Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

A' Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t-Soluis air a' Bhac

Tha mi cinnteach nach eil teaghlach anns na h-eileanan aig nach eil ceangal air  choireigin ri dùthchannan fad às – Canada, Na Stàitean, Aifreaga a Deas, Astràilia agus New Zealand.  Agus tha Gàidheil ann aig a bheil buintealas ri tìrean a’ bharrachd air sin.  Gun teagamh bha luchd na Gàidhlig riamh dèidheil air a bhith a’ seatlaigeadh thall thairis.  Tha e fìor gun do thog iomadh fear is tè aig an robh làn an claiginn de Ghàidhlig air falbh, agus b’ fheudar do dh’ fheadhainn dhiubh an dachaighean a dhèanamh ann an àiteachan bu neònach na chèile.  Ach cha do rinn a h-aon aca an imprig ’s a rinn A’ Bhean-Uasal NicÌomhair à Cnoc an t- Soluis air a’ Bhac.

Nis, is fheudar facal a ràdh mun bhoireannach seo.  Bha Sìne Mhoireach còig bliadhn’ deug air fhichead nuair a phòs i fhèin agus Dòmhnall MacÌomhair, mac Ailig ‘Fat’, ann an Eaglais Mhòr a’ Bhac.  Ged a bha i beag, cha robh buige a’ buntainn rithe.  Mar bu trice, ’s e boireannach crosda, mì-fhoighidneach a bh’ innte agus chan fhulaingeadh i cnap-starradh eadar an toil ’s an gnìomh.  A dhèanamh sgeòil ghoirid dheth, chanadh a h-uile duine eadar An Gleann Dubh agus Gleann Tholstaidh gur e spealg bheag bhiorach – gu math bragail is baralach – a bha ann am Bean Dhòmhnaill Ailig ‘Fat’.  Agus, air do bheatha, a dhuine, na eubh siud oirre air clàr a h-aodainn.  Mura can thu A’ Bhean-Uasal NicIomhair ‘s tu a’ bruidhinn rithe bheir i dhut gu dubh e.

Aon fheasgar Disathairne – tha mi a’ creidsinn gu bheil dà fhichead bliadhna bhuaithe – thadhail a’ phlàigh air ‘Travel Agent’ ann an Steòrnabhagh.

“Coo-ee,” thuirt i ris an fhear òg a bha na shuidhe air cùl an deasg san oifis.  “Is mise A’ Bhean-Uasal NicÌomhair a Cnoc an t-Soluis air a’ Bhac, agus tha cabhag orm.  Ghlais mi an duin’ agam ann an cùl a’ chàir a-muigh air an t-sràid an sin.  Agus b’ fheàrr dhut greasad ort is gnothach beag agam a-staigh an seo.”

“Dè nì mi ribh, a bhean chòir?” dh’ fhaighneachd am fear òg.

“Chan e bean chòir a th’ annam, amadain ghràinnde!”

“Dè tha dhìth oirbh?” thuirt am fear òg.

“Tha mi airson sgrìob a ghabhail gu ruige Tibet,” thuirt i gu sòlamaichte.

“Tibet?” ars am fear òg.

Choimhead i air le diomb a chuir na thosd e sa bhad.

“Tha mi airson bruidhinn ris An Dalai Lama,” thuirt A’ Bhean-Uasal NicÌomhair.

“An Dalai Lama?’ thuirt am fear òg.

“An e Mac Talla a tha mi a’ cluinntinn san àite seo?” ars an tè a bh’ ann, is i a’ magadh air.  “Dùin do ghab is èisd rium-sa.

Theann i ri toirt seachad òrdaighean.  “Faigh thusa tiogaidean dhomh-sa a bheir dhan Dalai Lama mi.  Is cuingeis leam de na chosgas e.  Seo seic lem ainm sgrìobhte oirre.  Làn-di do bheatha prìs sam bith a lìonadh a-steach, ach o na chunna’ tu riamh cuir thugam a h-uile tiogaid is visa is pàipear a dh’ fheumas mi leis a’ phost.  Mura faigh mise pasgan bhuat an ceann cola-deug, bidh mise air ais an seo gad cheasnachadh.  Tuigsinn?”  Agus thug i sgailc mhath dha mu chùl a chinn agus a-mach air an doras leatha is fìor dhroch ghreann oirre.

An ceann seachdain thàinig am post leis a h-uile sìon a bha A’ Bhean-Uasal NicÌomhair a’ feumachdainn – tiogaidean phlèanaichean a Ghlaschu, Lunnainn, Dubai, Mumbai agus Katmandu ann an Nepal.  Chan fhaod e bhith nach do chuir an liuthad trannsa agus cachaileith a bha aice ri dhol timcheall orra tuaineal na ceann.  Ach ’s ann bhon a’ Bhac a bha a’ chailleach seo, agus bha i cho frogail ri  uan beag nuair a choinnich i ris na poileis aig a’ phort-adhair ann an Katmandu.

“Dear lady, where you go?” dh’ fhaighneachd fear dhiubh dhi.

“Tibet”, ars a’ chailleach.

Rinn a h-uile duine san èisteachd lasgan gàire.

“Tha mi airson bruidhinn ris An Dalai Lama”, thuirt a’ chailleach.

Nuair a chaidh na poileis air sìoladh sìos mu dheireadh, thuirt an t-oifigeach: “Dear lady, to go from here to Tibet is necessary to climb for fifteen days over Himalaya mountains.”

