bhreac a tha seo, Falkirk. Agus bhiodh farpaisean aca, agus ’s e am bodach ann an 1878, tha am bonn aig a’ bhean san Òban – “Awarded for original Gaelic song to J MacLean”.

Bha esan math gu seinn, tha e coltach, ach na h-òrain a dh’ionnsaich e dhomhsa cha chluinn thu an-diugh iad ann. A’ mhòr-chuid dhiubh, ’s ann à Ìle a thàinig iad. Agus chan eil cuimhne aig daoine, ’s chan eil diù aig daoine, cho math ’s a bha na h-Ìlich gu òrain a dhèanamh.

Ochòin, a Rìgh, gur e mi tha muladach,
Nach robh mi ’n Ìle ’s mo rìbhinn lurach ann,
’S i thogadh m’ inntinn le brìodal cuireideach,
’S a dh’fhàg fo chìs mi mur till i tuilleadh rium.

An eilean uaine nan cluaintean glacagach,
A dh'fhàg mi gruagach a’s uaisle cleachdaidhean;
Gur tric mi bruadar mo rùn bhith ’n taice rium,
Ach nuair nì mi dùsgadh mo rùn chan fhaicear leam.

Tha sin doirbh a bhalaich. Agus a’ chiad òran a dh’ionnsaich mi riamh.

Och, och mar tha mi ’s mi seo nam aonar,
Gur cianail dh'fhàg thu mi ’n dèidh do chòmhradh,
Mo chreach ’s mo dhìobhail nach robh mi ’n Ìle,
’S mo chruinneag Ìleach a’ dol ga phòsadh.

 Cha chreid mi gu bheil duine air thalamh air fhàgail a-nis a sheinneas sin. Paul McCallum, ’s dòcha, don’t know.

GW 26.25

Tha na faclan agaibhse fhathast.

TM 26.27

Oh tha, tha, thoradh bha dòigh teagaisg a’ bhodaich – bhithinn-sa, cha robh mi ach beag, eadar a dhà chas mar sin, agus bhiodh grèim aige air mo ghualainn, ’s gam chrathadh “Ochòin, a rìgh, gur e mi…” Chan eil fhios agam dè cho fad ’s a chùm e air. Ach bha e a’ còrdadh riumsa.

Agus a-rèir mo mhàthar, bha e gu math brònach a’ fàgail Uibhist. Chòrd Uibhist a Tuath ris, uabhasach math. ’S e dìreach cruaidh fhortan gun deach e fhèin ’s MacAmhlaidh Ruadh far a chèile. Bha e air fuireach an seo, well an Uibhist a Tuath, gu sìorraidh. Ach co-dhiù, cha robh e an dàn dha.

So, sin agad Iain Eòghainn Ruaidh, seinneadair, bodach laghach, agus Anna Bheag mo sheanmhair air an taobh eile. Chanadh tu gur e Sicilian matriarch a bh’ innte. Bha i uabhasach dorcha sa chraiceann. Agus ’s e an rud a bh’ ann, agus lean e mo mhàthair cuideachd. ’S i a bu shine dhen teaghlach agus bha tòrr bhràithrean aice – boss lady. Boss lady, agus ’s e an fheadhainn a bh’ air fhàgail, na bràithrean, Alasdair is Aonghas agus Murchadh – sin an aon fhear a dh’fhan am Beinn na Faoghla, Murchadh – bhiodh i gam bossadh-san. Agus Murchadh a bha seo, sin agad athair Seumas Mhurchaidh, seanair Kenny Sheumais Mhurchaidh. Sin am Murchadh a bh’ ann.

Co-dhiù tha mi a’ dol far mo sgeòil. Bha mi fortanach leis na pàrantan agam. Bha mi gu math fortanach. Cha do thuig mi sin gus an robh mi nam dhuine mòr. Ach, nuair a bha mi beag, bha mi gu math fortanach. Ach, ’s e an rud bu mhotha, ’s e gun d’ fhuair mi blasad dhan Ghàidhlig, agus chan e rud mòr cudromach a bh’ ann a bhith ga bruidhinn. Bha e dìreach gu math nàdarrach, agus chùm mi orm mar sin, ’s mo mhàthair an aon rud.

