This is a Clilstore unit. You can .
Coinneach Fàilte oirbh gu fear eile de na còmhraidhean a tha sinn a' dèanamh ann an-seo, aig Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac, far a bheil sinn a' dol a choinneachadh ri daoine agus iad a' cuimhneachadh air làithean an òige, agus 's dòcha beagan de na daoine a bha timcheall orra agus na nithean anns an robh iad fhèin an sàs. An dòchas gum bi seo gu feum dhuibhse a tha a’ coimhead, ach 's dòcha do ghinealaichean a tha ri tighinn cuideachd.
Tha mi an-diugh air sràid a' Bhac, còmhla rium tha bràthair agus piuthar, Kenny Murdo agus Christine Dhòmhnaill Ghoidy. 'S fheàrr dhomh innse dhuibh gun fhiosta nach tèid mi ceàrr gur e an t-urramach Coinneach Fearghastan, mar a dh'aithnicheas gu leòr Kenny Murdo, ach dhuinne ann an-seo air a' Bhac 's e Kenny Murdo Dhòmhnaill Ghoidy a th’ ann, airson adhbharan an latha an-diugh co-dhiù. Rùgadh agus thogadh tu ann an-seo.
Kenny Murdo 0:48 Anns a' Phoileagan.
Coinneach 0:50 Anns a' Phoileagan. Dè a’ chiad chuimhne a th’ agad?
Kenny Murdo 0:53 Dè a’ chiad chuimhne a th’ agam? Uill, saoilidh mi gur e an latha a chaidh mi dhan sgoil. Tha sin agam soilleir nam inntinn co-dhiù, agus bha teaghlach an Ullaig ri ar taobh anns a' Phoileagan, agus bha Peigi an Ullaig agus Dòmhnall, bha iad na bu shine na mise. Agus saoilidh mi gur ann orrasan a bha an t-uallach, mise a threòrachadh a h-uile ceum den t-slighe dhan sgoil.
Bha barrachd air mìle againn ri choiseachd dhan sgoil, chanainn mìle agus cairteal co-dhiù, mura robh mìle gu leth. Agus siud a' chiad chuimhne a th’ agam aig bonn a' leothaid anns a' Phoileagan, a' tòiseachadh a' dol suas an leathad a bh' ann an-sin gu taigh Choinnich a' Bhatasgeir mar a bhiodh againn air. Taigh Nomanaidh, agus sin a' chiad chuimhne a th’ agamsa.
Coinneach 1:41 Agus dè am fàilte a chaidh a chur ort anns an sgoil?
Kenny Murdo 1:44 Chan eil càil a chuimhne agam air a' chiad latha anns an sgoil fhèin. Chan eil càil a chuimhne agam. Ach, bha feadhainn timcheall oirnn is iad a bha anns a' chlas còmhla rium, Murchadh Mhilo. Bha esan shuas air Cnoc an t-Solais, agus Iain Choinnich 'an Sìne, tha…Bògaidh mar a chanas sinn. O, 's e. Alasdair ’an Sìne, tha mi duilich. Agus an uair sin bha mac Upsan shuas an rathad ann an-seo, faisg oirnn.
Is mac Alec Chaluim Eel, chaochail esan bho chionn dhà no thrì bhliadhnaichean air ais. Dòmhnall Roddy, bha e air a' chlas agam.
Coinneach 2:19 'S ann a bha mi a' faighneachd siud dhut airson tha cuimhne mhath agamsa a' chiad latha a chaidh mise innte agus 's e eagal mo bheatha a chaidh a chur orm.
Seach gun robh sinn a' gal nuair a dh'fhalbh ar màthraichean, agus chaidh maoidheadh oirnn gum faigheadh sinn medicine gu math cliobhar agus dhùin sinn ar beul.
Kenny Murdo 2:33 Seadh.
Coinneach 2:34 An e Ceiteag Mhurchaidh a bh' agadsa?
Kenny Murdo 2:35 'S i, ’s i a bh’ agam. Agus tha cuimhne agam an òrdugh a bhiodh i a' toirt seachad gu tric, ‘Hands behind!’, dh'fheumadh tu do làmhan a chur mar sin air do chùlaibh, agus tha cuimhne agam toirt a-mach an sglèat, is bucas beag le luideag fhliuch agus luideag thioram ann, is dh'fheumadh tu an sglèat a nighe, agus a thiormachadh, agus an uair sin tòiseachadh a' sgrìobhadh, le sleaban.
Tha cuimhne agam a' chiad dhà na thrì leasanan a bh' againn, agus bha iad cho furasta dhomhsa ’s a ghabhadh, ‘A for Apple, B for Ball, C for Cat’, mise ag ràdh ‘This is going to be a breeze!’, ‘Tha, tha seo gu bhith cho furasta’.
Ach cha robh a' chùis air tòiseachadh a bheil fios agad air fàs cho dorch an uair sin, bha rudan ann, agus tha…cha robh a’ chùis cho furasta idir.
Coinneach 3:20 A Christine, a-nise, tha thusa tòrr nas òige, bidh tu ag ràdh. An e siud a’ chuimhne a th’ agadsa? Dè a’ chiad chuimhne a th’ agadsa?
Christine 3:26 Uill, 's e a' chiad chuimhne a th’ agamsa, a bhith an taigh an Ullaig, mar a bha Kenny Murdo ag ràdh. 'S e taigh iongantach a bh’ ann. Bha record player aca, agus bha Peigi cho mòr a bharrachd oirrne.
Bha i cho brèagha is sinne ga coimhead, agus bhiodh sinn a' seinn mar a' record player. Is i a thug mise dhan sgoil cuideachd. Ach chan eil càil a chuimhne agam mar sin fhèin air a' chiad latha ach tha cuimhne agam a bhith uabhasach, coimhead na bha siud a dhaoine, cha robh mi air am faicinn a-riamh. A bheil fhios agad, cha do charaich sinn mòran a-mach anns a' Phoileagan.
Ach tha, nise an fheadhainn a bha còmhla rium, bha Peigi Mairi Jack ann agus Mary Joan Chaluim an Tuathanaich. Nise, dh'fhaighnichinn an dithis sin, bha sinn pally. Bha Peigi Màiri mo chousin fhìn, Peigi Màiri a’ Bhulair, bha i an-sin cuideachd ach on the whole, cha robh daoine, cha robh mi gan aithneachadh son a bhith…
Coinneach 4:17 A bheil càil a chuimhne agad dè ne records a bha…a bha agaibh ann an-sin? Tha…tha cuimhne agamsa a' chiad fhear a chuala mi fhìn, 's e Jimmy Shand agus…agus Whistling Rufus a bh’ ann.
Christine 4:24 Ò uill, 's e Pat Boon a bhiodh aig Peigi.
Coinneach 4:26 Seadh.
Christine 4:28 Agus an fheadhainn sin. Elvis Presley. So sin an fheadhainn a bhiodh sinn ag èisteachd a-staigh is bha tòrr…bu chaomh leamsa taigh an Ullaig bha cho saor a bharrachd air an taigh againn fhìn. Gheibheadh sinn às le tòrr. Bha…bhiodh an Ullaig a' seòladh is bhiodh Anna leatha fhèin. Ach bhiodh i gar cumail mar gum biodh entertained. Bha i uabhasach snog, bean an Ullaig.
Coinneach 4:52 Uill, dè…dè seorsa cur-seachadan a bh' agaibh? Ciamar a bha sibh a' cur seachad na tìde ann an-seo, bha sibh ag ràdh nach robh sibh a' measgachadh le…le daoine anns an t-seagh sin ann? Cia…ciamar a bha an latha…a' cur seachad nuair a bha sibh òg?
Christine 5:03 Uill, nuair a bha sinne anns a' Phoileagan tha…bhiodh sinn a' dèanamh taigh beag. Sin a' chiad rud. Is tha cuimhne agam, bha mar gun canadh tu 'ruins' a-muigh far a bheil taigh Shona an-diugh.
Kenny Murdo 5:15 Taigh Ciorstaig.
Christine 5:17 Taigh Ciorstaig. Agus bha gable still an-àirde, so bhiodh sinn a' cur maidean agus bhiodh sinn a' dèanamh taigh beag agus bhiodh sinn a' feitheamh sìos rathad na fainge mu choinneamh an taighe againn, bha rathad beag eadar dà fheansa is bhiodh daoine a' dol sìos le bara le rubbish, bha mar gum biodh lagais ann sin shìos,
Agus an latha a dheigheadh Mrs Stewart sìos, bean na Pòcaid, leis a' bhara, bha sinne a' dol sìos às a dèidh. Bhiodh tòrr rudan snoga anns a'…bhiodh…tha…powder, canastairean powder. Bha clann- nighean an uair sin ann an taigh a' Phocaid, Sheila, Anna is Cathy agus bhiodh powder is rudan snoga is puistealan, pìosan cupan briste, ach bhiodh iad cho brèagha. Bha iad air a bhith ann an Ameireaga is bha tòrr rudan snoga aca. So bhiodh seo a' dol dhan taigh bheag.
