This is a Clilstore unit. You can .
JM: Agus aig an àm sin, nuair a bha thu ann an Glaschu, an robh thu a’ faighinn cothrom a dhol gu àiteachan far an robh Gàidhlig agus òrain...?
PM: Ò bhiodh, bhiodh iad uile gam iarraidh son a bhith a’ seinn, agus rudan mar sin. Agus an uair sin bha mi aig Mòd Loch Abar, far an d’ fhuair mi an t-Seann Nòs. Agus thachair mi air a’ bhoireannach a bha seo, thàinig caraid dhomh is thuirt i rium coinneachadh ri muinntir a leithid sin de mhuinntir fhèin à... shuas an Sutherland a bha i, boireannach uabhasach laghach – agus thuirt i, ‘I want you to meet’, arsa ise, ‘doctor Margaret MacKinnon’. ‘Ò, seadh’. ‘She is a genius in music’. ‘Right’. So, thachair sinn air a chèile, agus dh’ iarr [cuideigin] orm, ‘gabh òran’, ‘wait till you hear this voice, Margaret’, arsa ise. Agus bha i a’ fuireach ann an Lunnainn. Agus sheinn mi rudeigin dhi. Agus thuirt i, ‘well’, arsa ise, ‘there’s a voice in there somewhere’. Is chuir i an caoch orm. Agus thionndaidh mi oirre, is thuirt mi, ‘in that case’, arsa mise, ‘you train it!’ Agus sin mar a thòisich an trèanadh clasaigeach. Is bha mi còig bliadhna deug ag ionnsachadh bhuaipe. Nach eil sin uabhasach?
JM: Tha e mìorbhaileach.
PM: Chan eil!
JM: Uill, tha, you know – leis gun robh e clasaigeach, gu h-àraid, I mean, ann an Gàidhlig, cha robh mise riamh air mòran a chluinntinn oirre...
PM: Chan eil fhios ‘am. Tha daoine a’ smaoineachadh, na h-òrain Gàidhlig, gur e “seann nòs” – facal a tha sin, cha bu thoil leam a-riamh e. Agus ma dh’fhaighnicheas tu do dhuine sam bith, ‘dè th’ ann an seann nòs?’, duine sam bith a tha a’ bruidhinn aig Mòd, no ge bu dè, ‘dè th’ ann an seann nòs?’ chan urrainn dhaibh a fhreagairt. Tha tuilleadh ’s a chòir de bheachdan aig daoine air dè th’ ann an seann nòs, ach ma choimheadas tusa air na seann òrain Ghàidhlig, mar ‘A Mhàiri, bhean òg’, ‘Moladh Beinn Dòbhrain’, na h-òrain mòra a bha sin, òrain clasaigeach a th’ annta. Tha daoine a’ smaointinn nach eil ceòl clasaigeach ann an Gàidhlig idir, ach ma dh’èisteas tusa ris na h-òrain siud, ’s ann clasaigeach a tha iad! Agus, tha cuimhn’ ’am triop a bha mi a’ toirt seachad òraid ann an Glaschu no àiteigin, agus bha mi ag ràdh riutha – ris an luchd-èisteachd – ‘the world of opera thinks they created the bel canto, but the bel canto was created in the fields of South Uist, and North Uist, and every other island where people work’, agus bha iad a’ seinn ’s bha iad ag obair, ’s bha an trèanadh nàdarra aca. Bha cuideam – ma dh’èisteas tu is dh’èisteas tu ris na seann chlàraidhean, thigeadh aca air ochd loidhneachan a sheinn gun anail a ghabhail. That’s classical. That is classical. Agus ’s e trèanadh nàdarra a bh’ ann. Cha tug e còig bliadhna deug idir a bhith ag ionnsachadh sin [gàire].
JM: Agus dè...nuair a chaidh thu air an t-slighe a bha sin, cò ris a bha sin coltach? Bha, bha e doirbh no...dè...an robh...tha thu air taobh eile a thoirt seachad an siud, cò ris a bha e coltach dhutsa sin, a tha ag ionnsachadh mar sin bhuaipe-se, nuair a thug i an guth a-mach?
PM: Uill, thug i cumhachd dhan ghuth. Ach an rud a dh’ionnsaich mi gu math luath, chan ann an dè cho cumhachdach ’s a sheinneas tu, chan ann an sin a tha an cumhachd idir. Tha an cumhachd ann an dè cho ìseal ’s a sheinneas tu. The power is not in the powerful projection of the voice, but in the softness and the soft singing. That’s where the true power is. Tha daoine a’ smaointinn – mar a tha Pavarotti a’ seinn, ‘Ò, sin an cumhachd’, chan e. Ma dh’èisteas tu ri Pavarotti a’ seinn pianissimo, ’s ann an uair sin a chì thu an cumhachd. So bha e annasach sin ionnsachadh, ’eil fhios agad. So, you don’t have to fill a hall with bellowing to the back of the hall. It is the power is within the soft singing.
Short url: https://clilstore.eu/cs/12303