Bha i ann an sheo. Bha i aig, dè chanas tu ris, Lachlann Phàdruig, cousin dhi, Lachlann Phàdruig. No, no, ’s e màthair Lachlainn Phàdruig, Magaidh Lachlainn Bhig às na Ceallan, bha i fhèin agus mo mhàthair nan co-oghaichean, first cousins, so Lachlann ’s e second cousin dhomhsa a bh’ ann. Nis bha i ann nuair a rugadh am fear òg, Pàdruig, Pàdruig òg, fear a’ bhocsa,  agus bha i cho nàdarrach a’ bruidhinn riutha-san. Bha i gu math èibhinn, mo mhàthair, a’ bruidhinn. Ach, mar a thuirt mi, cho luath ’s a thill i a Ghlaschu, thionndaidh i, mar sin.

So, mar sin, cha do smaointich mise gun robh e cudromach, no gun robh còir agam a bhith a’ gabhail ealla ris a’ chainnt a bha mi a’ bruidhinn. Bha e dìreach – an rud a thigeadh bhom bheul. Na neurons a’ losgadh agus pìos ann an shiud, sa phrìomh oifis air a chùlaibh a ràdh…

GW 30.26

Agus cha bhiodh iadsan a’ smaointeachadh mu dheidhinn nas motha.

TM 30.29

Cha bhiodh, cha bhiodh.

GW 30.31

An robh e cudromach dhaibh – an robh iad a’ smaoineachadh orra fhèin mar Ghàidheil, no Tiristeach, no Uibhisteach?

 TM 30.38

Oh, bha gu dearbh. Agus nuair a smaoineachas mi air an-diugh, dè thuirt Obama mu dheidhinn an rud a thuirt Boris craicte mu dheidhinn Kenyan colonial background? Ars Obama, ’s e cho fireanta, ars esan, “I detect a dog whistle racism there”. Dog whistle racism. Tha mise smaointinn, nuair a choimheadas mi air ais, gun robh an aon rud aig na Gàidheil a bha timcheall oirnn. Bha sinn a’ smaointinn gun robh sinn nas àirde na muinntir Ghlaschu. Bha, oh bha gun teagamh.

Agus, bha muinntir Ghlaschu, a’ chlann, caran farmadach, thoradh a h-uile samhradh bhiodh clann nan Gàidheal a’ falbh suas dha na h-eileanan, dhan Eilean Sgitheanach, dha Leòdhas, dha na Hearadh, Ìle, Tiriodh. Cha robh iadsan a’ faighinn a’ chothruim sin. Bha iadsan stuck eadar Glaschu agus Saltcoats. Sin an cuid. Ach bha na Gàidheil, na h-Eileanaich a bha timcheall, bha iadsan a’ saoilsinn gun robh iad os cionn muinntir Ghlaschu.

GW 32.03

So, socially, cha bhiodh daoine a’ measgachadh?

TM 32.10

Na daoine mòra? Dh’fheumadh iad, dh’fheumadh iad. Ach cuiridh mi mar seo e. ’S dòcha gun robh Mrs Martin sa chorner thall, Jamie Martin – sin an duine aice – ’s dòcha gum biodh i a’ bruidhinn ri nàbaidhean sa chlobhsa – oh cho trom ’s a bha Jamie Martin air an deoch – bha e trom air an deoch – ach cha robh airgead aca an uair sin, oidhche Haoine ’s dòcha oidhche Shathairne. ’S dòcha gum biodh i a’ gearain ri Mrs Murphy shìos a’ staidhre, ’s dòcha gum biodh i a’ faighneachd de Mrs McGuffie, an ath doras, cò an tarraing a bh’ ann gu bhith a’ glanadh a’ chlobhsa, ann am Beurla agus a’ faighinn air adhart leotha math gu leòr. Ach ma bha i airson a bhith toilichte, ma bha i airson oidhche a chòrdadh rithe a bhith aice rachadh i gu taigh mo mhàthar no taigh Màiri Fhraochain no taigh “Miff”. So tha mi a’ ràdh, bha iadsan a’ smaoineachadh gun robh toileachas ri fhaighinn am measg nan daoine aca fhèin. Ach, dh’fheumadh iad, of course, a bhith a’ fuireach còmhla ris na Goill cuideachd. Bha an dà chuid aca.

