This is a Clilstore unit. You can .
JM: Uill, thug thu iomradh air mar-thà, nuair a bha coinnlean aig daoine, ach nuair a thàinig solas an dealain – ’s thuirt thu fhèin: sguir daoine a dh’èisteachd. Ach, sguir daoine a dh’èisteachd an uair sin seach, bha – tha cuimhn’ agam air m’ athair a bhith ag innse dhomh nuair a bhiodh sinn aig taigh-cèilidh, gun tigeadh na guthan a-mach às an dorchadas, agus gun tigeadh sin thugad, ’s gun toireadh sin ort a bhith seinn ’s a h-uile càil, cho luath ’s a chuir thu air an solas-dealain, chuir e às dhan a h-uile càil a bha sin, dha na stòiridhean a bha sin.
PM: M-hm. Agus, fhios agad, bha na daoine diùid. Cha bhiodh iad airson a bhith air àrd-ùrlar idir. ’S tric a chuala mi – agus tha fìor – tha barrachd seinneadairean nach robh riamh air àrd-ùrlar a bha gu math na b’ fheàrr na duine sam bith a bha riamh air an àrd-ùrlar, anns na h-eileanan an seo. Ach bha iad diùid. Ach mar a tha thu ag ràdh, anns a’ choimhearsnachd aca fhèin, bha iad, bha iad nas toilichte pàirt a ghabhail, mar a thuirt thu anns an taigh-chèilidh, tha mi a’ smaointinn. Ach, hmm.
JM: Is dè seòrsa beatha a bhiodh agad an seo, nuair a thàinig thu seo an toiseach, ’s mura biodh tu air a’ chànan ionnsachadh. Am biodh e cho furasta dhut a bhith an lùib daoine gun Gàidhlig?
PM: Dè seòrsa beatha a bhiodh agamsa mura bithinn air tighinn a dh’Uibhist?
JM: Mura biodh tu air Gàidhlig ionnsachadh nuair a thàinig thu an seo.
PM: Chan eil dad de dh’fhios ’am. Thug a’ Ghàidhlig air feadh an t-saoghail mise. Cha tug a’ Bheurla idir.
JM: ’S tha ùidh mhòr agad anns a’ chànan, agus gu h-àraid ann a bhith a’ seinn. A bheil thu a’ sgrìobhadh òrain fhathast?
PM: Uaireannan. Chan eil mi gan sgrìobhadh ro thric, ach uaireannan. Bha tè agam an oidhche roimhe, airson ceòl a chur ri rudan, so bha mi ga cuideachadh leis a sin. Agus sin an rud a fhuair mi annasach: bha rud ris a chanas iad aig na seann daoine total recall, cluinneadh iad rud aon triop, ’s bha e aca. Agus bha dùil agam gun robh sin air a dhol à bith. Agus an oidhche roimhe bha nighean òg a bha seo agam, agus bha sinn ag obair air ceòl. Cha robh sinn a’ sgrìobhadh ceòl idir, bha mise ag ràdh rithe: ‘dèan mar a dhèanadh na seann daoine e, gun sian a’ sgrìobhadh. Dìreach, take it on the top of your head. So, sheinn mi – chuir mi ceòl ri rann. Agus ann an diog, sheinn i air ais dhomh e, gun aon mhearachd. So tha sin fhathast – bha mi toilichte fhaicinn, gu bheil sin fhathast aig na h-eileanaich, thig aca ri dhèanamh fhathast.
JM: So nuair a sguir thu aig Mac a' Bhriuthainn, an ann an seo a thàinig thu, air ais a dh’ Uibhist?
PM: Chaidh mi a Ghlaschu. Agus, chaidh mi from the sublime to the ridiculous. [gàire] Bha mi a’ cuideachadh daoine a bha a’ fulang fo mhòran drugs is deoch is rud. Agus chaidh mi...bha mi air a bhith eòlach air na Dominicans, bràithrean-sagairt, ann an Glaschu. Agus chaidh mi a dh’fhuireach còmhla riutha , agus tha mi uabhasach taingeil gun deach mi a dh’fhuireach còmhla riutha o chionn ’s dh’ ionnsaich mi an t-uabhas bhuapa. Tha na Dominicans, ’s e chanas iad riutha, the Doctors of the church, ’s e academics a bh’ annta. So bha mi fortanach gun deach mi am measg na daoine a bha sin, agus dh’ ionnsaich mi an t-uabhas bhuapa sin cuideachd. Chanainn gun do dh’ionnsaich mi cus a bharrachd nuair a dh’fhàg mi an sgoil na dh’ionnsaich mi fhad ’s a bha mi ann, ach chan e na neachan-teagaisg a bu choireach ris an sin idir ach mise. Bha mi òg is cha robh mi..., aotrom òg is cha robh mi gus mo cheann a bhodraigeadh le arithmetic no rud, nonsense mar siud. [gàire] Rud nach robh feum agam idir air.
JM: Is tha thu a’ bruidhinn air Dominicans. Dè seòrsa ionnsachadh a bha sin a fhuair thu a thug, a ghabh thu leithid de dh’ùidh ann?
PM: Psychology. Tha cuimhn’ agam air cuideigin a’ tighinn chun an taighe a dh’fhaicinn an sagart a bha seo, agus thuirt e rium mun do ràinig iad, ‘I will meet them in the garden’, arsa esan. Agus, ’s e latha brèagha a bh’ ann. Agus, thàinig iad agus rug e làimh orra, agus an uair sin leig e leotha a dhol mun cuairt a’ ghàrradh. Agus sheas e fhèin air ais pìos. Agus nuair a dh’fhalbh iad, thuirt mise, ‘What did you do that for?’ ‘O, arsa esan I was watching.’ ‘What were you watching?’ ‘How they would touch the plants.’ Is bha e ag ràdh gun robh sin ag innse dhasan, dè seòrsa daoine a bh’ aige, mar a chuireadh iad an làmh air duilleag.
JM: Ach tha fhios, na daoine a bha sin, gun robh annas aca dhan chainnt agad fhèin, a’ Ghàidhlig, cuideachd, gun robh...an d’ fhuair thu cothrom bruidhinn riutha air an sin, no...?
PM: Bha, bhithinn – rinn mi concert no dhà airson na overseas students, gu h-àraid à Afraga. Agus, tha mi air iomadach...tachairt ri iomadach daoine gu math annasach. Jimmy Boyle.
JM: O. Barlinnie? No Mean City?
PM: Mhm. Thachair mi airsan. Is bha e aig na Dominicans. Fascinating man. Fear a rinn an t-uabhas dha na daoine bochda ann an Dùn Èideann, fhios ‘ad, iad a bha a’ fulang. Agus thachradh tu air iomadach duine neònach, cuid professors, agus... chanadh tu dè
...bha iad car craicte dhiubh fhèin, cha dèan math dhut sin a ràdh. Ach tha, bha mi fortanach nuair a thachair mi ri na daoine a bha sin agus bhiodh a h-uile duine dìreach ann an aon taigh a bha sin, gach seòrsa: murtairean, diùcachan, uaislean, agus dh’fhaodadh tu a bhith a’ gabhail tì aig deich uair sa mhadainn le murtair, agus aig meadhan-latha bha thu a’ gabhail biadh le diùc. So you had the whole range of human... the human mind. So bha mi fortanach gun deach mi an lùib na daoine sin, agus ’s e sin mar a chaidh mi gu Drugs Centre anns an Archdiocese, ’s bha sin annasach, bha sin truagh, gu math truagh uaireannan, àidh.
Short url: https://clilstore.eu/cs/12302