Coinneach 6:09 Sin bean na Pòcaid a bh' againn air Primary 2.
Kenny Murdo/ Christine 6:10 'S i, ’s i.
Coinneach 6:12 Gu math eadar-dhealaichte ris an tè a bh' againn air Primary 1.
Kenny Murdo 6:14 Ò bha.
Christine 6:15 Bha i àlainn.
Kenny Murdo 6:16 Bha, bha i snog.
Coinneach 6:17 Nise, nuair a bhiodh iadsan a' cluiche na taighean beaga dè bhiodh na balaich a' dèanamh?
Kenny Murdo 6:21 Uill, chan eil tòrr cuimhne agamsa air càil ach football, bhiodh sin…bhiodh sin a' dol. Ach saoilidh mi gur e an còrd a bu treise a bha a' ruith tro mo bheatha an uair sin nuair bha mi òg, ag obair air a' chroit.
Agus thàinig am balach agam tarsainn air dealbh dhìom nam bhalach timcheall air deich bliadhna is ràcan agam mar seo agus Christine ri mo thaobh agus piseag aice, piseag dhubh agus mo mhàthair, agus sinn air a bhith ag obair either anns a' choirce air a neo ag obair air feur. Agus bha mise a' can…a’ cantainn ris a' bhalach agam, 's e sin mar a bha mise beò an uair sin aig an taigh, a bheil fhios agad. Bha an t-uabhas uallaichean co-cheangailte ris an talamh agus a' chroit ann.
Coinneach 7:02 Ach cha robh sibh ga fhaicinn mar uallach, mar obair, 's e bh’ ann ach sin an dòigh-beatha, sin an caitheamh-beatha.
Kenny Murdo 7:08 Sin, sin an dòigh -beatha.
Coinneach 7:09 Is bha e a’ ruith bho thoiseach gu deireadh na bliadhna. Theirig tron a' bhliadhna a-rèiste de na rudan a bha agaibh ri dhèanamh. Deireadh na bliadhna an-seo an-dràsta, uill cha bhiodh cùs ri dhèanamh, ach…
Kenny Murdo 7:17 Cha bhitheadh, cha bhitheadh.
Coinneach 7:18 Bhiodh na beathaichean a-staigh nach biodh?
Kenny Murdo 7:20 Ò bhiodh na beathaichean a-staigh agus dh'fheumadh tu a dhol dhan bhàthach bha mar bu trice trì beathaichean mart againne bò, laogh na damh, agus laogh beag a bheil fhios agad, a' tighinn an-àirde. Agus mun tìde seo den bhliadhna cha bhiodh a' chrodh a-muigh ann, is dh'fheumadh tu a bhith a' dol a-null le uisge, le bùrn dhan chrodh, a bheil fios agad regular, agus a' toirt dhaibh bad coirce no feur, no a’ dependadh dè mar a bha iad ag ithe. Bha an routine sin agad a' dol leis na…leis na beathaichean, agus an uair sin nuair a gheibheadh iad a-mach as t-earrach bha iad dìreach a' tòiseachadh…
Coinneach 7:51 a’ buiceil.
Kenny Murdo 7:52 …a' ruith suas agus sìos. Chanadh tu, uill tha iad a' dol a bhriseadh an cnàmhan, ach cha do bhris gin aca a-riamh an cnàmhan.
Coinneach 7:58 Agus an rud eile mu dheidhinn sin a bhios daoine 's dòcha a' dìochuimhneachadh, cho ceangailte ’s a bha thu ris an taigh mu bha bò agad airson bha bò ri bhith air a bleoghann a h-uile latha anns an t-seachdain.
Kenny Murdo 8:09 Uill tha cuimhne agam a' tighinn a-nuas anns a' gheamhradh mar seo, agus bhiodh an uair sin tòrr sneachd ann, agus mo mhàthair a' tighinn a-steach ro ochd uairean agus peile mòr bainne aice, agus i an dèidh a bhith a' bleoghann na bà, mus deigheadh mise dhan sgoil. Bha, bha sin a' dol steady, bha.
Coinneach 8:25 Nise, mar a bha e an uair sin a Christine, bhiodh esan a-muigh an-sin, tha mi a' creids’ a' sealltainn dhutsa mar a bhiodh tu a' bleoghann agus rudan mar sin airson ’s e…’s e na boireannaich a bu trice a bha…a bha a' dèanamh a bhleoghann, nach e?
Christine 8:35 'S e. Cha robh m' athair math air bleoghann idir. Bha e math air a h-uile càil eile ach cha robh e glè mhath air bleoghann.
Kenny Murdo 8:39 Cha robh.
Christine 8:40 Ach bha sinn…dh'ionnsaich mo mhàthair dhomhsa bleoghann. Ach, 's e a’ chuimhne a th’ agamsa, cho ceangailte ’s a bha mo mhàthair. Bha i…nan deigheadh i dhan choinneimh can oidhche Ardaoin, bha i a' cur oirre a h-aodach ceart agus nuair a thigeadh i às a' choinneimh, thigeadh an aodach ceart dhith, agus thigeadh na bòtannan agus an cover all an-àirde a-rithist, 's bha i an uair sin a' dol a-null dhan bhàthach airson leth-uair a thìde is bha mar sin fhèin, peile mòr, enamel geal.
Kenny Murdo 9:05 Bha, bha.
Christine 9:06 Bha e cho mòr ri sin is bha e làn bainne is bha i an uair sin a' tòiseachadh air cur seachad a' bhainne. Sin a bhiodh i ag ràdh. Cuir seachad a' bhainne.
Kenny Murdo 9:14 Ann an mias.
Christine 9:15 Bha na miasan, bha dà mhias. Is bha i a' toirt na miasan a-nuas, is bha i a' toirt am bàrr dheth airson an ìm, is bha i a' cur am bainne tiugh ann am pana airson a' ghruth.
Is bha i a' nighe na miasan, agus bha i an uair sin a' cur am bainne ùr dha na miasan, agus bha iad a' dol suas air mullach a' phreas.
Kenny Murdo 9:32 Tha cuimhne agam air an-sin.
Christine 9:33 A bheil cuimhne agad air an-sin?
Coinneach 9:33 Biota.
Christine 9:34 Ò bha a’ bhiota, bha.
Kenny Murdo 9:35 Bha a bhiota a' dol, bha.
Coinneach 9:37 Innis dha daoine dè bh’ anns a' bhiota.
Kenny Murdo 9:38 Bha dìreach airson ìm a' dhèanamh agus bha tè againn an toiseach, agus 's ann mar seo, suas agus sìos a bha i ag obair. Fhuair sinn an uair sin tè ruideigin na bu mhodern.
Christine 9:46 Fhuair.
Kenny Murdo 9:47 Bha nàdar do phroipeilear ann am broinn a' bhotail.
Christine 9:50 A’ cumail…
Kenny Murdo 9:51 Cha chreid mise gun robh i cho…cho soirbheachail idir. Dh'fheumadh tu bhith aige forever.
Christine 9:54 'S e obair sgìtheil a bh’ ann.
Kenny Murdo 9:55 'S e.
Coinneach 9:56 Tha cuimhne agam i a bhith…a bhith ri dèanamh sin ceart gu leòr agus a-rithist dh'fhalbh sin.
Kenny Murdo 10:01 Dh'fhalbh sin.
Coinneach 10:02 Nuair a chanas tu sin ri duine an-diugh tha iad a' smaoineachadh gur ann à…à saoghal eile a bha thu.
Kenny Murdo/ Christine 10:05 Tha.
Coinneach 10:06 Dh'ainmich thu rud eile an-sin anns an dol seachad cuideachd, agus do bhoireannaich an fhasain anns an latha an-diugh, cha bhith iad ga chreids’. ’S e…’s e…an e overall no coverall a bha agadsa air, no am pionar? Bha a h-uile boireannach le fear den sin.
Kenny Murdo/ Christine 10:20 Bha.
Christine 10:21 Bha, Coverall.
Coinneach 10:22 An e sin a chanadh tusa ris?
Christine 10:23 Sin a chanadh mo sheanmhair. Mo sheanmhair, 's e coverall a chanadh ise. Ach tha mise…nuair a thàinig mo mhàthair, 's e aparan a bhiodh oirre.
Coinneach 10:30 'S e, ’s e.
Christine 10:31 A bheil fhios agad, bib, agus ga cheangal air a cùlaibh.
Coinneach 10:36 Pionar.
Christine 10:37 Pionar, ’s e.
Coinneach 10:38 Ach, is ’s ann…bha e annasach ge-tà. Bha a h-uile boireannach le fear den sin.
Christine 10:42 Bha.
Coinneach 10:43 Agus 's e a chuimhne a th’ agamsa cuideachd, a bheil fhios agad càite am biodh iad ga fhaighinn mar bu trice?
Christine 10:45 Aig an duine dubh.
Coinneach 10:47 Aig…bhon duine dhubh a bhiodh timcheall leis a….a bheil cuimhne agad air…air na daoine…?
Kenny Murdo/ Christine 10:51 Tha, ò tha.
