This is a Clilstore unit. You can .
Hello, seo Gordon Wells, le facal no dhà mu na tha fainear dhuinn airson Guthan nan Eilean san àm ri teachd. Tha sinn airson rudeigin caran diofraichte a dhèanamh a-nis. Chan eil sinne mar luchd-obrach air a’ phròiseict airson barrachd stuth a chruthachadh, ach an rud a tha sinn ag iarraidh ’s e gum biodh daoine sa choimhearsnachd ga dhèanamh dhaibh fhèin – le cuideachadh gun teagamh, an siud ’s an seo, ma bhios feum ann.
Tha eisimpleir no dhà ri fhaicinn a-nist air làrach a’ Phàipeir, agus ma tha ùidh aig duine san iomairt ùr a tha seo, tha mi an dòchas gun leig sibh fios rium, cho luath ’s a ghabhas. Mòran taing.
![]()
Short url: https://clilstore.eu/cs/262