Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

James MacLetchie (5)

GW: A’ bruidhinn air bàrdachd, tha bàrdachd annad fhèin, nach eil?

JM: Tha, tha bàrdachd annam. Bha m’ athair riamh math air. Ach dhomhsa, bha mi measail riamh air ga chur sa chànan againn fhèin.

Agus bha cuimhne agam – Calum aig Runrig fhaicinn, agus bha iad sin ainmeil airson sgrìobhadh òrain ann an Gàidhlig san dòigh ùr. Agus tha cuimhne agam, thuirt e rium riamh gun sgur sgrìobhadh – “Na sguir sgrìobhadh gu bràth”.

Agus thog sin misneachd mhòr, o chionn bha eòlas mhòr agam air, agus bha meas mhòr agam air, mar a bha iad a’ sgrìobhadh, agus tòrr dha na h-òrain Gàidhlig a bh’ aca. Agus an uair sin bha leithid Julie Fowlis, thòisich i sin a’ toirt air ais na seann òrain, agus bha Linda MacLeod, bha i fhèin a’ dèanamh sin. Agus bha mise ag iarraidh a dhol san dòigh contemporary ach gum faighinn dòigh air na seann fhaclan a chleachdadh, agus na sgeulachdan.

Agus cuideachd bha mi eòlach nach robh sa chànan againn – cha robh sinn ann an dòigh a’ bruidhinn air leithid  cogaidhean an-diugh agus rudan mar sin. So bha mise ag iarraidh sin a thoirt a-steach dhan chànan ach an toireadh e suas gun an ìre sin. Chionn ma leughas tu leithid Dòmhnall Ruadh Chorùna, bha iad sin a’ bruidhinn air a’ chogadh, a’ chiad chogadh, agus ma choimheadas tu air ais ann an eachdraidh bha na seann bàird aig na h-iarlan, bha iad sin a’ sgrìobhadh mun deidhinn agus cha robh dad eile ann, so bha mise ag iarraidh sgrìobhadh mu dheidhinn na rudan a bha a’ tachairt an-diugh dhuinn, leithid Syria ’s Iraq agus na rudan mar sin.

GW: Seadh, ach cuideachd a’ coimhead air ais air an òige agad fhèin, agus na “Seann Daoine” – cuimhne agad air sin? An t-òran a sgrìobh thu airson Bi Beò.

JM: Tha, well an t-òran a bha sin – tha thu fhèin air rannsachadh a dhèanamh ma dheidhinn. Ach an rud a bh’ ann ma dheidhinn, gun robh sinn a’ faicinn dòigh beatha ag atharrachadh. Agus tha mi ga fhaicinn an-diugh, tha e ag atharrachadh gu mòr. Tha daoine a’ tighinn a-steach dhan eilean, tha iad a’ ceannach taighean agus tha iad a’ tighinn ann. Agus tha Gàidheil a’ tighinn a-steach thugainn. Agus, ged a tha iad nan eileanaich, chan eil iad nan eileanaich. Chan eil a’ buinteanas aca ris a’ chànan, a chaidh do thogail.

Agus chan eil an luach a tha sin aca, agus chan eil slighe aca a-steach dhan dualchas againn, ach rud a leughas iad. Mar a bha sinne, chaidh a chur thugainn air aithris-beul fad an t-siubhal, agus bha sin nar cuimhne. Agus a’ coimhead mar a tha na Gàidheil a-null thairis, thug iad leotha a h-uile eachdraidh a bha sin, dh’innis iad iad, ghlèidh iad iad, agus rinn iad dòigh eile, agus tha sin a’ tighinn air ais thugainn a-rithis.

Agus, tha e feumail dhomh gu bheil sin fhathast ann. Tha eagal orm nach bi e ann, ann am fichead bliadhna eile. Tha mi a’ faicinn daoine a’ falbh, agus leis a h-uile duine a dh’fhalbhas tha thu a’ call trì fichead bliadhna no còrr de dh’eachdraidh, sgeulachd, agus dòigh.

GW: Co-dhiù, tha thu fhèin ris a’ ghnothach, a’ feuchainn ris an luach a th’ ann sa chànan a bhrosnachadh, mar gum bitheadh, tro sgrìobhadh òrain…

JM: Tha, agus tha na h-òrain – chan eil mi ach a’ sgrìobhadh òrain, tha mi gan cur sìos, tha mi gan cur air-loidhne dhomh fhèin. Tha iad ann, ’s bidh iad ann.