Coinneach 10:51 A bheil cuimhne agad air ainm duine aca?
Christine 10:53 Uill chan eil.
Coinneach 10:54 Tha cuimhne agamsa air fear aca. Bha Habara ann.
Christine 10:56 Chan eil càil a chuimhne agamsa air na h-ainmean aca.
Kenny Murdo 10:58 Ach bhiodh na pionaran sin aig Belle Ann anns a' bhùth ann an-seo.
Coinneach 11:01 A uill a-nise, ’s e th’ ann an-sin ach rud eile. Cò bh’ ann am Belle Ann?
Kenny Murdo 11:04 Ò, piuthar mo mhàthar.
Coinneach 11:05 Agus…
Kenny Murdo 11:06 Belle Ann Sgod.
Coinneach 11:07 Innis dhomh mu dheidhinn a' bhùth.
Kenny Murdo 11:09 Bha a' bhùth ann an-seo, air a' chroit a bha seo, 22 Back. Agus, a' dol air ais dìreach rud beag, bha bùth air a bhith a-muigh ann an-siud, bùth Mhurchaidh Dig, dìreach air a' chòrnair shìos ann an-seo.
Is bha Murchadh Dig fèir mar gum biodh e a' tighinn gu deireadh, a bheil fhios agad, làithean obrach. Bha Belle Ann air a bhith ag obair shuas anns a' bhùth dhearg aig Magaidh. Is bha i air a bhith ag obair cuideachd ann am bùth Walter Naomh, Walter MacDonald, shuas ann an…ann an…ann an Steòrnabhagh.
Agus chaidh i air cùrsa ann an-sin, bha i a' dèanamh florist. Bha. Ach, nuair a thòisich i fhèin anns a' bhùth, seo far an do thòisich i, dìreach mu mheadhan a' bhaile, nuair a bha Murchadh Dig dìreach deis…deiseil airson retireadh. Agus tha cuimhne agam fhathast, 's e m' athair agus fear ris an canadh sinn an Grass, is iad a thog a' bhùth ann an-seo. Tha cuimhne agam fhathast a bhith ga thog…ga togail.
Agus tha…bhiodh iad a' tighinn dhan bhùth bho…bho gach cairteal really. Suas an rathad ann an-sin, agus a-mach am Poileagan, is an cnoc, is a’ cruinneachadh…'s e àite uabhasach trang a bh’ ann, ’s e, is Belle Ann air ceann cùisean, agus abair gun robh a' chùis math. Bha from a needle to an anchor aice, dh’fhaodadh tu a ràdh. Paireafain aice thall. Uill, bha a’ cheardach ann an-seo an toiseach agus bha tancaichean a' phaireafain aice ann an-sin.
Bhiodh Coinneach Stewart, am ministear, bha e ag obair an uair sin aig Charlie Morrison, aig Shell agus bhiodh e a' toirt am paireafain ann an-seo, every so often. Agus nuair a bhithinn-sa ag obair còmhla ri Belle Ann air Disthairne glè thric, cuideachadh leatha. A' lìonadh paireafan agus a' cur sto…stoc air na…air na sgeilpichean, agus rudan den t-seòrsa sin, is nam biodh a’ bhùth busy, bhithinn a' dol sìos gu ceann shìos na bùtha agus a' servigeadh ann an-sin. Bhiodh ise aig a' cheann shuas aice.
Coinneach 12:59 Anns an dol seachad, dh'ainmich thu a’ bhùth dhearg. Uill, cha b' ann dearg a tha i an-diugh, ach tha togalach ann an-sin, togalach dubh fiodha ann an-sin ri taobh làrach an t-seann sgoile, aig Magaidh, agus airson dìreach daoine 's dòcha nach eil fhios aca cò bh’ ann an Magaidh, 's dòcha gun aithnich iad i nas fhèarr an-diugh mar seanmhair Derek MacKenzie, am fear-lagha.
Kenny Murdo 13:14 That’s correct.
Coinneach 13:14 Ach, an uair sin tha…bha a’ bhùth cuideachd mar…cha mhòr mar thaigh-cèilidh cuideachd, nach robh? Bhiodh, bhiodh daoine a' tighinn innte ach cha bhiodh iad a' falbh cho luath ’s a gheibheadh iad an gnothaichean idir, am biodh?
Kenny Murdo 13:26 Ò cha bhiodh, tha fios agam air sin. Uill tha cuimhne agamsa grunn de na characters a bha timcheall, a bheil fhios agad.
Is bha tè…tè shuas an rathad ann an-seo, agus chluinneadh tu i a' tighinn mus tigeadh i idir. Bhiodh rudeigin aice ri ràdh. Ag innse sgeulachd do dhuine sam bith a bhiodh timcheall within ear shot.
Agus a' tighinn a-steach an dorais, bhiodh i ann an meadhan yarn a bheil fhios agad. Agus thogadh i oirre a bheil fhios agad an yarn mar a bha i a' faighinn luchd-èisteachd am broinn na bùtha. Agus an uair sin, nuair a thigeadh an turn aice airson na messages fhaighinn, chanadh i ‘seall dhomh mo…mo dhà lofa’…
Coinneach 14:01 Seadh.
Kenny Murdo 14:02 …is chumadh i an yarn a' dol an uair sin, is Belle Ann…is Belle Ann a' feitheamh rithe, a bheil fhios agad ‘Dè a’ chòrr a tha thu ag iarraidh?’ is ‘O seall dhomh marmalade’ is whatever.
Coinneach 14:09 Seadh.
Kenny Murdo 14:10 Bha sin a' dol, agus dh'fhuiricheadh i greiseag às dèidh dhi fhèin an stuth fhaighinn.
Is feadhainn eile is bha…bha iad a' coinneachadh a chèile is bha iad cho càirdeil is ò, chan eil fhios agam, bha e iongantach an seòrsa spiorad a bha nam measg an uair ud. A h-uile duine a' cruinneachadh timcheall ann an-sin. Agus tha…bha Belle Ann, bha i a' dèanamh math dha-rìribh às a' bhùth sin.
Coinneach 14:30 Seadh.
Kenny Murdo 14:31 Bha, bha i…bha i…bha i cathrannach, gràdhach, ach bha i cho straight, a bheil fhios agad agus cha robh nonsense sam bith aice, cha robh.
Coinneach 14:42 Agus a bheil fios agad ann an dòigh ge-tà, bha i…bha i a' farpais airson aig an àm a bha ise ann an-sin bha na bhanaichean air tòiseachadh a' tighinn timcheall, nach robh?
Kenny Murdo 14:50 Bha, bha.
Coinneach 14:51 Cò na bhanaichean a bhiodh a’ tighinn timcheall a Christine? A bheil cuimhne agad?
Christine 14:53 Uill, bha an Co-op agus Angaidh Òg. Nise, bha Angaidh Òg ag obair aig…
Kenny Murdo 14:59 Lipton, an ann?
Christine 15:00 Lipton. Agus, thàinig an uair sin, cò an uair sin a thàinig? Kenny Bulair.
Kenny Murdo 15:06 Thàinig, that’s right.
Christine 15:07 Bhanaichean buidhe aige agus bha an uair sin, bhiodh Belle Ann ag ràdh cha…cha dèanadh ise, uill gu h-àraid bho thòisich daoine a' dol a Steòrnabhagh, bhiodh i ag ràdh, tha mise a' pàigheadh barrachd air an stùth tha…na ’s urrainn dhomh…
Kenny Murdo/ Christine 15:23 Tha, 's e…’s e na supermarkets really a chuir às dhi.
Christine 15:26 ’S e, supermarkets a chuir às dhi ged a bha na bhanaichean a' dol timcheall, chan eil fhios agam, bha still…bha ise…
Kenny Murdo 15:31 Bha, bha ise ann trì decades even nuair a bha na bhanaichean a' dol, bha.
Coinneach 15:35 Nise, dh'ainmich thu anns an dol seachad, Murchadh Dig ann an-sin, tha mi air an t-ainm sin a chluinntinn ron sin. Cò bh’ ann an Murchadh Dig?
Kenny Murdo 15:40 Bha bràthair bean Dò, nach e?
Christine 15:44 'S e.
Kenny Murdo 15:45 Taigh Mhurchaidh Dig, tha shuas fèir air a' chòrnair fàisg air Seumas, am balach aig Niall Murray an-diugh. An taigh a th’ ann an-sin. Bha Seòras Shòidhean ann agus a theaghlach a' fuireach ann an ceann sreath, bha, Murchadh Dig.
Coinneach 15:58 Is bha thu…bha thu a' bruidhinn air caractairean. Cò…cò na caractairean eile a bha timcheall an-seo, 's dòcha aig am…aig am biodh cuimhne aig feadhainn den ghinealach agaibhse air? Faodadh tu an ainmeachadh, no cha leig thu a leas an ainmeachadh.
Christine 16:09 Uill, tha mise a' dol a ràdh aon fhear agus bha a' fuireach ann an-sin aig 20 Back.
Kenny Murdo 16:13 Bha.
Christine 16:21 Agus 's e Ruairidh a' Bhast an t-ainm a bh' air.
