This is a Clilstore unit. You can .
Below is the text of Pàdruig Moireasdan' song "Òran a' Chogaidh" as printed in the book of his songs and stories "Thugam agus Bhuam". Here it is sung by Pàdruig's son Lachie. He is in conversation with Gordon Wells. The song starts at 03.28 and lasts until 08.11. (Users of iPads/iPhones may need to follow this link to access the audio: http://www.ipadio.com/broadcasts/GordonWells/2012/5/18/Lachie-Morrison-sings.)
1
Deoch slàinte nan gillean tha Lòbhat a’ sireadh
Deoch slàinte nan gillean tha linne ’san ám
Mo dhùrachd ’gan tilleadh gu sàbhailte rithist
Tha mòran dhiubh bhuineas do dh’Uibhist nam beann.
2
Fhearaibh th’ aig baile ri céilidh nan taighean
Ri éisdeachdh gach naidheachd mar thig as an Fhraing
’Gur garadh gu dòigheil mu theine math mònadh
Gur mise bhiodh deònach bhith còmh’ ribh ’san ám.
3
Chan ionnan is mise ’s an corr de na gillean
Tha ’seasamh fo shileadh de dh’uisgeachan trom
Fo luaidhe nan Turcach is sligeannan muirt-te
Tha ’dòrtadh mar thuiltean gun sgur mu ar ceann
4
Ged gheibhinn car tacain cead sìneadh ’sa’ phlaididh
Cha luaith’ nì mi cadal cha tarruinn mi srann
’Nuair thig fios on Chòirneal a dhol ann an òrdugh
Gu seasamh an còmhrag ’s a’ chòmh-stri oirnn teann.
5
’Nuair thòisicheas buaireas thig stoirm mu ar cluasan
Tha ’n talamh mun cuairt dhinn air ghluasad fo’r bonn
Bidh gillean gun ghruaimean le’n gunna ri’n gualainn
A’ leagadh nan uaibhreach ’s a’ bhuaidh bidh i linn.
6
Bidh peileirean snaidhte mun cuairt oirnn am pailteas
A’ fuaim a’ dol seachad neo-thlachdmhor an srann
Bidh gillean bha tapaidh a’ tuiteam gun fhacal
’S iad crioslaicht’ an acfhuinn gu batal nan lann.
7
Chan ionnan ’s ’nuair b’òg mi a’ siubhal le m’gheòlaidh
’S mo chompanach còir le’m bu deòin a bhith leam
Gunna geal bòidheach ’s mo chù air an t-sòile
’Nuair dhèanainn-sa leònadh bhiodh Dòmhnall ’na dheann.
8
Ach sguiridh mi ghearain ’s a chaoidh ann am earrann
Seasaidh mi daingheann gu cath a chur teann
Le Gàidheil a’ chruadail ’sna blàir choisinn buaidh
Theid an Turcach a sguabadh thar uachdar nam beann.
9
Tha ar dòchas ’s e daingheann mu laithean na Calluig
Gu ruig sinn Iostambuil ged is fhad’ tha e thall
’S e am baile bheil dòchas aig Réisimeid Lòbhat
An dramachan òl ’s iad victorious ann.
10
Mu sguir mi dhen òran mo bheannachd is deòin dhuibh
Ceud soiridh gu Flòraidh an òigh a tha grin
Tha mis’ ann an dòchas gur goirid gu’r còmhdail
’S air m’fhacal bidh pòg ann ’toirt sòlas gu cuimhn’.
Pàdruig Moireasdan
Short url: https://clilstore.eu/cs/369