Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

James MacLetchie (1)

GW: Ceart, a Sheumais. Cha do rugadh tu ann an Uibhist, ach chaidh do thogail ann an seo, a bheil mi ceart?

JM: Tha thu ceart gu leòr. Aidh, ’s e stòraidh annasach a th’ ann, dha rìreabh. Chan eil cuimhne agam air sgath dham bheatha o sia gu neonaidh. Agus chan eil fhios agam cà’ an robh mi. Chan eil cuimhne agam air clann. Chan eil cuimhne agam air guthan duine sam bith eile. Chan eil cuimhne agam air duine fhaicinn no cà’ an robh mi a’ fuireach.

Ach an aon chuimhne a th’ agam, a’ chiad chuimhne, ’s e duine a’ tighinn a-steach gu rùm dorcha, gam thoirt a-mach gu rùm eile, agus a’ cur air a’ bhòrd mapa an sin, agus ga chur sìos, agus a’ cur a chorrag thuige, agus a’ ràdh rium “tha thusa a’ dol an sin, a’ dh’fhaicinn do mhàthair ùr agus d’ athair ùr”.

Cha robh fhios agamsa dè bha sin aig an aois a bha sin – sia bliadhna a dh’aois. Agus an ath chuimhne a bh’ agam ’s e a bhith air itealan a’ tighinn suas gu àite far an robh e a’ cantail Beinn na Faoghla. Agus ràinig mi Port-adhair Bheinn na Faoghla, agus thàinig mi a-mach, agus tha cuimhne agam – a’ chiad rud a bha annasach dhomh, ’s e na dathan glòrmhor a bh’ann. Bha soilleireachadh cianail san adhar, bha na sgothan geal, ach bha am feur – bha e cho… ann an dòigh bha e cho blasda, ’s cho milis air d’ anail.

Agus cha robh mise air seo fhaicinn riamh. Agus bha càr glas gar feitheamh, agus bodach. Thàinig e a bhruidhinn ris an duine eile, agus chuir iad mise air cùl a’ chàir, mi-fhìn agus bha teadaidh beag agam.

Agus tha cuimhne agam air mar a bha an càr fhèin. Bha na seataichean, bha iad dearg agus striopan geal orra. Agus bha mi nam shuidhe air mo ghlùinean, a’ coimhead a-mach an uinneag. Agus cha robh mi a’ tuigse dè an t-àite a bha seo. Bha a h-uile dad – chitheadh tu cho fada – adhar fada fada air falbh, ach cuideachd na dathan a bha sa chuan – uaine is liath is soilleir-liath, is dath dorcha-liath. Agus an uair sin, bha mar gum biodh an càr a’ falbh a’ snìomh e fhèin a slighe tarsuinn an uisge.

Agus bha mi a’ ràdh rium fhèin gu dè – air a’ chabhsair, ’s e cabhsair a bh’ ann, ach do phàisde cha robh fhios agam dè bh’ ann. Agus bha sinn a’ cumail oirnn sìos an rathad. Cha robh càraichean ann aig an àm ud.

Agus thàinig sinn sìos gu sgoil beag, agus thionndaidh sinn a-steach an sin. Agus chuala mi clann a’ cluiche sa ghàrradh. Agus nam chuimhne cha robh mi air clann a chluinnteil. Agus nochd dà bhoireannach a-mach às an taigh, agus boireannach, falt dorcha oirre is speuclairean, agus ’s i mo mhàthair ùr, Magaidh Sheòrais, agus boireannach eile, Mary Margaret Maclean. Agus chaidh Magaidh a-staigh dhan taigh cuide ris an duine eile – cha tuirt i facal riumsa. Agus thàinig Mary Margaret, agus thog i mi suas na gàirdean. Agus ’s i a’ chiad duine riamh a thog mi, agus ’s e a’ chiad faireachadh gaoil a fhuair mi riamh nam bheatha.

Agus dh’fhalbh an duine, agus chaidh sinn – chaidh iarraidh oirn dol a-staigh airson suipear, no dìnneir, agus ’s e scrambled eggs agus tost a bh’ againn, agus bha dà bhalach òg an sin, Dunnchadh MacChumhais agus Seonaidh Mac a’ Phiocair, air an Ath Mhòr.