Coinneach 16:15 Ò Seadh.
Christine 16:16 Agus bha e wheelchair-bound mar a chanadh iad, bho bha e na bhalach òg, agus cha tàinig mi tarsainn air mòran de dhaoine a thug uimhir de bhuaidh orm ri Ruairidh Bhast.
Coinneach 16:26 Ma 's math mo chuimhne bha m' athair gu math càirdeil leis.
Kenny Murdo 16:30 Tha mi a’ creids’.
Coinneach 16:31 Nise, innis dhuinn ciamar agus carson a thug e buaidh ort.
Christine 16:35 Uill, thòisich mise a' leantainn a' Chruitheadhair nuair a bha mi gu math òg, agus tha fhios agam gur e Crìostaidh a bh’ ann an Ruairidh, agus 's iongantach mura do chuir e fios orm, chan eil cuimhne agam, ach co-dhiù thòisich mi a' dol a shealltainn air agus uill bha e a' còrdadh rium math.
Bha mi a' faicinn cho rèidh ’s a bha e ri shuidheachadh is na thachair ris. Chaidh a chur dhan t-sèithear a bha siud nuair a bha e còig bliadhna deug no rudeigin is cha do choisich e tuilleadh, agus bha e cho toilichte le staid, 's fhuair e fhèin an Cruth…bha athair na èildear, Bast, agus bha e ag innse dhomh gun d' fhuair e fhèin an Cruitheadhair ach cha do dh’innis…cha robh e ag innse do dhuine, agus air latha thìodhlacadh athar, tha…bhathas air a…mun a' bhiadh, bhiodh…mar a bhiodh iad an uair sin às dèidh an tìodhlacadh bhiodh iad a' tighinn chun a' bhiadh, agus thuirt Anna, ‘Cò a-nis a tha a' dol a ghabhail an altachadh?’ Is thuirt Ruairidh, ‘Tha mise’. 'S rinn e altachadh agus cha do choimhead e air ais, that was it.
Coinneach 17:36 Tha…tha dhà no thrì rudan ann an…ann an-sin, tha…aon, an eaglais. Bruidhnidh sinn mu dheidhinn sin ann am…ann am mionaid no dhà. Ach, cleachdaidhean aig an àm a bha sin, cleachdaidhean…a bheil fhios agad taighean aire. A-rithist a th' air falbh.
Cuir…cuir nar cuimhne, dìreach dhan… a-rithist airson a' ghinealach a tha ri tighinn, dìreach mar a…mar a bha daoine a' deiligeadh ri tinneas is bàs agus rudan mar sin aig an àm a bha sin.
Kenny Murdo 17:58 Aidh, uill nam bàsaicheadh duine anns an taigh tha…bha an corp, bha e fhathast anns an…anns an taigh agus an rùm anns am biodh an corp, bha iad a' tarraing na cùirtearan ceart right away agus thigeadh an uair sin an undertaker agus chuireadh e an corp dhan chiste.
Agus bhiodh adhradh tha mi…tha mi a' creids’ dà oidhche air sreath a chèile. Is bhiodh am ministear a' tighinn a-steach agus bhiodh…bhiodh tu a' dol a dh'iarraidh sèithearaichean. A' cruinneachadh sèithearaichean dhan dachaigh. Tha mi a’ creids’ gur ann shuas aig an eaglais a bhiodh iad ag iarraidh na sèithearaichean. Agus tha cuimhne agamsa fhathast a bhith nam shuidhe ann, ann an staidhre a bhios ann an cuid de na taighean, shuas staidhre 's mathaid. Bhiodh an taigh cho làn.
Tha cuimhne agam a bhith ann an taigh-aire banntrach Phian ann an Griais agus mi anns an…shuas anns an lobaidh ann an-sin is chan eil cuimhne agam dè an àm den bhliadhna a bh’ ann, ach bha…bha gaoth làidir ann agus bha mar gum biodh fead air an doras. Is MacAmhlaigh, bha…'s e bha in charge anns an adhradh agus e a' toirt na h-earrannan seo aig an deireadh ‘Is amhlaidh mar gum biodh ann treud, do phoball stiùireadh leat; le deagh làimh Mhaois is Àron fòs gan treòrachadh gu ceart’. Sin, agus taigh Phian aig bàs banntrach Phian, lean e riumsa cho fada ri seo fhèin. Bha, bha e iongantach.
An uair sin latha an tìodhl…latha an tìodhlacadh of course, bha daoine a' cruinneachadh às gach àite is bha iad a' coiseachd astar suas, an-dràsta nam b’ ann ann an-seo a bhiodh am bàs, bha iad a' ruighinn ceann shuas an rathaid ann an-seo, agus sìos gu taigh Hannah mar a chanas sinn. Bha iad an uair sin a' cur sin dhan hearse agus a' dol chun chladh à sin.
Coinneach 19:37 Agus tha…tha cuimhne agam nuair a thòisich mise a' dol gu tìodhlacaidhean an-seo an toiseach is bha…bha an t-àite seo eadar-dhealaichte ri àiteachan eile. Gu math tric, bha a h-uile càil a' tachairt anns a' chladh gun aon fhacal a bhith air a ràdh.
Kenny Murdo 19:49 Tha sin ceart, tha sin ceart.
Coinneach 19:50 A bheil fhios agadsa dè an sgeulachd a tha air cùl…gun do thachair sin ann an-seo?
Kenny Murdo 19:52 Chan eil.
Coinneach 19:53 Chuala mise sgeulachd, ach chan eil fhios agam a bheil i ceart no nach eil.
Kenny Murdo 19:55 Cha chuala mi a-riamh e. Cha chuala.
Coinneach 19:57 'S e, ’s e…dh'fhaodadh seo a bhith ceàrr. Chuala mise gur e…gur e a bh’ ann gun deach òrdugh a thoirt seachad nach biodh gun robh aon uair is nuair a choimhead iad timcheall airson cuideigin a bha na èildear na pears…mhinistear, facal no dhà a ràdh, nach robh duine ann, 's gur e cuideigin a tha…nach robh iomchaidh…a chaidh…thuirt e…agus na rudan a thuirt e, nach robh…nach robh e…nach robh e iomchaidh agus gun deach òrdugh nach…nach deigheadh càil ann. Nise, cha…cha robh fhios agam, bha mi a’ smaoineachadh gur dòcha gum biodh…cha chuala tusa sin idir.
Kenny Murdo 20:21 Cha robh. Cha chuala, cha chuala..
Coinneach 20:23 Ach, bha e…bha e annasach, agus bha daoine a bha a' tighinn à àitichean eile ga fhaighinn uabhasach...
Kenny Murdo 20:27 Bha, tha sin ceart.
Coinneach 20:28 …neònach.
Kenny Murdo 20:29 Bha.
Coinneach 20:30 Airson tha cuimhne agamsa, mar eisimpleir, nuair a bhàsaich m' athair fhìn, dh'fheumainn iarraidh air Montgomery am ministear a bh' againn facal a ràdh aig…aig an uaigh, no…no cha bhiodh e air càil a ràdh.
Kenny Murdo 20:39 I see.
Coinneach 20:40 Bha thu…bha thu ga…nan iarradh tu, chanadh iad e. Ach 's iomadh tìodhlacadh aig an robh mise agus bha daoine ga fhaicinn rudeigin …
Kenny Murdo 20:44 Ò tha sin ceart.
Coinneach 20:45 … annasach.
Kenny Murdo 20:46 Tha sin ceart, tha sin ceart.
Christine 20:49 Nise, cha robh na mnathan a' dol chun a' chladh.
Coinneach 20:50 Cha robh, ò cha robh.
Christine 20:51 Cha robh sinne…cha robh mise a-riamh anns a' chladh aig gin de na…gin de na tìodhlacaidhean a bh' againn fhìn.
Kenny Murdo 20:55 Cha robh.
Christine 20:56 Ach an-diugh tha a h-uile duine a' dol dhan chladh. Uill, mar a tha cùisean.
Coinneach 21:01 Ah uill, mar a…mar a tha cùisean air a bhith air a’ bhliadhna gu leth a chaidh seachad, thàinig atharrachadh…
Christine 21:05 Thàinig.
Coinneach 21:06 …air ar saoghal…saoghal ge boil leinn. Ach an uair sin ge-tà tha…ràinig sibh aois is tha…bha, bha sibh…bha sibh a' fàgail a' sgìre.
Kenny Murdo 21:17 Bha.
Coinneach 21:17 A tha…dè…cò…dè…cò na tidsearan a bh' agaibh tron sgoil a Christine? Theirig tromhpa.
Christine 21:25 Uill, ’s e Ceiteag Mhurchaidh a' chiad tè, agus bean a' Phòcaid an dàrna tè. Mrs MacLennan tha…of the MacLennan Oils, agus Ceitidh Ann Pheter, Miss MacLeod. Miss Smith, ’s a’ Chluibs. Agus bha an uair sin anns an secondary, bha Jock MacLennan, Choke, agus Hero, Mr MacDonald agus Mr MacKenzie, an headmaster, Smiler. Sin na tidsearan a bh’ agamsa.
