This is a Clilstore unit. You can .
So bha thu anns an sgoil air an Eilean Dubh?
Ò, chan ann – sa Mhanachainn.
Ò sa Mhanachainn, tha mi duilich.
Tent a bh' againne nuair a bha sinn a' siubhal, agus tent a bh' againn anns a' gheamhradh. Teanta mòr, ge-tà, a thog m' athair. Bha e ag obair airson an tuathanach, agus mar a thuirt mi, tha mi a' smaoineachadh gun robh e a’ tuigsinn gun robh an dòigh-beatha a tha seo seachad, really. Agus a h-uile sgillinn a rinn e, bha e ag obair anns na tunnels mhòr anns a' gheamhradh agus shàbhalaig e gu leòr airson – cheannaich e an taigh. Bha taigh ann am Beauly, a thàinig an-àirde airson reic, agus cheannaich e an taigh a tha sin.
So chaidh sinn anns an sgoil ann sa Mhanachainn, o prìomh a seachd, primary seven, a bha sin, qualifying year. Tha cuimhn a'm air sin.
Agus an uair sin a' chiad obair agad, nad window dresser.
Aidh airson bliadhna, agus dh’fheumainn falbh an uair sin. Bha esan a' siubhal fhathast. Cha robh sinn air a bhith air fhàgail anns an taigh leinn fhèin. So bha sinn air falbh. Agus tha cuimhn a'm, a' chiad bliadhna, chaidh mi airson an interview, an job a bha seo, agus tha mi ag ràdh leam fhìn, you know, bidh mi a' gabhail an job a tha seo agus an obair a tha seo, agus bidh agam ri fhàgail a-rithist sa Ghiblean.
Agus chòrd an obair gu math leamsa. Bha an duine cianail math. Agus aig an interview, a' chiad rud a thuirt mi ris cha robh mise riamh san oilthigh, thuirt mise, agus chan eil qualifications sam bith agamsa.
Uill, nam bithinn-sa ag iarraidh cuideigin às oilthigh, chanamaid e.
'S e a thuirt e, fhios a'd, tha sinn airson cuideigin a thrèanas sinn fhèin.
So bha mi an sin gus an do phòs mi. Ach a' chiad uair a dh'fhalbh sinn, ò thàinig mi a-staigh a’ mhadainn a tha seo, cha b' urrainn dhomh a chur ann am faclan. Sgrìobh mi litir, agus tha cuimhn a'm ri ràdh anns an litir, tha mi a' creidsinn gu bheil fhios agad gur ann bhon luchd-siubhail a bha mise, agus chan urrainn dhomh seo innse dhut, ach tha mi a’ falbh. Feumaidh mi falbh còmhla ri m' athair. Tha e a’ falbh sa Ghiblean.
Agus chuir e an litir na phòcaid agus thàinig e air ais an ceann beagan ùine. Sheas e nam bheulaibh, agus thug e a-mach an litir, agus chuir e na sràcan beaga i, agus chuir e dhan a' bhiona i.
Dè cho fad 's a tha a dhìth ort air falbh?
Bha fallas orm.
Uill, thuirt mise, tha sinn an-còmhnaidh air falbh sia seachdainean.
Sia seachdainean! Uill, bheir mi dhut ceithir.
Uill, arsa mise, canaidh mi sin ri m' athair.
Agus sin a rinn sinn. Dh'fhalbh sinn airson ceithir seachdainean, agus chaidh mi air ais dhan obair, 's thàinig m' athair air ais an uair sin a-rithist airson beagan seachdainean, ach dh'fhàg e mise a-staigh aig an taigh. Dh'aithnich e gun robh mi airson an obair agam a chumail.
So bha mi san dà àite, cas anns gach saoghal, mar gum bitheadh. Agus cas anns gach saoghal – Gàidhlig, Beurla, Beurla Reagairt, agus cainnt an fheadhainn Ghallda.
Seadh, seadh. Ò, 's ann a tha thusa multilingual.
Ò uill, cha robh. Cha do rinn mi stèidheadh air gin aca riamh ach dìreach muddled through, mar a thuirt iad.
So bidh cuimhn' agad air a’ Bheurla Reagaird, ma tha.
Ò, tha. Tha mi a' smaoineachadh gun robh e a' dol a-mach à bith. Dar a bha mise òg, bha iad a' cleachdadh anns an taigh againn fhèin e, ach even aig an àm a bha sin, bha mòran caillte dheth. Cha robh iad airson bruidhinn ma dheidhinn a-mach às an luchd-siubhail.
An e seòrsa secret language a bh' ann?
'S e, anns a' Bheurla chanadh iad it’s a cover tongue. Bha e air uachdar a’ Ghàidhlig aca, mar gum bitheadh. Tha mi fhìn a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil an t-ainm ceàrr aca. 'S dòcha gur e beul fhreagairt, ach an fheadhainn a bha a' sgrìobhadh sìos, gun do thog iad Beurla. Tha sin dìreach sa cheann agam fhìn. 'S dòcha gur e mearachd a tha sin. Tha na faclan gu math coltach ri Gàidhlig.
"Glòthach" - sibhse - "Gearach". "Sùailean" airson leanabh. "Sùailean".
"Pèarstag" airson caileag. Nighean. "Liogach" airson giollan òg.
'S e an rud a chaill iad, tha mi a' smaoineachadh, cha robh sentence fada idir aca. 'S dòcha nach robh e a-riamh ann.
Chanamaid rudeigin, 's dòcha – "Bac lìomas dhan giofan". Thoir feur dhan each.
"Bac cruth runndair-uisge, eug 's gidh cheist dhan an lothach", you know. Cha robh ann ach sentences goirid.
Seadh, seadh.
So chan eil fhios a'm…
…ach le faclan secret unnta mar gum bitheadh. So, sentence structure, mar gum biodh, 's e Gàidhlig a bh' ann, ach gun robh iad a' cur faclan sònraichte ann.
'S e. Sin agad e.
Agus cuimhne agadsa orra fhathast?
Tha, tha. Och, cha robh duine – Uill, tha mise leth-cheud 's a ceithir bliadhna ann a sheo. Cha robh duine a' bruidhinn sin rium, you know. Ach tha na faclan agam fhathast, a' chuid as motha aca, co-dhiù, an fheadhainn a bh' ann.
Short url: https://clilstore.eu/cs/12574