Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

James MacLetchie (2)

GW: Agus a Sheumais, cuine bha seo? An ann sna sixties a bha seo?

JM: Aidh, naoi ceud deug, trì fichead ’s a naoi.

GW: Seadh, so deireadh nan sixties, toiseach nan seventies, thoradh chan e Gàidhlig cànan a’ phlayground sna làithean a tha seo. Ach b’ e aig an àm sin. Bha Gàidhlig fhathast a’ dol sa phlayground.

JM: Bha, agus a h-uile latha ’s e sin a bhiodh tu a’ cluinntinn, san sgoil, sna bùithtean, anns a h-uile càil, agus cha robh cànan eile ann. Agus ’s e a’ phrìomh cànan a bh’ againn. Agus às aonais, dè bhiodh againn? Bha a h-uile dad ann an Gàidhlig air feadh nan sgìrean.

Agus an uair sin dh’ionnsaich mi a bhith ga sgrìobhadh, agus leughadh nan leabhraichean, agus mar sin. Agus fhuair mi cothrom dhà no trì dòighean a bha sin ionnsachadh. Agus rinn sin feum mòr dhomh, o chionn dh’fhosgail sin àite eile dhomh, leigeil leam a bhith a’ leughadh mu dheidhinn eachdraidh, cultar, agus dualchais an àite, agus air sgàth sin chuir sin barrachd buinteanas dhomh ris an àite far an deach mo thogail.

GW: So bha athair ùr agus màthair ùr agad nuair a thàinig thu seo, agus ’s cinnteach gun robh sloinneadh acasan.

JM: Bha, ’s e Magaidh Sheòrais Dhòmhnaill an Fhìdhleir an t-ainm a bh’ air mo mhàthair. Agus thàinig ise… bha i à Ardhasaig sna Hearadh. Ach bha a h-athair, ’s e Seòras Dhòmhnaill an Fhìdhleir a bh’ ann, agus bha e na phìobaire ainmeil, às na Hearadh, agus bha e na ghillie.

Agus a h-uile sàmhradh bhiodh sinn a’ dol a-null dha na Hearadh, agus bhiodh sinn a’ dol suas gu Scott Road, agus bhiodh sinn a’ faicinn a piuthar Eifeag agus an uair sin thigeadh na peathraichean eile dhachaidh, Doileag agus Màiri Anna agus Annag à Glaschu. Thigeadh iad sin dhachaidh, agus m’ athair Eairdsidh Dhòmhnaill Mhoireasdain às a’ Cheàrn Mheadhanach a bh’ ann. Agus bha Eairdsidh - ’s ann à Uibhist a bha e, agus mo mhàthair às na Hearadh.

GW: So, ged a thàinig thusa a-staigh, bha na ceanglaichean ris a’ choimhearsnachd ann mar-thà, mar gum biodh.

JM: O bha, ’s bha m’ athair - ’s e dòigh m’ athar a h-uile latha dol a-mach ’s a’ dol a chèilidh sa mhadainn, feasgar, ’s air an oidhche. Agus bha e ainmeil airson sin – a’ dol timcheall nan taighean.

Agus bheireadh e mise leis gu na taighean a bha sin, agus air sgàth sin thug e a-steach mi ann an saoghal a bha sin gun duilgheadas sam bith an àite dhomhsa a bhith a’ feuchainn ri snìomh a-steach ann. Bhiodh esan gam thoirt a-staigh ann, ’s mo mhàthair gam thoirt a-null dha na Hearadh – thug sin a-steach an sin mi, agus eadhon chì mi chun an latha an-diugh, ma thèid mi dha na Hearadh, tha an teaghlach eòlach orm, ’s tha cuimhne aca orm nuair a bha mi beag, agus na dòighean a bha sin.

GW: Seadh, so bha thu gad cheangal a-staigh sa choimhearsnachd gu nàdarra.

JM: Bha.

GW: So, tha dà chànan agad. Dè cho cudromach ’s a tha sin dhut, gu bheil dà chànan agad, agus gu sònraichte Gàidhlig nam measg?

JM: Chan eil mi a’ tuigsinn ciamar a bhithinn beò às aonais. Tha e ann gu nàdarra. Tha e, mar gum biodh – cha deach a chur ann, ’s cha deach ionnsachadh ann an sgoil eile. Chaidh ionnsachadh nuair a bha mi òg.

Agus, tha mi a’ smuaintinn – chì mi an-diugh nuair a dh’fhalbhas mi gu Tìr Mòr, no ma thèid mi a-null thairis, cho luath ’s a chluinneas daoine gu bheil Gàidhlig agam tha e a’ fosgladh dorsan ùr agus tha e a’ bristeadh sìos ceanglaichean.

Agus bha rud gu math annasach a thachair dhomh thall sna Stàitean nuair a bha mi shìos ann an South Carolina, agus chaidh mi a-steach gu bùth sin. Agus bha riamh annasachd agam dha na h-Innseanaich, agus an Apache agus Geronimo agus na daoine a bha sin, agus bha mi a’ feuchainn ri dealbh fhaighinn.

Agus cha d’ fhuair mi dealbh, agus thàinig mi a-mach às a’ bhùth agus thàinig am boireannach a-mach às mo dhèidh – “Till a-staigh. Feumaidh tu tilleadh a-staigh dhan bhùth.” Agus bha mise a’ ràdh rium fhèin, “Dè rinn mi an seo, dè rinn mi ceàrr?”

’S thòisich am boireannach a’ bruidhinn rium ’s bha ise na Cherokee, ’s bha na daoine aicese air coiseachd air Slighe nan Deòir, suas ri h-ochd mile deug dhiubh. Agus bha i a’ ràdh rium, “Feumaidh an duine agam do choinneachadh”.

Bha mise a’ ràdh rium, “Carson a dh’fheumas an duine aice do choinneachadh?”

Agus ’s e ceannard an Apache Nation ann an Aimeirigeadh chun an latha an-diugh. Agus fhuair sinn, na daoine a bha cuide rium. Dh’aontaich iad cà’ an coinneachadh sinn. Agus choinnich sinn ann an Greenville.

Agus bha mise le eibhleadh orm agus deise mar a bhitheas oirnn. Agus chaidh mi a-steach dhan àite bha seo, agus cò bha sin? Bha e na sheasamh taobh a-staidh dhan doras – còig troimhean – five foot eight, tha mi a’ smuaintinn a bh’ ann – falt dorcha dorcha, sùilean gleusda dorcha-ruadh, agus nas leathan na mise.

Agus thàinig e thugam, agus chuir e a làmh fom ghàirdean. Agus choimhead e rim shùil agus thuirt e, “Tha thusa eòlach mar-thà.” Agus an uair sin thuirt e, “Tha an dithis againn air coiseachd gach taobh gach sruth. Agus chun an-dràst, tha an sruth a’ coinneachadh. Agus tha an dà shaoghal againn a’ coinneachadh.”

Agus tha dealbhan agam bhon an àm a tha sin, agus tha mise a’ coimhead mar gum faca mi taibhse.

So, a’ Ghàidhlig – tha mi cinnteach gur e sin a thug mi sin, ann an dòigh. Agus feumaidh gum faca esan rudeigin a bhoinneadh dha. Cha thachair sin – chan eil mi a’ smaoineachadh gun tachair sin ri duine sam bith – ach thachair e dhomhsa.

Clilstore CIALLGuthan nan Eilean/Island VoicesJames MacLetchie Series

Short url:   https://clilstore.eu/cs/12160