This is a Clilstore unit. You can .
Ach bidh mi daonnan ag ràdh, seall cho luath is a thog sinn uileag sgilean-coimpiutaireachd, fiù ’s feadhainn a bha gu math sean, ann an taobh a-staigh beagan mhìosan. Chan eil fhios am. Chuir mise mo mheòirean airson a’ chiad uair air bòrd-iuchrach, air keyboard, air coimpiutair nuair a chaidh mi gu Sabhal Mòr Ostaig ann an 1990. Agus an taobh a-staigh mhìosan, bha mi fàs cofhurtail leis a sin. Agus mar a tha teicneolas nam fònaichean, tha pàiste de thrì bliadhna a dh’aois comasach air na rudan seo a làimhseachadh. Tha adhbhar aca airson ionnsachadh. Gu ìre feumar adhbhar a bhith aig daoine son rudan a dhèanamh ann am beatha a tha trang is làn uallaichean dhen a h-uile seòrsa.
GW Agus chan e gu bheil iad illiterate idir
MM Chan eil idir! Agus tha mi smaointinn gu bheil feum mhòr mhòr orra agus an sgilean-labhairt airson cur ri beartas agus saidhbhreas coimhearsnachd na Gàidhlig, Agus an t-eòlas a th’ aca air dualchas na Gàidhlig. Agus gu ìre ’s e dualchas -beòil a tha air a bhith ann an dualchas na Gàidhlig gus o chionn ghoirid, is tha rudan matha ann mu dheidhinn sin cuideachd.
GW Well, tha sinn a’ dèanamh nas urrainn dhuinn – le Guthan nan Eilean, co-dhiù.
MM Tha! Tha gu dearbha. Aon rud dha bheil mi air an aire a thoirt cuideachd, o chionn ’s dòcha còig no sia no deich, chan eil cho fada ri deich bliadhn’ ann. Mar a tha na meadhanan sòisealta sineach air lìonsgaradh Tha an t-uabhas de dhaoine – chan eil iad a’ sgrìobhadh chaoban mòra fada, chan eil iad a’ sgrìobhadh nobhailean 80000 facal, ach tha iad a’ sgrìobhadh pharagrafan ann an Gàidhlig. Saoilidh mi gu bheil e fàs gu math gu math nàdarra a bhith faicinn dhaoine cur theachdaireachdan gu chèile, no dèanamh comments air teachdaireachdan dhaoine eile ann an Gàidhlig, far nach fhaiceadh tu cha mhòr…nan robh thu dol a chur note bheag air a’ bhòrd, ‘tha mi falbh a dh’iarraidh bainne’ – sgrìobhadh tu sineach ann am Beurla, ach tha mi smaointinn gur e adhartas a th’ ann, agus gu bheil am barrachd misneachd, tha mi cinnteach a thaobh ginealach sònraichte, beagan a sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig. Ach cuideachd, agus a-rèir an t-suidheachaidh. Chì thu threads agus cuid a dhaoine. Canaidh mi fear a thòisich ann am Beurla, agus gu bheil duine mu seach a-mach is a-staigh a’ cur nan comments air, ann an Gàidhlig is ann am Beurla a chionn ’s gu bheil fhios aca gu bheil Gàidhlig aig an neach a sgrìobh e, is chan eil iad a’ faireachdainn mar gum biodh air an cuingealachadh. A-rèir choltais, tha barrachd saorsa aca na shaoileadh tu, no na bhiodh air a bhith aca, is chan fhaca mi riamh – chan eil mi orra cho tric sin – chan fhaca mi riamh duine a’ ràdh – ‘Sorry, you know, I think that’s actually quite rude that you commented there in Gaelic.’ Rud a chluinneadh tu ann an suidheachaidhean eile.
GW – Tha na h-amannan ag atharrachadh gun teagamh. Cuideachd a’ tighinn air ais gu beul-aithris. Tha rudan mar voice-notes ann is gnothach mar sin.
MM Tha! Tha!
GW Is dòcha gum bi daoine a’ tionndadh gu bhith bruidhinn ris a’ fòn seach a bhith a’ sgrìobhadh. Co-dhiù. Chì sinn
MM Aon rud a bha mi dol a ràdh a thaobh ficsein a chuidicheadh, saoilidh mi. Bha sgeama ann air an robh Ùr-Sgeul a thug grunn leabhraichean ficsein gu bith fo sgèith Comhairle nan Leabhraichean agus am foillsichear, CLÀR. ’S e John Storey a bha gu mòr os a chionn. Agus thàinig a’ chiad leabhar a-mach ann an 2003, na sgeulachdan goirid sin Ath-Aithne, agus airson a’ chiad dhà no thrì bhliadhnachan bha CDs no DVDs a’ nochdadh agus na leabhraichean air an leughadh orra. Agus tha mi smaointinn gun do theirig an t-airgead agus sguir sin, ach a-nist tha teicneòlas air gluasad air aghaidh cho mòr, gum biodh e gu math furasta downloadable audio-books a chur a-mach. Agus tha mi smaointinn gun cuidicheadh sin ann an dà dhòigh. Tha mi a’ smaointinn gum biodh daoine a’ leughadh nan leabhraichean is ag èisteachd. So, bhiodh sin na b’ fhasa dhaibh nuair a bhiodh iad a’ faighinn a-staigh dhan sgeulachd is faighinn a-staigh dha na caractaran. Ach cuideachd, ged nach biodh iad ach ag èisteachd is an leabhar bhuapa, nuair a bhiodh iad ag èisteachd ris na faclan, agus ris na stòiridhean, chluinneadh iad gur e Gàidhlig gu math nàdarra is nach e Gàidhlig strange, choimheach, acadaimigeach a bha sna leabhraichean seo idir, ach cànan gu math nàdarra, a thuigeadh iad ga èisteachd. Is bheireadh sin barrachd misneachd dhaibh a bhith gan leughadh. A chionn tha mi smaointinn gu bheil rud beag de dh’eagal aig daoine ro leabhraichean Gàidhlig. – ‘Dè tha mise dol a dhèanamh leis a sin?’
GW Yeah. Deagh idea
MM Chan eil fhios am
GW Well, taing, a Mhàrtainn
MM ’S e do bheatha.
Short url: https://clilstore.eu/cs/12239