This is a Clilstore unit. You can .
1. Air dhomh bhi’m shuidhe greis an tàmh
A’ smuain eachadh leam fhin
Am bheil a’ Gaidhlig a’ dol bàs
Màr chànan tha gun bhrigh
Am bheil i ‘tuiteam sios ‘nar là
On inbh’ bu choir dhi bhith
Bheil sinn gun suim mur till e’n àird
‘S gum faigh i bàs ‘nar tìr
2. A’ Ghàidhlig choir a fhuair sinn òg
Aig glùn na màr chaomh
A’chànan dh’altrumadh le baigh
Feadh fàrdaichean ar tìr
Tha cliù màr cheòl an cainnt nam bard
A thodagh àrd a prìs
Mas e ‘s gum faigh r’Bheurl a h-àit’
Nach nàr oirnn e ri inns’.
3. Carson nach cumadh Gàidheil suas
A’chànan ‘s dualach dhuinn
Ar còir-bhreith i tromh iomadh linn
Bha seasmhach air a taobh
‘Si Ghàidhlig labhair ceannard còir
Ri arm mun d’thòisich stri
Chaidh iollach suas chuir nàmh gu ruaig
Le laoich on tànaig sinn
4. Tha iomadh cearn taobh thall an t-sàil
‘N do ghlèidh a’ Ghàidhlig buaidh le meas orra
Cha d’fhuair i tàir
Tha i slàn a measg an t-sluaigh
Ginealaich nach fac’ an t- àit’
Far ‘n d’fhàs an sinnsribh suas
Mus deach am fuadach null tha sàl
Gu bàs is iomadh cruas.
5. An cuimhne linn a chluinntinn tràth
Ar parantan ‘ga inns
Mar bha uachdarairn an sàs
A’ sàrachadh ar tìr gun iochd no baigh ri aois nor pàisd’
Gun chuir iad fàs ar glinn
‘Cur caoirich bhàn is fèidh ‘nar n-àit’
Nach cràiteach e ri inns’.
6. O ghineil òig is e mo dheòin
Ur còmhnadh linn ‘san uair
Gu togail suas na Gàidhlig choir
Gu inbhe mar bu dual
Cha chudthrom i do dh’aona neach
‘Ga giùlan rè a chuairt
‘S gun dean an òigridh thig ‘nar n-àit’
A’ Ghàidhlig chumail suas.
© Pàdruig Moireasdan
Short url: https://clilstore.eu/cs/375