“Ma thogair,” thuirt A’ Bhean-Uasal NicÌomhair, agus chuir i sgioba de dhusan ‘Sherpas’ air fhasdadh sa bhad.  An sin, a-mach leotha a shreap.  Smaointichibh, a chairdean!  Na Himalayas, na beanntan as àirde san t-saoghal! 

Ach b’ e sin turas an ànraidh dha-rìribh.  Dh’ fhulaing iad fuachd is gaoth is sneachd is dorchadas.  Bhiodh iad a’ bualadh ann an gnobhannan mòra a h-uile taobh a thionndaidheadh iad agus bha iad gan cur an cràdh fad cola-deug.  Mu dheireadh thall, taing dhan Àigh, ràinig iad crìoch Tibet.  Bha grunnan taighean beaga tughaidh timcheall air a’ ghàrradh crìche.  Choisich A’ Bhean-Uasal NicÌomhair suas cho stràiceil dhan a’ chiad fhear is bhrùth i an doras fosgailte.

“Sin sibh, a chlann,” thuirt i ri mu dheichnear dhaoine a bha nan suidhe timcheall air braidseal teine am meadhan an ùrlair.  “Is mise A’ Bhean-Uasal NicÌomhair a Cnoc an t-Soluis air a’ Bhac.  Cà’il An Dalai Lama?”

’S e am bodach a bu shine a dh’ innis dhi gun robh An Dalai Lama a’ fuireach ann am manachainn.

“Agus cà’il a’ mhanachainn?”

“Monastery, dear lady, is at top of distant mountain – three day journey.”

“Ceart ma tha,” thuirt A’ Bhean-Uasal NicÌomhair a Cnoc an t-Soluis air a’ Bhac.  “Thugnamaid.”

Uill, luchd mo ghaoil, thug iad dà latha gu leth a’ sreap na beinne.  Ach mu dheireadh, ràinig iad doras mor fiodha na manachainn far an robh An Dalai Lama a’ fuireach.  Bha grunnan math dhaoine air am ponaigeadh ann an gùintean orains timcheall air an doras.  Thuig A’ Bhean-Uasal NicÌomhair gur e manaich a bh’ annta seo is gu robh iad a’ leantainn teagaisg Buddha.

Bhruidhinn A’ Bhean-Uasal NicÌomhair ri fear dhe na manaich air an robh feusag gheal.  “Haoidh, a bhalaich,” dh’ eubh i.  “Bu mhath leam facal no dhà a ràdh ris An Dalai Lama.”

“Impossible, dear lady,” thuirt ceannard nam manach.  “Audience is granted only one time every three years.”

Chuir seo an cuthach tioram air a’ bhan-Leòdhasach.  “Na cluinneam am facal ‘impossible,’ dh’ eubh i is i a’ cur nam both dhith.  “Is mise A’ Bhean-Uasal NicÌomhair a Cnoc an t-Soluis air a’ Bhac agus feumaidh An Dalai Lama m’ fhaicinn.  Thalla a-steach sa mhionaid, is innis dha gu bheil mise airson ceist a chur air.  Mura leig e a-steach mi, ’s esan a gheibh e bhuam-sa an ath thuras a thig e a-mach às a’ mhanachainn!”  Bha i ag eubhach cho cruaidh ris a’ bhodach ’s gun cluinnte am broinn an togalaich i.  Dh’ aithnich ceannard nam manach gu robh e cho math gun a dhol na h-aghaidh is dh’ fhosgail e an doras ’s e a’ gealltainn gun tilleadh e an ceann dà mhionaid.

Cha robh e air falbh ach mionaid nuair a thìll e gu far an robh A’ Bhean-Uasal NicÌomhair na seasamh gu stobach taobh a-muigh an dorais.  Bha plìonas air aodann nuair a thuirt e, “Enter.  Dalai Lama will see you now.”

Uill, sin far an robh eireachdas.  Bha an seòmar grinn, snasail agus air a h-uile oisean dheth dreach na sòghalachd.  Bha cùrtairean dhen t-sìoda de dhath orains crochte ris na ballachan o mhullach an taighe gu làr: cabair dhen òr, agus aig a’ cheann thall bha cathair mhòr snaighte dhen òmar a b’ fheàrr agus bannan airgid oirre.  A’ dèanamh leth-laighe air a’ chnap-àirneis seo bha duine, geal sa chraiceann, mu aois deich air fhichead.  B’ e seo An Dalai Lama.  Smèid e air a’ chailleach los gun tigeadh i na bu dlùithe dha.  Cha b’ e ruith ach leum.  Choisich A’ Bhean-Uasal NicÌomhair gu cabhagach suas chun na cathrach agus sheas i air a corra-biod mu dheich slat air falbh on Dalai Lama.  Thionndaidh An Dalai Lama a cheann gu aon taobh mar chomharra gu robh a chead aice.

Ged a bha a h-anail na h-uchd agus glug a’ chaoinidh na guth dh’ eubh i:

“John Murdo, cuin a tha thu a’ dol a thighinn dhachaigh?  Tha d’ athair bochd air liathadh ’s e a’ gabhail fadachd gus an tìll thu dhan Chnoc!”

Tha e cho math, a chàirdean, An Dalai Lama agus a mhàthair fhàgail an sin, ma-tà, oir . . .dè ’m math a bhith a’ bruidhinn?  Sin agaibh na Leòdhasaich!  

Clilstore About Island VoicesSgeulachdan Thormoid

Short url:   https://clilstore.eu/cs/3329