Coinneach 21:58 Hero, bha e fhèin an uair sin na mhinistear…
Kenny Murdo/ Christine 22:01 Bha.
Coinneach 22:02 …air an Eaglais Shaor Chlèireach.
Kenny Murdo/ Christine 22:03 Bha.
Coinneach 22:03 …ann an Ùig agus…agus tha mi a' smaoineachadh ann am…ann am Peairt cuideachd.
Kenny Murdo 22:06 Tha sin ceart.
Coinneach 22:08 Tha…agus an deach thusa dhan chaisteal?
Kenny Murdo 22:10 Chaidh mise dhan chaisteal, chaidh.
Coinneach 22:11 Agus rinn thu…?
Kenny Murdo 22:13 Rinn mi textiles.
Coinneach 22:15 Seadh, dè…innis…innis dhomh beagan mu dheidhinn sin, airson, son bha tòrr, a bharrachd air daoine a bhith a' fighe agus a bhith ag obair anns a' mhuilinn, bha grunn math daoine às an àite a' roghnachadh sin a dhèanamh, nach robh?
Kenny Murdo 22:23 Bha. 'S e Peter Cardwell, mar a bha sinn ag ainmeachadh bho chionn mionaid, 's e bha an ceann textiles anns a' chaisteal. 'S bhiodh e a' tighinn a-nuas dhan sgoil an ceann dhà no trì sheachdainean is tha mi creids’ gur ann airson faicinn an robh duine an làthair anns an…anns an sgoil aig an robh ùidh ann an obair textiles.
Agus tharraing e mise chun sin, agus bhathas a’ cur an uair sin cuid de na balaich a bha ag obair air textiles anns a' chaisteal sìos gu Galashiels, air na borders, agus cuid eile sìos gu Dewsbury far an robh Peter Cardwell.
Agus tha…uill, chaidh mi fhìn agus balach à Nis còmhla ri chèile, 1963. Agus tha…'s e Tormod Sheonaidh Ruaidh a bh' air balach à Nis. 'S e nighean Dhànaidh a mhàthair. Màireag Dhànaidh. Agus 's e Plum a bhiodh againn air. Tha e beò fhathast ann an Nis.
Agus chaidh sinn a dh'fhuireach, loidseadh còmhla ri Mrs Cardwell air Leeds Road, Dewsbury. Dh'fhalbh sinn à seo air an Loch Seaforth is tha…bha iadsan air arrangement air choireigin a dhèanamh ri càirdean air choireigin a bh' aca ann an Glaschu, 's nuair a ràinig sinne Queen Street bha feadhainn gar coinneachadh, is thug iad sinn dhan taigh agus thug iad dhuinn diathad.
Is dh'fheumadh sinn an uair sin falbh gu Central Station gus am faigheadh sinn an treàn gu Leeds. Dh'fhairich mise cho fada e.
Co-dhiù, ràinig sinn Leeds. Saoghal eile agus chaidh sinn ann an tacsaidh, agus thuirt sinn ris an tagsaidh draibhear gur e seo an àite a bha sinn ag iarraidh ann. Uill ghabh am boireannach sin rinne cho snog. Cha b' urrainn dhith a bhith na bu shnoige.
Bha sinn a' paigheadh ceithear notaichean anns an t-seachdain air…air lodgings. Cha robh sin tòrr. Ach bha i math dhuinn. Agus, bhiodh tu a' faighinn of course, grant an uair sin, agus fhuair sin a’ ghrant is chaidh mise dhan bhanca leis an rud, is bha mi a' dol…a’ dol a dh'iarraidh air an duine a thoirt…a thoirt dhomh, na…na aon…na aon làd. Is ò thuirt, thuirt an duine rium, ‘No we can’t do that’ arsa esan, ‘You’ll…you’ll have to open an account and you’ll come in here every week and get what you need every week’ agus sin mar a bha ag obair dhomh agus....
Coinneach 24:40 Tha mi a' creids’ gun robh e cho feumail.
Kenny Murdo 24:42 Ò bha e feumail, bha. Ach bhiodh sinn a' gabhail a’ bhus a-steach gu meadhan Dewsbury, agus an uair sin a' coiseachd suas dhan cholaiste.
Nise, cha robh duine à seo air a' chlas còmhla rinn. Ach a’ bhliadhna às dèidh sin, thàinig mac Pòisean. Bristol a chanadh iad ris.
Coinneach 24:58 Bristol, aidh.
Kenny Murdo 24:59 A bheil cuimhne agad air?
Coinneach 24:59 Tha, tha.
Kenny Murdo 25:00 Agus balach à Tolastadh, bha iad ann an…ann an-sin. Is ò bha dhà no thrì bhalaich Leòdhais ann aig an aon àm, is bha e math.
'S e an seòrsa cùrsa air an robh mi, 's e sandwich course a chanadh iad ris. Bha thu leth a’ bhliadhna anns a' cholaiste agus a' suidhe na h-exams, an uair sin an leth eile ann am…ann am muilinn a bha a' toirt dhut practical experience. Bha e really math.
Coinneach 25:21 Tha mi…tha mi a' faighneachd dhut mu dheidhinn sin ann an co-theacsa a' bhaile tha seo fhèin, far an robh sibh air ur togail…
Kenny Murdo 25:27 Bha.
Coinneach 25:27 …le beairtean agus clòthan timcheall oirbh.
Kenny Murdo 25:30 Bha, tha sin ceart.
Coinneach 25:32 An robh thu ag obair beart a-riamh?
Kenny Murdo 25:33 Cha robh - uill, anns a' chaisteal.
Coinneach 25:34 Am biodh tu a' lìonadh iteachan?
Kenny Murdo 25:35 Bhitheadh, dha Neilan, m' uncail,
Coinneach 25:36 Seadh.
Kenny Murdo 25:37 …thall ann an Griais.
Coinneach 25:38 Seadh.
Kenny Murdo 25:39 Ach, nuair a thàinig mi dhachaigh aig deireadh a' chùrsa ann an…ann an Sasainn chaidh mi gu muileann Newall is choinnich mi fear ann an-sin, Murchadh Moireasdan bho na Lochan, agus dh'innis mi dha gun robh mi air mo chùrsa a chrìochnachadh agus dh'fhaighnich mi dha, a bheil obai…obair agaibh? Uill arsa esan tha, is cha robh interview agamsa a-riamh cho furasta.
Coinneach 26:00 Seadh.
Kenny Murdo 26:01 Cha robh. Bha iad fèir an dèidh tha…work study programme a dhèanamh anns a' mhuilleann agus bha iad a' cur feum air cuideigin a choimheadadh às dèidh quality, quality control, is thug e dhomh an-seoba cha mhòr gun fhaighneachd. Is bha mi ann an-sin sia-bliadhna deug.
Coinneach 26:15 Aon de na rudan, 's dòcha nach eil fhios aig tòrr dhaoine mu dheidhinn Murchadh, agus 's dòcha gur e sin as coireach, bha e uabhasach math air tàileasg, chess.
Kenny Murdo 26:22 Seadh.
Coinneach 26:23 'S dòcha gum faca tusa e mar phàirt cudromach eile dhan…dhan gheama tàileasg a bh' anns…a’ bh’ anns a' mhuilleann.
Kenny Murdo 26:27 Chan eil càil a dh'fhios agam air an-sin.
Coinneach 26:29 Ach nise, a Christine tha…bha thusa a' fàs suas ann an-seo cuideachd, agus roghnaich thusa a dhol a-steach airson banaltramachd. Ach a bheil cuimhne agad an fheadhainn a bh’ anns an sgìre seo fhèin, na banaltraman a bh’ ann nuair a bha thu fhèin a' fàs suas?
Christine 26:43 Tha. Tha cuimhne agam, 's e chiad tè a bh’ ann, 's ann a Ùig a bha i. 'S e Nurse Ferguson a bh' oirre mar a bh' orm fhìn agus bha ise snog. Bha i glè shnog. Tha cuimhne agam bha accident agam. Thuit mi a-steach fo chàr Mrs Greg turas, agus ghoirtich mi mi-fhìn agus bha i gam fhrithealadh aig an taigh agus tha mi a' smaoineachadh gur e sin a chuir nam inntinn a bhith nam bhanaltram.
Coinneach 27:07 Ciamar a thuit thu fon chàr?
Christine 27:08 Bha reòthadh ann agus bha sinn air an t-slighe suas dhan sgoil.
Kenny Murdo 27:12 Tha cuimhne agam air sin.
Christine 27:13 Shlaidhdig mi, agus air dhòigh air choireigin thuit mi.
Coinneach 27:15 Is càite robh an car?
Christine 27:17 Ò bha e…bha e…mar gum biodh Mrs Greg a' tighinn leis a' char…
Coinneach 27:20 Seadh.
Christine 27:21…agus thuit mise. Chan eil càil a chuimhne agam dè thachair.
Coinneach 27:23 Bha thu lucky nach deach do mharbhadh.
Kenny Murdo/Christine 27:24 Bha.
