This is a Clilstore unit. You can .
T. An-diugh tha sinn anns an taigh aig Lawrence MacEachainn. Tha Lawrence à Dreumasdal, ach the esan – chuir e air dòigh taigh tughaidh dha fhèin san Iochdair agus ’s ann an sin a tha e a’ fuireach a nist agus ’s e taigh beag snasail air a dheagh chur air dòigh. Tha Lawrence cuideachd càirdeach do Chlann ’ic Eachainn. Bha sinn a’ bruidhinn ma dheidhinn sa chiad tobhta ann an Tobh’ Beag. So tha...Lawrence, a bheil thu airson an t-sloinneamh agad fhèin a thoirt seachad...?
L. Tha. … Lawrence Iain Alasdair ’ic Raghnaill.
T. Lawrence Iain Alasdair ’ic Raghnaill ….agus ’s ann an Dreumasdal a rugadh tu ann an taigh geal ach…
L. ’S ann..
T. ….chuir thu air dòigh an taigh beag tughaidh a bha seo dhut fhèin…
L. Chuir…
T. Agus dè an dòigh a chaidh thu mun cuairt air? No ciamar? Bha ceangal agad ris an taigh seo?
L. O bha, bha, is ann a bhà piuthar m’athar, bha i pòsd ann a sheo….
T. Piuthar d’ athar?
L. Sheadh. Bha i pòsd an a sheo is fhuair mise, fhuair mi na crùitean. Na crùitean a bha a-bhos ann a sheo. Chuir mi air dòigh an taigh, cha robh an taigh, cha robh e...bha e dona gu leòr ach cha robh an taobh a-muigh aige air a shioftadh na sian so ... Bha dùil ’am an toiseach a leagail ach dh’iarr cuideigin orm gun a leagail idir… a dhèanamh suas a rithist.
T. Bha iad a’ fuireach san taigh nuair bha thu…
L. Nuair a bha mise a-mach às an sgoil thàinig mi nuas an seo. Bha a’ chailleach beò ’s bha i a’ fàs sean. Bha crodh is caoraich ann is gnothach, ach dh’ fhuirich mi treis ann is bha mi airson, bha mi airson falbh is dh’fhalbh mi gu muir an uair sin. Bha mi aig muir mu fhichead bliadhna ’s thìll mi air ais.
T. Agus an robh thu riamh a’ sùileachadh gun cordadh leat a …
L. O bha, o bha, bu thoigh leam taigh tughaidh.
T. Agus bhiodh obair gu leòr ann a h-uile sian …
L. Och bha, fhuair mi… fhuair mi fear airson a dhèanamh dhomh agus rinn e deagh dhiob (job) air, bha e glè mhath gu dearbh.
T. Seadh, ’s e taigh beag snog a th’ann.
L.Seadh, rinn e deagh dhiob air, na bhroinn ’s air an taobh a-muigh.
T. An robh duine eile san taigh an uair sin, anns na seann lathaichean?
L. Cha robh, cha robh, bha iad ga uisneachadh airson stòrr, ’s tha mi cinnteach, tha mi cinnteach far a bheil mi nam shuidhe an dràsta, tha mi cinnteach gu robh bò ann an stàll an seò. Bha iad an uair ud, nuair a thogadh iad taigh ùr bha na beathaichean a’ dol dhan – ’s e.
T. Aha all right.
L. ’S e, bha mòran ris, bha iad a’ caitheamh dhiubh na similearan ’s a’ dèanamh bàthach dhiubh.
T. O bhitheadh dìreach…
L. Ach cha deach na similearan a thoirt far an fhear seo idir. Cha robh e sgràthail doirbh a dheanamh suas idir. Ballachan uabhasach tiugh, trì troighean air a chùl ’s air am beulaibh, ’s ceithir troighean sna cinn aca. Chan fhairich thu sian na bhroinn, chan fhairich thu gèile na sian.
T. Is fhuair thusa, fhuair thu deagh mhullach a chur air le membrane fon tughadh
L. Fhuair, fhuair, …
T. Chan eil thu idir an urra ris an tugha fhèin airson an t-uisge a chumail a-mach.
L. Chan eil, chan eil. Nuair a thòisich iad an uair ud air na taighean, … fhios agad... Dè chanas tu leis?….
T. … nuair bha iad a’ dèanamh suas na ….
L. Seadh, cha robh am fear seo idir… cha robh duine a’ fuireach ann. So ’s e Conservation Order a bha air, cha robh e a’ tighinn fon na schemes eile idir.
T. An tu fhèin a rinn an tughadh?
L. O mi fhèin a bhiodh ga thughadh ach … cha do thugh mi e o chionn dà bhliadhna. Tha an t-àm…. feumaidh mi cuidegin fhaighinn airson a dhèanamh a nis, ach chan eil e furasta duine fhaighinn. Chan eil, chan eil. Och cha toireadh duine fada air a thughadh idir.
T. Aidh, chan fheum e ach dìreach beagan a chur ris.
L. O ’s e, ach uaireigin bha iad a’ gabhail saothair mhòr dhan tughadh. Bha. Dh’fheumadh e a bhith air a dhèanamh cho dìonach, ’s mar a bha an uair sin, gnothaichean, àraidhean fada troma aca a’ dol dhan mhullach aige. Feadhainn fhiodh. Chan eil agad a nis ach àraidhean aluminium, is tha iad gu math nas fhasa. Tha. O bha, cha robh. Chan eil fios ’am...bha fear a-muigh an rathad an seo – Saor Tuathach, chan eil fios agam gu mheud aradh fada a riunn e fhad ’s a bha e beò, ’s e saor math a bh’ ann. Oh ’s e, bhiodh àradh aig a h-uile duine an uair ud, oh bhitheadh.
Short url: https://clilstore.eu/cs/11944