Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Tobhta Fhearchair

Seo sinn ann an Tobhta Fhearchair, muigh sa bheinn ’s sa mhonadh. Tha Tobhta Fhearchair air a’ chrìoch dìreach taobh Tobha Mòr dhen chrìoch eadar Tobha Mòr is Dreumasdal. 

Fearchair, ’s e Beaton a bh’ aige – Peutanach a bh’ ann – agus tha an teaghlach sin ainmeil ann an eachdraidh Alba. Bha iad nan lighichean, nan dotairean, aig uaislean, tha iad a’ ràdh, rìghrean na h-Alba. Agus bha iad aithnichte nan lighichean ’s nan dotairean gu h-àraid air taobh an iar Alba. 

Tha feadhainn ann an Uibhist, a’ chuid as motha, ’s dòcha às an Eilean Sgitheanach a thàinig iad. Bha dotair gu math ainmeil san Eilean Sgitheanach. Nam biodh e a’ dol a-mach a choimhead air cuideigin, ’s gum feumadh e geòla a ghabhail airson faighinn gu cuideigin, cha toireadh e leis na sgrìobhaidhean no na leabhraichean aige idir. Bha iad sin gan cur le each air an rathad fada los gum biodh iad air an cumail sàbhailte. 

Ach tha note aig MacIlleMhìcheil gur ann à Peutanach a thàinig à Ìle ’s dòcha, a bha Peutanaich Uibhist. Tha iad a’ bruidhinn air ollamh Ìleach – sin dotair à Ìle – agus gun robh am fear sin a’ fuireach ann an Dalabrog, agus ag innse feadhainn dhe na lusan a bhiodh e a’ cleachdadh ann a bhith a’ leigheas. Agus bhathar cuideachd a’ ràdh gur e an t-uisge ann an Garyhellie an t-uisge a b’ fheàrr airson a bhith a’ goil na lusan a bhiodh e a’ deiseileachadh. 

Agus, Fearchar a bha seo, athair - ’s e Iain a bh’ air – John Beaton, agus san àm aig Alasdair MacIlleMhìcheil bha esan na chìobair, a’ fuireach ann an Corraghadail. Agus bha esan cuideachd aithnichte na fhear a bha eòlach air a h-uile lus a bha a’ fàs san talamh, agus dè na feumannan dhan gabhadh iad cur. 

Tha stòraidh aig MacIlleMhìcheil far an robh lus ann a bhathar feuchainn le dhèanamh a-mach dè an t-ainm Beurla a bh’ orra. Bha e air ainmeachadh ann an sgeulachd aig boireannach Fionnghal NicLeòid às – chan eil mi buileach cinnteach cò às a bha i - ’s dòcha às an Iochdar. Agus bha ise – thug i dha sgeulachd mu dheidhinn lus leis an canadh iad an “dorannan” torranan. Bha MacIlleMhìcheil airson fhaighinn a-mach dè am plannt a bha sin. Aig an àm a bha seo, tha mi a’ smuaintinn ann an ochd ceud deug seachdad ’s a seachd, bha an cìobair a bha sin, bha e fàs caran sean. Bha e a ràdh nach b’ urrainn dha an lus sin a shealltainn dha, ach gun robh iad a’ fàs ann an Loch Aineort faisg air a’ mhuir, agus nach robh air fhàgail ach a dhà dhiubh. 

Leughaidh mi dhut an t-iomradh a fhuair e on a’ bhoireannach a bha sin. 

“’S e plannt beannaichte a tha san torranan. Bidh e a’ fàs faisg air a’ mhuir. Tha ceithir riadhaichean air coltas ri sinnean bà. Tha e cho fada rid ghàirdean, agus tha am flùr cho mòr le broilleach boireannach, agus cho geal ris an t-sneachd.” 

Agus thuirt i “Nam biodh an torranan agamsa, bhiodh gu leòr bainne aig a’ bhò agam fad na bliadhna. Bochd ’s gu bheil mi, b’ fheàrr leam an torranan beannaichte na not Sasannach. Chaidh mi gu Iain ’ic Fhearchair aig a bheil fios air a h-uile lus a thàinig às an talamh, feuch am faigheadh e an torranan buadhach dhomh. Ach thuirt bean Iain rium nach fhaigheadh, agus nach robh annam ach òinseach.” 

Ach chuir sin a’ cheist air MacIlleMhìcheil, a bha airson faighinn a-mach dè am plannt a bha seo. Thill e air ais a dh’Uibhist bliadhnaichean an dèidh dha tachairt air Iain ‘ic Fhearchair. Agus fhuair an gille aig Iain ’ic Fhearchair – air an robh Fearchar cuideachd – chaidh e a Loch Aineort agus fhuair e an dà phlannt a bha sin, agus chaidh an cur a Dhùn Èideann. Agus chuir MacIlleMhìcheil gu eòlaichean an sin - ’s e am plannt figwort a bh’ annta. 

Ach chan eil am plannt sin idir idir coltach leis mar a bha am plannt a bha Fionnghal a bha sin a’ bruidhinn ma dheidhinn. So tha beagan teagamh ann an e na lusan cearta a fhuair Fearchar. ’S dòcha nach robh Fearchar cho math air lusan aithneachadh ’s a bha athair Iain ’ic Fhearchair. 

Ach seo a-nis an tobhta aig a’ ghille aig Iain ’ic Fhearchair – so Tobhta Fhearchair. 

Agus tha iomradh againn cuideachd air o Martin Martin a bha seo, ’s dòcha mun cuairt air seachd ceud deug no ’s dòcha roimhe. Agus sa chaibideil aige air Uibhist a Deas tha seo aige air a sgrìobhadh sìos: “Fergus Beaton has the following ancient Irish manuscripts in the Irish character, to wit: Avicenna, Averroes, Joannes de Vigo, Bernardus Gordonus, and several volumes of Hippocrates.” 

So bha na Beatons a bha sin, bha grèim aca air am fiosrachadh a b’ fheàrr a bha ri fhaighinn aig an àm. 

Clilstore CIALLIsland VoicesTales from local history

Short url:   https://clilstore.eu/cs/12383