Kenny Murdo 27:25 Bha i lucky.
Christine 27:26 Ach a bheil fhios agad, cha robh càraichean a' dol luath an uair ud ann. Ach tha cuimhne agam co-dhiù tha…bha gearradh orm ann an-seo, 's bhìd mi mar gum biodh m' fhiaclan taobh a-staigh mo bheul. 'S e sin uireas a bh’ ann.
Ach co-dhiù, 's e nurse Ferguson a bhiodh a' tighinn gam fhrithealadh. Is tha cuimhne agam fhathast an còta a bhiodh oirre. Còta, mar oillsgean dubh faileasach, agus bha i cho caol. Is bha belt air a’ chòta is bhithinn-sa ag admirigeadh an còta a bha seo.
Agus anyway ’s e nurse Ferguson a bha sin is thàinig an uair sin Nurse Barbara MacLean. 'S ann à Ùig a bha i fhèin agus bha i sin glè shnog cuideachd. Agus tha cuimhne agam, bhiodh i a' cur fios orm airson dèanamh an-àird…nam bàsaicheadh duine tha…faisg anns a’ choimhearsnachd thigeadh i thugam agus chanadh i ‘Trobhad is thoir dhomh cuideachadh beag’. So bha i uabhasach snog, is nuair a phòs mi, thug i dhomh preusant àlainn, agus an uair sin às…nise chan eil cuimhne agam a-nis cò thàinig às dèidh Barbara.
Ach tha…tha fhios agam an tè a bh’ ann ro…ro Nurse Ferguson, bha mi-fhìn ag obair còmhla rithe a-rithist. 'S e Nurse MacIver a bh' oirre. Às an Rubha.
Kenny Murdo 28:27 Ò ’s e.
Christine 28:28 Agus tha, bha i uabhasach trang. Saoilidh mi gun deach bruidhinn oirre aig…mar gun do bhruidhinn cuideigin oirre air an-seo mu thràth.
Coinneach 28:36 Dè a’ chiad ainm a bh' oirre?
Christine 28:37 Bha Mary Ann. Mary Ann Stocaidh a chanadh iad rithe is bha i pòsta aig Tormod a’ Chuain…Dolan a' Chuain.
Kenny Murdo 28:43 Dolan a’ Chuain.
Coinneach 28:44 Ò tha cuimhne agam oirre.
Christine 28:45 A bheil cuimhne agad oirre?
Coinneach 28:46 Ò tha, tha cuimhne agam air Dolan agus tha cuimhne agam oirre-se agus ’s e…’s e leadaidh a bh' aice…
Christine 28:51 Leadaidh, agus bha mi ag obair còmhla rithe an uair sin, nuair a chrìochnaich mi mo thrèanadh chaidh mi a dh'obair ann an-seo, ann an maternity ann an…
Kenny Murdo/ Christine 28:58 …Steòrnabhagh.
Christine 28:59 Agus tha cuimhne agam bhiodh i ag ràdh rium ‘This is one of my babies’.
Coinneach 29:04 Seadh, seadh.
Christine 29:05 Is bha mise a' smaoineachadh gun robh i cho aosta.
Coinneach 29:07 Aidh, ach ge-tà, chan eil e cho fada às ri sin, bhon an-sin, tha sinn a’ bruidhinn air 's mathaid trì fichead bliadhna ma…ma chanas…ma chanas sinn luath e…
Christine 29:16 ’S e.
Coinneach 29:17 …ach, ach an trèanaigeadh a bha nurse a' faighinn an uair sin gu math eadar-dhealaichte bhon latha an-diugh.
Christine 29:20 Ò bhròinean, chan…chan eil càil....
Coinneach 29:22 Innis dhuinn mu dheidhinn.
Christine 29:23 Ò uill, nuair a thòisich…’s ann anns an ospadal…nuair a dh'fhàg mi sgoil aig sia bliadhna deug, is chaidh mi a dh'obair a’ bhùth TB airson bliadhna gum bithinn aosta gu leòr airson nursing, agus 17 and a half bha thu a' dol a-steach air a son is bha thu dìreach, cha robh thu a' faighinn trèanadh. Bha feadhainn eile bha iad a' dol dhan Nicolson, bha iad a' faighinn pre-nursing ach cha do rinn mise càil den sin agus chaidh mi straight a-steach.
Is bha thu a' tòiseachadh anns a' bhonn anns an slunge. 'S e sin an t-ainm a bh' air an àite far am biodh tu a' nighe na soithichean is soithichean na leapa agus rudan den t-seòrsa sin. Is bha thu an uair sin ag obrachadh an-àirde, bha thu an uair sin a’ tòiseachadh a' dèanamh na leapannan is bha thu an uair sin a' fàs suas mar sin.
Is tha…eventually, bha thu…bha thu a' dol dhan sgoil. Bha thu a’ faighinn…bha Mina, a bha aig an sgoil, 's i am practical nurse tutor a bh' againn agus ’s ann às an Rubha a bha an tè eile, Miss MacIver an t-ainm a bh' oirre. Agus bha ise a' toirt dhuinn obair na…obraichean a' chridhe agus rudan den t-seòrsa sin.
So bha mi ann an-sin, rinn mi dà bhliadhna ann an Steòrnabhagh is às dèidh sin, chaidh mi a Ghlaschu gu…a dhèanamh midwifery.
Agus ò chòrd sin rium mìorbhaileach. Rinn mi an trèanaigeadh. Dh'fhalbh mi-fhìn agus nighean a Lacasdal, Cathie Nicolson. Dh'fhalbh sinn mar sin fhèin mar a rinn Kenny Murdo. Cha robh guth an uair sin air falbh leinn ann an càr le case, is d' athair is do mhàthair a' dol còmhla riut is gad chur ann am flat. Dh'fhalbh sinn air an Loch Seaforth, half past 11 a dh'oidhche, is mar sin fhèin. Choisich sinn. Bha an t-ospadal pìos, bha…cha robh…'s ann ann an Helensburgh a bha an t-ospadal far an deach sinn.
Agus thàinig sinn bhon an trèana, is och uill 's iongantach gu bheil e fada. Choisich sinn bhon stèisean ann an Helensburgh chun an ospadail is bha pìos ann. Anyway sin far an robh sinn. Ach bha sinn toilichte gu leòr. Dh'ionnsaich sinn an uair sin a bhith nar midwives.
Coinneach 31:13 Tha mi a' creids’ nach robh càil a dhùil aig duine den dithis agaibh an uair sin gun robh sibh a' dol a chur a’ mhòr-chuid de ur beatha seachad ann an mansaichean.
Kenny Murdo 31:19 Cha robh.
Coinneach 31:20 Ach a' bruidhinn air an-sin tha…agus a’ cuimhneachadh air an eaglais ann an-seo fhèin nuair…nuair a bha sibh òg, aig an àm a bha sin bha fios againn air a h-uile duine de na h-èildearan agus ainm a h-uile duine aca is nuair a…nuair a chitheadh tu èildear a' tighinn bha thu…bha thu a' dol air falach, nach robh?
Kenny Murdo 31:38 Uill, 's mathaid gun robh thusa! 'S mathaid gun robh adhbhar agadsa.
Coinneach 31:43 Ò tod, tod, tod! A bheil fhios agad air an-seo? Bha…bha cuimhne agamsa air Gionn agus chan e eagal a bh' againn idir roimhe.
Kenny Murdo 31:49 Spèis.
Coinneach 31:50 Ach bha spèis agus urram againn dha agus gu sònraichte bho fhuair sin a-mach gur e fear a bh’ ann a tha…gun…gun gabhadh e toddy bheag, nach robh e a’ dèanamh dragh, nach robh e…
Kenny Murdo 31:58 Seadh.
Coinneach 31:59 Ghabhadh e toddy bheag is esan…o uill mu tha toddy bheag math gu leòr dha Gionn tha e math gu leòr…gu leòr dhuinne. Agus, agus cha b' ann a' cur sìos air a bha duine ann a bhith ag ràdh sin idir.
Kenny Murdo/ Christine 32:08 Ò chan ann. Tha fios agam, tha fios agam.
Coinneach 32:09 Cò an fheadhainn a bha timcheall oirbh-se ann an-seo?
Kenny Murdo 32:11 Uill, air an t-sràid a bh’ ann an-seo bha an Cuibhlear na èildear.
Christine 32:13 Bha.
Kenny Murdo 32:15 Agus tha…uill chan eil càil a chuimhne agamsa air Coinneach Bhatasgeir, Coinneach, a-muigh ann an ceann a-muigh an rathaid, uncail dha m’ athair. Ach bha esan na èildear cuideachd. Is bha Tormod Mhurchaidh Òig shuas anns a' chnoc agus of course tha…cha chreid mi gun robh a' chòrr. Bha Seum…nach robh Seumas a' Ghobha?
Coinneach 32:37 Ò bha.
Christine 32:38 Bha, Seumas. Is a-nise, bha…bha Bast ann an-seo.
Kenny Murdo 32:41 Bha, bha Bast na èildear.
Christine 32:42 Agus, a-nise bha Seothain na…na dhiacon tha mi a' smaoineachadh.
