Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Sonas ann an Suidhisnis

’S math is cuimhne leam là
’S mi gu seasgair ’s gu blàth
Am poca-cadail ’s mi a’ rànail nam shuain...

Am bothan-aodaich air blàr
Bha ’g èirigh suas bhon a’ rathad
Ann an eilean tha ri Clàraich is cuan

’S gann gun cluinninn mo shrann
Ri linn an ùpraid a bh’ ann
Duine ’s caoraich na cheann ’s iad a’ siubhal

’S ann a phùt mi mo shròin
Ge bu chùl dhomh mo thòin
A chur aghaidh ris an t-seòid a bha muigh ud

’S air dhomh cantail, “Cò sibh
A rinn mo thogail às ùr
Air madainn mhaiseach cho ciùin is a chunnaic?”

Thuirt am bodach, ’s e còir,
“Is mise Calum MacLeòid
’S Calum Bàn mar is eòl do gach duine!

“Ciod as dachaigh dhut fhèin
Le do Ghàidhlig cho rèidh
’S gun dèan e àgh na mo chlèibh bhith ga cluinneil?

“ ’n ann à Èirinn thu thall
No badag eil’ air an fhonn
Far nach bruidhnear i ann ’s i gun uidheam?”

Ged bu duilich a ràdh’
’S ann a thuirt mi, “ ’S e ’m Blàr
Far nach cluinnear ach càineadh is cuthach!

“Ged bha uair b’ i ar cainnt
An-diugh gur gann i ga seinn
Mu na cnuic ’s mun a’ Bheinn ’s i gun chumhachd

“Ach tha mi subhach a ràdh’
Gum bi deagh chuimhn’ a’m gu bràth
’S mi nist air fuireach trì là na ur dùthaich:

“Oir ’s ann ann an Ràtharsair bheag chòir
A bhios a’ Ghàidhlig mar cheòl
Cho fad ’s is làidir ’s is beò i na ur cuideachd.”

Is e seo òran a rinn Niall Gòrdan bhon Bhlàr Dhubh mun àm a bha e aʼ campadh ann an Suidhisnis an ceann a deas Eilean Ratharsair, agus thàinig fear Calum MacLeòid seachad tràth sa mhadain le treud de chaoraich.

Clilstore Biorachan Beag

Short url:   https://clilstore.eu/cs/4400