GW 33.48

An robh pàirt aig creideamh ann, eadar na Caitligich agus na Pròstanaich?

TM 33.54

Bha, an uair sin ann an Glaschu – agus tha e annamsa fhathast. Nach eil e neònach. An uair sin ann an Glaschu cha robh rud cho cudromach ri sectarianism, ri creideamh. Mas ann Caitligeach a rugadh tu, bha thu Caitligeach rid mhaireann, ’s e Celtic an sgioba bhall-coise a bhiodh agad gu sìorraidh, agus bha gràinne agad air Rangers. An aon rud an aghaidh na ranna. Mas ann Pròstanach a rugadh tu, gu nàdarrach bhiodh tu airson Rangers, agus duine sam bith a bha airson Celtic ’s e nàmhaid a bh’ ann. Agus bidh snodha-gàire orm…

GW 34.50

Fiù ’s taobh a-staigh na coimhearsnachd Gàidhealach?

TM 34.52

Nis, nach eil e neònach, cha robh iad a’ bodraigeadh, thoradh, ag innse na fìrinn sa choimhearsnachd Ghàidhealach, mar shamhla, bha coinneamh aig Comann Uibhist is Bharraidh a chanadh iad, a h-uile oidhche Shathairne, agus chanainn-sa gun robh e leth-cheud leth-cheud no ‘s dòcha gun robh barrachd Chaitligich ann, chan eil fhios agam. Ach ’s ann san Orange Hall a bha iad a’ coinneachadh. Nis cha robh guth an uair sin eadar muinntir Èirisgeigh, no Uibhist a Deas, no Barraigh agus na Pròstanaich à Beinn na Faoghla ‘s Uibhist a Tuath. It didn’t mean a thing.

Ach nach eil e neònach, bha a’ chlann, bha sinn a’ dol gu diofar sgoiltean. Agus tha mi a’ dol a sgur an ceartuair a Ghòrdain, gabh mo leisgeul. Innsidh mi dhut rud neònach a thachair. Cho searbh ’s a bha na daoine an uair ud.

Thàinig mise dhachaidh à Uibhist. Agus cò bha còmhla rium ach am fear a bha seo, an t-ogha aig Fraochan à Loch a’ Chàrnan, Iain MacGibbon. Agus chaidh sinn suas gu Bellahouston Primary. Bha e gu math faisg, eadar seo agus an cattle grid a-muigh an sin. No bother, mi fhìn is Iain toddladh suas gu Bellahouston Primary. Chan eil fhios agam cò an clas air an robh mi, ’s dòcha Primary Five no Primary Six. Iain rim thaobh. Shuidh sinn sìos còmhla, ’s thuirt Miss Wilson, an tidsear, ur beatha dhan dùthaich a’ chlann, ann am Beurla, “We have two new pupils today, Iain MacGibbon and Norman Maclean. This is Norman. Raise your hand. This is …” A’ chlann eile a’ clapaigeadh. Bha e gu math taitneach, an rud a thachair.

Ach, as dèidh seachdain cò thàinig suas dhan sgoil ach an sagairt, Father Hickey a chanadh iad ris, agus an uair sin thugadh an gille Iain MacGibbon a-mach às a’ chlas agamsa agus an dearbh latha chuir iad gu ruige St Xavier’s e ann an Govan, mu an aon astar eadar na dachaidhean.

Ach tha cuimhne agam, cha do thuig mi carson a bha seo. Nis, nach eil e neònach, an dà bheachd-smuain a ghlèidh mi nam cheann. Cha robh mi a’ tuigsinn carson a thugadh Iain MacGibbon, leth-Dheasach mach às a’ chlas agamsa, ’s chuir iad gu sgoil Chaitligeach e, ach bha mi a’ tuigsinn math gu leòr an t-adhbhar a bh’ aca Francis Aloysius Carrabine, a bha a’ fuireach san ath chlobhsa, carson a bha esan a’ dol gu St Xavier’s. Bha sin sgrìobhte sa chlàr aig m’ aois – muinntir Ghlaschu, Caitligeach, St Xavier’s.

 

Clilstore TuesdayWednesdayThursdayFriday

Short url:   https://clilstore.eu/cs/4510