Kenny Murdo 32:44 Bha, bha, that’s right.
Coinneach 32:46 Agus a-rithist bha…bha seirbheisean ann. Bha a’ choinn…bha a’ choinneamh…a’ choinneamh sheachdaineach ann, 's ann aig…’s ann aig meadhan latha Diardaoin a bha i nach ann?
Kenny Murdo 32:55 Uill, chan eil càil a chuimhne agamsa air an-sin.
Coinneach 32:56 Uill ’s ann, ’s ann. Tha coltach gur ann aig meadhan latha, gus an do thòisich daoine an uair sin ag obair agus nach b' urrainn dhaibh a bhith ann.
Kenny Murdo 33:00 Tha sin ceart, tha sin ceart, tha sin ceart.
Coinneach 33:03 Tha, tha e math gun do chuir mi ceist ort agus gun tàinig agad a ràdh ‘Chan eil cuimhne agamsa air an-sin’.
Ach, mar sin dheth, 's e, an e a' chiad mhinistear air an…air an cuimhnich thusa, an e MacAmhlaigh? No bheil cuimhne agad air MacLeòid a bh’ ann ron…ron an-sin?
Kenny Murdo 33:16 Tha. Tha fìor chuimhne agam air MacLeòid. Tha cuimhne agam, bha mi a' cantainn sin ris a' bhean agam. Tha…mi a' cantainn ri m' athair tha… uill, siud an aon turas deug agam fhìn a bhith anns an eaglais. Nam bhalach beag.
Agus cha robh mi a’ tuigs’ cò as a bha an t-seinn a' tighinn. Bha an t-seinn cho…cho làidir is cho cumhachdach. Agus cha robh mi a' mothachadh cò às a bha an t-seinn a bha seo a' tighinn. Agus thuirt mi ri m' athair tha…an ath-Shàbaid tha mi airson a dhol suas staidhre gus am faic mi cò às a tha an t-seinn a' tighinn.
Cha robh mi a' tuigs’ gur e sluagh a bh’ ann, a bheil fhios agad? Bha mi cho beag ri sin. Ach, tha cuimhne agam air MacLeòid. Fìor chuimhne. Ach, an uair sin 's e MacAmhlaigh really, 's e bhiodh…’s e thug an làrach orm, ’s e.
Coinneach 34:00 Agus a-nise, ogha dha MacLeòid…
Kenny Murdo 34:02 Ogha dha MacLeòid.
Coinneach 34:03 …anns a' chùbainn ann an-seo a-rithist.
Kenny Murdo 34:04 Tha sin ceart tha, is tha e math a bhith ga fhaicinn ann. Tha dha-rìribh.
Coinneach 34:07 Agus athair fhèin, bhàsaich e fhad ’s a bha e na mhoderàtair anns a’…anns a’ cho-thional a bha seo.
Kenny Murdo 34:11 Bhàsaich.
Coinneach 34:12 Mar sin tha e…tha e annasach nach eil, nach eil?
Kenny Murdo 34:13 Tha. Tha dha-rìribh, tha.
Coinneach 34:15 Tha, agus tha…ach 's e MacAmhlaigh air…air am bi cuimhne agadsa. Tha cuimhne agamsa a' chiad, nuair a thàinig e an toiseach, thàinig e a-steach dhan chlas againn ann an Sgoil a' Bhac, 1957 tha mi a' smaoineachadh. Agus ò, ’s e…'s e Force Ten am far-ainm a bhiodh aca air.
Kenny Murdo 34:30 'S e. Tha sin ceart, ’s e, tha sin ceart.
Coinneach 34:33 Agus, agus chan ann cho…mu dheidhinn cho àrd ’s a bha ag èigheachd ged a bha a' dèanamh sin, ach mu dheidhinn…mu dheidhinn a' phearsa.
Kenny Murdo 34:38 Bha, bha comannd aige, bha. Agus 's e mac leis, thàinig e dhan sgoil nuair a thàinig of course MacAmhlaigh ann an-seo, agus 's ann air a' chlas againn a bha e. Dòmhnall Iain.
Coinneach 34:49 Revy.
Kenny Murdo 34:50 Revy. Tha e a' fuireach ann an Càrlabhagh an-diugh. Agus bidh mi an-còmhnaidh a' cur na chuimhne a bheil fhios agad nuair a thàinig e dhan sgoil gun robh bonaid bheag air, a bhuineadh dhan sgoil anns an robh e air a bhith ann an Glaschu.
Coinneach 34:58 Ò seadh.
Kenny Murdo 34:59 Cha robh am bonaid air fada. Cha robh, cha robh e air fada.
Coinneach 35:05 Rud tha cuimhne agamsa mu dheidhinn Dòmhnall Iain nuair a thàinig e an toiseach dhan…dhan sgoil Shàbaid gum biodh e a' toirt baic leis dhan sgoil Shàbaid. Bha sinne a' smaoineachadh gun robh sin, ò bha sin...
Kenny Murdo 35:13 Sacrilege.
Coinneach 35:13 Uill…ach a-rithist, ge-tà, bha tòrr chleachdaidhean ann aig an àm sin nach eil ann an-diugh, nach eil… nach robh?
Kenny Murdo 35:20 Bha bha, tha sin ceart, bha, bha. Bhiodh…bhiodh a’ chuid bu mhotha den t-sluagh, bhiodh iad a' coiseachd dhan eaglais.
Christine 35:26 Bhiodh. Sin a bha mi a' dol a ràdh.
Kenny Murdo 35:27 Bhiodh, a' coiseachd dhan eaglais.
Coinneach 35:29 Is carson a bha sin?
Kenny Murdo 35:31 Uill, a’ chuid bu mhotha cha robh càraichean aca tha mi a' creids’. Ach an dèidh sin, an fheadhainn aig an robh càraichean, chan eil fhios agam bha barrachd spèis 's mathaid dha…dha latha na Sàbaid air dhòigh air choireigin, chan eil fhios agam. Ach an uair sin, abair gun do thòisich daoine a' faighinn càraichean is car park mòr ann an-siud aig an eaglais, tha, tha.
Coinneach 35:48 Uill tha cuimhne…tha cuimhne agamsa, bhiodh…bhiodh sinne a' faighinn dhan eaglais, 's e bhana a' Phope a bhiodh againn.
Kenny Murdo 35:52 Seadh.
Coinneach 35:52 Morris Commercial. Is bha…bha being aige sìos gach…gach taobh ann an-sin, is bha thu a' paigheadh sia sgilling dhan Phope airson a' pheatral tha mi a' smaoineachadh. Agus nuair a chanas tu sin ri daoine an-diugh is iad a’ cantainn ‘Am Pope gur toirt dha Eaglais a' Bhac?’ a bheil fios agad?
Kenny Murdo 36:05 Tha fios agam.
Coinneach 36:06 Cha do dhìochuimhnich mi a-riamh Murchadh Stal triop, is e a’ cantainn, ‘Ò bhàsaich an curaidh mòr fhèin’.
Kenny Murdo 36:12 Am Pope?
Coinneach 36:13 Cò bh’ ann…chan e, chan e. Churchill.
Kenny Murdo/ Christine 36:15 Ò seadh, seadh.
Coinneach 36:16 Nuair a bhà…nuair a bhàsaich Churchill a bh’ ann. Cha robh sin…cha robh a' ciallachadh càil dhuinne.
Kenny Murdo 36:19 Cha robh.
Coinneach 36:20 Airson bha iadsan air a bhith anns a' chogadh.
Kenny Murdo/ Christine 36:22 Bha, bha, bha.
Coinneach 36:23 Agus, agus bha, bha e a' ciallachadh rudeigin dhaibh…
Kenny Murdo 36:25 Bha.
Coinneach 36:25 …nach robh e a' ciallachadh…nach robh e a’ ciallachadh dhuinne idir.
Kenny Murdo 36:26 Ò 's e an fhìrinn a tha sin.
Coinneach 36:28 Ach a' coimhead air ais air làithean ar…ar n-òige ann an-seo air…air a’ Bha…air a' Bhac agus mar a tha sinn…mar a tha sinn a' dèanamh ann an-seo an-diugh. Dè seòrsa dealbh a tha…a th’ agad nad inntinn de na…far an robh sibh agus far a bheil sinn ann an-seo an-diugh?
Kenny Murdo 36:45 Tha mi a' smaoineachadh gu bheil tha…na daoine còmhla ris an robh thu ag èirigh suas a' toirt buaidh mhòr air do bheachd-smaoineachadh agus an sealladh a bh' agad air an t-saoghal.
Is bha mòran Chrìostaidhean timcheall oirnn ann an-seo, agus tha mi a' dol a dh'innse seo, agus 's mathaid gur e seo an àm ceart airson innse. Nuair a bhiodh a’ bhò againn a' dol seasg, bhiodh mo mhàthair gam chur suas tha…chun an t-seada glas, a thaigh Chaluim Dhonnchaidh, agus bha Catrìona Chaluim Dhonnchaidh ann an-sin. Agus 's e sin a dhèanamaid is bha bò aice, agus nuair a bhiodh sinne a' feumachadh bainne, 's ann suas an-sin a bhithinn a' dol.
