Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Còmhradh aig Taigh Lawrence (2)

T. Agus nuair a bhathar a’ cur mullach air, rinn thu cinnteach gun do rinn iad ceart, cruinn e. Feadhainn dha na taighean, tha iad gan dèanamh ro bhiorach.

L. Tha… tha an ridge aca ro bhiorach – chan eil a’ ghaoth a’ faighinn seachad orra dòigheil.

T. ’S tha iad a’ tòiseachadh air falbh aig an ridge mar gum bitheadh.

L. Tha, bha na feadhainn a bha gan dèanamh o chionn fada bha am mullach aca cruinn ’s rachadh a’ ghaoth seachad orra … bha e gu math na b’fhasa. ’S iad a’ chiad fheadhainn a rinneadh aero-dynamic. Bha oiseanan cruinn orra cuideachd.

T. ’S e oiseanan cruinn a th’ air an fhear seo.

L. Ach bha e doirbh clachan fhaighinn cuideachd. Bha obair mhòr sna h-oiseanan a bha sin – snaidheadh nan clachan a bha sin. Thod, bha! Bha iad a’ cur seachad uine mhòr, a’ dèanamh oisean. Dèanamh, fhios agad, clachan a bhiodh freagarrach airson oisean.

T. Agus a’ chlach a gheibh thu an seo tha i gu math doirbh a h-obrachadh – tha i gu math cruaidh.

L. Tha i cruaidh, ach tha tòrr cloiche an seo, tha i fon talamh agus chan eil i fada sam bi fon talamh, ’s bha iad a’ cladhach ann a shin na clachan às an talamh. Bha. A’ cosg uine mhòr. Sheadh. Ach tha i cruaidh agus gheibh thu car - nan cruinneachadh tu tè mhath gheibheadh tu deagh lot airson balla a dhèanamh, chionn tha aodann orra, fhios agad, air gu leòr aca. Tha. Feadhainn dhiubh gu math sgueathar dhiubh fhèin cuideachd. Ach chan eil ann ach mar a chaidh am fàgail, ach chan eil tòrr idir de sgallachan mòr ann. Bhiodh iad gan losgadh sin uaireigin, bhitheadh iad a’ cur teine fodhpa airson an spliotadh. Bhitheadh.

T. Bha thu a’ ràdh cuideachd gur e seo, tha mi cinnteach, an aon taigh tughaidh anns a bheil duine a’ fuireach gu cunbhalach.

L. ’S e, sin a thuirt am boireannach a bha aig Historic Scotland a bha sin riumsa, seo an aon duine an taobh a tuath Alba a bha duine a’ fuireach ann... an aon taigh tughaidh.

T. Fad an t-siubhail …

L. Seadh, an còrr ’s e holiday lets a th’annta. Ach tha iad glè mhath. Tha iad a’ còrdadh leis na daoine a’ tighinn annta, na feadhainn aig a bheil na holiday lets a tha sin.

T. O tha, chan eil an còrr a dhìth orra, ach a bhith a’ fuireach ann am fear de na taighean tughaidh.

L. O chan eil. Tha mi cinnteach gu bi gu leòr dhiubh a’ dol a mach a thaigh Uisinis an sin cuideachd.

T. Dhan t-seann bhothan.

L. Seadh, dhan t-seann bhothy tha sin. Chan eil fios ’am ciamar a tha i a-nis, ach bha i gu math rough dhi fhèin uaireigin.

T. Cò leis a nis a bha an taigh a rinn – tha an taobh shuas dhuinn… ’S ann dìreach airson luchd-turais a tha am fear sin, nach ann?

L. Cò am fear tha sin?

T. Am fear aig – an taigh aig John Angus, ’s e bha còir agam a bhith air a ràdh.
 
L. O seadh, shuas an a seo, seadh. Seadh, ’s e deagh thaigh a th’ann fhèin, ’s e e fhèin a rinn e, a’ chuid as motha dheth mun cuairt dheth, na bhroinn agus – oh ’s e. Oh, bha am fear sin glè mhath.

T. Agus tha cuidegin eile a’ bruidhinn air taigh a dhèanamh suas aig a’ Bhuile Dhubh cuideachd, air taobh eile an rathaid bhon eaglais.

L. O tha, chan eil fios ’am de tha gu bhith san fhear sin. Tha, ’s e listed building a tha sin. Sin a facal. Listed Building. ’S e Listed Building a bha sin. Feumaidh am fear sin a bhith air a dhèanamh mar a tha iad ga iarraidh.

T. Tha mi cinnteach.

L.  O feumaidh. Chan eil e math uinneagan plastic a bhith ann no dorus plastic.

T. Chan eil fhios ’am am faod iad sian a chur fon tughadh airson -

L. Tha, tha mi a’ smuaintean gur e sin – stad a chaidh a chuir air, uairegin a bha iad a’ dol ga dhèanamh, bha felt air ach cha robh iad ag iarraidh felt idir air.

T. Cha robh iad air a shon idir …

L. Chì thu am fear sin. Chì thu cho biorach ’s a tha am mullach aige. Tha. O cha robh na seann daoine ag iarraidh sian dhe rud a chuireadh stad air a’ ghaoith. Bha a’ ghaoth a’ dol seachad orra. Aidh, ’s e taighean blàth a bha annta uaireigin. Bha stòbh anns na taighean a bha sin is bhiodh iad dearg daonnan nuair thigeadh tu thaigh. Bhitheadh, a mhòine a b’fhearr air a taghadh air a son, … bha.

T. Agus an coire air an stòbh fad an t-siubhail.

L. Bha an coire air an stòbh daonnan – mura robh a dhà dhiubh! Bha fear eile air standby. Bha, bha tòrr san Iochdar. Bha tòrr thaighean tughaidh san Iochdar. Tha mise a’ smuaintean gu robh aon cheithir fichead ann aon trup – do thaighean tughaidh!

T. Ceithir fichead?

L. Sheadh, bha, tha e gu math farsaing eadar Àird na Mòine, Baile Garbhaidh is Rubh Aisernis. Chan eil an sin. Chan fhaic thu mòran do sheann taighean, … fhios agad …. taighean a tha sean, tha mi ag ràdh, sìos mun Iochdair idir. ’S e taighean ùra as motha a th’ann. Chan eil iad sean idir. Is mar a bha mi a’ canntail, of course, nuair a shioftadh iad a-mach às an taigh thughaidh dhan taigh ùr bha na beathaichean a’ faighinn na seann taighean.

Clilstore Taighean-tughaidh UibhistCIALLIsland Voices/Guthan nan Eilean

Short url:   https://clilstore.eu/cs/11945