Ach cuideachd, ann an dòigh, tha iad a’ dol nas doimhne sa chànan. Tha iad a’ faicinn dè na faireachdainnean a th’ agad. Agus tha cuimhne agam, òran a rinn sinn – Cuilean an Ròin, le Bi Beò. Bha sin a’ coimhead air mar a chaidh mise, mar a thàinig mise seo, mar a chaidh mo thogail, agus chaidh m’ fhàgail aig aois òige. Bha cuilean an ròin an aon rud. Bha i air fhàgail ann an sgeir. Agus sin a’ bhuinteanas eachdraidh a chaidh innse dhomhsa nuair a chaidh mo thogail, tha sin ga innse. Agus bha mi a’ bruidhinn ri Calum Iain MacCorquadale o chionn ghoirid, a’ bruidhinn ris agus e ag innse an sgeulachd aige fhèin, rudan nach robh fhios agad air, ach nuair a bha e ga innse dhut, bha e cho beò dhut. Agus ’s e a’ chànan fhèin a thug a’ bheòchantachd a bha sin a-steach ann. Nam biodh e ann am Beurla, cha bhiodh an aon rud ann.

GW: Sin an stòiridh agad, stòiridh gu math cumhachdach a th’ ann. Ach aig an aon àm, chan eil thu nad aonar. Bha clann eile, coltach riut fhèin, a thàinig a dh’fhuireach an seo.

JM: Bha, agus bha Tom Sloss – thàinig esan an seo – agus fear air a bheil mi gu math eòlach, ’s e Paul McCallum. Agus a’ coimhead mar – thàinig esan dà bhliadhna mus tàinig mise an seo. Ach an rud a bha cho annasach, bha pàisdean eile a’ fàgail nan eilean, pàisdean Caitligeach a’ dol sìos gu Glaschu.

Agus riamh nan canadh do mhàthair riut, “Thèid thu a Ghlaschu”, ’s e eagal mhòr a bhiodh ort gur ann sìos an sin a rachadh tu, ach dhomhsa ’s e eagal mòr a bh’ ann o chionn ’s bha iad a’ ràdh gur ann às an sin a thàinig mi. Ach a’ faicinn leithid Paul agus sin, mar a dh’ionnsaich e a’ chànan, agus na h-òrain a bhiodh e a’ seinn, agus duine cho gasta, ’s cho coibhneil a choinnich mi ris riamh.

Agus ’s e faicinn mar a dh’ionnsaich e fhèin a’ chànan, agus mar a tha e fhèin cho an-lùib an àrainneachd agus an dualchas a th’ againn.

Chan eil fhios agam, a bheil sin dhan a h-uile pàisde a thig an seo. Chan eil mi a’ smaoineachadh gu bheil e cho furasta. Dhomhsa, bha mi fortanach, cha robh buinteanas co-cheangailte agam ri mo mhàthair o rugadh mi. Cha do rinn i ach m’ fhàgail.

Agus mas e mo chiad chuimhne a bhith an seo, bha mi fortanach ann an dòigh. Bha mi sia bliadhna a dh’aois. Ach bhithinn an-còmhnaidh a’ faighneachd dham mhàthair – bha mi a’ feuchainn ri dhol chun ìre a b’ fhaide a b’ urrainn dhut a dhol ann an ceist. Agus dh’fhaighnichinn dhi chun ìre sin gus nach robh dad air fhàgail mu dheidhinn ceist sam bith. So bha mi ag iarraidh a h-uile càil a bha sin ionnsachadh.

Ach bha a’ Ghàidhlig, bha e prìseil, agus tha e fhathast prìseil. ’S nuair a bhios mi ag èisteachd Paul agus bidh e a’ dèanamh bruidhinn ann an àite , tha e fhèin a’ bruidhinn air cho prìseil ’s a bha a’ Ghàidhlig, agus tha e fhathast cho prìseil. Agus ma choinnicheas mi ris, ’s ann ann an Gàidhlig a bhruidhneas sinn.

Agus sin dà bhalach a thàinig o saoghal eile, agus a-nis a tha cho ceangailte ris an saoghal a tha seo. ’S e a’ Ghàidhlig a’ chiad chànan a th’ againn.

Clilstore CIALLGuthan nan Eilean/Island VoicesJames MacLetchie Series

Short url:   https://clilstore.eu/cs/12163