Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Dùn Raghnaill

Seo sinn aig taobh Loch Druidibeag. Air ar cùlaibh tha Dùn Raghnaill, air a thogail air eilean beag, agus eilean eile air a chùlaibh. Tha e air na mapaichean air ainmeachadh mar Eilean an Taidhe (Taighe.)  

A-rèir na sgeulachdan a thog Alasdair MacIlleMhìcheil – ged a bhios daoine ga chàineadh air sàilleabh an dòigh anns am biodh e a’ sgrìobhadh sgeulachdan, tha feum againn air, chionn ’s tha tòrr dhen eachdraidh againn ga chumail beò – chaidh Dùn Raghnaill a thogail le fear - an e Alasdair Mac Raghnaill a bh’ air? - a bha a’ fuireach ann an Dreumasdal. Agus bha esan na cheannard air Dòmhnallaich Chlann Raghnaill. 

Agus tha e coltach aig an àm sin bha mac aige a bha a’ fuireach ann am Mòrar. Agus aon bhliadhna bha fìor dhroch earrach ann, agus thàinig am mac a-nall à Mòrar. Thàinig e air tìr an Loch Sgiobart, thàinig e a choimhead air athair. Bha e a’ coimhead airson biadh airson na beathaichean aige fhèin ann am Mòrar, ach thuirt athair ris nach b’ urrainn dhasan sian a thoirt dha. Cha robh aige fhèin ach trì cruachan air fhàgail airson fhaicinn ron earrach. 

Agus co-dhiù, an oidhche sin, thàinig an glèidhear aig Mac ’ic Ailein. Chuir e an ceannard às an leabaidh, agus a’ ràdh ris “Tha do mhac a-muigh an siud. Tha e air bàrr tè dhe na cruachan agad. Tha iad a’ tòiseachadh air a caitheamh sìos. Tha iad a’ dol a dh’fhalbh leatha feadh na h-oidhche.” 

Agus cha do rinn Mac ’ic Ailein ach èirigh na lèine oidhche. Thug e suas am bogha aige, agus chuir e saighead ro mhac fhèin air bàrr na cruaiche. ’S mharbh e e. 

Agus bha gille aig a mhac air ais ann am Mòrar, ’s bha an t-eagal air Mac ’ic Ailein, gun tigeadh an gille òg a bha sin a choimhead airson dìoghaltas airson athair a mharbhadh. Agus tha iad a’ ràdh gur e sin an dòigh a chaidh Dùn Raghnaill – ah, Raghnall Mhic Ailein, ’s e an t-ainm a bh’ air a’ cheannard, Raghnall Mhic Ailein – So sin an dòigh a chaidh Dùn Raghnaill a thogail, los gum biodh e sàbhailte nan tigeadh ogha - ’s e ogha a bhiodh ann, an gille sin – a’ siubhal air a shon. 

Agus, an t-eilean air ainmeachadh mar Eilean an Taidhe(Taighe.) sna sgeulachdan, na notes a thog MacIlleMhìcheil, ’s e an t-ainm a chuala esan, ’s e Eilean an Taice. Agus tha sin a’ dèanamh ciall, thaobh bhiodh, ann an suidheachadh mar sin, bhiodh luchd-taic a’ fuireach faisg air a’ cheannard. Agus ’s dòcha gur e sin an t-ainm ceart a bha còir a bhith air Eilean an Taidhe, gur e Eilean an Taice a bha còir a bhith air. 

Sin mar a chaidh Dùn Raghnaill a thogail. 

Tha barpa an taobh shuas cliathach Harsal. ’S dòcha gur e feadhainn dhe na clachan às an sin a chaidh a chur an grèim airson an dùn a thogail. Ballaichean uamhasach fhèin tiugh, agus àite ann airson geòla a’ tighinn a-staigh, port beag. 

Tha sgeulachd ann cuideachd mu Dùn Raghnaill a’ buntainn ri Clann Mhuirich. Tha e coltach gun robh fear dhe na bàird aig Clann Mhuirich thall ann an Èirinn ag ionnsachadh a’ chiùird aca. Agus chan eil fhios agam an robh bean aige an seo, ach fhad ’s a bha e thall ann an Èirinn feumaidh gun robh e còmh’ le nighean Èireannach. Agus an dèidh dha tilleadh air ais a dh’Uibhist bha pàiste aig an nighean a bha sin. 

Agus nuair a dh’fhàs am pàiste a bha sin suas, chaidh e gu muir. Feumaidh gun do rinn e glè mhath air a shon fhèin, agus bha e na sgiobair air long. Agus aon turas bha iad a’ tighinn suas an Cuan Sgith, agus feumaidh gun robh iad a’ ruith gann de bhiadh. Thàinig iad air tìr air taobh an ear Uibhist, agus mharbh iad mart. 

Ach chunnaic na daoine aig Clann ’ic Ailein e. Agus rug iad air agus chaidh a chur ann am piolaid ann an Dùn Raghnaill. Bha e air a chumail na phrìosanach an sin. Agus fhad ’s a bha e ann, rinn e bàrdachd, agus tha i sin ann am fear dhe na leabhraichean aig MacIlleMhìcheil, agus ’s e Òran Mulaid Prìosanach ann an Dùn Raghnaill. ’S e an title a th’ air a’ bhàrdachd. 

Agus tha e coltach nuair a chuala Mac Mhuirich a’ bhàrdachd a bha sin gun do dh’aithnich e gur e a mhac fhèin a bha san duine a bha seo. Sin sgeulachd eile ceangailte le Dùn Raghnaill. 

Clilstore CIALLIsland VoicesTales from local history

Short url:   https://clilstore.eu/cs/12384