This is a Clilstore unit. You can .
[...]
’S toigh leam fhìn thu, ’s tu leam as bòidhche,
Blas na meala a bh’ air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu.
’S fhada, ’s fhada, ’s gur fhad air falbh thu,
Air long Rìgh Deòirs’ le do chòta dearg ort;
’S tric mo shùilean air an fhairge
Feuch am faic mi fear air mo dhealbh-sa.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu,
’S toigh leam fhìn thu, ’s tu leam as bòidhche,
Blas na meala a bh’ air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu.
’S fhada, ’s fhada, ’s gur fhada muigh thu,
Gun fhios, a luaidh, nach e an cuan a shluig thu;
Gur e an gaol le chèile a thug sinn
A dh’ fhàg ad dhéidh mi cho deurach duilich.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu,
’S toigh leam fhìn thu, ’s tu leam as bòidhche,
Blas na meala a bh’ air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu.
Thuirt iad riumsa gu robh thu gòrach,
Gum biodh tu tric anns na taighean-òsta,
’S nach robh stocainnean ort no brògan,
’S ciamar a dh’fhaodainn-sa, a ghaoil, do phòsadh.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu,
’S toigh leam fhìn thu, ’s tu leam as bòidhche,
Blas na meala a bh’ air do phògan,
Bidh mi gad chaoidh on a rinn thu seòladh.
Hug oireann ò ro ’s gu toigh leam fhìn thu.
Short url: https://clilstore.eu/cs/1767