Is bha…bha rudeigin mu thimcheall air Catrìona Chaluim Dhonnchaidh a thug buaidh air mo bheatha. Bha agus seòrsa tha…mar a bha i ga giùlan fhèin, a bheil fhios agad, no a’ dèiligeadh riut. Bha i cho snog, is cho…cho gràsmhor, agus gad thàladh air dhòigh. 'S e Crìostaidh, Crìostaidh soilleir a bh' innte. Agus bu chaomh leam a bhith a' dol dhan taigh aca.
Is tha cuimhne agam an oidhche seo…am feasgar seo a bha mi ann, agus bha a h-athair anns an leabaidh, Calum Dhonnchaidh, bha e aosta an uair sin, agus thuirt i ‘Suidhe ann an-sin a ghràidh, agus ma dh’èigheas m' athair freagair e gu bheil…gu bheil thu ann’. Is dh'èigh Calum Dhonnchaidh an ceann ùine, ‘A bheil duine ann?’ agus dh'èigh mise, ‘Tha’.
Bha e a' faighinn cofhurtachd fios a bhith aige gun robh, fhad ’s a bha Catrìona a' bleoghann na bà, a bheil fhios agad dh'fhàg i mise am broinn an taighe. Agus Catrìona, thug i dhomh sealladh air…air cùisean a bha…a bha math. Sheadh, agus…
Coinneach 38:31 Tha…tha sgeulachd a thàinig…ag innse na sgeulachd ud chuala mise sgeulachd mu do dheidhinn fhèin, nuair a bha thu nad oileanach airson a' mhinistearachd ann an Dùn Èideann. Is chan eil fhios agam a bheil i fìor no nach eil. Chan e…chan e droch sgeulachd a th’ ann idir, ach bidh duine a' dèanamh dìochuimhneachadh nuair a tha daoine a' fàgail dreuchd is a' dol a-steach airson a bhith na mhinistear gu bheil e a' ciallachadh gu bheil tòrr fèin-àicheadh aige ri dhèanamh a thaobh air a bheatha phearsanta, agus gun robh…gun robh sibh ann am flataichean ann an-sin, air Comely Bank…
Kenny Ferguson 38:57 …Avenue.
Coinneach 38:57 …Avenue, agus gun robh cho beag agaibh a-staigh, is gun robh eagal oirbh gun tigeadh duine a chèilidh oirbh agus ’s e…’s e am fear eile a bh’ anns am flat eile a bha ..?..., agus nam faiceadh an dàrna duine agaibh an duine eile, cuideigin a' dol a thighinn a-steach gum biodh aon phacaid bhriosgaidean agaibh, 's gun…gun ruitheadh sibh bho aon flat chun am flat eile, seach nach robh càil agaibh a-staigh. A bheil, a bheil sin ceart?
Kenny Murdo 39:16 Uill, tha mi a' faicinn a’ bhean agam agus tha i a' nod…a’ nodadh ‘tha sin fìor’. Chan eil càil a chuimhne agamsa air an-sin. Chùm i sin air falach…air falach bhuamsa.
Coinneach 39:22 Ò 'S e…’s e fear a bh’ anns am flat tarsainn an rathaid…tarsainn bhuat a bha sin, cha robh…cha robh daoin…daoine a' tuigs’ sin, cho beag ’s a bh' agaibh fhad ’s a bha sibh a' trèanaigeadh son a bhith nur ministearan.
Kenny Murdo 39:32 Ò 's e an fhìrinn tha sin. Tha, tha sin fìor, tha. Fhuair sinn troimhe.
Coinneach 39:37 Uill ach, ach a-rithist bha mise a' smaoineachadh gun robh sin inntinneach fhèin. ‘Cò tha a’ tighinn?’ Ò 's ann a-nall thugaibhse a tha iad a' dol. Ruith a-nall le na briosgaidean…le na briosgaidean thucasan.
Christine 39:45 Tha sin math.
Coinneach 39:47 Cha robh càil mar siud agaibhse, nuair a bha sibh anns…nuair a bha an duine agadsa a-staigh air a shon, an robh?
Christine 39:52 Ò uill, bha sinn mar sin fhèin.
Kenny Murdo 39:53 Bha.
Christine 39:54 Cha robh, cha robh tòrr againn. Cha robh tòrr againn idir. Bha an duine agamsa air a bhith ag obair anns a' bhanca, is cha robh tòrr aige nuair a dh'fhàg e sin agus mar sin fhèin, ach a bheil fhios agad bha e iongantach mar a thigeadh daoine. Tha cuimhne agam nuair a chaidh sinn a Dhùn Èideann an toiseach, fear Alasdair Macdonald, agus 's e seanair Hugh Ferrier am ministear a tha an-diugh anns an High Free, ann an Steòrnabhagh.
Agus thàinig e le poca buntàta air a' ghualainn suas, suas…tha mi ga fhaicinn fhathast, suas an staidhre gu na…bha sinn anns a’…ann an sec…first floor, agus poca buntàta aige, is bha mi ag ràdh ‘Uill tha sin iongantach’.
Coinneach 40:33 Agus 's e tè do mhuinntir Chuil Uaraich a bha air…
Kenny Murdo 40:34 ’S e.
Coinneach 40:35 …a’ fuireach shìos aig…aig bonn an staidhre, Belle Ann Gionn.
Kenny Murdo 40:36 Belle Ann Gionn.
Coinneach 40:37 …a dh'ainmich sinn na bu tràithe.
Kenny Murdo 40:40 Bha sinn eòlach oirre.
Coinneach 40:41 Is Lachaidh.
Kenny Murdo 40:42 Lachaidh cuideachd, bha.
Coinneach 40:44 Tha…tha cuimhne agam fear de do charaidean anns a’…a bha na mhinistear cuideachd ag ràdh rium, gur iomadh triop a bha gun robh sibh mar sin is gun tigeadh Belle Ann le truinnsear…truinns… brot suas chun an doras.
Kenny Murdo 40:55 Seadh. Ò bha i snog.
Coinneach 40:59 Co-dhiù, tha sibh air ais a-nis air a' Bhac. Cò ris a tha e coltach a bhith air ais air a' Bhac às dèidh na bliadhnaichean air falbh?
Kenny Murdo 41:05 Tha e dìreach mìorbhaileach, tha. Ach, aon rud a dh’fheumas mi a ràdh, tha… bha mise sia bliadhna deug ann an Crosabost agus dà bhliadhna dheug ann an Nis mar mhinistear, agus tha ginealach air èirigh suas ann an-seo air nach eil eòlas agam, a bheil fios agad, thar nam bliadhnaichean a bh’ ann an-sin. Is tha mi ag ionndrainn sin.
Ach, 's e an fheadhainn as sine, ’s iad as eòlaiche air a bheil mi of course, is tha e math a bhith còmhla riutha air ais ann an-seo, tha.
Christine 41:35 Uill, tha sinne, tha sinne a' cur umhail air. Nuair a bha sinne a' fàs suas, bhon a bha bùth aig Belle Ann bhiodh i…bhiodh i a' toirt a-mach rudan dhan taigh, agus bha seòrsa de bhùth bheag anns an taigh. Agus bha daoine a-mach ’s a-steach, daoine a' tighinn a dh'iarraidh fags. Tha cuimhne agamsa air Stitchy Ruadh, e a' tighinn à Bhatasgeir, late air an oidhche a dh'iarraidh fags agus bha daoine a-mach ’s a-steach. Bha e mar gum biodh an taigh fosgailte fad…fad an latha.
Ach, an-diugh chan fhosgail duine an doras mura fhaigh iad cuireadh, is ged a gheibheadh, tha iad cho trang. Tha a h-uile duine ag obair, is a h-uile duine a-muigh is chan fhaic sinn duine. Co-dhiù.
Coinneach 42:13 Dh'fhaodadh sinn cumail oirnn. Tha iomadach rud ann nach do shuath sinn air ann an-seo an-diugh. Ach an-dràsta, tha mi airson taing mhòr a thoirt dhan dithis agaibh airson a bhith dèonach seo a dhèanamh dhuinn de shluagh na dùthcha airson an-dràsta bidh e inntinneach do dhaoine, ach anns na làithean a tha romhainn bidh e buileach inntinneach do…do dhaoine a bhith a' cluinntinn cò ris a bha cùisean coltach ann an-seo nuair a bha sibh a' fàs suas.
Tha mi airson taing mhòr a thoirt dhuibh, agus gu dearbha às leth a Chomann Eachraidh tha mi a' dèanamh sin, agus tha mi an dòchas dhuibhse aig an taigh às bith càite a bheil sibh a' coimhead seo, gun do chòrd siud ribh. Sealladh eile air eachdraidh ar sgìre, agus tha mi an dòchas ann an ùine gun a bhith fada gum bi sinn air ais le còmhradh is le sgeulachdan eile. Mar sin leibh an-dràsta.
Short url: https://clilstore.eu/cs/11883