This is a Clilstore unit. You can .
In the Gàidhlig... An dàrna salm thar an t-sia fichead, a’ leughadh aig an t-siamhamh earrainn. Verse six.
Sìor-ghuidhibh do Ierusalem
sìth-shàimh is sonas mòr:
A’ mhuinntir sin len ionmhainn thu
soirbhichidh iad gu leòr.
An taobh a-stigh dod bhallachaibh
biodh sith is sonas maith;
Deagh shoirbheas fòs gu robh gu bràth
ad lùthchairt àird a-staigh.
Air sgàth mo bhràithrean ’s luchd mo ghaoil,
dhut guidheam sìth a-ghnàth.
Air sgàth taigh naomh ar Tighearna Dia,
iarram do leas gu bràth.
Trì rainn bhon t-siathamh earrainn, “Sìor-ghuidhibh do Ierusalem, sìth-shàimh is sonas mòr”.
♫
Sìor-ghuidhibh do Ierusalem
sìth-shàimh is sonas mòr:
A’ mhuinntir sin len ionmhainn thu
A’ mhuinntir sin len ionmhainn thu
soirbhichidh iad gu leòr
soirbhichidh iad gu leòr.
An taobh a-stigh dod bhallachaibh
An taobh a-stigh dod bhallachaibh
biodh sith is sonas maith
biodh sith is sonas maith;
Deagh shoirbheas fòs gu robh gu bràth
Deagh shoirbheas fòs gu robh gu bràth
ad lùthchairt àird a-staigh
ad lùthchairt àird a-staigh.
Air sgàth mo bhràithrean ’s luchd mo ghaoil
Air sgàth mo bhràithrean ’s luchd mo ghaoil,
dhut guidheam sìth a-ghnàth
dhut guidheam sìth a-ghnàth.
Air sgàth taigh naomh ar Tighearn’ Dia
Air sgàth taigh naomh ar Tighearn’ Dia,
iarram do leas gu bràth
iarram do leas gu bràth.
[a’ leantainn sa Bheurla]
Short url: https://clilstore.eu/cs/1547