Agus bha iad an sin, agus dh’fhalbh iad. Agus ’s ann dìreach as dèidh àm Càisg a bh’ ann. Agus chaidh mi suas a chadal air an oidhche, agus bha each beag agus càirt phlastaig ri taobh na leapa agus le chocolate Easter egg ann. Agus cha robh mise air sin fhaicinn riamh gu bràth.

Agus chaidh mi a chadal, agus uaireigin – feumaidh gur ann tràth sa mhadainn – thàinig solas a-staigh dhan rùm agus dh’fhairich mi a’ chorrag a bha seo a’ dol sìos m’ fhuilt agus sìos taobh m’ aodainn. Agus dh’fhosgail mi mo shùilean agus dè bha sin ach Eairdsidh, m’ athair. Agus ’s e a’ chiad turas riamh a dh’fhairich mi cuideigin a’ cur làmh gaoil orm.

GW: Aidh, iongantach. Agus ’s cinnteach nach robh Gàidhlig agad aig an àm sin.

JM: Cha robh Gàidhlig agam, agus thàinig mi sìos an ath mhadainn, agus bha iad a’ còmhradh ann an cànan nach robh mise a’ tuigse o shealbh.

Agus thòisich iad a’ bruidhinn ann am Beurla. Cha robh Eairdsidh cho deònach air a bhith a’ bruidhinn ann am Beurla san dòigh a bha mo mhàthair. Bha i a’ tidseadh co-dhiù – bha i os cionn an sgoil phrimary a bha sin.

Agus bha crodh aige is laoigh is caoraich, ’s thug e timcheall na sgìre mi ’s timcheall a’ bhaile, agus a h-uile còmhradh a bha sin ’s ann ann an Gàidhlig a bha e.

Agus thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig san sgoil. Agus bha Eairdsidh a’ ràdh a h-uile turas a thiginn dhachaidh, gun fhaighnichinn dhaibh, “can sin sa Ghàidhlig”. Agus ann an dà bhliadhna bha mi fileanta sa chànan.

Ach dh’fhosgail sin saoghal ùr dhomhsa, saoghal, agus lur cho brèagha. Leig e dhomh a dhol a-steach gu taighean-cèilidh ’s gu còmhraidhean. Bha mi an uair sin a’ bruidhinn ri daoine eile san sgìre.

GW: Seadh, an ann mar sin a’ dh’ionnsaich thu an cànan, le bhith ga cleachdadh seach a bhith ga h-ionnsachadh gu foirmeil san sgoil, mar gum biodh?

JM: Well, san sgoil bha sinn ga ionnsachadh, ach cuideachd aig an àm ud bha sinn uile, nuair a bhiodh sinn a’ cluiche a-muigh, ’s ann ann an Gàidhlig a bha a h-uile duine a’ bruidhinn. Cha robh Beurla ann, cho mòr aig an ìre a bha sin. Cha robh bocsa nan dealbhan fhèin againn, no an telebhisean mar a chanas iad. Cha robh sin ann aig an uair ud. So cha robh agad ach a’ chànan.

Agus bha mise ann an dòigh – bha mi caran fad’ às, mar a chanas iad an seo. ’S e balach ùr a bha seo, san sgìre – falt bàn orm, sùilean liath, agus a h-uile pàisde eile – sùilean dorcha ’s falt dorcha ’s bha thu a’ ràdh riut fhèin ò tha e a-mach… so ’s e an aon dòigh a b’ urrainn dhomh, ’s e a bhith ag ionnsachadh a’ Ghàidhlig.

Agus an rud a bha annasach ma dheidhinn, chan eil cuimhne agam a bhith ga ionnsachadh. Thàinig e dìreach thugam, agus bha e agam.

Agus an uair sin, thòisich iad ag ionnsachadh Beurla, ach bha Beurla agam co-dhiù.

GW: Seadh, tuigidh mi sin.

Clilstore CIALLGuthan nan Eilean/Island VoicesJames MacLetchie Series

Short url:   https://clilstore.eu/cs/12159