Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Birlinn Chlann Raghnaill: Alan and Bill at Kildonan

Below are the Gaelic extracts that Bill Innes reads out in the clip of the Kildonan Museum performance.

At 5.08:

’Ghrian a’ faoisgneadh gu h-òr-bhuidh
        As a mogal,
Chinn an speur gu dùldaidh, dòite,
        Làn de dh’ oglachd,

 
Dh’ fhàs i tonn-ghorm, tiugh, tàrr-lachdann,
        Odhar, iargalt,
Chinn gach dath bhiodh ann am breacan
        Air an iarmailt:


At 8.30:

Tharraing an cuan a bhrat dùbhghlas
        Air gu h-uile,
Mhantal garbh, caiteanach, ciar-dhubh,
        ’S sgreataidh buinne;


Dh’ at e ’na bheanntaibh ’s ’na ghleanntaibh,
        Molach, robach,
Gun do bhòc an fhairge cheigeach
        Suas ’na cnocaibh,


Dh’ fhosgail a’ mhuir ghorm ’na craosaibh
        Farsaing, cràcach,
An glaicibh a chèile ri taosgadh,
        ’S caonnag bhàsmhor;


Gum b’ fhear-ghnìomh bhith ’g amharc an aodann
        Nam màm toinnte,
Lasraichean sradanach sionnachain
        Air gach beinn diubh,


Na beulanaich àrda, liath-ghorm
        Ri searbh bheucail,
Na cùlanaich ’s an cladh dùldaidh
        Ri garbh gheumnaich;

 At 12.31:

’S an sin bheum sinn na siùil thana,
        Bhallach, thùilinn
’S leag sinn a crainn mhìn-dhearg, ghasda
        Fad a h-ùrlair,

 
’S chuir sinn a mach ràimh chaol bhasgant
        Dhaite, mhìne,
Den ghiuthas a bhuain MacBharrais
        An Eilean Fhìonain,


’S rinn sinn an t-iomramh rèidh tulganach
        Gun dearmad,
’S ghabh sinn deagh longphort aig barraibh
        Charraig Fhearghais.


Thilg sinn acraichean gu socair
        Anns an ròd sin,
Ghabh sinn biadh is deoch gun airceas
        ’S rinn sinn còmhnaidh.

 

Clilstore Island VoicesBirlinn bilinguallyKettilonia

Short url:   https://clilstore.eu/cs/4476